Ceòladair na Colaiste

Maighread Stiùbhart

Rugadh agus thogadh Maighread ann an baile Chùil Uaraich, Eilean Leòdhais, far an robh seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre fhad’ ‘sa  bha i ‘g èirigh suas.  Tha Ghàidhlig aice bhon ghlùin, agus bha i dèidheil air a’ bhith seinn bho h-òige. Choisinn i am Bonn Òr aig a’ Mhòd Naiseanta ann an 1993, ‘s bhon uair sin tha a’ cliù mar sheinneadair agus mar eòlaiche-cultarail air sìor dhol a’ meud, agus anns a’ bhliadhna 2008 chaidh a’ taghadh mar Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig na ‘Scots Traditional Music Awards’.

Tha fèill oirre cuideachd mar neach-teagaisg òrain Ghàidhlig agus an eachdraidh cò-cheangailte riuthe. Am bliadhna seo anns an Lùnasdal tha Maighread gu bhith a teagasg a chùrsa "Òrain Ghàidhlig 'O Linn na Seumasach" aig an t-Sabhail Mhòr.  Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a' toirt gu aire luchd-èisteachd òrain nach cluinnear ach ainneamh, agus tha i air a’ h-eòlas a’ chuir gu feum air pròiseact Tobar an Dualchais, far an robh i a' measg na h-eòlaichean a bha ‘n urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Cannaidh agus am BBC.  http://www.tobarandualchais.com

Tha fìor deagh eòlas aig Maighread air a’ bhith clàradh ‘sa craobh-sgaoileadh, a’ seinn mar aon-neach agus mar phàirt de chòmhlan ciùil.  Tha i air a' bhith seinn aig na fèisean as ainmeile air feadh Bhreatainn agus Èirinn, agus bho àm gu àm ann an dùthchanan cèin, leithid  Singapore, Lebanon, Canada a' Ghearmailt 's an Fhraing agus Bheanasuela.
Tha i air mòran a dhèanamh ann an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i còmhla ris a' phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige (Fhuair mi Pòg agus Colla Mo Rùn), gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin (Togaidh mi mo Sheòlta).

Tha i anabarrach toilichte air an obair seo mar ‘Cheòladair na Colaiste’ aig Sabhal Mòr Ostaig fhaighinn, agus tha i tuilleadh is deònach cuideachadh, neo taic sam bith as urrainn dhith, a’ thoirt do dh’oileanaich agus luchd-obrach, le nithean cò-cheangailte ri cànan nan Gaidheal agus òrain Ghàidhlig.

Bocsa agus Fidheal