Chum Institiùd Dhùthchail Mnàthan na h-Alba a sgoil shamhraidh bhliadhnail aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 9 agus 13 an t-Iuchar am-bliadhna. Bha 85 boireannaich bho air feadh Alba a’ fuireach aig a’ Cholaiste fad na seachdain, agus bha iad a’ gabhail pàirt ann an diofar chùrsaichean, eadar dannsa agus ealain, bho obair-shiùcair gu obair-òir.
Thòisich a’ chiad Institiùd ann an Canada, ann an 1897, agus sgaoil an iomairt na zb’ fharsainge, beag air bheag, nuair a chaidh buidhnean eile a stèidheachadh san
Roinn-Eòrpa, a’ ruigheachd Lodainn an Ear ann an 1917. ’S e amas na buidhne adhartas a dhèanamh air foghlam is trèanadh do bhoireannaich a tha a’ fuireach ann an sgìrean dùthchail, no aig a bheil ùidh ann am beatha dhùthchail, sgilean dachaigh, cùram teaghlaich agus sàr ghiùlan catharra. Bidh a’ bhuidheann cuideachd a’ brosnachadh gleidheadh is leasachadh dualchas is cultar traidiseanta na h-Alba.
Tha 34 Institiùdan air feadh Alba a-nis agus leis gu bheil mu 20,500 boireannach aig a bheil ballrachd, tha Institiùd Dhùthchail Mnàthan na h-Alba air aon de na buidhnean as motha do bhoireannaich ann an Alba.