CUMHA LEIS AN URRAMACH FRAING MAO BHEATHAIN, ANN AN CILL-CHTJIMEIN, An deigh Bàs a Mhna, Flòri CJiaimbeaU, ceud nigliean Fir a Chaolais an Eilean Chola. Air an aon fhonn ri Cumha Obalain Qlilinniuir. CUIMHNEACHAN BEAG- O'N UGHDAR DO A CAIRDEAN-SA, AGUS DO A CHAIRDEAN PEIN. 1850 I. Tha mi dubhach is deurach, ga d' shior ionntrainn a Chèile; Binn am bàs uam do reubadh, 's mo chridhe ghleus e gu bròn. Tha mi cianail a m' aonar, gun do chaidreadh bha caomhail; Cho làn gràidh agus aonaidh, tha bhi as aonais ga in' leòn. Tha mi muladach, brònach, trom, is tùirseach a m' chòmhnuidh; 'N dùil gach titeadh gu'r còir dhomh, do ghuth le sòlas gu'n cluinn. Tha mi airsneallach cianail, gun a ghnàth thu bhi m' f hianuis; Faighinn coluadar diadhaidh, sa faicinn sgiamhachd do ghnùis. n. Tha mi ionganntach gabhaidh, 'n dùil a dheanamh mar b'àbhuisd; Gairm a m' ionnsuidh a ra' chàsaibh, do chomhairl shàbhailt a m' fheum. O gach nì tha mu'n cuairt dhomh, tha mo chàil air a fuasgladh; Tha iad falamh is gruamach, o thugadh uam thu a Chèil. An uair ma'r rium a d' thàmha, chum thu m' aignidhean sàmhach; Ach, o rinneadh leat m' fhàgail, tha iad ro chràiteach a' d' dheigh. Tha mo mhisneachd's mo chàileachd, leagta, iosal an trà-sa; Na biodh ionghnadh air càch dhe, mo chòmhnadh bàigheil tha m' dhìth 4 III. 0 V. Cha rèidh dhòmhs ann am bàrdachd, chuir an òrdudh 'an dàna; 'N cliù a thabhairt gu h-àrraidh, a bhuineadh sàr dhuit a thùs. Bha do chruthachadh dealbhach, ach, do bheusan bha dealrach ; Rinn thu aithnichte ainmeil, am measg na dh' ainmicht air tùs. Bainndi, urramach, uasal, mach a teaghlach na h-uaisle; Rianail, ciallach, gun uamhar, is fialluidh suairce 'na d' dhòigh. Bha do cheumannan sgiamhach, a rèir riaghailt na diadhachd; Ni sam bi nach robh fiachail, cha 'n f haighte riamh eud' chòir. IV. Air do shìnnsreadh na 'n labhruinn, mu mhaithibh àrd bha 'n daimh dhuit; A bha cliùiteach thar cainnt dhomh, sa bha na'n daimhean na'n rìgh.* 'S è is annsa leam innseadh, mar a rinneadh dhiot fìrean; Thug a steach thu do'n fc-sìnnsreadh, dha'm bheil " Is Mì" dha mar Rìgh. Dh' iarr am Buachaill's an raon thu, 'n eilean iomaill's an t-saoghal; Thug a ghràdh e an taobh ud, gu dìreach caomh air do thòir. Cha do lasaich a ghreim dhiot, thug e leis thu gu caoimhneil: Chaidh tu leis troimh gach draoighneach a steach gu h-aoibhneach da chrò. » Na'm measg, Teaghlach Earraghael. Do thigh 'n fhiona's na feusda, thug e steach thu gu rèidh leis; Rinn do phòsadh mar chèile, 's bi bhratach sgaoilt ort a ghràdh. Thug dhuit sgeudachadh òir-dheirg, culaidh eudaich le h-òr ann ; Is lion 'f heusd thu gu mòra, le 'innidh ghlòir-mhor's le ghràdh. Rinn e aoibhneas na chòir ort, 's bha e