Cearcall Seinn Shlèite

Cearcall Seinn

An Talla Dhearg,  Dihaoine 27mh den Ghiblein,  aig 7.30f


Teannaibh dlùth is togaibh fonn. Tha na cruinneachaidhean seo mu dheidhinn a bhith cumail òrain agus seinn beò anns na coimhearsnachdan, chan ann idir mu dheidhinn gnè ghuthan a tha seo, agus le sin na biodh eagal sam bith oirbh gun tèid iarraidh oirbh seinn air làrach nam bonn mura bheil sibh deònach – cha tèid !

Bu mhath leinn gun tigeadh, gu h-àraidh, seinneadairean às an sgìre fhèin, agus iadsan a tha dèidheil air a bhith seinn, neo ag èisdeachd ri òrain.

Bi ‘n cruinneachadh air a stiùireadh, leis an t-seinneadair  Maighread Stiùbhart, a tha air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna, le cuideachadh bho cuid de mhuinntir na sgìre fhèin.

Tha sinn a’ miannachadh gun toireadh daoine leotha òrain bhon sgìre aca fhèin, ma tha iad aca (sgrìobhte neo air an teanga) ach, anns an fharsaingeachd, tha e ceadaichte òrain sam bith a ghabhail.  Thèid òrain a theagasg cuideachd, oir bha e follaiseach gu robh seo soirbheachail aig a’ chiad chruinneachadh.  ‘S e cruth ‘taigh-chèilidh’ a tha sinn a’ sùileachadh airson nan tachartasan seo,  ‘s gum bi iad neo-fhoirmeil, càirdeil.  Tha fiathachadh farsaing ga chuir gu sean agus òg air feadh na sgìre.

Ma tha tuilleadh fiosrachadh a’ dhìth, cuiribh brath gu Maighread Stiùbhart air  maighread.stiubhart@uhi.ac.uk  neo 07889 412 386