AN GAOL A BHEIR BUAIDH, DEALBH-CHLUICH. le EACHANN M. MAC DHUGHAILL. Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, Clo-bhualadair, 47 Waterloo Street, Glascho. 1912. ROIMH-RADH. Is e glè bheag chluichean de 'n t-seòrsa so a chaidh riamh a dheilbh 'sa Ghàidhlig, agus tha mi an dùil gur ann bho chionn bheagan bhliadhnachan a chaidh na tha againn a chur ri chèile. Tha cuid de Ghàidheil car Samhach a thaobh nan cluichean so agus 'gan cur sìos mar dhìomhanas; ach ma tha iad a' dol a chuideachadh le aobhar na Gàidhlig, tha e ceart is freagarrach an dà chuid a bid 'gan deilbh agus 'gan cluich. Mar sin biodh "An Gaol a bheir Buaidh" a' dol air ¦dheann an rathaid, agus siùbhladh e sràidean a' bhaile mhòir agus, mar an ceudna, feadh ghleann is eileiuean ar gaoil an Tìr nam Beann. EACHANN M. MAC DHUGHAILL. Glascho. Am Màrt, 1912. An Gaol a bheir buaidh. DEALBH-CHLUICH. An Luchd-Cluiche. Eòghan Ruadh, - Fear an tighe. Fionnghal,.....Bean Eòghain. Seumas Mac Ailein, - Mac peathar do Fhionnghal!. Màiri Dhòmhnuill Mhic Iain, Cailin òg, shuairceil, bhanail. Sìne Nèill Bhàin, - Caile òg, leamh, leòmach. Calum Mac Uisdein, - - - Tàillear spaideil. Alasdair Saighdear, ----- Am Posta. An t-àite, - - Tigh Eòghain Ruaidh. a' cheud shealladh. Tigh Eòghain Ruaidh. (Tha Eòghan 'na shuidhe aig taobh an teine; tha Fionnghal a' cur air dòigh an eighe; Màiri aig cuibhill-shnìomh a' cuideachadh leatha; Sìne agus Calum a' tighinn a steach). Sine—Muire! Nach ann an so a tha an ùpraid. Co ris a tha fiughair agaibh, a bhean, nuair a tha sibh cho trang a' sgùradh, mar nach biodh agaibh ach an latha diugh gu bhi beò? Tha an tigh againne thall an sud mar gu'n tigeadh e air tìr air a' chladach; agus, ma tha, mo thogair. Fionnghal—Ma ta, ghaoil, cha 'n urrainn domh a ràdh gu'm bheil fiughair agam ri neach 'sam bith; ged tha Seumas Mac Ailein, mac mo pheathar, air an rathad a 6 An Gaol a bheir Buaidh. 'Stralia gu Lunnainn, co-dhiùbh a thig e dhachaidh an dràsda no nach tig. Ach cha mhisde tigh a chur an òrdugh ged nach tigeadh duine idir oirnn. Nach gasda an rud gu'm faod thu bhi eorna, co-dhiùbh a thig Tuath no Tighearna a'd rathad, do thigh a bhi grinn glan agus gach ni 'na àite fèin? Calum—Tha sibh ag ràdh na fìrinn, a bhean Eòghain; agus's e fear ur tighe tha gu maith dheth, a thigh a bhi dìonach, seasgair os a cheann, agus bhur leithid-se a' cumail luim air. Cha 'n ionann agus mar a tha mise, gun tigh, gun dachaidh ach mar a thogras gach bean-tighe'san dùthaich a thoirt domh—agus their iad fèin gur mòr am beud e. Ach cha bhi mise fada mar sin (agus e a' toirt sàl bho Mhàiri gu Sìne, agus a' cur uchdain air). Cha bhi mise fada gus an dean mi nead beag dhomh fèin, ma ghabhas e idir deanamh dhomh. EooHAN-Ud, mo bheannachd ort, a Chaluim ! Dh' aithnich mi fèin gu'n robh beagan spraic annad an dèidh na h-uile rud. Agus nach eil dithis agad an sin; agus