Litrichean Alasdair Mhoir le Iain N. Macleoid Oifis "Cuairtear Steornabhaigh," 18 Sraid Choinnich, Steornabhagh. 1932. Roimh-radh. Tha corr agus coig bliadhna diag bho h thoisich mise ri sgriobhadh nan litrichean seach-duineach so gu "Cuairtear Steornabhaigh," agus 'a beag a bha dhuil agam-sa, an uair a chuir mi a' chiad litir air blar, gu leanadh an oidhirp cho fada. Thug sgriobhadh nan litrichean so toileachadh mor dhomh fhein a chionn gu robh mi deanamh luaidh air daoine agus mnathan a bha 'n an dluth chairdean dhomh riamh bho 'n chuir mi eolas orra an toiseach. Tha a' chuid mhor de na litrichean ag aithris mu nithean a thachair, no a dh' fhaodadh tachairt, an eilean Bhearnaraidh, agus b'e mo mhiann an comhnuidh a bhi cur an clo gach seanachais, nuadh agus sean, air am biodh na seann daoine toirt tarruing's an tigh-cheilidh. 'S docha ged nach saoilear moran an diugh de'n iomairt sin, gu'n tig an latha anns an cuir na seanachasan sin beagan soluis air rian an tigh-cheilidh—seann Pharlamaid a' chlachain Ghaidhealach. Tha mi smaoineachadh gu bheil e ceart gu'm biodh co dhiu roinn araidh de 'n rosg Ghaidhlig a tha air a chur an clo an diugh ag aithris mu nithean a bhuineas do ar latha fhein, eadhon ged nach biodh smuaintean moralach no arsaidh am vi. roimh-radh. fochar an sgriobhaidh sin. Feumaidh sinn fhoillseachadh do'n t-saoghal gu bheil Gaidheil fhathast anns a' Ghaidhealtachd aig a bheil am bith agus am beatha an co-chomunn ar canain, agus gur h-ann troimpe tha uile iomairtean am beatha air an cur an ceill. 'S e sin a bha mise cumail an comhnuidh fo m' chomhair anns na litrichean so, agus tha fhios agam gur h-e bhi deanamh iomraidh air daoine agus air mnathan a tha chomhnuidh an eilean Bhearnaraidh, a thug a leithid de thoil-inntinn speiseil do m' luchd-leughaidh a tha air an aineol an tirean cein, far an toir iomradh air na seann eolaich gathan solais gu an cridhe. Fhuair mi iomadh dearbhadh bho luchd-leughaidh a tha air an sgapadh bho speuran coimheach gu robh na litrichean so 'g an giulan car tiota air sgiathan an aoibhneis gu Eilean an Fhraoich gu bhi an co-chomunn spioraid ri an luchd-daimh gradhach a dh' fhag iad as an deidh. 'S iomadh uair a thug sin aoibhneas agus misneach ur dhomh-sa an uair a bhiodh mo pheann gu math tioram, agus cha diobair mi gus an fheudar. 'S iad na litrichean a sgriobh mi anns na bliadhnaichean 1917 agus 1925 a' chuid is motha tha anns an leabhar so. Tha iad air an cur an clo direach mar a dh' fhoillsicheadh iad anns a' phaipeir. Airson obair a' chlo-bhuailtear a dheanamh beagan na's soirbhe, 's e gle bheag de phongan—comharraidh a chuir mi air na foghair- roimh-radh. vii. ean's a' chlo, agus tha mi' n dochas nach toir sin ana-cothrom sam bith do 'n leughadair. Tha mi ro mhor an comain an t-Ollamh Mac Leoid an Inbhir-nis airson a choibhneis ann a bhi sgrudadh nan litrichean, agus airson an teachdaireachd shnasail a sgriobh e aig toiseach an leabhair. Fhuair mi gach misneach agus baigh bho fhear-dea8achaidh "Cuairtear Steornabhaigh" anns an oidhirp so, agus tha mi toirt buidheachais dha airson sin. 'S e mo dhurachd gu'n toir an leabhar so beagan toileachais do gach neach a leughas e, agus gu'm bi e 'n a mheadhon air speis do 'n Ghaidhlig altrum an cridhe nan Gaidheal. Alasdair Mor. Tigh-sgoil© Chnuio-bhain, Sgire-Mhoire, Inbhir-nis. 10 de'n Mhart 1932. Sanas Tha sia bliadhna diag pailt a nis bho 'n chuir Caraid nan Eilean, Alasdair Mor còir, a mach "Bardachd Leodhais," co-chruinneachadh ciatach de dhàn is oran a thaitinn ro-mhor ri Gaidheil an Alba is thar chuan. 0' n am sin cha deachaidh seachduin seachad nach tug e dhuinn litir Ghaidhlig ghasda am paipeir—naidheachd Steornabhaigh, a bha 'n a mheadhon gu sonruichte air an dachaidh is cuisean nan eilean, a chumail fo shul chairdean air feadh an t-saoghail. Is tric tha litrichean 'g a ruigheachd a Canada, Australia is New Zealand, sgriobhta an Gaidhlig, is ag iarraidh air na litrichean aige fhein a chlo-bhualadh an leabhair chum gu'm bi iad deiseil ri 'n laimh airson urachadh d' an inntinn is d' an spiorad. 0 chionn ghoirid runaich Alasdair so a dheanamh agus so agaibh clach eile aige air a chur an carn-litreachais nan Gaidheal is gu h-araidh nan Eilean d' an buin e. Ma tha run seach run an cridhe Alasdair 's e bhi labhairt, sgriobhadh, no 'g eisdeachd na Gaidhlig, agus chi gach neach 's an leabhar so is sanas. anns gach oidhirp-sgriobhaidh eile a tha againn bho a inntinn mheanmnaich gur fior Ghaidheal e gu chul. Tha e ro-fhreagarrach gu faigheamaid o 'n laimh a chruinnich uiread de bhardachd nan eilean, toradh a chnuasachaidh an rosg. Rannsaich Alasdair gach cùl is cial bho Cheann Bharraidh gu Rudha Robhanis, fhuair e eolas air gach aite is gach cleachdadh ur is sean 's an Eilein-Fhada, is ma fhuair e urram is speis bho cho-Ghaidheil, is geal a choisinn e iad. Tha e nis an so a' craobh-sgaoileadh aireimh de chuid litrichean a thagh e gu curamach. An neach a shireas toil-inntinn agus aig a bheil speis do nithean dachaidheil, gheibh e iomradh a chordas ris 's an leabhar so. Ma tha naidheachdan an tigh cheilidh a dhith air neach gheibhear-an so iad agus sin an Gaidhlig ghlan nan eilean a tha nochdadh gnaths-cainnte ghnetheil a tha ro-thearc 'n ar latha-ne. Bithidh an leabhar a tha so feumail fada an deidh linn Alasdair Mhoir— 's e sin a runaicheadh e fhein—airson gach boillsgeadh tha e toirt seachad air doighean, air smuaintean, air cleachdaidhean, is air canain a dhuthcha. Fasaidh an leughadair eolach air Fear-Bhear-naraidh, air Calum Sheorais, air Calum Ruadh nach maireann, air Sine is Bean Bhill, air Barraich, Uibhistich is Eileanaich air fad, is cha sanas. xi. mhisd e sin. Agus eadar da cheann an'leabhair chan fhaigh neach ni sam bith a bheir oilbheum dha. Tha feum air leabhraichean Gaidhlig de' n t-eeorsa so an diugh air an sgriobhadh gu cothromach an rosg shnasail agus a tha a' cumail greim air nithean a bhuineas do 'n linn againn fhein cho math ris na linntean a dh' fhalbh. Tha mi 'g a mheas 'n a urram gu'n do dh' iarr Alasdair, ar caraid, orm an roimh-radh beag so a' sgriobhadh is tha e toirt toileachais ro-mhor dhomh sin a dheanamh. Cuireadh gach fear a lamh an cliabh Alasdair is gheibh e a rogha de liabaig as. Mar sin chan fhan mi na's fhaide "mar chloich an ionad cabaig," ach co-dhunaidh mi leis an dochas gu' m bi leabhar Alasdair an lamhan gach Eileanaich bhos is thairis an uine ghoirid. Domhnull S. Mac Leoid Clar-innse. page Roimh-radh ............ ...... v. Banag ... ,............. ...... ix. Na Deaconan Boirionn ...... ...... 1 Paipear Gun iSearmon......... ...... 4 Am Biadh Againn Fhein ...... ...... 7 Eaglaisean Nan Organ ...... ...... 10 A' Ghaidhlig Anns na Sgoilean ...... 13 Cagar-Athair ............ ...... 16 Fois Na Sabaid ............ ...... 19 Na figriobtuirean............ ...... 22 Obair An Earraich ......... ...... 26 8griob Bho'n Tigh—I.......... ...... 38 Sgriob Bho'n Tigh—II. ...... ...... 31 8griob Bho'n Tigh—III....... ...... 34 Sgriob Bho'n Tigh—IV....... ..... 37 Sgriob Bho'n Tigh—V. ...... ...... 41 Sgriob Bho'n Tigh—VI. ...... ...... 44 Sgriob Bho'n Tigh—VII....... ...... 48 Sgriob Bho'n Tigh—VIII....... ...... 52 Sgriob Bho'n Tigh—IX. ...... ...... 56 Sgriob Bho'n Tigh—X.......... ...... 58 Sgriob Bho'n Tigh—XI. ...... ...... 62 8griob Bho'n Tigh—XII....... ...... 66 Sgriob Bho'n Tigh—XIII....... ...... 69 Buachailleachd A' Chruidh ...... 73 Tea Gun Siucar ......... ...... 76 Orduighean Steornabhaigh ... ...... 79 Sine .................. ...... 82 Uair an Tighearna ......... ...... 86 Gog Agus Magog ......... ...... 89 clar-innse. PAGE An Nollaig ............. ..... 98 Bliadhna Mhath Ur .......... ..... 96 Cuinn Sine ............. ..... 99 Bodach Bharraidh—I. ....... .....102 Bodach Bharraidh—II. ....... .....107 Bodach Bharraidh—III. ....... ..... Ill Bodach Bharraidh—IV. ....... .....115 Bodach Bharraidh—V. ....... .....119 Bodach Bharraidh—VI. ....... .....123 Bodach Bharraidh—VII........ .. . ... 127 Bodach Bharraidh—VIII........ .....132 Bodach Bharraidh—IX. ....... .....136 Bodach Bharraidh—X. ....... .....141 Bodach Bharraidh—XI. ...... .....146 Bodach Bharraidh—XII....... .....150 Bodach Bharraidh—XIII....... ... 155 Bodach Bharraidh—XIV....... ... 159 Drip an Earraich ......... .....162 Mod Steornabhaigh—I. ...... .....166 Mod Steornabhaigh—II. ...... .....170 Mod Steornabhaigh—III. ...... .....174 Mod Steornabhaigh—IV. ...... ..... 179 Mod Steornabhaigh—V. ...... .....183 Calum Cille—I............. .....186 Calum Cille—II. ...... ...... 191 Calum Cille—III.......... ...... 195 Calum Cille—IV. ......... ...... 199 Calum Cille—V. ......... ...... 203 Calum Cille—VI. ......... ...... 207 Calum Cille—VII......... ...... 211 Calum Cille—VIII.......... ...... 214 An Imrich Chuain ......... ...... 218 Na Balaich Againn Fhein ...... ...... 222 Na Cruinnichidhean Gaidhealach ... ...... 225 Coinneamh Bhliadhnail Comunn Leodhais Agus Na H-Earadh (1925) ...... ... 230 Turus-Cuain Turus-Cuain Turus-Cuain Turus-Cuain clar-innse. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—I. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—11. "Reult Na Mara"—III. 'Reult Na Mara"—IV. "Reult Na Mara"—V. "Reult Na Mara"—VI. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—VII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—VIII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—IX. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—X. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XI. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XIII. Tuius-Cuain "Reult Na Mara"—XIV. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XV. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XVI. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XVII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XVIII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XIX. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XX. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXI. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXIII. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXIV. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXV. Turus-Cuain "Reult Na Mara"—XXVI. Aonadh Nan Eaglaisean ...... Am Mormr T.everhulme...... Na Fasanan Ura ......... Cor an T-iBaoghail ......... Sine 'S An Fhasan—I. ...... Sine 'S An Fhasan—II. ...... Na Puirt Aig Sine ......... Carbad-Oladh Neill Alasdair Clann-Nighean An Sgadain ...... Mac An Sgrios ............ Sith Agus Deagh-Ghean ...... XV. page . 235 . 239 . 244 . 248 . 252 . 255 . 259 . 264 . 268 . 271 . 276 . 280 . 284 . 289 . 293 . 298 . 303 . 308 . 312 . 316 . 320 . 324 . 329 . 333 . 337 . 342 . 346 . 351 . 355 . 360 . 363 . 367 . 371 . 376 . 3B0 . 384 Litrichean a Bearnaraidh. NA DEACONAN BOIRIONN. A Dhuine Chridhe, Chaidh mi suas gu tigh an tailleir an latha roimhe fiach an robh naidheachd 's an oifis air a' chogadh, agus nach ann a thuirt b'ial an tailleir fhein rium gu robh sibh air paipear -naidheachd airson Leodhais a chur air chois agus gu'm biodh Gaidhlig ann. Mur a biodh nach d' fhuair mi 'n taillear briagach riamh ann an aon fhacal, cha chreidinn e, ach tha mi nise faicinn a' ni le mo dha shuil. Bu sibh fhein an curaidh agus is iomadh Leodhasach aig an tigh, agus an tirean cein a bheir a sheachd beannachd oirbh airson meadhoin a thoirt dhoibh air naidheachdan gach sgire 's an eilean fhaicinn cho grinn gasda agus a tha iad an "Naidheachdan Steornabhaigh." 'S nach sibh a bha ciallach, tha searmon agaibh ann cuideachd. Feumaidh gu robh fhios agaibh gu robh sinn deidheil air a bhi sgrudadh shear-monan. Sinne tha sin, agus tha mi gle chinnteach nach'eil eilean eile anns a' Ghaidhealtachd anns a bheil uibhir de dhaoine 's de mhnathan a Litrichean . a Bearnaraidh. Sgriobtuireil agus a tha againn an eilean Leodhais. Bithidh mi-fhein agus Aonghas Ruadh a' leughadh Jia h-uile facal de na searmonan, agus bithidh sinn 'g an cagnadh cuideachd, ach ged a tha cuid aca na 's tiorma na cuid eile, gun teagamh sam bith mar thuirt Aonghas rium direach an raoir fhein, tha "freumh a' ghnothuich" annta uile, agus's e sin a ni iad feumail. Bha mi-fhein gle dhona le cas ghoirt bho chionn seachduin. Bha duil agam gur h-e miala-criona bh' innte, ach 's mise bha air mo mhealladh. Chaidh mi far an robh an duine coir; Tomas Mac Eanruig, 's a' Chreag Mheadhonach, agus thug e dhomh ioc-shlaint bhuidhe ann am bocsa beag geal, agus dh- iarr e orm a suathadh ri mo chois, moch is-anmoch, agus chan'eil ni orm a nise. A dhuine chridhe, sinne bu chòir a bhi taingeil do'n duin' ud—'s iomadh neach air an d'rinn e furtachd bho'n a thainig e air tir aig ceann an rathaid an toiseach. Tha e cho sgileil ri lighiche' 'n Dun-eideann, agus cho suilbhire gasda timchioll air uile. Cha b' urrainn mise moran comhraidh a dheanamh- ris ann aoh tha e 'g ionnsachadh- na Gaidhlig a nise, agus chan fhada gus am bi e cho fileanta 'n a labhairt rium fhein. Chan'eil eilean Bhearnaraidh ach dubhach bronach am bliadhna. Cia mar nach bi e mar sin, agus na balaich bhochda b' abhaist a bhi deanamh cridhealais ann ar bailtean, an sas an claisean- Litrìchean a Bearnaraidh. 3 cogaidh na Frainge, agus cuid aca air an iobradh cheana airson firinn agus ceartais. Nach bronach an latha thainig oirnn, ach bithidh mi-fhein a' smaoineachadh an deidh gach foirneirt a rinneadh le ar namhaid ghuinich, gu luathaich so an latha 's am bi sith agus sonas a' riaghladh gu brath eadar rioghachdan na Roinn-Eorpa. Feumaidh sibh innse dhomh am bheil Gaidhlig agaibh fhein. 'S mor a b' fheairrde sibh i bhi agaibh, an uair a gheibheadh sibh litir mar so air a droch sgriobhadh bho bhodach ann am Bearnar-aidh. Tha Ghaidhlig a' togail a cinn a nise, agus 's math sin. 'S iomadh uair a bhios mi-fhein a' smaoineachadh mur a biodh gu robh i treun tapaidh gur fhada bho 'n a bha a naimhdean dubha, na Sasunnaich, air an rung mu dheireadh a thoirt aisde, ach taing do Dhia, cha bhasaich i am Bearnaraidh 'n ar latha-ne co dhiu. Bheil fhios an e an fhirinn a th' ann gu bheil iad airson deaconan a dheanamh de na boirionn-aich a nise. Chan ionghnadh idir ged a bhiodh cogadh ann, ma tha sin fior. Ged a thuirt mi sud, chan e nach math a dheanadh Mairsili Thomais agus Una Breabadair deaconan, agus's ann dhoibh fhein a leighte sin, ach an latha chi mise deaconan boirionn am Bearnaraidh, cha sheas mo chas's an eaglais. Deanadh iad an rud a thogras iad an Glaschu, Litrichean a Bearnaraidh. ach tha diu na 's motha na sin againne do'n aobhar an Leodhas, na gu'n cuir sinn boirionnaoh a sheas am bròig timchioll a chruinneachadh nam bonnacha-sia. Mise, le muirn, Alasdair Mor. PAIPEAR GUN SEARMON. A Charaid Choir, Bha fior eagal orm fhein air an t-seachduin so nach fhaigheamaid "paipear an druggist'' leis cho stoirmeil agus a bha e, ach's e duine treun tapaidh a th' ann an Donnchadh Challanis, agus rinn e ceann an rathaid dheth co dhiu, ach 's mor m' eagal nach b' urrainn e dhol na b' fhaide an latha ud — bha e stoirmeil stoirmeil. Bha am paipear agaibh fior mhath agus taitneach, lan de naidheachdan Leodhais, ach dh' ionndrainn sinn an searmon air an t-seachduin so. 'S gann a bha mo charaid Tomas air an t-sreang a thoirt dhiubh an uair a chaidh mo bhana-charaid, Eilidh, suas a cheannach aon airson an t-searmoin, agus abradh sibh-se gu robh i tamailteach 'n uair a chunnaic i nach robh facal spioradail eadar da Litrichean a Bearnaraidh. 5 chlar a' phaipeir. Cha dean e math dhuibh a bhi toirt an car a daoine tric mar sud, ach 's docha nach b' urrainn sibh a leasachadh. A dhuine chridhe, 's mi bha duilich fhaicinn nach robh mo sheann charaid, Padruig Iain Ruairidh an Glaschu, a' cumail gu math. B'e fhein am ministear foghainteach soisgeulach nach sòradh gach uallach a ghabhail a b' urrainn e, agus 's e sin a dh' fhag bho fheum an drasd e. Bha e 's a' Bhruaich bliadhna's mi ann aig an iasgach, agus sinne fhuair na searmnan, agus bha e cho carthannach cairdeil daimheil gu h-araidh ri muinntir Leodhais. Tha mi'n dochas gu'm bi e air a chasan a rìs an uine ghoirid, agus nach fhada gus am bi e air orduighean Steornabhaigh. 'S mise bhiodh uallach a' dol a null g' a eisdeachd. Chan'eil fhios agam nach fhaic sibh mi-fhein ann an Inbhir-pheofharain bho chionn ghoirid. Tha mi call an radhairc gu mor, agus thuirt mo charaid coir, Mac Eanruig, rium gu'm bu choir dhomh speuclaran fhaighinn air an deanamh air mo shon fhein, agus tha e 'g radh gu bheil buth speuclaran agaibh anns a' bhaile. Bha mi fiachainn speuclaran an tailleir orm an de, agus chi mi ciatach leotha, 's tha mi airson paidhear coltach riutha fhaighinn, ach fuirichidh mi gus am bi gnothuch aig Calum Ruadh ann—'s math leam duine turail eolach a bhi comhla rium a chumas mi gun a dhol air an t-seacharan. Chi sinn sibh co dhiu, 's ma bhios blasad eisg a' dol, bheir mi Litrichean a Bcarnaraidh. leam na chuireas 'ur miann dhibh, ged a b'e sgait ghoirt fhein e- -cha b'i bu taireile ,na'm biodh am buntata pailt. Nach mor ua th'agaibh de cheannaichean Steornabhaigh anns a' phaipear. Feumaidh gur mor an toileachas a bheir na h-ainmeanan ud do mhuinntir Leodhais thall thairis. 'N uair a chi iad buth Dhomhnuill Uige, buth Sheumais Chaluim, buth Dhomhnuill Alasdair, buth Iain Lachluinn, agus buth Chaluim Sgitheanaich, anns a' phaipear agaibh, saoilidh iad gu bheil iad air an ais air an seann eolas aon uair eile, agus cuiridh e iomadh rud 'n an cuimhne. Bu choir dhuibh fiachainn ri ceannaichean na duthcha fhaighinn '3 a' phaipear cuideachd. Tha gu leor dhiubh anns gach sgire agus moran aca deanamh gle mhath am bliadhna. Tha eagal orm gu'n d' thuirt mi cus mar tha. Tha fhios agam gu'm bi sibh an comhnuidh dripeil' ach thuirt 6ibh fhein rium gu'm bu toil leibh naidheachdan Bhearnaraidh a chluinntinn. Leis gach durachd airson gach deagh shoirbheachadh. Mise, gu dileas, Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 7 AM BIADH AGAINN FHEIN. A Charaid, mo run, Bha e gle mhath dhuibh gu dearbh litir thaingealachd a chur do m' ionnsuidh airson an oidhirp bhig a rinn mi air sgriobag Ghaidhlig a chur thugaibh. Sheall mi an litir do'n taillear sna latha fhuair mi i, agus bha esan ag radh nach b' urrainn nach e smior an duin' uasail a bh' air chul a' phinn a sgriobh i. Fhuair sinn naidheachd dhuilich 's an eilean so air an t-seachduin so chaidh. Bhathadh dithis ghillean cho sgairteil agus a bha eadar da cheann an eilein anns an luing mhoir ud a chuir na Gearmailtich sios faisg air Eirinn. 'S iomadh cridhe goirt a dh' fhag an cogadh ma tha an eilean Leodhais, ach, saorlidh sinne gu bheil na buillean na's truime an uair a tha iad a' tighinn cho faisg air na teineachan againn fhein, agus a' gairm as ar measg fiurain thapaidh air an robh sinn cho colach. Tha 'a Sgriobtur ag radh ged dh' iathadh lamh mu laimh nach teid an t-aingidh as gun pheanas, agus tha fhios aig Dia agus daoine gur h-e cumhachd Shatain a tha air chul innleachdan iutharnail nan Gearmailteach, ach tha latha feitheamh orra anns a feum iad sleuchdadh agus an iodhalan a thilgeadh uatha gu tur. Nach luathaicheadh E an latha sin. O nach iomadh rud neonach a thug an cogadh a 8 Litrichean a Beamaraidh. th' ann am follais. Nach e sinne tha faicinn agus a' cluinntinn nithean ris nach robh duil againn fhad 's a bhiodh ar mullach air an talamh. Chrom mi sios gu tigh Aonghais Ruaidh an oidhche roimhe, agus an uair a chaidh mi steach bha e leughadh paipear-naidheachd a fhuair e a Steornabhagh an latha sin fhein. Nach ann a bha e a' leughadh an sin gu'n do chuir a' Pharlamaid againn fear de na Morairean air leth airson biadh na rioghachd a riaghladh air chor 's nach biodh daoine 'g ithe cus. Chan fhaod duine barrachd air tri seorsachan a bhi aige air a dhinneir agus chan fheum duine feoil a bhlasad ach aon latha 's an t-seachduin co dhiu, direach mar a tha na Caitlicich a' cleachdadh. Nach ann oirnn a thainig an latha, 'n uair a b' fheudar dhuinn a bhi cogadh còrr is da bhliadhna ris na Gearmailtich mu'n deachaidh a dhearbhadh oirnn gu robh sinn ag ithe agus ag ol barrachd air a' chòir. Tha mi-fhein a làn chreidsinn gu bheil sinn uile 'g ithe cus gun teagamh, agus thuirt mo charaid, Tomas nan Ioc-shlàintean, rium gu robh barrachd mor air am marbhadh an diugh le bhi 'g ithe gu neo-stuama, na bha basachadh leis a' ghorta. Tha mi-fhein a' cur coire mhor air an tea dhubh air a bruich agus aran cruithneachd nam buintean, agus gach treamasgal eile gun bhrigh a tha daoine 'g ithe an diugh. An uair a bha mise og am Bostadh bha sinn uile tighinn beo air fior thoradh Litrichean a Beamaraidh. 9 an fhearainn, mar a bha Israeil bho shean, an uair a fhuair iad sealbh air tir a' gheallaidh. Bhiodh aran eorna agus coirce againn, pailteas bainne is ime; iasg ur agus bonnach-gruthain, agus feoil an uair a b'urrainn sinn. Cha robh tea dol mur a biodh i an tigh Iain Domhnullaich 'sa' Chaolas, agus airson aran cruithneachd nam buintean, bha mi, tha mi creidsinn, corr math agus a' fichead an uair a chunnaic mi am bonnach mor, geal, tiugh so, mar a bha duil agam-sa, aig Beinn na Drobh, an Steornabhagh. A shaoghail, a shaoghail, 's iomadh car a chuir thu dhiot bho 'n latha sin, ach gu dearbh fheine, na'n tigeadh am Morair so do Bhearnaraidh's gu faiceadh e na tha mi-fhein ag ol de thea 's an t-seachduin, chuireadh & suilean air, ach's math gu bheil sinn fada bho na Pharlamaid, agus gu faod sinn an car a thoirt asda. Beannachdan gu bean an tighe, agus gach soirbheachadh leibh fhein. Mise agaibh, Alasdair Mor. 10 Litrichean a Beamaraidh. EAGLAISEAN NAN ORGAN. A Charaid Choir, Chan'eil mi-fhein gu dearbh ann a' fonn math airson sgriobhaidh a nochd ged a thòisich mi—tha mi gun spiollag thombaca agam, agus leis a sin chan'eil mi ach tursach. Bha duil aig Aonghas Mhurchaidh Chaluim ri rola leis a' phosda an diugh, ach cha d' thainig cromadh, agus mar sin 's e siubhal gun siucar a bha agam-sa gu Ceann an Taib. Nach uamhasach fhein a' bhuaidh laidir a th' aig seana chleachdadh air an duine, agus cho doirbh agus a tha e stad a chur air cail nam miannan ris a bheil sinn cho ceangailte agus a tha bhainneach ris an lic. Bha Mgr. Ruairidh a bha an Snidheasort uamhasach fada an aghaidh an tombaca agus bhiodh e an comhnuidh a' trod ri aon de na h-eildeirean airson a bhi sior cheothadh na pioba. Bha'n t-eildeir so aig a' choinneimh urnuigh aon oidhche, agus aig deireadh na seirbhis thuirt Mgr. Ruairidh ris, "Seadh, Alasdair, an do sguir sibh fhein de'n tombaca?" "Sguir gu dearbh fheine, 's mi sguir," ars' Alasdair. "Ro mhath, ro mhath," arsa Mgr. Ruairidh, "agus c' uin' a leig sibh dhibh an droch cleachdadh?" "O, direach," ars' Alasdair, "mu'n d' thainig mi steach do'n choinneimh an nochd." 'N uair a bha mi a' cromadh na Beinne an diugh Litrichean a Beamaraidh. 11 co bha leigeil a h-anail an sin leis a' chliabh ach mo bhana-charaid, Mairi Mhurchaidh, agus smuid aic' air leughadh. "De tha sibh a' leughadh mar so?" arsa mise. "Tha searmon Mhgr. Lachluinn ann am "paipear an druggist" ars' ise, "agus mo sheachd mile beannachd aig an duine chuir anns a' phaipear e." Tha sin ag innse dhuibh-se gu bheil sinne a' leughadh nan searmonan, agus a' meorachadh orra cuideachd, ach b' fhearr leam fhein gu'n cuireadh sibh fear no dha anns a' Ghaidhlig ann—'s iad a b' fhearr a thuigeamaid. Tha uibhir de mheas againn oirnn fhein an Leodhas fhathast, 's gur a toigh leinn aoradh a dheanamh do Dhia ann ar canain fhein, agus mur h-eil mise air mo mhor mhealladh tha bhuil air na coimhthionalan Gaidhealach a tha treigsinn an canain agus a' fiachainn ri math fhaighinn do 'n anam bho shearmonachadh Beurla nach tuig iad agus nach ruig am feasda gu clàraibh an cridhe. Tha caoile spioradail orra, agus ciamar nach bi, 'n uair nach 'eil beatha an t-searmoin a' ruigheachd na smior -caillich aca. Tha iad toilichte gu leor le seorsa ae "dhiadhachd Bhucach" mar a thuirt am bodach roimhe, orgain is laoidhean agus plaosgan de'n t-seorsa sin, agus gach ni dhiubh ann. an canain nach tuig iad. Tha mi-fhein gle fhada an aghaidh nan organ anns na h-eaglaisean, gu h-araidh anns a' Ghaidhealtachd. 'N uair a theid thu steach do eaglais mhor an Ceann-Phadruig no 12 Litrichean a Beamaraidh. Litrichean a Beamaraidh. 13 A' GHAIDHLIG ANNS NA SGOILEAN. A Charaid Runaich, Sinne dh' ionndraineadh "paipear an druggist" a nise mur a tigeadh e air cheilidh oirnn aig ceann gach seachduin, luchdaichte le naidheachdan Leodhais "bho thigh nan caill-eachan-dubha an Uige gu tigh Mhic Dhughaill a Nis." Saoilidh mi-fhein gu'n ol mi an tuilleadh tea an oidhche gheibh mi e, agus de'n t-ionghnadh, an uair a gheibh mi eadar a dha chlar, chan e mhain naidheachdan Leodhais fhein, ach sgiala gasda cuideachd air na balaich agus na caileagan againn fhein ann an Glaschu mhor nan stiopull. Ah, fhearaibh, nach fileanta 'm peann a tha aig an fhear a tha toirt dhuibh naidheachdan Ghlaschu. Nach mise bhiodh proiseil na'm b' urrainn dhomh Beurla Shasunnach a chur an eagaibh a cheile coltach ris, ach de math a bhi bruidheann air sin a nise—"Cha d' rinn mise maorach fhad's a bha an traigh ann." Nach d' thuirt mo charaid, Tomas, rium gur h-ann do Bhearnaraidh a bhuineas "Godred" so, agus a bheil fhios agaibh gu'n d' rinn e feum mor dhomh an uair a chuala mi sin. Chan'eil ni is docha leam na bhi cluinntinn gu'm bi balaich Bhearnaraidh ag eirigh suas gu h-inbhe chliuiteach agus urramach, agus a' toirt deagh theiste air an aite 's an aon sam bith, eile de na bailtean iasgaich, chi thu ciadan an sin, agus chan'eil duin' aca fosgladh am beoil—'s ann a tha iad ag eisdeachd ris an organ. Nise 's e tha Dia ag iarraidh oirnne ceol a dheanamh le ar cridhe, agus chan 'eil neach nach dean seorsa seinn air chor-eigin, ma ni e a dhichioll. Gun teagamh shiubhladh sibh a' Ghaidhealtachd air a fad agus air a Had's chan fhaigheadh sibh leithid seinn nan coimhthionalan an Leodhas, agus taing do Dia airson sin, ach toisicheadh iad ris na h-orgain agus chan fhada gus an teid an t-seinn gu cùl. 'S math le cuid de dhaoine bhi 's an fhasan, ach 's iomadh fasan ùr a th' ann nach mor is d' fhiach, ach mar is simplidhe bhios an t-seirbhis fhollaiseach, is ann is coltaiche i ri eisempleir a' Mhaighstir. "Dia 's Muire is Padruig dhuibh," mar a chanas an t-Eirionnach. Mise agaibh, le meas, Alasdair Mor. 14 Litrichean a Beamaraidh. an d' fhuair iad an arach. Tha cuid, tha fhios agaibh, de'n bheachd ma thig neach a eilean iomallach ann an Loch a Rog, nach dean e dad ach iasgach agus cosnadh ghiomach. 'N uair a bha mi-fhein ann an Steornabhagh a' ceannach lin-mhora air an t-seachduin so chaidh, bha duine an sud agus an so a' foighneachd dhiom co bh' ann "Alasdair Mor" a Beamaraidh, agus chuireadh iad sios' 'n am amhaich nach robh duine ann a chuireadh an litir so ri cheile: Dh' fhuirich mise gu bog balbh mu'n cheisd; agus chaidh a' chuis .seachad mar sin fhein, ach feumaidh mi sealltainn dhoibh nach'eil Beamaraidh gu bhi air dheireadh ged a tha e lethoireach air uairibh—'s beag a shaoileas deagh mharaiche dheth sin. Chan'eil mise cho og agus a bha mi uair-eigin, ach mar is sine tha mi fàs, 's ann is motha tha mi faicinn an adhartais a thainig air foghlum an Leodhas bho 'n a bha mi-fhein 'n a mo "Dhonnohadh Og"' mar a bha 'm bodach eile 'g radh. 'S ann is iongantach' gù'roBh facal sgoile idir an ceann nai- cloinne bha ann ri" mo' linn-sa. 'N uair'à chaidh sinn do 'n sgoil, cha robh dad ach Beurla Shasunnach 'g a stailceadh 'n ar n-amhaioh le maide. Cha robh againne ach Gaidhlig, agus b' ann "bho phein a' bhàis" a rachadh durd dhith a labhairt: Tha e gle choltach gu robh luchd an fhoghluim an Lunnainn de'n bheachd' gur h-i 'n doigh a b' fhearr air clann Leodhais ionnsachadh, glas-ghuib a chur air a' Ghaidhlig agus gach nos Litrichean a Beamaraidh. 15 agus rian a bhuineadh dhith, agus Sasunnaich a dheanamh de'n chloinn air ball, oir mur a deante Sasunnaich dhiubh, cha b' urrainn iad ('n am beachd-san) faighinn air adhart an uair a rachadh iad do 'n bhaile mhor. 'S ann airson an ullachadh airson a' bhaile mhoir a bha gach foghlum a bha iad a' faighinn. Cha bhiodh e iomchuidh do Leodhasach no do bhan-Leodhasach sam bith fuireach aig an dachaidh ma bha foghlum aca— dh' fheumadh iad brag a thoirt air cabhsair cruaidh na Drochaid an Glaschu mu'm biodh am foghlum deante agus coimhlionta—agus a mhic chridhe, 's iomadh balach tapaidh agus nighean smiorail a thug am mile1 mallachd air an latha chunnaic iad am baile mor an toiseach gu galair am bais a chur 'n an cliabh. Theagaisg an Gearmailteach dubh dhuinn anns na bliadhnaibh so, nach dean an cursa sin feum— nach e Sasunnaich a dh' f heumaa sinn a dheanamh do'r ginealach Gaidheil thàbhachdach, thapaidh, aig am bi eolas mionaideach air Gaidhlig agus Beurla Shasunnach. Feumaidh sinn fhaicinn nach e mhain gu'm bi eolas, cinn aca, ach eolas gniomhach cuideachd, gu'm bi iad comasach air da dhias coirce spionadh as an fheannaig as nach do spion iad ach aon an uiridh, 's mar sin gu'm bi sinn beo mar a bha na daoine coire bha romhainn air biadh na duthcha a chuireas smior agus luths 'n ar cnamhan:. 16 Litrichean a Beamaraidh. CAGAR'ATHAIR. Fhir Ionmhuinn, Tha sean-fhaoal ann a tha 'g radh "gur math an naidheachd a bhi gun naidheachd idir" ach sin direach mar a tha mise nochd. 'S ann agaibh fhein a tha naidheachdan Leodhais gu leir, agus's ann dhuibh is aithne an cur an deagh ordugh, agus gu dearbh bu choir dhuinne bhi 'n 'ur comain airson 'ur saoithreach. Cha chreid mi nach d' innis mi dhuibh cheana gu bheil mi ann an eithear Chaluim Sheorais bho chionn greise nise. Bha sinn's a' chuan toiseach na seachduin-each leis na lin-mhora, aoh ma bha, cha mhor a bh' againn airson sin. 'S uamhasach mar a chaidh an t-iasgach an Leodhas air ais bho 'n thoisich clann na mallachd, na bataichean-sgriobaidh, air saoibhreas na doimhne ghoid uainn. 'S iomadh te dhiubh ghlac Calum Sheorais fhein 'n a latha a' sgriobadh ris a' chlaich Litrichean a Beamaraidh. 17 agus bha sasuchadh aige gach uair a rinn e sin gu'n deachaidh cain throm air gach aon diubh an Steornabhagh, ach de math sin, cha chum sin air falbh iad—cha b' fhada gus an deanadh iad suas gach call air truisg agus langanan Loch a Rog. Chan eil leithid an eisg sin an cuan air bith eile 's an t-saoghal. "Ma bhios sinn beo chi sinn, 's mur a bi cluinnidh sinn," mar a thuirt am bodach, ach chan'eil da dheanamh air a' chuis, nach fheum muinntir Leodhais dion na 's fhearr a chur air iasgach nan cladaichean an uair a ghairmear sith, agus cha bhi sinn ceart am feasda gus am bi an Cuan-Sgith gu leir air a dhunadh's air a ghlasadh air gach bata-sgriobaidh fo 'n ghrein. Nach mise bh' air mo dhoigh Di-mairt an uair a thainig fios gu'n tug Seoras Chaluim Sheorais cunntas cho math air ealantachd ann an ionnsachadh "eagar athair"—sin a' Ghaidhlig a thuirt an taillear rium a chunnaic e's an Fhoclair air "Wireless Telegraphy." Chan e mhain gu bheil againn am Beamaraidh "Alasdair Mor," duine bochd nach d' fhuair cothrom air sgoil 'n a oige, ach buinidh do 'n eilean a nise gille og tapaidh cuiseaeh a ni comhradh 's na neoil ri luingeas-chogaidh miltean de mhiltean air falbh. Nach fhaod sinn uaill a dheanamh a nise as ar n-eilean ged a tha sinn fichead mile mach a "Steornabhagh a' Chaisteil." Tha e direach a' sealltuinn dhuibh-se nach'eil eilean beag no mor anns a' Ghaidhealtachd anns nach'eil diulaich Feumaidh mi sgur, ach gheibh sibh tuilleadh air a' cheann-teagaisg so uair eigin eile. Slainte bhi mar ruibh, Alasdair Mor. 18 Litrichean a Beamaraidh. acfhainneach na'n robh cothrom na Feinne aca bho'n oige. Bha mo charaid, Tomas, a' deanamh beagan mineachaidh dhomh air an ni iongantach so a chuir an cruithfhear ann an suilibh dhaoine— "Cagar-athair." Bha mi-fhein de'n bheachd nach robh ni air an talamh cho iongantach ri bhi cluinntinn an taillear a' bruidheann an glan Ghaidhlig ri Donnchadh Challanis agus ri Iain Chaluim Iain Bhain an Carlobhagh, 's nach fhaiceadh tu dad ach seorsa de phreasa mor anns an robh bocsa beag le clag no dha os a chionn, toll cruinn 'n a mheadhon agus seorsa de lion thairis air, agus adharc le sreang crochaichte ri taobh na h-uidheam. So na chitheadh duine gun eolas co dhiu, ach bha na bh' ann 'g ar ceangal ri Australia's ris an t-saoghal gu leir, agus tha sin fortanach dhuinne aig an am so, ged is iomadh sgial dubhach a thug an adharc ud thugainn bho'n thoisich am buaireadh. Tha na h-orduighean gu bhi againn an Uige bho chionn seachduin, 's tha mi creidsinn gu'm bi mì togail orm gu ceann an rathaid Di-haoine. Chuala mi gu robh duil aca ri Mgr. Mac Artair as na Lochan, seann charaid do Bhearnaraidh, agus fior shearmonaiche a bheir as an Fhirinn nithean nuadha agus sean. Tha meas mor aige air Leodhas agus uidh cho mor aig Leodhas air, 's tha mi-fhein an dochas gu faic sinn e am Bear-naraidh mu'm fag e an sgire. Litrichean- a Beamaraidh. 19 FOIS NA SABAID. A Charaid, mo run, Tha mi direach an deidh a bhi shuas an oifis an tailleir. Tha luath-sgial air a' chogadh a' tighinn gach latha agus cha bhi mi riaraichte gus an leugh mi e. Tha naidheachdan matha tighinn anns na laithibh so agus tha sinne 'n dochas nach bi fada gus am faicear sealladh air fàire air deireadh a' chruadail. 'S iomadh duine dheanadh gairdeachas ri linn sin, ach dh' aindeoin de ni sinne agus na rioghachdan eile tha ri ar guallainn, cha tig crioch air a' chogadh gus an toir "freasdal caomh an ti tha riaghladh" gach ni gu crich mar a tha'n a run, agus mar is luaithe dh' fhoghluimeas sinne bhi striochdte ri a thoil, 's ann is luaithe chi sinn lamh dhiomhair Ughdar na Fiach an leig sibh fios thugam de phris a tha 'm buntata agaibh am Baile-chail. Tha beagan de shiol-cura dhith orm. Gu robh mile math agaibh. 'S mise gun bhriag gun fhiaradh, Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. cruinne 'g oibreachadh gu h-eifeachdach am measg gach cinneach agus gach rioghachd air a bheil smachdachadh a' chogaidh fhuiltich a' laighe gu trom air an trath so. Chan'eil da dheanamh air a' chuis nach'eil gach rioghachd a tha cogadh leinn agus 'n ar n-aghaidh air buille throm na slaite smachdachaidh fhaireachadh do 'n deoin a nise, agus tha ar cuid fhein air bualadh oirnne mar rioghachd, co dhiu tha gus nach'eil sinne 'g an gabhail gu cridhe agus a' foghlum uatha nan earailean sin bu choir dhuinn. Bha dochas mor an toiseach na tuasaid so aig iomadh neach 'n ar rioghachd gu'n toireadh uamhasan an ama fhuileachdaich's a bheil sinn beo snasachadh mor air inntinn an t-sluaigh, gu'n toireadh e sealladh spioradail dhoibh, agus gu'm biodh e 'n a mheadhon air daoine thoirt na bu dluithe ri firinnean an t-soisgeil, agus ri tuilleadh co-chordaidh ri laghan agus aithne Dhe a dh' orduich e dhuinne mar reachd airson an coimhead ann an cuairt an fhasaich. Chan'eil na toraidhean sin ro fhaicsinneach fhathast co dhiu. Tha sinn a' faicinn air gach taobh dhinn gu bheil creideamh dhaoine 'g a failneachadh, agus nach mor nach'eil iad a' dol fodha ann an tuinn uaibhreach a' mhi-mhisnich mar a bha Peadar roimhe an uair a dh' fhas e cho proiseil a chionn gu robh e 'g imeachd air na tuinn luaisgeach gu comhdhail a chumail ri a mhaighstir. Tha eagal air daoine nach bi siol gn leor aca 'm bliadhna mur a treabh iad air an Litrichean a Beamaraidh. 21 t-Sabaid, 's mur cuir iad cul ris an aon aithne 'n ar Leabhar Cheist a tha toiseachadh leis an fhacal "cuimhnich." Tha imcheist air an duthaich nach cumar innealan marbhaidh ri ar saighdeirean mur bi obair na Sabaid timchioll orra. Gun teagamh 's gun mhearachd 's gun iomrall, feumar an namhaid a chur fo chis, 's feumaidh sinne gach innleachd air an urrainn sinn smaoineachadh a chur an cleachdadh airson cuideachadh le Freasdal gus an latha sin a thoirt mu'n cuairt, ach a dh' aindeoin sin uile, chaidh a dhearbhadh a muigh 's a mach bho 'n thoisich an cogadh so, nach do chruthaich Dia corp duine is urrainn oibreachadh gun lasachadh seachd laithean as na seachd, agus mar sin mar is luaithe chi sinne gu bheil obair na Sabaid an aghaidh leas duine agus ainmhidh cho math ri bhi 'n a bhriseadh air lagh Dhe, 's ann is luaithe dhealraicheas sith agus sonas air speuran ar tire. Tha sinne ann am Beamaraidh uamhasach buidheach dhibh fhein airson cho math agus a tha sibh a' togail suas urraim na Sabaid 'n 'ur paipeir. Chan e gu faicear obair Shabaid an Leodhas no's a' Ghaidhealtachd air fad "gus an traigh an Cuan-Siar," ach air a shon sin uile feumaidh sinn ar guth a thogail agus sealltuinn do luchd a' chul-shleamhnachaidh gu bheil "freumh a' ghnothuich" annainn. Thug an taillear puing chiatach dhomh an diugh ann an teagasg an taghaidh, air an d' rinn e mion-rannsachadh fad iomadh bliadhna. Tha fhios agaibh an uair a bha 22 Litrichean a Beamaraidh. Pol air an t-slighe do'n Roimh gu a chuis a thogail gu Caesar, agus an uair a bha e fhein agus a chuideachd air an tonn-luasgadh an cuan Adria, gu'n d' thuirt e troimh fhoillseachadh bho'n airde, "cha bhi call anama sam bith 'n 'ur measg ach a mhain na luinge," ach 'n uair a rainig iad gu tir agus 'n uair a bha na maraichean air ti teicheadh a mach as an luing, gu'n d' thuirt e, "Mur fan iad sin 's an luing, chan'eil e 'n comas dhuibh a bhi air 'ur teasairginn." Ged a bha barrantas Dhe aige gu rachadh an sabhaladh fadheoidh, bha fios aige gu feumadh iad an cuid fhein a dheanamh ann an toirt mu'n cuairt na criche sin. 'Sea' phuing a chord ri mo charaid, Scottie. Mise, le durachd, Alasdair Mor. NA SGRIOBTUIREAN. A Charaid Shdairce, Tha mi-fhein ann an inntinn na 's fhearr a thaobh a' chogaidh air an t-seachduin so bho 'n chuala mi gu'n deachaidh America mhor an airgid a steach do 'n t-strith. Tha sinn an dochas Litrichean a Beamaraidh. 23 gu'n toir gach ni a tha am Freasdal a' toirt mu'n cuairt 'n a am math fhein, luathachadh air latha mor na sithe. Bha mo bhan-nabuidh, Mairi, a' tighinn as a' mhoine comhla rium an de agus bha i 'g radh rium gu robh an earrann iongantach so ann an Dan Sholaimh a' bruidheann rithe bho chionn laithean, "Tha am seinn nan ian air teachd agus cluinnear guth an turtuir 'n ar tir," agus bha i deanamh a mach bho sin nach biodh fada gus am biodh na h-eoin againne a' seinn oran buadhmhor na sithe agus an t-sonais 'n ar duthaich. Cha robh sinn a' tighinn a reir a cheile ann am mineachadh cuid de'n earrainn, ach 's fhiach dhuibh fhein beachdachadh oirre agus rannsachadh a dheanamh air a cho-cheangal a dh' fhaodadh a bhi aice ri staid ar rioghachd aig an latha 'n diugh. Tha fhios againn gu'n can moran anns a' latha 's a bheil sinn beo nach'eil co-cheangal sam bith aig earrannan mar so ri cuisean agus tachartasan ar latha, ach biodh sin mar a bhios e, chan'eil staid no cor no eigin anns am faod cinneach no rioghachd no anam sam bith air an talamh a bhi, nach-eil cuibhrionn anns an Fhirinn a tha freagairt gu ceart air an t-suidheachadh a tha ann an sin. Cha chreid an saoghal sin chionn gu'n do chuir an t-as-creidimh a leithid de sgleo air suilean dhaoine 's gu bheil iad a' faicinn gach ni 'n an solus mùgach fhein's chan ann an solus gloirmhor a' Bhiobuill; ach ciamar a bhitheas eolas air a' Bhiobull aig daoine Litrichean a Beamaraidh. mur bi ad 'g a mhin-rannsachadh's 'g a leughadh a ris agus a ris, agus a' deanamh an, cuid fhein dheth mar sin. Tha mi-fhein a' creidsinn, ged is mor e ri radh, nach'eil eilean anns a' Ghaidhealtachd anns a bheilear a' deanamh a leithid de rannsachadh air na Sgriobtuirean ri eilean Leodhais, agus tha a' bhuil—tha inntinnean spioradail agus tur eagnuidh air nithean naomha aig aireamh ro-mhor de 'n luchd-aiteachaidh. Tha sith agus samhchair aca gun teagamh, agus faodaidh iad a bhi meorachadh air teagasgan domhain Phoil ged a bhiodh iad a' ruamhar, no buain na monadh, no 'g iasgach a' chudaige air sgeirean na mara—agus nach math sin. Bha mi air cheilidh air mo charaid, Tomas nan Ioc-shlaintean, an oidhche roimhe. 'S math leam fhaicinn aon oidhche's an t-seachduin air a chuid is lugha, airson mo chur ceart ann an naidheachdan a' chogaidh agus gach ni eile tha e toirt as na paipeirean-naidheachd gu doigheil. 'S docha ged a bheirinn-sa na nithean ceudna asda gu'n togainn cearr iad, agus le bhi 'g an aithris mar sin do na cailleachan troimh 'n bhaile, cha bhithinn ach a' deanamh dorcha comhairle le briathran gun eolas. Bha e 'g radh rium gu feumamaid barrachd de'n sgadan shaillte ithe nise, a chionn gu robh 'n fheoil air fas cho gann agus cho daor, agus bha e 'g radh gu fac' e cuideachd anns a' phaipeir cuideigin a' comhairleachadh dhuinn faoileagan agus sgairbh agus gugaichean ithe, 's rud bu cheol- Litrichean a Beamaraidh. 25 OBAIR AN EARRAICH A Charaid Runaich, Tha mi creidsinn gu'm bi sibh fa mhor ionghnadh an uair nach d' fhuair sibh sgriobag idir uam bho chionn seachduin no dha, ach a dh' innse na firinn dhuibh-se, cha mhise is coireach ach obair an earraich. Tha sean-fhacal ann a tha 'g radh " 'n uair a thigeadh mo chairdean thigeadh iad comhla," agus sin direach mar a thachair dhomh-sa agus obair an earraich am bliadhna. Lean an mhoire na sin, thuirt cuid-eigin 's a' Pharlamaid an latha roimhe nach robh sinn mar shluagh a' deanamh feum de'n sgadan shaillte a chionn nach b' aithne dhuinn a bhruich ceart. Cuireadh iadsan na daoine mora sin a nall air a' chaolas againne fad seachduin, agus bheir sinn iomadh leasan dhoibh. 'S beag a tha dh' fhios aca gu'n do thogadh iomadh laoch tapaidh 's a' Ghaidhealtachd air biadh ris an deanadh iad-san snòitean gu leor—ach tha chuibhle air tionndadh. Mise, le meas mor, Alasdair Moe. 26 Litrichean a Beamaraidh. Litrichean a Beamaraidh. 27 geamhradh cho fada's gu'n tug luchd a' chreidimh bhig seachd duilean nach tigeadh am cura mu'n cuairt mar b' abhaist, ach cha do bhriagnaicheadh facal na Firinn riamh, agus mar sin an am iomchuidh a' Chruith-fhear thainig blaths agus tioralachd an earraich agus chuir sin sinn uile gu obair moch agus anmoch. Cumaidh an saoghal so earraid ruinn fhad 's a bhitheas sinn air uachdar agus gu dearbh fheine's mi—fhein a dh' fhairich air mo chosg firinn an Sgriobtuir a tha 'g radh, "ann am falius do ghnuise ithidh tu aran." Chan'eil dad ach ruamhar agus feamanadh, cur a mach tobhair agus a' deanamh dìchill air coirce agus eorna agus siolagan buntata chur 's an talamh. 'S garbh an surd a th' air gach duine tuath agus deas a' cur bhuntata am bliadhna agus 's math sin. Bu choir na'm biodh a' bhliadhna fabharach gu'm biodh am buntata cho pailt anns a' rioghachd ri clachan beaga mhuil ann am Beamaraidh. Tha daoine deanamh an dichill co dhiu, agus ma bheir Freasdal fas air gach sgealb a chuirear -s an talamh cha bhi dith oirnn. A' chiad bhliadhna bha mi 's a' Bhruaich aig an iasgach chuala mi eachdraidh mu dha thuathanach nach robh ro spioradail 'n an inntinn, tha e coltach. Bha iad 'a an eaglais air latha Sabaid araidh, agus rinn am ministear searmon sgairteil air a' cheann choir sin, "Faodaidh Pol planntachadh agus Apollos uisgeachadh ach 's e 'n Tighearna bheir fas." Air an slighe dhachaidh bha iad a' cagnadh an t-searmoin 'n an doigh fhein, agus mu dheireadh thuirt an dara fear ris an fhear eile, "Canadh am ministear na thogras e, ach's e inneir mhath na bàthach a bheir am barr trom 's an fhoghar." 'S ann de'n talamh talmhaidh a bha iad sud. Co chrom sios a dh' amnarc orm latha na Sabaid so chaidh ach mo charaid Scottie. Chan'eil Sabaid a thig e nach bi puing araidh 's an Sgriobtur aige air am bi sinn a' meorachadh. Cha do tharr e suidhe air a' chiste-chaoil an uair a thuirt e rium, "Alasdair, de 'ur beachd co bh' ann Melchisedec ?" " 'S cruaidh a' cheisd a chuir sibh," arsa mise, "tha eagal orm gu feum sibh a dhol gu Mgr. Mac Ghille Naoimh an Ceann Langabhat mu'm faigh sibh moran sàsachaidh air a' cheisd sin—bheireadh esan a bheachd dhuibh a doimhneachd foghluim." Thuirt e rium gu robh an ni cumail meorachaidh ris bho chionn seachduin agus an deidh rannsachadh farsuinn air an Fhirinn nach d' fhuair e moran, soluis air a' chuspair iongantach a bha sud "a bha gun athair gun mhathair, gun sinnsireachd, gun toiseach laithean gun deireadh beatha aige." Arsa mise, "Tha'n Sgriobtur fhein ag radh mu Mhelchisedec, gu bheil moran r'a labhairt agus cruaidh r' am mineachadh timchioll air an duine ud, do bhrigh gu bheil sinne mail 'n ar n-eisdeachd. Bha Mac Rath Mor a' searmon- Litrichean a Beamaraidh. achadh air a' chuspair so uair, agus chuala mi gu'n d' fhag e Melchisedec mar so, "Bu toil le Chriosda bhi fiachainn air deise na daonnachd mu'n d' thainig e innte." Tha e coltach bho so gu robh Mao Rath a' deanamh a mach gur h-e Chriosda a bha Righ Shaleim so a' ciallachadh. Thug ain beachd so sasachadh dhuinn uile. Feumaidh mi sgur. Tha mo mheoirean cho rag leis an àiteach 's gu bheil eagal orm nach dean sibh dad de'n sgriobhadh so, ach tha iad ag radh gu'n dean fear paipeir a mach leth an leth fhacail. Mise le dùrachd, Alasdair Mor. SGRIOB BHO'N TIGH—I. A Charaid Chaoimh, Bha duil agam gu'm bithinn comasach air sgriobag ghoirid a chur thugaibh air an t-seachduui so chaidh, ach mar a tha mi direach a' dol a dh' innse dhuibh, bha mi air falbh bho'n tigh—rud nach'eil tric a' tachairt a nise bho'n sguir mi dhol a dh' ionnsuidh an iasgaich. Thuirt Calum Ruadh rium gu robh turus aige do dh' Litrichean a Beamaraidh. 29 Inbhir pheofharain, agus an uair a chuala mi sin, nach ann a thog mi orm comhla ris, agus rainig mi cho fad ri Obair-Dheathain airson dotair shul fhaicinn, agus's mise tha buidheach de mo thurus. Ma tha, ghabh mi-fhein agus Calum Ruadh an t-aiseag gu Breascleit ann an eithear Chaluim Sheorais. Bha mo charaid caomh, Tomas nan Ioc-shlaintean, 's an sgioba—bha e dol sios cuairt an Taobh-siar, agus b' fheairrde sinn a chuideachd. Cha bhi aite 's am bi esan gun ghaire cridheil. Bha Bill a' dol a cheannach siol-cura do na Buailtean, agus bha esan air bord cuideachd, agus mar sin tuigidh sibh gur h-e seana mharaichean calma a dh' fhàg an Tom Raineach an latha ud. Bha Mairi Mhurchaidh agus bantrach Knoca 'g ar faicinn gu eabhailt's an eithear , agus cha b' urrainn mi gun a bhi 'g ar samhlachadh ris a' chomhlan do 'n d' rinn Mac Rath Beag Nis an t-oran. "Chaidh sinne gu traigh, A choimhideachd chàich." Bha ghaoth fabharach agus cha b' fhada gus an d' rainig sinn Breascleit, agus dh' fhag sinn an t-eithear air dheagh acaire ann an Tob na Muille. Chaidh Calum do'n Tigh Mhor, dh' fhalbh Tomas coir air a shlighe deanamh gairdeachais, chaidh Bill do na Buailtean agus sheas mi-fhein agus Calum Ruadh an sin gus an d' thainig carbad-eich a' mhuilleir airson ar giulan do Steornabhagh 30 Litrichean a Beamaraidh. . Cha b' fhada gu dearbh fheiiie gus an robh sinn air an t-slighe mach an rathad ùr ,'s cha b' urrainn sinn gun a bhi smaoineachadh air na goireasan mora tha againn an diugh eadhon ann an Leodhas, seach mar a bha cuisean an uair a bhithinn-sa dol à dh' ionrisuidh an iasgaich an toiseach, an uair nach robh doigh air faighinn gu ceanna-bhaile an eilein ach coiseachd, agus sin le do phoca ruadh air do ghuallainn, agus do leine phlangaid a' lean tuinn le f alius ri do dhruim bruite. Cha deanadh sliochd an latha 'n diugh sin — cha fhreagair an cota glas cho math do na h-uile fear, agus nach docha gu bheil sin cho math. Chan'eil moran ri fhaicinn ann an cursa 'n rathaid uir gun teagamh. Romhad faraon 's ad dheidh chan'eil hi ach aonaichean anns a bheil fraoch, muran agus luachair, agus an drasda 's a ris, chi thu uisge frith-sholusach'loch uaigneach, ach mar a thuirt Calum, ged nach robh maise Bhostaidh ri fhaicinn annta, tha ailleachd anns gach ni a chruthaich Dia, agus tha iad uile cur an ceill, a shamhradh agus a gheamhradh, morachd an Ti a thug dhoibh am bith. Nach 'eil am facal "aonach" fhein samhlachail—aite anns am b' fheairrde sinn air uairibh a bhi 'n ar n-aonar, gu bhi meorachadh air mòrachd an Ti a chruthaich sinn fhein agus na saoghail uile. Cha d' fhairich sinn an uine dol seachad an uair a bha sinn a' conaltradh mar so, agus 's gann a bha duil agam fhein gu robh sinn leitheach slighe Litrichean a Beamaraidh. 