Tha an togalach ùr Fàs, a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil sa Ghiblean 2008 leis a’ Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond BPA, na ionad beothail ùr a bhrosnaicheas mòr-thoradh anns na
h-ealain Ghàidhlig, cultar, craoladh, nuadh-mheadhanan agus dualchas. Bidh Fàs ag obair mar ghineadair do ghnìomhachasan ùra a bhios a’ cuimseachadh air an iarrtas a tha ann airson rudan is seirbheisean ùra anns a bheil brìgh chultarach a choilionadh.
Tha caochladh phròiseact chultarach is chruthachail stèidhichte san togalach, Sealladh, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Lèirsinn nam measg. Tha stiùidio ùr-ghnathach ann, Stiùidio Fàs, a tha a' toirt chothroman trèanaidh do luchd-treanaidh is
luchd-pròifeasanta tha an sàs anns na meadhanan.
Tha cuideachd Fàs Mòr ann, ionad chùram-chloinne Gàidhlig air leth beothail le àite airson còrr is da fhichead paisde suas gu aois 12.
Tha rùm ann airson bùithtean obrach is taisbeanadh na h-ealain lèirsinneachd agus 's ann
an seo a tha Luchd-Ealain na Colaiste uile stèidhichte.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu gach buidheann is pròiseact san togalach Fàs gu
h-ìosal:
Ainmean-Àite na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Cànan
Faclair na Gàidhlig
Fàs Mòr
Lèirsinn
MG Alba Stiùidio Fàs
Sealladh
Colaiste an Eilein Sgitheanaich is Taobh Siar Rois
Tobar an Dualchais / Kist O Riches