DUAN MOLAIDH air ALASDAIR MACARTAIR, A BHARBHRIC, TAOBH LOCHODHA, Le SINE NIC BH EATHAIN, bànntrach dhomhnuill chaimbeil, am barrantuim. printed by the oban times limited, oban. DUAN MOLAIDH. Gleus F.—Seisd. a, . Si , li I d ., d : d . r : n ., pi I Si : - . b So i deoch slàinte do 'n duin' uasal ghasda Ghabh le . ll Mo . 8 Do'n Rann. I d ., d : d . r : d . 1, I s, : fheachd an-t-aiseig thara chuain I I ^ \ I d ., r : d . 8| : I, . d i pi : — . pi : I dhùrachd dhuit thu thilleadh dhachaidh, I 1 ., 1 : 8., pi : r ., ri id:- || Bharra - bhreac gu luath. : S| ., 1, ! d ., r 'S duine uasal : 1, ., I, I d ., r n ., ri I 8| ., S| thu gu d' shàiltean, d . 1, 8 Nach d' rinn tàir air neach fo 'n ghrèin ; : d ., rin ., s. Chaidh do theagasg : 1 ., 1 I 8 ., PI Mar bha Adhamh I d . Pi* S ¦) 8 ann ad phàisde, r . pi I d agus Eubh. 4 Gur a mise a bha cràiteach Nuair dh' fhag thu do chàirdean gaoil; Chuir a chuibheall an car cearr dhith, 'S chuir i gach clàr as a chèil. Gur a mise a bha brònach, Nuair a sheol thusa an cuan; Shaoil leam gun do shil na neoilean Leis na deòir a bh'air mo ghruaidh. S tusa mac an duine uasail 'S na ban-tighearna shuairc' ri thaobh ; 'S tu a sheasadh anns a' chruadal, 'S a leag uamhas leis an fhaobh'r. 'S tu an saighdear fallain dìreach; A sheasadh na righeachd gu leir, Le do ghunachan 's le d'stailinn, 'S do Chriosachan an àird ga rèir. Gur a tu an t-aon mhac màthar; Cho math 's chaidh àrachadh fo 'n ghrèin ; Bha thu caoimhneùl ri d'luchd-àitich, S bha blàth chridh'ch ris gach feum. Cha n 'eil duine bochd air t-àite Nach eil cràiteach 's iad ga d' chaoin S miosa mise dheth na càcha, 'S tu air m' fhàgail aig an fhraoch. Tha do ghruaidhean corrach àrda, Do shuilean a dearrsach airson feum ; Ghleidh thu 'n duine bochd na làraich S chnir thu 'n tnathnach na àite fhein. 5 Cha'n fhaic mise nis le d'ghann' thu, Falbh le d' chuilean feadh an fhraoich; 'S ra-mhath leagail choileach dhubh thu 'S tu cur car dhiubh air gach taobh. Tha mi sealtuinn ris gach bealach Biis gach glaic, is ris gach bruach Feuch am faich mi thu le d'ghunna Dian a ruith nam moigheach ruadh. Dearbh tha t-naisle ann ad' nàdur, Tha do bhlàth's a stigh fo d' sgeith ; 'S mise dh-fhaodas sin a ràidhtinn, Cha d' leig fàillinn orm fhein. Cha robh "Laird" no member "Parlamaid," No 'ni fear a b' fhearr dhiubhsan gu leir, Nach seasadh "Captain" MacArtair lamh rin, 'S b'e an "darling" measg nan ceud. Cha'n fhac thu bochdainn ann am fhardaich, 'S nam biodh fàillinn orm fhèin, Bheireadh tusa dhomhs' a d' phoca, Pairt de 'n stòras rinn thu fhèin. Gur a mise tha dheth cràiteach, 'S mi sealtuinn an aird gach taobh, Tha tim mar an eala bhàn dhomh, 'Bhiodh a' snàmh an lùb a chaoil. Gur a mise tha fo eislan, 'S ni' inntinn fhein a ruith cho luath; Tha thu mar aiteal na grèin dhomh 'Nam dhi èiridh as a chuan. 6 Chuir mi leat a h-uile blaths uam 'S guidh mi Dia nan gràs ga d'ghearrd, Ach fhuair mi'n diugh an sgeul a chraidh mi Fios do bhàs bhi an tir chèin. Cha'n ann do d'pheathraichean no d'bhràthair No do d'chairdean as do dheigh, A tha mise deanadh dànachd, Ach do d' chaoimhneas bhathais fein. Tha mo chridhe briste, briste, 'S trom an silteach th'air mo ghruaidh Bho 'n a fhuair do mhàth'r an litir Gu'n deach' a Criosan a thoirt bhuaip. Nuair a fhuair do mhàth'r an litir Thuit a cridhesa gu mòr, 'S mar a leugh i fein gu tric i Dh'fhalbh a misneach a's a treoir. Cha 'n 'eil saighdear thogas màilead Nach cuir slàinte as do dheigh Ga 'd thoirt sàbhailt thar an t-sàile Far am bheil do chairdean fhein. Tha thu clinteach anns na blàran Ged a tha iad laidir, cruaidh; Tha mo chridhe 'guidhe ghnath dhuit Dia nan gràs a bhi ma d' chuairt. Cha chum airgiod, 's cha chum òr thu Cha chum stòras thusa buan ; Ach gun cumadh Dia na glòir thu Ga d' thoirt beò dhuinn thar a chuain. Chunnaic mi an raoir mar sgàile Thu bhi tighinn sàbhailt thar a chuain Far am bheil do mhathair bhlàth-chridh'ch 'Bi a dh'araich thusa'd uan. Ged bu leamsa an Roinn-Eòrpa, 'S na tha stòras innt' gu leir; B' fhearr leam do phearsa shinnteach chomhnard A thigh'nn beò g'ar 'n ionnsuidh fhein. Gur a mise tha fo smalan Air a Bharran taobh nan craobh ; Cha'n fhaic mi tliusa air na beanntan, Le d'cheum bearraideach nach goill Gur a mise tha fo mhulad Air a mhuradh sileadh dheur Far 'n do chleachd thu bhi le d'ghunna Leagail thunnag air an leum.