Cothroman Obrach

Neach-fàilteachaidh

c £13,000


A bheil e a’ còrdadh ribh a bhith a’ dèiligeadh ri diofar dhaoine ann  an àrainneachd thrang?  Tha sinn a’ lorg neach-fàilteachaidh làn-ùine a tha beothail agus èasgaidh a bhios mar phàirt den sgioba fhàilteachaidh againn.

Bidh sibh fileanta sa Ghàidhlig agus bidh comasan conaltraidh fìor mhath agaibh.

‘S e Gàidhlig cànan làitheil Sabhal Mòr Ostaig agus bidh sibh a‘ cumail ri agus a’ cur ri feallsanachd poileasaidh agus plana cànain na Colaiste, le bhith a’ cleachdadh agus a’ brosnachadh Gàidhlig am measg
na sgioba.

Airson barrachd fiosrachaidh theirigibh dhan làraich-lìn gu h-ìseal.

Ceann-là airson iarrtasan: 5f Dihaoine 1 an t-Ògmhìos 

 

PDF Icon Tuairisgeul Obrach

 


Fiosrachadh do thagraidhean

Gheibhear Foirm Iarrtais Obrach ann an dà chruth, RTF agus PDF. Deasachaidh, sàbhalaidh agus clò-bhualaidh a' chuid as motha de choimpiutairean foirm RTF. Gabhaidh foirm PDF a chlò-bhualadh agus a lìonadh le làimh-sgrìobhaidh.


 

PDF Foirm Iarrtais Obrach (PDF 297 KB) DOC Foirm Iarrtais Obrach (RTF)