Ealain is Cultar

Tha e mar phrìomh rùn do Shabhal Mòr Ostaig cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig a bhrosnachadh.  Tha cultar is na h-ealain a’ nochdadh gu làidir tro na cùrsaichean gu lèir agus tha cothrom air leth aig oileanaich agus luchd-obrach na Colaiste air sàr ghoireasan cruthachail leithid stiùideo clàraidh agus goireasan ùra ioma-mheadhan.

Tha prògram nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste a’ tairgsinn farsaingeachd de chùrsaichean ann an cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig agus tha fìor dheagh sheinneadairean agus luchd-ciùil ainmeil air an tàladh don Cholaiste airson teagasg air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta. 

Tha prògram còmhnaidh do Luchd-ealain aig a’ Cholaiste a tha ga ruith le taic bho Comhairle nan Ealan Alba agus tha Ceòladair, Sgrìobhaiche agus Neach-ealain Lèirsinneachd uile stèidhichte aig a’ Cholaiste.  Tha Sabhal Mòr Ostaig cuideachd ag obair gu dlùth ris a’ bhuidheann ealain, Seall agus Club Film na sgìre.  

Bocsa agus Fidheal