31 an uair a fhuair mi mi-fhein aig buth Dhomhnuill Alasdair, far an robh e fhein agus Padruig a' fuireach ruinn oir bha fhios aca gu robh sinn a' tighinn. Innsidh mi'n corr dhuibh air an ath sheachduin. Mise, le meas mor, . Alasdair Mor. SGRIOB BHON TIGH—II. . A Dhuine Chridhe, Mar a thuirt mi ruibh's an litir mu dheireadh, dh' fhag carbad a' mhuilleir sinn aig buth Dhomhnuill Alasdair, agus chaidh mi-fhein agus Calum do Thigh-Osda a' Chruin air a' Mhol a Tuath, agus dh' orduich sinn blasad bidh, oir chan'eil ni air an talamh is fhearr airson deagh chail a thoirt do neach na sgriob bho Bhreascleit gu Steornabhagh—cuiridh tlath-ghaoth fhallain na mointich spionnadh nuadh araon an corp agus an anam. Fhuair sinn tea ghasda agus ar leor de sgadan ur. Bha an sgadan gun teagamh ro mhath, ach air mo shon fhein dheth, ohan fhaigh mi an aite sam bith sgadan ur cho blasda cailmhor agus a gheibh mi am Beamaraidh againn fhein, 32 Litrichean a Beamaraidh. agus nach'eil gach iasg a shnamhas an Loch a Ròg ainmeil air feadh an t-saoghail uile. Chaidh sinn cuairt troimh 'n bhaile, agus bha sinn a' tachairt an sud agus an so ri seann eolaich. Co chunnaic sinn a' tighinn a mach a buth Dhomhnuill Uige ach ar seann charaid, Torcull, a Garrabost. Bha e 'g innse dhuinn gu robh duil aige dhol gu Ard-Sheanaidh na h-Eaglais Shaoir Aonaichte am bliadhna, agus na'm bithinn seachduin air dheireadh bhitheadh a chuideachd agam cho fad ri Inbhir-nis. Bha mi 'g innse dha an turus air an robh mi agus thuirt e rium gu'n d' fhuair esan speuclaran an Obair-Dheathain bho chionn da bhliadhna, agus gu faic e nise cho math agus a chitheadh e an uair a bha e'n a shia bliadhna diag, agus thug na briathran ud bho'n duine choir togail nach bu bheag do m' inntinn. Thug e dhomh ainm agus seoladh na butha, agus dh' iarr e orm innse gur h-esan a chuir ann mi, agus's ann dhomh-sa b' fhiach sin a dheanamh. De mar a dh' fhas Steornabhagh cho mor bho'n chiad uair a sheas mise air cabhsair Sraid Chrombhell an toiseach. Ah, dhuine, 's iomadh ceann a chaidh an currac bho'n latha sin. Cha robh mi ach dusan bliadhna 'n uair a chaidh mi comhla ri Aonghas Drobhair gu Steornabhagh aig am na dròbh. Tha cuimhne agam air an aran-cridhe fhuair mi an ann aon de na buthan—cho milis agus a bha e—agus a' farmad a bh' agam ri clann bheaga a' bhaile gheibheadh e an Litrichean a Beamaraidh. 33 c comhnuidh. 'S ann an uair sin a fhuair mi a' chiad phaidhir bhròg ann am buth Sheumais Chaluim. Bha iad laidir toirteil, le seachd sreathain thacaidean, agus tha cuimhn' agam fhathast air a' phròis a bh' orm airson an diosgain a bha annta. Cha chreid mi, ma 's math mo chuimhne, nach robh iad tri oidhcheanan co dhiu fo mo chluasaig an deidh dhomh tighinn dachaidh leotha, leis cho leig agus a bha mi an ruthadh boidheach a bha anns na buinn aca a mhilleadh, ach "dh' fhalbh sin agus thainig so" mar a thuirt an sean-fhacal, agus mar is luaithe tha dion-ruith nan linntean a' dol seachad air mo cheann, 's ann is caoimhe agus is cubhraidhe tha maoth bheachdan m' oige tighinn air uachdar m' inntinn. An deidh cuairt mhor a chur air gach cuil agus cial fhuair sinn sinn fhein ann an oifis Mhic a' Bhriuthainn a' togail cairt-fhairidh airson turus cuain a ghabhail ann am bata—smuide Steornabhaigh — agus gheibh sibh an corr an ath sheachduin. Mise agaibh, Alasdair Mor. 34 Litrichean a Beamaraidh. SGRIOB BHON TIGH—III. Fhir mo Chridhe, Sin agaibhse mar a bha, ma tha. Chaidh sinn gu math trath air bòrd na "Sheila" choir. Tha i a' fagail a nise aig uair cho mi-araidh 's a' mhaduinn's nach robh feum sam bith dhuinn smaoineachadh air cadal. Bha 'n oidhche aluinn 's i cho soilleir ris an latha, agus bha 'n Gearradh-cruaidh 'n a laighe cho samhach thall f ar comhair, agus tur Caisteal Mhio Mhathain ag eirigh gu mor-chuiseaoh eadar sinn agus fàire. Bha duine 's duine tighinn air bord. Bha saighdeirean gradhach ann a bha dhachaidh air forladh agus a nise tilleadh air ais gu claisean cogaidh na Frainge. Thuirt aon diubh rium— balach briagha sgairteil a Arnoil—gur h-e aon oidhche a b' urrainn dha chur seachad comhla ri a mhathair a bha gle bhochd bho chionn iomadh bliadhna, aoh bu mhath leis sin fhein. 'S beag a tha dh' fhios aig luchdan airm cho fada agus a tha Leodhas againne as an Fhraing, ach de sin— feumar a bhi striochdte le cuisean mar a tha iad a nise. Thainig mu dhusan nighean air bord, agus chuala mi gu robh iad uile air an t-slighe gu Glaschu far a bheil iad a' deanamh sligean—fudair airson cur as do'n namhaid. Tha na boirionnaich a' tighinn gu follais gun teagamh sam bith agus a' seasamh an aite fhein gu doigheil's an rioghachd. Litrichean a Bearnaraidh. 35 Bhuail a' chiad ghlag, agus thug a' chaismeachd sin grunnan eile air bord. 'N am measg dhearc mi air lan Mac Ghille Aindreis coir, seann phrothaist Steornabhaigh, agus ultach leabhraichean aige fo achlais. B 'e fhein fior charaid Leodhais, agus Bhearnaraidh cuideachd, agus cha di-ehuimhnich mi—fhein am feasd an cuideachadh mor a thug e do'n eilean againn an uair a fhuair sinn an drochaid air faodhail Bhalasaidh. Bha Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein ag radh rium cuideachd gu'n d' fhuair e siol-cura do mhoran am Barabhas bho Bhord an Fhearainn. Mo sheachd beannachd, ma tha, air a cheann liath. Gu ma fada beo esan airson tagradh cuisean muinntir Leodhais. Bhuail an dara clag agus an treas clag, agus chaidh Caiptein Camshron coir, fior Ghaidheal, suas a dh' ionnsuidh na drochaid, agus dh' ealaidh sinn air falbh gu socrach bho 'n laimhrig, agus bha iad-san a dh' fhag sinn as ar deidh a' smeideadh agus a' guidhe aiseig shabhailte do na cairdean ris an do dhealaich iad. Chuir e gu h-urar 'n am chuimhne an oidhche mhor da bhliadhna na Lunasdal so chaidh, an uair a dh' fhag na ciadan de ar gillean tapaidh laimhrig mhor Steornabhaigh, agus, mo leireadh 's mo mhulad, nach iomadh laoch dhiubh sin nach till tuilleadh gu eilean an gaoil no gu'n cairdean gradhach. Leis an smuain so chaidh sinn seachad air tigh-soluis Arinis agus bha soluis Steornabhaigh lion beag is beag a' dol as an t-sealladh. 36 Litrichean a Beamaraidh. 'N uair a dhearc mi air an tùr—rabhaidh (beacon) mu choinneimh an tigh-sholuis, dh' innis mi do Chalum mu shearmon a chuala mi uair aig Murchadh a' Gheisteir an Eaglais Phadraig an Glaschu. Bha e bruidheann air fireantachd Chriosd air a chur le creideamh ris a' pheacach, agus bu ghle thoil leis a bhi faighinn gach samhla ann an Leodhas. Thuirt e gu robh tigh-soluis Arinis 'n a shamhla air an fhireantachd so, agus mar a bha solus an tigh-sholuis a' dearrsadh gu cuilmeanach 'n a bhoillsgean air gloine dhorcha an tùr-rabhaidh mu choinneimh, agus 'g a lasadh suas mar gu'm bitheadh an solus 's an tur fhein, mar sin gu bheil fireantachd Chriosda ann an anam iompaichte a' pheacaich 'g a lasadh suas le gràdh do'n Fhear-Shaoraidh air a' leithid de dhoigh 's gu bheil an t-anam sin 'n a sholus iuil anns an aite sam bheil e. Chord an samhla ri Calum. Chuir sinn comnein ris a' phiob agus ghabh sinn sgriob sios agus suas air clar-uachdair a' bhàta. Co thainig a bhruidheann rium ach Mgr. Mac Leoid, Ceistear nan Sgoilean an Leodhas. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais comhla ris ann am Bearnaraidh Bheag aon latha's t-samhradh so chaidh, ach is beag a bha dhuil agam-sa gu'n aithnicheadh e mi a ris. B'e fhein am fior ghille coir, gun phrois gun fhiaradh — agus cho ealanta agus a labhras e a' Ghaidhlig. Gu dearbh fheine, ged is ann air a' Ghaidhlig a thogadh mise, feumaidh mi aideachadh gu robh moran fhaclan aige nach robh mise tuigsinn, agus nach e sin an t-iomrall a tha Litrichean a Bearnaraidh. 37 SGRIOB BHON TIGH-IV. A Charaid, mo run, Tha mi creidsinn gu'm bi sibh a' smaoineachadh gur h-e dhol a mach air cliathaich na "Sheila" agus tumadh fhaighinn 's a' Chuan Sgith a thachair dhomh, an uair a thuirt mi gu'n do thachair an cruidh-fhortan rium anns a' Chaol. A dhuine chridhe! b' fhasa gu mor leamsa sin air doigh, agus snamh gu leor agam, na na thachair dhomh mu'n d' fhuair mi air tir air fearann na mor-thir. Ma tha, gun a dhol thar mo sgeoil, an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills agus a sinn a' deanamh gu math tric, gu h-araidh an oigridh a bha 'n Glaschu, a tha airson fios a bhi againn gu bheil Beurla Shasuinn aca—feumaidh an comhradh a bhi 'n a cholomadh eadar Gaidhlig is Beurla—mullach an aineolais. Tha mi 'n dochas gu'n tachair mi ris an duine choir fhathast. Feumaidh mi sgur an drasda. Tha eagal orm gu bheil an litir ro fhada mar tha, ach innsidh mi mu'n fhortan a thachair rium an uair a rainig sinn Caol Loch-Aills Mise, le meas mor, Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. bha gach duine 'g a sgioblachadh fhein airson faighinn air tir nach ann.a thainig dithis shaigh-deirean air bord mu'n d' fhuair mac mathar a mach, agus sheall iad ri litir-shiubhail gach duine. Bha mise gun litir gun phaipeir gun dad, ach ainm agus seoladh an dotair-shul a fhuair mi bho Thorcull an Ceann a' Bhaigh. Chuala mi gu leor a' bruidheann air na litrichean-siubhail a dh' fheumas a bhi air cliathaich gach duine ma bheir iad ceum bho 'n tigh, ach an e gu'n do ghabh mise stigh gu feumainn fhein te, agus mi air turus—cha do smaoinich mi riamh air a' cheart ni, direach coltach ris an amadan a bha 'm Barraidh uair, agus a' ministear a' ceasnachadh anns a' chlachan 's an robh e, "Bheil na ceistean agad, a Domh-nuill?" arsa ministear. "Tud, chan'eil gin, a mhinistear, nach dean e 'n gnothuch iad a bhi agaibh fhein, agus cho beag eile agaibh ri dheanamh." An uair a dh' iarr an saighdear mo litir-shiubhail, dh' innis mi an fhirinn agus thuirt mi ris nach bu tric leam-sa bhi air an rathad a nise bho 'n sguir mi dhol a dh' ionnsuidh an iasgaich, agus nach robh mi suas ris na riaghailtean ura. Cha d' fhosgail e a bhial ach thainig oifigear 'n a ruith a nuas air fàradh a' bhàta, agus air dha-san mo cheasnachadh a rìs dh' innis mi 'n fhirinn, facal air an fhacal. Thuirt e rium nach fhaighinn a larach nam bonn gus am faighinn litir-shiubhail, agus cha d' thuirt mise dad ach "uill"—de math a dheanadh e Litrichean a Bearnaraidh. 39 dhomh. Thoisich an sin Calum Ruadh coir air a dhol 'n a mo leth-sgial, agus dh'innis e gu doigheil an turus air an robh mi, ach cha robh math. Bhruidhinn an sin Iain Mac Ghille Aindreis, agus abradh sibh-se gu'n d' fhiach e gu cruaidh ris an oifigear, agus thuirt e ris gu faiceadh e fhein ceart mi an uair a ruigeadh e oifis Loch-iall an Inbhir-nis, ach cha deanadh so an gnothuch. 'N uair a thog mi mo shuil cha robh duine no boirionnach's a' Chaol nach robh air an laimhrig agus duil aca, tha mi creidsinn, gur h-e fear-brathaidh Gearmailteach a chaidh a ghlacadh, ach's e siubhal gun siucar a bha aca air a' mhaduinn ud. Bha mise gun teagamh air mo dhearg nàrachadh, agus suil gach duine orm mar gu'm b' e mortair a bhiodh annam. Bha dochas agam airson sin gu faighinn as air doigh eigin, ach bha mi duilich gu'n caillinn cuideachd Chaluim gu Inbhir-pheofharain. Rinn sinn guim na' m faighinn-8a as uair-eigin de'n latha gu'n gabhainn carbad-smuide an fheasgair gu Baile-Chail, 's gu'm deanainn direach air tigh-osda Mhic Ghille Sheathanaich far an robh Calum gu fuireach an oidhche sin. Cha robh caora dhubh 's an trend ach mi-fhein, bha litir-shiubhail aig gach duine agus chaidh iad suas air an fharadh, aon an deidh aoin, le a màileidean agus an achlasain an cois, agus dh' fhagadh mise 'n an am aonar air clar-uachdar na "Sheila." Thainig an caiptein a bhruidheann rium agus bha e gle dhuilich air mo 40 Litrichean a Bearnaraidh. shon, ach bha e de 'n bheachd gu faighinn a bruid roimh fheasgar, agus mar a thuirt b' fhior. Thainig an t-oifigear mor a nuas 'n a ruith agus ouallach mor phaipeirean aige agus suaicheantas an righ air gach aon diubh. Cheasnaich agus rannsaich e mi gu mo bhrogan, agus b' fheudar dhomh gach cuil agus cial 'n a mo bheatha fhosgladh dha bho 'n am a fhuair mi an t-aran cridhe air Beinn na Drobh comhla ri Aonghas Drobhair, agus thuirt e rium nach robh Had an roinn de amharus aige nach bu Leodhasach da rireamh mi anns nach robh ceilg. Thug e dhomh bileag bheag de phaipeir gorm mu mheudachd paipeirean gorma nan con a bhitheas sinn a' faighinn aig a' bhliadhn' uir. "Cum sin cruaidh teann am pocaid t-achlais," ars' esan, "agus bheir e thu air ais do Bhearnaraidh gun dragh gun bhuaireadh." "Gu robh mile math agaibh-se," arsa mise, " 's gu ma fada beo an righ a thug a mach an t-ordugh gorm so an toiseach." Dh' fhag mise bata-smuide Steornabhaigh gu toileach as mo dheidh agus rinn mi direach air an ionad-charbad, agus gu fortanach dhomh-sa, bha mi ann an leth uair a thide 'n am shuidhe gu socrach anns a' charbad-iaruinn a bha ruith gu siubhlach (air uairibh) gu baile mor Inbhir-pheofharain. Soirbheachadh leibh agus roimhibh. Mise, gu dileas, Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. 41 SGRIOB BHON TIGH—V. A Dhuine Choir, Tha mi direach a' dol a thoiseachadh far an do sguir mi air an t-seachduin so chaidh. Cha robh duine 's a' charbad's an deachaidh mi steach anns a' Chaol, agus mar sin bha cothrom agam toit mhath de'n phiob a ghabhail. 'S mairg a chaineadh an tomhaca ged a tha e daor, 's caomh e gu sith chur air tonnan uaibhreach na h-inntinn, gu h-araidh an uair a bhitheas tu air do ludradh agus air do thaomadh bho shoitheach gu soitheach mar a bha mise. 'N uair a rainig mi an Strom, co thigeadh a steach do 'n charbad anns an robh mi ach cailleach neonach neonach. Gu dearbh bha lan dhuil agam gur h-i bana-chearrd a bha innte an toiseach. Cha toireadh tu tri sgillinn air gach stiall aodaich air a closaich, agus bha na bh' ann cho seann fhasanta agus ged dh' eireadh ban-righinn Mairi as an uaigh gun cheann oirre. Thoisich i ri bruidheann, a bhalaich, ann am fior Bheurla ionnsaichte agus cha b' fhada gus an d' thuirt mise rium fhein gu robh deise mhath aice 's a' chiste an ait'eigin. O, bha i neonach neonach, agus ge b'e co a leig a mach i, rinn e iomrall. Bu choir dhith a bhi am braighe an tigh-chaothaich. Ars' ise, mu'n do tharr i an suidheachan a bhlathachadh, "An do smaoinich thu riamh air tighinn ri do bheatha?" "Dhia, 42 Litrichean a Bearnaraidh. gleidh mi," arsa mise, "basaichidh sinn trath gu leor: is ann a tha mise fiachainn ri mi-fhein a chumail bho bhruaich na h-uagha cho fad agus is urainn dhomh." Thoisich an cur a mach an uair sin, agus a suilean a' lasadh 'n a ceann, an sgrogag aide agus an dosan liath an drasda air an taobh bo, agus an ath mhionaid air an taobh eile de a ceann. "Shiubhail mi a' Ghaidhealtachd bho Thigh Iain Ghròt an Gallaibh " ars' ise, "agus rinn mi rannsachadh mionaideach air na doighean anns am bi daoine cur as do'm beatha, agus tha mi tighinn gu'n cho-dhunadh gur h-e bàthadh doigh is fhearr air an talamh, agus ma thig mi-fhein ri mo bheatha feasda cha chreid mi nach e 'n doigh ud a ghabhas mi." "Nighean.a' ohruaidh-fhortain," arsa mi-fhein, "cum ort gus an ruig thu Inbhir-pheofharain co dhiu, agus dean do thoil an deidh sin. Tha mise cur Dhe eadar mi 's tu." An e gu'n leig i dad oirre—cha do leig. Bha na casan agus na lamhan agus an dosan stirreach liath-ghlas a cheart cho luath ri beairt nan stocainean aig Tomas nan Ioc-shlaintean an uair bu dripeile e deanamh stocainean nan saighdeirean 's a' gheamhradh. "Tha cu agam," ars ise, " 'n a mo dhachaidh an Dun-eideann. Bha ceithir chuileinean aice 'n uiridh. Mharbh mi fear dhiubh le gunna da-bharaille, agus bhath mi fear eile, agus bha mi de'n bheachd gur h-e am fear a chaidh a bhathadh aig an robh am bàs bu sholasaiche." "0 seadh," arsa mise, "dearbh sin le do chlosach ghranda Litrichean a Bearnaraidh: 43 fhein—cha toir thu plum ro mhor co dhiu." An e gu'n leig i dad oirre—cha do leig. 'S mise bheannaich am Freasdal coir an uair a sgioblaich i a cuid lulrichean agus a chaidh i mach aig Achadh-na-Sine. Soirbheas math leatha. 'S iomadh creutair neonach a tha 'n talamh a' giulain agus gun bhreig b'i sud aon diubh. Rainig mi Inbhir-pheofharain gun sgiorradh agus bha mo charaid, Calum, agus Mac Ghille Sheathanaich 'g am choinneachadh an sin, agus rinn sinn uile gairdeachas, agus mise gu h-araidh a bha 'n am phriosanach Staite 's a' mhaduinn, a nise 'n a mo shaoranach air cabhsair Inbhir-pheofharain. Chaidh sinn ball gach a direach suas gu Tigh-osda nan Cinneach, agus thug an Sgiathanach coir do 'm buin e, Mac Ghille Sheathanaich as an Ath-leathann, sinn a steach gu a sheomar uaigneach fhein, agus thug e dhuinn drama de an stuth a b' fhearr a botul tomadach air an robh dealbh an eich. 'S e rinn am feum dhomh. Dh' fhairich mi e cur teas agus tioral-achd sios roimhe gu barr meoirean mo chas, ach, —comharradh an fhior spioraid—cha deachaidh boinne suas do m' eanchuinn dheth. Sinne fhuair an deagh ghreidheadh an oidhche sin, cha b' urrainn uachdaran Leodhais na b' fhearr fhaighinn, ach a dh' aindeoin leabaidh aighearach agus gach co-fhurtachd, bu tric mise dusgadh leis an eagal agus mi faicinn cailleach ghranda 'n dosain leith 'g a bàthadh fhein shios aig Geodha 'n t-Seididh an Roulinis. Bha e cho math gu 44 Litrichean a Beamaraidh. robh agam ri eirigh trath airson carbad-iaruinn nan coig uairean a gabhail gu Obair-Dheathain agus bha mi ullamh an deagh am. Fiachadh sibh-se nach b'e am fior Ghaidheal fear an tigh-osda, cha ghabhadh e sgillinn ruadh no gheal uam airson cuid na h-oidhche. 'S mise nach di-chuimhnich sin dha-san. Tha eagal orm gu'n toir an cunntas so cho fada ris a' chogadh niu'n tig crioch air, ach tha mise airson gach ni a thachair dhomh innse dhuibh an uair a tha sibh fhein cho gasda, Mise agaibh, le durachd, Alasdair Mor. SGRIOB BHO'N TIGH—VI. Fhir mo Chridhe, Mar a thuirt mi ruibh bha e gle thrath 's a' mhaduinn an uair a dh' fhag mi Inbhir-pheofharain an carbad iaruinn na smuide. Cha robh moran air an rathad ach direach iad-san do 'm b' fheudar mar a bha mi-fhein. Bha carbad agam dhomh fhein, agus ged a bha sin car aonaranach dhomh-sa, b' fhearr e na bhi 'n cuideachd na te a chuir a leithid de chlisgeadh 'n Litrichean a Beamaraidh. 45 am fheoil an latha roimhe sin. Chunnaic mi "smoking" sgriobhte air uinneag a' charbaid, ach bu bheag agam-sa co dhiu bha sin ann gus nach robh — agus chuir mi coinnein ris a' phiob gu h-ealamh, agus abradh sibh-se nach b' fhada gus an robh faileadh trom cubhraidh an lus bheann-aichte a' lionadh gach oisein gu h-ard agus gu h-iosal. Ah, dhuine! sud far a bheil an talamh math agus gu leor dheth fad an t-siubhail gu Inbhir-nis. Chan ionghnadh sinne ann am Bear-naraidh fhein a bhi bochd dheth, a' caitheamh airgid air a' ni nach toir aran—ag aiteachadh nan creagan glasa, rud a bhris mo chridhe fhein bho chionn iomadh bliadhna. Tha croiteirean feadh gach baile ann an Leodhas a' faighinn talaimh airson buntata agus coirce am bliadhna, ach chan'eil guth air Beamaraidh bhochd againne. Chan'eil fear-iuil againn agus chan fheairrde an gnothuch sin dad. 'S fhearr caraid 's a' chuirt no crun 's an sporan, agus is fior e, ach 's e ar cuid a bhi sealltuinn beo air choinneimh na h-ath bhliadhna, agus eirigh ceart a comhladh agus ar guaillean a chur ris a' chuibhle. Is bochd an rud dhuinne bhi gun talamh aitich, agus gu leor's an eilean dheth a bheireadh a mach an deagh thoradh. Leis na smuaintean so fhuair mi mi-fhein aig Inbhir-nis, ceanna-bhaile na Gaidhealtachd, agus fhuair mi mach gu robh leth-uair de thide agam gus am falbhadh carbad Obair-Dheathain. Bha 46 Litrichean a Bearnaraidh. stoc amhach, agus boineid a dhith orm, agus bha mi smaoineachadh gu robh e cho math dhomh am faighinn an uair a bha fath agam. Fhuair mi mach as an ionad-charbad gun dragh gun bhuaireadh oir bha paipear gorm righ Iompaireachd Bhreatuinn 'n a mo phocaid. Bha fhios agam gur h-ann am baile Inbhir-nis a bha'n seinneadair mor, Gaidhlig, Ruairidh Mac Leoid, agus smaoinich mi gu fiachainn ris a' bhuth aige fhaighinn a mach. Dh' fhoighneachd mi do bheadagan beag de bhalach luideach ragach an robh dad de bheachd aige c' ait' an robh buth Ruairidh Mhic Leoid a sheinneas "Beinn Dorain" mar nach do sheinneadh riamh roimhe e. Dh'innis mi da air ball, agus thug mi tri sgillinn dha airson mir is im a cheannach, agus gu dearbh bha e 'g amharc feumach air blasad de bhiadh na tuatha.. Abradh sibh-se gu'n tug e taing dhomh, agus an ath shuil a thug mi nach ann a bha e 'n a sheasamh air a cheann caol air a' chabhsair chruaidh agus na casan caola cama dannsadh's an athar. Thug mi taing dhurachdach do Dhia nach d' rugadh anns a' bhaile mhor mi, agus rinn mi direach air buth Ruairidh. Chaidh.mi steach agus bhruidhinn mi 's a' Ghaidhlig, agus na faiceadh sibh-se an surd a rinn e rium. " 'S ann a Leodhas a tha sibh-se," ars' esan; "tha 'ur cainnt 'g 'ur brath." " 'S ann: is fhior sin," arsa mise.; "Is mise Alasdair Mor a Bearnaraidh." "O gle mhath," arsa Ruairidh, Litrichean a Beamaraidh. 47 "bithidh mi a' leughadh "litir Bhearnaraidh" agaibh gu math tric. Tha sibh gle dhuineil an uair a tha sibh a' toirt naidheachdan an eilein ann an canain Leodhais." "O," arsa mise, "cha b' urrainn dhomh an toirt seachad ann an canain eile. Cha d' fhuair mi an cothrom sin 'n am oige." "A dh' aindeoin gach cothrom air sgoil is ionnsachadh Beurla a tha 'n diugh 'n ar tir, is iomadh Gaidheal agus bana-Ghaidheal bhochd gun eanch-uinn a tha ar sgoilean Beurla cur air blàr an diugh," ars' esan. "Nach ann a thainig caileag og a steach an so an de, agus ad mhor coltach ri guite air cliathach a cinn." Ars' ise, "I'm so anonymously glad to saw you. I seen you in Glesca on the Mull and Iona concart." "Dhia, gleidh mi," arsa mise, "cha robh duil agam gu robh a' leithid sin de dhi-mothachaidh ann an caileag sam bith a thogadh air a' Ghaidhlig." "A charaid chaoimh," ars' esan; "is beag sud de'n dolaidh a tha seorsa foghluim an latha 'n diugh a' deanamh air oigridh na Gaidhealtachd, agus de'n t-ionghnadh an uair nach'eil an canain fhein a' faighinn an aite is coir dhith anns na sgoilean agus leis a sin tha 'n oigridh a' fas suas gun eolas air Gaidhlig no air Beurla Shasuinn, agus mur a toir an Gearmailteach leasan dhuinn an drasda mar Ghaidheil, slan leis a' Ghaidhlig." "B'e am fior Ghaidheal e gu a bhrogan, agus 's ann dha is aithne a' chuid de a luchd-duthcha anns a bheil spiorad na tàire air an tir agus an teanga. Fhuair mi an stoc-amhach agus a' 48 Litrichean a Beamaraidh. bhoineid-a bha dhith orm cho saor agus a fhuair mi. iad riamh roimhe, agus's math is d' fhiach do Ghaidheal cearb sam bith eolas a chur air Ruairidh, ged nach ceannaicheadh e fiach sgillinn uaithe. Mise, mar bu nos, Alasdair Mor. SGRIOB BHON TIGH—VII. Fhir mo Chridhe, Sin, ma tha, mar a fhuair mise Ruairidh coir. Chuir mi orm an stoc-amhaoh ur mu'n d' fhag mi a' bhuth aige, agus chuir e fhein, an duine gasda, snaoim de 'n fhasan ur air, agus rinn e duine dhiom aon uair eile. " 'Sean duine 'n t-aodach;"'arsa mise. "O," arsa Ruairidh, "is beag is d' fhiach an-riomhadh mur h-eil an cridhe gun cheilg." Lean e mi gu dorus an ionaid-charbaid—chan fhaigheadh e na b' fhaide—agus dhealaich sinn an sin. Gheall e dhomh gu'n toireadh e sgriob do Bhearnaraidh troimh 'n gheamhradh 's gu'm biodh oidhche chridheil chaidreach againn fhathast comhla ri cheile. Rinn mise direach air carbad-iaruinn Obair-Dheathain agus fhuair mi oisean air eigin—bha Litrichean a Beamaraidh. 49 gach carbad cho lan 's a thoilleadh mac mathar annta. Rinn a' bhruid fead tuchanach agus sud air falbh i ann an tiota, agus bha mi toilichte gu robh mi aon uair eile air an t-slighe gu fear na speuclaran. Thug mi mach "paipear an druggist" agus thoisich mi air cnuasach troimhe, a' leughadh naidheachdan Bhearnaraidh, 's mi a cheart cho sona ri Carnegie agus 's docha moran na bu shasuichte. Bha'n carbad a' stad aig moran de bhailtean beaga agus mora, bha iomairt agus ruith gu leor a' feitheamh stad a' charbaid, ach bu bheag agam-sa sin, cha robh duine 'n am measg air an robh eolas mionaid agam, agus bha iad maf sin a' falbh 's a' tighinn gun làrach sam bith a dheanamh air m' inntinn. Mu dheireadh sheol sinn a steach do ionad-charbad Eiliginn, far an robh sinn a' stad car tacain. Chaidh mi-fhein. a mach as a' charbad fiach a' faighinn "copan tea air mo bhois," mar a chanas muinntir Challanis, agus am taghadh orm. Fhearaibh, an t-atharrachadh a thainig air an aite ud bho 'n a bha mise ann mu dheireadh air an rathad gu iasgach Bhòcaidh. Sin bliadhna nach di-chuimhnich mi fhad 's a bhios mi beo. 'S ann comhla rium a bha 'n sgioba gasda. Bha Domhnull Eilidh nach maireann, a Mangerstadh. ann, is Aonghas Ruadh a Roulinis, Tomas Alasdair a Bragair, agus Aonghas Neill a Croulistadh, agus is lag air laimh cuid aca an diugh. Cha chreid mi gu robh iasgach riamh cho soirbheachail 50 Litrichean a Bearnaraidh. agus a bha e a' bhliadhna ud. Thug mi-fhein tri fichead punnd Sasunnach de airgiod tioram dhachaidh, agus 's ann direach an oidhche chuir mi mo chas air laimhrig mhor Steornabhaigh air an t-slighe dhachaidh, a cheannaich mi an t-uaireadair a tha fhathast air mo chliathaich ann am buth Mhic Ghille Bhrath, agus b'i fhein an deagh uaireadair. Cha do chaill i mionaid riamh, agus leis cho deidheil agus a tha i air siubhal 's ann is toigh leatha air uairibh a bhi buinnig, ach chan'eil an t-iomrall sin ro mhor na 's mo. Chan'eil uair a bhios mi dol seachad nach bi Mairi Mhurchaidh ag eigheach as mo dheidh. "De 'n uair cheart, Alasdair Mhoir?" Obhan, Obhan, sinne fhuair an soisgeul glan a' bhliadhna ud. Bha Domhnullach Mor Chille-Mhoire againn an toiseach, duine tomadach an corp agus an inntinn, agus searmonaiche sgairteil. Bha e cho gasda, cairdeil, carthannach ris gach duine agus cho deidheil air uile dhichioll a chur an cleachdadh as ar leth. As a dheidh-san thainig Mac Aoidh Thir-iodh, agus abradh sibh-se coinneamhan gu leor an uair sin. Cha mhor gu robh oidhche dol seachad gun choinneamh a bhi againn an talla nan iasgairean shios air an laimhrig—agus b'e sin na coinneamhan. Saoilidh mi gu bheil e deanamh feuma dhomh fhathast a bhi cuimhneachadh orra. Bhiodh Aonghas Ruadh a' seinn, agus an uair a thogadh an coimhthional a bha sud an guth,— moran diubh a Leodhas againn fhein—shaoileadh tu gu robh 'n tughadh gallda a bha air an talla ag Litrichean a Bearnaraidh. 51 eirigh dheth. Bha Mac Aoidh uamhasach deidheil air am fonn sailm "Steornabhagh," agus cha bhiodh oidhche nach biodh e againn. Thigeadh an sin a' choinneamh-urnuigh agus rachadh gairm air Aonghas Neill am measg chaich. "Da fhacal, Aonghais, da fhacal, two words," arsa Mac Aoidh, agus chan fhaca mi Aonghas riamh a' diultadh. Bha seann nighean a Grabhir aig a' chutadh a' bhliadhna sin agus bhiodh Mac Aoidh a' deanamh direach oirre-se an comhnuidh. "Tha 'n tìd agad a bhi 'g amharc suas, a bhean," arsa Mac-Aoidh. " 'S mise tha feumach air sin," ars' ise "Cha dean sin an gnothuch," ars' esan, "feumaidh creideadh a bhi agad agus greim daingeann a dheanamh air a' bheatha mhaireannaich." Chaidh mi fada fada thar mo sgeoil mar an droch shearmonaiche nach urrainn cumail ri a cheann-teagaisg, ach feumaidh sibh lethsgial an aineolais a ghabhail. Tha m' inntinn-sa 'n comhnuidh a' bùrach am measg nan laithean sona a dh' fhalbh, agus mar sin is maith leam a bhi luaidh orra gach fàth a gheibh mi. Coma leibh-se, ruigidh mi mo cheann-uidhe uair-eigin. Mise agaibh, Alasdair Mor. 52 Litrichean a Beamaraidh. SGRIOB BHO'N TIGH—VIII. Fhir a' Phaipeir, Mar a thuirt mi ruibh air an t-seachduiu so chaidh, fhuair mi "copan tea air mo bhois" aig ionad-charbad Eiliginn, agus rinn e mor fheum dhomh. Is trocaireach an rud an tea fhein, ged is tric sinn 'g a caineadh-—cha toir sin oirnn sgur dhith. Ghluais sinu gu sunndach air falbh agus bho 'n a bha am feasgar briagha ciuin, bha sealladh grinn againn air an duthaich mu'n cuairt. Bha da bhodach anns a' charbad comhla rium, ach ma bha mise samhach, cha robh coltas orra-san gu robh comas labhairt aca idir. "Ma thogair," arsa mise rium fhein, "tha mi ceart gu leor fhad 's a chumas "paipear an druggist" leughadh rium." Thainig sinn gu baile beag, ach ged a mharbhadh sibh mi, chan urrainn mi cuimhneachadh de'n t-ainm a bh' air. Coma co dhiu an uair a stad an carbad, co thigeadh a steach comhla rium fhein agus na bodaich ach caileag og. Gu dearbh cha robh i boidheach, ach, a charaid, na faiceadh sibh-se sgeadachadh a' bhoirionnaich sin, theireadh sibh ruibh fhein nach robh gainne airgid no òir air sporan an duine a phaigh a' bhan-taillear aice. Bha brogan iosal ur nodha oirre. Bha na sàilean aca sia oirlich, na's docha còrr, air airde, agus bha na barr-iallan cho leathainn ri ribeanan curraic a chitheadh tu air Litrichean a Beamaraidh. 53 cailleach ann am Beamaraidh an uair a bha mise na b' oige na tha mi 'n diugh. Airson na stocainean dheth, ma bha iad fasanta, cha robh moran sgoinn annta. Dh' itheadh na caoraich am fiar trompa, agus thuirt mise rium fhein nach e Tomas nan Ioc-shlaintean a rinn iad sud co dhiu. Cha b'e idir samhla de obair iad. Tha paidhear a rinn e bho chionn leth bhliadhna air mo chasan an diugh, agus chan'eil toll no failing annta fhathast, a dh' aindeoin gach allabain a fhuair iad eadar beinn is baile. Bha gùn de bhreacan glas nan ciobairean oirre, agus bha e a cheart cho goirid 's ged bhiodh aice ri siubhal troimh 'n mhointich gu airighean Beinn Mhòclaid. Bha tri usgraichean air an darna dorn agus dha air an t-eile comhla ri uaireadair duirn, agus airson fhainneachan, a mhic, ghabhadh e duine b' fhearr ceann na mise airson an cunntadh, ach thuirt mise rium fhein ma bha gealltanas posaidh aice air fear mu choinneamh gach fainne bha sud, gur h-i dh' fhaodadh a radh mar a thuirt an t-eile, ''nach ann orm-sa tha'n fheill.'' Bha mi 'g innse mu deidhinn do Thomas an latha roimhe, agus cha mhor nach do bhris e a' chathair air an robh e 'n a shuidhe leis na rinn e de lachanaich. Thainig sinn gu'n cho-dhunadh gu'm biodh e iomchuidh agus ro fheagarrach gu'm biodh Morair araidh 's an rioghachd air a chur air leth airson suil a chumail air riomhadh nam boirionnach aig an am so. Tha Morair Rhondda os cionn cuisean a' bhjdh, agus feumaidh sinn a bhi stuama ann an 5-i Litrichean a Beamaraidh. caitheamh mine agus siucair, ach chan'eil guth air boirionnaich ghòrach a tha deanamh gloir ann an aodach cosdail aig an am so an uair a tha an rioghachd againn feumach air a bhi cleachdadh stuamachd chan e mhain ann am biadh ach an eideadh cuideachd. Ma bhitheas sibh-se sgriobhadh uair sam bith gu Seumas Iain Mac-Mhuirich, ball Parlamaid na siorramachd againn, bu choir dhuibh a ni chur 'n a shuilean fiach de theireadh e. Cha robh ionndrainn oirre gu dearbh an uair a dh' fhag i ar cuideachd air an t-slighe gu Obair-Dheathain. Chan'eil fhios agam an do ghabh na bodaich shamhach mi-chiatamh dhith—co dh' aithnicheadh sin air an anail ach bha mise agam fhein mar a b' abhaist. Rainig sinn baile mor Obair-Dheathain gun sgiorradh gun tubaist, agus leig mise latha math leis na bodaich, agus rinn mi direach air an t-sraid gus an do sheol Torcull mi mu'n d' fhag mi Steornabhagh. Cha robh mi tur aineolach air na sraidean le bhi ann gu tric aig an iasgach, agus leis sin cha robh e ro dhuilich dhomh mo cheann-uidhe ruigheachd. Fagaidh mi cuisean mar sin an drasda agus innsidh mi dhuibh mar a thachair dhomh 'a a' bhaile mhor air an ath sheachduin. Mar sin leibh ma tha, agus leis gach durachd. Mise, le meas mor, Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. o5 SGRIOB BHON TIGH -IX. A Dhuine Choir, Mar a thuirt mi ruibh cheana, fhuair mi an tigh-osda gus an do sheol Torcull mi agus bhuail mi clag buidhe a bha an ursann an doruis mhoir, agus thainig caileag chaol ard le aodann fluir 'n am choinneamh, agus dh' innis mi dhith gu robh mi airson cuid na h-oidhche fhaighinn agus suipeir mu'n rachainn a laighe. Thug i mi gu uinneag anns an t-srannsa, coltach ris an uinneig thogalaich a tha anns an t-seomar òil 's an Tigh-osda Rioghail againn fhein an Steornabhagh. Bha caileag ghreannach ruadh a stigh 's an aite bheag sin agus moran leabhraichean aice, agus airgiod agus treallaich eile mu'n cuairt dhith. Thug i dhomh paipear odhar agus thuirt i rium gu feumainn m' ainm agus mo shloinneadh agus ainm an aite as an d' thainig mi a chur sios air mu'm b' urrainn iad aoidheachd a thoirt dhomh. " 'S carson nach robh an riaghailt sin agaibh," arsa mise, "an uair a bha mise an so aig an iasgach bho chionn dusan bliadhna?" "O," ars' ise, "'s e'n cogadh a rinn so. Feumaidh sinn a bhi mionaideach timchioll air coigrich a nise mu'n toir sinn aoidheachd do na Gearmailtich gun fhios duinn." "Seadh direach," arsa mise, "cha dean muc am poca an gnothuch a nise, ach thug neach eile aoidheachd do ainglean gu nfhios da." Rinn i gaire, bronag. ¦56 Litrichean a Beamaraidh. Tha mi creidsinn gur h-ann. a' fanoid air a' Bheurla agam a bha i, ach ma thogair. "Ma tha, mo nighean mhath," arsa mise, "cha lair dhomhsa dad a tha air a' phaipear so, agus's e cion an radhairc a ghluais a Beamaraidh mi, fiach a faighinn speuclaran leis an leughainn an Fhirinn le comhfhurtachd." "O," ars' ise, "bi sin ceart gu leor. Sgriobhaidh mi-fhein sios na h-uile dad, direach mar a their sibh rium, agus cuiridh sibh 'ur lamh ris agus cumaidh sin ceart sinn." "Mo bheannachd agad-sa," arsa mise, " 's mise tha 'n dochas gur tu gheibh rogha nam fearaibh air do chluasaig." Thainig an sin balach beag agus sreath de phutanan geala 'n a chota, agus thuirt e rium gu sealladh e an seomar-oadail dhomh. Thug © leis a' mhaileid bheag a bh' agam agus chaidh sinn a steach do chlosaid bhig agus geata iaruin n'n a dhorus rithe. Nach ann a ghabh mi an t-uamhas bu mhotha ghabh mi riamh gu'm b'e sud m' aite taimh re na h-oidhche ach cha do leig mi dad orm. 'N uair a chaidh sinn a steach, dhuin am balach an geata iarainn a bha sud, chuir e car no dha ann an laimh bhuidhe bha ann am bosca dubh a bha 'n oisean na cuil, agus am priobadh na sula chriothnaich an t-urlar fo mo chasan agus thoisich mi-fhein agus am balach agus a' chuil gu leir air eirigh 's air eirigh na b' airde, agus theabmi direach a dhol a cochull mo chridhe, agus leis a' bhriosgadh a ghabh mi cha b' urrainn domh eigheach. Smaoinich mi air Pol coir air a thogail a dh' ionnsuidh an treas neimh Litrichean a Beamaraidh. 57 ach—chuir am balach car gu tuath anns an laimh bhuidhe agus air ball stad a' phlaigh bhocsa anns an robh sinn. Dh' fhosgail e an geata agus chaidh sinn uile mach, agus aig sealbh mor fhein tha brath de'n t-asdar a rinn sinn suas gu mullach an tighe. Dh' aithnich am balach gle mhath nach robh mi suas ris a' ghnothuch, ach ma thogair's ma thogair eilei Chuir mi boiseag air m' aodann 's air mo lamhan, agus cha b' urrainn dhomh gun a bhi briseadh air mo ghaire leam fhein an uair a smaoinichinn air a' bhocsa aighearach's an tugadh mi suas an staidhre. "Fhearaibh," arsa mise leam fhein, "na'm biodh .Eilidh 's Bantrach Chaluim shios an Roulinis comhla rium nach ann aca bhiodh a' ghaoir 's na sithichean 'g an togail beo slan bho thir an amhghair chumas daoine 'n am bruaillean an uair nach'eil iad eolach air a ghnaths. Fhuair mi 'n seomar dinneireach, agus sheol caileag dhubh mi a dh' ionnsuidh a' bhuird air an robh mo shuipeir. Cha robh gainne air sgianan agus forcaichean agus poitean tea is poitean siucair airgid, ach gu dearbh 's ann spiocach spiocach a bha na bha dh' aran air mo bhialamh, ach fhuair mi mach uaithe sin gu bheil aca ris gach mir arain a thomhas a nise, agus unnsa no dha chur mu choinneimh gach neach. Nach math nach d' thuirt mi dad ged is ann acrach a chaidh mi laighe an oidhch' ud. Cha robh moran aig an t-suipeir, ach dhearc mi air aon bhodach agus coltas gle stagach air cuideachd, agus bha botul mor uisge- 58 Litrichean a Beamaraidh. bheatha aige air sgornan, 's bheireadh e balgain as an drasda 's a rithist, agus leis a' bhlaiseagr-aich a bha air, feumaidh gu robh an stuth a' taitinn ris gu math. Chuireadh e sin coinnein ris a' phiob, agus an smuid a bha 'g eirigh uaithe, bheirinn mo mhionnan gu robh mi 'g a shamhlachadh ri cleireach an t-sagairt a' losgadh na tuise. Feumaidh mi sgur. Leis gach muirn, Alasdair Mor. SGRIOB BHON TIGH—X A Ghoistidh Choir, Chaidh mise laighe, ma tha, anns an tigh-osda chathalaideach a bha sud, agus leis cho sgith airtneulach agus a bha mi, cha b' fhada gus an robh mi an rioghachd na suain. Thainig gnogadh 's a' mhaduinn gu dorus mo sheomair a' toirt caismeachd dhomh gu robh 'n tide agam gluasad. Sin rinn mi cho luath agus a rachadh agam air, agus an uair a sgioblaich mi mi-fhein rinn mi direach air an t-seomar 's a faca mi am bodach stagach an oidhche roimhe sin. 'N uair a Litrichean a Beamaraidh. 59 'bha mi fagail mo sheomair-cadail, chunnaic mi gu robh cuinneag bheag de uisge teith air fhagail aig dorus an t-seomair agam. Cha d' innseadh dhomh fhathast carson a chaidh a chur ann, ach chan'eil fhios agam nach fhac iad gu robh botul beag uisge -bheatha agam a fhuair mi bho mo charaid, Mac Ghille Sheathanaich, an Inbhir-pheofharain, 's gu'n do shaoil iad gu'm bu chaomh leam a' dhealbh de uisge teith a chur am boineag dheth an am dol a laighe. Cha do leig mise dad orm co dhiu. Thachair a' leithid de nithean neonach rium air mo thurus, agus dh' fhoghlum mi cleoca chumail air m' aineolas le bhi tosdach samhach, agus le sin ma bha mi aineolach air iomadh cuis chan fhaigheadh càch fios air sin. Bha duine an sud agus an so ag ithe 's ag ol an uair a ohaidh mi sios do 'n t-seomar dhinneireach. Thug mi suil anns gach cuil airson bodach a' bhotuil, ach cha robh sgiala air. Cha do chuir sin ionghnadh sam bith orm. Ma thraigh e am botul a bha aige an oidhche roimhe sin bhiodh sgornan tioram agus ceann goirt aige as a dheidh. Thainig an sin a' chaileag dhubh a chunnaic mi an oidhche roimhe sin, agus chuir i mo bhiadh air a' bhord. Bha poit tea airgid ann agus soitheach airgid eile anns an robh dribeid bheag de bhainne gorm lachdunn, coltach ris an stuth as am bi na bana-bhuidsichean a' toirt an toraidh. Bha sliseag no dha de mhuic fheoil phlamach air truinnsear, agus 'g am falach, mar a shaoil mise co dhiu, bha ubh air a leth bhruich. Cha do thionndaidh iad riamh e, agus an uair a 60 Litrichean a Beamaraidh. chuir mise an sgian troimhe, dh' fhalbh e 'n a sgid air feadh an truinnsear. Tuigidh sibh gu robh mise iomadh bliadhna 'n a mo chocaire anns na bataichean-iasgaich 's an aird a near, agus is iomadh muc a chaidh a ròsladh leam anns na bliadhnaibh sin. Thog mi orm gu fear nan speuclaran air ball, agus leis an deagh sheoladh a fhuair mi bho Thorcull an Ceann a' Bhaigh cha deachaidh mi leth na h-oirlich air iomrall. Steach gu'n deachaidh mi, agus bhruidhinn mi ri caileag og laghach -agus speuclaran oirre cuideachd—a bha air taobh thall bord na cise. Dh' innis mi dhith mo thurus, agus thug i mi steach do sheomar feitheimh a bha air cul na butha. Bha mi greiseag mhath an sin, ach mu dheireadh thainig bodach mor liath agus speuclaran òir air a stigh. Chuir e failte agus furan orm agus dh' fhoighneachd e dhiom co as a thainig mi. Dh'innis ma dha, facal air an fhacal, mar a thachair dhomh, bho 'n leig Mairi Mhurchaidh agus bantrach Knocs beannachd leam aig an Tom Raineach agus mar a theab mi a bhi 'n a mo phriosanach Staite an Caol Loch-Aills. Co dhiu bha e gabhail suime do m' eachdraidh gus nach robh, bha e 'g eisdeachd rith© agus a' deanamh fàite gaire an drasda agus a rìs. Bha mi cur cuthaigeadh Gaidhlig am measg na Beurla air uairibh mar a bhios na boirionnaich oga tha tighinn dhachaidh aig am Feill Ghlaschu a' cur Beurla am measg na Gaidhlig, airson gu'n tuig na bodaich aig an tigh gu'n tug iad-san co dhiu brag Litrichean a Beamaraidh. 61 no dha air cabhsair na Drochaid an Glaschu. Thuirt mi ris a' bhodach nach ruigeadh e a leas taing sam bith a thoirt dhomh-sa airson tighinn a dh' amharc air—gur h-e mo charaid, Torcull Mao Leoid, a Garrabost, a sheol mi, agus "u robh e a' sior-mholadh na speuclaran a fhuair © uaithe. "Tha mi ro fheumach air speuclaran," arsa mi-fhein. "Cha mhor nach d' fhiach mi speuclaran gach bodaich agus caillich am Beamaraidh ach chan fhaic mi soillse le h-aon aca ach speuclaran Thormoid Taillear, agus feumaidh mi an leithid eile fhaighinn, agus tha mi smaoineachadh ma gheibh mi iad gu faio mi an Fhirinn a leughadh gu gasda." Thug e an sin mi steach do sheomar dorcha, mugach, neonach, agus feumaidh mi litir eile a ghabhail airson innse dhuibh gu mionaideach gach ni a thachair an sin. Soirbheachadh leibh agus roimhibh. Mise, gu suairce, Alasdair Mob. 62 Litrichean a Beamaraidh. SGRIOB BHO'N TIGH—XI A Dhuine Chridhe, Gheall mi gu'n innsinn dhuibh air an t-seaahcduin so mar a thachair dhomh am buth fear nan speuclaran, agus gu dearbh fheine, na'm b' urrainn domh-sa gach ni a chunnaic mi a chur sios an rogha na Gaidhlig, bhiodh seanchas agam' a b' fhiach a leughadh aig iomadh teallach. Coma co dhiu thug am bodach mor a steach mi do sheomar car dorcha agus chuir e mi 'n am shuidhe ann an cathair bhriagha ghairdeanach a bha cheart cho socair ri leabaidh itean. Chuir e an sin bord geal air an robh litrichean mora agus beaga, suas air a' bhalla mu m' choinneimh, agus chuir e a mhiar air seorsa de phutan buidhe bha anns a' bhalla ri taobh an doruis, ach fada fada mu 'm b' urrainn thu thu fhein a bheannachadh, las tri soluis dhealrach bhoillsgeach, gach aon diubh an crochadh air sreang bho mhullach an tighe. Theann e sin ri faighneachd dhiom an robh mi faicinn aon de na litrichean a bh' air a' bhord gheal mu m' choinneamh "Badan dhiubh," arsa mise, ' 'tha mi faicinn an t-sreath as airde gu soilleir ach an uair dhearcas mi air an ath shreath, chi mi na litrichean a' dannsa "Gille Calum" am measg a cheile. "O, seadh," ars' esan, "tha do radharc gle dhona agus 's e mo bheachd gu feum thu speuclaran gle laidir, ach ni sinn an gnothuch." "Thoireadh sibh-se dhomh Litrichean a Beamaraidh. 63 paidhear de 'n t-seorsa fhuair Tormod Taillear," arsa mi-fhein, "agus cha ruig sibh, a leas a bhi dol gu leithid sin de dhragh timchioll orm-se." "Co tha sin," ars' esan. "Tha," arsa, mise, "seann duine coir ann am Beamaraidh againne tha cho fiosrach ann an teagasg an taghaidh ri duine is aithne dhomh." "0, seadh,'' ars' esan, "chan aithne dhomh dad mu'n chuis sin idir." " 'S olc an comharradh air an latha," arsa mi-fhein. "Am bi thu ris a' phiob?" ars' esan. "O bithidh," arsa mise, " 's na'n do laimhsich sibh-se an fhicheadamh cuid de na lin-mhora tharruing mise 'n a.mo latha, bu mhaith leibh ann an cruas a'chathaidh 's ann a' mire na stoirm gu'm biodh bunag phioba agaibh airson coinnean a chur rithe." "Tha puinnsean an.tombaca milleadh do radhairc," ars' am bodach, "agus feumaidh tu fiachainn ri fas na 's aotromaair." "O 's fhasa sin a radh no dheanamh," arsa mise—" 's laidir an t-slabhruidh droch cleachdadh." Chuir e sin speuclaran (mar a bha duil ¦ agam-sa) air mo shuilean, ach an uair a sheall mi cha robh gloine idir annta. Smaoinich mi gu robh e airson mo char a thoirt asam, ach cha d' thuirt mi dad. Dh' fhoghlum mi an latha roimh* sin cho priseil agus a bha e a bhi tosdach sitheil an comhnuidh. Thainig, e an sin le bocsa lan de ghloineachan de gach, seorsa agus chuir e te dhiubh air mo shuilean. .."Bheil thu faicinn na. litrichean a nise?" ars' esan. "Tha, badan, dhiubh," arsa mise,, "ach ohan e speuclaran airson na litrichean 64 Litrichean a Bearnaraidh. mosach sin fhaicinn a tha mise 'g iarraidh idir, ach feadhainn leis a faic mi am Biobull Gaidhlig agam fhein a leughadh le comhfhurtachd." "O," ars' esan, "na speuolaran a ni an aon rud ni iad an rud eile." Chuir e sin gloineachan eile air mo shuilean agus shaoil leam gu roon mi faicinn gach ni mu'n cuairt domh ann an solus ur. Leughain gach aon de na litrichean a bh' air a' bhord gheal, agus rud a thug snodhadh gaire orm, dheare mi air ball-dorain beag, mu Had ploc prine a bha air barr sron a' bodaich. "So direach," arsa mise, 'leth-bhreac de speuclaran Thormoid Taillear, agus tha iad direach cho math dhomh '3 ged dheante iad air mo shon fhein." Thug mi mo Bhiobull Gaidhlig as mo phocaid agus de dh' fhosgail dhomh ach an ochdamh caibidil de litir nan Romanach—caibidil cho brighmhor agus a tha eadar da chlar nan Sgriobtuirean mar a chanadh Padraig Iain Ruairidh. Thoisich mi air a' chaibidil so a leughadh leis na speuclaran ura ann am fianuis a' bhodaich, agus na faiceadh sibh-se na suilean a chuir e air—shaoileadh tu gu robh e air saoghal eile leis a' ghairdeachas. "O, dhuine," ars' esan, "nach milis ceolmhor am fonn a th' air na faclan. Cha chreid mi gu'n cuala mi riamh cainnt cho taitneach ri a h-eisdeachd. 'S buidhe do na daoine a tha comasach air a leughadh agus a tuigsinn." "Tha sin ceart gun teagamh." arsa mise, "ach 'a ann a tha 'n t-sochair ann a bhi Litrichean a Bearnaraidh. 65 comasach air firinnean mora na caibidil so a ghabhail a stigh, agus tha anns na faclan a leugh mi na chumadh cnuasachadh ruinn le cheile fad ar beatha." "Tha mi gle dhripeil an diugh," ars' esan, ' 'agus feumaidh mi 'n ath dhuine thoirt a steach." "Gabhaibh mo lethsgial," arsa mise, " 's mise tha gu mor 'n 'ur comain airson an dearrsadh de 'n t-solus aimsireil a chuir sibh 'n a mo shuilean, agus tha mise an dochas cu faigh sinn solus mor spioradail le cheile, ann an lorg ar coinneachaidh an diugh. Dia leibh." Mise, le meas, Alasdair Mor. SGRIOB BHON TIGH—XII A Charaid Runaich, £aoil sibh fhein nach'eil lan thide agam sgur de 'n chunntas so mu chuairt nan speuclaran. 'S fhior sin gun teagamh ach bho'n thòisich mi ris tha e na 's fhearr dhomh crioch onarach a chur air mu'n toir mi dhuibh naidheachdan Bhearnaraidh aig an am so. Chan'eil fhios aig duine beo air an fheum a rinn na speuclaran dhomh. Thug iad sealladh ur dhomh air a' chruinne gu leir. An uair a thainig mi 66 Litrichean a Beamaraidh. mach a buth a' bhodaich agus a sheall mi leis na speuclaran air gach ni mu'n cuairt dhomh cha robh dad de fhios agam de theirinn. Bha uinneagan nam buthan cho soilleir dearrsanta, agus gach ni bh' annta—'s gu dearbh fhein© cha b'e sin am bheag—ag amharc 'n a mo shealladh ur-sa cho mor toirteil, agus cha robh litir, beag no mor, a bha air na bogsaichean 's na ceanglachain a bha 'n an sreathan anns gach uinneig nach robh mi comasach air a dheanamh a mach gu soilleir. An uair a rachadh bean-uasal, 'n a beachd fhein, seachad orm, dhearcainn air an toll bu lugha bha air cul nan stocainean aice, agus bha mise 'g radh rium fhein, mar a thuirt an sean-fhacal còir bho chionn fhada, "gur h-iomadh rud buidhe nach b' òr, agus rud boidheach bu chòir a sheachnadh." Thug mi sgriob troimh 'n bhaile, direach airson an latha chur seachad, a chionn nach fhaighinn toiseachadh air mo thurus dhachaidh gu la 'r na mhaireadh. Bha mi car eolach 's a' bhaile bho chionn fichead bliadhna an uair a bha mi aig an iasgach ann mu dheireadh, ach 's mor na h-atharraichean a thachair ann bho'n uair sin. Cha do shaoil mi gu'n do sheas mo chas riamh anns a' cheart bhaile. 'S © carbadan nan each a bha ann 'n a mo latha-sa, agus is iomadh uair a bhiodh mo chridhe goirt airson nam bruidean bochda a' tarruing lan carbaid d© dhaoine agus de mhnathan de gach seorsa, agus a' chuid bu mho dhiubh a cheart cho comasach rium-sa air an t-sraid a choiseachd, ach tha an leisg a th' ann Litrichean a Beamaraidh. 67 mor an uair a bhuaileas © luchd an airgid. Chan fada gus am bi iad ag iarraidh dhaoine chuireas am biadh 'n am bial airson nach gluais iad an lamhan. Chan'eil each air sgiala anns na carbadan sin an diugh. Tha an dealanach 'g an giulan gu luath sunndach bho aon cheann de'n bhaile gus an ceann eile agus cha toir an diulach sin osna as ged a bhiodh an carbad lan de chaill-eachan agus na h-uile te dhiubh cho trom ri da bholla mhine. 