LAOIDHEAN CAITLIGEACH AIRSON CHLOINNE. LE CEAD AN EASBUIG. OBAN: Pbinted at the " Oban Tikes " Office, Ksplanadk. 1889. r>oraboaLL raaccoRraaig AN AIFRIONN. 1. Homh 'n Aifrinn. A Dhia, thoir dhuinn na gràsan 'Bhith cuimhneach co tha 'làthair; 'Bhith cuimhneach air an Iobairt A thairg Thu uair do Bhàis. 'S ionann là a' cheusaidh Is Aifrionn naomh an àigh, 'S ionann Uan nan Iobairt,— Mac Mhoire mhìn nan gràs. Tha sinne 'so gu d'aoradh 'S gu d'mholadh mar is còir, Gu taing thoirt dhut, 's gur Honor Na gibhtean 'chuir thu oirnn. Tha sinne 'g iarraidh trocaire Mu'n ditear sinn's a' mhòid; Gabh truas ri peacaich bhochda, 'S an anmannan fo bhròn. 'Si an Aifrionn Iobairt Iarrtais A dh'orduich Dia dha fhèin, Gu fuasgladh air gach duine Dh'iarradh fuasgladh n' a fheum: Tha sinne, 'Dhia, ag ùrnaigh Thu dh'fhuasgladh oirnn gu lèir 'N ar n-aineolas, 'n ar bochduinne, 'N ar n-euslaintean's 'n ar creuchd. 'S na caoraich bhochd as aonais A' chrò a choisrig Dia, Na creidich 'dol gu breitheanas, 'S am bàs 'toirt bhuap' an ciall, '3 na h-anmannan dìleas Nach do dhiol tur am fiach, Seall air fuil an Uain ghil Is fuasgail orra 'Dhia. #. Aig "Gonfiteor" is "Kyrie." Tha mi 'g aideachadh mo lochdan, 'Choisinn corruich dhomh bho Dhia, Is tha an t-aithreachas 'g am lèonadh Thaobh gach olc a rinn mi riamh. Thug Thu mathanas do'n ostal, Ceannard air an da-fhear-dhiag; Orms' dian trocair 'thaobh na dhòirt Thu Dh'fhuil gu m'dhobheairtean thoirt dhiom. 3. Aig an t-Soisgeul 's a' Chreud. Tha sinn 'seasamh aig an t-soisgeul Gu bhith deas gu 'chur an gniomh; Cha toir nàire no eagal oirnne 5 Cùl a chur ri creideamh Chriosd.' 'S daor a cheannaich Mac na h-Oighe An creideamh glòrmhor's ro-mhòr fiach ; Cha choimeas idir luach an òir Ris an fhuil a dhòirt o 'chliabh. 4, Aig cm Tairgse 's an " Lavabo." Chi mi aran air an Altair, 'S anns a' chailis chi mi fion; Bi'idh iad air an tionndadh fhathasd Gu fior chorp is fior fhuil Chriosd. Nigh mo chridhe, fàg gun smal e,— 'S Honor lochd bh'air m'anam riamh ; Ach, ma's àill leat, ni Thu m'ghlanadh, Chionn tha'n comas agads,' Ios'. 5. Aig an " Sanctus." Is naomh, naomh, naomh Thu, 'Thighearna Dhia nan slògh Tha neamh is talamh làn De d'mhòrachd is de d'ghlòir. 6. Aig "Memento" nam beò. Beannaich an Eaglais is beannaich am Pàp, Beannaich ar n-easbuig is beannaich a' chlèir, Beannaich ar pàrantan, beannaich ar braithrean, Beannaich ar càirdean's ar naimhdean gu lèir. 6 7. 'Nuair a bhuaileas an clag romh àm a' Choisrigidh. Smaointean fuadain cuir air chùl, Crom do cheann is lùb do ghlùn ; Oir tha an Ti a'tighinn dlùth, An Ti a's mac do Righ nan dul. 8. Aig a' Choisrigeadh, Fàilte dhut, Annlainn uasail! Fàilte dhut a Chuirp a cheusadh ! A dh'fhuilig geur dhòruinn gu'r saoradh. 'Chuirp Mhic Dhe, di do bheatha! Bhona's Tu Righ gach rath 'S Tu an neart nach crion Fad thràth bi-bhuan; Fuasgail oirnn 'n ar n-airc a nis' Agus dion sinn aig uair a' bhàis. Amen. Fàilte dhut, fior-Fhuil uasail! 'Dhòrtadh a nuas a creuchd an Tighearna ! A chaidh's a' chroich airson an duine, 'S a dh' f huilig a thaobh a tholladh, 'S a shil tonna fala! A Mhic ionmhuinn, cuir h-ugainn do ghràsan, Agus dion sinn aig uair a' bhàis. Amen. 9. Eadar àm a' Choisrigidh 's a' Phaidir. Glac, a Thighearn, 'an Iobairt uasal, 'N Iobairt fhior-ghlan, 'n Iobairt luachor— Uan do ghràidh-sa—an deagh bhuachailP ; 1 'S beannaich a threud 'tha 'n so mu'n cuairt da. Na h-anmannan bochd's an dòrainn, Mùch an " teine 'tha 'g am fiachainn " Anns na tonnan fala 'dhòirt thu, " 'S dearrsadh orra solus siorruith." 10. Aig a' Phaidir. Ar n-Athair a tha air neamh,