dithis nighean cho gasda agus a tha eadar dà cheann an eilein; a bhàrr air sin, mnathan tighe gu'n cùl? Tha mise ag ràdh riut nach bu mhearachd tè 'sam bith de'n dithis. (Ni Sìne lachan gàire mar gu'm biodh i a' deanamh dìmeas air an tàillear. Cha'n abair Màiri guth; ach cromaidh i a ceann, agus leanaidh i air a h-obdir). Fionnghal—Tha am posta nuas am bruthach. Feumaidh gu'm bheil litir aige nuair a tha e tighinn an taobh so. (Sèididh Alasdair Saighdear, am posta, fhìdeag aig an dorus). Eoghan —A stigh, Alasdair. Dè do naidheachd as a' chlachan an diugh? Am bheil iomradh air a' chogadh mhòr ud a bha thu ag innseadh dhomh an là roimhe a bha ri bhi air bonn gun dàil? An Gaol a bheir Buaidh. 7 Alasdair—Cha do thòisich e fathast, Eòghain; ach tha mise ag ràdh riut gu 'n tig e, agus nach bi fada chuige. Tha toiseach na h-ùpraid ann cheana. Tha an Tuirc agus an Eadailt an amhaichean a chèile, agus tha, a nis, eadhon mìltean Shìona air dùsgadh, agus fuaim a' chogaidh air sgiathaibh na gaoithe 'n ear. Tha mise ag ràdh ribh gu'm bheil an coire air ghoil feadh an t-saoghail gu lèir; agus nuair a chuireas e thairis sgàldar cuideigin. (Am feadh a bhios Alasdair a' labhairt sìnidh e litir do Fhiontighail; agus bithidh ise 'ga leughadh). Fionnghal—O, tha Seumas an dèidh Lunnainn a ruigheachd gu sàbhailte; ach cha 'n 'eil e ag ràdh cuin a tha e a' tighinn dachaidh. Eoghan is Mairi, le chèile, is iad ag èirigh 'nan seasamh—Am bheil, gu dearbh? Alasdair—O, bhean Eòghain, am bheil sibh fèin ag ràitinn? Air tilleadh à obair an òir! Is ann aige-san a bhios an ulaidh a' tighinn! Is sibh fèin a' bhean shona nuair a thig e; agus is maith a thoill sibh nì 'sam bith a gheibh sibh; oir bu ghrinn, glan a thog sibh e nuair a dh' fhàgadh glè òg e. Ach is sona na sin an tè (agus e a' toirt sùl air Màiri) a gheibh air làimh e; oir js cinnteach gu'm bi tè aige air an ruith so. Bu sin an gille gasda, Seumas! Sine, a' teannadh air falbh rud beag bho 'n tàillear— Bha e {Fèin agus mise 'san sgoil còmhla; agus bha gu leòr aige mu'm choinneamh, cuideachd. Alasdair— Chi mi nach eil Màiri ag ràdh guth. Feuch nach bi sibh a' dol thai' a chèile, co-dhiùbh. Ach feumaidh mise bhi tarruing an dràsda. Slàn leibh air fad. (Theid Alasdair am mach). Eoghan—Slàn leat, Alasdair! Bha deagh naidheachd agad an diugh, co-dhiùbh. Calum—Is eiginn dòmhsa bhi falbh, cuideachd. Am bheil thu a' tighinn, a Shine? 8 An Gaol a bheir Buaidh. Sine, a' togail a cinn 's a' cur car 'na sròin—Coma leatsa co-dhiùbh tha no nach eil. Is aithne dhomh fèin an rathad nuair a bhios mi air son falbh. Eoghan—Ud, ud, a Shine! An ann mar sin a tha thu dol a dheanamh air Calum? Is ann a bha mise am barail gur ann a bha sibh a' dol a thoirt domh "crathadh nan cas" gun dàil. Ach tha coltach gu'm bheil car eile an adhairc an daimh an diugh. Cuimhnich gu'm bheil beagan airgid aig Calum; agus cha robh e riamh cho togarrach ri pòsadh 's a tha e 'san àm a tha an so, ma's maith mo bheachd-sa. Sine—0, cò a ghabhadh esan, 's e cho grànda dubh? Cha ghabhainn fèin e ged a bhiodh uiread fèin de òr m'a amhaich. Eoghan, ris fèin—Feumaidh gur e Seumas Mac Ailein a bhi a' tighinn dachaidh a thug an t-atharrachadh so mu 'n cuairt. Leigear a nuas am brat. An dara sealladh. Tigh Eòghain Ruaidh.