riaraieht gu leòr leat; Ann-san, rinn thusa sòlas, mar d' òg Fhear-pòsda's do Rìgh. Thug dhuit crùn a bha glòir-mhor, thug dhuit oighreachd le còir oir ; Nach gabh innseadh cia mòr i, is lùchairt òir-dheirg gun dìth. VI. Aig a phòsadh ro àrd ud, aingle nèamh ann a làthair; Ann am fonn le an clàrsaich, a seinn an dàin ort gun dìth. Iad san luchairt bha chòmhnuidh, chaidh gu h-aoibhneas is ceòl ann; Mu'n mhnaoi òig s air a pòsadh, gu barrachd glòire do'n Rìgh. Their an t-aineolach gòrach, tha do chainnt leam ro neònach; Och! a Thighearn a d' thròcair, nach d' thoir thu'm pòsadh dha fèin Fhios b' idh 'n sin aig a rìreadh, 'm bheil mi 'g innseadh na fìrinn S bithidh slàinnte dha cinnteach, is saors is sìth dha gu rèidh. 6 vn. 'S iomadh trioblaid is deuchainn, thug dhuit coinneamh an deigh sin; Ach, do dhòchas cha d' thrèig thu, am measg nan èiginnean teann. Bha thu fosgailt do bhuaireadh, 's bhiodh tu tric air do luasgadh; TJairibh domhainn sa chuan ud, is sruthaibh luath thar do cheann. Ach, bu chinnteach dhuit fuasgladh, a chionn dìlseachd a Bhuachaill; 'S bhiodh do chreideamh gu buadhach a dol a suas leat gu rèidh. Bhiodh do bhuadhan fuidh ghluasad, mar iolair luath dol suas uainn; 'S coinneamh nuadha le luadh-ghair, bhiodh agad thuas ris an Rìgh. VIII. Do'n ainm àrd agus ghlòir-mhor, thug thu urram an cònaidh; 'Aithn, a chomhairl is òrdadh, do riaghailt sheòlaidh a d' chùrs. Bha do bheachdan mu'n fhìrinn, uasal, geur agus f ìor-ghlan; Farsainn, soilleir is dìreach, am measg na'm fìrinnean cùr. Fior-ghlan, onarach, dìreach, air taobh focal na fìrinn; Eudmhor, blàth agus dìleas, do dh' aobhar fìor-ghlan do Dhè. A ghnàth, seasmhach gun chlaonadh, treun is daingean gun saobh-bhreth; N uair bhiodh càs agus aobhar, ag iarraidh treubhanntais ghleusd IX Càil ro ghlan agus ciocras, bha gu domhainn's gu diomhair; Ann a d' innidh o's iosal, an geall air Iosa mar lòn. Lagh na beatha o'd bheul-sa, chionn do thoil is do spèis dha; Ghnàth, le tomaid na cèille, a ti 'nn gu rèidh is gu beò. 'S tric a thuair mi 'san uaingneas, feadh an lagh s' thu ri cnuasachd; Nithe nuadh bheirte nuas leat, a bhiodh dhuinn luachmhor le chèil. Inntinn neamhaidh is naomha, bh' annad blàth agus daonnan; 'N uair a bhidhinns air faonntradh, cho fad a m' aonar a d' dheigh. X. Ro gheur domhainn is ciallach, bha do bhreithneachadh diomhair; Mu luchd aidich na diadhachd, a bhiodh ag iarraidh bhi mòr. 'N inntinn iosal is bhrùite, chiallach, rianail is ùngta; 'N uair a thàradh i dlùth dhuit, bhiodh agad rùm dhi gu leòr. Fiallaidh, folachaidh is dèirceil, bha do chùram mu f heumaich; Bhiodh na bochdan na 'n èiginn, ag cur an cèill dhuit an càs. Cha robh bheag ort min eòlach ; chionn bhi sàmhach a d' dhòidhean ; Ach, thàr cuid ort an t-eòlas, 's bha'n gràdh gu mòr dhuit a ghnàth. 