Mèinn-Iarainn Ratharsair

Fhuair mi fhìn sgeul na mèinn-iarainn fhad ‘s a bha mi a’ rannsachadh gnìomhachas ann an àiteachan far nach robh dùil ris. Tha mi a’ cur an sgeul an cèill bhon àm ro eachdraidh nuair a chaidh na creagan a bhreith, gu planadh is togail, is trèigeadh na mèinne ro dheireadh a’ Chogaidh Mhòir, agus na tha air fhàgail ann an Ratharsair an-diugh.

Bidh mi a’ taghadh dathan na cloiche-iarainn nam chuid ealain, dathan nan seann mhapaichean eòlas-talmhainn, dathan nan clachan sna toglaichean mèinne, agus dathan Ratharsair fhèin san uisge agus san t-sneachd.

Thug sgeul nam prìosanach cogaidh buaidh orm, an cuid saothair is cruadail, agus am maitheas a thug na Ratharsaich dhaibh.

Tha mi air cuid den ealain a thaghadh airson an taisbeanaidh seo. Bhathar an dùil ri an taisbeanadh ann an Taigh-Mòr Ratharsair,2009. Post-d: margaret.g.ferguson@gmail.com

Examples from Exhibition