—An la-rna-mhaireach. (Eòghan, Fionnghal, agus Calum an làthair). Mairi, a' tighinn a steach—Tha am posta a nuas an rathad, agus duineigin còmhla ris. A' Chuideachd uile—Air an t-saoghal, cò tha còmhla ris? Fionnghal—cha 'n eil fios agam fèin nach d' thàinig Seumas an diugh. Mairi—Is e Seumas a th' ann, cuiridh mi 'n geall! Calum, agus e ri tàillearachd—Feumaidh nach deach le Seumas an Australia cho maith is a tha daoine a' smaointinn, nuair a tha e a' tilleadh cheana. Ach (ris fèin), ma chaidh, tha mo chall-sa dèante. Sine, a' ruith a steach—Tha Seumas a nuas an rathad fcèmhla ris a' phosta! Saoil, mise, am bi a bheag da atharrachadh air bho na dh' fhalbh e. (Cuiridh i i fèin An Gaol a bheir Buaidh. 9 air dòigh, agus bheir i sùil an dràsd 's a rithist 'san sgàthan air a' bhalla). Calum—Ciamar a tha thu an diugh, a Shine ? Cha 'n eil umhail an diugh gu'm bheil do shean chàirdean fo sparran an aon tighe riut idir. Sine, 'ga sìor chur fèin air dòigh—0, tha gu maith, a Chaluim. Cha d' thug mi an aire dhuit idir. Cha'n eil do choltas fuathasach gaisgeil, co-dhiùbh, thall an sin cùl na snàthaide; agus cha ruigeadh tu a leas a shaoilsinn gu'n tugadh sùil nan òg-bhean an aire do thàillear nuair a tha gillean misneachail eile a' tighinn gu baile. (Bheir i an sim, sùil uaibhreach air a' bhrigis a tha Calum a' fuaigheal, agus tionndaidh i air falbh). (Thig Seumas a steach; cuiridh e fàilte chridheil air gach aon—Màiri an toiseach—agus pògaidh e piuthar a mhàthar). Eoghan—A dhuine, a Sheumais! Agus thill thu aon uair eile. Ciamar sin, a laochain, a tha thu bho na dh' fhàg thu sinn? Ach dè a ruigeas mi a leas a bhi feòraich! Nach eil gu maith. Agus tha do choltas ag innseadh sin. Tha thu dìreach air fàs ann ad dhuin-uasal; 's ann a tha thu! seumas~-dha robh aobhar gearain agam: obair gu leòr, agus slàinte is fallaineachd gu a dèanamh; agus nithean daonnan a' dol leam bho na dh' fhàg mi an rìoghachd! so. Eoghan—0, nach ann leat a bha, agus mo bheannachd. Nach ann a tha t' fhortan dèante; 's e tha! Sine—0, Sheumais, am bheil cuimhne agad nuair a bha sinn 'san sgoil còmhla? Nach b'ann againn a bha an latha dheth! Is sinne a bha mor aig a chèile! Agus ce air bith ciamar a bhiodh cùisean bhiodhmaide còmhla. Seumas—Tha, gu dearbh, a Shine! B'e sin an saoghal; ach chuir e car no dhà dheth bho 'n uair sin. 10 An Gaol a bheir Buaidh. Eoghan—Ach dè an seòrsa dùthcha a tha an Australia, a Sheumais? Am bi sibh a' buain mòna an sin? No am bi dad de iasgach a' dol