Co-labhairtean agus Làithean-saora

Suidhichte ann an teis-meadhan na Gaidhealtachd, ann an aon de na h-àiteachan as eireachdala ann an Alba, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àite gun samhail airson grunn thachartasan eadar-dhealaichte, eadar cruinneachaidhean beaga mì-fhoirmeil agus cuirmean air leth, co-labhairtean mòra is tachartasan sònraichte.

Tha an dòigh-obrach phroifeiseanta, ioma-chomasach, shùbailte againn a’ ciallachadh gum bi ceannaichean is aoighean a’ tilleadh a-rithist is a-rithist agus gun tig a’ mhor-chuid de na h-aoighean thugainn mar thoradh air an deagh mholadh a chuala iad mu ar deidhinn. 

Tha 190 cathair ann an Talla Dhonaidh Chaimbeul, an talla againn a tha coltach ri taigh-cluiche; tha an Talla Mòr nas lugha, ach gu math ‘càirdeil’; agus tha grunn sheòmraichean eile againn le goireasan glè mhath a tha freagarrach airson coinneamhan, bùithtean-obrach agus co-labhairtean-bhideo a chumail.  

Tha stiùideo telebhisean agus goireas craolaidh ùr againn ann am Fàs, an t-ionad ùr airson nan gnìomhachasail cruthachail is cultarach. Gabhaidh iad seo a chleachdadh air màl bho MG Alba. Tha Amharclann a-muigh ri taobh Àrainn Chaluim Chille le rùm gu leòr do 200 neach.

Is urrainn dhuinn do chuideachadh a thaobh goireasan eadar-theangachaidh mar-aon, acainn clàraidh bhideo is fuaim, feumlachdan coimpiutaireachd agus le siostam airson fiolmaichean a shealltainn. 

Ma tha feum agad orra, tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àiteachan-fuirich ùr, cofhurtail ann an àrainneachd shònraichte a’ coimhead a-mach air Linne Shlèite. Tha 84 seòmraichean-cadail ann, is taigh-beag an cois gach fear. Tha trì dhiubh freagarrach do dh’aoighean le cathair-chuibhle. Gheibhear Wi-Fi an-asgaidh annta cuideachd. Tha na còcairean mìorbhaileach againn air iomadh tachartas mòr a chur air dòigh gu soirbheachail, is iad a’ tuigsinn gu bheil gach tachartas eadar-dhealaichte.

Ge be dè tha san amharc agad, bhiodh sinne ro thoilichte do chuideachadh. Airson barrachd fiosrachaidh mu na goireasan againn, agus cosgaisean 2010-11, lìon am foirm no cuir fios thugainn air 01471 888000. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuat.