Na h-Ealain is a' Choimhearsnachd

Am measg nam buidhnean coimhearsnachd a tha ag obair leis a’ Cholaiste, tha Club Film agus Seall gu mòr an sàs sna h-ealain. Bidh SEALL a’ deasachadh taigh-cluich is àite consairt sa Cholaiste gu tric airson nan cuirmean mòra a bhios a’ tadhail an seo. Tha SEALL na bhuidheann choimhearsnachd ealain air leth a bhios a’ cur còrr is 40 tachartas air dòigh a h-uile bliadhna. Anns a’ phrògram gheibhear sàr luchd-ciùil traidiseanta, na dealbhan-cluich as fheàrr a bhios a’ siubhail an Alba, dannsa ùr-nòsach, cèilidhean, ceòl clasaigeach is ceòl saoghail. Bidh SEALL a’ deasachadh consairtean Fèis an Eilein a h-uile seachdain as t-Samhradh nuair a bhios Cùrsaichean Goirid na Colaiste a’ ruith. Chaidh SEALL is Fèis an Eilein a stèidheachadh an 1991 airson a’ chothroim nach d’ fhuaireadh riamh ann an Slèite sàr thachartasan cultarail a sholar do dh’oileanaich, luchd-tadhal is luchd-èisteachd.

Chan eil e cho fada bho thòisich Club Film is iad seo a’ feuchainn ri sop às gach sèid bho shaoghal nam filmichean a thoirt do mhuinntir na sgìre. Tha na filmichean gan sealltainn ann an Talla Dhonaidh Chaimbeul, talla-òraid greadhnach na Colaiste, a tha ann an Àrainn Chaluim Chille. 

Bha a’ Cholaiste cuideachd an sàs leis a’ phròiseact choimhearsnachd An Dealbh Mòr agus tha i aithnichte mar àite sònraichte airson tachartasan ealain a chumail.

Bocsa agus Fidheal