'S e obair naduir fhein an gille nach gearan an sgios agus nach claoidhear le h-aois, agus is miorbhuilleach an inntinn ghleusda thug am Freasdal do chuid an uair a fhuair iad a mach innleachd airson srathair na h-obrach a chur air cumhachd mor an dealanaich fhein's gun fhios aig duine beo c' ait' am bheil a neart mor 'n a laighe. Bha © direach a' cur 'n a mo chuimhne eachdraidh a chuala mi mu chailleach a bha uair ann an Reinigidil 's na Hearadh. Thadhail am ministear oirre latha agus bha i ro thursach a chionn gu'n do stad an t-uaireadair-clag aice agus nach robh doigh aice air fios fhaighinn air uair na h-eaglais Di-domhnaich Sheall am ministear ris an uaireadair agus chunnaic e nach robh dad cearr ach gu robh an dara spòg a' breith air an t-eile. Chuir e air doigh an t-uaireadair ann an tiota, agus dh'aisig e gu slan fallain do'n chaillich e. "0, tapadh leibh-se, dhuine chòir," ars' a' chailleach, "'s mise tha gu mor 'n ar comain. 68 Litrichean a Bearnaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 69 SGRIOB BHO'N TIGH—XIII. A Dhuine Chridhe, Bha e feumail dhomh-sa nach robh ceilidh fada agam anns an tigh-osda ud an Obair-Dheathain. Na'm biodh thiginn dhachaidh a cheart cho bochd ri radan eaglais. Fhaigh mi coig air fhichead airson aoidheachd na h-aon oidhche, agus tha fhios aig sealbh mor nach robh mise comasach air luach leith an airgid ud ithe an latha b' fhearr mi riamh, ach de math a bhi bruidheann. Bheirinn coig air fhichead eile airson nan speuclaran a fhuair mi, agus's ann domh-ea b' fhiach. Dh' fhag mi Obair-Dheathain aig leth uair an deidh seachd's a' mhaduinn, agus air dhomh mi-fhein a shocrachadh anns a' charbad, thug mi mach mo Bhiobull Gaidhlig as mo phocaid, agus thoisich mi air leughadh direach far an d' fhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh. Cha chreidinn mo shuilean fhein an uair a bha mi faicinn gach litir anns an leabhar cho mor ri cruach mhonadh a bhithinn a' deanamh anns na Sitheanan. Chan'eil ionghnadh sam bith orm ged bhitheadh daoine agus mnathan le dith fradhairc deidheil air speuclaran cumhachdach fhaotainn mar a fhuair mise, ged a bha mi uair de mo shaoghal a bha mi saoilsinn gu robh gach neach air am bitheadh iad an impis srachdadh leis a' mhoit Tha mise direach mar a bha Daibhidh beannaichte 'n uair a thuirt e: — "Tha 'n t-eolas so ro iongantach Is orm-sa tha e cruaidh." Ach na faiceadh a' chailleach bhochd ud carbad an dealanaich a' ruith 's a' leum air sraidean Obair-Dheathain gun each gun srathair 'g a tharruing, 's ann an uair sin a' bhruidhneadh Daibhidh rithe ann a' firinn. Gu cinnteach 9 ann an linn nan innleachdan a tha sinn beo. Thog mi orm 's a' mhaduinn leis a' charbad-iaruinn agus ged nach robh mi 'n t-seaohduin shlan air falbh, bha mi smaoineachadh gu robh fadachd orm gus a' faighinn dhachaidh gu tlath-ghaoth na mara aon uair eile. 'S iongantach an taladh a tha anns a' Chuan an Iar dhoibh-san a dh' ol a stigh fallaineachd na mara sin bho'n oige, agus cha chuir iad luach air am feasda gus am bi an teachd an tir air a thoirt dhoibh fada uaithe—sin co dhiu mar a bha mise saoil sinn air a' mhaduinn ud. Cuiridh mi crioch onarach air mo thurus 's an ath litir. Mise agaibh, gu muirneach, 70 Litrichean a Beamaraidh. agus a' mhor-chuis. Co dhiu de dh' fhosgail dhomh ann an Leabhar an Taisbeanaidh ach an dara caibidil agus an t-seachdamh rann diag far a bheil e'g radh, "Agus bheir mi dha clach gheal, agus air a' chloich ainm nuadh sgriobhte, nach aithne do neach air bith ach do 'n ti a gheibh i," agus nach bu neonach leibh-se gur h-e sin a' cheart phuing air an robh mi-fhein agus Scottie a' bruidheann timchioll air an teallach agam an t-Sabaid mu'n d' fhag mi Beamaraidh. Bha'n earrann a' toirt mo theannaidh dhomh iomadh latha, agus chuir mi direach mo chomhairle ri Scottie an latha ud fiach de bha e saoilsinn dhith. Thainig mi air as fhaireachadh ach cha do chuir sin miapadh sam bith air. Sparr e a shuilean gu teann agus thug e truiseadh beag air fhiasaig le laimh, agus ars' esan, "Gun teagamh 's e cainnt shamhlachail a tha anns an leabhar so bho thus gu eis, agus chan urrainn an duine's foghlumaichte sheas riamh ann am broig grunnd na doimhneachd mhor a tha anns na briathran so a' ruigheachd, ach's © mo bheachd fhein nach bitheamaid a' toirt ana-ceartas do 'n Fhirinn le bhi 'g radh gu bheil a' chlach gheal so a' ciallachadh geallaidhean Dhe do 'n chreidmheach mar a tha iad sin uile air an cur sios gu simplidh anns an Sgriobtur, oir geallaidhean Dhe ann-san is seadh iad agus ann-san is amen iad." "Ciatach," arsa mise, "tha sin sgriobturail agus chan 'eil leabhar mineachaidh air an Sgriobtur cho math ris fhein. 'S de nise tha 'n t-ainm nuadh a tha sgriobhte air a' chloich a' Litrichean a Beamaraidh. 71 samhlachadh, bheil dad a bheachd agaibh?" " 'N uair a tha an Tighearna deanamh gnothuich slainteil ri anam sam bith," ars' esan, "tha e toirt seallaidh ur agus tograidhean ura dha, agus a' cur a sheula fein air an anam sin direach mar a thugadh gu h-eachdraidheil Israel air Iacob, agus Mata air Lebhi a bha ri triuthaireachd aig bord na cise." Abradh sibh-se gu robh sinn coirdte timchioll air ar meorachadh air an earrainn so, agus gu dearbh's i chum m' inntinn rium air an latha ud an uair nach robh duine ann ris am b' urrainn mi conaltradh a chumail. 'N uair a thainig mi mach as a' charbad anns a' Chaol 's a rinn mi direach air an t-Sheila, co thachair rium ach mo charaid còir, Mgr. Padruig, agus a bhean 's a nighean. An surd a rinn an duine caomh rium, agus bha sinn a' bruidheann air na seann laithean aig an iasgach, gu h-araidh a' bhliadhna bha e an Ceann Phadruig an uair a rinn Rainy searmon tomadach do na h-iasgairean, agus a bheil fhios agaibh gu'm bi Aonghas Neill a' bruidheann fhathast air cuid de na puingean a chual' e an latha ud. Bha mi cho toilichte thuigsinn gu'n do chuir Mgr. Padruig an tinneas dona ghabh e seachad, agus nach fhada gus am bi e cho slan agus a bha e riamh. Chan'eil duine an eilean Leodhais nach luigeadh slainte cuirp is inntinn agus sineadh saoghail dha. Dh' fhuirich mi an tigh Peigi Aonghais Ruaidh againn fhein an oidhche rainig mi Steornabhagh, 72 Litrichean a Beamaraidh. agus gu moch an ath. mhaduinn thog mi orm gu Callanis le carbad nan litrichean. Cha robh duine 'g am aithneachadh leis na speuclaran. Bha duil aig Donnchadh Challanis gur h-e Sasunnach a bh' annam agus bhruidhinn e rium am Beurla chruaidh mar is math a leigte leis, agus an uair a chaidh mi air bord's a' bhàt'-oladh, shuidh mi ri taobh da chaillich a Uige, agus chuala mi te aca 'g radh os iosal, "Nach cinnteach a nise gur mor an t-airgiod a th' aig an duin' uasal sin, seall na speuclaran òir a th' air," ach cha do leig mise dad orm. Thainig mi air tir aig ceann an rathaid, agus bha Tormod Beag an sin a' coinneachadh maileid nan litrichean, agus chuir e a lamh 'n a bhoineid dhomh gu modhail, agus rinn mise an ni ceudna agus ghabh mi seachad. Co thachair rium aig Ceann a' JMhorghain ach Bean Bhill 'a i dol a mach leis a' chrodh. "Fine day," arsa mise, cho gallda agus a b' urrainn mi. "Yes, sir," ars' ise. "Could you tell me where Coast Watcher Mr Malcolm Macleod's house is?" arsa mise, 's dh' innis i dhomh gu doigheil, ach nach ann a bhris air mo ghaire—chal b' urrainn mi cumail orm na b' fhaide. 'S iomadh latha bho nach d' fhuair mi uibhir de mhodh gallda shealltuinn dhomh agus a fhuair mi an latha ud, agus taing do na speuclaran airson sin. Sin agaibh-se, ma tha, facal air an fhacal, cunn- Litrichean a Beamaraidh. 73 tas air mo sgriob bho'n tigh, agus b'e sin turus an àidh dhomh-sa a rinn mo leirsinn cho math agus a bha e riamh. Mise, le muirn, Ai/ASdais Mob. BUACHAILLEACHD A' CHRUIDH. A Charaid Shuaihce, 'S gann a tha fath agam air peann a chur air paipear air an t-seachduin so le drip na h-obrach. Eadar faing is buachailleachd is strith ri lin-bheaga, thuilleadh air treallaich eile, 's ann mi-shunndach a tha mi faireachadh an comhnuidh air cul a' phinn, agus cha bu ghearan sin uile mur biodh gu bheil meirgeadh a' tighinn air buadhan na h-inntinn agus sgleo air suilean mo mhac-meanmna. Tha fhios agam airson sin gu'n gabh sibh mo leth-sgial agus nach bi sibh an comhnuidh ag amharc ri litir shuspainneach bho bhodach sean bochd nach d' fhuair cothrom air smior an fhoghluim bho oige. 'S ann anns na Sitheanan, agus mi a' buachailleachd a tha mi sgriobhadh so—an aon fhath a fhuair mi air an t-seachduin so. Tha Murchadh 74 Litrichean a Bearnaraidh. Knocs is Mairi Mhurchaidh is Catriona Chaluim shios an Roulinis comhla rium, agus air creagan thall mu m' choinneamh tha Bean Bhill ag ionaltradh a treud gu doigheil. Tha Catriona Roulinis a' deanamh seanchais do Mhairi air na balaich a bha ceilidh oirre air an airigh am bliadhna, ach's beag diu Mairi dheth sin—'s ann a theann i air bruidheann air an t-searmon ghasda a rinn an t-Urr. Ruairidh Mac Ghille Mhoire, ministear Steornabhaigh, latha na Sabaid so chaidh. Tha mi creidsinn gu'n cuala sibh fhein gu bheil an duine coir 'n ar measg bho chionn seachduin no dha, agus sinne tha 'n a chomain airson na firinnean mora chuir e fo 'r comhair ann an doigh cho simplidh solusach agus sgriobtuireil. 'S ealanta chuireas e a' Ghaidhlig an eagaibh a cheile, agus mar a thuirt Mairi an latha roimhe, 's buidhe dhoibh-san a tha fo 'n chrannaig aige 'n comh-nuidh. Nach ann a ghabh mi miapadh mor latha na Sabaid an uair a thoisich e ri leughadh an dara caibidil an Leabhar an Taisbeanaidh— nach ann a smaoinich mi gur h-ann a' dol a theagasg air a' chloich ghil a bha e, 's nach robh e riaraichte leis a' mhineachadh a bha mi-f hein agus Scottie a' toirt oirre, ach cha d' thuirt an duine gasda facal mu'n chuis idir. Nach iongantach leibh-se cho buailteach agus a tha an inntinn nadurra air seadh cam a thoirt eadhon a searmon-achadh an Sgriobtuir fhein agus a chur gu mi-bhuil. Bha bodach as na Hearadh comhla rium Litrichean a Bearnaraidh. 75 Alasdair Mor. aig an iasgach ann a' Finatie (Findochty) bliadhna, agus thuirt e rium gu'n d' fhag e an eaglais do'm b' abhaist dha bhi dol a chionn gu'n d' rinn am ministear searmon cumhachdach aon latha air Iudas Iscariot mac Shimoin, agus cha robh duine beo a bheireadh am bodach ud as a bheachd nach ann air fhein a rinn am ministear an searmon. Fhearaibh, nach mor am beachd a tha aig cuid de dhaoine orra fhein. Tha mi creidsinn gu'n d' eirich mi fichead uair bho 'n thoisich mi air so a sgriobhadh, a thilleadh a' mhairt odhair. Tha spealg mhor de'n donas innte ma dh' fhoghnas a bhi falbhanach e. Nach ann a theab mi-fhein agus Mairi a dhol a mach air a cheile 'n diugh air a son, agus ise 'g radh gu robh bho gle choltach rium fhein—ach ged bhios dubh-fhaclan agam fhein 's aig Mairi iomadh uair, chan'eil dithis eadar da cheann Bhearnaraidh cho coirdte ruinn, a chionn gu'n tuig sinn a cheile, agus nach-eil an dithis mail ann a' sgaitearachd. Bithidh orduighean Steornabhaigh ann latha na Sabaid so tighinn, agus bithidh duil agam ri sgriob eile thoirt bho'n tigh. Tha mi 'n dochas gu'm bi Padruig Iain Ruairidh air cheann cuid de na seir buisean. Mar sin leibh an drasda, 'S mise agaibh, 76 Litrichean a Bearnaraidh. TEA GUN SIUCAR. A Charaid Runaich, Bha lan dhuil agam gu faighinn a dhol do Steornabhagh a dh' ionnsuidh nan orduighean air an t-seachduin so, ach leig mi Sine ann. 'S fhada bho'n a bha deidh aice air sgriob a thoirt de cheanna-bhaile an eilein, agus an uair a chual' i gu robh carbad-oladh a' tighinn gu Breascleit a dh' iarraidh Peigi Aonghais Ruaidh agus an teaghlach, 's ann a thog i oirre gu h-uallach, agus tha chead aice, bronag; ged is liath a dosan, cha d' fhuair i riamh roimhe a leithid sud de onair—-an rathad ur a chur seachad an tri chair-teil na h-uarach ann an carbad gun each gun diallaid gun srathair, ach nach ann mar sin a tha —'s iomadh rud a chi am fear a bhios fada beo. 'S ann glagach gu leor a tha mi-fhein, ma tha, fad an t-samhraidh, ged a tha mi 'g eirigh 's a' gearan mar a bha a' chailleach eile 'g radh. Chan urrainn mi thuigsinn de tha cearr orm idir, ach tha mi cur na coire gu leir air an tea gun siucar a b' fheudar dhomh a bhi gabhail bho chionn greise. 'S cinnteach gu bheil fios is faireachadh agaibh fhein air gainne an t-siucair am bliadhna. "Chan ann am Bòid uile tha 'n t-olc," mar a thuirt an sean-fhacal, ach 's e ar cuid fhein is duilghe dhuinne dheth. Chan'eil deifir de 'm biadh a gheibh mi-fhein, ged bhiodh e cho math ri dinneir Litrichean a Bearnaraidh. 77 Righ Sheorais, mur a faigh mi copan de 'n "lus bheannaichte" cha dean © feum sam bith dhomh, agus chan e sin a mhain, ach b'e mo chleachdadh a bhi cur cruachadh thri spainean de shiucar anns gach cupa, agus an uair a gheibhinn lan copain de thea air a deagh tharruing mar sin, bhithinn cho sunndach agus a bha mi aig coig bliadhna diag. 'N uair a bha mi gearan na siataig a's t-earrach, 's ann a chaidh mi shealltainn air an Dotair Moraidh, an duine coir, latha 's e 'g amharc as deidh slainte nan sgoileirean againn. Bha Calum Sheorais shuas comhla ris, agus dh' innis e gu doigheil do'n dotair an turus air an robh mi. "Bheil fada," ars' esan, "bho'n thoisich sibh ri gearan ?" " 'S iomadh bliadhna bho 'n uair sin," arsa mi-fhein; "'s e fuachd is fliuchadh an iasgaich a rinn an gnothuch orm-sa." "Bheil sibh trom air an tea?" ars' esan. " 'S mise gu dearbh a tha sin," arsa mise: " 's i is cuibhrionn dhomh 's is biadh, 's bu mhi-chailmhor gach blasad as a h-aonais." "Am bi thu gabhail siucair innte?" ars' esan. "Bithidh, 's mise gu dearbh a bhitheas," arsa mi-fhein. "Bu cheart cho math leam-sa sughadh na tri-bhilich ri tea gun siucar." "Feumaidh tu sgur dheth, ma tha," ars' an dotair; "tha siucar uamhasach dona air an t-siataig—tha e 'g a beathachadh 'n a do chnamhan." "O, ma tha, dhotair," arsa mise, "nach iongantach nach d' rinn e coire orm roimhe so agus mi riamh cho deidheil air nithean milis." "O," ars' esan, "tha t-fhuil a' fas lag a nise agus a' ni dheanadh feum 78 Litrichean a Bearnaraidh. dhuit an uair a bha thu og laidir, ni e coire dhuit a nise." "Na toir barrachd air tri mionaidean de tharruing do 'n tea," ar3' esan, "mu'n toir thu mach puinnsean nan duilleagan." "O, dhotair," arsa mise, "cha chreid a' chailleach agam-sa sin ged a chanadh an t-abstol Pol rithe e. Feumaidh ,a' phoit tea bhi air na h^eibhlean co dhiu leth uair a thide, agus cha bhi 'n gnothuch ceart gus am bi smuid aisde mar gu faiceadh tu an Sheila nochdadh a steach aig tigh-soluis Arinis." "O, mo chreach, Alasdair," ars' esan, "chan'eil an sin ach an dearg phuinnsean, agus ma leanas sibh air an tarruing sin a thoirt dhith, bheir i an rusg bharr na stamaig agaibh's bithidh daor an cean-nach agaibh air an tea." "Tapadh leibh-se, dhotair," arsa mise, "tha mi gu mor 'n ar comain ach is mor m' eagal-sa nach bi teud reidh 's an fhidhill an uair a chluinneas a' chailleach mu'n doigh ur air deanamh na tea." An uair a fhuair mi dhachaidh dh 'innis mi facal air an fhacal mar a thuirt an dotair coir rium mu'n t-seorsa tea bha i deanamh. "Chan ionghnadh sinne bhi dubh," ars' ise, "'s gun ar cruth a bhi air doigh, ach bho nach deachaidh an eitig 'n ar corp roimhe so le tea air a deagh tharruing, cha teid agus cha tig an latha dh 'olas mise tea mar uisge bhuntata—rud tha thusa 'g iarraidh." 'S e bun mu'n do stad an gnothuch gu'n do Litrichean a Bearnaraidh. 79 cheannaich mise poit tea ur bho Aonghas Mhurchaidh Chaluim, agus tha Sine deanamh tea an Dotair Moraidh dhomh-sa, agus tha 'n t-seann phoit aice fhein a' smuideadh a mach a' cheo mar is abhaist. Mise, le deagh run, Alasdair Mor. ORDUIGHEAN STEORNABHAIGH. Fhir Ionmhdinn, Tha sinn uile dripeil a' buain an eorna agus b'e sin an t-eorna math, ach dripeil agus mar a tha sinn, chan fheum sinn sibh-se dhi-chuimhneachadh. Tha am foghar againn gle thràth am bliadhna agus ma leanas an aimsir mar tha i, bidh gu leor agus r 'a sheachnadh aig duine agus ainmhidh. "Cha threabh gach bliadhna dha cheile" mar a thuirt an sean-fhacal agus nach math sin. Chan'eil Freasdal caomh a' toirt dhuinn uair air bith cuibhrionn a reir ar toilltean-ais, agus ged dh' fhaodas nialan dorcha bhi air aghaidh nan speuran againn aig an am so—agus nach lionmhor iad a dh' fhaodas sin a radh— gidheadh tha 'n Tighearna nochdadh dhuinn le 80 Litrichean a Bearnaraidh. saoibhreas toraidh na talmhainn nach do sgithich e fhathast ann an toirt dhuinn comharran air a dheagh-ghean. Thainig Sine dhachaidh bho orduighean Steornabhaigh Di-ciadain so chaidh, agus chan 'eil dad oirre ach gu bheil i gluasad leis an t-siataig. S math a bha fhios agam-sa gu'm b'e sin bun mu'n stadadh na h-orduighean dhith na'n deanadh siubhal thighean e. Bha i oidhche aig Peigi Aonghais Ruaidh, oidhche eile an Steinis, oidhche eile an Cnoc Shandabhaig, agus oidhche Mhàrt air an Ach an tigh Neill Iain. Bheil ionghnadh oirbh a nise ged a thigeadh te sam bith a tha cladhach's an tri fichead dhachaidh lò eitig 'n a cnamhan. Thuirt mise sin rithe an clar an aodainn an diugh fhein, ach cha chan mise dad nach coinnich i3e leis an Sgriobtur, agus tha glas-ghuib orm-sa an uair sin. Bha i 'g radh rium gu robh coimhthionalan mora aig an ordugh gach latha, agus gu'n cual' iad searmcnan brighmhor. Bha Mac Leoid an Rudha ann, agus Mac Ghille Mhoire Bharabhais, agus Padruig coir a Glaschu, agus is iomadh duine rinn gairdeachas ri aghaidh shiobhalta fhaicinn aon uair eile ann an ceanna-bhaile ar n-eilean. Bha mi gabhail naidheachd mo charaid, Torcull, a Garrabost, ach tha e coltaeh leam nach robh e ann idir. An uair a bha mi tighinn dachaidh leis na speuclaran nach do ghabh mi mo thomhas airson Litrichean a Bearnaraidh. 81 deise ur aig Calum Iain Seoladair an Steornabhagh. Thuirt mi ris te mhath a dheanamh ged a bhitheadh i beagan na bu daoire gun fhios nach deanadh i 'n gnothuch dhomhsa "gus an seolainn an caolas," agus gu dearbh fheine, abradh sibh-se gu'n d' fhuair mise brod na deise, ach 's ann a bhitheas dearg naire orm nochdadh leatha 's an eisdeachd fhollaiseach. Nach 'eil sgoilteadh mor an cul na seacaid agus tha 'm broilleach a th' oirre lubadh sios gu ruig pocaid an uaireadair agam, agus tha de phocaidean achlais 's de phutanan innte na dheanadh an gnothuch do Phrothaist Steornabhaigh. Thuirt an sean-fhacal ''gur fearr a bhi as an t-saoghal na bhi as an fhasan," ach gu dearbh 's beag mo dhiu fhein. Cha robh mi air mo chleachdadh ri a leithid 'n am oige agus leis a sin cha ghabh mi gu coibhneil ris a nise. An uair a bha mise og, bhiodh an clo-mor againn fhein 'g ar comhdach, agus ged nach robh e briagha bha e seasgair, agus, eudail, 's iomadh duine tapaidh a chomhdaicheadh leis a dh' fhag teisde airson treibhdhireas agus dilseachd 'n a dheidh. Tha 'n oidhche fas car na s fhaide a nise agus an uair a gheibh sinn an coirce agus am buntata stigh's ann a dh' fheuinas sinn nadur de cheilidh seachduineach a bhi againn anns gach baile. Dheanadh e feum mor do ar corp agus ar n-inntinn, agus chuireadh © seachad an oidhche 82 Litrichean a Bearnaraidh. SINE. A Charaid, mo run, Tha mise so a ris ma tha 'n a mo shuidhe gu seasgair ri taobh an teallaich an deidh a bhi buain a' choirce fad an latha. Chan'eil mi faighinn mo mheoirean ro shubailte airson a' phinn an deidh na buana, ach's mor am faoth- Litrichean a Bearnaraidh. 83 achadh a bheir an t-uisge teith an comhnuidh do lamhan a' bhuanaiche, mar a thuirt an seanfhacal, "Uisge teith bho 'n bhuain, 's uisge fuar bho 'n chrann." Tha a' chailleach asjus smuid aice air rusgadh a' bhuntata agus duil aice ri buntata-pronn a dheanamh. Chan'eil suipear is fhearr leam fhein na buntata-pronn is bainne aig an am so de'n bhliadhna, agus is iomadh uair a bhios mi 'g orduchadh gu'm biodh na balaich bhochda tha 'n claisean-cogaidh na Frainge ann an comaidh ruinn—'s e chordadh riutha, agus bheireadh e 'n an cuimhne iomadh ni a bha. Tha 'm buntata anabarrach math ann am Bearnaraidh am bliadhna, agus nach math ged a dh' fhaodadh cuisean eile bhi glaiste gu leor oirnn, nach bi airc air duine sam bith fhad's a bhitheas a' chuil bhuntata lan. Tha e air aithris gu robh Mgr. Cook urramach a bha 'n Duthaich Mhic Aoidh a' ceasnachadh oidhche araidh 's a' choimhthional aige, agus dh' fhoighneachd e do bhodach a bha's a' chuideachd mar a leanas, "De nise, Dhomh-nuill, am beannachd as mo tha 'n Tighearna cur oirnne 's an t-saoghal so?" "Ta, Mhgr. Cook," ars' am bodach, "tha mi-fhein de'n bheachd gur h-e 'm buntata trocair as motha tha sinn a' faighinn anns na bliadhnaibh so," agus cha robh 'm bodach bochd cho fada cearr idir. Bha sibh ag iarraidh orm beagan innse dhuibh mu Shine, bean an tighe agam. Ma tha, bheil fhios agaibh nach 'eil dad agam mu cheann na h- fhada gheamhraidh ann an doigh a bhiodh buann-achdadh dhuinn uile. 'S iomadh cuspair air am b' urrainn sinn a bhi conaltradh. Bhiodh an cogadh againn, ceisd an fhearainn, cor na Gaidhlig, prisean chruidh agus chaorach, am Biobull agus Leabhar Aithghearr nan Ceist— direach rud sam bith a thigeadh air uachdar ach na h-eaglaisean. Tha mi deimhinn nach biodh moran mu 'n deidhinn-san air blar—tha daoine seachd sgith de bhi bruidheann orra mar tha. agus chan ann na's fhearr a tha gnothuichean a' dol ri linn gach eagnaidh a rinneadh orra Ma thoisicheas sinn air na ceilidhean sin, bidh naidheachdan gu bata agam dhuibh gach seachduin eadar fhirinn agus mhagadh. Mise agaibh, Alasdair Mor. 84 Litrichean a Bearnaraidh. obrach sin idir. Bithidh eagal orm gu faod cuid a bhi smaoineachadh gu bheil mi air fas feineil agus gu bheil mi deidheil air mi-fhein agus Sine bhi air bharr gach facail, ach 's fhada sin bho mo chridhe. Tha sibh fhein cho gasda 's cho carthannach agus nach urrainn mi 'n deidh's gu leir cur an aghaidh 'ur n-iarrtuis anns a' chuis so. 'S ann aig an iasgach am baile mor Lerwick a choinnich mi-fhein agus Sine an toiseach bho chionn corr math agus deich bliadhna fichead. Bha ise aig a' chutadh a' bhliadhna sin agus bha mise air tuarasdal seachduineach ann am bàta Bucach. Bha i direach an raoir fhein a' deanamh seanchais dhomh air a turus gu Lerwick a' bhliadhna sin. 'S ann air feasgar ciuin aluinn a dh' fhag am bata-smuide's an robh i laimhrig mhor Steornabhaigh. Bha corr math agus ceithir fichead de chlann-nighean an sgadain air bord, agus bha cruachadh oirre suas gu barr a' chruinn leis na cisteachan aca. Cha robh guailleachan no còt uachdair air an robh i an sealbh nach do shuain i uimpe gun fhios ciamar a thionndadh an side mach. Cha robh fhios aice riamh de'n seorsa rud a bh' anns an tinneas-mhara, agus mar sin an uair a fhuair i oisean samhach dhith fhein, 's ann a shin i i fhein agus chuir i a' bhascaid bheag 'n a cluasaig fo a ceann. Chaidil i, bha i 'g radh, gun aon fhacal air dusgadh, gus an deachaidh am bata steach do Loch-Clais tràth's a' mhaduinn. Bha crith-fhuachd oirre an deidh a' chadail chearnaich sin agus tha mi creidsinn nach b' fheairrd i Litrichean a Bearnaraidh. 85 Alasdair Mor. gur h-e brogan iosal ris an canamaid "lornes" anns an latha sin a bha oirre. Bha i 'g radh gu'n d' thainig nighean ghasda as a' Bhac 'g a h-ionnsuidh le cupa tea, agus nach d' rinn i riamh uibhir de ghairdeachas ri ni air an talamh. Thug iad fad an latha sin agus na h-oidhche seoladh suas timchioll a' Chairbh agus troimh 'n Chaol Arcach. Chaidil i 'n oidhche sin 's an oisean cheudna agus an uair a dhuisg i an glas-achadh an latha nach ann a bha duil aice gu robh i ann an leabaidh an seomar briagha le paipeirean gorma ceithir thimchioll a' bhalla, ach cha b' fhada gus an d' fhuair i a mach nach robh sin ach aon de na caistealan gun bhunait anns a bheil sinn a' cur ar n-uidh gu minic eadar ar cadal agas ar duisg. Thadhail iad an toiseach aig Stronsaidh, agus air maduinn bhriagha ghrianach sheol iad a steach gu bàgh Lerwick, agus tha sinn a' creidsinn gu feumadh Sine bhochd a dhol an sin a' bhliadhna sin airson coinneachadh ri Alasdair Mor. Nach iongantach Freasdal fhein, mar a thuirt Aonghas Chaluim an Taillear againn fhein: "Freasdal caomh an ti tha riaghladh. Chum gu miorbhuilleach troimh ghras sinn : Bheir E reir a ruintean siorraidh, H-uile ni gu crioch mar 's aill leis." Mise, gu suairce, 86 Litrichean a Beatnaraidh. UAIR AN TIGHEARNA. Fhir Ionmhuinn, Fhuair sinn na h-orduighean seachad a nise agus tha e mar sin na 's fhasa dhomh uine fhaighinn airson sgriobag bheag a chur thugaibh. Bho 'n a bha Sine aig orduighean Steornabhaigh 's ann orm-sa thainig an crann airson a dhol a dh' Uige. Eadar spreidh agus foghar agus tarruing na monadh, chan urrainn sinn breacan a baile dheanamh comhla agus mar sin bha Sine roinn na creiche aig an tigh air an t-seachduin ud. Chaidh mi null Di-haoine agus thainig mi air ais Di-luain. Bha coimhthionalan mora againn mar 's abhaist ged a bha sinn ag ionndrain nam balach oga tha air falbh a' cathachadh air ar son. Bha mi oidhche 'n Croulistadh comhla ri Aonghas Neill, agus rs mor is fheairrde mo chorp agus m' anam sin. Tha Aonghas lan de 'n t-soisgeul agus ro eudmhor air taobh an aobhair. Co bha aig an ordugh ach an t-Urr. Calum Mac Leoid a Ceann Loch Gilip -Calum Dhomhnuill Buaidh—ministear tapaidh foghainteach a laimhsicheas an Fhirinn gu h-ordail an Gaidhlig agus am Beurla. Bha e fada 'a an Fhraing 'n a mhinistear aig na saighdeirean, agus leugh sinn uile le tlachd a chunntas Gaidhlig air a thurus anns an "Fhianuis Ghaidhealach." Litrichean a Bearnaraidh. 87 Tha 'n t-seann uair bheannaichte toiseachadh an diugh agus's mi-fhein a tha deanamh gairdeachais airson sin. Cha d' atharraich mise 'n t-uaireadair agam am bliadhna, agus cha mho tha duil agam corradh sam bith a chur air na spogan aice ged bhithinn air choinneamh bliadhna eile. 'S docha gur h-ann annam fhein a tha an neonachas ach tha mi de'n bheachd nach do chuir an t-uaireadair agam car ceart dheth bho'n dh' atharraich iad an uair a 's t-earrach, agus tha fhios agaibh fhein nach ann sgodach a tha an t-uaireadair agam-sa. Tha uaireadair gasda aig Sine cuideachd a cheannaich i an uair a bha i aig a' chutadh an Loustie, ach's ann a chuir ise 'n a tamh buileach i an uair a thoisich an uair ur, agus tha i gu tosdach samhach bho 'n uair sin air a suainneadh ann an cotan's a' chiste, ach chunnaic mi i fiachainn ri beatha chur 'n a cnamhan an diugh an uair a chual' i 's an eaglais an de gu'm biodh uair an Tighearna air a cumail an deidh so. Tha iad ag radh ruinn gur h-ann airson gual agus solus a chaomhnadh a dh' atharraich iad an uair, 'g a cur uair a thide air toiseach airson gu rachadh daoine laighe na bu traithe agus gu'n eireadh iad uair roimh 'n am abhuisteach. Tha mi creidsinn gu'n d' rinn an t-atharrachadh feum anns na bailtean mora far a bheil moran cosguis air gual ague air solus, ach's e beagan feuma rinn an uair ur dhuinne. Tha sinn ag eirigh's a' laighe aig an am abhaisteach, agus a' toiseachadh air ar n-obair 88 Litrichean a Bearnaraidh. laitheil direach mar a bha mi-fhein an uair a bha mi og am Bostadh. Tha sinn a' dol do'n eaglais latha na Sabaid aig an t-seann uair, agus nach'eil ¦sin a' cheart cho math dhuinne. Gun teagamh feumaidh mo charaid, Tormod Taillear, an uair ur a chumail airson a' phosta, agus ma bhitheas sinn a' dol do Steornabhagh le hata-oladh Dhonnchaidh Challanis chan'eil againn ach falbh bho'n tigh uair a' thide roimhe uair na greine agus bithidh sinn ceart gu leor. Sin agabh-se, ma tha, mar a tha sinne cur seachad ar saoghail ann an eilean ar graidh, agus nach iomadh neach a bheireadh òr agus airgiod gun chunntas airson a chrannchur a bhi aige an eilean far a bheil sith agus sonas agus gach neach *n a uachdaran air fhein. Mise agaibh gu suairce, Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 89 GOG AGUS MAGOG. Fhir mo Chridhe, Tha fuachd a' gheamhraidh air tighinn cheana agus is sinne chuireas an umhail air sin, ach 's math ged a tha caochladh air iomadh ni anns an latha 's a bheil sinn beo, gu bheil foghar agus geamhradh, earrach, agus samhradh, a' dion-ruith a cheile a reir a' gheal-laidh. Bha mi-fhein agus Calum Sheorais a muigh leis na lin-sgadanach troimh 'n t-seachduin ach's e beag a bh' againn airson sin. Shrachdadh na lin 'n an criathar toll, agus cumaidh sin sinne ri buile 'g an càradh mar a gheibh sinn fath. 'S e obair anrach neo-chinnteach a tha an iasgach an sgadain mar a fhuair mise mach le geur fhiosrachadh iomadh latha. Nach mise bha 'g orduchadh sibh a bhi measg nan ceileach a bha an so an raoir. Co thigeadh an rathad ach mo charaid, Scottie, agus e an deidh na cleibh-ghiomach a chur 's an loch. Cha robh stigh ach mi-fhein's a' chailleach agus smuid aicese air deanamh clo-mor. Chunnaic i ann am "paipear an druggist" gu bheil iad a' toirt ceithir agus sia sgillinn an t-slat air an Glaschu, agus's fhada leatha gus a faigh i crioch a chur air. An deidh dhuinn a bhi comhradh a null agus a nall mu na cuisean abhuisteach, 's ann a thuirt Scottie rium fhein, "Alasdair, bho'n a tha do leirsinn cho 90 Litrichean a Bearnaraidh. geur a nise, nach toir thu suil air an fhicheadamh caibidil de Leabhar an Taisbeanaidh far a bheil iomradh againn air Gog agus Magog." Rinn mi sin agus direach an uair a bha mi am meadhon nam briathran co nochdadh's an dorus ach Mairi Mhurchaidh agus i leigeadh seachad na froise. Bha duil aice gur h-ann a' gabhail nan leabhraichean a bha sinn ach chuir sinn gnothuichean air doigh dhith ann an tiota. "Mhairi," arsa Scottie, "'s ann tha sinne meorachadh air firin-nean domhain Leabhar an Taisbeanaidh, agus tha Gog agus Magog fo'r comhair an drasda agus gu dearbh fheine's math leam fhein gu'n d' thainig aibh an rathad airson 'ur beachd a thoirt dhuinn ar a' chuis." "Ma tha gu dearbh," arsa Mairi, " 's ann agaibh fhein a tha rud 'g a chagnadh. Cha chuir Gog agus Magog moran suit air an -nam agaibh ged bhiodh sibh a' rannsachadh uime gu Samhuinn." "Tha sin gle cheart," arsa Scottie, "ach, a Mhairi, nach'eil e air iarraidh oirnn a bhi rannsachadh nan Sgriobtuirean gun dib-readh." "Ma tha," arsa Mairi, "cha mhor rannsachaidh a ni h-aon agaibh-se air Leabhar an Taisbeanaidh. Thuirt Mgr. Mac Ar tair a bha'n Uige rium fhein am fianuis Dhomhnuill Moraidh diadhaidh nach maireann, nach robh foghlumaiche air an t-saoghal a bha comasach air ruigheachd air doimhneachd Leabhar an Taisbeanaidh, agus 's ceart cho math dhuibh-se sgur dheth latha sam bith. Cha dhearg sibh air." "Tha mi-fhein," Litrichean a Bearnaraidh. 91 arsa Scottie, "de'n bheachd gu bheil suil aig Leabhar an Taisbeanaidh ris na nithean mora tha tachairt ann ar latha fein, agus 's e mo bheachd gu faod Gog agus Magog a bhi ciallachadh a' Chaesair agus na bruidean a tha e riaghladh anns a: Ghearmailt. Chan'eil teagamh sam bith air nach deachaidh e mach "a mhealladh nan cinneach a tha ann an ceithir chearnan na talmhuinn," agus "nach'eil a shluagh ann an aireamh mar ghainneamh na fairge," ach "ged do chuartaich iad camp nan naomh agus am baile ionmhuinn," mar a tha an 'Sgriobtur ag radh, "thainig teine nuas bho Dhia a neamh agus chuir e as dhoibh," agus a cheart cho cinnteach agus a thachair sin ann an linn an Taisbeanaidh tachraidh an ni ceudna do na Gearmailtich, oir "ged dh iathadh lamh mu laimh cha teid an t-aingidh as gun pheanas." Anns a' chomhradh a bh' ann co thigeadh a steach ach Eilidh le paipear an t-siucair airson gu'n deanainn suas dhith e. Sinn a rinn an surd rithe, agus gun dail chuir Scottie fa comhair a' cheisd, "Co tha Gog agus Magog a' ciallachadh?" Bha i greis mhath 'n a tamh agus an sin thuirt i air a socair, "An uair a bha Muire dripeil a' deasachadh, agus i lan dragha mu thimchioll mhoran nithean, 's e thuirt Iosa rithe, "ach tha aon ni feumail," agus cha d' thuirt i 'n corr mu'n chuis. Chuir an sin Sine a teanga's an deasbud, agus bu mhor m' ionghnadh fhein cho fada agus a bha i cumail 'n a tosd. 92 Litrichean a Bearnaraidh. "Nach e dheanadh an gairdeachas Rainy coir," ars' ise, "na'm bu bheo e, na faiceadh e an uibhir so de na deisciobuil aige cruinn." "A," arsa mi-fhein, "nach tu tha gorm, a Shine, cha thuigeadh e facal de na tha dol, cha robh Gaidhlig aig Rainy ann." Chuir cupan de'n tea crioch air an d asbud, agus ròst Sine na crubagan a thug Scottie dhuinn, agus abradh sibh-se gu robh feisd againn. 'S iomadh duine 's a' bhaile mhor a bhiodh taingeil airson a bhi cho faisg air stuth na traghad agus a tha sinne. 'S iad nach ruigeadh a leas a bhi gun annlann fhad 's a bhiodh maorach agus crubagan agus bairnich aca, cho pailt agus a tha iad againne. Soirbheachadh leibh agus roimhibh. Mise, le speis, Alasdair Mob. Litrichean a Bearnaraidh. 93 AN NOLLAIG. A Charaid Choir, Seachduin bho'n diugh, direach an latha bhios an ath Ghazette ann an lamhan nan leughadairean, lithidh latha Nollaige eile air tighinn mu'n cuairt ann an lanachd na h-aimsir agus do bhrigh sin bu mhiann leam am bliadhna rithist, Nollaig chridheil chairdeil a ghuidhe gu durachdach do gach neach leis an toil a bhi leughadh na litreach so bho sheachduin gu seachduin. Chan'eil ni is motha bheir de thoileachas 'g am ionnsuidh-sa na bhi cluinntinn bho iomadh cearnaidh gu bheil iarmad ann de luchd na Gaidhlig a tha faighinn toil-inntinn agus sugraidh ann a bhi leughadh mu chuspairean de gach seorsa anns an litir so, agus's e mo dhochas gu'm bi mi comasach iomadh seachduin fhathast air mo pheann a ghleusadh 's an aon oidhirp ged a dh' fhaodadh iomadh uair gur h-ann tioram bochd a bhiodh mo sgiala. Chan'eil neach air an talamh is fiosraiche na mi-fhein air anmhuinneachd na h-oidhirp litreachais so aig iomadh uair, ach tha fhios agam gu'n gabh mo leughadairean mo leth-sgial. " 'S fhearr cuilean beo na leoghann mharbh," mar a thuirt an sean-fhacal, agus creididh mi gur h-iomadh Gaidheal agus bana-Ghaidheal choir, gu h-araidh an tir choimhich, a ni gairdeachas ris a' bheagan de Ghaidhlig a chi iad anns a' Ghazette, biodh an litreachas sin bus- 94 Litrichean a Bearnaraidh. painneach no bochd. Bha mi cho toilichte chluinntinn bho mo charaid^ Ruairidh Mac Leoid, Inbhir-nis, a tha air ur-theachd a nall a Canada gu'n do thachair ris air a chuairt an sin moran a tha leughadh "litir Alasdair Mhoir" le deagh thoil. Tha moran diubh sin is aithne dhomh fhein gu pearsanta, cairdean agus companaich m' oige, agus tha mi ruith thairis orra uile 'n am inntinn aig an am so, agus a' guidhe dhoibh gach beannachd bho na h-ardaibh. A' chuid de mo leughadairean a tha a;r an sgapadh anns gach ce* rnaidh fo'n ghrein, agus nach aithne dhomh 's an fheoil, gu robh buaidh orra uile agus gu ma fada beo iad gu bhi cumail suas cliu nan Gaidheal ri aghaidh nan coimheach, "Dia 'n a thoiseach," gu robh aca uile mar shuaicheantas spioradail 'n an iomairt 's an t-saoghal so, agus tre chreideamh bidh iad comasach air cathachadh gu buadhmhor 's an deagh chomhrag, agus fàileadh cubhraidh an deagh chaithe-beatha fhagail as an deidh. Gu robh sin fior mu'r deidhinn uile. 'S e an Nollaig am na sithe agus na deagh ghean, a chionn an uair a dh' fhoillsicheadh 's an fheoil an Slanuighear beannaichte air a' chiad oidhche Nollaige ud, gu'n d' thug e leis do'n t-saoghal so teachdaireachd na beatha agus na reite ris an d* rinn neamh agus talamh gairdeachas, agus tha an t-aoibhneas sin ag iomairt air feadh an t-saoghail so fhathast ague a fas gach latha na's gloirmhoire Litrichean a Bearnaraidh. 95 gus an cluinn iomall crich gach tire an caithream. An ionghnadh mar sin ged dheanamaid gairdeachas aig an am so a ris agus ged chuireamaid 'n ar cuimhne as ur gu'n d' rugadh dhuinne Slanuighear ann am baile Dhaibhidh neach is a Criosda an Tighearna. Bidh sinn a' cuimhneachadh air a cheile le tiodhlacan mar onair air an tiodhlac is motha thainig riamh a dh' ionnsuidh an t-saoghail so, an leanamh Iosa, agus bithidh ar bàidh agus ar carthannas a' dol a mach do gach treubh agus cinneach fo shileadh nan speur, oir tha ouibhrionn againn uile an ullachadh slighe na slainte, agus tha sin mar bhann diomhair a' ceangal ri cheile gach neach de shliochd Adhaimh fo 'n domhain. 'S e mo ghuidhe mar sin gu' m bi an Nollaig so dhuinn uile 'n a am urachaidh agus neartachaidh agus 'n a mheadhon eifeachdaich ann a bhi cur surd ri ar n-anam gu bhi dol an sas ri obair bliadhna eile 'g ar coisrigeadh fhein as ur gu bhi dioghlum gu dichiollach anns an achadh's am faod ar crannchur a bhi air a shuidheachadh. Dia an deireadh na bliadhna so agus Dia an toiseach na bliadhna so agus Dia an toiseach na h-ath te. Leis na beannachdan agus gach deagh dhurachd do gach neach bho 'n ghrein leis an caomh a' Ghaidhlig. Mise agaibh, le muirn, Alasdair Mor. 96 Litrichean a Bearnaraidh. BLIADHNA MHATH UR. Fhir mo Chridhe, Do mo leughadairean gu leir bho Nis aosda nan tonn gu Uige riabhach nan uigean sàile, agus anns gach cearnaidh bho shileadh nan speur anns am faod sliochd nan sonn.leis an caomh a bhi leughadh litir Bhearnaraidh bhi tuineachadh, tha mi guidhe bho m' chridhe, "bliadhna mhath ur" dhoibh gu leir. Tha seachd bliadhna bho na chuir mi eolas air .luchd-leughaidh a'/ Gazette an toiseach, agus anns an uine sin fhuair mi dearbhaidhean bho iomadh baile gu robh an litir sheachduineach so air a leughadh le tlachd ann an iomadh cearnaidh de'n t-saoghal. 'S mor an toileachadh sin dhomh-sa agus's ann an neart an dearbhaidh sin a chum mise an oidhirp cho fada.air blàr. Gabhaidh e thuigsinn nach'eil ni bheir a leithid de thogail do inntinn .¦a' • Ghaidheil, gu h-araidh ann an tir chein, ri sgiala bho 'n dachaidh anns a bheil iomradh air na cairdean gradhach a dh' fhag e as a dheidh, agus an uair a tha an t-iomradh sin sgriobhte an canain na duthcha dh' fhag e as a dheidh, bithidh e moran na's blasda. Tha sinn mar sin an comhnuidh fo mhor chomain do fhear-deasachaidh a 'phaipeir so ann a bhi gleidheadh oisean gach seachduin airson teachdaireachd a chraobh-sgaoileadh mu ar cor agus ar staid an eilean Bhearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 97 So an t-am de'n bhliadhna anns am bi daoine tha air an sgaradh bho'n dachaidhean a tional, ann a mac-meanmna, timchioll air an teallach chridheil chairdeil bho'n d' fhuair iad iomadh garadh 'n an oige. Bithidh miann agus ciocras orra aig an am so airson na seann aodainn cheanalta fhaicinn aon uair uile, agus "bliadhna mhath ur" a chur orra ann an lanachd an t-seann nois. De 's nad-urraiche na sin oir chan'eil creutair air an talamh is motha tha fuaighte ris an t-seann laraich na an Gaidheal, ged, mo thruaighe, is iomadh aon a b' fheudar a fagail le easbhuidh teachd-an-tir anns na bliadhnaibh tha so agus tha iad sin uile, sgapte tuath is deas, an ear 's an iar, a' smaoineachadh aig a' bhliadhn' uir so air an tir a dh' fhag iad, le tiomadh a' bhroin 'n am broilleach. Ach tha cuid aca 'g an comhnadh fein 'n am bron le bhi *g altrum dochais gu faic iad an gleann's an robh iad og aon uair eile mu'm basaich iad, agus gu'n cuir iad furan agus failte air na cairdean a dh' fhaodas a bhi beo rompa. Guidheam gu faigh iad coimh-lionadh air a' ghealladh a rinn iad dhoibh fhein agus gu'n tig iad thar cuain a dh' amharc air an cairdean a' giulan sguaba trom. Tha iad ann, airson sin, agus's docha eadhon cuid de m' luchd-leughaidh, nach 'eil a' deanamh a' ghealltanais aoibhnich so dhoibh fhein a chionn gu bheil fios agus cinnt aca nach fhaic iad-san an t-seann larach tuilleadh agus nach seas iad gu brath air a' chreagan ghlas aig ceann an tighe ag amharc air cuan agus baile 'n an gloir. Thainig iomadh 98 Litrichean a Bearnaraidh. carnadh 's a' chrann chur aca bho' n dh' fhag iad an dachaidh, thainig am fortan 'n an aghaidh, agus chuir an t-eascaraid iomadh lion mu'n timchioll nach urrainn dhoibh a bhriseadh, air chor 's gur docha gu bheil iad air iomadh doigh leotha fhein 's an t-saoghal agus faireachadh aca bhi mar long gun chairt-iuil. Mo bheannachd buan dhoibh sin uile ma bhuaileas suil aon aca air an litir so. Na cailleadh iad am misneach agus na diobradh an dochas. Cumadh iad an suil air Dia an athraichean agus togadh iad an aignidhean ris-san le faoisead ghlan air am peacaidhean's air an euceartan, agus pillear am braighdeanas mar shruth's an airde deas agus riaghlaidh sith-chainnt agus sonas air cathair an cridhe. Do gach Gaidheal agus bana-Ghaidheal a chuir an Cuan-siar thairis orra am bliadhna agus a tha dioghlum an loin am mor-roinn Chanada, thoiream mo dheagh-ghean aig an am so, agus guidheam dhoibh uile bliadhna thorrach shoirbheachail agus beannachd an Fhreasdail anns gach ni ris an cuir iad an lamh. Mar a tha bliadhna agus bliadhna dol seachad tha clann nan Gaidheal a' fas na's sgapte air feadh gach duthcha ach cha chuir sin meatachd air gradh an cridhe do'n tir agus do'n teanga, agus co dhiu's ann an coilltean Alberta no air machair thartmhor Australia, bhios an comh-nuidh, 'n an aislingean an drasda's a ris chi iad eileanan nan Innse-Gall a 'cur failte chridheil rompa mar bu nos, agus bheir eadhon aisling na h-oidhche sgiala air an tim a dh' fhalbh le caith- Litrichean a Bearnaraidh. 99 ream 'g an ionnsuidh. Ged is sgapte sinn thig latha ar comhlachaidh agus mar a thuirt bard Iarshiadair: "Cha bhi cuan thonnan mor eadar comhlan an àidh, 'S aig na maoir cha bhi 'n t-ordugh, 'S a' ghloir bhios gu h-Ard." Gu'n eireadh an rathad geal roimhibh uile troimh 'n bhliadhna so agus gu brath. 'Ur Seann Charaid, Alasdair Mor. CUIRM SINE. Fhir mo Chridhe, Fhuair sinn a' bhliadhn' ur seachad a nise agus mar a dh'iarr sibh orm, tha mise airson cunntas goirid a thoirt dhuibh air gach car a chuir sinn dhinn aig an am ud. Mar a b' abhaist chuir Peigi mo nighean bosca mor dhachaidh a Glaschu le biadh agus deoch agus dh'earb i rium fhein agus ri Sine, oidhche chridheil thoirt do na nabuidh-nean gu leir agus a deoch-slainte ol le meas ann a fior stuth na Toisdheacbd. Thug Calum Sheorais a nall am bosca a Breascleit latha Nollag, agus an xiair a fhuair sinn feumalachd na cuirme ann an 100 Litrichean a Bearnaraidh. tidì cho math smaoinich sinn gu'm bitheadh oidhche na feisde air a suidheachadh airson na bliadhn' uire, chionn 's gur h-e sin an t-am anns am miann le na Gaidheil a bhi cruinneachadh an caidreamh a cheile gu bhi guidhe solais an ama do chach a cheile. Ach gu dearbh mar is sine tha mi-fhein a' fas 's ann is motha tha uaill agam a Oidhche Nollag, an oidhche sin a tha air a cur air leth airson cuimhneachain a dheanamh air teachd ar Slanuighear do'n fheoil, agus ma tha oidhche seach a cheile troimh 'n bhliadhna anns am bu choir dhuinn gairdeachas a dheanamh, 's e 'n te ud, agus chan e idir oidhche na bliadhn' uire. Chaidh Sine timchioll air na cairdean Di-sathuirne roimh oidhche na cuirme agus thug i cuireadh cridheil dhoibh gu pairt de'n fheasgar a chur seachad comhla ruinn. Cha robh duine air urlar Bhreaoleit nach d' fhuair cuireadh—'s e sin a dh' orduich Peigi fhein, agus cha deanadh an corr an gnothuch 'n uair a thuigeas sibh gu bheil sinn uile cho cairdeach do cheile agus nach'eil fuath no ar-a-mach eadar duine seach duine, direach mar bu choir do'n chuis a bhi ann am baile beag bochd mar so. Chaidh Sine far an robh bean Bhill airson a cuideachadh leis an deasachadh agus gheall am boirionnach coir sin a dheanamh. Comhla rithe-se bha bean Aonghais Fhionnlaigh, maighstir-sgoile an Scarp, agus 's i fhein a tha deas air frithealadh. Cha chreid mi gu faca mi boirionnach riamh cho dealasach rithe air laimhseachadh nan truinnsearan. Cha deanadh i cail Litrichean a Bearnaraidh. 101 ach an cur air ceann a' bhuird mhoir a rinn mi-fhein agus Calum Sheorais air fiodh cladaich, agus mu'n tarradh tu sealltuinn uat 's 'g ad ionnsuidh bhiodh iad 'n an aite fhein cho luath ri gille-mirean. Nach mor an t-aite Glaschu fhein ma's ann mar sud a bhios iad a' suidheachadh nan truinnsearan. 'S ann 's an t-sabhull a bha a' chuirm againn agus bha e a' cheart cho comhfhurtail ri tigh-osda chionn 's gu'n do chuir mi-fhein an deagh thughadh air am bliadhna, agus chuir mi urlar ur cement ann agus bha e ciatach airson an dannsa bhig a bha againn aig deireadh na cuise. Shaoileadh sibh gur h-e banais a bha gu bhi againn leis na bha de dheasachadh a' dol air adhart 's an fhardaich ud mu'n d' thainig oidhche na cuirme, agus gu dearbh ma bha gnothuichean grinne againn air an deagh dheasachadh bheireamaid taing airson sin do bhean Bhill agus do bhean Aonghais Fhionnlaigh, 's iomadh boinne falluis a chuir iad dhiubh mu'n d' fhuair iad gach ni air ghleus. Chan e nach robh Sine bhochd a' deanamh gach cuideachaidh a b' urrainn dhith, ach 'n uair a thoisicheadh i air comhradh is air aithris mu na h-euchdan a bha ise deanamh 'n uair a bha i aig an iasgach, cha robh guth air obair an uair sin. Sin an rud is moisa de Shine, tha cus aice ri radha gu math tric, agus mar a theireadh bean Bhill rithe an latha ud, chan e comhradh a chuireadh cuirm bliadhn' uire air ghleus cho math ri gniomh. Tha mi cluinntinn gu'n d' thainig ciad tunna 102 Litrichean a Bearnaraidh. buntata do Leodhas airson cobhair a dheanamh orra-san aig nach' eil gin. 'S math gu bheil cairdean cho ouimhneach oirnn an uair a tha an t-eilean an eigin, agus tha sinn an dochas gu'm bi eagnuidheachd agus gliocas air an sealltuinn 'n an roinn. Mise, le meas, Alasdair Mor. BODACH BHARRAIDH—I. Fhir mo Chridhe, 'S a' mhaduinn an de an deidh dhomh mo lite ghabhail gu socair, thog mi mo chliabh orm gu dhol a mach do na Sitheanan a dh' iarraidh cliamh monadh. Taing do 'n t-sealbh ged a tha iomadh aite air feadh na Gaidhealtachd a' gearan air cho dona 's a tha an connadh am bliadhna, tha an deagh mhòine againne muigh anns na Sitheanan, agus's mor an trocair sin fhein anns a' gheamhradh ghortach a tha so. Choinnich bean Bhill rium aig Ceann a' Mhorghain agus i trang a' deanamh dath guirmean anns an amar dhatha, agus bha greis de chomhradh againn mu naidheachdan a' bhaile, agus air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall, bha bean Bhill de'n bheachd nach biodh moran bhainn sean 's an eilean Litrichean a Bearnaraidh. 103 am bliadhna leis cho bochd agus a bha am buntata. Ghabh mi mach air mo shocair agus air dhomh bhi ceum no dha seachad air an eaglais Mhoderate, chunnaic mi braisiche de bhodach sunndach sgiobalta a' tighinn 'n am choinneamh. Bha e mu mheudachd Mhurchaidh Knocs, ach dh' aithnich mi nach b'e an cumadh aig mo nabuidh a bh' air a' choisiche idir. Mar bu thinne bha e tighinn orm 's ann is motha bha e dol as m' aithne, agus rinn mi suas m' inntinn gur h-e coigreach a bha ann—'s docha fear as an Taobh-siar a' tighinn gu bean Bhill airson ballan a chur air. Chomhlaich sinn an sin agus chuir an duine latha math orm le fiamh gaire 'n a ghnuis. "Tha sin ann," arsa mise, "co as a thug sibh fhein a' choiseachd ?" Bi sinne 'n comhnuidh a' deanamh beagan ceasnachaidh mar sud air coigreach a choinnicheas ruinn, ach chan ann le cion a' mhodha tha sinn 'g a dheanamh idir, ach tre choibhneas agus deagh-run, agus le deidh air eolas a chur air gach duine aig a bheil a' Ghaidhlig. "Ma ta, Mhoire," ars' esan, "thainig mise a Bagh a' Chaisteil am Barraidh. Chaill mi mo dheagh bhàta-iasgaich troimh 'n gheamhradh—chaidh i air na creagan orm, agus tha i 'n a mile clàr. Bithidh mi leughadh litir Alasdair Mhoir anns a' Gazette — paipear Leodhais mar a chanas sinn, agus chunnaic mi gu bheil birlinn thapaidh aig fear ris an can iad Calum Sheorais's an eilean so agus thainig mi dh' aon sgriob airson a ceannach uaithe ma ni airgiod e." "Dhuine chridhe," arsa mise, "nach iongan- 104 Litrichean a Bearnaraidh. tach mar a thachras na daoine—'s mise Alasdair Mor ma tha a tha bruidheann ruibh." "Cuir a sud i, laochain," ars' am Barrach," 's e toirt an crathadh laimhe suigeartach sin dhomh; nach mise tha toilichte tachairt ort. Mhoire, 's iomadh oidhche bhios mi-fhein agus Barabal, mo bhean, a' leughadh do litreach, agus a bheil fhios agad gu saoil mi gu'm bu choir dhomh thu fhein agus Sine agus Bill agus a bhean, Scottie agus Mairi Mhurchaidh agus Tormod Og aithneachadh, leis cho tric agus a bhios tu toirt luaidh orra anns an litir." "Cha bhi 'n corr mu dheidhinn," arsa mise, ¦"tillidh mi comhla riut agus theid sinn sios a dh' ionnsuidh an tighe agam agus tha chuid is motha de na daoine dh* ainmich sibh air urlar a' bhaile againn fhein agus gheibh sibh eolas orra gu leir mu falbh sibh." Thill mi air mo shàil comhla ris a' bhodach, agus thoisich sinn air seanachas. " 'S cinnteach gu robh sibh aig an iasgach," arsa mi-fhein. "Moire, bha," ars' esan, "ceithir seusanan fichead, eadar Obair-Dheathain, 's a' Bhruaich, 's Finaty, Loustie agus Yarmus agus bha mi da sheusan aig fior iasgach bochd an Steornabhagh." "Bha mi-fhein anns gach baile dh' ainmich sibh," arsa fhein, "agus gu dearbh's ann comhla rium bha am fìor dhuine gasda, fear Ioseph Mac Ghille Fhaolain a Bagh a' Chaisteil, a' bhliadhna mu dheireadh a bha mi's a' Bhruaich. Bheil fhios a bheil e beo?" "Tha," ars' esan, " 'a e nabuidh dhomh-sa tha sin, bodach gasda reidh ach tha e air fas gle lapach a nise. Tha Litrichean a Bearnaraidh. 