air aghaidh ann. Seumas, a' dèanamh gàire—O, cha 'n eil aon seach aon diubh—far an robh mise, co-dhiùbh. Cha 'n eil anns a' chuid is mò de 'n dùthaich ud ach, an dara cuid, mach-raichean farsuing, coille dhòmhail, no fàsaichean teotha, loisgeach, cho teth is gu'm bheil cuid de aibhnichean— aibhnichean mòra, cuideachd—air an tiormachadh sua^ mu'n ruig iad cuan idir. Agus, a thaobh iasgaich, cha chluinn thu iomradh air—co-dhiùbh, far an robh mise; far nach faicteadh cuan, abhainn no loch mar cheudan mìle dhuinn. Eoghan- A dhuine, nach i an dùthaich i, da-rìreadh! Agus an t-òr, a nis, mar na sligean am bun gach baca! Seumas—Tha gun teagamh, beagan de 'n òr ann, Eòghain; ach (agus e a' deanamh gàire) cha 'n eil e uile gu lèir mar na sligean. Sine—Nach e a th'air fàs 'na ghille briagha! Feumaidh e dol leam gu thea gun dàil. Is iad mo mhàthair is m'athair a bhitheas toilichte fhaicinn! Fionnghal—Tha mi cinnteach gu'm bi an tigh so làn dhaoine an ceartair nuair a chluinneas iad bho 'n phosta gu'n d'thàinig Seumas. Sine—Gu dearbh, bithidh. Agus feumaidh mi fèin is Seumas ruidhle a dhannsadh mu'm falbh mi an nochd. (Suidhidh i an sin làimh ri Seumas, agus tòisichidh iad ri seanchas beag còmhla). (Thig an sin muinntir a' chlachain a steach aon an dèidh aoin; cuiridh iad fàilte air Seumas. Iarrar orra uile suidhe sìos. Gabhar an sin còrr òran: Sìne an toiseach—oran eutrom—aon de na fir an sin, oran fonnmhor eile, agus togaidh a' chuideachd am fonn, agus greim aca air làmhan a chèile. Iarrar an sin air Màiri òran a ghabhail. Cha'n eil Seumas air feadh an ama so a' toirt sùla air Màiri idir). An Gaol a bheir Buaidh. 11 Mairi—Cha 'n eil sunnd air Màiri gu òran a ghabhail ann. Eoghan—Ud, ud, a Mhàiri; an è nach gabh thu òran? Mairi—Ma tà, bheir mi dhuibh rann no dhà de "Fhear a' bhàta," ged nach eil mòran de shunnd òrain orm, ma thogas sibh fèin am fonn. A' chuideachd uile—Togaidh, gun teagamh. (Gabhaidh Mairi "Fhir a' bhàta." Iarrar an sin air Eoghan òran a ghabhail. Eiridh Fionnghal an sin fèin Om mach air ghnothuch eigin, agus gabhaidh Eòghan " Oran na Caillich." Tha e dìreach a' cur crìch air a' cheathramh mu dheireadh, nuair a thig Fionnghal a steach a rithist. Sguirear gu grad, agus èiridh a' chuideachd 'nan seasamh, agus theid iad 'nan cearcall air an ùrlar is togaidh iad am fonn air fad. Nithear an sin dannsadh no dhà—Seumas is Sìne daonnan còmhla. Thèid a' chuideachd ma sgaoil, agus falbhaidh Seumas dachaidh le Sìne. Thèid Eòghan am mach). Fionnghal, a' toirt Màiri a leth-taobh- Seadh, a Mhàiri, tha mi fèin an dùil gu'm bheil Sìne a' dol gu do thilgeadh a leth-taobh buileach. Bheir i Seumas as a thàthan mur a toir e an aire; agus feumaidh tusa a bhi smearail no caillidh tu e. Caillidh tu e, gun teagamh, a Mhàiri. Mairi—Ma chailleas, cha 'n eil cothrom air. Ma's fearr le Seumas Sìne, cha fhreagair e dhomhsa cur eatorra. Bha geallaidhean eadar Seumas agus mise, gun teagamh. Cha d' fhuasgladh iad fathast. Ach ma tha 'na bheachd-8an am fuasgladh, cha chuir mise bacadh air, ged a tha mo chridhe goirt. Agus, ma phòsas e fèin agus Sìne, 'ae mo dhùrachd sonas is sòlas doibh le chèile. (Cuiridh i a neapaicinn ri a sùilean, is tionndaidh i air falbh a h-aghaidh). Fionnghal—Cha 'n ann mar sin a bhitheas, a Mhàiri, te e airgead SheumaSfc a ftbja a dhìth air Sìne; agus cha 'n e e fèin. Cha 'n fhiach Calum tàillear an diugh bho na 12 An Gaol a bheir Buaidh. tha fear na's beartaiche ri aghaidh bualaidh. Ach cuiridh' mise cnag 'san toll ud, agus cha bhi fada ehuige. (Falbhaidh Màiri am much. Thèid Fionnghal mu na ceartaichean; agus an ceann tacam thig Seumas a steach). Fionnghal—Seadh, a Sheumais a nis, cha 'n 'eil againn ach sinn fèin an so an dràsda; agus is èiginn domh ceist shònraichte fheuraich dhiot. Seumas—Seadh, a phiuthar mo mhàthar; am mach leatha, ma tà. Is cinnteach (a' deanamh gàire) gur a ni cudtromach a th' air ur n-inntinn. Fionnghal—Am bheil a' bhean a' dol a bhi leat a' fàgail na dùthcha air an turus so? Seumas—Ma tà, bho na chuir sibh a' cheist orm, innsidh mi sin duibh gu saor. Bha 'nam bheachd innseadh dhuibh fèin agus do Eòghan co-dhiùbh; ach bho na bhrist sibh fèin air a' chùis, tha e cho maith. Cha 'n eil mi 'ga toirt leam an dràsda; ach tha mi fèin am beachd falbh a rithist gun dàil, agus mo chuid earrais anns an rathad iarrainn a reic, agus mo chuid airgid a thogail as a' bhanca; agus an sin, air dhomh tilleadh do'n dùthaich 60 a rithist, gabhaidh mi àite beag freagrach; agus, an sin, tha mi 'n dùil gu'm bi an tè cheart agam gun dàil. Fionnghal—Gle mhaith, a Sheumais; ach co i an te cheart? Feuch nach e do chuid airgid is beartais air am bi an tè a gheibh thu an geall; agus nach fàg thu 'sa chùil an tè a leumadh a'd ghàirdeanaibh ged nach biodh an còta slàn air do dhruim, agus ged nach biodh am fàirdean ruadh ann do phoca, fad's a bhiodh do chliù agad. Seumas—Seadh, ma tà, tha sin glè mhaith dhuibhse a ràdh; ach ciamar a gheibh mise sin am mach? Fionnghal—Bheir thusa cead dòrnhsa, a Sheumais, agus leigidh mise ris fa chomhair do shùl, co-dhiùbh is e do chridhe fèin no do stòras air am bheil na cruinneagan ri'm bheil thu strì, an geall. An Gaol a bheir Buaidh. 13 Seumas—Ghabhaibh romhaibh, ma tà. Ach feuchaibh, as uchd an Fhreasdail, nach eil sibh a' dol a dheanamh aimhreit. Fionnghal—Ro mhaith, a ghaoil, a Sheumais; 's ann air son do mhaith fèin a bhitheas e. Ach tha sud gu leòr an dràsda, tha mi cinnteach. Innis a nis domh rudeigin mu dheidhinn Australia. Co aige, a nis, a tha riaghladh do chuid airgid-se nuair a tha thu fèin an so? Seumas, a' deanamh gàire—Na cuireadh sin cùram air bith oirbh. Cha 'n fhaigh na mèirlich g'a chòir ged a tha mise an so. Tha mo chuid earrais anns an Great Inland Railway of Australia; agus tha mo chuid airgid shaoir anns an Australian Royal Bank: agus tha iad le cheile air am meas air cho cinnteach 's a tha 'san dùthaich idle gu lèir. Fionnghal -O, nach maith sin! 