Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àiteachan-fuirich ùr, cofhurtail ann an àrainneachd shònraichte a’ coimhead a-mach air Linne Shlèite. Tha 84 seòmraichean-cadail ann, is taigh-beag an cois gach fear. Tha trì dhiubh freagarrach do dh’aoighean le cathair-chuibhle. Gheibhear Wi-Fi an-asgaidh annta cuideachd. Tha cidsin agus seòmar-suidhe anns gach togalach-fuirich.
Tha an Sgàthlann mìorbhaileach againn, a tha mòr is cofhurtail gu leòr airson ceathrar, aig mullach Lòchran an Dòmhnallaich. Tha for-uinneag do dh’aoighean an Sgàthlainn a-mhàin far am faicear seallaidhean gun samhail bho Ghleann Eilg is Cnòideart sa cheann a tuath cho fada gu deas ri Àird nam Murchan.