Tha a’ choimhearsnachd air leth cudthromach aig Sabhal Mòr Ostaig. On a tha sinn nar colaiste bheag ann an sgìre dhùthchail gheibh thu cothrom eòlas a chur air daoine gu luath agus com-pàirteachadh ann am beatha na Colaiste is na coimhearsnachd.
Tha prògram ealain na Colaiste ann far am faigh oileanaich ionnsachadh, taic is comhairle bho chuid den luchd-ealain as cliùitiche an Alba. An-dràsta, tha Maighread Stiùbhart ann mar Cheòladair na Colaiste, Padraig MacAoidh mar Sgrìobhadair na Colaiste, Aileen Stackhouse mar Neach-ealain an t-Sabhail, agus Artair Donald mar Neach-ealain Dràma na Colaiste.
Bithear gad bhrosnachadh, mar oileanach aig a’ Cholaiste, a chur ris na tha a’ dol sa choimhearsnachd tro Urras Coimhearsnachd Shlèite no le bhith a’ dol an sàs ann an tè de na pròiseactan coimhearsnachd a leithid Clean Sleat.
Tha iomadh buidheann is pròiseact stèidhichte san togalach ùr, Fàs, is bidh iad sin a’ cur gu mòr ri saoghal na Colaiste agus a’ leigeil le oileanaich a dhol an sàs ann an saoghal farsaing na Gàidhlig. Am measg nam pròiseactan sin tha an t-Ionad Rannsachadh, Lèirsinn, Cànan, MG Alba, Ainmean-Àite na h-Alba, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Sealladh/Young Films.
Tha an t-ionad cùram-cloinne Gàidhlig, Fàs Mòr stèidhichte aig a’ Cholaiste cuideachd, is bidh iad fhèin a’ sireadh taic bho phàrantan agus a’ solar cothroman obrach pàirt-ùine.