105 teaghlach mor ghillean aige, agus tha dithis dhiubh 's an Spainn an drasda a' toirt a mach driachd na sagartachd." " 'S mi tha toilichte sgiala fhaighinn air," arsa mise, "agus tha fhios agam gu'm bi esan toilichte naidheachd fhaighinn orm-sa." Thoisich sinn an sin air bruidheann air maighstirean de iomadh seorsa a bha oirnn aig an iasgach, cuid dhiubh carach 's cuid dhiubh onarach, direach mar a thachras ris gach neach a bhios a' falbh leis a' phoca bhàn. "Cha robh mi-fhein riamh cho sunndach," ars' am Barrach, "bho'n sguir mi dhol a dh' ionnsuidh an iasgaich. Dhuine, ged a bha an obair cruaidh anrach, caith-riseach. agus an t-allaban mor seach mar a tha tachairt ri iasgairean an latha 'n diugh, nach biodh e, Alasdair, gasda bhi smaoineachadh air tighinn gu port oidhche Shathurna, agus do dheise Shabaid ague do cholair geal a chur ort, agus sgriob a thoirt sios an t-sraid le do phiob 'n a do phluic agus do lamhan 'n ad phocaid mar gu'm biodh smior an duin' uasail ann. Chan aithnicheadh duine oirnn air an t-sraid gu robh sinn oho dubh ris an tearr fad na seachduineach. Cho tric, a dhuine, 's a bhiodh na caileagan fhein a' seall-tuinn as ar deidh, agus a' deanamh casad grinn bho'n anail fiach an tionndaimid riu, ach cha do leig mi-fhein orm riamh gu faicinn iad." "Cha do leig no mi," arsa mise, "ach gu dearbh 's ann aig an iasgach a chuir mi-fhein seachad na bliadhnaichean bu shona bha agam riamh. Bha mi 106 Litrichean a Bearnaraidh. og laidir an uair sin agus cha robh uallaichean an t-saoghail a' cur dragha sam bith orm, agus's mi bha suirghe air a' chaileig ghasda an uair sin, ach dh' fhalbh i le fear eile agus 's ann anrach a bha cuairt." Fois shiorruidh gu robh aig a h-anam," ars' am Barrach, " 's ann mar sin a bhios. 'S ann aig an iasgach a thachair mi-fhein agus Barabal ri cheile an toiseach, agus bu ghrinn i an uair sin ged a tha i faighinn a' phension bho chionn deich bliadhna." "Bha mi-fhein agus Sine aig an iasgach comhladh cuideachd," arsa mi-fhein, "ach bha an t-suirghe againn air clach an turramain an uair sin—ach 's e boirionnach lamhchar glic a bh' innte riamh. Cha robh gin 'n a latha chumadh a' choinneal rithe ann an cutadh, agus ann an càradh an sgadain fhuair i an t-urram anns gach port-iasgaich's an robh i." Bidh mi bruidheann mu fhailte Sine air a' Bharrach 's an ath litir. Mise agaibh. Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 107 BODACH BHARRAIDH—11. Fhir Ionmhuinn, 'N uair a bha mi-fhein agus am Barrach suas an lonaig a' deanamh direach air an tigh, agus sinn fhathast a bras-sheanachas mu 'n iasgach, chunnaic mi Sine 'n a seasamh anns an dorus agus a lamh eadar i 's a' ghrian—'s e sin fasan a bha aice riamh co dhiu bhiodh dearrsadh greine ann gus nach jbiodh—agus 's math a dh' aithnich mi gu robh i gabhail du-fhadachd nach robh mi ruigheachd leis a' chliabh-mhònadh, agus gun fàd aice chuireadh i air an teine ach pluitean a' bhugha ghlais nach dean dad leotha fhein ach ceo tuchanach. Bha mi deimhinn nach robh i 'g am aithneachadh gu h-araidh 'n uair a bha an cliabh falamh air mo ghualainn, agus mar bu Mhotha bha sinn a' dol as a h-aire thoisich i air sgioblachadh an aparain phoca a bh' oirre agus bha earbaill de 'n dosan liath 'g an grad-shliobadh bho sgòd a' churraic. " 'S mise th' ann, a Shine," arsa mi-fhein, aird mo chlaiginn, "agus tha Barrach coir agam comhla rium an so agus sparr an coire air cho luath 's a rinn thu oidhche do reitich." "Bucach," ars' ise, "de feum dhuit Bucach a thoirt an so agus gun Bheurla agam-sa dha." Thug osna laidir de'n ghaoith 'n iar-dheas mo theachdaireachd 'g a h-ionnsuidh am mearachd 108 Litrichean a Bearnaraidh. ach cha b' fhada gus an d' rainig sinn an dorua agus thug mi dhith eolas air Mac Neill a Barraidh, a thachair orm ann an doigh cho iongantach air a' mhaduinn ud. Rinn Sine surd nach robh gann ris a' bhodach." " 'S iomadh latha agus bhliadhna," ars' ise, "bha nach fhaca mise Barrach—chan fhaca bho na bhliadhna mu dheireadh a bha mi aig a' chutadh, agus eudail fheine, 's iomadh ceann a chaidh an currac bho'n uair sin. Gu dearbh's e fior dheagh eolas a bha agam-sa air muinntir Bharraidh aig an iasgach, agus tha sibh-se gle dhi-beathta fo na cabaran so fhad 'e a bhios sibh anns an eilean." Bha Sine ann a' meadhon dheanamh mharagan 'n uair a rainig sinn, agus bha 'n droch mhoine a bha aice 'g a fagail car goirid anns an nadur, ach an uair a chuir i eolas air a' Bharrach cheanalta bha gach cuis gu reidh socrach, agus cha b' fhada gus an do chuir i rian air an deagh thea agus ar leor de mharagan faladh air an deanamh ann am maodal mhor na caorach, agus dh' itheadh sibh 'ur meoirean as an deidh leis cho blasda cailmhor agus a bha iad. 'S e rud a b' fhearr de 'n chuis uile am moladh iongantach deas-bhriathrach a rinn am Barrach fhein air an t-seoighn a bha againn, agus's math a thuig mi-fhein nach robh ni air an talamh a chordadh cho math ri Sine ri a cocaireachd a mholadh. Thachair gu robh mu leth botuil de 'n uisge-bheatha chuir Peigi dhachaidh airson cuirm na Nollaige an lathair, agus thug mi-fhein drama math do 'n Bharrach agus fios agam gu robh e Litrichean a Bearnaraidh. 109 sgith airtneulach an deidh coiseachd bho 'n Tairbeart Hearach gu Steornabhagh. Ghabh Sine loma-lan na gloinne agus bha fhios agam fein gu 'm biodh ceann labhairt aice 'n deidh sin, ach gu de 'n taobh air am buaileadh a teanga b' e sin a* chuis. Ann a' meadhon na tea nach ann a thug am Barrach botul bodaich lan uisge-bheatha mach a maileid aodaich shnasail a bha aige, agus cha robh air no dheth ach gu feumaidh mi-fhein agus Sine drama an laimh an urra ghabhail bho na choigreach. Thoisich Sine air diultadh ach cha robh math. "Feumaidh sibh mo shlainte ol," ars' esan; "chan ann na h-uile latha choinnicheas cairdean cho coibhneil rium, agus chan 'eil an so ach boinneag a cheannaich mi air an Tairbeart airson drama thoirt do Chalum Sheorais an uair a bhitheamaid a' deanamh cordaidh timchioll air reio na birlinn." 'N uair a dh 'ol Sine an dara gloinne chaidh i 'n a ceann ball gach a direach, agus cha robh smiach aice. "Sud direach," ars' am Barrach, "mar a bhios Barabal, a bhean agam fhein,, an uair a bhlaiseas i air boinne—bithidh i 'n a dubh-thamh an toiseach, agus an sin teannaidh i greis ri rànaich agus greise eile ri lachanaich's ri gaireachdraich agus togaidh i a lamhan euas a cheart cho grinn ri sagart aig aifrinn. "Oich, oich," arsa Sine, " 's mairg tha gabhail uidh anns an stuth bhuaireasach tha so." "Oladh sibh-se cupa de thea gun siucar," ars' am Barrach," agus 110 Litrichean a Bearnaraidh. bheir e rian air an eanchuinn agaibh," agus rinn Sine sin, ach 's ann luaineach gu leor a bha an t-suil aice agus an t-aodann cho ruiteach cruinn ri gealach an abachaidh. Dh 'iarr mi-fhein air a' Bharraoh buidheachas a thoirt airson nan tro-cairean a bha againn agus rinn esan sin ann am briathran simplidh sgriobtuireil agus chuir e comharradh na croise air aig ceann na cuise. Thainig am 'beo sin ann a' Sine 'n uair a chunnaic i a' chrois 'g a h-iomairt agus bha dearg eagal orm gu lasadh i air a' bhodach choir ann an aimhreit mu chreideamh. "Ochan, ochan," arsa Sine, " 's iomadh rud ur a chunnaic mi am Bearnaraidh 'n a mo latha. Tha mi creidsinn nach do chuireadh crois airson a' Phapa riamh air aodann am Bearnaraidh thuige so. Chan urrainn mise radha tuilleadh mar bu mhath leam, 'Bearnaraidh bhean-naichte againn fhein, cha d' thainig Papanach riamh air tir ann." "Eisd," arsa mise, "de mu dheidhinn Ceit Bharraidh, nach e Papanach a bh' innte-se." "Chan e." arsa Sine, "chuir i cul ris na sagartan mu'n d'thainig i 'n taobh so, 's e bh' innte fior Mhoderate." Bha'n t-am agam an comhradh atharrachadh, agus's ann an sin a dh' innis mi do Shine an turus a chuir Mac Neill do Bhearnaraidh. "O ma tha," arsa Sine, "cha chreid mi gu bheil e beo an duine ris an reiceadh Calum Sheorais a' bhirlinn ur aige, ach chi sibh co dhiu, agus ge b'e c' aite'm bi sibh troimh 'n latha, Mhic Neill Bharraidh, cuimhnichibh gu bheil Litrichean a Bearnaraidh. Ill BODACH BHARRAIDH—111. A Charaid Runaich, An uair a ghabh mi-fhein agus am Barrach toit ghasda de 'n phiob an deidh nam maragan fala, thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais. Bha Sine air fas ceart gu leor a nise, agus cha robh duine dh' aithnicheadh air a h-anail gu 'n do dh' ol i boinne de shughadh an eorna riamh. Thainig Peigi Chirstag a Tobson a steach direach an uair a bha mi-fhein agus an coigreach air 'an starsaich a' dol a mach, agus bha mi cho toilichte nach biodh Sine leatha fhein an deidh na thachair, agus mar a thuirt mi ris a' Bharr ach, a' dol suas an lonaig, ge b' e co bhiodh air cul na còmhla, gur h-e chluinneadh an ur-sgial aig Sine an latha ud. 'S e th' ann a Mac Neill duine aig am bheil inntinn fharsuing sgriobtuireil mu chrois a' Phapa, agus thuirt a bhial rium an latha leabaidh agaibh an so—agus ghabh Mac Neill ris a' chuireadh, agus air ar socair fhein thog sinn oirnn suas gu tigh Chaluim Sheorais airson rian a chur air ceannach na birlinn. Mise, le muirn, Alasdair Mor. 112 Litrichean a Bearnaraidh. ud nach robh, esan a' cur coire air an talamh air neach sam bith de leithid Sine airson a bhi sios air creideamh an t-sagairt, gur h-e bha sin rud a chaidh a theagasg dhoibh bho 'n oige, direach "nach faodadh maith sam bith teachd a mach a Nasaret." " 'N uair a bha sinn aig a' Chnoc-Fhraoich co thachair ruinn ach Aonghas Sheorais 's e fiachainn le gloinne-amhairc ri aireamh bàta-sgriobaidh a bha muigh aig Cragam a thogail. Thug mi-fhein eolas dha air a' Bharrach, agus bha iad an dàil bras-chomhradh air ball. Tha Aonghas mion-eolach am Bagh a' Chaisteil, a chionn, coltach rium fhein, bha e iomadh bliadhna aig an sgadan's a' phort sin, agus chuir e eolas air moran mu thimchioll an robh e gabhail naidheachd bho Mhac Neill. "Bheil Calum aig baile?" arsa mi-fhein ri Aonghas. "Tha," ars' esan, "tha e deanamh boosa-pioba iongantach an sud airson Phadruig an Circebost. 'S ann air bord mahogany thug an Dotair Padruig dhachaidh a Glaschu tha e 'g a dheanamh. Fhuair an dotair am bord ann am buth sheann bhathar an Glaschu, agus tha e coltach gu bheil eachdraidh iongantach aige—gu robh e aon uair 'n a phairt de chiste-laighe aon de na Pharaohan a tha air an spiosradh 's an Eiphit. Thugadh a nall e gun fhios aig am a' chogaidh mhoir, agus fhuair fear na butha ud greim air, agus cheannaich an dotair e airson coig puinnd Shasunnach, agus thug e dhachaidh e an uiridh. Bha an dotair airson gu 'n deanadh a athair bord-sgàthain dheth, ach cha leigeadh a mhathair leis, Litrichean a Bearnaraidh. 113 air eagal gu'm biodh samhladh Pharaoh a' tadhal an tighe, agus sin 'n uair a thoisich Calum ri bocsa-pioba dheanamh dheth." "Moire," ars' am Barrach, "b' fhiach dhomh tighinn a dh' aon sgriobh a Bagh a' Chaisteil gu Bearnaraidh ged nach fhaicinn ach sin fhein," agus a null ghabh sinn gu taobh a' ghàraidh far an robh Calum gu trang a' saoirsneachd pairt de chiste-laighe Pharaoh. Bha Bill agus Tormod Og comhla ris agus iad a' deasbud mu ainm an Pharaoh air a faodadh am bord ud a bhi 'n a chiste. Dh' innis mi-fhein dhoibh mu 'm charaid, agus chuir iad failte chridheil chairdeil air Mac Neill Bharraidh. Chuir esan a' furan ceudna orra-san, agus mar a thuirt e rium fhein roimhe, bha e eolach gu leor air a bhi leughadh mu na daoine coir ud an litir Bhearnaraidh." Agus bha am bord so air corp Pharaoh's an Eiphit," ars' am Barrach. "Sin an eachdraidh a fhuair sinne air co dhiu," arsa Calum, "ach's e fior fhiodh luachmhor a th' ann, agus tha e cho cruaidh ris na clachan." "Nach e 'n Eiphit a th' ann a tha iongantach," arsa Bill, " 'n uair a tha iad a' faotainn ciste-laighe seann righ an drasda, fear a chaochail bho chionn corr agus tri mile bliadhna, agus tha iad a' deanamh a mach 'n uair a dh' fhosglas iad a' chiste gu'm bi an corp cho dreachmhor 's a bha e an latha chuir iad ann e. De 'ur beachd fhein air a' chuis, a Mhic Neill?" "Mhoire, chan 'eil beachd sam bith, a charaid, ach tha mi smaoineachadh nach h 114 Litrichean a Bearnaraidh. 'eil còir air an talamh aca air earradh sam bith a chur air corp a bha air adhlacadh bho chionn tri mile bliadhna." "Ceart, a Bharraich, ceart," arsa Tormod Og, "sin mo bheachd fhein cuideachd." "Bha Padruig mo mhac ag radh rium," arsa Calum, "gu robh na seann Eiphitich de 'n bheachd gu 'n tigeadh an t-anam air ais do 'n chorp an deidh dha bhi siubhal troimh shaoghal nan spiorad iomadh linn, agus mur a biodh an corp slan fallain mar a bha e an uair a dh' fhag an t-anam e, bha iad de'n beachd nach gabhadh an t-anam aige ris, agus is ann air an aobhar sin a bha iad cho curamach ann a bhi spiosradh nan corp ann an doigh cho fior iongantach. " 'S iomadh beachd grod a bha ann 's an latha sin, a Mhic Neill," arsa Bill; "nach mor an solus a fhuair sinn fhein bho na thainig an soisgeul, agus a dh' fhalbh na nosan mearachdach sin." "Tha sibh ceart," ars' am Barrach, "ach a bheil sinn a' cur na nithean is cudthromaiche air thoiseach, sin a' cheisd dhuinn: mar a' dean sinn sin bi cunnart ann gu 'n toirear na sochairean a tha againn uainn. agus gu 'n tuit sinn gu dorchadas is doille a ris. "Ceart, a Mhic Neill, ceart," arsa Tormod Og, " 's ann agaibh a tha na beachdan soilleir— feumaidh sibh a dhol air cheilidh air Tormod Taillear mu falbh sibh airson gu 'n toir sibh lamh air teasgasg an taghaidh. Tha Tormod iongantach sgriobtuireil air an teasgasg ud, agus tha mi deimhinn gu 'n cord sibh ged is ann de chreideamh Litrichean a Bearnaraidh. 115 an t-sagairt a tha sibh." "Mhoire, sinn a chordas," ars' am Barrach, "bi sinn uile 's an aon neamh air tailleamh na h-aon iobairt." Mise, le muirn, Alasdair Moe. BODACH BHARRAIDH—IV. A Charaid Choir, Mar a bha mi 'g radh ruibh ma tha 's an litir mu dheireadh, fhuair mi-fhein agus Mac Neill Bharraidh sealladh a nasgaidh air mir de chiste-laighe Pharaoh mar a thuirt an eachdraidh a fhuair Calum Sheorais air a' bhord iongantach ud air an robh e deanamh bocsa-pioba do Phadruig a Circebost. Thug Calum cuireadh cridheil dhuinn gu dhol a steach agus rinn sinn sin. Chuir bean Chaluim failte chairdeil air a' Bharrach agus air na bha comhla ris agus thoisich sinn air comhradh. 'Cha b' ionghnadh,' ars' am Barrach, "ach an aithris uamhasach a tha aca air gorta agus teanntachd an Leodhas—gu dearbh chan fhaca mi moran dheth bho 'n thainig mi 'n aite. 'N uair a chaidh mi steach do thigh Alasdair Mhoir shuas, bha Sine an teis-meadhon deanamh mharagan geala, agus gu dearbh's e mo ghuidhe-sa gu'm bi 116 Litrichean a Bearnaraidh. gach tigh do'n teid mi 's an eilean agaibh a sior-mheudachadh am bascaid agus an stor." "Tapadh leibh-se, Mhic Neill," arsa bean Chaluim; "Taing do Dhia cha d' thainig gorta do'n bhaile so fhathast ach 's cinnteach gu bheil iomadh tigh an Leodhas air bheagan storais am bliadhna airson sin." " 'S a Mhoire mhathair, gleidh mi," ars' am Barrach, "nach 'eil mi faicinn an duine coir agaibh a' saoirsneachd buird a thainig a ciste-laighe Pharaoh. Nach mise thug an turus a Bagh a' Chaisteil ged nach fhaicinn ach sud fhein 's an eilean so." "Cha mhor a' chùirt sud," arsa bean Chaluim, "ach gu dearbh cha bhiodh gnothuch agam fhein ri cuid an duine mhairbh co dhiu's e firinn no briag a th' ann gur h-e pairt de chiste-laighe Pharaoh a th' ann." "Mhoire, tha sibh ceart, a bhean," ars' am Barrach. "Chanadh na seann daoine na'n cuirte corradh air rud a bhiodh timchioll air a' mharbh gu'n tigeadh an spiorad aige 'g a iarraidh, agus innsidh mi sgiala beag dhuibh air a' phuing sin. Bho chionn iomadh 'bliadhna bha balach og am Bagh a' Chaisteil a bha aon latha siubhal nan cladaichean ag iarraidh mhuragan an deidh stoirme mhoir. Cha d' fhuair e fiu sprodag fhiodha fhein ach da chnaimh mhor a bha measg tiurra feamann, agus sparr e bho achlais iad agus thug e dhachaidh iad. Cha d' rinn e dad ach an tilgeadh's a' ohuil-mhònadh agus cha robh 'n corr mu dheidhinn na cuise. Ghabh an teaghlach mu thamh an oidhche ud mar b' abhaist, ach mu mheadhon oidhche Litrichean a Bearnaraidh. 117 thainig gnogadh cruaidh cabhagach do'n dorus. Dhuisg am bodach agus dh' eirich e 's lan dhuil aige gu robh Mairi liath an ath dhorue air fas na bu mhiosa 's gu robh cuideigin ag iarraidh a' bhalaich aige airson a dhol air toir Mghr Domhnull, an sagart, airson an ola-bhais a chur oirre—'s e sin te mu dheireadh de na seachd Sacramaidean againn. Dh' fhosgail am bodach an dorus, agus ma dh' fhosgail de bha mu choinneamh an sin ach duine mor cho ard 's gu robh e toirt an athair dheth, air a chomhdach an deise ghil bho mhullach gu bhonn. Bha inntinn cho laidir ris an darach aig a' bhodach agus dearbh b' fheumail sin dha an oidhche ud. "De tha bhuat," ars' am bodach, mu'n am mhi-ghnathaichte so de'n oidhche?" " 'S mise," ars' an spiorad, "an seoladair Frangach a chaidh a bhathadh air cul E4risgeidh bho chionn fichead bliadhna. Thug do mhac a dha de na cnamhan agam leis bho Charraigh nam Faochag an diugh agus tha iad anns a' chuil-mhònadh agad. Cuir air ais iad moch a maireach air neo cha leig mi laic chadail leat fhad's a bhios tu beo." Thainig fuar fhallus air a' bhodach, rud nach do dh' fhairich e riamh roimhe, agus gheall agus bhoidich e na cnamhan a chur air ais, ach ars' esan ris an spiorad, "Cait' an do dh' ionnsuich thu Ghaidhlig 's tu 'g radh gur h-e seoladair Frangach a bh' annad?" "An uair a theid gach neach gu Tir nan Og," ars' am Fran- 118 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 119 an uair a theid sibh-se air ais canaibh ri luchd na siataig am Barraidh gu'm bi bean Bhill gle thoilichte air am ballan a chur orra uile ma thig iad air chuairt do Bhreaoleit." "Gu robh Dia leibh-se, bhean," arsa Mac Neill, *' 's bochd nach robh 'ur leithid ni bu lionmhoire—luchd an fhein -àicheadh." Chuir bean Chaluim Sheorais tea air uidheam, agus bha comhradh agus conaltradh ro ghasda againn, agus bithidh mi bruidheann air a' cheann sin's an ath litir." Is mise 'ur caraid, Alasdair Mor. BODACH BHARRAIDH—V. A Charaid Choir, An deidh do bhean Chaluim Sheorais an deagh thea thoirt dhomh fhein agus do Mhac Neill ann an cuideachd luchd an tighe, thainig am Barrach gu fior cheann a thuruis do Bhearnaraidh —'s e sin cumhnant a dheanamh ri Calum Sheorais airson a' bhirlinn ur aige cheannach. Thog mi-fhein orm gu eirigh a mach airson gu'n deanadh e fhein agus Calum baragan 'n an aonar—b'e sin a' modh dhomh-sa, mar tha fhios agaibh,—ach cha leigeadh Calum leam carachadh a larach nam gach., "cha bhi facal ach Gaidhlig an sin." "Mo leireadh," arsa bean Chaluim, "'s math leam nach ann am Breacleit a bhios am bocsa-pioba tha Calum a' deanamh." " 'S math a bhean gun teagamh," ars' am Barrach, "Dia's Muire eadar mi 's a bhi faioinn spioradan nan daoine dh' fhalbh, ach riamh bho'n uair ud, tha moran am Barraidh de'n bheachd gur h-e Gaidhlig a bhios sinn a' bruidheann an neamh." 'S a' chomhradh a bh' ann co nochd a steach ach bean Bhill 's i 'g iarraidh punnd de shiabunn "S'olus-na-greine" aig Lever. Thugi sinn eolas do'n Bharrach oirre agus 's e rinn an surd rithe. "Ma tha, bhean, 's mise tha toilichte tachairt ruibh. -S iomadh uair a leubh mi mu'r deidhinn 's mu na trocairean a rinn sibh air moran leis a' bhallan. Gu dearbh tha Murchadh Ruadh, mo nabuidh, uamhasach dona leis an t-siataig an drasda agus 's tric e 'g orduchadh a bhi faisg air bean Bhill airson ballan a chur air. Chan'eil duine againn tha eolach air a' bhallan bho chaochail Peigi Mhor a bha's a' Bhagh a' Tuath -'s gu robh fois shiorruidh aig a h-anam—ach, a bhean Bhill, ma reiceas Calum Sheorais an tighe so a' bhirlinn rium-sa, feumaidh sibh a dhol comhla rium innte gu Bagh a' Chaisteil, agus cuiridh sibh am ballan air bodaich leonte Bharraidh." "Tapadh leibh-se, Mhic Neill," arsa bean Bhillv ' 'cha do dhiult mise ballan a chur air duine riamh agus's iomadh neach air an d' rinn e cobhair, agus 120 Litrichean a Bearnaraidh. bonn. Thuirt e rium nach robh eagal sam bith air gu'n rachainn a dh'eubhach air sheachd bealaichean an comhradh a bhiodh eadar e fhein agus am Barrach mu cheannach na birlinn,—agus gu dearbh ged is e mi-fhein a tha 'g a radh ruibh, cha robh mise riamh toileach air a bhi 'g amladh mo theangaidh ann an gnothaichean mo nabuid-hean. Dh'innis am Barrach, facal air an fhacal, mar a dh' innis e dhomh fhein a' tighinn a stigh aig an eaglais Mhoderate, mar a chaill e an deagh eathair le stoirm na Feill-Martainn so chaidh agus mar a chaidh a stiuireadh gu Calum Sheorais leis an deagh theiste fhuair e air a' bhirlinn ur aige ann an litir Bhearnaraidh. "Tha mi gun teagamh duilich air 'ur son, a Mhic Neill," arsa Calum; ' 'thainig direach an aon seorsa calla oirnn le cheile, agus tha mi creidsinn nach e ceum de dhith faicill a bha air aon seach aon againn ged a chaidh gach culaidh a' sgealbadh ris na creagan." "Moire, chan e," ars' am Barrach, "ach direach a' rud a bhios an dàn gabhaidh e aite agus chan'eil innleachd air thalamh a chumas air ais e. Ach gu dearbh, a Chaluim, 's ann agaibh a tha bhirlinn eireachdail, agus laigh mo shuil fhein oirre bho'n a bhuail mo shealladh oirre feasgar an de, agus ma reiceas sibh rium-sa i cha shor mi airgiod air an talamh oirre. Tha ceithir chiad punnd Sasunnach agam 'n a laighe air riadh am banca Loch-Baghasdail-^airgiod Fhrannsaidh choir, mo mhac a chaidh a mharbhadh 's na h-Innsean an Ear Litrichean a Bearnaraidh. 121 (sith Dhe do anam), agus mar sin chan'eil dith no deireas orm, agus cha teid sinn a mach air a cheile, charaid, cha teid. Cha tug mise a char a duine riamh, agus gu robh Dia eadar mi agus sin a dheanamh." "Uill, a Mhic Neill," arsa Calum, "na'n reicinn-sa bhirlinn ri duine air an talamh 's ann ruibh-se ged nach do bhuail mo shuil riamh oirbh thuige so. Tha fhios agam gur fior dhuine sibh, agus bu mhath leam taghadh na h-eithear a bhi agaibh, ach chan urrainn mi dealachadh ris a' bhirlinn. Tha mac agam 'n a dhotair an Glaschu, agus faodaidh mi innse dhuibh gu bheil e fiaohainn ri comunn marsantachd a chur air chois's an eilean airson cungaidhean-leighis a dheanamh de ola choin-ghuirm agus na bioraich, agus tha e airson gu'm bi a' bhirlinn agam ag iasgach nam beath-aicheaan sin, agus tha duil aige tigh-leaghaidh a chur suas am Bearnaraidh Bheag airson giollachd an eisg ud, agus sin agaibh mar a tha chuis do m' thaobh-sa." "Tha mi uamhasach toilichte," ars' am Barrach, "sin a chluinntinn, agus tha mi 'n dochas gu'n dean sibh fhein agus an dotair agaibh 'ur fortan mor 's an oidhirp agus gu robh Dia's Muire leibh 's a' ghnothuch. Bha dotair mor as an Spainn ag amharc air an t-sagart againn an uiridh agus thuirt e gu robh e de'n fhior bheachd gu robh leigheas airson gach tinnis bho'n ghrein ann an oladh na bioraich na'm biodh luchd-sgil a' meorachadh gu leor air an doigh anns am b' fhearr a ghabhadh i giollachd." "Tha sin ceart," arsa 122 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 123 bial-mor le fheabhas 's a dh' fhalbhadh i, agus bhiomaid aig Gob a' Ghalain mu'n tarradh eith-richean Uige agus Charlobhagh na siuil a thogail." " 'S e call dhuibh a th' ann, a Mhic Neill," arsa Calum, "Bearnaraidh fhagail gun eathair fhaighinn agus ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, theid sibh far a bheil Scottie agus togaidh e eathair dhuibh cho math ri duine's an duthaich." "Tha sibh direach aige, Chaluim," arsa mi-fhein; "theid mi-fhein agus Mac Neill do Chircebost am maireach agus tha mi deimhinn gu'n cord Scottie ri mo charaid—bheir e dha nithean nuadha agus sean." "Tapadh leibh-se airson 'ur coibhneis," arsa Mac Neill; "ni mise ni sam bith a dh' iarra-3 mo chairdean còire orm." Mise, le meas, Alasdair Mor. BODACH BHARRAIDH—VI. Fhir mo Chridhe, Ged a bha am Barrach duilich air doigh gur h-e siubhal gun siucar a bha aige do Bhearnaraidh a thaobh ceannach eathair Chaluim Sheorais, bha e sasuichte gu leor an uair a chual' Calum, "'s fhada (bho bha Padruig mo mhac agus dotairean mora an Oil-thigh an Glaschu a' rannsachadh a mach eifeachd oladh na bioraich agus tha mi'm beachd gu'n tig a' chuis gu deagh airde ri tide." "Ma tha, Mhic Neill," arsa mi-fhein, "bho'n fhuair sibh an gnothuch ud seachad, feumaidh mi-fhein aideachadh ged a tha mi gle dhuilich air doigh nach d' fhuair sibh birlinn Chaluim, air doigh eile tha prois orm nach 'eil sinn a' dol a chall bàta cho grinn cumhachdach agus a sheol a stigh riamh do chaolais Loch-a-Rog. Ri innse dhuibh-se, Mhic Neill, tha eud aig Leodhas gu leir ruinn airson birlinn Mhic Leoid. Na'm biodh sibh-se an so aig am iasgach an sgadain an uiridh 's ann a chitheadh sibh astar na culaidh ud, agus gu dearbh bha e cur bhliadhnachan ri m' aois fhein a bhi dol air bord oirre gu iasgach an sgadain aig Gob a' Ghalain. 'N uair a bhiodh gach ni deas thogamaid an seol breac baidealach ann am barraibh a' chroinn fheadanach fhiubhaidh. Bha beiceartaidh ròn is ròcasdaidh fhaoileag, feadalaich bhall agus crathadh ullag ri 'n cluinntinn. Thigeadh soirbheas beag laghach a bheireadh duilleach a coill, froineach a beinn, agus seileach og a fhriamhaichean. Bha bheisd bu mhotha 'g itheadh na beisde bu lugha 's a' bheisd eile deanamh mar a dh' fhaodadh i. Sgoilteadh i cuinnlean caol coirce bho a dubh-thoiseaoh gu a dubh-dheireadh, agus an fhaochag chrom chiar a bha an grunnd an aigein bheireadh i haig air a 124 Litrichean a Bearnaraidh. e bho bhial Chaluim fhein an t-aobhar a bha air a' chuis a bhi mar a bha e. Tha e 'n a bhodach cho tuigseach agus a thachair rium fhein riamh 'n a mo chuairt, agus e cho toigheach gu'n deanadh gach neach a' chuid is fhearr de 'n fhortan a chuir am freasdal 'n a rathad anns an t-saoghal so. Chaidh sinn dhachaidh, ma tha, a tigh Chaluim Sheorais, agus an uair a rainig sinn Sine, bha Barabal Mhurchaidh a stigh comhla rithe, agus an dithis gu dripeil a' cur aird air deanamh an corr de na maragan. Chan fhaca Sine riamh duine air cheilidh nach fheumadh i car obrach air choreigin a thoirt as, agus gu dearbh, bronag, tha i fhein gu math easgaidh air cuideachadh dhaoine eile. Thug mi eolas do Bharabal air a' Bharrach agus rinn i surd mor ris. "Gu dearbh," ars' ise, "Mhic Neill, 's mi tha toilichte tachairt ruibh. Bha mi-fhein greiseag de m' shaoghal ann an Loch-sciport, agus bu ghasda na daoine bh' ann—agus bha na Papanaich ann a cheart cho cairdeil rium ris na Prostanaich." "Moire, nach ann doibh bu chòir," arsa Mac Neill, " 's e ciad sheula na Criosdalachd cairdeas agus teo-ohridheachd, agus cia mar a shoillsicheadh iad am maighstir mur biodh iad laghach ri eolaich agus ain-eolaich." " 'S na cheannaich sibh an t-eathair bho Chalum?" arsa Sine. "Uill, cha do cheannaich," arsa Mac Neill, "ach tha deagh aobhar aige airson nach dealaich e rithe agus chan'eil diumb sam bith agam-sa ris an duine chòir airson sin. Ach chomhairlich e fhein agus Alasdair an so dhomh dhol gu Litrichean a Bearnaraidh. 125 Scottie 's a' bhail ud thall, agus cordadh ris-san airson culaidh mhath a thogail dhomh." "Ro-mhath," arsa Sine, " 's iomadh deagh eathair a thog Scottie còir agus cha do chuir e tarrag riamh an sas nach d' rinn feum—tha na h-eithrichean aige ainmeil feadh Leodhais air fad." "Tha mi-fhein 's e fhein a' falbh do Chircebost gu math trath am maireach," arsa mise, 'agus bheir mi Mac Neill a dh' amharc air an t-seann eaglais a tha shios aig a' chladach." "Bidh mi ro-thoiliohte," arsa Mac Neill; "robh i ann roimh am an Ath-leasachaidh." "Chan'eil mi smaoineachadh gu robh," arsa mi-fhein, "ach tha i gu math sean. Cha robh eaglaisean cho pailt an Leodhas an uair sin air chor 's gur h-ann air Sabaidean araidh a bhiodh ministear a' searmonachadh innte. An uair a sgaoileadh an searmon, bhiodh fear a muigh aig ceann na h-eaglais le pigie uisge-bheatha 'g a reic, agus diulach eile le rola tombaca, agus thoisicheadh na bodaich ri òl's ri ceothadh's ri seanachas agus's e'n oidhche dhubh a bheireadh a' chuid bu mhotha dhiubh dhachaidh agus iad gu math suigeartach fonnmhor. Tha e air aithris cuideachd gu robh ministear air choreigin a' searmonachadh innte aon latha. Bha uinneag bheag air chul na cubaid ag amharc am mach air a' mhuir agus ann am meadhon an t-searmoin nach fhaca am ministear muc-mhara mhor a' deanamh air a' chladach direach bho 'n eaglais. "Eiribh a maoh air ball gach mac mathar agaibh agus marbhaibh i. Gheibh sibh searmon uair sam bith a thoilicheas 126 Litrichean a Beamaraidh. sibh, ach. chan ann na h-uile latha gheibh sibh muc-mhara." Chuir sin fhein crioch air an t-searmon an latha ud agus thoisich na fir air marbhadh na muice. "Mhoire, cha robh an soisgeul a' dol ro dhomhain sios an latha bha sin," ars' am Barrach, "ach chan'eil aite do'n teid neach nach 'eil seann togalaichean air am bheil inneasan araidh mar sin. Tha seann Chaisteal Chiosamuil againn fhein am mach beagan bho Bhagh a' Chaisteil, agus 's ann air a tha am baile beag againn air ainmeachadh. B'e an daingneach laidir a bha aig Clann Mhic Neill Bharraidh an uair a bha ughdarras aca air an eilean againn. 'S e daoine moralach treun a bha anns na cinn-chinnidh aca, agus bha smachd mor aca air an iochdarain gu leir. Bha fear ris an canadh iad gocaman aig Mac Neill anns a' chaisteal, agus b'e obair a dhol suas gu tùr a' chaisteil aig uair araidh gach feasgar agus eigheach aird a chlaiginn tri uairean, "Ghabh Mac Neill Bharraidh a dhinneir, agus faodaidh an saoghal uile an dinneir a ghabhail a nise." Cha robh chridhe aig duine de na h-ioohdarain blasad air biadh gus an gabhadh Mac Neill a dhinneir an toiseach. Dh' fhalbh an latha sin agus tha an caisteal mor ud gun teine gun tuar, clann Mhic Neill Bharraidh air an sgapadh thall agus a bhos agus an ceann-cinnidh air ain-eol thall an America." An uair a thuirt am bodach so chunnaic mi gu'n d' thainig beagan de thioma air mar gu'm biodh sprochd air ann a bhi cuimh- Litrichean a Beamaraidh. 127 BODACH BHARRAIDH—VII. Fhir Ionmhuinn, Thog mi-fhein agus am Barrach oirnn gu Circebost gu math trath's a' mhaduinn airson eolais a chur air Scottie, comhla ri bara-gan a dheanamh airson eathair a thogail. 'S e maduinn aluinn a bh' ann agus fhuair mo charaid rogha an t-seallaidh air an eilean againn, agus bha e 'g radh rium gu robh Beamaraidh ann an iomadh ni gle choltach ri Barraidh aige fhein. neachadh air na laithean a dh' aom, ach mu'n do tharr e sgur nach ann a thoisich e ri seinn "Birlinn Chiosamuil" agus 's ann aige fhein a tha an guth grinn ciuin. Cha chuala mi-fhein no Sine an t-oran riamh roimhe ach abradh sibh-se gu'n do ghabh ise annas mor dheth, agus mu'n robh 'n oidhche seachad bha e aice eadar fhaclan agus fhonn agus chan e mhain sin ach chluicheadh i e gu doigheil air a' bhocsa-chiuil. "B'e Mao Neill an àidh sibh a' thighinn an rathad," ars' ise, "ged nach biodh ann ach an t-oran ud fhein"—an taobh a theid Sine theid i ann. Mise, le speis, Alasdair Mob. 128 Litrichean a Bearnaraidh. Bha mi 'g innse dha mu na tighean mar a bha sinn a' dol seachad orra agus a' deanamh beagan sean-achais air na daoine bha chomhnuidh annta. Bha birlinn Chaluim direach a' togail na siuil anns an Loch-bheag an uair a bha sinn a' dol a fianuis na h-acarsaid, agus dh' aidich am Barrach nach d' thuirt mi facal breige an latha roimhe sud an uair a rinn mi inneas cho fior mhor oirre—" 's math is d' fhiach i moladh sam bith a nithear oirre," ars' esan; "ma gheibh mise a leithid, chan aithreach leam an latha thainig mi air chuairt do 'n eilean agaibh." "Uill, a Mhic Neill," arsa mi-fhein, "tha sinn a' dol a chur ar comhairle ri fior shaor eithrichean agus cha bhi cearb air an eathair a thogas Scottie ma thig sibh gu cordadh mu'n chuis —mo lamh dhuibh air sin." 'N uair a rainig- sinn "Clach an Ulcaich," seann ait'-analach air an rathad gu Circebost, thuirt mi ri Mac Neill gu'm b'e sud aite far am biodh daoine faicinn bhòcain agus thaibhsean air an oidhche. "Gle choltach direach ri aite mar sin," arsa Mac Neill, "tha moran aitean againn fhein am Barraidh a bhios na bòcain a' tathaich. Faca sibh aon diubh riamh Alasdair?" "Dhia, gleidh mi." arsa mise, "chan fhaca, agus gu ma fada uam iad gu brath." "Ma tha, chunnaic mise," arsa Mac Neill. "Greis an deidh Murchadh Buadh, seann nabuidh a bha agam, a bhi air a bhàthadh, bha mi dol dachaidh gu math anmoch aon oidhche, agus an uair a thainig mi gu Lag nam Meirleach de bha 'n a sheasamh direach air meadhon an rathaid ach Litrichean a Bearnaraidh. 129 duine le botuinean mora agus cota iasgaich. Dhuine, cha do shaoil mi-fhein dad de'n chuis gu3 na bhruidhinn e agus ged nach robh e idir air innse dhomh gu'm b'e Murchadh Ruadh a bh' ann, 's math a dh' aithnich mi e air a chruth agus a bhruidheann." "Neill," ars' esan, "na gabh eagal romham; dh' fhag mi cunntas beag gun phaigheadh am buth Iain Ruairidh, agus innis thusa do Mhairi, mo bhean, gu bheil deich tasdain fhichead de airgiod geal ann an crogan eadar an diesair agus a' chiste-mhine, agus paigheadh i an cunntas le sin agus bithidh sith air mo spiorad," agus rinn mise mar a dh' iarr Murchadh orm, agus mar a thuirt b' fhiar, bha an dearbh sgillinn a thuirt e 's a' chrogan gheal—agus cha do chuir Murchadh dragh air aon againn tuilleadh " Bha sinn a nise sios gu tigh Scottie, agus sheall mi do Mhac Neill far an robh an t-seann eaglais air an robh sinn a' bruidheann. Thug am bodach còir a bhoineid dheth agus sheas e car mionaid ag amharc a null. "Alasdair." ars' esan, "chan urrainn mi gun urram a shealltuinn do thogail sam bith far an d' rinneadh aoradh do Dhia neimh le treibhdhireas ge b'e de'n mhiar de'n chreidimh Chrios-duidh, agus b' fhearr leam gu robh 'n corr dheth 's an eilean so; na'm biodh, bhiodh barrachd de mhaise na naomhachd oirnn." Chaidh 6inn a steach agus bha mo charaid Scottie agus a bhean air ball a 'cur furain agus failte oirnn, agus cha b' fhada gus an robh am Barrach 'g a dheanamh x 130 Litrichean a Beamaraidh. fhein aig an tigh. Air dhuinn a bhi bruidheann a null agus a nall mu'n iasgach, an rud anns an robh ar n-uidh, nach d' rinn Scottie a mach gu robh e fhein agus Mac Neill da sheusan aig an aon mhaighstir aig iasgach Lerwick, agus ma bha an doigh anns an do choinnich mi-fhein agus Mac Neill iongantach, cha b'e an ath eolas so air Scottie dad bu neonaiche. "Tha cuimhne agaibh, a Mhic Neill,'' arsa Scottie, "na h-argumaidean a bhiodh againn mu'n S'griobtur a' bhliadhna ud an uair a bhitheamaid air cheann nan lion. Chan'eil ni is docha leam na bhi leigeadh m' inntinn ri duine aig a bheil breithneachadh mar tha sibh-se Bharraioh, agus smuaintean mora agaibh mu'n Fhirinn nach deachaidh riamh a mhilleadh agus a shluaisneadh le aimhreit eaglaisean, rud a tha an deidh an t-anam a dheoghal asainn anns a' Ghaidhealtachd an diugh." "Taing do Dhia," arsa Mac Neill, "gu'm buin mi-fhein do eaglais nach do dh 'atharraich a creud liad an roinne riamh bho 'n chaidh a' togail air Peadar bho thus, agus mar a thuirt Calum Cille nam beannachd: — ' 'I mo chridhe, I mo ghraidh, Far an oluinnte guth manaich, bithidh' geum bà, Ach mu'n tig an saoghal gu crich, Bidh I mar a bha." "Nise," Mhic Neill," arsa Scottie, "co 'n a 'ur beachd fhein a nise bu mhotha de na deisciobuil ?" "Mhoire, bha Peadar," ars' am Barrach; "nach d' thuirt Criosda ris "beathaich mo chaoraich," 's Litrichean a Beamaraidh. 131 Alasdair Mob. "beathaich m'uain," agus "neartaich na braithrean," agus mar tha fhios agaibh fhein nach ann air Peadar a thogadh an eaglais againn." "B' fhearr leam gu robh Tormod Og an so, Mhic Neill," arsa Scottie, "agus dheanamaid steith-.argumaid de'n phuing sin. 'S e duine cumhachdach eudmhor misneachail a bha 'm Peadar, a Mhic Neill, ach's a Eoin còir mo rogha fhein de'n treud gu leir. 'S e deisciobuil a' ghraidh, agus nach e gradh aon de na priomh steithean aig a' Chriosdalachd, agus chan'eil duine leughas an soisgeul aige nach fhaic cho mhor 's a rinn gradh Chriosda greim air. Chuala mi aig ministear uair mu bhial-aithris a dh' fhag aon de na seann diad-hairean mu Eoin. Bha na deisciobuil eile 'g a theannachadh airson soisgeul a sgriobhadh agus tha an cunntas ag radh gu'n d' aontaich Eoin air chumhna gu'n deanadh na braithrean uile traisg agus urnuigh, agus air dhoibh sin a dheanamh fhuair e am foillseachadh neamhaidh a thug deachdadh dha gu toiseachadh, "Anns an toiseach bha am focal." An corr de'n chomhradh air an ath sheachduin. Mise, le meas, 132 Litrichean a Beamaraidh. BODACH BHARRA1DH—VIII. A Chaeaid Choih, Cha do chuir am Barrach idir an aghaidh Scottie an uair a thuirt e ris gu'm b'e a bheachd-san gur h-e Eoin a bu mhotha de na h-abstoil, ach direach gu'n d' thuirt e gu robh esan a' dol a reir teagaisg na h-eaglais aige fhein a tha creidsinn gur h-e Peadar a' chiad Fhàp a bha aig an eaglais. "Nise, Mhic Neill," arsa Scottie, "de 'ur beachd fhein air an taghadh." "Mhoire, chan'eil beachd air an talamh," arsa Mac Neill; "chan'eil a leithid de rud againn idir, agus chan urrainn gu'm biodh, an uair is e Criosda Slanuighear nan uile dhaoine, biodh e dubh no donn no buidhe." "Mo bheannachd agaibh," arsa Scottie, "b' fhearr leam gu robh sibh an comhradh grunnain de na cailleachan againn an Leodhas, agus bheireadh iad a chreidsinn oirbh " 'b iomadh bliadhna bho 'n do thoisich mise air cur a' bhallain. Bha seana bhean chòir 's a' bhaile so a bha gle dheas air, agus an uair a chunnaic mise mar a bha chuis ag oibreachadh, thoisich mi-fhein air agus lean mi air riamh uaithe sin." "Chan'eil ni a dhith air duine ach creideamh ann a ni sam bith tha e deanamh," arsa Mac Neill, "agus bithidh an ni sin dha a reir a chreideimh; na'm biodh creideamh againn dh' atharraichea-maid beanntan agus thilgeadh sinn 's a' mhuir iad." "Nach ann agaibh a tha 'n t-eolas air an Sgriobtur," arsa Bill, "agus iad ag radh ruinne nach'eil Biobull agaibh idir, 's ged a bhiodh, nach leigeadh an sagart leibh a leughadh." "O seadh," arsa Mac Neill, "tha sinn dubh gun teagamh air bial an t-saoghail ach mur biodh na rinn «n eaglais againne anns na linntean dorcha airson dion a chur air an fhirinn cha bhiodh Biobull agaibh-se an diugh." "Am bi sibh a' deanamh leigheis sam bith eile bharrachd air a' bhallan?'' arsa Mac Neill. "O bithidh," arsa bean Bhill: "bha Calum Sheorais, mo nabuidh shios, gle dhona le dhruim bho chionn bhliadhnachan, agus shean mi air a dhruim tri uairean agus cha robh e riamh cho dona leis an deidh sin." "Fior sheann leigheas," ars' am Barrach. "Tha seann bhean againn fhein am Barraidh a leigheis moran le druim goirt air an aon doigh, agus tha bodach eile beo againn fhathast aig a bheil moran de na seann Litrichean a Bearnaraidh. 153 "eolais" airson leigheas a bha na daoine còire bha romhainn a' faighinn cho eifeachdach. Chuala mi mu "eolas sgochadh feithe"; "eolas an t-sniamh," "eolas a' bheum-shula," agus bha rann mu choinneimh gach eolais a bha sin, agus an uair a chanadh an duine aig an robh an t-eolas an rann, bha an neach a bha tinn air a shlanachadh ge b'e cho fada agus a dh' fhaodadh « bhi air falbh uaithe." " 'S e mathas mor bho 'n chruithfhear a bna sin," arsa Bill, "an uair nach robh dotairean ach gann agus airgiod na bu ghainne airson a thoirt dhoibh." "Gun teagamh," ars' am Barrach, "de bh' ann ach ullachadh trocair Dhe airson dhaoine bochda nach robh comasach air sgil dotair fhaighinn. Cha robh na h-eucailean a bha orra ach ainneamh agus thug Dia dhoibh tur nadurrach airson gach tinneas a bha sin a leigheas gun dàil. Seall sibh 'n uair a bhiodh ceann-goirt aig neach, chuireadh e duileasg amh agus lionaraioh 'n a fhuar-lit' air a cheann agus cha bhiodh cnead air. Leighiseadh iad a' bhuidheach le uisge fuar a dhoirteadh as fhaireachadh air an neach air am biodh i, agus an uair a bhiodh cnatan no fuachd air duine, ghabhadh e brochan-ban le im ann agus chuireadh e fallus dheth agus bhiodh e cho aotrom ri fiadh «n ath mhaduinn. 'S iomadh cungaidh-leighis eile mU'n cuala mi agus cha robh aon dhiubh nach robh fas 'n am measg fhein, agus 's math a bha fhios aca de mar a dheanadh iad feum dhiubh." 154 Litrichean a Bearnaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 155 BODACH BHARRA I DH—XIII. Fhir mo Chridhe, Tha eagal orm gu bheil sibh a' fas car sgith de eachdraidh a' bhodaich Bharraioh am Bearnaraidh, ach a bheil fhios agaibh gu'n do chord an duine coir ruinn uile cho fior mhath 's nach urrainn dhomh gun an cunntas is mionaidiche thoirt air a cheilidh beag 'n ar measg. Chan ann gle thric a bhios Barrach 'n ar measg an so agus gu h-araidh duine cho tomadach an corp agus an inntinn ris-san. An uair a rainig sinn dhachaidh an oidhche ud an deidh an ceilidh caid-reach a bhi againn an tigh Bhill, fhuair sinn Sine stigh leatha fhein agus srann aice air a' bhocsa, agus fonn an àidh oirre comhla ris. "Na chord an turus ruibh a nise?" ars' ise, ruinn an uair a bha sinn a stigh air an starsaich. "Gu dearbh fhein 'b e chord," arsa Mac Neill, "'s iomadh duine do'n dean mise sgial am Barraidh gu'n do ghabh mi tea bho bhean Bhill am Bearnaraidh agus gu robh conaltradh cho grinn cairdeil eadarainn. Boirionnach feumail a tha sud, agus ma's urrainn mise buadhachadh oirre bheir mi do Bhagh a' Chaisteil i an uair a bhios mi toirt birlinn Scottie dhachaidh—'s iomadh bodach agus cailleach am Barraidh a dheanadh gairdeachas na faiceadh iad i tighinn leis a' bhall an : tha mi deimhinn nach biodh guth aca air moran de'n t-siataig an deidh dhith-se an laimhseachadh, dir- "Tha sin ceart," arsa bean Bhill: "chanadh na seann daoine gu robh bad beag de thalamh am Bearnaraidh Bheag anns an robh de luibhean na leighiseadh gach galair an Leodhas, ach chaidh na cuisean sin air di-chuimhn air sluagh an latha 'n diugh." Am measg a' chomhraidh a bha ann, bha bean Bhill gu trang a' deanamh tea agus mu'n d' falbh sinn chaidh suipear ghrinn air ar bialamh. Na'm biodh cuimhne agam-sa air gach cuspair air an d' thug sinn lamh an oidhche ud, 's iomadh litir a dheanadh e suas, ach ged nach urrainn mi aithris a dheanamh air conaltradh a' cheilidh ud gu leir, 'a iomadh latha bhios cuimhne agam fhein air carthannas na cuideachd—agus gu dearbh cha bhi cuideachd sam bith far am bi Mac Neill Bharraidh a' chathair, gun deagh chur seachad oidhche aca. Leugh e cupa bean Bhill an deidh do 'n tea a bhi seaohad agus cha bu chion nach robh fortan a' feitheamh oirre anns na laithean ri teachd. Sheinn e fear no dha de na seann orain air a bheil e fhein cho fileanta, agus le sin sgaoil taghadh a' chomhlain an oidhche ud. Mise agaibh, 156 Litrichean a Bearnaraidh. each a chionn gu bheil creideamh aice as an ni tha i deanamh, agus as aonais creideamh chan'eil eifeachd ann a ni sam bith ris an cuir neach a lamh." "Tha mi faicinn bho sin, a Mhic Neill," arsa Sine, "gu bheil eibh-se cur luach air creid-eamh." Ars' am Barrach, "chan'eil puing 's a' chreideamh Chriosduidh cho daingeann ri creideamh. Seall sibh fhein cho tric agus a tha Criosd a' sparradh oirnn cho feumail agus a tha e gu'm biodh creideamh daingeann againn ann, agus cho tric agus a tha e 'g iomchair a dheisciobuil a chionn cho lapach agus a bha an creideamh a bha aca ged a bha iad a mach's a steach comhla ris gach latha, a' faicinn a mhiorbhuillean agus a' cluinntinn a theagaisg. Agus, a Shine, nach robh e moran na bu shoirbhe do na deisciobuil ud creideamh à bhi aca as an t-Slanuighear a chunnaic iad na tha e dhuinne nach fhaca riamh e le suil a' chuirp." "Ciatach," arsa Sine, "gu dearbh 's beag a bha dhuil agam-sa gu faighinn sibh-se cho soilleir, agus sibh a' tighinn as a' bhad as an d' thainig sibh." "O seadh, a Shine," arsa mi-fhein, a' our mo theangaidh anns a' chomhradh, "tha thusa mar a bha Natanael roimhe, 'n uair a thuirt e," am faod ni maith air bith teachd a mach a Nasaret," ach tha mi-fhein a' smaoineachadh gu'n d' fhuair thu suileagan no dha bho'n thainig Mac Neill còir 'n ar measg." Chan'eil neach againn fada bho na rioghachd," arsa Mac Neill, "agus mar is motha leanas sinn fior spiorad Litrichean a Bearnaraidh. 157 Chriosda, an creideamh, an caomhalachd, agus am measarrachd, 's ann is diriche ni sinn air neamh, agus is motha bheir sinn leinn 'n ar cois le taladh ar deagh eisempleir." Direach anns na briathran a bha againn co nochdadh a stigh ach bean Chaluim Ruaidh agus i air a slighe dhachaidh an deidh dhith bhi an Oifig a' Phuist le baslach litrichean. Bha mi-fhein agus Sine cho toilichte gu robh comas aice air eolas a chur air a' Bharrach agus thoisich iad air comhradh. "An nise," arsa mise ri Mac Neill, "'s e boirionnach ciatach a tha againn an so agus tha mor speis aice do'n Ghaidhlig agus do a ceol, agus ged a tha sinn direach air sgur de bhruidh-eann air gnothuichean spioradail, tha mi 'n dochas gu'n gabh sibh "A' Bhirlinn Bharrach" do mo bhana-charaid, ged tha mi creidsinn gu bheil e aice, 's an doigh ur, ann an leabhar Nic Cuaraig Friseal." Cha robh maille air Mac Neil còir ach direach fhad 's a bha e glanadh a sgornain agus's e fhein a thug am fonn còir air a' "bhirlinn." Bha Sine cluich a' bhocsa agus a bheil fhios agaibh gu robh an ceol a bha iad a' deanamh uamhasach gasda, agus rinn bean Chaluim moladh mor air ceol a' Bharr aich. "Sin direach a nise an t-seann doigh air orain a sheinn," ars' ise; "ged a chluinneas sibh orain air an seinn an diugh agus sin le daoine anns am bheil ceol cuideachd, chan'eil fior bhlas na Gaidhlig orra idir, direach a chionn 's nach cual' iad riamh neach de 'ur leithid-se 'e 158 Litrichean a Bearnaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 159 BODACH BHARRA1DH—XIV. Fhir mo Chridhe, Thainig an nis an t-am anns am feumadh Mac Neill còir Bearnaraidh fhagail, agus gu dearbh ged nach robh e comhla ruinn ach coig latha feumaidh mi-fhein agus Sine aideachadh gur fhada an uine bho nach do chuir sinn eolas air Gaidheal cho còir agus air duine anns a bheil inntinn shuspainneach thabhachdach. Bha fhios agam bho'n a bha mi 'g an coinneachadh aig an iasgach gur h-e bodaioh fhior ghasda bha 'm Barraidh, ach gu cinnteach cha chreid mi nach tug Mac Neill barr air gach aon diubh. Fhuair mi litir bho Pheigi, mo nighean, a Glaschu an uair a bha am bodach còir air aoidheachd oirnn, agus de th' agaibh air, nach robh i 'g radh gu robh moran de m' sheann chairdean an Glaschu fo mhor ionghnadh gu'n toireamaid fasgadh do Chaitlic-each am Bearnaraidh. Gun teagamh thuirt Peigi nach robh leth uibhir de ionghnadh orra de m' thaobh-sa chionn gu robh mi eolach air moran as an eaglais ud aig an iasgach fad iomadh bliadhna, "ach airson mo mhathar dheth," arsa Peigi, "te tha 'dol do'n eaglais a bheil i dol, agus i sin cho fada sios air creideamh a' Phapa, chan'eil fhios aca de their iad—'s ann a tha eagal orra gu'm bi i bho chionn ghoirid ag aomadh a null gu iodhal-aoraidh mar a tha iad fhein." 