Tha Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig na leabharlann sònraichte, le cruinneachadh a tha stèidhichte air cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig.
An Cruinneachadh Iasaid
Tha an cruinneachadh iasaid a’ cumail taic ri cùrsaichean na Colaiste agus anns a’ chruinneachadh seo tha leabhraichean agus stuthan ioma-mheadhan air a’ Ghàidhlig is a litreachas, poileasaidh cànain, eachdraidh na Gàidhealtachd, cultar dùthchasach, beul-aithris agus ceòl traidiseanta. ’S ann an iomadh cruth a tha na goireasan - leabhraichean, CDan, DVDan, teipichean agus bhideothan. Tha na goireasan anns a’ Ghàidhlig, anns a’ Bheurla agus anns na cànanan Ceilteach eile.
Na Cruinneachaidhean Sònraichte
Tha dà chruinneachadh air leth dhe sheann leabhraichean air an gleidheadh ann an Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig: an Cruinneachadh Celtica agus Cruinneachadh MhicCarmaig, a chaidh a cheannach le taic-airgid on Chrannchur Nàiseanta. Anns na cruinneachaidhean seo tha leabhraichean air a’ Ghàidhlig, Eòlas Ceilteach, agus eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd, le feadhainn a chaidh a chur an clò san 17mh linn. Tha leabhraichean tearc is àraid ri fhaicinn anns na Cruinneachaidhean, cuid dhiubh nach deach a chlàradh roimhe. Tha cudrom eachdraidheil nan leabhraichean, air sgàth cho tearc is cho luachmhor ’s a tha iad, gam fàgail mar phàirt chudromach de dh’eachdraidh sgrìobhte na dùthcha. Tha na Cruinneachaidhean nan goireasean luachmhor do dh’oileanaich san dùthaich seo agus thall thairis.
An Cruinneachadh Celtica: le còrr is 1,500 leabhar is iris, tha an cruinneachadh seo a’ riochdachadh an t-sàr stòrais air Eòlas Ceilteach a chruinnich an sgoilear, Sir Raibeart Gòrdan à Leitir Fuaraidh (1824-1908) anns an 19mh linn. Dh’fhàg e a chruinneachadh mar dhìleab do dh’Abaid Chille Chuimein far an robh e gus an deach a reic ann an 1999.
Cruinneachadh MhicCarmaig: chuir an reiceadair cliùiteach leabhraichean, Dòmhnall MacCarmaig, a bheatha seachad a’ reic is a’ cruinneachadh leabhraichean Gàidhlig agus ’s e seo an stòras leabhraichean a bh’ aige fhèin, fear de na cruinneachaidhean as fheàrr dhe na leabhraichean Gàidhlig a chaidh a chur ann an clò riamh. Tha còrr is 1,800 leabhar anns a’ Chruinneachadh, a tha a’ buntainn don 17mh, 18mh agus 19mh linn, air cuspairean mar bhàrdachd, chreideamh, chunntasan-siubhail, bhochdainn, chroitearachd, eilthireachd, Hiort, agus caochladh chuspairean eile co-cheangailte ri eachdraidh shòisealta na Gàidhealtachd.
Irisean
Chì thu cruinneachadh irisean an Leabharlainn an seo: A - E, F - M, N - R, S, T - Z.
Tha ceanglaichean ann le fiosrachadh air na h-irisean, far a bheil e ri fhaotainn.
Mac-Talla
B’ e Mac-Talla an t-ainm a bh’ air pàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdainn - gach dàrna seachdainn na b’ anmoiche - ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28mh Cèitean, 1892, agus an 24mh Òg-mhios, 1904, timcheall air 540 earrann uile gu lèir. Tha iad rim faighinn air an eadar-lìon an-seo.
Na Clàir Ghàidhlig
Aig deireadh na 1990an, thug a’ BBC tabhartas don Leabharlann dhe chruinneachadh dhe na seann chlàran Gàidhlig às an tasglann aige. B’ iad seo seann chlàraidhean 78an leis na companaidhean Parlophone, Beltona agus Gaelfonn, air a bheil seinneadairean Gàidhlig sa mhòr-chuid ach le beagan chlàraidhean sa Bheurla is an Gàidhlig na h-Èireann cuideachd.
Tasglann
Tha tasglann aig an leabharlann de rudan a bhuineas don Ghàidhlig is don Ghàidhealtachd anns a bheil làmh-sgrìobhainnean agus pàipearan a thug daoine is buidhnean dhuinn.