8 XI. B'e do ghearan a ghnàth e, oh ! am peacadh b'e phlàigh e; Bha gu mòr dhuit ro ghràineil, 's na àmhghair shàraicht gach trà. Cha chaoidh tuilleadh's cha bhròn leat. e a d' bhuill a bhi chòmhnuidh; Thuair thu ionnlad ro òir-dheirg, chuir glòir a chòmhnuidh 'na ait. Och! am fonn Jpis an seinn thu, òran uasal na neamha; Dhà-sa ghràdhaich sa shaor thu, sa lion le mhèinn thu tha naomh. Mu thruaigh'n leith dhiot a dh' fhàg thu, leis a pheacadh an sàs ann; Nach leig fois leis no tàmha, a luan no shàbaid tha naomh. XII. Do dhèidh làidir is d' ionntrainn, bh' air mo threud a bhi iompaicht; Is ri Criosda bhi tionndadh, le iomadh ionntrainn is luaths. Chum a chorron tha rioghail, a bhi fàs air a rìreadh; 'S gaoileadh làn air a rìoghachd, air feadh na'n tìrean mu'n cuairt. Och! nach fhaicinn-saan treudud, mar bu mhiann le mo Chèile; Dol gu iobairt na rèite, 's a 'g imeachd treun anns an rod. Gus an ruigeadh iad rianail, air luchd, is làn dhe an diadhachd; 'S gu'm biodh aca-san Iosa, mu'n leagta sios iad fuidh 'n f hòd. 9 XIII. Thuirt thu rium ann a d' chòmhradh, "'s e mo Bhreitheamh m' Fhear-pòsda; " Car son nach b'inn-sa deònach, " a dhol troimh Jordan 'na laimh. " Tha mi togradh tre ghràsan, " an Tì a thuair mi san fhàsach ; " Tha a nochdadh a làithreachd, "gun mhionaid dhàil dhol do'n ghleann. " O gach nì tha san fhàsach, " tha mi dealaicht an trà-sa; " Gun mi gearan bhi f àgail, "fhir mo ghràidh ach thu fèin. " Thig a Rìgh's dean mo spianadh, " mach a làmh mo luchd planaidh; " A corp bàis thoir dhomh trialladh, " gu dùthaich Iosa gu rèidh. XIV. " Thoir dhomh faighidinn rianail, " ri d' àm Thighearn tha riaghladh; " Ge d' bu mhaith is bu mhiann leam, " gu'm biodh mo thriall leat gun dàil. " Na bi fada sa chàs so, " thug an gath as a bhàs dhomh; " Thoir mi mach as a phàilliuin, "a steach do d' àros tha àill." Bha do thogradh's do chiocras, bhi air falbh ma'r ri Iosa; Dha do nàmhaid cho phianntail, 's gu'n d' rinn e riahadh bha treun. Ghabh e fàth air do chiocras, gu ràdh nach robh thu rianail; Feitheamh àm-san bha riaghladh, 's nach robh thu riamh ris-san rèidh. 10 XV. Beagan uairean mu'n chrioch thu, 'n tuilse, thàinig gu fiadhaich; Cur an ire sa'm f iaehabh, nach robh thu riamh anns an rèit. Bha gu mòr air do ghluasad, 'g iarraidh furtachd is fuasglaidh ; Oan Rìgh a tha truasail, ' sa thug a bhuaidh dhuit gu rèidh. Thug 'na.ghràsan sàr èisdeachd, ' dha do ghlaodh's tu na d'èiginn; Rinn na domhlaichean rèidh dhuit, oir bha e fèin air do chrann. An Rìgh dha'n robh thu ro phrìseil, chaisg is chronaich am mìllteir; Bha thu :n sin le chuid fìrinn, a