'N uair a leugh Sine an litir's i trang a' lionadh cliabh-innearach an seinn agus le sin nach'eil fior sheann luinneag an orain aca." "Coma leam dheth na seinneadairean Gallda bhios a' cur car Sasunnach anns an oran Ghaidhlig," arsa Mac Neill. "Chuala mi moran aca 'n a mo latha agus's mor an dolaidh a rinn an seorsa aca do aobhar na Gaidhlig. "Fhearaibh, 's e chuireas am blas gasda air an oran Ghaidhlig Ruairidh Mac Leoid fhein," ars' am Barrach; "'s iomadh uair a bha sinne am Barraidh a' guidhe gu'n toireadh e sgriob a null air a' Chuan-Sgith a dh' amharc oirnn." "Tha sibh ceart, a Mhic Neill," arsa Sine; "cha chreid mi nach ann airson loinn a chur air ceol na Gaidhlig a chaidh Ruairidh còir a chruthachadh, 's tha mise an dochas gu bheil gras aige leis an talannt a fhuair e." "O, bhean," ars' am Bar-rach, "tha sin soilleir gu leor, 's ann tre mheud a' ghrais a fhuair e tha e comasach air oran Gaidhlig a sheinn mar nach do sheinn neach riamh roimhe e. Chan'eil neach againn nach d' fhuair moran ghrasan bho Dhia, ach 'sean cunnart gur h-ann a tha sinn 'g am falach's an talamh mar a rinn an duine eile ris an talannt." Mise, le meas, 160 Litrichean a Bearnaraidh. aig an am, cha d' thuirt i facal ach rinn i lasgan mor gair© 's thog mise 'n cliabh oirre agus dh' fhalbh i gu sunndach 's smuid aice air seinn "Steornabhagh." Ach a dhuine chòir, chan urrainn mise faighinn thairis air aineolas dhaoine eadhon anns a' linn shoilleir a tha so, an uair a tha iad a' smaoineachadh gur h-ann air an guaillinn fhein a tha trom eallach na diadhachd gu leir, agus nach urrainn maith spioradail no aimsireil a bhi air fhaighinn an taobh a muigh de chriochan na buidhinn am measg a bheil iad fhein ag aoradh. Ged nach biodh ann ach sin fhein, gu dearbh 's iomadh ni dh' fhoghlum mi feadh nan coig latha ud le bhi cur mo chomhairle ris a' Bhar-raoh, agus 's ann an uair a ni sinn min-rannsaohadh oirnn fhein a chi sinn cho fior bheag agus a tha 'n ar cridhe de spiorad Chriosda a dh' fhag eisempleir cho simplidh againn, ach an uair a bhios sinne a' tomhas ar maithis ruinn fhein agus ri ar coimhearsnaich chan urrainn sinn ach a bhi fada fada cearr. Bha oidhche ghasda chaidreach againn's an tigh agam am feasgar mu'n d' fhag am Barrach. Chuir sinn fios air Bill agus a bhean, Calum Sheorais agus a bhean, Mairi Mhurchaidh agus Barabal, Tormod Og, agus saor na birlinn, Scottie. Ghabh gach neach ris a' chuireadh agus bha cupa de'n tea againn ann an toiseach na cuise. Chuir mi-fhein failte agus furan air a' chomhlan agus dh' aithris mi mu'n toileaohae a thug ceilidh Litrichean a Bearnaraidh. 161 l goirid Mhic Neill dhuinn uile, agus gu robh sinn an dochas nach di-ohuimhnicheadh e sinn ged a bha e dol air ais do eilean fhein. Dh' eirich an sin Tormod Og air a shocair fhein agus labhair e mar so:—"Alasdair Mhoir agus a Shine, 's ann ruinn a chord an tea thug sibh dhuinn a nochd, agus gu dearbh's mi-fhein a tha fior thoilichte bhi measg a' chomhlain inntinnich so a chruinnich airson soraidh a ghabhail le Mac Neill Bharraidh an deidh a chuairt bhig 'n ar measg. Tha moran 'g a radh mu aonadh nan eaglaisean an diugh, agus de 's fhearr na aonadh fhad 's a tha e air bonn ceart sgriobtuireil, ach tha sinne an so a nochd a' cuideachadh le spiorad an aonaidh sin an uair a tha sinn cruinn as gach buidheann timchioll air an tea agus sith agus toilinntinn a' riaghladh 'n ar measg. Bha latha 'n ar tir anns nach bu toil le aon de'n Eaglais Shaoir a bhi eadhon a' tighinn as a' mhòine comhla ri Moderate, mu'n cuireadh e fuachd spioradail air inntinn, ach nach fhada uaithe sin a tha sinne nochd. Bha mi-fhein ann an comhradh Mhic Neill uair no dha bho'n thainig e do Bhearnaraidh, agus an uair a bha e fosgladh suas dhomh puingean air an robh m' inntinn dorcha, 's e 'n Sgriobtur a thainig a dh' ionnsuidh m' inntinn so. "Thigeamaid a nis agus tagramaid ri cheile," agus 's e mo bheachd na'm biodh am barrachd de 'n spiorad sin 'n ar measg an diugh gu'n luathaicheadh e 'n latha tha air a ghealltuinn anns am bi aon treud ann agus aon bhuachaille." 162 Litrichean a Bearnaraidh. DRIP AN EARRAICH. Fhir Ionmhuinn, Mar a tha mi-fhein agus Sine ag ionndrainn Mhic Neill chòir ged nach robh e comhla ruinn ach an tacan beag ud. Mar a thuirt mi ruibh iomadach uair cheana mu Shine, an taobh a Litrichean a Bearnaraidh. 163 theid i, theid i ann, agus mo lamh-sa gu'n do ghabh i tlachd do'n Bharrach. 'S beag a bha dhuil agam-sa gu'n deanadh i taobh sam bith ris a' chiad latha thug mi steach do m' fhardaich an duine agus e air aineol, ach 's mise bha air mo mhealladh. Gun teagamh feumaidh mi aideachadh gur h-e boirionnach aig a bheil inntinn fharsuinn thomadach a tha an Sine, agus 's e mo bheachd, ged is e mi-fhein a tha 'g a radh, na'n robh i air sgoil agus foghlum an latha 'n diugh fhaotainn, gu'm biodh i 'n a boirionnach soilleir anns an aite so; ach de math a bhi bruidheann air rud a dh' fhaodadh a bhi ann, ach nach urrainn aite ghabhail a nise. Co dhiu no co dheth, 's ann i thug mise 'n urram dhith 'n uair a bhiodh Mac Neill a' cur phuingean sgriobtuireil air a bialamh a reir a bheachd fhein, mar a bha an inntinn aice a' deanamh greim air an t-solus a bha aige-san air a' chuspair, seadh ged nach do smaoinich ise riamh roimhe air a' chiall a bha am Barraeh a' toirt as an earrainn. Gu dearbh 's fhada bho nach robh a leithid de dhuine gasda air cheilidh oirnne an so agus chan e mhain sinne, ach gach neach ris an do thachair e, a chanas sin. Gu ma h-aidhe do'n bhodach chòir agus do Bharabal a tha'n a bana-chompanach aige. Tha sinn an teas an àitich a nise agus chan e sin an sugradh, ach tha dh' aona mhaitheas air a' chuis gu bheil Sine saor agus an t-siataig am bliadhna, agus chan'eil an t-inneireadh a' cur ite Thug am Barraeh taing do'n chuideachd mar so: "A chairdean gradhach, 's ann gle shona bha mise gach mionaid bho na chuir mi mo chas air fearann Bhearnaraidh an toiseach. Thainig mi mar a tha fhios agaibh air tòir birlinn, agus ged nach 'eil mi dol dachaidh leatha mar a bha duil agam, tha a togail anns na deagh lamhan agus 's cinnteach mise nach bi oir oirre an uair a bhios i deiseil. Chuir briathran Thormoid gairdeachas air m' anam, agus cha b' ann an diugh no 'n de a thoisich esan air dioghlum's an achadh spioradail anns a bheil e 'g iomairt. Cha di-chuimhnich mise cairdeas agus bàidh muinntir Bhearnaraidh am feasda agus 's e mo ghuidhe gu'm bi beannachd Dhe 'n ar bascaid agus 'n ar stor, agus sonas agus àdh oirbh gu deò." Mise agaibh, Alasdair Mor. 161 Litrichean a Bearnaraidh. aisde. Tha i fhein sunndach an cois sin agus tha e 'n a shlainte dhomh-sa gun a bhi 'g a cluinntinn a' gearan agus a' guraman mar a bha i mu'n am so an uiridh. Tha mi gle ghann de shiol-cura buntata am bliadhna, agus bha duil agam gu faighinn greim air bolla no dha de'n bhuntata annasach a tha na daoine mora cur dhachaidh a Dun-eideann, ach, a dhuine, ghabhadh e sgoilear a b' fhearr no mise airson nan iomadh riaghailt a tha timchioll air roinn a' bhuntata ud a thuigsinn, agus cha chreid mi gu'm bi mi slachdadaich ris a' chuis. Tha Calum Sheorais ag radh rium gu'n deachaidh na miltean mora a chruinneachadh airson teasairgin air gorta na Gaidhealtachd am bliadhna, ach gu dearbh ma chaidh, 's fior bheag ar cuid-ne dheth. 'S e mo bheachd direach gu feum caraid no dha a bhi aig neach 's a' chuirt anns an latha 'n diugh, ma faigh e deiric sam bith de'n t-seorsa so, agus cha do thachair moran luchd-tagraidh a bhi againne ann agus le sin tha sinn air ar fagail air cul na comaith. Tha e ro thaitneach dhuinn mar Ghaidheil fhaicinn mar a chuir an saoghal uile an aghaidh oirnn le cobhair, an airgiod agus am bathar, am bliadhna an uair a chaidh glaodh na h-eigin agus an acrais a sheirm cho tiamhaidh a mach bho ar criochan, ach saoilidh mi fhein an deidh's gu leir gu'n deachaidh an glaodh a bh' ann eigheach tuilleadh agus cruaidh, agus ged dh' fhaodadh teanntachd a thaobh bidhe agus connaidh a bhi an iomadh far-dach, nach robh cuisean idir cho teann an aitean Litrichean a Bearnaraidh. 165 eile de 'r tir, agus le sin gu robh sgial tuaileis air a thoirt air staid ar duthcha. 'S ann le carthannas agus bàidh ri ar luchd-muinntir, tha sinn a creidsinn, a thogadh caithreim na gorta 'n ar tir, agus do thaobh sin, bu chòir dhuinn buidheachas aon-sgialach a thoirt do'n mhuinntir a chaidh gu dragh agus cosguis ann a bhi tional airgid, agus tha ar beannachd aig gach neach, thall agus a bhos, a dh' fhosgail iallan an sporain troimh dheagh dhurachd dhuinne anns na h-Innse-Gall. Nach'eil Calum Sheorais ag radh rium gu bheil Mod Gaidhlig gu bhi air a chumail an Steornabhagh am bliadhna. Gu dearbh tha mi-fhein agus Sine ro-thoileach airson sin a chluinntinn, agus ma ni am fortan dhuinn idir e bithidh sinn ann aig an am. 'S fhada bho bha lionn-dubh orm fhein ann a bhi smaoineachadh cho beag agus a tha de Ghaidhlig am measg oigridh Steornabhaigh agus pailteas Gaidhlig aig a' mhor-chuid de na parantan. Tha ni-eigin cearr air na Gaidheil an diugh an uair nach'eil iad a' deanamh saoithreach sam bith airson na dileab a fhuair iad-fhein a nasgaidh, an canain, aiseag do'n gineal, ach's e ceist mhor a tha 's a' chuis, agus bithidh mi labhairt oirre anns an ath litir, ma leigeas drip an earraich dhomh. Mise, le meas mor, Alasdair Mor. 166 Litrichean a Bearnaraidh. MOD STEORNABHAIGH—I. Fhir mo Chridhe, Mar a thuirt mi ruibh anns an litir mu dheireadh, chan'eil cuimse air cho toilichte agus a bha mi-fhein agus Sine an uair a chunnaic sinn anns a' phaipear ghasda agaibh fhein gu robh Mod Gaidhlig airson na cloinne gu bhi air a chumail an Steornabhagh troimh an fhoghar so tighinn, agus direach an diugh fhein nach fhaca mi anns a' ''Ghazette" a thug am posta nuas gu bheil miar de'n Chomunn Ghaidhealach air a chur air chois ann an ceanna-bhaile ar n-eilean. Tha mi creidsinn gu'n cuir gach neach leis am bu mhath buaidh agus piseach a bhi air cor na Gaidhlig amen ris a' ghluasad riatanach a tha so, agus gu dearbh 's e mo ghuidhe fhein gu'm bi buaidh agus piseach an cois saoithreach na muinntir a chuir an comunn so air chois. Faodaidh e bhi gu'n can moran gur h-e beairt gun fheum a tha anu gu'm biodh Mod Gaidhlig an Steornabhagh, an Leodhas, eilean a tha cho lan de'n Ghaidhlig agus a tha an t-ubh de'n bhiadh, agus nach d' thuirt Murchadh a' Cheisteir 's an oran gu'm biodh a' Ghaidhlig ann gus an traigheadh an Cuan-Siar, ni nach tachair ann ar latha-ne co dhiu. Ged a tha pailteas Gaidhlig an Leodhas, agus ged a tha sinn a' creidsinn gu'm bi iomadh linn fhathast mu'm fas a guthfann 's an eilean, cha chum sin 'n a aonar a beatha sultmhor feumail. Feadh an leth- Litrichean a Bearnaraidh. 167 chiad bliadhna chaidh thairis, 's ann a bha dimeas agus taire air a dheanamh air canain ar tire. Cha robh guth oirre anns an sgoil a chionn gu robh tighearnan mora an fhoghluim an Lunnainn de'n bheachd gur h-ann a bha i 'n a cnapstarra agus 'n a culaidh eis do chloinn na Gaidhealtachd ann a bhi 'g ionnsachadh na Beurla Shasunnaich, agus le sin mar bu luaithe rachadh glas-ghuib oirre gu brath gur h-ann a b' fhearr a bhiodh foghlum clann nan Gaidheal 'n an suile^n-san. Bu chionta mhor e do'n chloinn a bhi labhairt na Gaidhlig am fochar an tigh-sgoile, agus is tric a dhioghail cuid aca le bhi deanamh di-chuimhne air an lagh ana-ceart sin. Air an aobhar sin an uair a bha a' chlann a' fas suas agus a' fagail a' chlachain's an d' fhuair iad an arach, cha robh feum air an talamh air a dheanamh de'n Ghaidhlig. Dh' ionnsaich iad bloighean de chaochladh chuspairean '8 an sgoil gun teagamh, agus bha moran aca gle acfhuinneaob ann a bhi togail an eolais fhuadain sin, ach an deidh 's gu leir cha robh e ach mar gu'm biodh tu dortadh làdach uisge air druim na tunnaig, direach a chionn agus nach robh an t-eolas sin air a dhaingneachadh 'n an inntinn anns a' Ghaidhlig, an canain air an robh iad eolach. Taing do 'n t-sealbh air son sin, tha car eile an adharc an daimh a nise. Tha foghlum na Gaidhlig ann ar sgoilean Gaidhealach, agus thall agus a bhos tha oidean-foghluim a tha dileas air a taobh agus dealasach fileanta ann a teagasg, agus 168 Litrichean a Bearnaraidh. ma bhios foighidinn againn chan fhada gus am faic sinn thall agus a bhos toradh an saoithreach fhein-aicheil. A dh' aindeoin an adhartais sin tha moran obrach ri dheanamh 'n ar measg fhathast, mu'm bi cor ar canain ann an staid sheasmhach 'n ar tir, agus is ann an laimh miaran a' Chomuinn bu choir do 'n obair sin a bhi gu mor a' co-sheasamh. Cha bhi adhartas ceart air a' Ghaidhlig a feasda gus am bi na parantan aig a bheil i ag gabhail beachd cubhaidh air a' chuis. Mar a thuirt mi cheana, bha iad anns an t-seann aimsir air an teagasg gu bhi sealltuinn sios air an canain mar ni nach b' fhiu, anns nach robh feum air an talamh ach airson suirghe agus conaltradh na ceilidh, agus nach'eil moran de'n spiorad sin eadhon an Steornabhagh fhein. Carson nach'eil parantan Leodhais gu leir a' teagasg an canain fhein do'n chloinn? Carson a gheibh sinn ciadan de oigridh Steornabhaigh an diugh, le cainnt nach Beurla gun teagamh ach cuthaigeadh de fhaclan Sasunnach air an togail air steidh na Gaidhlig gun a dhol riamh troimh shiolachan na fior Bheurla Shasunnaich? 'S e an t-aobhar, thoir leam, nach fhaca na parantan sin riamh an luach eideachail a tha 'n an canain fhein, a chionn agus nach deachaidh oidhirp riamh a dheanamh air suilean an inntinn fhosgladh gu na buadhan mora a tha fuaighte suas 'n an canain fhein fhaicinn. So a' chiad ni a dh' fheumas miar a' Chomuinn Ghaidhealaioh a Litrichean a Bearnaraidh. 169 ghabhail os laimh an Steornabhagh, spiorad uaill agus muirn a thaobh na Gaidhlig a ghintinn anns na parantan air chor agus gu'n tuig iad gur mor an dolaidh a tha iad a' deanamh air an cloinn an uair a tha iad a' glasadh orra 'n an oige iuchair an eolais iongantaich agus bhuannachdail a tha litreachas agus ceol na Gaidhlig a' foillseachadh dhoibh-san a tha comasach air dioghlum 'e an achadh sin. An uair a ni na parantan an dleasdanas fhein anns a' chuis so, ginidh sin bàidh agus speis a thaobh na Gaidhlig 'n an gineal, agus ni iad-san cuideachd an dichioll ann a bhi cumail suas bratach na Gaidhlig. Tha moran de fhior Ghaidheil aig a bheil deagh dhurachd do 'n canain a tha fuireach air falbh bho bhi cuideachadh le miaran a' Chomuinn a chionn 's gu bheil iad de' n bheachd gur h-e coinneamhan airson ceol agus dannsa agus aighear a tha annta, agus mar a tha fhios agaibh fhein, tha moran fhathast 'n ar tir a tha an aghaidh dannsa agus cridhealas de 'n t-seorsa sin, agus's e duine gun cheill a dh' fhiachadh ri 'n iompachadh as a' bheachd sin, ach creidibh mise, chan'eil cuid no gnothuch air an talamh aig a' Chomunn Ghaidhealach ri dannsa. 'S ann a chuireadh an Comunn air chois airson adhartas a thoirt air litreachas, eachdraidh, agus ceol na Gaidhlig le bhi cumail choinneamhan aig am bi oraidean agus deasboir-eachd agus conaltradh mu chuisean a bhuineas do na Gaidheil agus an tir, agus cha d' fhiach miar 170 Litrichean a Bearnaraidh. MOD STEORNABHAIGH—II Fhir mo Chridhe, 'S e chiad phuing a dhaingnich mi a thaobh miaran a' Chomuinn Ghàidhealach, nach còir na coinneamhan aca a bhi air an toirt suas gu leir le ceol agus dannsa agus aighear, agus chan'eil teagamh nach cum Comunn Steornabhaigh sin a ghnath air chuimhne. Cha chuir seinn oran Ghaidhlig no ball-dannsa moran pisich a feasda air litreachas agus foghlum na Gaidhlig, agus mar ia luaithe ghabhas luchd driachd gach comuinn sin gu cridhe's ann is motha gheibh iad de speis agus Litrichean a Bearnaraidh. 171 de thaice nan Gaidheal. A ris, chan'eil gnothuch aig a' Chomunn Ghaidhealach ri eaglais no creud agus cha bu mhath gu'm biodh. Le bhi 'g radh sin tha mi ciallachadh nach'eil an Comunn 'g a ainmeachadh fhein air eaglais shaor no dhaor, caitliceach no cleireach. Tha cairdean na Gaidhlig am measg gach eaglais 'n ar tir, agus's docha cuid dhiubh nach'eil a' toirt moran creideis do eaglais sam bith, ach cha teid fhoighneachd a chaoidh do neach sam bith a tha airson a bhi 'n a bhall de 'n Chomunn Ghaidhealach, de 'n eaglais anns am bheil e deanamh aoraidh do a Dhia. Bho linn Oisein bha an truaighe mhor oirnne riamh mar Ghaidheil a bhi toirt bheachdan eaglaiseil a stigh 'n ar gnothuichean laghail agus ann ar comuinn shiobhalta, agus 's iomadh aobhar ionmholta a chaidh bun-os-cionn 'n ar measg le bhi deanamh argumaid timchioll air còraichean eaglais, a bha riamh 'n am meadhan buairidh. 'S iomadh linn fhathast mu 'm faic sinne an aon treud agus an aon bhuachaille 'n ar tir, agus le sin's e ar gliocas gun ghnuis a thoirt do threud seach a cheile ann an gnothuch na Gaidhlig a chionn gu'm buin a' chuis a tha sin do gach duine fa leth ge b'e a bheachd air seasamh nan eaglaisean. Gun teagamh rinn an Comunn Gaidhealach beairt ghlic an latha shocraich iad nach biodh cuid no gnothuch aige ri eaglaisean. Cha mhotha tha beachd Parlamaideach (politics) aig miaran a' Chomuinn Ghaidhealaich, agus sam bith de' n Chomunn ho-ro ghealladh mur h-eil anns na coinneamhan aige ach ball-dannsa— chan'eil e dileas air chor sam bith do 'n aobhar airson an do chuireadh e air iomairt. Tha mi creidsinn gu robh cus dannsa aig moran de Mhia-ran a' Chomuinn an iomadh aite agus 's e sin a chuir giorra shaoghail air cuid aca, ach mar is fhearr a chumas gach miar ris na riaghailtean bho 'n do thogadh e, 's ann is dilse bhios an obair airson na Gaidhlig, agus ri tide bheir e buaidh. Mise, le meas, Alasdair Mor. 172 Litrichean a Bearnaraidh. aontaichidh sibh leam gu bheil sin na ni ro riatanach cuideachd. 'S iomadh atharrachadh beachd a thaobh iomairt Ard-uachdranachd ar tire tha measg muinntir Steornabhaigh fhein, agus gu dearbh cha b' urrainn mi radh aig a' cheart am co 's lionmhoire aireamh nam beachdan sin no stiobul-lan nan eaglaisean an Steornabhagh, ach's coma. Chan'eil ann a' modh riaghlaidh Iompaireachd mhoir mar a th' againne ach cuis a tha 'n comh-nuidh 'n a meadhon air teas-argumaid agus mi-chordadh, agus tha e rud-eigin coltach ris na h-eaglaisean fhein, 'n a aobhar connsachaidh anns nach' eil moran feuma. Ach de'n deifir, chan'eil a' leithid a rud agus Adhartaich (Liberals) no Athaisich (Conservatives) no Communaich (Socialists) am measg buill a' Chomuinn Ghaid-healaich idir. 'S e bu chòir a bhi annta uile fior Ghaidheil^ a' giulan an aoin suaicheantais, ' 'ar tir agus ar teanga," agus nach maiseach sin—a bhi cruinn a dh' aon inntinn ann an aon aite gu cor na Gaidhlig a bhrosnachadh, agus gach aimhreit mu eaglaisean agus mu ard-riaghladh air chul na comhla car tamuill. Ciod iad, ma tha, na h-aobharan airson a bheil miaran de'n Chomunn Ghaidhealach air an cur air chois thall agus a bhos 'n ar duthaich ? So iad am beagan bhriathran agus cha chreid mi gu bheil aon duine 's a' Ghaidhealtachd is urrainn a radh gu h-olo umpa: — (1) Teagasg agus labhairt na Gaidhlig a Litrichean a Bearnaraidh. 173 Alasdair Mor. chraobh-sgaoileadh 'n ar duthaich. (2) Miann a chur an cridhe nan Gaidheal gu litreachas, eachdraidh, ceol agus ealaidhean an duthcha ionnsachadh. (3) Seann oibre nan Gaidheal, mar a tha sniamh, cardadh, fidhe agus dath na cloimhe le luibhean, urachadh agus ath-bheothachadh air dhoigh agus gu'm bi gach saothair a tha sin buannachdail dhoibh. (4) Uaill anns an fheileadh phreasach agus an t-osan gearr arach am measg ar luchd-duthcha. 'S e aobharan mor agus tomadach a tha aig a' Chomunn Ghaidhealach anns an amharc, agus na'm biodh cuisean mar bu chòir dhoibh a bhi, bhiodh a' chuid mhor de na Gaidheil 'n am buill dheth. Chan'eil a' chìs bhliadhnail ach crun agus tha gach sgillinn dheth sin a' deanamh beagan cuideachaidh leis na h-aobharan a dh' ainmich mi, ach ged a tha an Comunn tri bliadhna diag thar fhichead a dh' aois, chan'eil àirn ach ochd ciad diag thar fhichead de bhuill, agus canaidh sibh nach math an teisteanas sin air treibhdhireas agus muirn nan Gaidheal do'n canain agus do'n duthaich. Mise, 'ur caraid, 174 Litrichean a Bearnaraidh. MOD STEORNABHAIGH—HI. A Charaid Choir, Thuirt mi an toiseach mo chunntais air iomairt a' Chomuinn Ghaidhealach gur h-e a' chiad ni bu chòir a bhi aig gach ball de'n Chomunn anns an amharc, a bhi fiachainn ri spiorad muirn agus tlachd a thaobh na Gaidhlig a ghintinn anns na Gaidheil. Chan'eil mi smaoineachadh gu bheil moran feuma ann a bhi slachdadaich ris na seann daoine. 'S fhada bho rinn moran aca-san suas an inntinn nach robh ann ach diomhanas agus mealladh a bhi gabhail tlachd ann am bardachd agus ceol ar teanga. Na broin bhochda, 's mise nach'eil a' cur coire air an talamh orra. De th' ann ach rud a chaidh a theagasg dhoibh anns na cubaidean Gaidhealach bho chionn leth-chiad bliadhna na corr, agus cha robh barrachd muinighin riamh aig Caitliceach ann am Pàp na Roimhe na bha aca-san anns na daoine theagaisg sin dhoibh—ach nach'eil a bhuil. 'S ann mar sin ri oigridh ar Gaidhealtachd a dh' fheumas ar suil a bhi anns a' chuis so. Cha chuala iad-san na teagasgan groda sin riamh, agus taing do'n fhreas-dal nach cuala, agus do bhrigh sin, ma theid an stiuireadh gu ceart am feadh agus a tha iad og, agus ma sheallar dhoibh gu bheil luach agus brigh an canain an athraichean, chan'eil eagal sam bith nach eirich iad sin suas le spiorad agus cridhe nam Litrichean a Bearnaraidh. 175 fior Ghaidheal, agus nach dean iad mar sin an uile dhichioll airson greim daingean fhaighinn air litreachas, bardachd, agus ceol an canain. Tha greis bhliadhnachan bho'n fhuaradh a mach a nise nach'eil meadhon idir ann a tha dho eifeachdach airson leas na Gaidhlig, ris na Moid bheaga sgireachdan, agus gu h-araidh Moid na Cloinne, agus gu dearbh 's math a' bheairt a tha Comunn Gaidhealach Steornabhaigh a' deanamh an uair a tha iad a' cur Moid mar so air luim 's an fhoghar so tighinn, agus tha Steornabhagh freagarrach deiseil anns gach doigh airson gu'n cruinn-icheadh clann as gach sgoil an Leodhas, agus as an h-Earadh cuideachd, ann aig an am ud. Tha mi-fhein a' smaoineachadh gu'm bu chòir do gach sgoil 's an eilean cothrom air a' chothrom a ghabhail airson cuid de'n chloinn co dhiu ullachadh airson pairt a ghabhail ann an co-fharpaisean a' Mhoid ud. Gun teagamh bi beagan saoithreach a' bharrachd ri ghabhail riu ach 's fhiaoh an t-aobhar sin, agus cuiridh a' chlann luach air gach oilean mar sin an uair a dh' fhasas iad suas, agus a chi iad cho feumail agus a tha e dhoibh gu bheil eolas litreachail aca araon air Gaidhlig agus Beurla. Agus nach'eil moran de'n ullachadh fheumail aig a' mhor-chuid de'n chloinn mar tha. Tha rogha na Gaidhlig 'n an ceann; tha moran aca comasach air Gaidhlig a leughadh cheana agus beagan diubh comasach air a sgriobhadh, agus creididh mi nach'eil sgoil ann an Leodhas anns nach'eil beagan 176 Litrichean a Bearnaraidh. de orain Ghaidhlig air an teagasg bho am gu am, agus nach e na nithean sin bunait nan co-fharpaisean a bhios aig Mod na Cloinne an Steornabhagh 's an fhoghar so tighinn. Mar is trice tha co-fharpaisean Moid na Cloinne 'n an da earrainn, 's e sin co-fharpaisean litreachail airson na cloinne aig a bheil beagan eolais air litreachadh agus sgriobhadh na Gaidhlig, agus 'n a mo bheachd fhein 's iad is luachmhoire a thaobh leas na Gaidhlig na na co-fharpaisean ciuil. Chan'eil taobh a theid thu, tuath no deas, 's an Roinn-Eorpa agus an duthchannan cein, nach fhaigh thu gu leor a sheinneas oran Gaidhlig, ged a b' ann coltach ri pitheid a bhiodh an oidhirp. Tha leithid de thaladh ann an ceol na Gaidhlig's nach'eil eagal idir orm gu'n teid e gu cul gu brath fhad's a bhios daoine ann aig a bheil cluas-chiuil, ach's e ar cuid-ne ar n-aghaidh a chur air cobhair agus misneach a thoirt dhoibh san a tha comasach air ar canain a sgriobhadh; sin an fheadhainn a chuireas airde agus maise oirre agus a chumas a ceann air uachdar an uair nach bi sgiala oirnn-ne 's an t-saoghal so. Tha iomadh seorsa co-fharpais litreachail a bhithear a' suidheachadh airson Moid na Cloinne, mar a tha sgriobhadh litreach air cuspair Gaidhealach, mar a tha "feasgar ag iasgach no a' creagach"; "buain na monadh"; "an airigh"; "buachailleachd a' chruidh"; "cleasan a bhios clann Leodhais a' cluich"; 'mo chiad chuairt do Steornabhagh,' agus Litrichean a Bearnaraidh. 177 mar sin. Bhiodh e gle fhreagarrach gu'm biodh co-fharpaia litreachail ann mu sheann nosan no seann chleachdaidhean a tha nise dol a cuimhne. Bheireadh sin tlachd do'n chloinn ann a bhi 'g amharc air ais air na seann laithean le bhi ceasnachadh na seann daoine ann an coimh-cheangal ri nithean a tha nise air dol a fasan. Tha ris moran de sheann aitean an Leodhas aig a bheil eachdraidh is d' fhiach do'n oigridh suim a ghabhail dhiubh, agus nach bu ghasda gu'm biodh a' chlann comasach air cunntas an Gaidhlig a thoirt air "Tursachan Challanis," "Tigh nan Cailleachan Dubha" ; "Eaglais Eoropie"; 'Clach an Truiseal'; "Dun Charlobhagh," agus moran de sheann aitean-adhlaic Leodhais aig a bheil eachdraidh cho sean ri linn Oisein. 'S e mo bheachd fhein gu'm biodh e cheart cho buannachdach do chloinn Leodhais a bhi 'g ionnsachadh mu na h-aitean so air a bheil iad fhein eolach, 's a' bhios e bhi stalladh orra's an sgoil eachdraidh thioram mhi-nadurra mu aiteachan an tirean cein air nach buail suil a' mhor-chuid aca feasda. Ach sin mar a tha, cha d' fhiach dad mur h-eil gnothuch aige ri Sasuinn, no America, no iomall na talmhainn, seadh direach aite sam bith a theagaisgeas do 'n chloinn an aire thogail bho'n aite dh' àirich iad. A thaobh co-fharpaisean a' chiuil cha ruig mi leas moran a radh. Tha leabhraichen-oran Gaidhlig gu math pailt an diugh agus tha annta uile taghadh nan oran a tha uile gle fhreagarrach airson Moid Chloinne. Ma nithear taghadh sam 178 Litrichean a Bearnaraidh. bith air orain seach a cheile, bhiodh e iomchuidh gu'm biodh clann Leodhais a' gabhail tlachd de orain a rinneadh leis na baird a thogadh nam measg. Chan'eil sgire de'n eilean anns naoh robh bard, no 's docha bana bhard, air an arach uair na uair-eigin, agus tha moran de na h-orain aca an clo am "Bardachd Leodhais," "Bard Bharabhais" agus "Fear-siubhal nan Gleann"—leabhar bardachd ur a chuireadh ri cheile le Murchadh Mac Gille Mhoire an Siadar, agus a bhios ri fhaotainn bho'n chlo ann an seachduin no dha. A chionn agus gur h-e so a' chiad bhliadhna de Mhod na Cloinne an Steornabhagh, bhiodh e iomchuidh gu'm biodh a' chlann a bhios a' fiachainn nan co-fharpaisean seinn, a* faighinn an roghainn fhein de oran airson a sheinn. Bheireadh sin comas do chloinn as gach sgoil de 'n eilean na h-orain sin a sheinn air a bheil iad fhein eolach cheana. Ri tide dh' fhaoidte orain araidh a shuidheachadh airson gach co-fharpais. Cha bu chòir di-chuimhne dheanamh air seann fhonn nan Salm mar a tha iad air an seinn an Leodhas fhathast. Cha bhiodh ni cho eireachdail ri chluinntinn ri coisir de'n chloinn a' seinn "Coleshill," no "Walsal" no "Torwood" no "Steornabhagh" anns an fc-seann doigh, le neach dhiubh fhein a' cur a mach gach streath gu fonnmhor. Tha mi creidsinn nach'eil mir de 'n Ghaidhealtachd an diugh anns a faighear luchd-togail nan Salm a sheinneas cho fonnmhor binn agus a gheibhear an Leodhas, agus bu mhor am beud gu'n rachadh an cleachd- Litrichean a Bearnaraidh. 179 MOD STEORNABHAIGH—IV. Fhir mo Chridhe, 'S ann a bha Sine ag radh rium an diugh gu'm biodh miar a' Chomuinn Ghaidhealach an Steòrnabhagh a' gabhail diombaidh rium airson a bhi cur, mar gu'm b' eadh, an dleasdanas rompa, an litir Bhearnaraidh, ach ged is e sin am beachd aice-se, tha fhios agam nach ann mar sin idir a ghabhas buill a' Chomuinn ud ris na beachdan a bha mi cur mu'n coinneamh. Cha mhisde adh am mugha. Bha bruidheann uair-eigin aig Comhairle a' Mhoid mhoir bhliadhnail gu'm bu chòir co-fharpais de 'n t-seorsa so a bhi aig gach Mod, ach shaoil cuid gu'm biodh e toirt nan eaglaisean air lom. agus nach biodh na Caitlicich a dh' fhaodadh a bhi aig a' Mhod toilichte bhi 'g eisdeachd ris na Sailm air an seinn mar sud, ach 's e mearachd mhor a bha sin. Nach ann air ceol Eaglais na Roimhe a tha na seann fhuinn, mar a tha "Coleshill," "Walsall" agus "Old Hundredth" air an suidheachadh, agus 's math jbha fhios aca-san air a sin. Mise agaibh, Alasdair Mor. 180 Litrichean a Bearnaraidh. sinn idir a bhi bruidheann agus a' sgriobhadh agus a' deasbud mu leas ar canain am measg muinntir Steornabhaigh a chionn gu'n deachaidh a' mhor-chuid aca àrach air a' Ghaidhlig, agus an uair a chuidich sin le tur agus suspainn an inntinn ann an gabhail ri ionnsachadh na Beurla, thug e dhoibh an comas deas-labhairt a tha aca. 'S fhada bho rinneadh dearbhta dhuinn le luchd an fhoghluim nach'eil Gaidheal air an talamh cho dealasach air labhairt na Beurla ri neach a thogadh air a' Ghaidhlig bho thus, agus ciamar mar sin a ghabhas daoine orra radh gu bheil a' Ghaidhlig a' cumail air ais muinntir a tha airson faighinn air adhart anns an t-saoghal. Mullach an aineolais, a charaid, agus na creid facal dheth air do bheatha. Co chreideadh rud a chanadh duine aineolach co dhiu. Tha mi mar sin ro thoilichte thuigsinn gu bheil fiughair aig Comunn Gaidhealach Steornabhaigh ri coinneamhan a bhi aca troimh 'n gheamhradh. So an ni a chuireas surd air luchd na Gaidhlig, agus cuiridh mise geall mu'm bi aon gheamhradh seachad, gu'm bi oraidean Gaidhlig ro dhealasach agus fior bhlasda ri an cluinntinn aig na coinneamhan sin. De an seorsa choinneamhan a bhios, na bu chòir a bhi, aig miaran a' Chomuinn Ghaid-healaioh? Thuirt mi cheana nach dean ball-dannsa no oran thall agus a bhos am measg na cuideachd, moran feuma airson cuis na Gaidhlig, agus leughaidh am fear a ruitheas sin. 'S e a ni Litrichean a Bearnaraidh. 181 feum oraidean a bhi air an leughadh mu chuisean Gaidhealach le daoine tuigseach agus sin uile an Gaidhlig. Chan'eil creideamh sam bith agam fhein anns na h-oraidean ud mu nithean Gaidhealach air an labhairt an canain choimhich. Gun teagamh canaidh feadhainn ma bhios paipearan Beurla air an leughadh aig coinneamhan a' Chomuinn gu'n talaidh sin muinntir aig a bheil tlachd de nithean Gaidhealach ach nach tuig a' Ghaidhlig. Chan'eil mi cho cinnteach, agus air a' chuid is fhearr, chan'eil an sin ach "an t-ainm gun an tairbh," mar a thuirt an sean-fhacal, agus am baile cho lan Gaidhlig ri Steornabhagh, chan'eil aobhar sam bith air a leithid. Tha gu leor 'n ar measg de Ghaidheil leth Ghallda leis an toigh a bhi cur suas an fheilidh agus a' suidhe anns na cathraichean is airde aig coinneamhan Gaidhlig, ach mur a teid iad gu barrachd de chosguis na sin airson greim fhaighinn air a' chanain air an son fhein, cha d' fhiach iad am foighneachd air an rathad mhor, a chionn agus nach do sheall iad iad fhein airidh air a bhi 'g an iasgach air doigh sam bith. Cha toir an saoghal geill dhuinn gu bràth ann ar stri airson na Gaidhlig gus an cum sinn fhein air uachdar i le bhi 'g a labhairt ri càch a cheile's ri ar teaghlaichean agus aig gach coinneamh agus Mod a tha a chum leas ar canain. 'S iomadh neach a chaidh gu Mod bliadhnail a' Chomuinn Ghaidhealaich an duil ri Gaidhlig agus Gaidhlig 'n a h-aonar a chluinntinn bho 'n luchd-labhairt, ach thainig iad dhachaidh Litrichean a Bearnaraidh. le mealladh-duile agus sprochd agus chan ann aig aon duine chuala mi an ealain sin. Chan e cion idir nach'eil gu leor de luchd Gaidhlig deas bhriathrach am measg luchd driachd a' Chomuinn, ach direach gur fearr leotha Bheurla. 'S e mo bheachd nach bi e idir doirbh luchd-oraid Ghaidhlig fhaighinn eadar Steornabhagh agus sgirean eile an eilein. Chan'eil air obair sam bith ach toiseach toiseachaidh a dheanamh 'n a thrath. Tha raon mor againn airson chuspairean labhairt am measg bardachd, litreachas, bial aithris, agus eachdraidh na Gaidhlig, agus chan'eil ni is fhearr a dh' fhosglas suas inntinnean nan Gaidheal na bhi meorachadh air nithean a bhuineas do'n tir agus do'n teanga, agus tha moran de fheum nan coinneamhan ud a' co-sheasamh ann an deasboireachd a bhios a' lean tuinn leughaidh a' phaipeir—'s e sin a tha toirt dealais do dhaoine ann a bhi bruidh-eann na Gaidhlig gu follaiseach. 'S ann 'n uair a dh'eireas neach aig coinneamh mar sin agus a thoisicheas e air labhairt's a' Ghaidhlig a chi e cho duilich 's a bhios e dha gun fhacal Beurla an drasda 's a ris a chur am meadhon a' chanain fhein, leis an droch cleachdadh a rinn Gaidheil an latha 'n diugh dhoibh fhein ann a bhi sealltuinn gu bheil pronnasg luideach de Bheurla Shasuinn aca. Chaidh nighean og as a' Ghaidhealtachd uair a bha sud do Ghlaschu airson leth bhliadhna agus an uair a thainig i dhachaidh aig Feill Ghlaschu, so mar a chuir i failt air a seanamhair bhochd a bha 'g a coinneachadh, ' 'Tha mo cho unanimously glad Litrichean a Bearnaraidh. gu bheil sibh a' cumail cho fresh, grannie." Mai a thuirt an sean-fhacal, "an uair a bhios sinn ri maorach, biodh sinn ri maorach." Mise, le meas, Alasdair Mor. MOD STEORNABHAIGH—V. Mo Charaid Ionmhdinn, Tha mi smaoineachadh gu'n do dhearbh mi anns na litrichean a chaidh air thoiseach air an te so, cho feumail agus a tha e gu'n cuireadh gach duine an Leodhas leis an ionmhuinn a chanain, aghaidh air taice agus misneach a thoirt do mhiar a' Chomuinn Ghaidhealaich an Steornabhagh. An uair a smaoinicheas neach air gach oidhirp dhurachdach airson leas na Gaidhlig a tha air an cleachdadh am measg chloinne na mor-thir aig nach'eil Gaidhlig idir, cuiridh a' chuis sin duine gu mor smaoin. Tha e soirbh gu leor ri tide oran no dha Gaidhlig ionnsachadh do chlann sam bith co dhiu tha Gaidhlig aca gus nach'eil, ach an deidh's gu leir, a bheil moran feuma anns an t-saothair sin. Nach e gle bheag de'n chloinn sin a theid gu dichioll sam bith airson comas fhaotainn air a' Ghaidhlig a labhairt gu fileanta. Tha 184 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 185 moran aca coma gu leor de'n chuis ma dh' ionn-saicheas iad oran no dha coltach ri pitheid, agus gu faigh iad duais bheag no mhor airson sin — sin mullach am foghluim anns a' Ghaidhlig, agus tha e direach mar an t-uisge air druim na tunnaig, gun bhuaidh sam bith air an inntinn no air an speis do eachdraidh ar sinnsir. Ach de'n deifir a tha eatorra sin agus clann Leodhais agus na h-Earadh. Tha anam agus brigh na Gaidhlig air an siubhal bho rugadh iad, agus's i an canain sin anns am bheil an aigneadh agus an inntinn air an cur an ceill do gach neach ris an dean iad comhradh. Chan'eil cumhachd is urrainn a dealachadh riutha, agus bu mhor am beud gu'm biodh a leithid sin de oidhirp air a cleachdadh, agus le sin nach mor agus nach maiseach am fosgladh inntinn a bheir am barrachd foghluim air ceol agus litreachas an canain fhein do chloinn Leodhais agus na h-Earadh, agus gu de cho soirbh agus a tha an obair sin do'n mhaighstir-sgoile an uair a tha anam na canain aca cheana. Nach e dh' fhaodas an toirt air adhart gu luath agus toil-inntinn agus sasuchadh fhaighinn bho'n obair agus fios aige nach'eil feum air cleas na pitheid a ghabhail dhoibh. Chan'eil teagamh sam bith, na'm biodh trian de'n t-saothair a ghabhadh ri cloinn na mor-thir ann an ionnsachadh na Gaidhlig, air a ghabhail ri clann nan Innse-Gall, gu'm biodh cor ar canain 'n ar tir moran na bu ghealltanaiche na tha i an diugh, ach chan'eil e ro anmoch fhathast toiseach toiseachaidh a dheanamh, agus tha mi- fhein an dochas nach bi duine eadar da cheann Eilean an Fhraoich aig a bheil gnothuch sam bith ri foghlum na cloinne nach dean ni's urrainn dha airson Mod mor soirbheachail a bhi an Steornabhagh 's an fhoghar. " 'S e farmad a ni treabhadh," mar a tha an sean fhacal ag radh, agus le sin 's docha gu'm bi Moid Chloinne eile thall's a bhos mar thoradh air an toiseachadh mhath a rinn Steornabhagh's an aobhar ud—fear an Loch-nam-madadh airson Uibhist a Tuath, fear an Loch Baoghasdail airson Uibhist a Deas, agus Mod mor am Bagh a' chaisteil airson Bharraidh, agus mo bhana-charaid shuairce, Anna Nic Iain, air a cheann. Chan'eil aobhar sam bith air nach biodh cuisean mar sin, agus's math co dhiu gu'n deachaidh aon fhein diubh a chur air chois. Gach soirbheachadh dha. Bha mi-fhein agus Sine a' leughadh le tlachd mor an oraid a thug an t-Urr. Coinneach Camshron, a Steornabhagh, aig fosgladh Ard-Sheanaidh na h-Eaglaise Saoire, an Dun-eideann. Bha e tighinn air agartasan an latha's a bheil sinn beo, mar a tha'n saoghal mar gu'm b' eadh air clach an turramain, gun fhios aig an latha 'n diugh gu de bheir am maireach mu'n cuairt. Ach ged a chuir e an dealbh aognaidh sin air thoiseach, bha gathan soluis agus misnich 'n a oraid ann a bhi togail aire a luchd eisdeachd ri Slanuighear an t-saoghail a tha faicinn gach beud an aoraibh chlann nan daoine, agus a bheir a reir a ruintean 186 Litrichean a Bearnaraidh. siorraidh, h-uile ni gach crich mar's aill leis. Ma bhios tide agam bi mi 'g radh beagan mu timchioll na h-Ard-Sheanaidhean air an ath sheachduin. Mise, le muirn, Alasdair Mor. CALUM CILLE-1. A Charaid Choire, Chan'eil ro fhada bho fhuair mi litir ghasda bho Mhac Neill, mo charaid, a Bagh a' Chaisteil. Tha e gu trang ag iasgach an drasda, agus bha mise cho toilichte gu robh a' chuis sin a' dol leis cho math. Tha Scottie an ire mhath leis an eathair aige, ach bha drip an earraich agus buain na monadh 'g a chumail car air ais, ach tha fhios againn uile nach bi esan fada rithe ma chuireas e a shaothair uile an cleachdadh ris a' ghniomh. Tha lan dhuil agam fhein agus Sine agus bean Bhill a dhol timchioll gu Barraidh anns an eathair an uair a theid Mao Neill dhachaidh leatha, agus creideadh sibh-se mise gu bheil fadachd mhor orm fhein gus an seol sinn leatha a mach a port Scottie an Circebost. Cha bhi dearmad air nach toir mi dhuibh ri tide mion-chunntas air gach ceum de'n chuairt ma bhios sinn uile beo airson an t-am sin Litrichean a Bearnaraidh. 187 fhaicinn. Chuir Mac Neill thugam leabhar gasda air eachdraidh Chaluim Chille, agus 's fhada an t-saoghail nach do leugh mise cunntas cho taitneach. 'S e bhochdainn mhor dhomh fhein agus do Shine gur h-ann am Beurla Shasuinn a tha gach facal dheth air a sgriobhadh, agus le sin bidh sinn a' call beagan de bhrigh an leughaidh an sud agus an so, ach fhuair mi faclair Beurla bho bhean Chaluim Ruaidh, agus tha e 'n a chuideachadh mor dhomh, agus chan a mhain sin ach tha mi foghlum moran Beurla, agus Gaidhlig cuideachd, aig an aon am. Smaoinich mi direach an diugh fhein nach bu dhona bheairt e dhomh gu 'n toirinn dhuibh gearr chunntas air beatha an naoimh ud anns an litir so car seachduin no dha. Chan'eil naidheachdan a' dol co dhiu a chionn 's gu'n do sguir an ceilidh gus an tig beagan sinidh anns an oidhche. Rugadh Columba, no Calum Chille, mar ia fhearr a thuigeas na Gaidheil, ann an Gartan, an an Dun a' Ghoill an Eireann, anns a' bhliadhna 521 a.d. B' e Pedhlimidh, aon de mhaithean Siol Dhomhnuill, a b' athair dha, agus bha e 'n a ogha do Chonnell Gulban, air a bheil Tir-chonnail an Eireann air a h-ainmeachadh. 'S e Ethne an t-ainm a bha air a mhathair, agus bha cairdeas fada as aice tì Cathair Mor, righ Laighean, an Eireann. Le sin bha fuil righrean air an da thaobh an cuislean Chaluim Chille, agus chi sinn an deidh laimhe mar a rinn an dàimh sin 188 Litrichean a Bearnaraidh. cumadh sonraichte thoirt air eachdraidh a bheatha. Dh' fhaodadh e an lanachd na h-aimsir a bhi 'n a righ air Eireann, ach coltach ri Maoia roimhe chunnt e gach onair rioghail 'n a chall airson soisgeul Chriosda chraobh-sgaoileadh am measg Ghaidheal na h-Albann. Bha Gartan, aite a bhreith, 'n a chlachan beag grinn air slinn chnocan arda, agus tri lochan boidheach aig am bonn, far an robh's an t-seann aimsir iomadh saobhaidh aig a' mhadadh alluidh. Bhaist Cruithneachan, sagart na sgire e, aig Tulach Dubhghlaise, agus thugadh Columb mar ainm air, facal a thainig a nuas do 'r n-ionnsuidh troimh 'n Laidinn mar Columba, a' ciallachadh calaman. Chuireadh a' facal 'Cille' ris an ainm aige an deidh laimhe. Tha am facal so a' ciallachadh iomadh ni a nuas troimh eachdraidh ar canain. B' e an "cill" an seomar beag cumhann le urlar cloiche, agus clach mar shuidheachan agus mar cheann-adhairt, anns am biodh na manaich naomha ag urnuigh agus a' cumail suas leus an eolais le bhi sgriobhadh leabhraichean anns na laithean dorcha ud an uair nach robh foghlum 'g a chraobh-sgaoileadh mar a tha e 's an latha 's a bheil sinne beo. B' e an t-aite cuideachd anns an robh iad a' cumail air leth bho 'n t-saoghal agus a thàlaidhean, airson comunn diomhair a bhi aca ri 'n Dia gu bhi an sàs ris ann an eadar-ghuidhe airson saoghail coirbte. Thainig "cill" an sin gu bhi ciallachadh eaglais no tigh-aoraidhDhe, aite bha coisrigte airson aoraidh, agus bha an talamh a bha timchioll air a' chill coisrigte Litrichean a Bearnaraidh. 189 cuideachd, agus an sin bha an luchd-aoraidh, an uair a dh' eugadh iad, air an tiodhlacadh, agus le sin tha cill an diugh a' ciallachadh cladh no aite-adhlaic. Thugadh Calum Cille mar sin air an naomh so airson cho mor agus a bha a speis do 'n eaglais. 'S ann an Doire Eithne, clachan beag faisg air Gartan, a thogadh e. Bha an eaglais am meadhon a' chlachain, agus 's ann innte chuir Calum seachad a' chuid bu mhotha de oige. Bha parantan diadhaidh aige, agus le sin thogadh e le lan oilean agus eisempleir naomha anns gach ceum. Bha luach air a chur air an eaglais's an latha sin nach 'eil an diugh no dad coltach ris, agus le sin, ge b'e cho bochd suarach agus a dh' fhaodadh an togail a bhi bho 'n leth a muigh, do Chalum Cille, b' i tigh Dhe an da-rireamh far an robh a lathaireachd ri fhaicinn an comhnuidh. Cha do dh' fhas e ro mhor mar sin an uair a thuig a chairdean gu robh am balach ud, mar Shamuel roimhe, ann an doigh araidh air a chur air leth airson seirbhis Dhe re a bheatha, agus chan 'eil ionghnadh oirnn idir gu'n tug iad Calum Cille mar ainm air. Ri tide mar sin thainig an t-am anns a feumadh Calum og a roghainn a dheanamh gu buileach ann an gairm a bheatha. Chan 'eil e idir soirbh dhuinne tha beo anns an latha 'n diugh a thuigsinn cor Eirinn anns an t-siathamh linn. B'e an t-am ud maduinn eachdraidh na tire. Bha an saoghal og. Cha robh moran ghairmean ann ris an cuireadh oganach de leithid Chaluim a lamh. Bha blar a' chatha agus raon na h-eaglais 'g an 190 Litrichean a Bearnaraidh. tathunn fhein air, agus faodhaidh sinn a thuigsinn ged a bha buaireas agus fuaim a' chlaidheimh gu caithreamach air gach taobh dheth, gu robh togail aig a inntinn ri fhortan fhiachainn am measg gach troimh-cheile bha ann. Tha tarruing anns an t-saoghal 60 do gach gne dhuine, agus tha na naoimh fhein air an cumadh le ord na diachainn air innean an fhulangais a tha 'g an deanamh foirfe fadheoidh, agus le sin anns gach linn's ann troimh iomadh amhghar theid sluagh Dhe gu pàrras. Mar a chunnaic sinn cheana 's ann de shliochd righrean treuna Eirinn a bha Calum Cille, agus bu mhor a' chòir-bhreith sin. Nach fhaodadh e mar sin a bhi air leantuinn an cas-cheuman a shinnsir: nach faodadh duil a bhi aige ri iomadh cath a chosnadh agus a rioghachd a mheudachadh le fearann a naimhdean a chiosnaoh-adh. Dh' fhaodadh gu robh na guthan so uile a' labhairt gu diomhair ri a anam, ach os an cionn uile bha guth na bu laidire na gradh duthcha, na gaol cinnich, na sealbh air rioghachd, a' seirm gu buadhmhor troimh anam. B' e an guth sin guth Chriosda ag radh ris, "Lean mise," agus ghabh Calum Cille ris a' ghairm. Chuir e dhachaidh rioghachd Eirinn agus thug e e fhein suas eadar chorp agus anam do sheirbhis Dhe, agus nach bu mhath do ar sinnsir gu 'n tug. Mise agaibh, Litrichean a Bearnaraidh. 191 CALUM CILLE II Fhir mo Chridhe, Bha Calum Cille mar sin air a chur air leth airson na h-eaglais, agus an deidh dha Cruithneachan an sagart fhagail, chaidh e gu Dun-Phadruig do sgoil shagartachd a chuireadh air chois leis an Naomh Fionnan an 540 a.d., agus an sin rinneadh deacon dheth. An deidh sin bha e ag ionnsachadh aig casan Ghemman, aosdana na Laighean, agus is ann an uair a bha e fo churam an oide-fhoghluim ud a chuir e mor-uidh ann an seann bhardachd agus bial aithris na h-Eireann, agus tha cunntas na seann eachdraidh aige a' foillseachadh nach do dhealaich a mhiann air bardachd a dhuthcha ris fhada's bu bheo e. 'S ann an uair a bha e 's an sgoil so a bha e deanamh mion-chnuasachadh air bardachd na h-Eireann, agus tha na h-uile coltas air gu 'm bu bhard mor e fhein, agus gu robh e 'n a latha air aireamh am measg nan Ollamh. Tha cunntas air gu 'n do chuir e ri cheile co dhiu tri laoidhean Laidinn le roimh-radh an Gaidhlig, agus an Laidionn air thoiseach gach aon diubh. A bharrachd orra sin tha moran de laoidhean an Gaidhlig Eirionnach fo a ainm. Tha an Dr Reeves a' toirt cunntais air ceithir dhiubh: "Comhradh eadar Calum Cille agus Cormao an eilean I"; "Dan Chaluim Chille an uair a thainig Cormac a shealltuinn air as a Alasdair Mor. 192 Litrichean a Bearnaraidh. dhuthaich fhein''; "Oran Chaluim Chille," aig an am 's an d' fhag e Doire airson na h-uair mu dheireadh. Bho'n oide Gemman chaidh Calum Cille gu sgoil nam manach an Cluanard, sgoil a chuireadh air chois leis an Abba Fionnan. Air a' chiad latha thainig Calum do'n sgoil so, dh' fhoighneachd e do'n Abba c' ait an cuireadh e suas a phailliun. "Aig dorus na h-eaglais," arsa Fionnan. Thog Calum a phailliunn beagan shlatan air falbh bho'n eaglais. "Cha d' rinn thu mar dh' iarr mi ort," arsa Fionnan. "Cha d' rinn gun teagamh," arsa Calum Cille, "ach an deidh so sud far am bi an dorus." Mar a thuirt an naomh b' fhior: an uair a dh' fhas an tigh-mhanach ud mor agus a chuireadh iomadh leasachadh ris an togail, sud direach far an robh an dorus. 'S ann an uair a bha Calum Cille an Cluanard a phosadh e ri driachd na sagartachd leis an Easbuig Etchen, agus an deidh sin chaidh e fhein agus triuir de chompanaich gu Glasnibhein faisg air Baile-Cliath, far an do chuir an Naomh Mobhi sgoil-mhanach air chois. Bha an sgoil aig an am ud duinte chionn gu robh plaigh mharbhtach's an aite, agus le sin chaidh Calum Cille agus a chompanaich air ais gu Ullaidh a' guidhe gu 'n tigeadh stad air a' phlaigh. Ann a 545 a.d. chuir Calum Cille suas tigh-mhanach an Doire, no Doire Calgaich, mar a tha ainm an aite ud air fhoillseachadh ann an seann sgriobhaidhean. Thug a dhilsean còir dha air an daingneach air an do thogadh a' mhanistear, agus an sin thog Calum a Litrichean a Bearnaraidh. 195 chiad eaglais, mu astar latha bho bheanntan oige, agus sealladh boidheach bho a dorus air a' mhuir* ud air an robh e an dan dha an deidh laimhe seoladh airson soisgeil na reite sheirm an eilean I. Fad linntinn b' e Doire Chaluim Chille an t-ainm a thugadh air an aite ud mar chuimhneachan air an naomh ud. Chaidh am baile chiosnachadh le Sasuinn's a' bhliadhna 1689, agus bho 'n uair sin tha 'n t-ainm Sasunnach, Londonderry, air, agus, tha mi creidsinn gur h-e sin an t-ainm air an eolaiche moran againn. Am feadh a bha an Naomh Calum an Doire, bha e togarrach air cuairt a thoirt do 'n Roimh agus do Ierusalem, agus tha cunntas an Gaidhlig Eirionnach ag radh gu 'n deachaidh e gu Tor-innis (Tours) an Naomh Martuinn 's an Fhraing, agus gu'n tug e leis as a sin leth-bhreao de na Sgriobtuireaan Naomha bha 'n a laighe airson ciad bliadhna air broilleach na ciste bh' air an Naomh ud, agus gu'n d' fhag e an leabhar sin an Doire. Eadar 547 agus 562 a.d. bhonntaich Calum Cille corr agus ciad eaglais agus sgoil-mhanach. B'e eaglais Doire Magh an aon a b' ainmeile chuir e air chois, agus tha seann eachdraidh a' cur an ceill gur h-e a sgriobh "leabhar Doire Magh" an uair a bha e 'n a mhanach's an eaglais. Anns an leabhar so tha na soisgeulan air an sgriobhadh an Laidionn, agus chithear an leabhar an diugh ann an Colaiste na Trianaid am Baile-Cliath. 'S e Calum Cille a chuir air chois mainistear nan Ceallan am Midhe cuideachd, agus 's ann air n 194 Litrichean a Bearnaraidh. an togail sin a tha an leabhar lamh-sgriobhte (M.S.S.) ro ainmeil ris an canar "Leabhar nan Ceallan" air ainmeachadh. 