Liz Nic a’ Ghobhainn BPA a’ tadhal air a’ Cholaiste

Liz SmithBha Liz Nic a’ Ghobhainn BPA, aig a’ Colaiste, Dimàirt 3 An t-Iuchar, far an do choinnich i ris a’ Phrionnsabal, Boyd Robasdan, an Iar-phrionnsabal, Iain Tormod MacLeòid agus an Stiùiriche Ionmhais, Iain Gòrdan.  

Chaidh Liz Nic a’ Ghobhainn a thaghadh airson a’ chiad uair aig Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007 agus on a thòisich i mar BPA tha uallach air a bhith oirre anns a’ Phàrtaidh Thòraidheach airson Foghlam agus Foghlam Fad-Beatha.

Tha i na ball air a’ Chomataidh air Foghlam, Foghlam Fad-Beatha agus Cultar agus tha i cuideachd na Cathraiche air Comataidh Eadar-phàrtaidheach air Colaistean is Oilthighean.