| dealbhan | Abair Thusa! |
English | |
Cabadaich a' neartachadh na Gàidhlig |
|||
Ann an tallachan Shléite san Eilean Sgitheanach tha daoine cruinneachadh a ghabhail cupa tì 's a bhruidhinn ri chéile sa Ghàidhlig. Ach chan e an t-srùbag àbhaisteach a tha seo ach pròiseact adhartach a chaidh a stéidheachadh gus Gàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachd far nach eil i ga bruidhinn ro thric.
Tha am pròiseact glé shìmplidh. Trì tursan gach mìos théid oidhche a chumail ann an talla eadar-dhealaichte far am bi tì, cofaidh, bùird, cathraichean - agus daoine. Chan eil e gu diofar am bheil Gàidhlig fhileanta aca gus nach eil, no an e Gaidhil no luchd-ionnsachaidh a th' annta. Ach sann anns a' Ghàidhlig a tha ancomhradh air fad, 's chan eil dad aig duine ri dhèanamh ach cabadaich.
Tha Mairead Dhomhnallach a' ruith "Abair Thusa" air son na companaidh Ghàidhlig `Cànan'. "Se an dòchas a th' againn gum brosnaich e a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd le bhith 'toirt daoine comhla ga bruidhinn. Cuideachd le bhith cruthachadh suidheachadh far nach eil Beurla, 's ... far am bheil caran làmh an uachdar aig a' Ghàidhlig, agus cead aig daoine a bruidhinn.
"S dòcha gun cum iad a' dol a' bruidhinn na Gàidhlig nuair a chì iad a-chéile ann an àiteachan eile."
Thòisich "Abair Thusa" corr agus bliadhna air ais le smuain a bh' aig
Alasdair Stephen agus Dòmhnall Angaidh MacIllinnein, dithis òga a tha a'
fuireach san sgìre. Shaoil iad gum biodh e sgoinneil fhéin nan robh cothrom
aig sean 's òg a bhith 'cruinneachadh 's a' bruidhinn ri chéile ann an dòigh
coltach ris an t-seann taigh chéilidh. Thug iad cuireadh do dhaoine a
thighinn dha na taighean aca, agus bha dà oidhche Ghàidhlig aca aig toiseach
an earraich 1998. Tha Stephen ag ràdh: "Cheannaich Domhnall Angaidh beagan
deoch, 's rinn mise dumpling. Bha e glé mhath. Ged nach robh an dumpling cho
math sin, bha e ro bhog anns a' mheadhon!"
Chuir Dòmhnall Angaidh, a bha ag obair aig "Gàidhlig '97" air son `Cànan' aig an àm sin, a-staigh air son taic-airgid dhan phròiseact on Roinn Eòrpa. Nuair a thàinig an t-airgead bha esan air `Cànan' fhàgail agus ghabh Mairead Dhomhnallach an obair os làimh. Fhuair "Abair Thusa" airgead bho Chomann na Gàidhlig cuideachd, 's tha ùidh aig CNAG an aon seòrsa pròiseict fheuchainn ann an àiteachan eile ma théid gu math leis san Eilean Sgitheanach.
Ged a thachras na h-oidhcheannan ann an tallachan-baile seach taighean, tha Mairead ag ràdh gum bheil i air son "an rud a chumail cho cofhartail 's as urrainn, 's cuideachd a dhèanamh cho nàdarra 's cho coltach ri suidheachadh dachaigh 's as urrainn."
Tha Alasdair ag ràdh, "Bha e diofraichte nuair a bha sinn fhìn ga dhèanamh - ann an dòigh bha e na b' fhearr - ach tha e fìor mhath na h-oidhcheannan seo fhaicinn a-rithist." Tha e a' creidsinn gum feum daoine a bhith dìcheallach nach bruidhnear Beurla aig na h-oidhcheannan. "Se an trioblaid a th' againn gum bheil Beurla aig a h-uile duine, agus tha na Gaidhil cho diùid cuideachd. Sin an t-adhbhar 's a tha sinn a' cruthachadh suidheachadh far am b' urrainn dhaibh bruidhinn.
"Feumaidh sinn daonnan a bhith cuimhneachadh gur ann air son nan Gaidheal a tha na h-oidhcheannan seo - chan ann air son na coimhearsnachd ach son na coimhearsnachd Gàidhlig. Ged a chuireas seo dragh air cuid, feumaidh sinn a bhith seasmhach 's làidir 'nar beachdan."
Tha 11 "Abair Thusa" air a bhith ann on a thòisich am pròiseact san t-Samhain. Turas no dhà bha suas gu 50 duine an làthair, tursan eile cha robh ann ach dusan.
Chòrd na h-oidhcheannan glan ri Anna NicAsgaill á Calgaraidh, faisg air Aird a' Bhàsair, a tha air a bhith a' dol ann gu dìcheallach. Sann ás a' ghinealach as sine a tha i, 's tha i ag ràdh nach eil i faighinn cus cothrom Gàidhlig a bhruidhinn an-diugh. Aig "Abair Thusa", tha i faicinn daoine as aithne dhi 's a' cur eòlas air feadhainn nach aithne, oileanaich á Sabhal Mór Ostaig nach coinnicheadh i an dòigh sam bith eile. Tha a nighean Karen a' dol ann cuideachd. "Tha i bruidhinn barrachd Gàidhlig on thòisich i dol dha na h-oidhcheannan," tha Anna ag ràdh.
Tha Mairead NicDhonnchaidh, màthair Alasdair, air a bhith aig torr dhe na h-oidhcheannan cuideachd. Bha Gàidhlig aice nuair bha i òg, ach chaidh a togail air tir-mór 's tha i a' faireachdainn gu bheil i ga call. Thill i dhan eilean an-uiridh, agus tha i a' faicinn "Abair Thusa" 'na dheagh chothrom gus Gàidhlig a bhruidhinn 's daoine a choinneachadh a tha san aon t-suidheachadh rithe, daoine a tha tòiseachadh ag obair san Eilean. Tha i ag ràdh gum bheil misneachd a dhìth oirre a thaobh bruidhinn. "Ach ma thòisicheas tu air Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine, bruidhnidh iad air ais riut anns a' Ghàidhlig."
Fhuair `Cànan' taic dhan phròiseact air son ochd mìosan. As déidh sin, tha Mairead Dhomhnallach an dòchas gun lean daoine orra le "Abair Thusa" gu saor-thoileach. "Tha mi dòchasach m' a dheidhinn."
Ged a thathar ag aontachadh gum feumar taic a thoirt dhan Ghàidhlig, gu ruige seo cha deach móran a dhèanamh gus coimhearsnachdan na Gàidhlig fhéin a bhrosnachadh.Tha "Abair Thusa" a' feuchainn ri àite a chruthachadh ann am beatha dhaoine air son na Gàidhlig, agus ceanglaichean a thogail eadar daoine tron a' chànain.
Carol Zall
A' tòiseachadh aig 7:30f. Gheibhear a-steach gun chosgais. Airson tuilleadh fiosrachaidh, chan eil agaibh ach fón a chur gu Jenny Booth aig Cànan, 01471-844345
![]() |
![]() |
![]() |