'S e obair sgriobhaidh iongantach a tha air an leabhar so bho thoiseach gu dheireadh. Tha dealbhadh iongantach air na litrichean, cuid dhiubh a tha cho beag agus gu feumar gloinne chumhachdach a chur riutha mu 'n deanar a mach iad. Tha e sealltuinn dhuinn na saothrach iongantaich a bha na manaich ud a' gabhail ri ni sam bith ris an cuireadh iad an lamh, agus mar a bha iad cho deidheil air gu'm biodh obair fhein-aicheil air fhagail as an deidh mar chuimhneachan orra. Ach an deidh 's gu leir cha b' ann am measg a shluaigh fhein a bha e an dan do Chalum Cille mor shaothair a bheatha fhoillseachadh, ach am measg dhaoine coirbte a bha 'n an suidhe fo bhraigh-deanas nan draoidhean a chuartaich iad le saobh-chreideamh air gach taobh. B' e an sluagh so Cruithnich Albann aig an robh an comhnuidh tuath air na Garbh-chrioohan, 's a' phairt de Albann ris an canar gu coitchionn a' Ghaidhealtachd an diugh. Chan'eil e idir soirbh an diugh cinnt fhaighinn air an fhior aobhar airson an d' fhag an Naomh Calum Eireann, a dhuthaich fhein ris an robh e riamh cho ceangailte le bannan graidh air gach taobh, agus shaoileadh neach 's docha's an dol seachad gu'm b' fhearr leis fuireach am measg nan eolach agus na h-eaglaisean a chuir e suas a neartachadh bho am gu am le a lathair- Litrichean a Bearnaraidh. 195 CALUM CILLE-1II. A Charaid, Tha seann aithrisean a' toirt dhuinn beagan cunntais air na h-aobharan a thug air an Naomh Calum Cille Eireann fhagail agus aghaidh a chur air Albainn. Tha e coltach gu robh easaon-aohd eadar e fhein agus Diarmad mu dhluth charaid do 'n Naomh Calum do'm ainm am Prionnsa Curnan. Dh'iarr am prionnsa so fasgadh air Diarmad agus e ruith bho'n lttchd-toraohd an deidh dha companach araidh a mharbhadh le aimlisg aig gleachd-chluioh a bha an Teamhair, agus an aite cobhair agus tearnadh fhaighinn bho'n righ ud's ann a chaidh a mharbhadh. Tha eachd agus a chomhairle thoirt dhoibh. Aoh nach cinnteach nach briagnaichear an sean fhacal a tha 'g radh, nach'eil urram aig faidh 'n a thir fhein, ach ged bu naomh Calum Cille, 's cinnteach gu robh e air uairibh a' faireachadh nach b* urrainn dha moran de oibribh mora dheanamh anns na cearnaidhean sin de a dhuthaich do bhrigh ascreid-eamh an t-sluaigh. Mise le muirn, Alasdair Mor. 196 Litrichean a Beamaraidh. cuid againn na's eolaiche air an aobhar eile. Uair a bha sud bha an Naomh Calum air chuairt am mainistir Chluanard far an d' fhuair e sealladh air leabhar lamh-sgriobhte ro bhoidheach anns an robh Sailm Dhaibhidh. Bha an leabhar ro luachmhor ud air a thasgadh suas gu gleidhteach's an eaglais leis an Abba Fionnan. Thoisich an Naomh Calum ri leth-bhreac de'n leabhar Shalm a sgriobhadh gun fhios, agus leis cho deidheil agus a bha e air a' chuis a chriochnachadh bhiodh e 'g eirigh am marbh a' mheadhon-oidhche, agus a' caitheamh uairean a thim 's an eaglais a' sgriobhadh an leabhair. Fhuair an t-Abba fios air a' ni air dhoigh air chor-eigin, agus dh' iarr e air an Naomh Calum an leth-bhreac a rinn e aiseag dha air ais ach sin cha deanadh Calum Cille. An uair nach do chord iad mu'n chuis, thugadh an ni air bialamh an righ airson an ceartas a sgoltadh. So a' bhreith a thug Diarmad a mach, "Mar is le bo a laogh is leis an leabhar a leabhran," agus chaill an Naomh Calum na claran luachmhor ris an do ghabh e a leithid de shaothair "Is breith ana-ceart so, a Dhiarmid, ach togaidh mise an torachd," arsa Calum. Tha iad deanamh a mach gu'm b' e sud an leabhar Shalm ris an canadh iad an "Cathach," leabhar a bha ro luachmhor aig Clann Domh-nuill corr agus mile bliadhna'. Bhiodh iad 'g a ghiulan air thoiseach gach catha mar shuaich- Litrichean a Beamaraidh. 197 eantas air buaidh fhaotainn air an naimhdean; Tha an "Cathach" a nise ri fhaicinn ann an leabhar-lann Colaiste na Trianaid am Baile-Cliath. Tha sgiala'g innse gu'n do chuir righ Diarmad an Naomh Calum am priosan, ach gu'n do theich e a braighdeanas agus gu'n do chuir e aghaidh air a chuideachd fhein an Tir-Connail an Ulaidh. Ghabh a chairdean ris an sin gu cairdeil, agus an deidh dha a chàsan gu leir innse dhoibh. dh' eirich iad uile gu cath air a thaobh. Chuireadh blar fuileachdach aig Cul-drumain faisg air Sligidh, agus chaidh an ruaig a chur air Diarmad agus air fheachd gu leir. Ghairm Diarmad cuirt airm an sin agus chaidh binn fògraidh a thoirt a mach leis an aghaidh an Naoimh Caluim, ach tha e coltach gu'n d' thugadh a' bhinn sin air ais a ris. Chaidh Calum Cille far an robh an Naomh Lasran gu eisdeachd, agus b'e an fhaoisead a chuir e air gu feumadh e Eireann fhagail air ball, agus uibhir de- anaman iompachadh gu Criosd agus a bha e'n a mheadhon air a mharbhadh aig blàr Chul-drumain, agus gun a chul no aghaidh thoirt air duthaich a bhreith gu bràth. Sin, ma tha, mar a thuirt an seann sgiala, agus co aig a bheil fhios nach e an fhirinn a tha ann, ach co dhiu tha aon ni firinneach mu'n chuis—bha lamh dhiomhair Dhe timchioli air an iomairt uile, agus bhuineadh e dhuinne an diugh a tha beo an linn adhmhor shoillseach an t-soisgeil, ar beannachd mor a thoirt air cuimhne an Naoimh so a dh' fhuiling diaohain- 198 Litrichean a Beamaraidh. nean agus cruadalan a bha mor airson gu'm biodh buaidh a' chroinn-cheusaidh air fhoillseachadh am measg Ghaidheal na h-Albann. 'S ann an 563 a.d. a sheol an Naomh Calum Cille agus a dhusan companach bho Dhoire Chal-gaich gu Albainn. Chaidh na curraichean craicinn a chur an ordugh airson ràcadh nan tonn gu duthaich an ain-eol. Thainig na manaich dhiadhaidh 'n an lan thrusgan gu cladach airson am faicinn air falbh air an aiseag, agus air do'n Naomh Calum agus a chompanaich soraidh a leigeil leotha, thug an Naomh am bachull aige do Chor-mac a bha gabhail aite mar Abba Dhoire. Am measg urnuighean durachdach agus deoir a' chian-alais, sheol na manaich a mach an loch agus an uine ghoirid chaidh na curraichean astarach a fianuis, agus bheireadh an sealladh tiamhaidh ud an cuimhne neach an grunnan muladach a bha air cladach Ephesus a' faioinn an abstoil Phoil do'n luing agus iad uile fo ghruaim agus fios aca nach fhaiceadh iad aghaidh tuilleadh. Tha caochladh chunntasan againn air aiseag nam manach ud gu Albhainn. Tha cuid ag radh gu'n deachaidh iad air tir aig Maoil Chinntire, ach an uair a thog an Naomh Calum a shuilean gu deas gu fac' e Eireann air taobh thall a' chuain, agus gu'n do bhuail an cianalas air ball e, agus gu'm b' fheudar dhoibh seoladh na b' fhaide gu tuath. Chaidh iad an sin air tir an eilean Cholosa, ach an uair a thog Calum a shuilean gu deas an sin ohunnaio e Eireann a Litrichean a Beamaraidh. ruin air fàireadh, agus bhuail an cianalas a ris e, agus b' fheudar dhoibh na raimh a chur air na curraichean agus deanamh na b' fhaide gu tuath. Cha do Btad iad gus an d' rainig iad Eilean I, agus chaidh iad air tir an sin ann am Port nan Currach a tha air ainmeachadh orra gus an latha 'n diugh. An uair a thog an Naomh a shuilean gu deas air mullach a' chnuic a b' airde's an eilean, cha robh sealladh air Eireann agus dh' aithnich e gu'm b'e sud an t-aite's an robh am fion-lios aige gu bhi air a shuidheachadh. Thugadh "Carn Cùl ri Eirinn" mar ainm air a' chnoc so, agus loisg na manaich an curraichean airson nacft biodh doigh aca air a dhol air ais bho'n obair airson an do ghairmeadh iad. Mise, le meas, Alasdair Mob. CALUM CILLE—IV. Fhib Ionmhuinn, 'S e eilean I no I Chaluim Chille aon de eileanan nan Innse-Gall. Tha e mu thri mile gu leth air fad agus mile gu leth air Had, ague tha caolais cumnag eadar e agus an Ros Muileach. 200 Litrichean a Beamaraidh. Anns an leabhar a sgriobh an t Abba Adhamhnan mu eachdraidh Chaluim Chille, 's e Iona an t-ainm a tha air an eilean, agus ann an sgriobhaidhean Bhede gheibhear e fo 'n ainm Hy agus Hii, agus ann an seann sgriobhaidhean Eirionnach, thugadh Hi no I air, agus tha 'n cruth la air an ainm cuideachd mar anns na faclan, "muinntir la." Tha cuid a' deanamh a mach gu 'n d' rinn seann sgriobhaiche iomrall ann a bhi cur sios an ainm Ioua mar Iona, agus gur h-ann mar sin a thainig an t-ainm Iona gu bhi leantuinn ris an eilean. Air an aon doigh's e Hebudae an t-ainm a thug Ptolemy air na h-Innse Gall, agus troimh iomrall sgriobhaidh thugadh "Hebrides," orra an deidh laimhe. Chan'eil moran eachdraidh air an eilean gus an do sheol freasdal caomh Dhe an Naomh Calum 'g a ionnsuidh's a' bhliadhna 563, gu bhi cur an ceill soisgeul Chriosdà do Chruithnich Albann. Bha eilean I aig an am's an d' thainig an Naomh Calum air aiteachadh leis na Cruithnich. 'S ann le Connal righ na h-Eireann a bha an t-eilean. Bha an righ ud 'n a dhluth charaid do'n Naomh Calum, agus thug esan dha còrr air an eilean bho cheann gu ceann airson fheum fhein a dheanamh dheth ann a bhi cur suas eaglais agus mainistir. Bha na Cruithnich aig an am ud fo ughdarras agus bho riaghladh nan Draoidhean aig an robh a' facal mu dheireadh anns gach cuis riaghlaidh, araon spioradail agus aimsireil. B' iad 'n an latha fhein na sagartan na baird, agus an luohd-lagha, agus cha robh dhol as aig aon Litrichean a Beamaraidh. 201 neach a dheanadh ar-a-mach sam bith an aghaidh an doigh riaghlaidh. Bha an seorsa creidimh a bha aca lan de gheusan agus de bhuidseachd dheth gach seorsa, agus cha d' fhuaireadh riamh a mach moran de na ruin-diomhair a bha aca a chionn nach robh ni air bith de 'n creud air a chur an sgriobhadh leotha, ach direach air aiseag sios bho linn gu linn le bial-aithris a mhain. Bha iad an comhnuidh ag aoradh am measg dhoireachan dorcha nan coilltean, agus tha cuid mar sin de 'n bheachd gu bheil a' facal "draoidh" air a thoirt bho "dru," seann fhacal airson darach, a chionn 's gu'm bu chleachdadh leis na draoidhean ud a bhi 'g aoradh an dluths nan coilltean daraich. Bhiodh iad a' losgadh iobairtean de iomadh gne, agus air uairibh, bhiodh an clann fhein air an iobradh leotha airson sasuchaidh a thoirt do 'n diathan. Bhiodh iad ag aoradh do 'n darach agus do'n uil -ioc (mistletoe) agus bha an lus sin air a chleachdadh leis na draoidhean airson leighis galair sam bith, agus's ann airson sin a thugadh an uil-ioc, no ioc-shlaint airson gach eucail, air an lus ud. Nach iongantach an t-atharrachadh a bheir gach linn mu 'n cuairt. Bidh sinne deanamh sporsa agus aighear dhuinn fhein seachdain na Nollag le bhi toirt phogan bho chaileagan fo sgaile an uil-ioc, lus a bha ar n-athraichean aig am. an Naoimh Chaluim a' coimhead mar ni naomha do 'n robh iad a' deanamh aoraidh, direach a chionn 302 Litrichean a Beamaraidh. agus gu robh, creideamh aca anns a' bhuaidh leighis a bha ann airson an uile eucailean, agus nach docha gu robh an ni sin dhoibh direach a reir an creidimh. 'S ann 'n uair a bheachdaicheas sinn air cor bronach ar n-athraichean aig an am ud, air an cuartachadh le aineolas agus le iodhal aoraidh, a thuigeas sinn da rireamh meud na h-obrach fhein-aicheil a ghabh an Naomh Calum os laimh ann a bhi cur an ceill an t-soisgeil do Chruithnich eilean I, ach bha e fhein agus a chompanaich daingean misneachail ann an creidimh, agus mar a tha fior mu shoisgeul Chriosda anns gach linn, Ieagaidh e sios ri uine gach bacadh a chuireadh air, agus bhuadhaich e le caithream ann an lamhan nam manach naomha. Fhuair an Naomh Calum iomadh dealas air eilean I airson obair a chur air adhart. Bha e a fradharc Eirinn, air an taobh an ear dheth bha caolas a' cur fasgaidh air bho ghaothan fuara. Bha e 'n a eilean torrach a bheireadh gu leor de bharr airson duine agus ainmhidh. Tha an t-eilean gun teagamh creagach, le a chnamhan gu tric a' nochdadh a mach troimh a chraicionn talmhaidh. Ach a dh' aindeoin sin chunnaic an Naomh Calum gu robh a' fiar ann math agus torrach, agus faisg air Carn Cùl ri Eireann dhearo e air a' Mhaohair bhoidhich lan de lusan de iomadh gne a bha cur faileadh cubhraidh air sgeith gach osaig fhann a sheideadh thairis oirre. Bha an taobh an ear fasgach le talamh a bha anns gach Litrichean a Beamaraidh. 203 CALUM CILLE-V. Fhir mo Chridhe, : An deidh do 'n Naomh Calum còir mar bo fhaighinn air eilean I gu leir fo Chonnal righ Eirinn, faodaidh sinn a thuigsinn nach d' rinn e moran dàlach ann a bhi deanamh toiseach toiseachaidh leis an obair a ghabh e os laimh. Chuir e fhein agus na manaich cuairt air an eilean ceithir thimchioll, agus fhuair iad dearbhadh air gach bad de 'n eilean a bha freagarrach airson àitich agus narach chruidh, comhla ri eolas fhaighinn air na h-aiteachan anns an robh eirigh uisge airson tobraichean a chladhach. Rinn iad roghainn de 'n leathad a th' air taobh an ear an eilean mu choinneamh Mhuile airson an eaglais doigh freagarrach airson àitich, gu coirce agus eorna chumail riutha. A bharrachd air sin uile bha suidheachadh an eilein fabharrach airson obair nam manach—bha e a' criochadaireachd ris na Cruithnich iodhal-aorach agus muinntir cheann a deas Albann, cuid dhuibh a fhuair an soisgeul cheana bho M hung an agus Nimhein. Mise, le muirn, Alasdair Mor. 204 Litrichean a Beamaraidh. agus am mainistear a thogail. 'S e togail na h-eaglais a' chiad ni ris an do chuir iad an lamh; bha iad airson gu'm biodh tigh Dhe aca deiseil mu 'n cuireadh iad lamh ann am fardaich sam bith a chur suas air an son fhein. Tha 'n t-Abba Adhamhnan ag innse dhuinn gur h-e eaglais bheag a bha innte, air a togail de fhiodh agus meanglain chraobhan air an suaineadh mu cheile, agus oriadh air a liachdradh air na ballaichean a muigh agus a stigh airson gaoth agus uisge chumail a muigh. Bha an t-urlar de chriadh, agus chan'eil cunntas air gu robh aon suidheachan innte. 'S e "Duirthech" no "Dairthech" am facal a tha's a' Ghaidhlig Eirionnach air a' leithid so de eaglais, agus tha am facal a' tighinn fo "dair" a' ciallachadh darach, agus "teach" a' ciallachadh tigh, 's e sin tigh daraich. Faisg air an eaglais bha an erdam, no tigh an t-sagairt, am pronntigh, no an seomar bidhe, an coitcheann, no an citsean. Bha muileann aca airson mileadh a' ghràin, buaile no bàthach airson a' chruidh, agus sabhull airson tasgaidh torraidh an eilein. Bha tigh air leth aig an Abba, agus an tigh-aoidheadh faisg air airson fasgaidh a thoirt do luchd-aoidheachd. Bha cill no seomar beag aig gach manach dha fhein far am biodh e sgriobhadh agus a' meorachadh, ag urnuigh agus a' trasgadh. 'S e urlar cloiche bha anns gach cill, agus air an urlar chruaidh so bha na manaich dhiadhaidh ud a' cadal gun dad mu 'n cuairt orra ach seiche f odhpa agus os an cionn agus cluasag chruaidh chloiche fo an ceann. Chan ann Litrichean a Beamaraidh. 205 airson an fheoil a thoileachadh a thainig an Naomh Calum agus a chuideachd gu eilean I, agus nach'eil sinne aig an latha 'n diugh a' mealtuinn toraidhean an fhein-aicheidh a rinn iad-san orra fhein air sgath soisgeil Chriosda. Timchioll air na togalaichean so uile dh' ainmich mi bha daingneach, no balla tiugh ard de chloich agus uir, agus geatachan no catha-chliathan far an robh feum orra. Sin, ma tha, nadur de dhealbh air a' bhad sin de 'n eilean naomh ud anns an do thoisich Calum Cille agus a chuideachd air cur an ceill an t-soisgeil do Chruithnich Albann. Cha b' ann an aon latha idir a chaidh Cruithnich I iompachadh gu gabhail ris a' chreidimh Chrios-duidh. Eadhon anns an latha bha sud, bha ar sinnsir gle fhuaighte ri teagasg nan athraichean, agus bha an teachdaireachd shimplidh aig na manaich cho tur eadar-dhealaichte ris na saobh-chrabhaidhean a bha na Draoidhean a' teagasg fad linntean, 's nach robh e soirbh dhoibh dealachadh riutha, agus eadhon an deidh dhoibh gabhail ri soisgeul Chaluim Chille, bha moran de fhriamhan an t-saobh chrabhaidh Dhruidhnich a' leantuinn riu, agus lean sin sios fad iomadh linn 'n ar tir agus chan'eil fhios agam a bheil sinn cuibhteas 's iad uile fhathast. Bha na manaich mar dhaoine tuigseach a' faicinn tre chreidimh gu 'm buadh-aicheadh an deagh sgeul ri uine, agus mar sin cha do chaill iad idir am misneach anns an obair a chuir iad rompa, agus fhuair iad mu dheireadh an 206 Litrichean a Beamaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. 207 CALUM CILLE—VI. Fhir mo Chridhe, Ged is ann an I a thoisich an Naomh Calum agus na manaich a bha comhla ris air sear-monachadh an t-soisgeil, feumaidh sinn a thuigsinn nach b' e an t-eilean sin idir an ceann-uidhe ann a bhi foillseachadh an deagh sgeil. Thog iad sgothan laidir agus air dhoibh Cruithnich la iompachadh, thog iad orra gu sal gu na h-eileanan mu 'n cuairt cho math ri mor-thir Albann. Fhuair an Naomh Calum eilean Thir-iodhe 'n a thiodhlac bho 'n chrun agus faodaidh sinn mar einn a chreidsinn gu 'n cuala na Tirisdioh an eoisgeul gle ghoirid an deidh do mhuinntir la bhi air gabhail ris a' chreideamh sin. Bha eilean Thir-iodhe, no Ethica Terra, mar a tha Adhamhnan 'g a ainmeachadh, 'n a eilean torrach eadhon an uair sin, agus 's ann bho na h-achaidhean sughmhor aige bha na manaich a' faighinn moran de mhin na bliadhna. Tha Tir-iodhe a' ciallachadh tir an eorna, "tir mo chridhe, tir an eorna," mar a their na Tirisdioh uime, agus dleasaidh e an t-ainm sin gus an latha 'n diugh. Bha caolas la an uair sin ainmeil airson leobagan mora, agus bha. na manaich gu tric 'g an iasgach, agus b' e an t-iasg ur ud roinn de'm beathachadh gu h-araidh aig am a' Charghuis an uair a bha feoil air a toirmeasg air laithean trasgaidh. Bha na sgeirean mu'n cuairt air an eilean lan roin, agus's e an ola luacb-eaoithreach ann a bhi faicinn an atharrachaidh a thainig air caithe-beatha muinntir I ann an cois searmonachaidh an t-soisgeil. Theagaisg iad, dh' earailich iad, agus chum iad dluth ri Dia an urnuigh. Bha iad 'n an cairdean agus 'n an luchd-iuil do gach neach, agus ri tide chuir an sluagh borb ud muinghin annta a thaobh an dilseachd dhoibh. Cha robh uair de thamh aca. Bha iad ag àiteach's a' cur agus a' buain agus a' buachailleachd nan treudan. Bha uairean araidh de 'n latha air an cur air leth airson urnuigh, meorachaidh agus leughaidh, agus's an latha bha sud an uair nach robh maighstir-sgoile air gach cnoc mar a tha iad an diugh, 's iadsan 'n an aonar a chum beo lochran an fhoghluim le bhi sgriobhadh le laimh ghleusta na leabhraichean ud a tha an diugh 'n an ionghnadh le foghlumaichean an domhain gu leir airson an snas agus an grinneas a chuir iad air an obair ud." 'S ann aca-san gun teagamh a thoisich am foghlum a tha 'n diugh air b' chraobh-sgaoileadh 'n ar tir, agus coltach ris gach ni oirdhearo eile tha sinn a' mealtuinn an diugh, nach ann an luib a' chreidimh Chriosduidh a thainig iad do'r n-ionnsuidh. Mise, gu dileas, 208 Litrichean a Bearnaraidh. aca bha na manaich a losgadh anns na cruis-geinean troimh na h-oidhcheanan fada geamhraidh an uair a bha iad a' sgriobhadh le dealas na leabhraichean iongantach sin a tha an lathair gus an latha 'n diugh mar chomharradh air am mor shaothair. Leis na sgothan laidir aca thug iad iomadh cuairt troimh Ghaidhealtachd na h-Albann. Bha iad 'n am maraichean seolta cruadalach; bha an creideamh 'n an obair cho laidir agus nach robh stoirm no gaoth no fairge bheucach a chumadh iad air ais bho 'n ghniomh air an robh an inntinn socruichte. 'S gann is urrainn sinne an diugh eadhon dealbh fhein a dheanamh air na diachain-nean mora a dh' fhuiling iad a' siubhal air muir agus tir ann ar Gaidhealtachd fhiadhaich gun chombaiste gun chairt-iuil air bord nan sgothan, agus gun rathad-mor na frith-rathad no goireas air an talamh air tir, a' siubhal troimh dhuthaich air nach robh iad eolach. Ach chum freasdal cairt-iuil riutha agus dhion agus ghleidh Esan iad troimh gach cruaidh-chas troimh 'n deachaidh iad agus dh' iomair buaidh dhoibh mu dheireadh. Chan'eil cunntas an diugh air moran de na cuairtean fada rinn iad air feadh na Gaidhealtachd, ach tha aon turus air an deachaidh iad nach fheum sinn a dhith-chuimhneachadh, agus's e sin an cuairt gu caisteal Bhrude, righ nan Cruithneach, aig an robh a dhaingneach faisg air baile Inbhir-nis. Chan'eil dearbhadh ro dhaingean air Litrichean a Bearnaraidh. 209 a' cheart bhad 's an robh an luchairt aig Brude. Tha cuid a' deanamh a mach gur h-ann aig Tor a' Bheathain a bha i, agus cuid eile gur h-ann air a' chnoc far a bheil Eaglais a' Chruin, am baile Inbhir-nis, a bha a dhaingneach laidir, ach chan 'eil moran deifir mu shocrachadh na larach cho fada agus tha an eachdraidh ghoirid so a' foillseachadh. Bha fhios aig an Naomh Calum agus a mhanaich gu robh spiorad daimhe am measg threu-bhan Albann a.' cheart cho laidir agus a bha e's an duthaich a dh' fhag e 'n a deidh. Bha e cinnteach cuideachd gu feumadh e luchairt righ nan Cruithneach a ruigheachd gu pearsanta agus sois-geul Dhe chur an ceill do 'n righ fhein mu faigheadh e sar chothrom air na Cruithnich air fad iompachadh gu Criosda. 'S e inntinn threun agus mhisneachail direach mar a bha aig na manaich ud a dh' fheumadh gnothuch de 'n t-seorsa a ghabhail os laimh. Bha righ nan Cruithneach buadhmhor air a chuartachadh le dhraoidhean agus le shagar-tan fhein, agus ged a bha iad uile air an amladh mu'n cuairt le saobh-chreideamh agus le gisreagan de gach seorsa, cha b' e an duine miapaidh a chuireadh soisgeul eile an ceill dhoibh. 'S math a bha fhios aig na manaich air na cuisean sin uile, ach cha robh faitcheas air bith 'g an gluasad. Fhuair iad na sgothan air sal, agus shonruich Calum Cille gu'n rachadh an Naomh Coinneach agus an Naomh Comgall comhla ris. 'S e Cruithnich a bha annta-san, agus bhitheadh e na b' fhasa dhoibh-san comhradh a dheanamh ri Brude na bha e do 'n o 210 Litrichean a Beamaraidh. Litrichean a Beamaraidh. 211 CALUM CILLE—VII. A Charaid Choir, Aon uair agus gu'n deachaidh an righ Brude iompachadh gu na chreideamh a bha an Naomh Calum a' searmonachadh, bha slighe reidh aig na manaich a dh' ionnsuidh gach cearnaidh de'n tir agus cha bhiodh bacadh orra aon uair's gu robh fabhar an righ aca, agus mar sin fad na aimsir bha an Naomh Calum beo an eilean la, cha do lasaich e fhein agus a mhanaich de bhi saoith-reachadh air feadh na Gaidhealtachd. Chan e mhain gu'n do chraobh-sgaoil iad an soisgeul anns na h-Innse-Gall, ach chuir iad eaglaisean air chois anns na h-eileanan Arcach agus an Sealtuinn agus eadhon cho fada tuath ri Innis-tile chuir iad an ceill an deagh sgeul agus shoirbhich leotha. Chan e mhain gu robh iad a' searmonachadh agus a' comhairleachadh an t-sluaigh ach coltach ris na h-abstoil roimhe, bha iad a' leigheas gach gne tinneis agus eucail am measg an t-sluaigh. Thall agus a bhos ann ar Gaidhealtachd mar an aitean eile, tha gus an latha 'n diugh eaglaisean agus tobraichean agus lochan air an ainmeachadh air an Naomh Calum agus a chompanaich mar chuimhneachan air na cuairtean a thug iad am measg nan Cruithneach an Albainn. Bha moran de thobraichean air am beannachadh leotha agus bhiodh daoine ciurramach 'g an tadhal airson leighis fhaighinn annta, agus bha e dhoibh a reir an Alasdair Mob. Naomh Calum aig an robh Gaidhlig Eirinn. Thainig iad a nuas ceum air a' cheum troimh Ghleann mor Albann, agus 's e beachd ughdaran gu 'n do rinn iad an rathad faisg air cursa Cladhan-uisge Chaledonia, agus eadhon tha bial-aithris ag radh gu 'n d' rinn an Naomh Calum faidheadaireachd gu'm biodh an cladhan-uisge ann ri tide. Fhuair righ Brude sanas gu robh na manaich air an rathad, agus dh' orduich e gu'm biodh geatachan na daingnich gu leir air an druideadh airson nach fhaigheadh iad a steach. Ach lean na manaich air an aghaidh. An uair a' bha iad a' seoladh suas Loch Nis tha e coltach gu robh storm mhor ann, agus gu robh na Cruithnich bhorba air gach taobh de 'n loch, far a bheil muinntir chòir Strathfharagaig agus sluagh sitheil Urchadain an diugh, a' guidhe gu 'm biodh curraichean nam manach air an cur fodha. Ach sheas an Naomh Calum 'n a churrach fhein, agus labhair e ris a' ghaoith, agus bha fiath mor ann. Rainig iad daingneach righ Brude, agus fhuair iad na geatachan duinte, ach sheinn an Naomh Calum agus a chompanaich an t-siathamh salm thar an da fhichead anns a' Bhiobull Chaitliceach, agus dh' fhosgail na geataichean leotha fhein, agus chaidh na manaich an lathair an righ leis an deagh sgeula, agus ghabh Brude ris le gairdeachas. Mise agaibh, 212 Litrichean a Bearnaraidh. creideamh agus leighiseadh iad, ach dh' fhalbh an latha sin fada roimh 'n diugh, agus airson cor an latha 'n diugh fhein, cha chreid daoine bheag mur a ruig an inntinn bhochd fhein air friamh a' ghnothaich a tha iad a' saoillsinn a tha air chul a' ni. Tha cumhachd Dhe cho laidir an diugh agus a bha e an laithean an Naoimh Chaluim ach tha'n creideamh againne air fas cho lag agus nach urrainn sinn greimeachadh air geallaidhean Dhe. Tha moran de thaghadh na h-eachdraidh mu Chalum Cille anns a' chunntas a sgriobh an t-Abba Adhamhnan mu thimchioll. So beagan deth bho eadar -theangachadh an Ollaimh Mac Bhatair an Dun-eideann. "Aon uair bha an Naomh Calum anns an Eilean Sgitheanach, an aite araidh a bha faisg air a' mhuir. Thug e buille le a bhata, no a bhachull, do'n fhoid air an robh e'n a sheasamh, agus thuirt e ri a mhuinntir. "Ged is ionghnadh a radh, a mhaca ionmhuinn, air an latha 'n diugh thig duine aosda de na cinnich a chum an aite so, a ghleidh a mhaitheas nadurra re fad a bheatha, agus baistear e, agus theid e gu bas air an fhod so, agus anns an ionad so tiodhlaicear e." Beagan uine 'n a dheidh sin, thainig eathair gu cladach, agus 'n a toiseach seann duine beag lag, a bha 'n a cheannard air feadhainn de an eilean. Thog da oigfhear e as an eathair is leig iad sios e fa chomhair Chaluim Chille. Cha b' ionnan canain do an seann duin' uasal agus Calum Cille, is air an aobhair sin b' fheudar eadar-theangair fhaighinn. Fhuaras sin: labhair Calum Cille briathran Dhe; Litrichean a Bearnaraidh. -213 chreid an seann duine onarach agus bhaisteadh e air ball. An uair a chaidh crioch a chur air seirbhis a' bhaistidh, dh' eug an duine air an fhod cheudna a reir mar a thuirt Calum Cille. Chuir a, luchd-frithealaidh carn-chlach r' a cheile, agus dh' amhlaic iad an sin e. Thachair so, maith dh' fhaoidte, mu thimchioll na bliadhna 570 a.d. agus tha Adhamhnan uasal, a sgriobh an eachdraidh so mu thimchioll na bliadhna 700 a.d. ag radh gu'm faicte r' a linn fhein an carn an cois na mara, agus a chionn gu'm b'e Artbhranan ainm an fhir a chaidh a bhaisteadh, gu'n d' thug muinntir an aite "Dobhar Artbhranain" air an allt a bha, agus a tha, a reir coltais, a' dol seachad gus a' mhuir an sin. Tha am facal "dobhar" ag ciallachadh "uisge" no "sruthan." Latha eile bha Calum Cille a' siubhal la cuid de a mhuinntir air taobh an ear de Dhruim Albann ri taobh Loch Nis. Gu h-obann thug e fainear oibreachadh an spioraid naoimh 'n a inntinn; thionndaidh e r' a mhuinntir is thuirt e riutha. "Rachamaid gu grad an coinneamh nan ainglean naomha, oir tha iad air an cur a nuas o neamh gu bhi 'n an ceann iuil do anam duine araidh de na cinnich a tha gu bas fhaotainn anns an ionad so, agus tha iad a' feitheamh oirnne gus an dean sinn a bhaisteadh. Oir ged nach'eil an duine so 'n a Chriosduidh, ghleidh e a mhaitheas nadurra, agus tha e iomchuidh gu'n rachadh a bhaisteadh, agus ghabh e roimhe mar bu luaithe 814 Litrichean a Beamaraidh, a b' urrainn dha, air thoiseach air an fheadhainn eile, gus am aite ris an abrar Urchadan an diugh (is e sin Gleann Urchadain), ri taobh Loch Nis, agus an sin fhuaradh seann duine d' am b' ainm Emchath. Dh' eisd esan ri briathran Chaluim Chille, agus chreid e. Chaidh a bhaisteadh agus 'n a deidh sin shiubhail e le h-aoibhneas a dh' ionnsuidh an Tighearna. A thuilleadh air sin, bha mac aig an t-seann duine, d' am b' ainm Fearolach, agus chreid esan agus a theaghlach uile, agus bhaisteadh iad." Mise agaibh, Alasdair Mor. CALUM CILLE-VIII. Fhir Ionmhuinn, Ged a bha neart corporra aig Calum Cille a bha ro-iongantach mor, cha b' urrainn e seasamh fada ris gach allaban agus amhghar a bha an comhnuidh a' tachairt ris ann a chuairtean troimh ghlinn agus Bhrathan na Gaidhealtachd. Dh' fhas a shlainte cho breoite anns na bliadh-naibh mu dheireadh agus nach b'urrainn dha eilean la fhagail agus a dhol comhla ris na manaich eile air an cuairtean troimh 'n tir, ach Litrichean a Beamaraidh. 215 ged a bha sin mar sin cha b'ann 'n a thamh a bha e uair sam bith. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de'n uine a' sgriobhadh Leabhar nan Salm. Cha robh mir de na Sgriobtuirean a bha deanamh a leithid de sholas a thoirt gu anam, agus a bha e faotainn ann an Sailm Dhaibhidh, agus b'e a thlachd gach uair a thàrradh e a bhi meorachadh orra. Tha Adhamhnan ag innse dhuinn gu'n d' fhuair an Naomh Calum fiosrachadh bho Dhia mu uair a bhais ceithir bliadhna mu'n d' thainig an teachdaire a bha gu a ghairm a dh' ionnsuidh na foise a dh' fhagadh f a chomhair sluagh Dhe. Bha a chompanaich ag aithneachadh gu robh atharrachadh mor air tighinn air, agus bha iad a' foighneachd dheth gu tric gu de a b' aobhar ach bha esan a' cumail na cuise am falach orra. Ach air dhoibh a bhi 'g a shior cheasnachadh, labhair an Naomh Calum riutha anns na briathran a leanas: "Chaidh deich bliadhna fichead air an latha so fhein thairis bho'n thainig mise gu Albainn, ach bho chionn greise bha mi guidhe ri m' athair neamhaidh gu'n toireadh e air falbh as an t-saoghal so mi, a dh' ionnsuidh a lathaireachd iomlain fhein, agus, feuch, ann am shealladh, chunnaic mi na h-ainglean a' tighinn an comhdhail m' anama, ach chum ni-eigin air ais iad. Chaidh stad orra mar gu'm b' eadh le creig air taobh eile an eilein. Agus carson? Tha direach a chionn gu bheil iomadh eaglais a' cur suas bith-urnuigh air mo shon. Is feumail dhoibh-san mi dh7 fhantuinn maille riutha. Ach tha ceithir bliadhna 216 Litrichean a Beamaraidh. feitheamh orm—ceithir bliadhna de shaothair agus an sin theid mi thart. So an t-aobhar airson am faca sibh am bron agus an t-aoibhneas air mo ghnuis." Bha an Naomh Calum a nise mar Phol an seann duine air a chumhlachadh eadar dha ni— deidh aige air falbh agus a bhi maille ri Dia, ach bha e feumail do chompanaich naomha gu fanadh e comhla riu airson an neartachadh 'n an saothair. Chaidh ceithir bliadhna seachad. 'S e Di-sathuirne th' ann, trath's an Og-mhios, an latha ris an cante an t-Sabaid naomha an eilean la. Tha an Naomh Calum, comhla ri a chompanach Diarmad, gu dripeil 's a' mhainistear. Bhean -naich e an sabhull agus labhair e gu cairdeil ach car diomhaireach ri a bhraithrean. Tha run-diomhair aige ri innseadh agus tha iad 'g a eigneachadh airson innse. " 'S e so an latha anns na Sgriobtuirean Naomha," arsa Calum Cille, "ris an canar an t-Sabaid, 's e sin fois, agus 's e an latha so da rireamh an t-Sabaid dhomh-sa, oir tha mi dol gu fois an deidh amhgharan na beatha so. Aig meadhon oidhche an nochd siubhlaidh mi a saoghal so nan deur. A cheana tha mo Thig-hearna Iosa 'g am fhailteachadh, agus tha mi falbh a reir aithne." Air do'n chuideachd an sabhull fhagail, ghabh iad an rathad a tha treorachadh a dh' ionnsuidh na mainistir. Sheas iad air cnocan fradharcach far a faiceadh iad sealladh iomlan air na togalaichean gu leir. Air a' chnoc so shuidh an Naomh Calum, agus rinn e an fhaidheadair-eachd a tha cho cumanta air a luaidh: Litrichean a Beamaraidh. 317 "I mo chridhe, I mo ghraidh, Par an cluinnte guth manaich, bithidh geum bà; Ach mu'n tig an saoghal gu crich, Bidh I mar a bha." Thogadh crois an deidh laimhe air a' chnoc ud mar chuimhneachan air a ni. Thill an Naomh Calum air ais gu a sheomar beag, agus thoisich e air sgriobhadh nan Salm. An uair a thainig e a dh' ionnsuidh Salm xxxiv. agus an deicheamh rann, "ach air an dream a dh'iarras Dia, cha cheilear aon ni maith," leig e uaithe a pheann, agus thuirt e ri Diarmad, "An so feumaidh mise sgur; cuir thusa crioch air a' chorr,"—agus dh' eug an Naomh Calum Cille an oidhche ud a reir an t-seallaidh a fhuair e. Gu ma fada ni sinn luaidh air cuimhne chubhraidh an fhìrean so, saighdear buadhmhor soisgeil Chriosda, a' ghiulan gu Albainn ar ruin teachdaireachd an deagh sgeil a thug saorsa shiorraidh dhuinne. Mise agaibh, Alasdaib Mob. 318 Litrichean a Beamaraidh. AN IMRICH CHUAIN. A Chàraid Runaich, Tha mi gu dripeil a' buain na monadh fad na seachduineach so, agus gu dearbh 's beag mo shunnd ri sealladh fhaicinn air peann, agus ged a tha am peann agam cheana, 's ann rag a tha na h-uilt agam airson a dhol timchioll air. Ach's dana bhi gearan an deidh's gu leir an uair a tha am Freasdal a' toirt comais dhuinn air fàd no dha a chur air an sgaoiltich fhad's a tha an tide gu math. Feumaidh daoine an aghaidh a chur air a' mhòine am bliadhna agus a dhol gu uchd an dichill airson a gabhail fhad 's tha an aimsir gu math agus an oidhche goirid: 's e beagan adhartais a thig oirre an uair a thig sineadh sam bith anns an oidhche. Tha sinn an dochas, ann a bhi sealltainn air ais air a' bhliadhna chaidh thairis, "nach treabh gach bliadhna dha cheile," mar a thuirt an sean-fhacal, agus le sin gu'm bi an tuilleadh soirbheachaidh 'g ar leantainn anns a' Ghaidhealtachd an cois toraidh an bliadhna tha so. Tha sinn a' creidsinn gur h-e an driod-fhortan a bha an cois na bliadhna a dh' fhalbh a dh' aobh-araich, an cuid co dhiu, gu bheil a' leithid de oigridh thapaidh, seadh agus de sheann daoine cuideachd, a fagail tir an àraich agus a' cur an aghaidh air coilltichean mora Chanada. Tha fhios gu'm buannaich moran aca air an imrich sin a Litrichean a Beamaraidh. 219 dheanamh, ach a thaobh cuid eile, 's e ceist a tha ann de mar a chuireas iad na rudhaiohean dubha tha rompa. An fheadhainn a tha og, tapaidh, agus gniomhach, dealasach, ni iad buaidh a thoirt a mach a dh' aindeoin gach cnap-starra a dh' fhaodas a bhi anns an t-slighe, ach mur a dean gach neach a chuireas aghaidh air an tir chein ud air taobh thall a' Chuain-«iar, suas inntinn gu bheil aige ris an glan agus an salach a dheanamh mu 'm faigh e e fhein a shocrachadh an deagh chosnadh, thig greis mu'm bi rath air. Guidheam dhoibh uile gach deagh shoirbheachadh, agus cuibhle an fhortain a bhi dol mu'n cuairt mar bu mhiann leotha, agus cumadh gach aon aca suas am misneach ann a bhi cuimhneachadh gu'n toir freasdal caomh an Ti tha riaghladh na h-uile ni gu crich mar's aill leis. Tha eagal mor orm fhein nach'eil cuid againn a' tuigsinn an deidh 's gu leir cho sgriosail agus a tha e do leas ar Gaidhealtachd gu bheil na ciadan do' r muinntir mar so 'g ar fagail gach mios, agus a mhor chuid nach till do 'n Ghaidhealtachd gu bràth. Canaidh cuid gur h-ann is fheairrde eilean Leodhais an tanachadh ud, gu bheil barrachd mor air fonn ann agus a tha an t-eilean bochd comasach air àrach, ach biodh sin mar a bhitheas e, nach bochd gu h-ann gu duthaich eile a thatar 'g an cur. 'S e gun teagamh roinn de iompaireachd mhor Bhreatainn am fearann anns am bi iad a' tuineachadh thall thar chuantan, ach 220 Litrichean a Beamaraidh. an deidh 's gu leir, tha gach neach a tha cur a chulaibh ris a' Ghaidhealtachd a' toirt laige agus bochdainn air ar tir, agus ma leanas an iomairt imrich ud moran na 's fhaide, cha bhi 'n ar n-Innse-Gall ach bodaich chroma agus cailleachan crubach agus co thogas suas sliochd a ni aithris air euchdan ar sinnsir ann ar n-eileanan. 'S iomadh ionnsaidh a thug an luchd-riaghlaidh air cor nan Gaidheal a dheanamh na bu chomhfhurtaille, ach cha mhor gu'n deachaidh gach oidhirp na b' fhaide riamh na bruidheann agus thug an Cogadh Mor atharrachadh 'n a luib's a' chuis so mar a rinn e anns gach càs eile. Cha chuir ar n-oigridh suas a nise leis na mi-ghoireasan agus an eigin air an robh an seanairean bochda cho eolach, agus 'n uair nach d" fhuair iad rian beo-shlaint 'n an tir fhein, tha iad 'g a shireadh an duthaich eile, an tir do nach eol dhoibh a gne, agus is sinne tha air ar fagail a dhioghlas air sin ma's fada beo sinn—bithidh sinn mar Oisean bochd an deidh na Feinne, gun charaid a dhuineas ar suil anns a' bhas. 'S e dealbh ro dhorcha duaichnidh a thog mi gun teagamh, ach tha eagal orm nach'eil i ro fhada bho bhi firinneach ma leanas imrich nan eil-thirich air aghaidh moran na's fhaide, agus tha lan thide aig luchd-riaghlaidh a dhol air ghleus agus am barrachd suime ghabhail de chor ar Gaidhealtachd. Tha gnothaichean gun teagamh a' sealltainn na 'e gealltanaiche aig an am so. Tha cobhair gu bhi air a dheanamh air iasgairean le cuideachadh air- Litrichean a Beamaraidh. 221 Alasdair Mob. gid airson eithriohean agus lin fhaighinn, tha grabadh ceart gu bhi air a chur air na bataichean-sgriobadh, na dearg robairean a bha toirt an eisg, beag agus mor, bho na dorsan againn, agus ri tide, bithidh fìughar gu'm bi tighean goireasach air an toirt dhuinn, air an togail le cuideachadh bho airgiod na rioghachd. Ma chuirear airde an cabhaig air na h-athleasaichean sin, cha bhi uibhir de mhi-shasuohadh am measg ar n-oigridh, bidh dochas aca obair fhaighinn fo na speuran fo 'n d' rugadh iad, agus mar sin sliochd ag eirigh suas a ni luaidh air euchdan an sinnsir, agus a chumas beo na subhailcean grasmhor sin a bha riamh air clann nan Gaidheal. Cuireamaid uile, ma tha, ar n-uohd ri feum, agus tagramaid le guth agus gniomh còirichean ar Gaidhealtachd, agus na stadamaid gus am faigh sinn miann ar cridhe do 'r daoine fhein, ann ar duthaich fhein, air chor agus nach ruig iad a leas an aghaidh a thoirt air duthaich choimhich ri'm beo. Mise agaibh, 2'22 Litrichean a Beamaraidh. NA BALAICH AGAINN FHEIN. Fhir mo Chridhe, Gu dearbh chan'eil fhios agam fhein de dheanamaid anns an eilean so mar a biodh an "Gazette" gasda agaibh fhein, a tha tighinn le naidheachdan Leodhais air fad, na h-uile Dihaoine. Gun teagamh air mo shon fhein dheth, cha mhor gu bheil mi leughadh facail ach e fhein agus am Biobull, eadar da cheann na bliadhna, agus airson Sine dheth, 's iomadh uair a bhios mi tilgeadh oirre gu bheil am paipear agaibh na 'a trice 'n a laimh na tha am Biobull fhein, ach tha j cho deidheil air naidheachd Leodhais air fad fhaighinn air a teangaidh ma's urrainn i idir. An uair a thug Murchadh Knocs an "Gazette" thugam a Oifig a' Phuist an diugh, bha mi-fhein agus Sine cur f alius air an f hallus dhinn a' rusgadh mhonadh a muigh anns na Sitheanan, ach dh' fhag sinn na spaidean an sas anns na cip far an robh iad, agus shrac mi air ball am paipear-suainidh a bh' air a' "Ghazette," agus shuidh sinn 'n ar dithis air barr a' phuill agus thoisich sinn ri criomagan de naidheachdan a thoirt as mar a b' fhearr a rachadh againn air. Ach 'n uair a sheall mi uam' s' g am ionnsuidh cha robh for air na speuclaran, agus bha Sine anns an aon chàs, ach thainig mo charaid Bill a nuas an rathad le cliabh-monadh, agus thachair gu robh na speuclaran aige ceart gu leor, agus bha gach cuis mar bu mhiann. Litrichean a Beamaraidh. 223 Cha robh sinn 'n ar suidhe ach greiseag an uair a thainig Mairi Mhurchaidh agus Barabal, agus iad a' deanamh air an tigh an deidh mòine da phuill a chur air an sgaoiltich, agus thoisich an leughadh. Bidh Mairi gu math tric a' leughadh dhomh fhein 's do Shine cuid de *n Bheurla 's a' "Ghazette" nach urrainn sinn fhein a dheanamh a mach, agus na'm biodh fhios agaibh-se an tur math a tha aice de na faclan mora fada, nach fhaigh mise eadhon mo theanga timchioll orra. Bha sinn cho toilichte fhaicinn mu 'n onair a chaidh a chur air an Urr, Aonghas Mac Iomhair, ministear Eaglais Chleireach Bharabhais, an Canada, an uair a fhuair e an onair B.D. uatha. Chan 'eil ni air an talamh a chuireas a leithid de phrois air muinntir Bhearnaraidh ri fhaicinn gu bheil neach dhiubh fhein a sior thogail a chinn am foghlum agus an onair an tir choimhich, agus gu dearbh's math a bha fhios againn riamh bho 'n dh' fhag Aonghas Dhomhnuill Bhain a Hacleit, ceatha mor Steornabhaigh gu dhol a null do Chanada, gu 'n cuireadh e onair agus snas air an eilean a dh' fhag e, agus cha robh sinn idir air ar mealladh. Bu dual dha bhi turail dealasach 'n a inntinn, agus dhearbh e ain leis an onair a bhuilich an Oil-thigh ud air. Tha sinn uile cur meal an naidheachd air aig an am so, agus a' guidhe moran sonais agus soirbheachaidh dha am Barabhas, Canada, am measg dhaoine leis an caomh searmon mor tomadach soisgeulach, agus 224 Litrichean a Beamaraidh. is cinnteach gur deas durachdach esan dhoibh ann a bhi roinn dhoibh facal na firinn gu ceart. Tha fhios againn gu 'm bi a choimhthional cho muirneach mu 'n onair ud a fhuair e agus tha sinne, agus gu ma fada bhios cuisean mar sin. 'S gasda 'n gniomh a rinn cairdean an Dotair Moraidh nach maireann, an uair a thog iad claoh-chuimhneachain air an uaigh aige an cladh Shann-dabhig. 'S iomadh neach a bhios toilichte gu'm bi cuimhne mar so air a chumail an Leodhas air neach aig an robh cridhe mor duthchasail a bha 'a oomhnuidh a' bualadh ann am bàidh agus an co-fhulangas ri eilean a ghraidh. 'S fhior e ged nach robh clach riamh air a togail air a' bhad sin de 'n talamh 's a bheil a dhuslach an caradh, gu bheil na ciadan ann a thug an gradh agus am muirn dha, air chor agus nach di-chuimhnioh iad e re an latha, a thaobh an fhàilidh chubhraidh a dh' fhag e 'n a dheidh: sin an cuimhneachan is fhearr agus is maireannaiche no clach a theid am mugha le siabadh shiantan nan iomadh linn. Fois shiorraidh Dhe d' a anam agus solus bith-bhuan gu 'n dealradh air. Nach math "nach treabh gach bliadhna dha cheile" mar thuirt an sean-fhacal. Tha sinn a' faighinn taghadh na h-aimsir airson buain na monadh, agus saoilidh mi nach bi moran am bliadhna aig nach fhaod brathadair mor teine bhi cur failte air na coilich fad a' gheamhraidh. 'S' e tiodhlac mor bho 'n fhreasdal chaomh a tha anns Litrichean a Beamaraidh. 225 NA CRUINNICHIDHEAN GAIDHEALACH Fhir Runaich, Bha e gu dearbh gle mhath dhuibh an tiodhlac tombaca ud a chur thugam troimh 'n phosta an diugh. Bha mi direach air an spiolag mu dheireadh a chur fo m' fhiacail an uair a thainig Tormod Beag leis an achlasan agaibh thugam, agus abradh sibh-se gu'n d' rinn mi mor ghairdeachas. Mur a bitheadh e dh' fheumainn greis de'n latha chall a' dol suas gu buth Dhomh-nuill an Tailleir a dh' iarraidh an leth-chairteal abhuisteach. Gu ma fada beo sibh-se, agus airgiod gu leor 'n 'ur poca airson crioman tombaca chur gu bodach bochd nach dean a' chuis a nise gun cheo de 'n phiob an drasda 's a ris. p a' mhòine, a tha againn cho pailt agus cho faisg air na dorsan againn, ged a tha iomadh tionndadh oirre mu 'n cuirear timchioll nan eibhlean i. 'S ann a chunnaic cuid sin an uair a bha i gann aca, agus iad gun chonnadh eile chuireadh iad 'n a h-aite. 'S ann dhuinn bu chòir a bhi taingeil air iomadh doigh. Mise, le muirn, Alasdair Mor. 226 Litrichean a Bearnaraidh. Mu dheireadh thall thainig Sine dhachaidh agus cha chreid mi, le cead cailleach Liuirboist, nach robh lan thide aice. Chuir i cuairt air a cairdean an Nis agus an Scigerstaidh, agus thainig i air ais do Steornabhagh a ris, agus as a sin dhachaidh air carbad nan litrichean. Tha i nise cho sgith's cho airtneulach agus nach urrainn i cromadh gu fiu beum eorna fhein a bhuain, agus rud is miosa th' ann, thug i taom mhor de'n chnatan leatha dhachaidh. Cho math 'e gu bheil a bhi siubhal gu orduighean, cha chreid mi nach d' fhuair i diol dhiubh air an riag ud, agus nach fhearr leatha fuireach aig an tigh car greise a nise. Cha ghabh Sine bhochd am feasda stigh nach 'eil i fulangach air a bhi siubhal thighean—tha duil aice gu bheil i daonnan og—ach 'n uair a chunnaic i Barabal a thainig comhla rithe, an deidh seachd cleibh mhonadh a thoirt as a' bheinn an diugh, agus i fhein ag altrum goirteas a droma fad an latha, 'a ann a thuig i da rireamh gu bheil an aois chreub-hach ag iadhadh uime gu dluth, agus nach ann leatha fhein a thig ise uair sam bith. Agus tha sibh ag radh rium gur h-e ministear Reidhlean na h-Aitinn (Juniper Green) a tha gu bhi 'n a fhear-cathrach aig Comunn Leodhais agus na h-Earadh am bliadhna. Cha b' urrainn na b' fhearr: 's e fhein an sar-dhuine ged nach da thachair e rium-sa. 'S iomadh neach a bharrachd orm-sa a leugh an leabhar ro-thaitneach ud a sgriobh e mu bhodaich Leodhais, agus ged nach biodh ann ach gu'n do chuir e air cuimhne bhuan, Litrichean a Bearnaraidh. 227 iomradh nan Oriosduidhean còire ud, a bha iomraideach agus mor 'n an latha a thaobh am breithneachadh iongantach air an Sgriobtur, b' airidh e air an onair mhor a tha 'n Comunn a' toirt dha. Dh' innis mi do Shine mu'n naidheachd an uair a thainig i dhachaidh, direach fiach de chanadh i. " 'N e ministear a th* ann," ars' ise, "'s de 'n eaglais's a bheil e?" " 'S e fear de mhinisteirean an Aonaidh a th' ann, a Shine," arsa mise. "B'e 'n obair ministeir e gu dearbh," ars' ise, "bhi air ceann comhlain a bhios ag eisdeachd ri orain dhiomhain agus baoth-8hugradh." Thug sinn fad na h-oidhche a' deasbud mu'n chuis, ach cha robh math. Bha agus tha Sine de 'n bheachd nach'eil còir air an talamh aig ministear air a dhol air aruinn cruinneachaidh sam bith, far am bi orain agus ceol, agus chan 'eil math do neach sam bith fiachainn ris a' bheachd sin a thoirt aisde. A nise, charaid, chan 'eil mi fhein 'n am fhear foghluim na's motha na Sine, ach cha do chreid mi riamh rud mar sud—gu feumadh ministear e fhein a ghlasadh suas 'n a sheomar-meorachaidh fad fin-foinneaoh na seach-duineach, agus tighinn a mach air latha na Sabaid le aodann fada crabhach, gun aoidh gun fhiamh gaire 'n a ghnuis gu bràth. Chan'eil teagamh nach 'eil beachd Sine air a bhonntachadh air na seann nosan a bha aig na Gaidheil a nuas troimh nan linntean bho am an Ath-leasaohaidh. Eadhon 228 Litrichean a Beamaraidh. an uair a bha mi-fhein og, tha mi 'm beachd gu robh sinn a' smaoineachadh nach e duine nadurra bha 's a' mhinistear idir, nach biodh e deanamh dad eadar da cheann na bliadhna ach a' leughadh a' Bhiobuill agus ag urnuigh, agus nach robh feum idir aige air pairt a ghabhail anns na sugraidhean neo-chiontach fallain ud a tha cur surd agus dealas air inntinn oige agus aois, agus a tha 'g an deanamh na's comasaiche air an reis shaoghalta a ruith le feumalachd dhoibh fhein agus do 'n co-ohreutair. Beachd garbh grod a tha sud, tha mi fhein a' smaoineachadh, agus beachd air nach 'eil bonntachadh sam bith 's an Sgriobtur, bho bheil sinne toirt ar n-aon riaghailt seolaidh. 'S còir dhuinn gairdeachas a dheanamh maille riu-san a tha ri gairdeachas, agus nach e gairdeachas mor a th' ann do mhuinntir Leodhais agus na h-Earadh, 9 tha air faondradh an Glaschu mhor na smuide, a bhi cruinneachadh aon oidhche mhor 's a' bhliadhna ann an talla an Glaschu gu bhi 'g eisdeachd ri rogha nan oran an Gaidhlig 's am Beurla agus gu bhi cur eolais air cach a cheile agus a' faighinn naidheachdan na dachaidh. Agus co bu chòir a bhi air an ceann ach ministear a Leodhas, agus gu h-airidh neach a dhearbh e fhein 'n a fhior fhear-duthcha ged a tha thuineachadh an tir nan Gall. Nach e am ministear ceann an t-sluaigh ann an nithean spioradail, agus nach math a chòir mar sin air a bhi dol a mach air an ceann 'n an coinneamhan caidreach cuideachd. Tha còir aige bhi air an ceann 'n a mo bheachd fhein aig Litrichean a Beamaraidh. 229 Alasdair Mor. gach coinneamh agus feisd de'n t-seorsa ud, agus na'm biodh sin mar sin gu h-araidh 'n ar Gaidhealtachd, cha d' rachadh a leithid de dhroch ainm de chuirmean-ciuil agus de dhannsachan agus is maith le cuid de dhaoine bhi cur orra. Bha mi bliadhna bho chionn fada fada aig an iasgach am Bagh a' Chaisteil, agus bha Caitliceach còir a Barraidh comhla rium's an eathair agus's iomadh conaltradh a bha againn mu eaglaisean 's mu chrabhadh. Co dhiu thug e oidhche dhe na h-oidhcheanan suas mi gu cruinneachadh bliadhnail a' choimhthionail Chaitlicich am Barraidh. Bha'n talla loma lan de dh' oige agus de aoia, agus bha tea 's dannsa dol air adhart, agus gu dearbh 's iad a rinn mi-fhein di-beathta 'n an cuideachd. Ach's e rud a mhothaich mi gu robh 'n sagart aca air an ceann fad na h-oidhche, agus nach robh duine 'n am measg a bha cho aoidheil toilichte ris, agus bheirinn m' onair nach robh mi-bheus no droch fhacal am measg na cuideachd an oidhche ud —seadh agus an sagart air an ceann. Thigeadh na ministeirean againn a mach air ceann an cuid sluaigh 'n an cruinnichidhean caidreach agus naomhaicheadh iad gach comhlan mar sin le an lathaireachd, agus bidh beannachd 'n an cois. Mo bheannachd aig Mac Pharlain, Reidhlean na h-Aitinn, agus guidheam oidhche shona dha air ceann a luchd-dutcha an Glaschu. Mise, le muirn, 230 Litrichean a Bearnuraidh. COINNEAMH BHLIADHNAIL COMUNN LEODHAIS AGUS NA H-EARADH. (1925). ORAID PEAR NA CATHRACH. A Charaid Choir, De fhuair mi an diugh fhein ach leth-bhreao de'n oraid a tha an t-Urr, Tormod C. Mao Pharlain, a' dol a thoirt seachad aig cruinneachadh nan Leodhasach agus na h-Earaoh oidhche Haoine so tighinn, agus gabhaidh sibh mo leth-sgial ma bheir mi dhuibh an Gaidhlig, an oraid sin air an t-seachduin so, an aite leantuinn air "turus-cuain" "Reult na Mara." An uair a leugh mi do Shine e a cheart cho luath agus a chaidh mi-fhein troimhe, 'a ann a chord e iongantach math rithe, gu h-araidh an uair a chual' i an aithris lurach a rinn e air ministeirean mora Leodhais 's an t-seann aimsir. " 'S carson a rithist," arsa mise, "bha thu sios air an duine chòir airson a bhi gabhail na cathrach aig coinneimh-chaidreach de a luchd-duthoha fhein." "Cha robh na seann mhinisteirean a bha an Leodhas a' dol an gaoth rud de'n t-seorsa," ars' ise, "agus sin na daoine anns an robh sinne cur ar muinghin." " 'S bochd an rud anns an robh sibh a' cur 'ur dochais," arsa mi-fhein, "agus chan e rud a rinn an gnothuch ri linn Mhic Rath Mhoir a ni a' chuis dhuinne." Tha fhios agam gu'n cord Litrichean a Bearnaraidh. 