'S ann a bha eagal ormsa nach biodh gnothuiehean sàbhailte, agus thu fèin an so. Ach nach mise bha gòrach! Eoghan, a' tighinn a steach—Chi mi Peigi nam faoehag thall 'sa Phort Ruadh a' deanamh deas gu falbh gu Galldachd. Tha| i a' falbh do Ghlascho le làn cartach de uighean 's de fhaochagan am màireach. Fionnghal—Am bheil, gu dearbh ? Is ann a dh' fheumas mi a faicinn, ma tà. Tha gnothuch beag agam ri chur leatha gu bean Dhòmhnuill Mhic Iain. Falbhaidh mi a null dìreach an dràsda fèin, bho na tha ùine agam. (Falbhaidh Fionnghal). Leigear a nuas am Brat. An treas Sealladh. Tigh Eoghain Ruaidh. -Tri laithean 'na dheidh sud. (Tha Eoghan, Fionnghal, Seumas, Sìne agus Calum tàillear a stigh. Tha Sìne 'na suidhe làimh ri Seumas, •agus an tàillear 'na shuidhe a leth-oir). 14 An Gaol a bheir Buaidh. Fionnghal—Cha bu chòir do '11 phosta fèin a bhi fada gun nochdadh a nis : tha e suas ri ceithir uairean, shaoilinn. Seumas—Gu dearbh, cha bu chòir; agus tha fiughair agam fèin ri litir no dhà an diugh. Fionnghal—Ma tà, tha mi fèin mar gu'm biodh rudeigin a' dol a thachairt. Tha dòchas nach eil ni cearr air duine. Eoghan—Nach cluinn thu nis i ! Tha ise daonnan agus rudeigin aice 'san dàn. Nach eil fios gu maith gu'm bheil rudeigin a' dol a thachairt! Tha rudeigin a' tachairt na h-uile latha; agus nuair a thachras e oirnne, cha 'n eil ach gabhail ris nuair a thig e. Ach co-dhiùbh, tha am posta an so mu dheireadh. Alasdair, a' sèideadh na fìdeig aig an dorus agus a' tighinn a steach—So, a laochain, a Sheumais (a' sìneadh tòrr phaipearan naidheachd dha); cha 'n fhaod nach cum sin riut greis. Mur bitheadh tu fèin, is gann a b' fhiach dhomh dol do 'n Chlachan idir 'san t-saoghal a tha an so. Tha dà litir an so, cuideachd, agus tha telegram agam dhuit mar an ceudna. Fionnchal -A dhaoine, a dhaoine! Tha dòchas nach eil ni cearr. Seumas, a' fosgladh na grad-litreach agus 'ga leughadh —Tigh an Diabhoil! Dè an aon donas a chaidh cearr? Tha mise an diugh cho bochd ri Lasarus! Tha mise an diugh cho falamh's a bha mi an latha dh' fhàg mi mo dhachaidh. Eoghan—Dè, a laochain, a Sheumais, tha cearr? Ciod a thachair? Fionnghal—0, nach mise a dh' aithnich gu 'n robh naidheachd bhochd bho thaobheigin a' tighinn! Dè idir a tha cearr, a Sheumais? An Gaol a bheir Buaidh. 