Tha na goireasan ionnsachaidh, an teicneolas fiosrachaidh is cruinneachaidhean an leabharlainn sàr mhath – cuiridh iad gu mòr ri teagasg bho luchd-obrach acadaimigeach a tha aithnichte aig ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta airson cho anabarrach math is a tha an cuid rannsachaidh ann an cuspairean Ceilteach.
Tha Leabharlann na Colaiste stèidhichte ann an Àrainn Chaluim Chille, ann an àrainneachd thlachdmhor anns an urrainn do dh'oileanaich an cuid obrach is rannsachadh a dhèanamh. Tha dà chruinneachadh phrìseil gan cumail san Leabharlann, is iad Cruinneachadh MhicCarmaig agus an Cruinneachadh Celtica. A thuilleadh air seo, tha cruinneachadh farsaing ann de leabhraichean agus goireasan didsiteach a ghabhas a thoirt a-mach air iasad agus mar bhuill de OGE, faodaidh oileanaich leabhraichean is goireasan fhaighinn bho na colaistean eile ann an OGE. Faodaidh oileanaich cuideachd leabharlann Ionad Chlann Dòmhnaill a chleachdadh anns a bheil goireasan air leth mu eachdraidh Shlèite agus sloinntearachd.
Tha teicneolas ùr a' sìor fhàs cudromaiche an lùib dòighean teagaisg agus mar ghoireasan taic ionnsachaidh. Tha goireasan co-labhairt bhideo agus seirbhisean ionnsachaidh dealanach gan cur gu feum airson cùrsaichean na Colaiste a thoirt seachad. Tha an àireamh de choimpiutairean a tha rim faotainn fìor mhath agus tha wi-fi an-asgaidh ann an àiteachan-fuirich na Colaiste. Tha cuideachd goireasan clo-bhualaidh, scanadh agus leth-bhric ann do dh'oileanaich.
Tha stiùdio Tbh is craolaidh ùr san togalach Fàs agus tha cuideachd stiùidio chlàraidh ùr aig a' Cholaiste do dh'oileanaich air a' chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.
Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig bidh comhairliche foghlaim agad a bhios gad chuideachadh a thaobh adhartais acadaimigeach is bidh cothrom agad molaidhean a thoirt seachad mu ionnsachadh is teagasg aig a' Cholaiste tro rìochdaire nan oileanach air a' chùrsa agad.
Aithisg QAA 2003
Aithisg HMIe 2007
Aithisg Oileanach 2007