Tha Sabhal Mòr Ostaig sònraichte ann a bhith a' tairgsinn chothroman foghlaim aig àrd-ìre tro mheadhan na Gàidhlig agus is i an aon cholaiste Gàidhlig san t-saoghal.
Bidh deagh mheasgachadh de dh'oileanaich a' tighinn don Cholaiste, aig diofar aoisean agus às diofar àiteachan. 'S ann à Alba agus an Rìoghachd Aonaichte a tha a' mhòr-chuid ach tha oileanaich air tighinn thugainn às na Stàitean Aonaichte, dùthchannan Eòrpach agus Àisia. Tha luchd-ceumnachaidh an t-Sabhail air a dhol air adhart gu dreuchdan Gàidhlig ann an iomadh gnìomhachas, a' cur nan sgilean aca gu feum ann an leasachadh a' chànain.
Tha àrainneachd na Colaiste air leudachadh gu trì làraich: Àrainn Chaluim Chille, Àrainn Ostaig agus Fàs beagan mhionaidean coiseachd o chèile. Tha i ann an suidheachadh àlainn dhà-rìribh, os cionn na mara le seallaidhean eireachdail tarsainn air Linne Shlèite gu Cnòideart air tìr-mòr na h-Alba.
Àrainn Chaluim Chille
Chaidh Àrainn Chaluim Chille fhosgladh ann an 1999, is i gu mòr a' leudachadh goireasan na Colaiste. An seo gheibhear am prìomh thogalach, àiteachan-fuirich agus an tùr, Lòchran an Dòmhnallaich, le barrachd sheòmraichean-cadail. Fhuair Àrainn Chaluim Chille duais bhon Royal Incorporation of Architects airson ailtireachd shònraichte nan toglaichean.
Tha am prìomh thogalach aig cridhe na h-àrainne, le goireasan airson teagaisg, rannsachaidh, leasachadh gnìomhachais agus tachartasan sòisealta. An seo bidh oileanaich, luchd-obrach, muinntir na sgìre agus luchd-tadhail a' tighinn ri chèile. Tha iomadh tachartas ga chur air dòigh aig a' Cholaiste eadar co-labhairtean, bainnsean, fosglaidhean, fèisean is eile.
Fàs
Tha iomadh goireas is pròiseact cruthachail is cultarach stèidhichte san togalach ùr Fàs, a chaidh fhosgladh ann an 2008. Tha stiùideo craolaidh uile ghoireasach agus ionad ionnsachaidh ùr ann cuide ri Lèirsinn, Faclair na Gàidhlig, Tobar an Dualchais agus Cànan.
Tha cuideachd ionad chùram-chloinne Gàidhlig air leth beothail ann, Fàs Mòr, le àite airson còrr is da fhichead paisde suas gu aois 12.
Tha rùm ann airson bùithtean-obrach is taisbeanaidhean nan ealan lèirsinneach agus 's ann an seo 's a tha Luchd-Ealain na Colaiste uile stèidhichte.
Àrainn Ostaig
'S ann an seo a chaidh a' Cholaiste a stèidheachadh an toiseach. Chuireadh ris a' chiad toglaichean cloiche, le barrachd àiteachan-fuirich, oifisean agus goireasan teagaisg.