Carson a thàinig thu gu Sabhal Mòr Ostaig?Bha mi cinnteach gun robh mi airson a bhith fileanta sa Ghàidhlig, is bha mi air cluinntinn gum b’e An Cùrsa Comais an dòigh as fheàrr gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh gu ìre fileanta. Bu toil leam obair a dhèanamh is pàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig, agus bha mi den bheachd gun lorgadh mi na cothroman is goireasan gus seo a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. Cuideachd, tha deagh chliù air Bun-sgoil Shlèite, is bha mo mhac air tòiseachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a bha na sgoil glè mhath. A bharrachd air sin, bha mi a’ faireachdainn gum biodh àrainneachd an eilean seo glè mhath airson an dithis againn. Cò ris a tha e coltach a bhith seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?Bha mi air fuireach ann an Glaschu fad ceithir bliadhna mus tàinig mi dhan eilean, is tha na diofaran eadar an dà àite gu math follaiseach. Tha mi glè mheasail air Glaschu, ach leamsa, chan eil coimeas ri dèanamh eadar eilean gorm, sìtheal (ach a’ ghaoth...) agus baile mòr, trang. Aig amannan, chan urrainn dhomh creideamh gu bheil sinn a’ fuireach ann an àite cho sònraichte brèagha. Tha mi mothachail cuideachd gu bheil sinn air fàs eòlach air diofar coimhearsnachdan sònraichte san eilean, air sgàth na colaiste, a’ bhun-sgoil agus nan caraidean a lorg sinn. Tha sinn a’ faicinn na ceanglaichean eadar daoine is an àrainneachd, cultur is cànan nach fhaca mi àiteachan eile nam bheatha, agus tha ùidh laidir agam sna rudan seo. Chan eil mi a’ faireachdainn gu tric gu bheil e ‘iomallach’ an seo, chan eil mòran a dhìth oirnn! (Ach, ‘s dòcha gum bi e na b’fheàrr nuair a tha car agam...) Dè na cur-seachadan a th’ agad aig a’ Cholaiste?Tha mi air cuairtean air leth math a dhèanamh leis a’ bhuidheann Sreap is Coiseachd, agus tha còiseachd a’ còrdadh rium gu mòr. Tha mo bhalach sia bliadhna dh’ aois is làn spìon, is mar sin tha mi a’ cur seachad a’ mhòr cuid dhen ùine agam a-muigh còmhla ris, gu h-àiridh air a’ chladach no àite sam bith nàdarra mun cuirt oirnn. Tha na bùthan-obrach Ealain A-Muigh a’ còrdadh rinn cuideachd. Tha comas agam air giotàr a chluich, is tha mi a’ feuchainn ceòl Albannach traidiseanta ionnsachadh. Tha mi ag ionnsachadh a’ bhanjo cuideachd, is ‘s fìor thoil leam a bhith seinn – ach mar pàirt de buidheann a-mhàin! Tha taic gu leòr ri fhaighinn an seò le ceòl is a leithid rudan cruthachail. Agus, tha mi rud beag air mo bheò-ghlacadh leis a’ chamara agam, agus tha mi gu sìorraidh a’ togail dhealbhan ann an seo. Dè tha san amharc agad?An-dràsta tha mi ag obair fad an t-samhraidh mar pàirt den sgeama Greis Gnìomhachais CnaG, a’ faighinn cothroman obrach ann an diofar roinnean air feadh na colaiste is ann am Fàs. Bu toil leam cumail ris an leasachadh a tha mi air dèanamh le mo cuid Gàidhlig gu ruige seo, is mar sin bidh mi nam oileanach sa darna bliadhna air Cùrsa Gàidhlig agus Leasachadh. An rud a b’ fheàrr mu SMOGun teagamh, is na daoine laghach an seo a tha na rudan as fheàrr mun a’ cholaiste. Ach tha seo a’ dol còmhla ris an àrainneachd, an fhoghlam, a’ chultur is a’ chànan fhèin. Chan e gu bheil e foirfe an seo, ach tha e sònraichte, is inntinneach, agus tha sinn toilichte a bhith an sàs ann! |