15 Seumas—Sin agaiblt i agus leughaibh fèin i. Cha 'n eil, a nis, ach tòiseachadh as ùr a rithist, agus mi deich bliadhna na 'a sine. Cha'n'eil a nis ach cur ri fharadh an taobh ceudna. Fionnghal, a' leughadh na grad-litreach—"GreatInland Railway failed, and Australian Royal Bank suspends payment; please advise. Cameron and MacMaster, writers." Och, och, a luaidh, is ann ortsa a thàinig i ! Eoghan—Ciod è tha sibh ag ràdh! An e gu "m bheil do chuid de 'n t-saoghal air a sgobadh bhuait a dh'f aona bheum! Seumas—'S ann ris a' sin a tha e coltach an dràsda, co-dhiùbh. Ach bu mhiosa na an t-amadan mise nach do reic gach ni agus nach do chuir mo chuid airgid an stoc am Breatunn. Calum Gu dearbh, bu tusa sin, a Sheumais (ris fèin). Is fearr am beagan a tiha agam fèin anns a' mhogan dhubh fathast na beartas mòr Australia. Bidh adhaircean fada air a' chrodh a bhios anns a' cheò. Sine, a' tarruing air falbh bho Sheumas agus a' tionndadh ris an tàillear—Nach e Mr. MacDonald a tha unfortunate^. Ach faodaidh nach robh uiread aige's a bha anns an ainm. Bha e pailt mòr as a chuid stòrais, co-dhiùbh; agus leigidh so fhaicinn dà gu'm bheil feadhainn eile 'na dhùthaich a tha cheart cho maith ris; agus ged nach faod a "bheag de 'n t-saoghal a bhi aig daoine an so, gu'm bheil na th'aca cinnteach agus onorach dhoibh. Cha 'n eil mi fèin a' faicinn gu 'in bheil ni coltach ri duine a bhi deanamh cosnaidh chinntich 'san dùthaich so fèin, mar a tha thu fèin an sin, a Chaluim. Tha do chuid cinnteach dhuit, co-dhiùbh. Calum—Tha thu ag ràdh na fìrinn, a Shine. Sine—Seadh; agus bu chòir meas a bhi air an fheadhainn a tha a' fantainn 'nan dùthaich agus a' dèanamh còmhnaidh le 'n cuideachd agus a' deanamh gu maith. 16 An Gaol a bheir Buaidh. Calum--Mo bheannachd ort, a nis! (Ris fèin) Feumaidh nach robh i ach a' leigeil oirre gu 'n robh i a' dol g' am fhàgail. Co-dhiùbh, tha a sùilean air am fosgladh a nis. Sine—Cò tha falbh? Tha an t-àm agamsa bhi deanamh air an tigh. Latha maith leibh uile. Latha maith leat, a Mhr. Mac Donald. Calum—Fàgaidh mi a null pios de 'n rathad thu, ta Shine, ma leigeas tu leam. Sine—0, nach tu tha iriosal an diugh. Coisich, ma tà, is ruig an Sruth Bàn leam. Sine is Calum—Slàn leibh uile. Sine—Latha maith leat, a Mhr. Mac Donald. Eoghan is Fionnghal—Slàn leibh; slàn leibh. (Cha'n abair Seumas guth, is e 'na shuidhe aig a' bhòrd 's a làmh fo cheann. Falbhaidh Sìne is Calum, agus cath seanchais aca; agus ni Sìne gàire cridheil an dràsd's a rithist). Fionnghal—Seadh, a Sheumais, an d' thug thu ni fain-ear? Is fìor an ràdh e: "Cha.'n eil bàs duine gun àgh duine." Is ann air an Tàillear a tha am meas an diugh, dia 'n 'eil mòran mu d' choinneamh-sa bho na chaill thu an t-airgead. Seumas—Leigibh leam; leigibh leam! As uchd an Aigh, leigibh leam! (Thig Màiri a steach, 's i a' gabhail luinneig òrain). Mairi—Dè tha cearr oirbh uile? 'S ann a tha aodann cho fada oirbh 's ged a bhiodh bhur binn air a' toirt am mach. (Bheir i an sin an aire do chòmhdach na grad-litreach air a' bhòrd). 0, telegram\ Am bheil ni cearr? Fionnghal—Tha, mo ghalad, ged nach eil bàs ris— taing do 'n Fhreasdal. Tha Seumas an dèidh telegram fhaotainn leis a' phosta. Ach innsidh e fèin duit dè a th' innte. An Gaol a bheir Buaidh. 17 Mairi, a' tionndadh ri Seumas—Ciod a tha cearr,