Òraid an t-Sabhail



Chaidh ciad Òraid an t-Sabhail a thoirt seachad leis an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh chliùiteach, an Dr Seumas Mac an t-Sealgair ann an 1990, a’ chiad sàr òraidiche san t-sreath ionmholta seo.

Tha na h-òraidichean air leth a thug òraid seachad air tighinn bho iomadh saoghal obrach eadar-dhealaichte ann an Alba is thall thairis, agus leig seo leis a’ Cholaiste an feallsanachd aig cuid dhe na h-eòlaichean as sgileil a th’ againne ann am poileataics, foghlam, an eaconamaidh is na h-ealain a chur fa chomhair an t-sluaigh airson deasbaid.

Bruth an seo airson sealltain air Anndra Dixon, Àrd-Oifigear Alba Chruthachail, a' toirt seachad Òraid an t-Sabhail 2010

Bruth an seo airson sealltainn air Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-bheatha, a' toirt seachad Òraid an t-Sabhail 2009.