Tha barrachd na ionnsachadh an lùib beatha oileanach. Tha cothrom air fois agus spòrs agus air daoine ùra a choinneachadh agus ri blasad fhaighinn de chultair eile agus feuchainn air rudan ùra, uile tro mheadhan na Gàidhlig.
Ceart cho math ri na goireasan sònraichte a th' aig Sabhal Mòr Ostaig, tha coimhearsnachd Ghàidhlig bheothail, chàirdeil ann le gu leòr a chumas a' dol thu. Dh’fhaodadh tu a dhol an sàs ann am buidhnean oileanaich aig a' Cholaiste agus tro OGE, leithid Comann nan Oileanach no
UHISA, no dh'fhaodadh tu pàirt a ghabhail ann am buidhnean is gnothaichean na coimhearsnachd a tha a’ tachairt san sgìre.
Tha am buidheann ealain, Seall, a' cumail tachartasan aig a' Cholaiste leithid cuirmean-ciùil, dealbhan-cluiche agus dannsa is chì thu a h-uile seòrsa rud eadar ceòl Afraganach is comadaidh Gàidhlig.
Bidh Club Film, a tha riamh a' cur fàilte air buill ùr, a’ sealltainn shreathan de fhiolman bho gach ceàrn den t-saoghal. Gheibh oileanaich ìsleachadh air prìsean ballrachd agus tiocaidean.
Tha cothroman gu leòr cuideachd cumail fallain, le sgioba ball-coise na sgìre, Slèite is Srath FC, a' cluich suas an rathad agus Club Badminton Slèite a' coinneachadh gach seachdain aig a' Cholaiste. No is dòcha gun còrdadh clas eacarsaich aig a' Cholaiste riut no cuairt a-mach leis a’ Chlub Coiseachd.
Gheibh oileanaich an t-Sabhail a-steach don leabharlann aig Caisteal Armadail an-asgaidh, is tasglann mìorbhaileach aca de phàipearan is uidheam eachdraidheil ceangailte ri eachdraidh na sgìre. Dh’fhaodadh tu a bhith nad bhall de Chomann Eachdraidh Shlèite, is grunn luchd-labhairt na Gàidhlig aige.
Tha ceòl làidir anns a’ choimhearsnachd agus gu tric bidh seiseanan-ciùil a’ dol aig a’ cholaiste agus anns na taighean-òsta faisg air a’ Cholaiste. Bidh fàilte chridheil romhad pàirt a ghabhail annta. Is dòcha gu bheil thu ag iarraidh ceòl ròc no punc a chluich còmhla ri oileanaich agus luchd-obrach eile, a’ posadh na Gàidhlig ri nòs ùr.
Tha grunn thaigh-seinnse is taighean-òsta ann airson beatha air an oidhche a chumail beothail, agus bidh cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn bho mhoch gu dubh - tha e an urra riut fhèin de cho spòrsail is a bhios an splaoid agad agus cuideachadh àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh!