Tha an togalach ùr Fàs, a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil
sa Ghiblean 2008 leis a’ Phrìomh Mhinistear Ailig
Salmond BPA, na ionad beothail ùr a bhrosnaicheas
mòr-thoradh anns na
h-ealain Ghàidhlig, cultar,
craoladh, nuadh-mheadhanan agus dualchas. Bidh
Fàs ag obair mar ghineadair do ghnìomhachasan ùra
a bhios a’ cuimseachadh air an iarrtas a tha ann airson
rudan is seirbheisean ùra anns a bheil brìgh chultarach a
choilionadh.
Tha caochladh phròiseactean cultarach is cruthachail stèidhichte san togalach, Sealladh, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Lèirsinn nam measg. Tha stiùidio ùr-ghnathach ann, Stiùidio Fàs, a tha a' toirt chothroman trèanaidh do luchd-treanaidh is
luchd-pròifeasanta tha an sàs anns na meadhanan.
Tha cuideachd Fàs Mòr ann, ionad chùram-chloinne Gàidhlig air leth beothail le àite airson còrr is da fhichead paisde suas gu aois 12.
Tha rùm ann airson bùithtean-obrach is taisbeanaidhean nan ealan lèirsinneach agus 's ann an seo 's a tha Luchd-Ealain na Colaiste uile stèidhichte.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu gach buidheann is pròiseact san togalach Fàs gu h-ìosal:
Ainmean-Àite na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Cànan
Faclair na Gàidhlig
Fàs Mòr
Lèirsinn
MG Alba Stiùidio Fàs
Sealladh
Colaiste an Eilein Sgitheanaich is Taobh Siar Rois
Tobar an Dualchais / Kist O Riches