Tha beatha an Eilein Sgitheanaich diofraichte bho bheatha ann am baile mòr no sgìre bhailteil. Ged a tha sinn gann de ghoireasan mòra, tha àrainneachd ghlan, bhrèagha timcheall oirnn agus gu dearbh tha an iris National Geographic den bheachd gu bheil an t-Eilean Sgitheanach an 4mh eilean as fheàrr air an t-saoghal.
Tha ainm is cliù aig an Eilean Sgitheanach airson biadh math, fiadh-bheatha mhìorbhaileach agus cur-seachadan a-muigh is a’ Chuilthionn pìos beag suas an rathad airson streap. ’S e àite gu math sàbhailte, càirdeil is a tha ann an Slèite, agus tha mòran dhaoine air gluasad a-steach dhan sgìre airson ’s gu bheil a’ choimhearsnachd is na seallaidhean ga dhèanamh na àite air leth tarraingeach.
Tha na rudan bunaiteach ann – bùth, garaids, ionad-dotair, oifis a’ phuist air a ruith le urras coimhearsnachd ionadail. Tha ceanglaichean còmhdhail ann cuideachd – bàt’-aiseig a’ ruith bho Armadal, dà mhìle bhon Cholaiste, gu Malaig far am faighear trèana gu deas is dhan ear. Bidh busaichean a’ ruith gu cunbhalach air feadh an eilein fhèin agus dha na bailtean as motha air tìr-mòr. Thèid na seirbheisean còmhdhail a ghearradh air ais beagan tron gheamhradh, ge-tà.
Gheibh thu goireasan a’ bhaile mhòir ach bidh agad ri beagan siubhail a dhèanamh air an son, no barrachd eagrachaidh a dhèanamh. Gu tric, bheir e beagan ùine a bhith a’ fàs cleachdte ri beatha ann an sgìre dhùthchail.
Ma tha thu cleachdte ri clubaichean, taighean-deilbh is iomadh taigh-seinnse is ùpraid a’ bhaile mhòir, ma dh’fhaoidte gum bi Slèite a’ faireachdainn rud beag sàmhach an toiseach ach tha na tha againn gar sònrachadh mar Cholaiste gun samhail.
Ceanglaichean Feumail
Caledonian MacBrayne
Scotrail
Rapsons
www.skye.co.uk
Sleat Community Trust