Cùrsaichean Goirid an t-Samhraidh 2012

Bidh cùrsaichean goirid an t-Samhraidh a’ ruith aig an t-Sabhal Mhòr eadar an Cèitean agus an Lùnastal gach bliadhna agus bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn don Cholaiste airson cùrsaichean a dhèanamh ann an Gàidhlig, ceòl no cuspairean co-cheangailte. Thòisich cùrsaichean goirid aig a’ Cholaiste ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta ann an 1973 agus a-nis, bidh còrr is 700 duine a’ tadhal air an t-Sabhal thar na bliadhna airson cùrsa goirid a dhèanamh.

Am-bliadhna, tha prògram air leth de chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus eadar an 16mh is an 20mh den Iuchar, bha a’ Cholaiste air leth fortanach leis an luchd-teagaisg a bha an seo.  Thàinig 56 oileanaich don Cholaiste gus Gàidhlig no ceòl ionnsachadh fo stiùir oidean a tha fìor eòlach air ceòl is òrain dhualchasach nan Gàidheal agus na h-Alba.

Bha Cairistìona Primrose, à Carlabhagh, Eilean Leòdhais, a’ teagasg òrain Ghàidhlig fad na seachdain agus chaidh leasanan air a’ bhogsa-chiùil a thoirt seachad le Addie Harper à Inbhir-Uige. Bha Robert Nairn, às Aird nam Murchan is Fergie Dòmhnallach, às Àth Tharracail a’ teagasg a’ bhogsa-phutan, agus bha Norman Chalmers, neach-ciùil anabarrach eile, a bhios a’ teagasg aig a’ Cholaiste a h-uile bliadhna, a’ stiùireadh annas-làimhe.

A bharrachd air na clasaichean a bhios a’ ruith fad an là, bha tachartasan air an fheasgar cuideachd, a leithid cèilidhean agus seiseanan ciùil far an d’ fhuair oileanaich barrachd cothroman ionnsachaidh.

Cùrsaichean goirid 2012