231 an oraid so ri cailleach Liuirboist cuideachd, agus gu'n can i nach'eil am ministear U.F. ud cho dona agus a bha duil aice. Mo bheannachd aice, bronag, agus a' chiad uair a theid mise gu orduighean Mhic Artair, bidh tea agam comhla rithe. So an oraid ma tha-- " 'S e so an dara h-uair a chaidh onair na cathrach a chur orm-sa le Comunn Leodhais agus na h-Earadh, agus chan'eil ni a bheir a leithid de thoil-inntinn do neach ri muirn a luchd-duthcha bhi air a sealltuinn da air an doigh so. Agus chan e litir "Alasdair Mhoir" anns a' Ghazette is lugha thug de dh' onair dhomh, ged nach 'eil e fhe n agus Sine de'n aon bheachd mu mhinisteirean a bhi 'n an suidhe an cathair de'n t-seorsa so. 'S e eilean iongantach a tha an Leodhas. Thuirt cuid-eigin gur h-e fàd mor monadh a bha ann, tri fichead mile air fad. 'S ro thoigh leam an dealbh a thugadh dha. 'S e sin is coireach gu bheil a leithid de bhlaths, de bhaidh agus de charthannas fuaighte ris na daoine thogadh ann. 'S e "Eilean an Fhraoich" e, agus c'ait a bheil lus air uachdar na cruinne a bheir cridhe Ghaidheil cho luath air ais gu clachan araich ris a' bhadan fraoich a tha bruidheann ris gu diomhair mu'n t-seann dachaidh. Tha dion a' Chuain-siar air an eilean, agus tha sior-onfhadh nan tonn, a tha slachdraich ri a thraigh 'n a mheadhon air smuaintean àrsaidh agus moralach a ghintinn annta-san a tha chomh- 232 Litrichean a Beamaraidh. nuidh ann, agus creididh sinn gur h-ic-madh neach a thug cliu gu Eilean an Fhraoich le a threuntas agus a dheanadas ann an iomadh fion-lios 's an t-saoghal so, a fhuair a' chiad bhoillsgeadh 'n a chridhe air morachd na cruinne le bhi suidhe air traigh na mara a' cumail co-chomunn uaigneach ris na tonnan uaibhreach. Thainig atharraichean air Leodhas agus na h-Earadh 'n a mo latha fhein mar a thainig air a' chuid eile de'n Ghaidhealtachd, ged dh' fhaodadh e bhi gu bheil cuibhle nan atharraichean beagan na's moille's na h-Innse-Gall na tha i air mor-thir Albann. 'S ann air baile Steornabhaigh a b' eolaiche mise, agus 'n am oige bha e lan de chaip-teinean luingeis. Bha iad 'g ar cumail ann an naidheachdan an t-saoghail mhoir a bha air taobh eile Chuain-Sgith, agus le am misneach agus an treuntas a' cur ciocrais annainn gu bhi sireadh ar fortain air bharr nan tonn. Bha Cailean Mac Rishnie am measg nam maighstirean-sgoile bh' ann, agus bha an t-eilean ainmeil a thaobh ligh-ichean, mar a bha an Dotair Muillear, an Dotair Mac Rath, Dotair Ros, Bhuirgh, agus an Dotair Mac Iomhair agus aig an latha 'n diugh cha tionndaidh thu do thaobh an cearnaidh sam bith fo shileadh nan speur gun Leodhasach a thachairt riut aig am bheil driachd dotair no ministeir no oide-fhoghluim de iomadh seorsa. Co nach dean luaidh le speis air seann mhinisteirean Leodhais. Bha an t-Urr. Alasdair Mac Leoid, Uige, air Litrichean a Beamaraidh. 233 thoiseach. Thainig esan do'n eilean a' chiad bliadhna 'n ama so, agus rinn e athleasachadh mor a thoirt 'n a lorg. B'e Mac Rath Mor Dotair Chalmers na Gaidhealtachd, agus dh' fhag e a larach an sgirean Nis, nan Lochan, agus Charlo-bhagh, far an do shaoithrich e gu dian. Nach b' fhiughail Mac Rath Beag Nis a chuir ri cheile "Iorram na h-imrich chuain" agus orain eile. Bha Padruig Mor Mac Ghill' Eathain an Steornabhagh, leomhann Leodhais, cho laidir inntinn ri Iain Knocs, fear a roinneadh focal na firinn le dealas agus cumhachd a bha mor. Ann an Sgire Uige, bha an t-Urr. Iain Caimbeul, a Sgire-Mhoire, tuathanach mor, foghlumaiche eagnuidh, agus smior a' mharaiche, agus's iomadh latha bha sin aige ri dheanamh. A thaobh nan luchd-ceirde bha Steornabhagh lan dhiubh. Bha Sraid an Rudha 'n a bhuthan ghriasaichean gu leir, agus gu dearbh 's e "Sraid nan Ghasaichean" am baisteadh a b' fhearr oirre. Bha iad uile gu math fiosrach 's an diadhachd, agus am feadh's a bhiodh iad a' bualadh an leath-rach le ord, bhiodh an inntinnean a sior chnuas-achadh teagasgan mora a' Bhiobuill. B' iad na buintean aca Tallaidhean na Diadhachd anns am biodh nithean spioradail air am fasgnadh gu h-eagnuidh. Bha inneas fhein air gach aon diubh, agus bha aon fhear gu h-araidh a bha iad ag radh a shluig am foclair, leis cho fada agus a bha na faclan a chanadh e. Cha b'e buthan nan tail- 234 Litrichean a Bearnaraidh. leixean bu ghainne, agus tha cuimhn' agam fhathast a' fàileadh tungaidh a bhiodh annta 'n uair rachadh na h-iarruinn air an aodach aitidh. Cha robh an Gazette an Steornabhagh an uair sin, ach gheibhte naidheachdan de gach seorsa gne bho na tailleirean a bha 'a a' bhaile an uair ud. Cha b'e na saoir bu lugha farum agus bha aon aca cho math air toirt gheallaidhean ri aon de mhinisteirean a' Chruin an diugh, agus air a shon sin thugadh "mac na firinn" mar ainm air. Bha aon eile cho math air ol deoch a' bhuaireis, 's gu robh 'p. t-sròn aige cho dearg'a gu faodadh tu do phiob a lasadh rithe. Ach chan fheum mi di-chuimhn' a dheanamh air piuthar Leodhais—'s e sin na h-Earadh. Ged a tha am fonn ann creagach ciar, agus am beagan fearainn a tha ann air sileadh air falbh le linntean de thuiltean, 's iomadh treun-fhear agus maigh-dean mhiog-shuileach a sheol as an Tairbeart airson loinn agus maise chur air Iompaireachd Bhreat-uinn, a' dearbhadh dhuinn gur h-ann air innean a' chruadail a tha taghadh a' chinne daonna air an cumadh agus nach ann air sunnagan itean. Co h-Earach nach dean gairdeachas ri cuimhne air Iain Gobha 'n t-Srannda» duine aig an robh inntinn agus cridhe a bha linn air thoiseach air an latha's an robh e beo, soirbheasach dileas Dhe a fhuair inntrigeadh speiseil do chuirtean nam Flaitheas. Mar a thog Iain Gobha suidheachadh spioradail muinntir na h-Earadh 'n a latha, tha Litrichean a Bearnaraidh. 235 Morair Leverhulme, Port an t-Siabuinn ghrein-ghil, a' fiachainn ri cor aimsireil nan eileanach d a thogail an diugh—agus gu'n eireadh an rathad geal roimhe's an oidhirp. Mo bhuidheachas buidhe dhuibh uile airson an onair a chur sibh orm, agus gu robh gach beannachd 'n ar bascaid agus 'n ar stor bho'n am so agus gu bràth." Mise agaibh, gu dileas, Alasdair Mor. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"—I. Fhir Ionmhuinn, Tha mise creidsinn gu'm bi mo bhanacharaid, cailleach Liuirboist, a' gabhail mor-ionghnadh nach'eil barrachd eachdraidh agam air Sine anns na laithean so, ach gu dearbh leis gach drip a tha ann, chan'eil e idir soirbh a bhi tighinn air na h-uile cuspair anns an cuir Sine a bial, agus chan'eil mi airson litir ro fhada chur thugaibh an drasda agus fios agam cho dripeil agus a bhios sibh timchioll air aithris cuisean an Taghaidh Pharlamaideach. Ach tha Sine air a sar dhoigh anns na laithean so, a chionn gu bheil Mac Neill còir air 236 Litrichean a Bearnaraidh. tighinn a Barraidh airson na birlinn a thog Scottie dha a thoirt leis dhachaidh agus tha sinn gu dripeil ag ullachadh an turus-cuain aice. 'S ann Di-luain so chaidh a thainig Mac Neill air tir am Bearnaraidh. Thug e corr agus seachduin eadar so agus Bagh a' Chaisteil, agus gu dearbh's e fior ghnothuch nàrach a tha ann gu bheil a leithid de mhi-ghoireas ann a bhi deanamh turuis mar sud eadar eileanan nan Innse-Gall, seadh gu h-araidh na'm biodh cabhag na h-eiginn air neach aig an am. Air son Mhic Neill dheth tha e coma: tha airgiod gu leor aige; agus chan'eil cabhag ro mhor air, agus bho'n a tha e fhein 'n a dhuine cho fior ghasda, gheibh e gabhail ris gu cairdeil ge b'e aite 's an tuit an oidhche air, agus de'n teiste 's ionmholta air neach na sin. Chuir e seachad oidhche an Loch-nam-madadh a' ceilidh air seann chairdean, agus rinn e Tairbeart na h-Earadh dheth le bàta-smuide Mac a' Bhriuthainn 's a' mhaduinn Di-mairt. Cha robh e riamh roimhe's na h-Earadh ach gu dearbh cha do mhill sin a thurus air. "An uair a chaidh mi air tir air a' cheatha," ars' esan, "bha grunnan math dhaoine, og agus sean, an sin a' coinneachadh a' bhàta, agus 'n am measg chunnaic mi ministear agus chaidh mi bhruidheann ris airson seoladh fhaighinn air an t-slighe gu Bearnaraidh." "Gabhaibh mo leth-sgial, a charaid," ars' am Barrach, "ach tha mi 'n am choigreach an so agus tha mi 'g iarraidh faighinn gu Bearnaraidh mo ghabhas e deanamh." "Seadh gu Bearnaraidh," ars' am Litrichean a Bearnaraidh. 237 ministear, "agus co air a tha thu dol a choimhead an sin ?" "Tha, air Alasdair Mor agus Sine agus Scottie," ars' esan: "tha Scottie a' togail eathair dhomh agus tha mi nise dol air a toir." "Tha thu dol a dh' amharc air daoine gasda am Bearnaraidh, ma tha," ars' am ministear,—"chan'eil teagamh nach fhaigh thu coibhneas agus baidh an sin, agus ma tha Scottie cho math air togail eithrichean agus a b' abhaist dha, cha bhi ceum de aithreachas ort gu'n chuir thu an gnothuch 'n a lamhan." "Tha sibh ro cheart," arsa Mao Neill: "bha mi am Bearnaraidh ma tha, agus cha dhi-chuimhnich mi am feasda an coibhneas agus an carthannas a thachair rium an sin." "C hit' an robh thu fuireach?" ars' am ministear. "Bha mi da oidhche comhla ri Alasdair Mor, agus oidhche eile aig bean Bhill, an te tha cho lamhchar air cur nam ballan." "Cha ruig thu leas a bhi 'g innse dhomh," ars' am ministear, "'s e tha sin boirionnach ro fheumail. 'S iomadh duine chuir i dhannsa le cur a' bhallain orra, 's e sin na'm bu diu leotha dannsa dheanamh. 'S tha thu 'g iarraidh gu Bearnaraidh, ach feumaidh tu faighinn gu Steornabhagh an toiseach, agus theid thu suas comhla rium-sa an drasda a' dh' ionnsuidh an tigh-osda agus chi sinn c'uin a tha carbad-oladh dol a null air a' Chlisam." Thug am ministear gasda suas e a dh' ionnsuidh an tigh-osda agus fhuair e mach an sin gu robh carbad -oladh fagail trath 's a' mhaduinn an ath latha le dithis dhaoin* uaisle gu Steornabhagh agus 238 Litrichean a Bearnaraidh. ghealladh suidheachan dha. B'e sud an t-Urr. Donnchadh Mac Leoid, mar is math a thuig mi cho luath ague a chuala mi an eachdraidh, agus gheall e tadhal air an uair a thigeadh e timchioll leis a' bhirlinn uir aige. Chuir Mac Neill seachad an oidhche sin an tigh-osda an Tairbeirt, agus bha e 'g radh rium nach robh e ann am moran de thighean-osda riamh cho comhfhurtail rianail ris, agus tha e coltach gu bheil an cliu sin air an fhardaich aig gach duine bhios a' tadhal ann. Choisich e mach gu Tigh nam Muc am Bun Abhainn Eadar, feasgar, ach gu mi-fhortanach, cha robh closach aca ri fhaicinn—bha iad uile air an leaghadh 's air am pronnadh an latha sin agus bha na bàtaichean 's a' chuan am muigh ag iasgach an tuilleadh dhuibh. Chunnaic e na rathaidean-mora tha Leverhulme a' deanamh agus fhuair e sealladh air an talla dhannsa thog e dhoibh 's an Tairbeart—aon de na nithean a tha aig Sine againne an aghaidh a' bhodaich bheartaich. 'S e chanas ise gu bheil oigridh na h-Earadh gorach gu leor ged nach biodh cothrom aca bhi caitheamh am brogan agus an slainte ri leum mar na sithichean air urlar-dannsaa. Ach bha'n carbad oladh aca gu math trath an ath mhaduinn agus bho'n a bha fios aig Mac Neill gu robh Steornabhagh gun uisge-beatha, thug e leis da bhotul de "Iain Fada" a tigh-osda an Tairbeirt. Mar a d' rinn sinne gaire 'n uair a chuala sinn mu Steorna- Litrichean a Bearnaraidh. 239 TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-II. Phik Ionmhuinn, Thuirt mi ruibh cheana gu'n do chuir teachd Mhic Neill Bharraidh surd iongantach air Sine, agus gu dearbh chan'eil mise cur an aghaidh nach bu chòir cuisean a bhi mar sin. 'S e smior aa duin' uasail a tha ann, agus cha bhi neach fada 'n a chuideachd an uair a chi e sin. Ach 's e chuir a' mhoit air Sine seach gach ni eile, an tiodhlac grinn snasail a thug Mac Neill thuiae—'s e sin lochran Aladdin, seorsa ur a thainig a mach bho chionn bhliadhnaichean agus tha e coltach gu bhagh gun uisge-beatha—~'s fhada uaithe ghabh e, ach gun teagamh, cha bhiodh e soirbh do'n Bharraoh lorg fhaighinn air aon de na pràbain agus e 'n a choigreach 's a' bhaile. Bha e an Steornabhagh direach ann an tide airson carbad-oladh Dhomhnuill Mhurchaidh Chailein a ghlacadh, agus chuir e an oidhche sin seachad an tigh Dhomhnuill Mhurchaidh Phiobaire am Breascleit —oidhche cho sona, thuirt e, 's a chuir e seachad riamh. Mise agaibh, Alasdaib Mob. 240 Litrichean a Bearnaraidh. bheil feill ro-mhor orra a chionn gu'n toir iad seachad solus geal dearrsanta a cheart cho dealrach ri solus na greine. 'S e "lampa na greine" a thug Sine air—cha robh cuimhne aice air an fhacal eile, agus gu dearbh 's e fior bhaisteadh a rinn i air. Cha shaoil thu dad dheth seach lochran buird eile, fhad's a tha e as, agus chan'eil dad 'n dheanamh suas ach sibheag agus oladh pharaffin agus simileir, ach tha stocain ghrinn gheal le fidhe tholltach, air a socrachadh le bior iaruinn os cionn na Bibheig, agus an uair a tha an lasair a' beothachadh a stigh 's an stocain sin, tha'n solus a tha lochran a' deanamh a cheart cho soilleir ri trath-neoin air Latha Ghille Eathain 's an t-samhradh. A dhuine, chan'eil oidhche againn 's an tigh a nise aon uair's gu'n d' thainig lochran a' Bharraich. Agus rud cha mhor tha mi creidsinn, nach can sibh gur h-i bhriag a th' ann, ach chan e: bha bean Chaluim Ruaidh a' tighinn a nuas an leathad am bial a' cho-thrath an oidhche roimhe, agus leugh i gach facal de litir a fhuair i bho Anna, a nighean, le solus "lampa na greine" agus e a' dearrsadh a mach air an dorus. Thainig Mairi Mhurchaidh a nuas air cheann turuis an oidhche roimhe agus 's ann a chuir dearrsadh an tighe againn uamhas oirre—bha duil aice gu robh an tigh 'n a theine. "Nach ann a tha an solus an neamh fhein, a Mhairi," arsa Sine, "an uair a ni innleachd dhaoine solus na greine thoirt dhuinn air an dubh mheadhon- Litrichean a Bearnaraidh. 241 oidhche." " 'S ann, a Shine," arsa Mairi, "ach chan e solus lampa thig a Barraidh a bhios ann— cha bhi oidhche idir ann"—agus thug na boir-ionnaich greis air deasbud mu'n chuis, gus an d' rainig mi-fhein agus am Barrach agus sinn air tighinn dhachaidh an deidh a bhi deanamh ullachaidh airson seoladh comhla ari Scottie. Gu dearbh tha mi-fhein ro-thaingeil airson na loch-rain. Chan'eil e gu deifir co dhiu 's ann air an dresair no air a' chiste mhine, no air sceilp an t-simileir a bhios i "n a suidhe, faodaidh mi an "Gazette" agus am Biobull a' leughadh gu socrach 'n am shuidhe ri taobh an teine anns an t-sunnaig a rinn mi-fhein air a' bharaille ubhlan a thainig air tir aig a' phort, agus aig a' cheart am tha e a' sgaoileadh gathain soluis agus tior-alachd anns gach oisean. "Feumaidh tu na cuiltean a' sguabadh gu ro-mhath a nise," arsa Mairi ri Sine an oidhche ud: "chi daoine do thigh a nise na's fhearr air an oidhche no chi iad e air an latha." Tha mi-fhein agus am Barrach gu dripeil ma tha, a' deanamh ullachaidh airson na h-iubhraich aige thoirt dhachaidh. 'S e cuairt mhor a bhios ann agus 's mi-fhein air a bheil an fhadachd gus an teid mi air turus-cuain fada aon uair eile mu'n càirich mo chairdean am Bostadh mi. Tha moran ag iarraidh air bord, agus tha Mac Neill a' toirt cuiridh chridheil do gach duine. Tha bean Chaluim Ruaidh airson a dhol do'n Tairbeart a q 242 Litrichean a Bearnaraidh. dh' amharc air an Dotair Ros agus a bhean; tha bean Chalum Aonghais Iain, a Cul-a-chodainn, airson cuairt a thoirt do'n Scarp a dh' amharc air a' mhaighstir-sgoile agus a bhean; tha ciad cuireadh aig bean Bhill airson a dhol do Bharraidh leis a' bhallan, agus direach an diugh fhein, fhuair am Earrach litir bho charaid an Clachan-a-ghluip, an Uibhist a Tuath, a' foighneachd am b' urrainn do'n eathair stad an Loch-nam-madadh airson gu rachadh bean Bhill do'n Chlachan gu seann bhodach a tha air a leireadh bho chionn bhliadhnachan le siataig's an da ghlun. Chan'eil e gun teagamh soirbh do bhean Bhill an tigh fhagail leis fhein cho fada, ach tha i dol ann, agus, mo lamh-8a, gu'n dean i feum mu'n till i. Tha'n sgioba againn air a lorg cuideachd. Tha Scottie fhein gu bhi air an stiuir mar is trice, agus le Calum Sheorais mar fhear-iuil, cha bu chòir gu'n eireadh beud dhuinn. Tha Iain Fhionnlaigh agus Murchadh Knocs agus mi-fhein a' deanamh suas na h-aireimh, agus, nach 'eil mi cho toilichte innse dhuibh, gu'n d' thainig direach air a' mhionaid so fhein, luath-sgial bho Dhomnull Mhurchaidh Piobaire gu bheil e fhein airson an turuis a ghabhail gu Iochdar an Uibhist a Deas, a cheannach each Uibhisteach airson tarruing na monadh. Bidh cuideachd chridheil againn, a charaid, agus biodh stoirm no fiath ann, chan'eil sinn gun mharaichean cruaidh laidir a dhearbh bho chian an eolas air racadh nan tonn. Litrichean a Bearnaraidh. 243 Alasdair Mor. Bha sinn ag amharc air an eathair an diugh agus's fhada 'n t-saoghail bho nach do bhuail mo shuil air culaidh cho fior eireachdail. Tha i da-fhichead troidh air fad agus ochd troidhean diag air Had, agus tha i air a togail airson asuinn-tharruing (engine) a bhi air a chur an eas an deidh laimhe. Tha tri siuil rithe, seol-mor, seol-toisich, agus seol-spreoid, agus tha gach ball agus cnag agus fulag gun mheang air an deanamh de'n stuth is fearr agus is maireannaiche. " 'S e 'Reult na Mara' an t-ainm a tha Mac Neill airson a thoirt oirre, chionn gur h-e sin aon de na h-ainmean a tha air an Oigh Muire ann an seann laoidhean Gaidhlig. Bha am Barrach ag innse dhomh an diugh gur h-e sud an t-ainm a bha air a' chiad bhàta-iasgaich a bha aige riamh, agus gur h-ann an eilean Eirisgeidh a cheannaich e i, agus nach mor gu'n deachaidh e riamh a chur leatha gun mor-shoirbheachadh a bhi leis. Rud a b' iongantaiche na sin, thuirt e rium gu robh e 'n a fhasan aig Mgr Ailean còir, sagart Eirisgeidh, a bhi cuartachadh Aìfrionn ann am bàtaichean-iasgaich an eilean aige, agus gu robh mor-shoirbheachadh a' lean tuinn nan iasgairean. Nach do shearmonaich am Maighstir fhein am bàta Pheadair agus tha fhios againn an t-iasgach mor a lean sin—ach cha chreid sinne dad an diugh mur a faic ar suilean corporra e,—agus tha bhuil oirnn. Mise, le muirn, 244 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"-III. Fhir mo Chridhe, Gu tighinn air ais gu mo chunntas mu ar turus-cuain, ma tha,, fhuair sinn fo sheol a Tòb Scottie an Circebost mu mheadhon-latha Diluain so chaidh, agus abradh sibhse gu robh iomadh ullachadh ri a dheanamh mu'n do thachair sin. Ach mar a dh' innis mi dhuibh cheana, tha airgiod gu leor aig Mac Neill agus bha e ceart a coma de chosgadh an t-ullachadh dha, fhad 's a bha fhios aige gu robh e faighinn bàta bha comasach dealbhach anns gach cnag agus tarrag a chuireadh an sas innte. Bha carbad-oladh Dhomhnuill Mhurchaidh Chailein air an rathad fad da latha eadar Breascleit agus Steornabhagh a' tarruing na siuil agus gach achfhuinn eile nach d' rinneadh am Bearnaraidh, agus bha. birlinn Chaluim Sheorais air sàl fad na tide cheudna toirt gach asuinn dhiubh sin gu cliathach "Reult na Mara" agus bu chalma tapaidh an sgioba a Circebost agus Breacleit a bha cuideachadh Scottie ann an cur gach breid agus rop an deagh ordugh seolaidh. Fhuaradh gach cuis air adhart gu h-ordail agus mar sin an ciaradh an fheasgair Di-sathuirne bha "Reult na Mara" ullamh gu gabhail gu sàl, agus b'e breith gach maraiche crodha bha an lathair gur h-i fhein a b' fhiach a dhol air bord oirre seach iubhrach a chunnaic Litrichean a Bearnaraidh. 245 iad riamh a' fagail nan caol so. Tha mi-fhein de'n bheachd gur h-e fior dhuine math a th 'ann a Mac Neill. Chuir e seachad moran de'n t-Sabaid ag urnuigh airson a shabhailteachd fhein agus cobhair na sgioba aige air an rathad, agus dhearbh e dhomh gu'm biodh muinntir Bagh a' Chaisteil a sior urnuigh airson sabhailteachd an turuis aige a chaoidh gus a faiceadh iad "Reult na Mara" a' bogadh an acaire aig ceadha meadhonach Bagh a' Chaisteil. Cha chreid mi gu robh Sine toirt moran creideis do'n chuis, ach 's e na griogagan a bha toirt oirre-se bhi gabhail blas a' chragain de'n ni—direach a chionn 's nach robh i fhein cleachdte riu, ach gu dearbh, b' fhearr leam fhein na griogagan gun teagamh na seis an fhuar chrabhaidh a bhios cuid a' cur air an guth ag urnuigh. Bha sinn uile gu math trath air ar cois 's a' mhaduinn Di-luain. 'S ann ri bean Bhill a dh* fhagadh baisteadh na luinge an urra, agus mar a leugh am Barrach fhein an litir Bhearnaraidh an uiridh, bu ghrinn deas a rinn i an onair sin a chur air birlinn Chaluim Sheorais. Bha mi-fhein agus Sine agus am Barrach a stigh aig an eathair beagan an deidh deich uairean 's a' mhaduinn, agus mar a bha sinn ag ealadh sios gu port Scottie, chitheadh tu duine thall agu6 a bhos a' deanamh air an aite gu bhi ann an deagh am airson an cead a ghabhail de'n chuideachd a bha dol gu sal. Thainig bean Chaluim Aonghais Iain le surd 24$ Litrichean a Bearnaraidh. Liirichean a Bearnaraidh. 247 bost, airson bàta thogail dha. So obair Scottie a tha sibh a nise faicinn le 'ur suilean agus saoilidh mi gur h-e obair saor sàr-bhuille a tha ann. Tha i nise ullamh gu dhol gu sàl, agus an ainm a' chomhlain gu leir guidheam soirbheas math dhith anns gach fairge 's an cuir i a sron, agus air iarrtus an fhir do 'm buin i tha mi 'g eigheach oirre "Reult na Mara," ainm naomha, na'n gabhamaid a stigh e—agus gu robh dian an fhreasdail oirre fhein agus air gach neach a theid air bòrd innte gus an teid i 'n a sean aois 'n a mile clar." Shin Mac Neill botul de fhion Frangach de bhean Bhill, agus air criochnachadh na h-oraid dhith bhris i am botul mar a bha e ri cliathaich na luinge, agus direach mar a thuirt Mairi Mhurchaidh aig an am, rinn eadhon faile na dibhe ud feum do gach neach a bha'n lathair. Air do bhean Bhill an oraid a chriochnachadh chuir a' chuideachd uile suas iollach a bha aighearach, agus chaidh Mac Neill timchioll air a' chomhlan mar a bha iad le drama de "Iain Fada" agus dh' ol gach neach le aoibhneas deoch-slainte "Reult na Mara." Thug Mac Neill taing thogar-rach do bhean Bhill airson cho dealasach durachdach agus a rinn i baisteadh a' bhàta chur air adhart, agus thuirt e nach tigeadh an latha b' urrainn da coibhneas agus baidh muinntir Bhearnaraidh a dhi-chuimhneachadh. Chuir an sin gach neach a bhonn an tacas agus a ghualainn ri eathair Mhic Neill, agus an taing sin do'n asuinn a bha iongantach agus maileid ur nodha aice fhuair i dhachaidh a Dun-eideann bho Chatriona. Air a sàil rainig bean Chaluim Ruaidh as an Tobha air a slighe dh'ionnsuidh an Tairbeirt, agus Mairi Mhurchaidh 'n a cois a' cumail bras chomhradh rithe sios lonaig Scottie. Bha bean Bhill ann an cuideachd Mhurchaidh Rnocs agus Iain Fhionnlaigh, agus maileid air chumadh annasach aice fhein a fhuair i airson gleidheadh a' bhallain agus na goireasan eile dh' fheumadh i airson na slighe, agus timchioll an rudha aig an aon am thainig Domhnull Mhurchaidh Piobaire agus Calum Sheorais ann an eathair geal an tigh-sholuis agus bratach Bhreatuinn a' snamh gu moralach 's an tlath-ghaoith shios 'n a deireadh. Bha an sgioba nise cruinn gu leir agus bho 'n a bha sinn airson an latha math a ghabhail 'n a thoiseach, cha do chuir sinn moran dalach anns an dleasdanas a bha romhainn. Chuir sinn Calum Sheorais 's a' chathair air ceann na cuideachd agus air dhasan aobhar ar cruinneachaidh a mhineachadh, ghairm e air bean Bhill airson am bàta a bhaisteadh. Sheas i air an ard-urlar air an robh am bàta air a togail agus chuir i a lamh gu socrach air deireadh na h-iubhraich. Ars' ise, "So an dara h-uair a chuireadh an onair so orm-sa, agus 's mor an t-aobhar uaill a tha e toirt dhomh. Cha bheag an sasuchadh dhuinne an eilean Bhearnaraidh gu'n d' thainig Ioseph Mao Neill còir, ceum gach a direach, a Bagh a' Chaisteil, gu Scottie an Circe- 248 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—IV. Fhir Iommhuinn, Chan fhaca sibh riamh 'n 'ur beatha sealladh na bu bhoidhche na "Reult na Mara" ag ealadh gu socrach seimh a mach bho phort Scottie air a' mhaduinn aluinn ud. Bha Mao Neill 'n a sheasamh gu direach 'n a toiseach agus e a' leigeadh beannachd le durachd an deidh eileanaich air an do ghabh e a leithid de thlachd ged nach robh e ro fhada 'n am measg. Bha Scottie fhein air an stiuir agus shaoileadh tu air nach robh e fichead bliadhna dh' aois leis an uaill a chuir obair a lamh air, agus's ann orm fhein gu dearbh nach robh an t-ionghnadh ged a bha gnothuichean mar sin. Chuireadh an iubhrach ud prois air neach sam bith a thogadh i. Bha na boirionnaich 'n an seasamh air tobhta chruinn agus gach te aca smeideadh le muirn ris na cairdean a dh' fhag iad car tiota 'n Litrichean a Bearnaraidh. 249 an deidh. Bha mi-fhein duilich airson Sine bhochd, nach b' urrainn dith tighinn agus a deidh oho mor air a bhi an comunn Mhic Neill, ach bha e eucomasach dhith an tigh fhagail agus mar a thuirt Mac Neill fhein rithe's an dealachadh, cha bhiodh aice air ach a bhi cuimhneachadh air, gach uair a chuireadh i coinnean ri "lochran na greine,"—agus mur h-eil mise air mo mhealladh's grinn an cuimhneachan a dh' fhag e againne co dhiu air togail "Reult na Mara." Bha an aimsir, agus a' ghaoth gu h-araidh, mar gu'm biodh iad air an deanamh air ar son fhein, agus mar sin an uair a fhuair sinn cuibhteas an cladach gu math thog sinn na siuil ura ri crannaibh, agus's ann an uair sin da rireamh a bha maise a' bhàta ag ardachadh a cliu, agus a' dearbhadh dhomh fhein co dhiu nach' eil ni air an amhairc suil duine cho lurach dealbhach ri bàta fo a lan sheol agus soirbheas fabharach 'g an lionadh. Cha robh Mac Neill fhein a' togail a shula dhith idir leis cho math agus a bha a' chulaidh a' cordadh ris. Thuirt e ruinn gu robh e 'n a fhasan aig luchd na h-eaglais aige-san bhi cantuinn "Laoidh an Iasgair" an uair a bhiodh eathair ur mar sud a' dol air a turus maighdeanais gu cuan, agus air mo shon fhein dheth, rinn mi gairdeachas gu robh mi an cuideachd neach aig an robh creideamh cho bunaiteach anns an aidmheil a bha e a' deanamh. Chaidh an duine coir an sin air a ghluinean air clar uachdar na luinge, chuir e comharradh na iongantaich a dhealbh Scottie, chuir uinnleag no dha bho'n chuideachd threin gu luath chum sàile i, agus mar sin sheol sinn. Mise, le meas mor, Alasdair Mor. 260 Litrichean a Bearnaraidh. 'Litrichean a Bearnaraidh. 251 'N uair is fheudar dhuinn bhi tilleadh, Stiuir thu cinnteach sinn gu cala. Ma chuir thu oirnne seach ar feuma, Chan fhaicear leinn an deirceach falamh. Na leig thugainn bàs le graide, Orduich sagart bhi m'ar timchioll; Naomhaich le t-Ola's le d' Chorp sinn, Mu'n teid anam bochd air iomrall." Chuir aithris na laoidhe ud samhchair thiamh-aidh air inntinn gach aoin againn, agus mhothaich sinn uile gu robh sinn an comunn neach aig an robh mor-chreideamh anns an aidmheil a bha e a' deanamh. 'S iomadh mile uair, tha mi creidsinn, a rinneadh a' cheart laoidh ud aithris le marai-ohean crodha nan Innse-Gall anns na laithean sona ud bho shean anns nach robh an dara neach aT beumadh an neach eile a thaobh na h-eaglais anns an robh e 'g aoradh. Fhuair iad neart agus taic spioradail anns a' mheadhon crabhaidh ud, agus thog iad na siuil le creideamh gu robh Dia timchioll air an sgothaidh, agus gu robh dion an fhreasdail 'g an cuartachadh a dh' aindeoin cho gruamach 's a bhiodh gnuis aognaidh na fairge. Ghabh bean Chaluim Ruaidh annas iongantach de'n laoidh agus cha do stad i .gus an d' fhuair i a' cur air fonn "An t-eilean Muileach," agus nach ann a . thoisich sinn uile ri seinn airson a h-ionnsachadh, agus cha do sguir sinn dhith gus an robh sinn a mach mu Chragam a' deanamh air an Scarp. Mise, le muirn, croise air, agus ghabh e gu socair deas bhriathrach an laoidh a leanas, 's tha mi creidsinn nach misde le mo bhana-charaid, cailleach Liuirboist, a cluinntinn. "Dia bhi timchioll air an sgothaidh, Mu'n imich i gu doimhneachd mara; Slig' air linne dhuinn a treuntachd Mur h-eil freasdal De 'g a faire. Faiceamaid do shoillse, Mhuire, 'N uair tha stoirm is oidhche gleac ruinn; Gur a tusa 'Reult na Mara,' 'S e fair an eiginnich do chleachdadh. Aingil ghil, dean thusa iuil dhuinn, Threoraicheas ar siubh'l feadh gharbh-thonn Sgiath do churam sgaoil mu'n cuairt dhuinn, 'N uair chinneas gruaim air gnuis na fairge. Guidheamaid do thaic-se, Pheadair, Gun thu leigeil beud 'n ar caramh; Chuireadh muinntir cuain 'n ad fhreasdal, ¦ Teasruig sinn bho as-call mara. Gur a buidhe dhuinn an cosnadh, Bha na h-Ostail fhein a' cleachdadh: 'S minig bha Mao-De 'n an cuideachd, Cur an tuigse dhuinn a thlachd deth. Dhia, beannaich dhuinn ar driamlach 'N lion, 's gach inneal-glacaidh th' againn Iomain thuca mar is iomchuidh, Spreidh tha 'g ionaltradh's an aigeann, Beannaich thusa dhuinn ar curachd, Chan urrainn nach tig cuibheas oirre: Gu'm mealamaid a' bheannachd Bharrach, Toradh mar a Cuile-Mhuire. Alasdair Mor. 252 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—V. A Charaid Choik, 'N uair a bha sinn a mach gu math air chul Bhearnaraidh Bhig rinn sinn ullachadh airson ar dinnearach, agus thug sinn urram na cocaireachd do Chalum Sheorais oir 's math a bha fhios againn nach b' e sud a' chiad uair a chuir Calum airde air biadh blasda dheanamh air druim na fairge, agus air mo shon fhein dheth co dhiu, cha robh mo chail riamh cho geur agus a bhitheadh i an uair a shuidhinn air tobhta bàta airson sasuchaidh a thoirt do chiocras a bhiodh orm, agus creididh mi gu'n can gach iasgair eile a bha cho fada rium-sa a' racadh nan tonn, an ni ceudna. Cha robh dith bidh no dibhe oirnn. Rinn Scottie ciste ghrinn airson gleidheadh a' bhidhe, agus bha cruachadh oirre, cho lan agus nach duineadh am bord uachdrach oirre. Thug bean Bhill leatha lan poca de "bhuntata an t-soithich" agus bho Chalum Sheorais thainig cuinneag lan de sgadan mor a' Ghallain air a dheagh ghiollachd. Bha bascaid ann bho bhean Chaluim Ruaidh lan de bhonnaich mhilis, meilbheagan (pancackes), agus briosgaidean cruaidhe. Thug Niall Alasdair dhuinn leth-dusan soitheach de bhainne na bà nach' eil beo, agus fiachadh sibh se nach e bean Chaluim Aonghais Iain a bha turail 'n uair a thug i leatha botul bodaich lan uisge-bheatha airson teasairgin air na Litrichean a Bearnaraidh. 253 boirionnaich an uair a thigeadh taom de' n tinneas-mhara 'n an rathad. Ach tha e coltach gu robh cungaidh-leighis na b' b'fhearr na' n t-uisge-beatha a' feitheamh air cur na mara. Fhuair bean Chaluim Ruaidh botul bho' n Dotair Padruig ann an Steornabhagh airson casg a chur air an tinneas-mhara, stuth soillseach dearg air dhath fion Frangach, agus dh' iarr e oirre an deagh bhalgam dheth a ghabhail an uair a dh' fhairich-eadh i comhstri 'n a stamaig, agus gu'n cuireadh an stuth i mar gu'm b' eadh eadar dha lionn air chor 's nach mothaicheadh i do 'n bhàta a' reubadh na mara. Chaidh smàglach mhath de'n bhuntata aig bean Bhill a chur am poit air bradhadair mor teine, agus am feadh 's a bha Calum Sheorais an sas ri so, bha Domhnull Mhurchaidh Piobaire gu sgiobalta a' cutadh agus a' glanadh 's an t-sàl aig deireadh na h-eathair, rannaich ura thug e a baile Steornabhaigh an latha roimhe sin, agus mu'n tarradh tu sealltuinn, bha iad-san a' bras ghoil ann am poit eile, agus gach runnach mar a bha fas bruich, chitheadh tu an t-earball aige 'g eirigh 's a' ghoil mar gu'm b' eadh a' toirt caismeachd do'n chocaire gu robh an t-am esan a' leigeadh mu sgaoil. 'S e'm Barrach fhein a bha air an stiuir agus gu dearbh gu'n taing do mhuinntir Bhearnaraidh agus an deagh stiuireadaireachd, agus is firinn sin, tha esan easgaidh air chul an fhalmadair. Bha ceol againn cuideachd. Bha bocsa Sine agam 254 Litrichean a Bearnaraidh. fhein agus bha mi cluich phort air an drasda agus a ris, agus tha mi creidsinn gu'n do ruith bean Chaluim Aonghais Iain air seachd de sheann orain Uilleim Rois, agus gu dearbh ma tha 'n t-urram aig Calum Aonghais Iain a' stiuireadh seinn na h-Eaglais Dheirg, chan i bhean aige dad is miapaidhe air chul nan oran Ghaidhlig, agus 's iad a chord ri Mac Neill—bha orain Uilleim Rois ur dha, ged tha ciadan aige de sheann orain eile. Le so bha an dinneir deiseil, agus chaidh am buntata 's na runnaich a' sgaoileadh air clar-uaohdar na luinge. Bha am buntata air fhagail's a' phoit 's an do bhruicheadh e, agus thaomadh na runnaich ann an ceann poit a' bhuntata, agus bha gach neach a' toirt a chuid a comaidh a reir 's mar a bhiodh a chàil a' cur leis agus abradh sibh-se gu robh seoighn againn. Chuir bean Chaluim Aonghais Iain timchioll am botul bodaich, agus thug sinn eteoram an duine as, direach mar a dheanadh a poiteirean eile, agus chuir a' bhoinneag ud faobhar air ar n-acras, agus dh' ith sinn uile le sunnd ar seachd sath de na trocairean blasda, agus thug Mac Neill taing an ainm na cuideachd do 'n Fhreasdal chaomh a chuir lon cho taitneach milis oirnne air uachdar na fairge. Cha robh tinneas's cha robh eagal no sgaig air neach de 'n sgioba, agus c' uime bhiodh: bha an fhairge cho sitheil ri looh muille, agus bha cumhachdan nan speur gu leir mar gu'm b' eadh a' deanamh gairdeachais maille ruinne air turus Litrichean a Bearnaraidh. 255 maighdeanais "Reult na Mara." "Chan fhaic sibh aimsir na 's miosa na so gus an ruig sinn uil© Bagh a' Chaisteil am Barraidh," arsa Mao Neill. "Bha mise 'g urnuigh airson an t-side so gu durachdach, agus fhuair mi eisdeachd." Mise, le meas, Alasdair Mor. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-VI. Fhir Ionmhuinn, An uair a bha sinn seachad mu Bhreidhnis air an fheasgar aluinn ud, bha Scottie ag innse do Mhac Neill mu eachdraidh "tigh nan oailleachan-dubha" ann a' Mialastaidh, agus bha am Barrach ro dheonach gu rachadh sinn air tir airson cuairt a thoirt timchioll air an laraich ud far an robh iomadh urnuigh dhurachdach air a cur suas anns na seann laithean 'n ar n-eilean, ach bha eagal oirnn, ged a rachadh sinn air tir, gu'n tigeadh an oidhche dhubh mu 'm faigheadh sinn air ais, agus nach biodh sin freagarrach agus na feasgair an drasda cho goirid agus dorcha, agus le sin rinn sinn direach air Caolas an Scarp far an robh sinn a' dol a chur seachad na h-oidhohe. Cha b' fhada gus an d'rainig sinn agus an d' fhuair 256 Litrichean a Beamaraidh. sinn fradharc air an eilean ghasda ud air am b' abhaist dhomh fhein a bhi gle eolach an uair a thoisich mi ris na giomaich an toiseach. Bha duil aig a' mhaighstir-sgoile ruinn uair-eigin mu na laithean ud, agus le sin bha a shuil ri cuan gach trath airson 'Reult na Mara' fhaicinn a' nochdadh air fàire. Binn Scottie dudach de adharc ruda fhuair e aig an airigh aige fhein an latha chuir sinn an crodh gu gearraidh am bliadhna, agus thug e leis i air an turas airson caismeachd a thoirt seachad na'n tigeadh ceo no aimlisg sam bith eile 'n ar rathad air an t-slighe. Thug Domhnull Mhurchaidh Piobaire sgal no dha aisde an uair a bha sinn a' teannadh a steach ri Caolas an Scarp. Cha luaithe thug sinn a' chaismeachd na chunnaic sinn na Scarpaich am muigh air na cnuic agus chaidh bratach Bhreatuinn a sheoladh 's a' ghaoith air creagan beag ri taobh an tigh-sgoile. " 'S ann ruibh-se tha sud a' bruidheann," arsa neach thall 'e a bhos ri bean Chaluim Aonghais Iain. " 'S ann gun teagamh," ars' ise, "tha fhios agam gu'n deanadh bean maighstir-sgoile an Scarp barrachd agus bratach a chur suas mar aoibhneas ri mo theachd thar cuain a dh' amharc oirre." Chuir bean Chaluim Ruaidh suas am fonn aice fhein air "Laoidh an Iasgair" agus thog sinn uile an co-eheirm le aoibhneas, agus cha b' e'm Barrach fhein bu lugha bha cur de surd 's an luinneag. 'S ann a bha eagal orm fhein nach cordadh e ris a bhi seinn laoidh chrabhach mar sud air fonn orain Litrichean a Beamaraidh. 257 dhiomhain, ach's fhada uaithe ghabh e. "Chan 'eil ceol sam bith diomhain," ars' esan, "ciamar a chanas tu ni diomhain ri ceol, gibht cho aluinn agus a dh' fhoillsich an Dia mor do chloinn nan daoine." 'S an t-seinn a bh' ann, direach an uair a bha Calum Sheorais agus Murchadh Knocs a' leigeadh a mach an acair 's a' chaolas, chunnaic sinn firionnach agus dithis boirionnach 'n an dearg dheann a nuas bho 'n tigh-sgoile dh' ionn-suidh a' chladaich, agus abair thusa coiseachd. Bha a' firionnach 'n a dhearg ruith mar gu'm biodh e dol a chur as tigh 'n a theine agus e 'g eigheach le uile neart a chleibhe air na boirionnaich iad a ghreasad. Chuir iad air ball a mach eathair caol geal, agus ghabh an dithis boirionnach na raimh agus bha a' firionnach 'n a shuidhe 's an deireadh, agus an uair a bheireadh e ionnsaidh bho'n dara taobh gus an taobh eile, shaoileadh tu gu'n rachadh a' chulaidh 's an robh iad bun-os-cionn. An uair a thainig an sgioba car na b' fhaisge oirnn dh' aithnich sinn gu'm b'e am maighstir-sgoile agus a bhean a bh' ann, agus a' bhan-sgoilear, Nic a' Ghriogalaich, comhla riutha, agus gu dearbh's ann oirre fhein a bha coltas na h-inghinn ghasda gun phrois gun uaill. Thainig an t-eathair geal taobh ri taobh ri "Beult na Mara" agus chuir an sgioba mar a bha iad failte chridheil chairdeil oirnn. " 'S e 'ur lan di-beatha do'n Scarp," arsa maighstir-sgoile, ' 'agus thig sibh uile air tir agus 258 Litrichean a Beamaraidh. cuiridh sibh seachad an oidhche comhla ruinn. 'S ann ainneamh a chi sinn coigrich mu'n am so, agus 's fheairrde sinn 'ur cuideachd." "Moran taing dhuibh-se," ars' am Barrach, "chan e so a' chiad choibhneas a chaidh a nochdadh dhomh-sa bho na dh' fhag mi Bagh a' Chaisteil, agus gabhaidh sinn 'ur cuireadh le aoibhneas." Mu 'n gann a bha na faclan a mach as a' bhial bha da eathair eile ri ar cliathaich agus thugadh sgioba "Reult na Mara'' mar a bha iad gu tir agus suas gu 'n deachaidh sinn do 'n tigh-sgoile. Bha chuid bu mhotha againn eolach air moran de na Scarpaich bho chionn fhada agus thug gach neach failte chridheil chairdeil dhuinn, agus bha seachd cuiridhean aig gach neach againn an oidhche chur seachad comhla ri aon thall agus a bhos. Bha gleus iongantach air na boirionnaich. Cha robh h-aon diubh riamh roimhe air an eilean, agus mar sin bha a' chuis uile Ul' dhoibh. Bha bean Bhill iongantach toilichte mar a b' abhaist 's i a' tarruing a bean Chaluim Aonghais Iain. "Uill, a Mhairi," ars' ise rithe, "ma bhasaicheas tu's an Scarp cha bhi fada aca ri dhol leat airson do thiodhlacadh." " 'S ann is lugha a chuireas mi dhragh orra," arsa Mairi, "ma thachras sin, ach cha bhasaich mi 's an Scarp ged bu bhuidhe buidhe leat e." Thug bean a' mhaigh-stir-sgoile tea eireachdail dhuinn 'n a tigh comhfhurtail dealbhach, agus thug Mac N^ill leis botul de "Iain Fada" as an stòras-dibhe bha aige an "Reult na Mara." Dh' ol sinn uile air slainte na Litrichean a Beamaraidh. 259 TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"—VII. Fhir Ionmhuinn, 'S ann cridheil cairdeil agus carthannach a fhuair sinne muinntir an Scarp air an fheasgar chiuin ud, agus ma chord an oidhche ruinne, cha chreid mi nach do thaitinn i a cheart cho math ris na Scarpaich fhein. Nach robh e iongantach gu'n do thachair coinneamh-chaidreach bhliadhnail na sgoil-Shabaid a bhi 's an Scarp cuideachd, agus rinn Mac Neill oraid bheag shnasail a' toirt buidheachais do 'n mhaighstir -sgoile agus a bhean airson an aoidheachd chairdeil dha ged a bha e 'n a choigreach 'n am measg. Thainig gnogadh do 'n dorus agus co bha sud ach aon de na nabuidhnean ag iarraidh bean Bhill airson ballan a chur air seana bhean bhochd a bha air crupadh leis an t-siataig. Dh' fhalbh bean Bhill le a maileid air ball, agus chuala mi bho'n uair sin gu robh a' chailleach air an do chuir i am ballan air orduighean Mhànis an deidh sin. Ged nach deanadh i de mhath air a turus ach sud fhein nach ba mhor an t-aobhar a ghluais bho'n tigh i. Mise, le muirn, Alasdair Moe. 260 Litrichean a Beamaraidh. direach a cheart oidhche bha sinne ann, agus mar a bha sinn a' dol air ar turus gu Bagh a' Chaisteil bha sinn a' faighinn a mach gu robh cuirmean mora eile feitheamh air ar teachd direach mar gu'm biodh iad air an ullachadh air ar coinneimh fhein. Co dhiu an uair a fhuair sinn seachad an tea ghrinn a chuir bean a' mhaighstir-sgoile air ar bialamh, thuirt i ruinn gu'm biodh a' chlann a' cruinneachadh mu ochd uairean 's an sgoil agus gu'm b' e beatha a' chomhlain againn mar a bha sinn a dhol a stigh am pairt na coinnimh, agus chunnaic mi-fhein cho gasda dhith cuireadh air leth a thoirt do Mhac Neill a chionn gu'm bu choigreach e 'n ar measg. "Tha mi-fhein," ars' ise, "gle dheidheil air na Barraich. 'N uair a bha mi an Glaschu bha mi-fhein agus balach uamhasach snasail a Bagh a' Chaisteil fada fada suirghe, agus b' e fhein smior an duin' uasail. Chuala mi gu'n deachaidh e do'n chogadh agus gu'n do mharbhadh e's an Fhraing." "Foìb Dhe d' a anam," arsa Mac Neill, " '8 iomadh balach tapaidh a chailleadh's an t-sreup a bh' ann; agus thainig ar cuid fhein de' n amhghar oirnne." An uair a chruinnich an comhlan, chaidh an sgioba againn mar a bha sinn a steach do 'n sgoil, agus do bhi bas-bhualadh mor air aire na cloinne an uair a chunnaic iad a leithid de choigrich. Bha am misionaraidh, duine suilbhire comhraid-each, aig a bheil ur-labhradh gu leor agus taghadh na teanga, 's a' chathair agus am maighstir-sgoile Litrichean a Beamaraidh. 261 ri a thaobh a' cumail rian air a theaghlach le suil thall agus a bhos. Dh' fhosgail fear na cathrach a' choinneamh le oraid thomadach an deagh Ghaidhlig anns an d' thug e luaidh air cho feumail 's a tha e gu'm biodh clann og a' frithealadh na egoil-Shabaid, airson eolais fhaighinn air eachdraidh iongantach a' Bhiobuill agus Leabhar Aithghearr nan Ceist. Chuir e sin failte an ainm na cuideachd air coigrich "Reult na Mara" a bha cur seachad na h-oidhche 'n am measg, agus b' e dhuil gu'n labhradh cuid aca mu'm biodh a' choinneamh seachad. Chuireadh tea agus aran de gaoh seorsa mu'n cuairt fo stiuireadh bean a' mhaighstir-sgoile agus dithis chaileagan eile a bhuineadh do 'n eilean, agus cha robh againne ach co-roinn a ghabhail de na rudan matha so a ris, agus am feadh '9 a bha an tea a' dol mu'n cuairt fhuair sinn eolas air a' mhisionaraidh agus air a cheile ghrinn, agus air beagan eile de na parantan a bha lathair. Thug a' chlann ceol agus orain dhuinn fo iuil a' mhaighstir-sgoile, agus's iomadh duine air tir-mor nach creideadh gu faigheadh neach seinn cho cridheil reidh sud an eilean mara, ach mar a thuirt Mac Neill rium fhein troimh 'n oidhche, nach ann gu tric as na h-aitean iomallach a dh' eirich daoine mora an t-saoghail riamh, agus ged is beag an Scarp 's iomadh duine acfhuinneach turail a chuir e gu tir-mor airson snasachadh a thoirt as na fineachan. 'S ann bho 'n aird an ear a thainig 362 Litrichean a Beamaraidh. moran de na nithean as motha's an t-saoghal, mar a tha an creideamh Criosduidh agus eolas na Clachaireachd, ach an diugh 's ann as an aird an iar a tha ministeirean soisgeulach agus oidean-foghluim ar Gaidhealtachd air an arach; sin am barr a tha eileanan nan Innse-Gall a' cur dhiubh mar a tha coirce agus eorna agus sneapan aig tuathanaich bheartach na tir-mhoir. An uair a chriochnaicheadh clar-eagair a' chiuil, ghairm fear na cathrach air Mac Neill airson bruidheann ris a' chuideachd. Dh' eirich Mac Neill air ball agus ghabh a' chuideachd ris le bas-bhualadh mor. Chuir e an ceill a ghairdeachas ann a bhi lathair agus rinn e iomradh air gach coibhneas agus baidh a thachair ris am Beamaraidh agus air an fheasgar ud's an Scarp. Dh' innis e an sin dhoibh mu gach oidhirp a bha iad a' deanamh am. Barraidh airson nan seann chleachdaidhean Gaidhealach mar a bha piobaireachd agus dannsa chumail suas, agus an sin dhanns e fhein gu h-aigeannach seann dannsa ris an can iad "Miss Forbes," aon de na dannsachan a chaidh a theagasg an Uibhist a Deas le fear Eoghain Mac Lachluinn a bha air chuairt's an eilean bho chionn corr agus ciad bliadhna. Chluich mi-fhein am bocsa do Mhac Neill agus cha chreid mi nach do chord dannsa Bharraich uamhasach math ris na Scarpaich. Am meadhon an dannsa co thigeadh a steach ach bean Bhill le a maileid ghrinn, an deidh dhith am ballan a chur an sas gu h-eifeach- Litrichean a Beamaraidh. 263 dach. Sheinn an sin bean Chaluim Ruaidh, agus 's fhada bho nach cuala mi "Eilean mo Ghaoil" air a sheinn cho gasda agus a rinn i. Dh' eirich Scottie agus chuir e fhein an ceill a thoileachas ann a bhi lathair ann an cuideachd Mhic Neill agus na cairdean eile, agus thuirt e gu robh moit mhor air fhein agus air a' chuideachd eile a Beamaraidh a bha lathair, ann a bhi coinneachadh ri maighstir-sgoile an Scarp agus a bhean, cairdean as a' bhaile aca fhein, agus dithis a bha sgaoileadh cliu Bhearnaraidh 's an eilean an robh an comhnuidh. Sheinn e an sin "An dubh greannach," agus abair thusa gu'n do chuir e surd ris an oran ud a sheinn e 's an fhior sheann doigh Ghaidhealaich. Ghabh bean Chaluim Aonghais Iain, "Air maduinn chiuin cheitein," seann oran le Uilleam Ros, agus gu dearbh cha chreid mi na' m biodh Calum, an duine aice, 'g a h-eisdeachd nach biodh prois air airson cho math's a chaidh a bhean aige ri cul an orain. Rinn fear na cathrach iomradh air an toileachas a bha air a' chuideachd gu robh bean Bhill cuide riutha an oidhche ud, "boirionnach," ars' esan, "a rinn feum do na ciadan le iomairt a' bhallain." Dh' eirich bean Bhill agus thug i taing thogarrach do' n chuideachd. " 'S taitneach leam-sa," ars' ise, "bhi cur nam ballan—a nasgaidh fhuair mi, a nasgaidh bheir mi bhuam." Thainig crioch air a' choinnimh ghasda ud le taing do na seinneadairean agus do fhear na cathrach, agus 's fhada 's cian 264 Litrichean a Beamaraidh. bho nach, do chuir mi-fhein co dhiu seachad oidhche cho gasda. Sgap sinn an sin am measg nan tighean le iomadh Sathachadh agus chuir mi-fhein agus Mac Neill seachad an oidhche 's an tigh-sgoile. Mise, le muirn, Alasdair Mor. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-VIII. Fhir Ionmhdinn, 'S e maduinn aillidh a bha ann an uair a dh' fhag sinn an Scarp. Bha sinn uile gu trath air ar cois, agus toil againn an latha math a bha ann a ghabhail as a thoiseach. 'S e Calum Sheorais a' chiad neach a chuir failt air "Reult na Mara" air a' mhaduinn ud agus bha esan dripeil a' cur gach asuinn air ghleus airson seolaidh. Thainig grunnd math de na Scarpaich gu traigh 'g ar faicinn air falbh agus chuir sin prois mhor air Mac Neill. Bha sinn a' fagail bean Chaluim Aonghais Iain as ar deidh, agus bha Scottie's an dealachadh a' guidhe dhith nach biodh i air a fagail fada 'n a priosanach am "Patmos," ach a dh' innseadh dhuibh nach te gun ur-labhradh gu leor a tha 'm bean Chaluim, 's ann a fhreagair i Litrichean a Beamaraidh. 