Comharrachadh Ceud Bliadhna bho rugadh Somhairle MacGill-Eain
Diciadain 15 – Disathairne 18 Ògmhios 2011
Mar chomharrachadh air ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911 – 1996), tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus an t-Ionad Albannach airson Sgrùdaidhean Eilein aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba a' toirt cuiridh dhuibh tighinn còmhla rinn aig comharrachadh de bheatha, de shaothair agus de na dh'fhàg e mar dhìleab.
Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a bhios a' nochdadh ann, bidh Aonghas MacNeacail, an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin.
Gheibhear fuireach aig a' Cholaiste airson £275 le trì oidhcheannan, biadh agus dìnneir na co-labhairt sa phrìs. Cosgaidh e £35 a bhith an làthair gach latha as aonais cosgais àite-fuirich agus tha prìsean sònraichte ann do dh'oileanaich.
Ma tha sibh ag iarraidh àite a bhucadh aig a' cho-labhairt lìonaibh AM FOIRM AIR LOIDHNE seo a-steach no cuiribh fios gu Sandra Byrne air 01471 888 000 no air post-d.
Bucadh air loidhne