dol na shìth-san do'n ghleann. XVI. Thuair gach nì mar a dh'iarr thu, o an Rìgh a tha riaghladh; Chionn gu'n robh e leat riaraicht, rinn è do riar ann sa bhàs. Sealladh taitneach is ciatach, criosduidh fhaicinn a trialladh ; Ge d' is cruaidh a bhi riabadh, na'n ceangail diomhair tha'n sàs. B' aobhar chliudhaichidh dhòmh-sa, gu'n robh agam-sa Flòri; Ge do dh'fhàg i mi brònach, cha bhròn gun dòchas a th'ann. 'S e mo chuid-sa bhi sàmhach, chionn an Tì a b'i làmh i; Ge d' bha'n sgaradh ud cràiteach, bu lionmhor là iad nach b' ann. 11 XVII. Mòr chliù gu'n robh dhàsan, thug cho sèimh troimh an bhàs thu ; Beag do phianntan bha cràiteach, a chur an sàs ann a d' chrèibh. Thug dhuit creideamh bha làidir, thug dhuit misneachd is (lànachd; Rinn le 'f hìrinnean gràsmhor; do tharrainn bàigheil a Chèil. 'N uair a rinn thu ar fàgail, 'an comunn cheruban àrda ; Mar fheachd frithealaidh àg^h-mhor, a chuireadh sàr air do thoir. Rinn iad iolach is luadh-ghair, siubhal àrd agus luath leat; Bha iad uile mu'n cuairt dhiot, ga d' liubhairt shuas ann an glòir. XVIII. 'JST uair a ràinig thu sàbhailt, 'n luchairt àrd agus àgh-mhor; Thoir leam gu'n cual mi 'g ràdh thu, " hosannah àrda do m' Rìgh." Seìnn-sa romhad le luadh-ghair, seinn gu h-ait is gu buadhach; Seinn gu binn air an Uan ud, a thug dhuit buaidh ann sa bhàs. Seinn gu h-àrd air an Trianaid, seinn le fonn air an iobairt; Seinn gu grinn air an iocshlainnt, chuir slàinnte shiorraidh a d' dhàil. Och! an t-seìnn tha mu'n cuairt dhiot, leo gun àireamh dhe'n t-sluadh ud; Dh' f hàg thu mise na m' thruaghan, ach's èibhinn shuas leam thu Chèil. 12 XIX. Do shùilean blàth' is tiarail, leag thu orm aig a chrioch iad ; Gus na luidh orra siosa, do rosgaibh breadha gach taobh. * Och! do ghràdh a bha brùchdadh, troimh do shùilean mu'n dhùin iad; Dh'fhàg an sealladh gu drùiteach, annam-sa ciùradh nach traodh. Oh! a bhàis's tu tha fiadhaich, se do làmhan ni'n riabadh; Air na ceanglaichean diomhair, a theannaich bliadhnaibh do ghaol. Sgar thu mise's mo Fhlòri, chuir ise fuidh'n f hòd ud; Bheir thu fadhasd sinn còmhladh, 's b'idh mise chòmhnuidh ri taobh. XX. Ni sinn pòsadh fuidh 'n f hòd ud, 's cha'n f heud thu th'inn 'na'r còir ann; Chum ar sgaradh's ar fògradh, o'r n'ionad còmhnuidh san ùir. B'idh an talamh gu tiarail, thug ar Tighearn ar Dia dhuinn ; Mar phlaide bhlàth oirn ag iadhadh, gu'n d' thig a bhliadhna bhios ùr. 