Ceistean?

Ma chuireas tu fios thugainn, faodaidh sinn mòran de na ceistean agad a fhreagairt mus tig thu. Ach seo agad feadhainn de na ceistean as cumanta a tha ann mu bheatha aig Sabhal Mòr Ostaig.

1. A bheil thu a’ gealltainn gum bi àite-fuirich agam?

Cho luath ’s a thèid àite làn-thìde air a’ chùrs’ a thaghadh e no i a thabhann do dh’oileanach, tha sinn a’ gealltainn gum bi àite-fuirich ann.

2. Am bu chòir dhomh aodach-leapa is searbhadairean agam fhèin a thoirt leam?

Faodaidh tu, ach cha leig thu leas. Gheibhear aodach-leapa is searbhadairean bhon Cholaiste, is thèid seòmraichean a ghlanadh turas gach seachdain.

3. A bheil bùth air àrainn na Colaiste?

Tha, is e a’ reic uidheam-sgrìobhaidh, leabhraichean cùrsa is rudan riatanach eile. Tha bùth bheag a’ reic biadh is gròsaireachd dìreach dà mhìle bhon Cholaiste. Tha bùth mhòr anns an Ath Leathann, faisg air làimh.

4. A bheil ATM aig a’ Cholaiste?

Chan eil – ach tha bhanaichean-banca a’ tighinn dhan Cholaiste a h-uile seachdain. Tha meanbh-bhus na Colaiste ri fhaotainn airson cuairtean chur-seachadan no dha na bùthan anns na bailtean faisg air làimh far am faighear ATM.

5. A bheil club nan oileanach ann?

Tha bar aig a’ Cholaiste a tha fosgailte aig diofar amannan tron t-seachdain, agus airson cèilidhean, seiseanan-ciùil agus tachartasan eile. Tha togalach ann, an urra ri Comann nan Oileanach, a dh’fhaodadh oileanaich a chleachdadh is a chumail mar gur ann leotha fhèin is a tha e.

6. Dè chosgas e a bhith a’ fuireach air àrainn na Colaiste?

Ann an 2012-13, tha e a’ cosg £3,400 airson seòmar, biadh agus seirbheisean co-cheangailte.

7. An tèid agam air an eadar-lìn fhaighinn?

Thèid. Faodaidh oileanaich an t-eadar-lìn a chleachdadh aig àm sam bith oir tha Wi-Fi ri fhaighinn an-asgaidh anns na seòmraichean aca, is tha àite-ceangail anns gach seòmar cuideachd. Tha Complannan na Colaiste fosgailte bho 9m gu 11f gach latha.

8. Càite am faigh mi srùbag?

Tha seòmraichean suidhe le TBh, inneal DBhD agus cidsin beag anns, no faisg air, gach togalach-fuirich. Gheibhear coire ann am feadhainn de na seòmraichean-cadail cuideachd.

9. Am bi àite gu leòr ann airson mo chàir, no mo bhaidhseagail?

Bidh. Tha àiteachan-parcaidh gu leòr ann aig a’ Cholaiste. Chuir Sabhal Mòr Ostaig sgeama baidhseagail air dòigh bho chionn greiseag agus bidh sinn a’ tabhann ghoireasan stòrais ùra airson baidhseagalan a dh’aithghearr.

10. A bheil fònaichean-làimhe ag obair an sin?

Tha!

Alarm Going Off