Failte don Leabharlann

Bidh fàilte chridheil romhad ann an Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig. Gheibh thu a-mach barrachd mu ghoireasan an Leabharlainn is mar a bhios tu gan cleachdadh air duilleagan na làraich seo.

’S e rùn Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig a bhith a’ leasachadh cruinneachadh dhe ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig a bhios slàn agus coileanta, agus a bhrosnaicheas ionnsachadh, rannsachadh agus sgoilearachd; a’ cumail taic ris a’ Cholaiste agus i na sàr ionad-foghlaim na Gàidhlig; a’ brosnachadh fèin-mhisneachd air a’ Ghàidhealtachd a thaobh a litreachais is a cultair fhèin.

Uairean-fosglaidh

Tha Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig na leabharlann sgoilearachd ach tha fàilte air daoine on taobh a-muigh a thighinn a-staigh gus rannsachadh a dhèanamh.

  Làithean Uairean

Tron Teirm :

Diluain - Diardaoin 9.00am - 8.30pm
  Disathairne - Didòmhnaich Sgaoilidh sinn fios nas fhaisge air an àm

Làithean-saora:

Diluain - Dihaoine 9.00am - 5.00pm

Bidh an leabharlann fosgailte corra deireadh-seachdain air feadh bliadhna na Colaiste. Bu chòir do dh'oileanaich agus don luchd-obrach sùil a chumail air teachdaireachdan GroupWise. Bu chòir don luchd-tadhail bruidhinn ri luchd-obrach an Leabharlainn anns a' chiad dol a-mach.

Inntrigeadh an Leabharlainn air loidhne

Bheir am fiosrachadh seo stiùireadh dhut air ciamar a chleachdas tu an Leabharlann agus ciamar a gheibh thu an tuilleadh fiosrachaidh is taic bho luchd-obrach an Leabharlainn.

Tha Leabhar-làimhe an Leabharlainn ri fhaighinn mar fhaidhle PDF.

Cuir fios thugainn

Ceannard an Leabharlainn: Cairistìona Cain, MA(Hons), MSc, DipPsych
Leabharlannaiche: Greg MacThòmais, BA(Hons)
An Leabharlann - Sabhal Mòr Ostaig - An Teanga - Slèite - An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ

Fòn: 01471 888447 / 888431
Post-d: sm00ll@uhi.ac.uk

Leabharlann