'Nuair a sheideas an tròmbaid, ni sinn eiridh gu fonnmhor; Còmhail àghmhor bhios ùr dhuinn, an àm dhuinn dùsgadh o'n ùir. Bheir e gàirdeachas mòr dhuinn, a chèil fhaicinn 'na g^hlòir-san: 'S bithidh subhachas mor oirn, air madainn òir-dheirg is chur. * Tha e air fhaighinn a mach, an cusbair mu dheireadh a lionas an t-sùil, gu'n d'thoir i leatha iorahaidh a chusbair sin gu slàn, agus gu'n cum i an iomhaidh sin, gus an leagh i annt an ùir. Is drùiteach a phuing sa chuis so. 13 XXI. Seinnear leinn mar ghall-trùmbaid, ghath a bhàis cia do lùtha; Chumhachd ghruamaich na h-uaighe, do shàradh cia is do bhuaidh. Mar mhòll roimh'n chuairt-ghaoith sèideadh, theid 'ur sgapadh le chèile; An'àm dhuinne bhi 'g èiridh, gu pòsadh greadhnach an Uain. Chi sinn sealladh bhios glòir-mhor, 'n Rìgh a tighinn na'r còmhail; Ma'r ris, uaislean na'n glòir-san, a chuireas dòmhlachd's an speur. Ge b'e ait ann san tàmh e, le chathair dhealrach is àrda; Thig gu leir as gach cearna, uil oighrean àlluinn an Dè. XXII. ' Bean an Uain an nuadh-phòsda, thig air lom o na fòdaibh; 'S bithidh ise ro ghlòir-mhor, an èideadh òir-dheirg an Rìgh. B' idh an uaigh dhi na seòmar, 'm faigh i 'n t-eudachadh glòir-mhor; Th' inn a mach leis an còdhail, a mòr Fhear-pòsda 'sa Rìgh. An gràdh làidir 'na bhuaidhean, lasair shàr t' inn a nuas leis; Thoirt na coinneamh s do'n nuadh-bhean, oh! bean an Uain th'aige rìs. A gràdh dhàsan mar èibhlean, lasadh làidir sa chèile; Dol an àird do na speuraibh, gu còmhail èibhinn ra' Rìgh. 14 XXIII. XXV. Cluinn an t-Athair toirt fàillte, do'n Mhnaoi òig s as an fhàsach; 'S gabhail tlachd ann na h-àilleachd, le gnùis tha làna do ghlòir. 'N Spiorad mòr a rinn naomh i, is ga tearnadh rinn saothair; Deanamh gàirdeachais naomha, 'na faicinn saor's ann an glòir. Och! nach i a tha mùirneach, aig an Triuir tha sa chùirt ud ; Iad a tabhairt dhi cùirte, le meas is mùirneachd a chaoidh. 'S math thig dhi a bhi 'g òran, air an Triuir tha ro òir-dheirg; S a gràdh dhoibh a bhi 'n cònaidh, 'na neart a dòrtadh a chaoidh. XXVI. B'idh i tarrainn a sòlais, as na tobraichean mòra ; Tha cur thairis sa dòrtadh, chum sonais, sòlais dhi fèin. B'idh na buaidhean neo-chriochnach, anns an Triuir a tha siorraidh ; Is an oibribh ga h-iarraidh, a tabhairt riaraich dhi fèin. B'idh am mòrachd sa'n glòire, ann na sealladh an cònaidh; 'S bheir an comunn dhi sòlas, gun rian, gun dèidh dhi air inns. Bheir 'a naomhachd dhi càil dhoibh, toil is ciocras da 'n lànachd; 'N deigh nan linntean bhi làn dhiubh bithidh a càil dhoibh gun sgìos. S ann an sud bhios a chòmhail, aig an Rìgh sa bhean òg ud; Neart an gràidh g^a'n toirt còmhladh, a chum gu'm pos iad am buaidh. 'S fhad o'n là thug e gràdh dhi, bu lionmhor sàs troimh 'n thàr e; Chum a ruidhinn sa tearnadh, o iomadh nàmh agustruaigh. Thuair e 'n tùs i o'n Ard Righ, ann an coimhcheangal gràsmhor; Air dhi aig lagh bhi 'n sàradh, thug le bhàs i o bhuaidh. Thug o'n pheacadh bha làidir, thug o'n diabhuil bha'n sàs innt; Thug fadheoidh o na bhàs i, 's o chumhachd làidir na h-uaigh. • xxrv. Seall a nis air a chòmhail, air dhoibh gu lèir bhi còmhladh; Feuch, cho lionmhor's cho dòmhail, 's nach lèir dhuit òirleach dhe'n speur. Dearc air dealradh na glòire, tha ri fhaicinn sa chòmhail; Mar mhìlltibh grian air t'inn còmhladh, sa dòrtadh glòire 'na chèil. Seall a nis iad le chèile, dol a suas troimh na speuran; Cluinn na trombaidean cheudan, le'm braonaibh treun agus mòr. Deanabh iollaich mu'n cuairt dhi, thà'd a faicinn dol suas leis; Dol a steach le gu buadhach, do lùchairt uasal na glòir. 16 XXVII. 17 XXIX. Aleluiah gu siorruidh, mur bu ghnàth leibh bhi 'g iarraidh ; Thug 'ur Tighearn 'ur Dia dhuibh, mar fhonn neo-thiomhaidh's mar cheòl. Oh ! 'ur n' àilleachd san iomhaidh, tha làn chosmhuil ri Iosa; 'S èideadh 'fhireanntachd shiorruidh, a thug an Triath dhuibh le còir. Cathair rioghail gach tè dhibh, thug an Eigh dhuibh mar chèilean ; 'S ma's a fagus da chèile, ni sin sibh èibhinn gu mòr. Ni sibh còmhradh ra chèile, thuigear leibh anns na neamhaibh Ge d' 'ur beòil a bhi dhith dhuibh, gu sàmhach sitheil fuidh'n f hòd. XXX. Gheibh sibh aiseiridh òir-dheirg, 's cha bhi 'n t-ionghnadh cho mòr leibh ; A chionn fhad sa bha'r còmhnuidh, an ionad glòire na sìth. Measg 'ur buill a bhios glòir-mhor, barrachd mhòr aig 'ur beoil dhe; Chionn gu'r iad-sau gu sònraicht, a sheinneas òran an Rìgh. Och! a Thighearn sa Thriatha, lion mi làn leis an diadhachd ; Chum an àm dhomh bhi trialladh, v gu'n tog mi siorruidh an màà.ACL,'**-Leis a chomunn bu mhiann leam, rinn am bàs uam a riabadh; 'S le mo chòmhnuidh gu siorruidh, fuidh bhrataich sgiamhaich do ghràidh Amen agus Amen. 'N uair a ruigeas mi 'n Trianaid, anns an rod a tha fiachail; As mo shealladh gu siorruidh, cha d' theid thu sios uam a Ghaoil. B'idh mo Fhlòri a m' f hianuis, 'm maise ghlòir-mhor a ciad fhir; 'S b'idh ar ceòl nach bi tiomnaidh, a seinn gu siorruidh do'n Aon. Sud mo dhòchas is m' iarraidh, iomadh là agus bliadhna; Ge d' bhiom uairean ro iosal, 's ann le mo Thriath theid a bhuaidh. Iuchair ifrinn sa bhàis aig, iuchair ionmhuis tigh Dhàbhi; Ann a m' aois cha dean m' fhàgail 'san cliu gu bràth bhi dha fèin. xxvni. Tha iad triuir ann am pàrras, Flòri, Beti, is Màri; * Ann an so 'n uair bha'n tàmha, bhan imeachd àillidh le gràdh. Chaidh iad suas troimh an fhàsach, 'n ceumaibh dìreach a ghnàth ann; Spot no smal cha do dh'fhàg iad, aig aon ri àrach na'n deigh. Leag an taice na'n càsaibh, air Fear an gràidh bha làthair ; Rinn an t-slighe dhoibh sàbhailt, gu rè na ràinig iad shuas. A seinn gu h-àrd air chliù-san, rinn an tearnadh sa'n ionnlad; Iad na'n clarsairean ionnsaicht, an òsan Mhaois is an Uain. Mo bhean, mo phiùthar-ehèile, ¦ mo phiuthar