265 Scottie mar so, ' 'Uill, ma ni mise uibhir de fheum 's a' 'Patmos' so agus a rinn Eoin an diadhair's an eilean 's an robh e fhein air fogradh, chan aithreach leam gu 'n d' thainig mi ann." Rinn bean a' mhaighstir-sgoile lachan mor gaire ri so, agus thuirt i, "Sin sibh fhein, a bhean Chaluim Aonghais Iain, cha robh sibh riamh gun 'ur braich 's a' mhuilinn." Ged a bha e gu math trath's a' mhaduinn sheall na Scarpaich an deagh-ghean bu mhotha dhuinn le bhi cruinneachadh aig a' chladach airson ar faicinn air falbh, agus airson a' mheas a chuir iad air bean Bhill agus air a leigheas leis a' bhallan, cha chuala mo bhial riamh a leithid de mholadh air ban-Leodhasach. Bha Scarpach coir, Mac Ghille Eathain, am measg na cuideachd a thainig g' ar faicinn air falbh, agus thug e leis eadradh de bhainne-blath airson na tea bhiodh againn air bord. "Bu chaomh leam fhein na Leodhasaich riamh," ars' esan, "ach bho 'n a chunnaic mi an leigheas iongantach a rinn bean Bhill an raoir leis a' bhallan, bidh taobh agam eadhon ri faoileig a' chladaich a thig a eilean Bhearnaraidh an Leodhas." Chuir geola gheal a' mhaighstir-sgoile an sgioba gu leir air bord "Reult na Mara," agus ghabh sinn soiridh gu cairdeil leis na Scarpaich choire. An uair a thog sinn na siuil ura ri crann bu ghuanach a sheol' 'Reult na Mara" mach a Caolas an Scarp a' deanamh air an Tairbeart Hearach, far an robh sinn a' dol a chur bean Chaluim Ruaidh air tir. Chitheadh tu bean 266 Litrichean a Bearnuraidh. Chaluim Aonghais Iain a' smeideadh oirnn le aparan geal aig dorus an tigh-sgoile gus an deachaidh sinn a fianuis aig gob an rudha, agus bha fhios againn uile gu robh i gu bhi marbh leis a' chianalas 'g ar fagail, agus gu dearbh cha robh ionghnadh ann 's ann againn a bha 'n comhlan taitneach. Bha Mac Neill fhein air an stiuir agus Calum Sheorais 'n a thaice shios 's an deireadh. Bha Scottie 'n a fhear-cathrach air a' chuid eile do 'n sgioba, agus ghairm e air bean Chaluim Ruaidh airson oran. Sheinn ise le dealas mar b' abhaist, "Leis an Lurgainn" agus abair thusa gu'n do thog sinn a' fonn gu h-aighearach, agus airson a' Bharraich fhein dheth, shaoileadh tu gu robh e fichead bliadhna na b' oige na bha e an oidhche roimhe sin an uair a bha e dannsa "Miss Forbes," an tigh-sgoile an Scarp. Sheinn an sin Mac Neill fhein "Thug am bàta na caoil oirre," aon de orain "bliadhna Thearlaich," agus bho nach cuala a' chuid mhor againn a' cheart oran riamh roimhe ghabh sinn annas mor dheth, agus cha do sguir sinn 'g a sheinn agus 'g a sheinn gus an do sheol sinn a steach do 'n Tairbeart Siarach. Ghabh muinntir stolta an Tairbeirt 'n a shiubhal gu h-uamhasach e an uair a chunnaic iad am bàta lurach againn a' seoladh a steach agus an t-seinn bhinn sin air bord—nach iongantach cho breagha agus a thig seinn gu cluasan neach bho na mhuir. Chaidh 6vnn air tir aig ceatha beag an sud far am bi na Scarpaich a' tighinn air tir leis Litrichean a Beamaraidh. 267 na giomaich. Thainig graisg de'n chloinn bhig gu laimhrig 'n ar coinneamh, agus chuir Mac Neill failte orra uile agus fhreagair iad-san gu modhail an Gaidhlig. "Cha chluinneadh tu Gaidhlig cho glan sud aig clann air a' Mhol a Deas, an Steornabhagh," arsa mi-fhein ri Calum Sheorais. "Cha chluinneadh," arsa Calum, "agus cha b 'e taghadh na Beurla dheanadh seirm 'n a do chluasan na 's motha—'s e sin an rud is miosa de' n chuis." Thainig an Dotair Ros a nuas 'n a ruith an coinnimh bean Chaluim Ruaidh agus chuir e furan oirnn. "Tha sinn gu math dheth, a dhotair," arsa mi-fhein, "tha 'n deagh dhotair againn air bord, bean Bhill, cha bhi soitheach-cuain sam bith sabhailte guu lighiche an diugh, agus ged nach dean i suas pudar laidir airson goirteas na stamaig mar a ni sibh-se, tha i math air cur nam ballan airson na siataig." "Tha obair gu leor roimpe 's na Hearadh," ars' an dotair, "agus gu dearbh tha mise gu math feumach air cuideachadh aig an am so." Mise, le meas, Alasdair Mor. 268 Litrichean a Beamaraidh. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"—IX. Fhir Ionmhuinn, 'An uair a fhuair sinn an t-acaire aig "Reult na Mara" chur gu daingean 's a' ghrunnd an Loch an Tairbeirt, thog sinn oirnn, an comhlan mar a bha Binn, suas do'n bhaile bheag a tha air a thogail air na creagan. 'S e Calum Sheorais a' fear a b'eolaiche do'n treud air an aite, seadh ged a bha cuid againn air chuairt ann uair no dha roimhe. Bha bean Bhill air orduighean ann bho chionn bhliadhnachan, bha Murchadh Knocs uair a' ceannach eathair an eilean Scalpaidh, bha Domhnull Mhurchaidh Piobaire aig mod airson bàta-sgriobaidh (trawler) ann bho chionn dheich bliadhna, agus le sin cha robh sinn buileach 'n ar coigrich 's an aite, ged nach robh moran ann air an robh sinn eolach. Thug Mac Neill còir dhuinn Sathachadh suas do'n tigh-osda airson gu'm biodh tea ghrinn agus deagh dhrama againn comhla ri cheile. Chaidh sinn suas seachad air tigh a' mhaoir-shithe agus tigh seumarlan a' Mhorair Leverhulme, Sgitheanach gasda, a tha ro mheasail aig an t-sluagh, agus ri taobh an tighe aige-san tha comhnuidh an Dotair Ros, tigh a tha da rireamh air a thogail air carraig, agus le sin a sheasas roimh neart nan gaothan. Bha an tigh osda thall mu'r coinneamh, agus beagan de chraobhan tim-chioll air, agus b' fhurasda aithneachadh orra gu robh na siantan a' toirt an dubhlain dhoibh, agus Litrichean a Beamaraidh. 269 gu dearbh chan ionghnadh sin, 's iomadh osna laidir ris an do lub iad an geugan. Bha Calum Sheorais eolach air a' bhan-osdair, agus chuir sinn esan air thoiseach airson comhradh a dheanamh air ar son. Cha robh sinn fada stigh 's an t-seomar-òil an uair a thainig bean an tighe, boirionnach grinn laghach aoigheil, a chuireas faillte agus furan air gach neach a thig an rathad. Rinn i fior shurd ri Calum Sheorais, agus thug esan eolas dhith oirnn uile. Thuirt i gu'n cual i mu Scottie agus bean Bhill iomadh uair agus gu robh i cho toilichte tachairt riu agus ris a' chuideachd againn mar a bha sinn. Dh' orduich i drama thoirt dhuinn gu leir agus dh' ol sinn gu subhach a deoch slainte, agus ghuidh sinn gach sonas agus àgh dhith ann an tigh-osda na Hearadh. Cha b' fhada gus an do shuidh sinn gu leir aig tea 's an t-seomar-aoigheachd, agus mar a bha rath air ar turus gu leir, fhuair sinn sgadan ur a thug eathair a Scalpaidh do'n Tairbeart air a' mhaduinn ud. Bha sinn uile moladh grinneas agus snas agus comhfhurtachd an tigh-osda, agus sinne dh' fhaodadh sin—chuala sinn an deidh laimhe nach robh moran thighean-osda 's a' Ghaidhealtachd aig a bheil ainm cho math ris airson aoigheachd do choigrich. Bha Scottie ag radh ruinn gu robh e fhein uair ann bho chionn fada, a' bhliadhna bha e aig iasgach Loch-nam-madadh. Thainig e fhein agus sgioba bhàta do'n Tairbeart air feasgar briagha samhraidh, agus 270 Litrichean a Beamaraidh. chaidh iad suas do'n tigh-osda ghabhail drama, agus ars' esan, "a dh' innseadh dhuibh cho mhath agus cho laidir agus a bha an t-uisge-beatha fhuair sinn, nach do laigh cuileag air bile na gloine's an robh an drama agam fhein, agus mu'n tarradh tu thu fhein a bheannachadh, nach do shin i na raimh's i cho marbh ri sgadan, a cheart cho luath 's a bhuail faileadh an uisge-bheatha oirre, agus tha mi faicinn nach d'rinn cogadh no eile laigead a chur's an deoch a tha's an tigh so an diugh." Chuir sinn uile ar n-amen ri so, agus dh' orduich Scottie drama an laimh an urra rìs. Direach an uair a bha sinn ag ol air slainte cheile co thadhail 'g ar faicinn ach an t-Urr. Donnchadh Mac Leoid, ministear an Tairbeirt. Thainig e steach a chur failte oirnn uile agus gu h-araidh air Mac Neill. "Chuala mi," ars' esan, "gu robh 'Reult na Mara' air tighinn do'n loch, agus bha mi airson meal an naidheachd a chur air a' Bharrach chòir leis an leis i, agus air Scottie, a fear dealbhaidh agus a fear-togail." Dh' eirich Mac Neill 'n a sheasamh agus thug e taing thogarrach do'n mhinistear airson a dheagh dhurachd, agus thug sinn an sin a bial a cheile cunntas air ar cuairt bho'n dh' fhag sinn port Scottie an Circebost. "Dh' fhag sinn bean Chaluim Aonghais Iain," arsa mi-fhein, ''a' ceilidh 's an Scarp, agus tha bean Chaluim Ruaidh shios an tigh an Dotair Ros, ach tha bean Bhill a' dol 'g ar lean tuinn gu ruig Bagh a' Chaisteil." "Nach math a gheibh i sin," ars' Litrichean a Beamaraidh. 271 TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—X. Fhir mo Chridhe, An deidh do'n mhinistear agus do bhean Bhill falbh gu Abhainn-suidhe am feasgar ud, nach ann a smaoinich Domhnull Mhurchaidh Piobaire gur h-ann bu chòir dhuinn sgriob a thoirt gu Tigh-nam-muc am Bun-abhainn-eadar, gun esan, "an latha math a ghabhail fhad 's a gheibh i e. 'S an robh sibh a' cur a' bhallain, bho'n d' fhag sibh Beamaraidh?" "O bha, a mhinistear," ars' ise, ' 'chuir mi air bodach còir's an Scarp e an raoir agus tha mi cho toilichte gu'n d' rinn e feum mor dha." "Gle mhath," ars' esan: "ma tha, 's ann a dh' fheumas sibh falbh comhla rium-sa an drasda a null gu Abhainn-suidhe, tha seana-bhean bhochd an sin a tha air crupadh leis an t-siataig, agus fiachaidh sibh 'ur sgil oirre. Bheir sinn car-bad-oladh leinn agus cha bhi sinn tiota air an rathad." "Uill, a mhinistear," arsa bean Bhill, "cha do dhiult mise cobhair a dheanamh riamh air duine, agus gun teagamh theid mi comhla ruibh-se," agus dh' fhalbh iad. Mise, le meas, Alasdair ìVior. 272 Litrichean a Beamaraidh. fhios nach biodh beathaichean calma ri'm faicinn 'g am feannadh. Thog sinn oirnn, ma tha, agus bha sinn uile cho sunndach an deidh na tea mhath a fhuair sinn, agus gu h-araidh an drama no dha a thug spioradan ura dhuinn airson na coiseachd. Bha bodaich agus cailleachan a' tachairt ruinn air an rathad, ach cha robh sinne 'g an aithneachadh. Dh' fhalbh a' chuid is motha de na seann daoine còire air am bithinn fhein eolach 'n uair a b' abhaist dhomh a bhi dol gu orduighean an Tairbeirt ri linn Mhgr. Neacal Caimbeul còir, a chaochail am bliadhna, agus gu dearbh's e fhein a b* fhiach a dhol greis mhath 'g a eisdeachd— 's e chuireadh teachdaireachd an t-soisgeil 'b an deagh Ghaidhlig, agus bha bhuil ann, bidh a chuimhne cubhraidh fad iomadh linn 's na Hearadh. An uair a rainig sinn Ardhasaig, thachair cailleach chrubach ruinn 's i leigeil a h-anail ri taobh an rathaid. 'S e Calum Sheorais a b' fhaisge oirre, agus chuir e feasgar math oirre gu furbhailteach. Fhreagair a' chailleach, agus 's ann a stad sinn uile a' comhradh rithe. "Cha bhiodh e modhail dhomh-sa 'ur leigeil seachad," ars' ise, "gun fhoighneachd co as a thug sibh a' choiseachd." "Thug," arsa Calum, "a Beamaraidh Leodhais. Tha sinn air an rathad gu Bagh a' Chaisteil le eathair a thog Scottie do Mhac Neill a Barraidh." "Seadh Scottie," ars' ise, "'s iomadh uair a leugh mi mu Scottie ann an litir Alasdair Mhoir, ach chan fhaca mi an duine riamh. Feumaidh gur h-e duine tapaidh an lamh Litrichean a Beamaraidh. 273 agus an inntinn a tha ann." " 'S e sin a th' ann gun teagamh, agus so an ciuine," agus e aig an aon am a' toirt eolais do *n chaillich air ar caraid, saor "Reult na Mara." "Bithidh mi leughadh litir Bhearnaraidh gach seachduin," ars' a' chailleach, "agus tuigidh mi moran de na daoine air am bi e labhairt, ach chan fhaca mi duine riamh a dh' innseadh dhomh co th' ann Sine, chan 'eil mi idir 'g a tuigsinn, ach tha mi cho duilich fhaicinn," ars' ise, "gu 'm bi a leithid de ar-a-mach eadar i fhein agus an duine, agus nach neonach leibh-se nach cumadh e gach ni mar sud aige fhein gun a bhi 'g a eigheach air claran a' Ghazette. Cha do leig mi-fhein dad orm, ach's ann a bha seanachas mor eadar mi-fhein agus a' chailleach, agus ghuidh sinn soraidh slan leatha gu leir. An uair a rainig sinn Tigh-nam-muc, bha an luchd-obrach air sgur, agus b' fheudar dhuinn tilleadh mar a dh' fhalbh sinn. Chuir sinn seachad an oidhche sin an "Reult na Mara" air acaire an Loch an Tairbeirt Shiaraich. Thainig bean Bhill agus an t-Urr Donnchadh Mac Leoid air ais a Abhainn-suidhe 's a' mhaduinn, an deidh do'n dithis aca aoigheachd fhaighinn 's a' chaisteal troimh 'n oidhche, agus air dhuinn bean Bhill fhaighinn air bord, sheol sinn a mach gu guanach agus a' ghaoth cho fabharrach agus ged a b' ann air ar son fhein a bha i a' seideadh. Sheol sinn sios Caolas Tharasaidh, agus fhuair sinn sealladh 8 274 Litrichean a Beamaraidh. Litrichean a Beamaraidh. 275 air an tigh mhor a tha aig Leverhulme am Borbh, agus gu dearbh 's math bu chòir cuairt do 'n ionad iomallach ud cordadh ris an deidh allabain a' dol timchioll an t-saoghail an drasda. Chaidh sinn timchioll Ceann-an-Tobha, agus rinn sinn air an Ob, no "Leverburgh" mar a chanas na Hear-aich ris an aite nise. Thug sinn fada fada bruidheann air an ainm ur so air an Ob, agus cha robh neach de'n chuideachd cho duilich mu 'n chuis ri Mac Neill ged nach Leodhasach no Hearach e. "Nach fhurasda aithneachadh," ars' esan, "gu bheil na Gaidheil anns gach aite a sior dhol a phutadh na cloiche gach latha, an uair a gheibh thu iad cho suarach mu thimchioll eachdraidh an sgire agus gu leigeadh iad ainm mar an t-Ob, a thainig a nuas bho mhaduinn eachdraidh, atharrachadh airson beagan brosguil a dheanamh ri uachdaran ur a thigeadh 'n am measg." Chan 'eil duine ceart a cur na coire air Leverhulme airson an atharrachaidh so; chan urrainn iad, a chionn nach ann aige-san ach aig an t-sluagh fhein a thoisich an ni. Ma bha iad airson am muirn agus am buidheachas a shealltuinn do 'n mhorair,—agus thoill e sin—cha b' ann le bhi reic còir-bhreth an aite do 'm buineadh iad bu riatanach dhoibh sin a shealltuinn. 'S ann a tha sluagh an t-saoghail gu leir an diugh airson na seann ainmean agus na seann nosan aiseag air ais mar a bha iad, agus chan ann 'g an tiodhlacadh le masladh mar a rinn na Hear aich air ainm an Ob. Tha ceanna-bhaile na Nirribhidh (Norway) gu bhi air a bhaisteadh as ur leis an ainm a bha air miltean de bhliadhnaibh air ais, a' sealltainn cho nadurrach agus a tha e gu 'm biodh cinnich a' cumail suas na seann laraichean còire a tha cur snas agus dealais air an eachdraidh, ach 's eagal leam gu 'n do dhichuimhnich muinntir na Hearadh a' chuid sin de 'n deagh shubhailc a bha air na seann Ghaidheil. Leis cho coma's a bha sinn de 'n aite, cha d' rinn sinn fiu agus a dhol air tir ann; cha robh goireasan a dhith oirnn a chionn gu 'n d' thug sinn beagan leinn a buth Mhic Ascill air an Tairbeart, agus bho 'n a bha an oidhche aluinn le beagan de reothadh air an iarmailt, cha robh cion nach robh sinn comhfhurtail air bord. Binn sinn sàr thea an uair a leag sinn an t-acaire, agus chuir sinn seachad a' chuid bu mhotha de 'n oidhche le ceol. Sheinn Scottie, "Tha duin' og is seann duin' agam," aon de orain Iain Ghobha 'n t-Srannda, mar onair air cuimhne an fhiurain ud, agus chriochnaich sinn le "Coleshill," agus mar sin chaidh oidhche ghasda seachad. Mise, le meas, Alasdair Mor. 276 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"—XI. Fhib mo Chridhe, 'S ann gu math trath anns a' ìnha-duinn a dh' fhag "Reult na Mara" an t-Ob. Bha a' mhaduinn aluinn agus a' ghaoth direach a reir ar miann, agus le sin bha fiughar againn ri aiseag ealamh troimh Chaolas na Hearadh. Chan e na h-uile maraiche a ni an caolas ud a' stiuireadh gun sgiorradh, ach cha robh eagal no sgàth air a h-aon againn agus Calum Sheorais agus Scottie air an stiuir. 'S iomadh uair a rinn iad an rathad am measg nan sgeirean bàithte ud roimhe, agus mur thuirt Calum fhein, cha mhor nach deanadh esan a rathad troimh 'n mhuir ud agus a shuilean dùinte. Cha robh mi-fhein riamh aiv an t-slighe roimhe. Cha deachaidh mi riamh na b' fhaide air falbh na 'n Scarp far an do choisinn mi iomadh giomach mor 'n a mo latha. Chan aithnicheadh neach an t-Ob a nise leis na rinneadh de chruth-atharrachadh air bho 'n thoisich am Morair ris na h-oibrichean mora ann, agus gun teagamh sam bith 's iomadh sgillinn gheal a chuir sin am pocaid nan daoine tha 'g obair ann, agus—Dia 'n a thoiseach—gu ma fada mhaireas e. Na' m biodh ar n-oigridh comasach air teachd-an-tir fhaighinn aig an dachaidhean, cha bhiodh glinn agus srathan ar Gaidhealtachd cho falamh de dhaoine agus a tha iad, agus loisgeamaid cruach-mhònadh mu' m faigheadh sinn gu a mathair-aobhar, ach buaidh le lamhan Litrichean a Bearnaraidh. 277 a' Mhorair fhad 's a chumas e na Hearaich ag obair mar sud, agus mar a thuirt mi iomadh uair, ma chaidh muinntir Leodhais 'n a aghaidh, gu dearbh cha robh ceum de'n choire sin aig muinntir Bhearnaraidh. Mu mheadhon latha sheol sinn a steach gu doigheil gu Loch Roadil agus chaidh an ccmhlan mar a bha sinn ar tir. Bha sinn a nise mar gu'm b' eadh air talamh naomhai, aite breith Iain Gobha na Hearadh, duine le a bhuadhan agus a thalanntan iongantach a chuir maise air ar tir 's an linn 's an robh e beo. Bha eadhon Mac Neill fhein a' gabhail mor thlachd de eachdraidh an duine iongantaich ud. Cha robh sin a' cur ionghnaidh oirnn, oir riamh bho 'n fhuair sinn eolas air smior a' Bharraich ud, dh' aithnich sinn gu'm bu duine e aig an robh inntinn thomadach fharsuinn, a chitheadh deagh bhuadhan gach reach a thachradh ris, seadh ged nach robh e de 'u aon eaglais ris fhein, mar a chanas moran againne, agus na cridheachan againn cho cumhang ris an fhaochaig bhàin. Chaidh sinn suas do 'n tigh-osda far an do dh' orduich bean Bhill tea airson na cuideachd gu leir, agus gu dearbh cha b' fhada bha sinn a' feitheamh rithe gus an robh i gu grinn air a suidheachadh air ar bialamh. Bidh daoine sios air na tighean-osda, agus chan 'eil teagamh air nach 'eil iad 'n an ribe do chuid de dhaoine, ach 's e fardaichean feumail a tha annta do dhaoine bhios a' gabhail an rathaid agus a' bhios airson aoigheachd shnasail fhaighinn 'n an cuairt. An uair a bha ar tea seachad bha 278 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 279 Alasdair Mob. Mac Neill ro dheidheil air cuairt a thoirt suas gu seann Eaglais Chliamain air an cual' e iomradh iomadh uair am Barcaidh. 'S iomadh uair a smaoinich mi-fhein nach 'eil sinn anns an latha 'n diugh a' toirt uibhir de urram agus bu chòir dhuinn do na seann tighean-aoraidh a tha air an sgapadh thall agus a bhos troimh ar tir. Gun teagamh thainig iomadh atharrachadh air cràbhadh agus beachdan nan Gaidheal a nuas troimh' nan iomadh linn bho 'n deachaidh na togalaichean àrsaidh ud a choisrigeadh airson aoraidh an toiseach, ach saoilidh mi gu 'm bu choir do gach Criosduidh meas agus onair a chur air gach laraich 's an robh aoradh air a dheanamh do Dhia, ge b' e miar de 'n chreideamh Chriosduidh a bha an luchd-aoraidh sin a' leantuinn. Ma 's beachd dhuinne an diugh gu bheil sinn fhein a' giulan mor-chuidthrom na Criosdalachd air ar guaillean fhein gun aite thoirt do dh' aidmheilean eile, 's miosa sinn gu mor no na fineachan fiadhaich, agus de bhathais a th' againne dorus nan neamhan a dhunadh air neach sam bith nach fhaod a bhi de 'n aon bheachd ruinn fhein mu ghnothuichean eaglaiseil. Dia mor gu robh cur ar cridheachan cumhang am farsuinneachd anns a' chuis so. Chan 'eil eachdraidh a' toirt cunntais dhuinn air an dearbh am 's an deachaidh eaglais Chliamain a thogail an toiseach. Tha cuid a' deanamh a mach gu robh teampull aoraidh air a thogail air an laraich ud roimh am teachd ar Slanuighear, agus gur h-ann ag aoradh do 'n ghrein a bha sluagh an aite aig an am. Tha buaile an eilean Bhearnaraidh ris an can iad "Clach na Greine" a' deanamh nadur de dhearbhadh gu robh an seorsa aoraidh so ann, agus tha an Dotair Mac Ghille Mhoire nach maireann, mac Iain Ghobha na Hearadh, a' sgriobhadh gu robh cuimhne aige fhein air na cisteachan-laighe bhi air an giulan trì uairean deiseil, no a reir cursa na greine, timchioll air eaglais Rodail. Bha onair agus aoradh air a dheanamh do Bhride, bean-ghluine na h-Oighe Naoimhe, agus mar chomharradh air sin's e Cille-bhride an seann ainm a bha air na Hearadh, ged is ann air an Naomh Cliaman a tha an eaglais air a h-ainmeachadh, ach chan 'eil eachdraidh a' bonntachadh am fear de na h-iomadh naomh air an robh an t-ainm ud, air am bheil cuimhne air a chumail le ainm na h-eaglais so. Co dhiu tha fhios bho sheann bhial-aithris gu 'm biodh muinntir na Hearadh a' mionnachadh air Cliaman Mor Sodail. Tha e cho duilich an diugh dad sam bith fhaighinn an sgriobhadh timchioll air eaglais Chliamain. Tha fhios gu robh na manaich chràbhach a bha 's an eaglais gu dion le 'ra peann mar a bha iad anns na mainisteirean eile 's an tir, ach chaidh gach paipear luachmhor a bha sud 'n an teine 'n uair a thug na Lochlannaich ionnsaidh air na h-Innse-Gall aig toiseach na naoidheamh linn. Mise, le meas, 280 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—XII. Fhiu mo Chkidhe, Gu fortanach fhuair cuid de'n sgioba againn litrichean bho'n tigh an latha ud a bha sinn air tir an Rodal. Fhuair bean Bhill litir bho'n duine aice, fhuair Calum Sheorais litir bho'n Dotair Padruig, bha litir ann gu Domhnull -Mhurchaidh Piobaire 'g iarraidh air a dhol a mach do na h-Eileanan Flannach ann an ceithir latha diag airson lamh-chuideachaidh a thoirt do mhuinntir an tigh-sholuis, agus bha litir mhor fhada ann 'g am ionnsuidh fhein bho Shine. Bha i 'g radh gu robh i ann an deagh shlainte, agus nach d' fhairich i cnead de'n t-siataig bho'n dh' fhag mi, ach bha i gearan air cho aonaranach 'a a tha i faireachadh gu h-araidh an uair a thig an oidhche. "Bidh lampa na greine aig a' Bharrach a' cumail cuideachd bheag rium," ars' ise, "agus air doigh chan aithnich mi, leis an t-solus dhearr-santa tha e toirt, gur h-i an oidhche th' ann, gus an teid mi mach do'n dorus agus an dorchadas tiugh ag iathadh mun cuairt dhomh. Leugh mi an Tiomnadh Nuadh bho thus gu eis bho'n d' fhalbh .thu," ars' ise, "agus gach facal a th' air claran a' Ghazette, gu ire's a bhi gabhail beachd air eadar-dhealachadh prisean an tea 's an t-siucair's na treacle aig Massey agus Dunlop mor na mine, ach an deidh gach cur seachad a tha sin, bidh taoman de'n chianalas a' tighinn orm." Litrichean a Bearnaraidh. 281 "Thainig Mairi Mhurchaidh air cheilidh an oidhche roimhe," ars' ise, "agus gu dearbh's mi rinn an toileachadh ris an lanndair 'Bull's Eye' aice's an dorus, agus dh' fhuirich i gu robh e suas ri meadhon oidhche. Bha mi 'g innse dhith mar a bha mi cur seachad na h-oidhche, eadar am Biobull agus an Gazette agus am bocsa (melodeon), ach cha d' rinn i ach.fàite gaire ris gach uile uirs-gial a thug mi orm fhein." "Oinnseach bhochd,'' ars' ise, ' 'bu chòir dhuit gu mor a bhi greis air do ghluinean a' tagradh ri Dia airson oigridh Bhear-naraidh 's gun chàil air an aire bho mhoch gu dubh ach baoth-shugradh agus feala-dha. Tha leughadh a' Bhiobuill, a Shine, gle mhath 'n a aite fhein, agus chan 'eil uibhir dheth 'n ar tir aig an latha 'n diugh agus bu chòir a bhi ann. ach mur ¦a teid do dhiadhachd-sa na 's airde na sin cha toir e do neamh am feasda thu." Cha robh air sin ach sin fhein, ach ged nach tug.Sine_an corr cunntais air an argumaid, tha mise lan chreidsinn gu robh buille thall 's a bhos aice fhein agus Mairi timchioll air a' phuing ud. Coma co dhiu tha e coltach gu robh Mairi agus Barabal a' bruidheann mu aonaranachd Sine an deidh laimhe, agus gu'n do thoisich Mairi ri rùrach an tighe gus an d' fhuair i leabhar Gaidhlig a chuireadh i gu Sine airson a leughadh. Mu dheireadh thall de fear air an do chuir i a lamh ach aon de leabhraichean Iain Bhunain, "Canaichean bho Ifrinn," agus f chuir i balach Mhurchaidh Knocs sios leis, ball 282 Litrichean a Bearnaraidli. gach a direach, gu Sine. Chuir Sine teachdaireachd na taingealachd gu Mairi, agus a cheart cho luath's a fhuair i am Paddy air a bleoghann agus sop fodair air a thilgeadh 's a' bhuathall aice, shocraich i i fhein's an t-sunnaig air bialamh bradhadair mor teine agus thoisich i air leughadh, agus bha i lethach troimh 'n leabhar an uair a bhuail an cadal gu trom i agus b' fheudar dhith a dhol do'n leabaidh gun dàil. Chaidil i air ball, bha i 'g radh, a chionn gu robh i sgith an deidh a bhi ruith air tighean Chirceboist fad an latha, ach ma chaidil i gu reamhar thoisich na h-aislingean agus b'e sin na h-aislingean bruideil. Bha i 'g radh gu robh i faighinn seallaidhean uamhasach air ifrinn, direach a reir nan cunntasan dealbhach a bha i leughadh mu'n staid ud mu'n do chaidil i. Tha e coltach aon uair's gu'n do dhuisg Sine leis na bruadaran oillteil an oidhche ud, nach robh an corr taimh ann dhith-se, agus nach robh am mac-meanmna aice saor agus na seallaidhean cianail ud an deidh dhith dusgadh. An uair a leugh mi-fhein mu'n chuis agus fios agam cho math a nise, air an seorsa inntinn a th' aig Sine, bha mi cinnteach gu'n deanadh a ni bh' ann coire mhor dhith agus gu h-araidh an uair a bha i leatha fhein. Bha sud air oidhche Di-ar-daoin agus 's a' mhaduinn Di-haoine chaidh i suas gu Oifig a' Phuist a dh' iarraidh a' phension, agus co thachair rithe ach an taillear, agus chuir e failte chairdeil oirre mar b' abhaist. "O," ars' ise, "Thormoid, Litrichean a Bearnaraidh. 283 tha eagal orm gu bheil mise caillte gu siorruidh. Chunnaic mi seallaidhean oillteil air ifrinn an raoir." "Seadh direach, a Shine, 's iomadh aon a chunnaic sin romhad, ach an uair a' bhios Satan a' fochaireachd ort-sa mar sin, cuir ruaig air le briathran an t-Slanuighear. 'S e gealtair a thonn agus chan 'eil seasamh a chas aige roimhe 'n fhirinn, a chionn nach 'eil firinn ann. Agus, a Shine, bheir mise dhuit earrann a ni feum dhuit, agus 's aithne dhuit fhein i cho math rium-sa. "Is ann mar so a ghradhaich Dia an saoghal gu'n tug e aon-ghin mhic fein chum 's ge b'e neach a chreideas ann nach sgriosar e ach gu'm bi a' bheatha shiorruidh aige." A nise, Shine, tha mi fhein 's tu fhein agus Alasdair Mor agus gach neach a th' air chuairt an "Reult na Mara" an drasda air ar filleadh Js a' ghealladh phriseil sin, agus an uair a thig Satan 'g ad ionnsuidh-sa leis a' cheart bhuaireadh a ris, thoir an earrann ud dha 's a' bhus agus teichidh e le grùig a' mhadaidh." Fhuair Sine comhfhurtachd nach bu bheag bho 'n chonaltradh a bha aice ris an taillear agus chaidh i air a slighe dhachaidh a' deanamh gairdeachais, mar a rinn caillteanach Etiopia roimhe. Dh'innis mi mu amhgharan Sine do Mac Neill a' mhaduinn ud agus sinn deiseil gu falbh a Bodal, agus thuirt e rium gu robh creideamh mor aige fhein a Sine, ach nach robh e ceart dhith a bhi leughadh na h-uile seorsa leabhair a thigeadh 284 Litrichean a Bearnaraidh. 'n a rathad mar sud. "Tha'n eaglais againne," ars' esan, "a' toirmeasg do a buill caochladh sheorsaichean leabhraichean a leughadh, agus chan urrainn sibh aicheadh nach 'eil iad ceart. Na'm b' urrainn do gach neach gach seorsa leabhair a thachradh ris a leughadh gun aomadh sam bith a dheanamh air inntinn, bhiodh a' chuis ceart gu leor, ach chan ann mar sin a tha, agus air an aobhar sin is glice do neach aire thoirt do'n doigh anns an leugh e, a chum agus nach tuit e ann am buaireadh. Mise, le meas, Alasdair Mor. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"-XIII. Fhir Ionmhuinn, Bha sinn air ar Cumail an Rodal moran na b' fhaide na bha duil againn an toiseach. Chaidh Murchadh Knocs a null do eilean Scalpaidh airson eathair ghiomach a cheannach agus rinn e barrachd ruith air na tighean na bha duil aige mu'n d' fhuair e an seorsa culaidh a bu mhiann leis, ach phaigh a thurus dha uamhasach math, bha e 'g radh, oir fhuair e an deagh eathair —te nach robh air sàl ach aon bhliadhna, agus le Litrichean a Bearnaraidh. 285 sin a bha cho math agus a bha i riamh. Bha inn eas mor aige air cho gasda suilbhire agus a fhuair e na daoine anns gach tigh anns an robh e agus gu dearbh cha chreidinn fhein an caochladh teisteanais air na Scalpaich. Tha e 'g radh gu bheil eithrichean mora tapaidh aig moran dhiubh agus gu'n d' rinn iad gle mhath air an iasgach aom bliadhna. Gu ma fada mhaireas cuisean mar sin dhoibh. 'S e an t-Eilean Glas an seann ainm a bha air Scalpaidh, agus tha e coltach gu robh cunntas aig na seann daoine air geodha araidh a bha ann an sgeir an Caolas Scalpaidh, agus gu robh clach iongantach ann an còs beag's an sgeir sin a bha 'g atharrachadh a h-aite a reir cursa na gealaich, agus do bhrigh sin gur h-e "clach na gealaich" an t-ainm a thug iad oirre. Fhuair Murchadh air ais agus air adhart bho'n Tairbeart ann an carbad duin' uasail a Dun-eideann bha tomhas a' ghrunna anns na Hearadh, agus nach robh fortan 'n a fhabhar-san mar a bha e fior mu'r deidhinn gu leir. 'S ann moch 's a' mhaduinn Di-haoine, ma tha, thog sinn na siuil ri crannaibh am bagh Rodail agus duil againn deanamh air Loch-nam-madadh mar a b' fhearr a b" urrainn sinn. Bha ghaoth leinn agus bha an aimsir mar bu mhiann leinn agus bha gach duine ann an deagh shunnd. Gu dearbh feumaidh mi-fhein aideachadh gu robh mi air a' mhaduinn ud fhein a' smaoineachadh agus a' faireachadh mar gu'm bithinn deich bliadhna na b' oige na bha mi an latha dh' fhag sinn port Scottie. Bha mi 286 Litrichean a Bearnaraidh. faireachadh cho sunndach, a dhuine, agus airson càile do m' bhiadh, shaoilinn nach faighinn gu leor idir, agus biadh agus annlann againn gu ar miann. Bha'n aon sgial aig Scottie—nach robh e riamh a' faireachadh uibhir de acras bho'n dh' eirich e an deidh na griùlaich an uair a bha e deich bliadhna dh' aois. Chuir bean Bhill an ceill a' fiosrachadh ceudna anns na briathran, "tha m' oige air a nuadhachadh, mar iolair luath nan speur," briathran a chord uamhasach math ri Mac Neill. Tha esan mion-eolach air an fhirinn, ach mar tha fhios agaibh fhein, cha do chuir an Eaglais Chaitliceach na Sailm am bardachd Ghaidhlig riamh. Bha an eaglais ud riamh a' stri ris an fhirinn a chumail fallain gun a bhi 'g a riasladh ro mhor eadar iomadh canain, agus tha fios aig sgoileirean gur h-e ni ro dheacair a tha ann a bhi 'g eadar-theangachadh canain sam bith air a leithid de dhoigh agus gu'm bi fior bhrigh smuaintean an aoin chanain air an aiseag a dh' ionnsuidh na canain 's am bheil i air a h-eadar-theangachadh. Bha Mac Neill a' mineachadh na cuise dhuinn direach an latha ud fhein agus ged nach sgoilear mi-fhein, thuig mi gu robh e ceart. Arsa bean Bhill an latha ud, agus i deanamh na tea, an uair a bha sinn mu mhile no dha a mach deas air Rudha Renis, "Nach iongantach a nise, Mhic Neill, cho uamhasach fabharrach agus a bha an aimsir dhuinne riamh bho'n dh' fhag sinn Circebost—bha gach latha direach mar gu'm biodh e air a' dheanamh air son an turais, Litrichean a Bearnaraidh. 287 agus smaoinichibh fhein, fhearaibh, bean Chaluim Ruaidh as an Tobha, dol timchioll a' Ghallain Uigeach, agus suas gach ceum do'n Tairbeart Siarach gun fiu aon tionndadh air an stamaig aice. Tha e direach miorbhuilleach, agus feumaidh, a Mhic Neill, nach'eil Ionah air bord co dhiu." "Bha'n aimsir iongantach gun teagamh," arsa Mac Neill, "ach nach 'eil cuimhne agaibh-se, a bhean Bhill, gu'n do sheinn sinn "Laoidh an Iasgair" 'n uair a thog sinn na siuil an toiseach aig port Scottie, agus nach 'eil fhios agaibh gu bheil an Dia mor a tha shuas ag eisdeachd gu mionaideach ris gach tagradh a tha dol suas do ionnsuidh, agus gu'n eisd e ri gach miann a tha air a dealbh am firinn—agus dh' eisd e ruinne mar a chi sibh gach uair bho'n d' fhag sinn port." "Ciatach gasda, Mhic Neill," arsa Scottie, "'s e cho lag's a tha ar creideamh tha 'g ar fagail cho critheanach eagallach." " 'S e," arsa Mac Neill, "cha chreid duine ni an diugh cha mhor mur faic e le shuilean e, agus mur laimhsich e le lamhan e, agus 's e sin a chuir a' chaoile oirnn." "Uill, a Mhic Neill," arsa bean Bhill, "tha mi-fhein a' dol a chur aon cheist oirbh, a chionn's math leam 'ur beachd fhaighinn oirre. Bheil sibh a' creidsinn gu'n do shluig a' mhuc-mhara Ionah—s e direach a bhi bruidheann air Ionah a chur 'n am chuimhne e. Bi' daoine foghlumaichte bha fada anns a' cholaiste 'g radh rium-sa nach gabhadh a' chuis a bhi idir,—nach b' urrainn do Ionah a bhi beo tri latha agus tri oidhche ann an stamag 288 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 28S TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-XIV. A Charaid Choir, Ciad mile failte roimh "D.W.M." mo sheann charaid suairce, a chuir a leithid de onair air "Alasdair Mor" anns a' Ghazette a sheachduin gus an diugh. 'S mise rinn an toileachadh ris na briathran ud fhaicinn bho a pheann siubhlach, agus 's mor an sasuchadh a tha e toirt dhomh-sa gu bheil litir Bhearnaraidh a' toirt a leithid de sholas 'g a ionnsuidh. 'S fhada bho bha fhios agam nach ann de fhoirmealaich fhuara a' chràbhaidh a tha e, agus cha mhisde e fhein sin agus 'a fheairrde càch e. B'e mo mhiann sa riamh, anns gach facal a sgriobh mi, balla meadhonach an eadar-dhealachaidh a bhriseadh sios gu lar— agus's mor ar feum mar Ghaidheil gu'n tachradh sin—ged nach 'eil e coltach gu faic sinne maduinn an latha ghloirmhor sin a' dealradh air Gaidhealtachd ar ruin. 'S e ar cuid a bhi luathachadh an latha's an tir anns nach bi Pol agus Barnabas a' sarachadh a cheile na 's motha, agus tha fhios agam gu bheil mo charaid 'n a aon de na h-abstoil sin bho chionn iomadh latha. Chan 'eil e idir a' cur ionghnaidh orm gu bheil nàir air airson am baisteadh ur a rinneadh air an Ob, gu h-araidh an uair tha e 'g radh gu'n d' thainig cuid de shinnsir as a' chearnaidh sin de na Hearadh, ach coma co dhiu, biodh na Hearaich a' bruidheann air Lever- shalaich mar sud, lan de thruisg's de chudaigean agus gach treallaich eile." "O direach, a bhean Bhill," arsa Mac Neill, "theireadh sibh-se cluas bhodhar do gach casaid air a' Bhiobull a chluinneas sibh. Tha daoine an latha 'n diugh a' dol air mhire le foghlum agus a' saoilsinn gu'n cuir iad fhein ceart le'n reusanachadh fhein ruin-dhiomhair mhora na firinn, ach bidh deireadh bochd aca. Tha mise creidsinn anns gach facal's a' Bhiobull bho thus gu eis agus tha 'n eaglais againn a' daingneachadh sin. "Ceart, a Mhic Neill," arsa Scottie, "sin mo bheachd fhein air a' Bhiobull a nise, agus thuig mi nach ann le sgoilearachd cinn a gheibhear a mach ruintean Dhe ach le creideamh bunaiteach ann an deachdadh na-firinn. Tha duine còir am Bearnaraidh ris an can iad Tormod Og—cha chreid mi nach do thachair sibh ris an latha bha sibh an tigh Chaluim Sheorais—agus chaithris e iomadh oidhche ri rannsachadh co bh' ann Melchisedec, agus chan fhac e ministear riamh nach do dh' fhiach e a' cheist ris, ach tha e cho fada bho Mhelchisedec's a bha e riamh." Mise, le meas, Alasdair Mob. 290 Litrichean a Bearnaraidh. burgh gus am bi iad seachd sgith, ach ma tha e 'n dan dhomh fhein no do m' charaid, "D.W.M." ouairt a thoirt ann am feasda cha leig sinn oirnn gu'n cuala sinn an t-ainm Leverburgh riamh 'n ar beatha. Bu ghrinn an latha fhuair sinn a' dol bho Rodal gu Loch-nam-madadh, ach nach robh an aimsir mhath ud an dan dhuinn fad ar cuairt. Chan fhaca mi aite riamh cho lan de eileanan, beaga agus mora, ri Caolas na Hearadh. Tha iad sgapte thall agus a bhos mar gu'm biodh iad air an sadadh anns a' mhuir air thuaimse. Chaidh sinn seachad air Gilisaidh, Lingaidh, agus Groaidh, agus thall gu'n iar thuath tha Eiseidh agus Cilli-graidh, agus a deas air sin Pabaidh agus Bear-naraidh. Tha Pabaidh a' ciallachadh "eilean a' Phap," agus 's ann do Eaglais Chliamain an Rodal a bhuineadh an t-eilean agus a bharr gu leir 's an t-seann aimsir. Tha Bearnaraidh a' ciallachadh an aon ni ri Bearnaraidh an Leodhas, agus tha an t-ainm air. a.thoirt bho "Bjorn," sagart Lochlannach, a bha beo aig an am 's an robh na h-Innse Gall air an ciosnachadh le muinntir chrodha na Nirribhidh, agus tha "a", no "ay" aig deireadh an ainme bho Bheurla Lochlainn agus tha e ciallachadh "eilean." 'S e eilean mor briagha tha'm Bearnaraidh, agus chuir e null gu tir-mor iomadh sgoilear tabhachdach a tha cumail suas cliu nan Innse Gall air bialamh choigreach. Tha e gun teagamh mi-ghoireasach Litrichean a Bearnaraidh. 291 faighinn ann: feumaidh neach a dhol air tir an Loch-nam-madadh agus carbad fhaighinn a sin gu Port nan Long, agus aiseag a ghabhail a dh' ionnsuidh an eilein. Chaidh sinn seachad air eilean Herematraigh, far an robh iasgach mor ri linn Righ Tearlach I. Rinneadh ullachadh mor airson an iasgaich ud eadar togail thighean-saillidh, agus tighean airson tasgaidh an t-salainn agus na baraillean a bha luchd-giollachd an eisg a' cur am feum. Bha an t-iasgach a' deanamh fior mhath car tide agus tha eachdraidh ag radh gu robh earrann aig Righ Tearlach fhein anns a' chomunn ud, ach 'n uair a b' fhearr agus a b' fhearr an gnothuch, bhris an cogadh communach a mach an Sasuinn agus chuir ain crioch air an iasgach so, agus bu bhochd an sgiala sin. Chan 'eil teagamh sam bith nach e fior aite math airson port iasgaich a bha ann a' Herematraigh eadhon aig an latha ud fhein an uair nach robh a leithid a ni agus toitear (steamer) ri fhaotainn am measg iasgairean nan Innse Gall. Bha e deiseil airson a' Chuan-Sgith far a bheil na h-iollan iasgaich is torraiche tha air an t-saoghal, agus cha robh sgeirean baithte no cunnart sam bith ri chur seachad mu'm faigheadh eathair air tir ann. 'S neonach leam fhein nach do smaoinich Leverhulme air cala: iasgaich a chur suas air an eilean ud seach na miltean a chur a mach ri acarsaid an Oib, agus tha iad ag radh rium sa nach tig 292 Litrichean a Bearnaraidh. an latha's am bi i 'n a h-acarsaid shabhailte leis na tha de chreagan's de sgeirean anns gach seolaid '3 an stiuir bàta thuige. Chaidh sinn an sin seachad air Rugha 'n Fhigh-eadair far a bheil tigh-soluis beag an sas anns a' chreig. Bha Mac Neill ag radh rium gu robh bothan figheadair air an rudha ud uair-eigin agus gur h-e sin a b' aobhar gu'n tugadh an t-ainm ud air. Sheol sinn a steach eadar da sgeir dhuibh 'a an loch ris an can iad "Am Madadh Mor" agus "Am Madadh Beag." Tha cuid ag radh gu'n tugadh na "Madaidh" mar ainm orra chionn gu bheil an t-uamhas de na fiasganan mora ris an canar na Madaidh a' fas orra, ach's e's coltaiche an aithris eile orra rinn Mac Neill: 's e sin gu bheil an da sgeir ud, an uair a thig neach faisg orra ann am bàta, coltach ann an cumadh ri da chu mhor 'n an suidhe. 'S e Mac Neill fhein a bha air an stiuir bho'n chaidh sinn seachad air Rudha 'n Fhigheadair—cha robh h-aon againne eolach gu leor air an t-seolaid, agus bha e uair's a' mhaduinn agus dorcha dubhlaidh, ach rainig sinn gu sabhailte, agus an uair a leig sinn ar n-acaire sios cha robh air ach laighe far an robh sinn gus an tigeadh a' mhaduinn. Mise, le speis, Litrichean a Bearnaraidh. 293 TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—XV. A Chapaid Runaich, Bha sinn air acaire fad na h-oidhche ann am bagh Loch-nam-madadh, ach gu dearbh ged a bha, chuir sinn seachad an oidhche gu comhfhurtail. Rinn sinn tea laidir anns an seasadh an spainn gun tacas, agus bha an drama mu dheireadh de uisge-beatha "Iain Fhada" air a chur mu 'n cuairt, agus an uair a rinn sinn buth (tent) de 'n t-seol airson fasgaidh a chur oirnn bho reothadh na h-oidhche, chaidil sinn uile gu sunndach timchioll air an teine shuilbhire a bha ann an seann phoit air urlar "Reult na Mara." Gu de agaibh air cha robh neach de'n sgioba a chuir seachad an oidhche cho sona ri bean Bhill. Chaidil i a cheart cho math ri duine againn agus is i a dhuisg sinn an glasachadh an latha agus i 'g iomairt am measg nan soithichean airson an tea mhaidne a dheanamh dhuinn. Chuir sinn boiseag bheag air ar n-aodainn, agus thug sinn ruith sgeadachaidh oirnn fhein airson a bhi deiseil gu dol air tir an uair a chitheamaid a' chiad cheo ag eirigh bho theinnteanan muinntir Loch-nam-madadh. Cha robh duine de'n phrasgan againn riamh roimhe air tir an Loch-nam-madadh, ach Mac Neill fhein; air a shon-san bha e cho eolach ri radan air gach cuil a bha anns a' bhaile bheag ud. Cha robh sinn gu dearbh ro-chinnteach an uair ud, ciamar a chuir-eamaid seachad an latha—co dhiu thogamaid na Alasdair Mor. 294 Litrichean a Bearnaraidh. siuil gu Loch Baoghàsdail an deidh cuairt a thoirt air tir, no'n toireadh sinn sgriob troimh Uibhist a Tuath, 'n uair a bha e cho goireasach dhuinn sin a dheanamh. Bha cairdean do Mhac Neill sgapte thall agus a bhos troimh 'n eilean agus mar a thuirt mi cheana, fhuair e litir bho charaid còir dha, Iain Mac Aulaidh, an tigh osda na h-Ath an Iar, ag iarraidh air tighinn air cheilidh 'n uair a bhiodh e dol seachad le "Reult na Mara" agus • bean Bhill a thoirt leis airson ballan a chur air a' chois aige, agus e dona leis an t-siataig bho 'n bha e buain na monadh. Tha fhios againn uile cho deidheil agus a bha bean Bhill air slainte a' bhallain aiseag do gach neach a b' urrainn i, agus cha b'e Mac Neill fhein a bu lugha durachd gu bhi dèanamh feuma 'n a thurus do gach neach air an robh eucail na siataig. Co dhiu no co dheth, chunnaic sinn ceo glas ag eirigh suas gu direach bho shimileir an tigh-osda, agus mar a bha duine agus .duine againn a' cumail a • shula gu tir, bha toit an sud agus an so a' dearbhadh nach b'e "cadal fada nan ceannaichean" a bha muinntir Loch-nam-madadh a' deanamh air a' mhaduinn dhorcha dhubhlaidh ud. Thug sinn "Reult na Mara" a dh' ionnsuidh a' cheadha, ma tha, agus fhuair sinn uile gu tir gun sgiorradh no urchaid sam bith. Chaidh sinn sgriob suas an rathad, agus rinn sinn direach air Oifig a' Phuist a bha air a h-ur fhosgladh airson gnothuich an latha, agus chuir mi-fhein luath sgial Litrichean a Bearnaraidh. 295 Gaidhlig gu Sine 'g innse dhith gu'n d' fhuair sinn air tir an Uibhist a Tuath, eilean Mhic Codrum nan ròn. Chuir Domhnull Mhurchaidh Piobaire luath-sgial gu tigh-soluis nan Eileanan Flannach, agus dh' fhalbh teachdaireachd Ghaidhlig eile bho Chalum Sheorais a dh' ionnsuidh an Dotair Padruig, agus gu dearbh tha mise creidsinn nach ann na h-uile latha theid tri luath-egialan Gaidhlig a chur air falbh a Oifis Loch-nam-madadh. Chum sinn air ar n-aghaidh airson beachd math fhaighinn air suidheachadh an aite. " 'S ann tha 'm baile mor ann Steornabhagh fhein," arsa bean Bhill, "agus's ann a chi neach sin 'n uair a thig e gu Loch-nam-madadh." " 'S ann a tha Loch-nam-madadh iongantach mor," arsa Murchadh Knocs, "agus gun fhios agad de tha cumail a' bheagain a tha ann beo. Tha cheart uibhir de obair againn fhein am Breacleit agus a tha air a' chnoc fhaoillidh so."" " 'S e th' ann aite beag sonruichte," arsa Mac Neill, "seall an tigh-osda mor tha sin, agus ged is ann gruamach a tha e 'g amharc bho 'n taobh a muigh, tha iad ag radh gu bheil seasgaireachd gu leor's an fhardaich ud. Thà Tigh-ouirte thall an sin a dheanadh an gnothuch do'n Eaglais Bhric fhein, agus tha priosan ann cuideachd ach's e na radain a bhios iad a' cur an laimh ann 'n uair a bhios iad a' fàs lionmhor, agus gu ma fada bhios sin mar sin an Uibhist. Tha ris da eaglais ann, agus an dara te mar gu'm b'eadh a' sealltuinn sios air an t-eile 296 Litrichean a Bearnaraidh. agus ag radh, "Cum uam, 's mise 's gloine na thu. Tha tigh-rèidh ann agus gu dearbh ma tha e lan airgid chan 'eil muinntir Uibhist falamh. Seall tigh nam bochd a ris thall air creagan leis fhein, agus tha iad ag radh rium gu bheil earrann dheth 'n a thigh-caothaich a nise, agus tha buth an ceann gach tighe ann, agus an can sibh a rìs nach e aite mor a tha an Loch-nam-madadh." "Eadar e fhein agus Steornabhagh mo ruin, a Mhic Neill," arsa bean Bhill. "G-u dearbh chan ionghnadh ged thuirt Leodhasach còir 'n a bhardachd "Steornabhagh, 's e Steornabhagh, baile 's boidhche tha fo'n ghrein, Steornabhagh, 's e Steornabhagh." "Bu thoigh leam punnd de thea Uibhist a chur gu Sine," arsa mi-fhein ri Mac Neill," bheireadh e 'n uibhir de thoileachadh dhith, bronag, agus i leatha fhein." "Gle mhath," ars' am Barrach, "theid sinn do bhuth Alasdair Ruaidh an so, agus bheir mi eolas dha oirbh uile." Chaidh an comhlan mar a bha sinn a steach do 'n bhuth, agus an uair a ohuir e eolas oirnn, ghabh e ruinn gu suilbhire ceanalta, agus na faiceadh sibh an surd a rinn e ri bean Bhill. " 'S iomadh uair a chuala mi mu'r deidhinn," ars' esan, "agus gu dearbh 'e e turus an àigh a thug sibh do dh' Uibhist agus feum ro mhor ann air te acfhuinneach coltach ruibh-se a chuireas na ballain cho sgileil." "Tapadh leibh-se, dhuine chòir, airson 'ur durachd, agus gu dearbh 's e cairdean a thachair Litrichean a Bearnaraidh. 297 Alasdair Mor. gu coibhneil rium-sa riamh bho'n dh' fhag mi an t-eilean againn fhein." Rinn sinn beagan ceannachd 's a' bhuth airson feum "Reult na Mara," agus chuir mi-fhein am punnd tea air a' phosta gu Sine an larach nam bonn. "Bu thoigh leam a dhol a dh' amharc air Alasdair Feargusdan 's a' Chlachan agus Iain Mac Aulaidh an tigh-osda na h-Ath an Iar," arsa Mac Neill. "Tha Iain deidheil air sgil bean Bhill fhaighinn airson na siataig agus tha fhios agam gu'n deanadh i mor fheum dha." "Gu dearbh's e da Ghaidheal chòir air a bheil sibh a' bruidheann an sin," arsa Alasdair Ruadh," agus tha mi-fhein a' dol gu Clachan a' Ghluip a nochd gu banais Seonaid, nighean Alasdair, agus tha fhios gu'm bi Iain Mac Aulaidh an sin, siataig air no dheth. Bithidh oarbadan-oladh gu leor a' fagail Loch-nam-madadh feasgar agus bu chòir dhuibh an cothrom a ghabhail airson a dhol sios, agus mo lamh-sa gu'n deanadh iad uile toileachadh ruibh." "Chi sinn," arsa Mac Neill, "agus co dhiu cuiridh sinn ar comhairle ri cheile timchioll air drama shios anns an tigh-osda." Agus sin far an deachaidh sinn. Mise, le meas, 298 Litrichean a Bearnuraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-XVI. A Chasaid Ionmhtjinn, An deidh dhuinn drama gasda bhi againn an tigh-osda Loch-nam-madadh air a' mhaduinn ud, chaidh sinn air ais do "Reult na Mara" airson tea dheanamh agus blasad air na h-annasan a cheannaich sinn am buth Alasdair Ruaidh. Thug sinn am bàta macn beagan bho'n cheadha airson gu faigheamaid sealladh na b' fhearr air an duthaich mu' n cuairt, agus chuir sinn bean Bhill an tarraing ri deanamh na tea. Bha muic-fheoil againn am measg gach itheanaich eile cheannaich sinn, ach cha robh soitheach air am talamh againn anns an ròsdamaid i, ach direach an uair a bha bean Bhill 'g a cur seachad anns a' bhocsa arain agus i air dochas a thoirt suas a thaobh a' ghnothuich, nach ann a dh' iarr Calum Sheorais oirre a' mhuic-fheoil a chumail air bior beag maide fa chomhair na griosaich agus nach b' fhada gus am biodh i bruich. Chuir sinn uile ar n-amen ris a' mhodh chocaireachd so, agus gu dearbh cha b' fhada gus an robh gaoirich air a chluinntinn bho gach staoig muic-fheoil mar a bha bean Bhill a' griosadh, agus an uair a theann sinn ri a h-ithe le ar meoirean, anns an t-seann doigh Ghaidhealach, b' e beachd gach aoin againn nach d' fhuair bain-tighearna Mhic Mhathain anns a' Ghearradh Chruaidh, seoighn riamh na bu bhlasda na sud agus rinn sinn iollach an aoibhneis airson Litrichean a Bearnaraidh. 299 acfhuinneachd Chaluim Sheorais. Ach coma co dhiu an uair a bha sinn am meadhon na tea, thug sinn suil a null a dh' ionnsuidh na laimhrig, agus chunnaic sinn coltas dithis ghillean oga an sin, agus smuid aca air smeideadh oirnn, ach cha b' urrainn dhuinn deanamh a mach co air an t-saoghal a bhiodh ag iarraidh comhraidh oirnne an Loch-nam-madadh agus a' mhor-chuid againn cho aineolach anns an aite. "Mo chreach," arsa bean Bhill, "'s mor m-eagal gur h-e gille phuist a th' ann le luath-sgial, agus gu bheil Bill bochd air fas tinn, agus mise a' siubhal an t-saoghail mar so." "Na caraich," arsa mi-fhein, "ma tha duine sam bith tinn's e Sine, a' chailleach agamsa. Chan' eil fhios nach do thoisich i ri leughadh , "Osnaichean bho Ifrinn" a ris agus nach do bhuin sin ris an inntinn aice 's i leatha fhein." "Nach bi sibh samhach" arsa Scottie: "chan fhiach a bhi cur droch mhanadh air duine sam bith anns an t-saoghal so." " 'S e th' ann, fhearaibh, fios dhomh-sa," arsa Domhnull Mhurchaidh Piobaire, "airson a dhol do na h-Eileanan Flannach, agus 's e chrois ma bhios agam ri dhol ann an aithghearr 's e cho doirbh faighinn dhachaidh." Am feadh a bha sinn ag iomairt a' chomhraidh so nach ann a bha na balaich a' cur a mach eathair beag ri taobh a' cheadha agus ag iomradh gu sgairteil a nall gu "Reult na Mara." "Tha so gu cuid-eigin co dhiu, Mhic Neill," arsa bean Bhill, agus sinn uile a' moladh cho deas agus a bha na fearaibh a' bogadh nan ramh. Thainig 300 Litrichean a Bearnaraidh. iad gu cliathaich, a' bhàta moran na bu dealasaiche na dheanadh an t-eathair aisig a thig a mach a Rodal. "Bheil an sgiobair agaibh air bord?" arsa fear dhiubh, agus coltas cho toilichte cairdeil air an aodann aige. "Tha," arsa Mac Neill, "tha fear Bharraidh agad an so." " 'S mise ma tha," ars' esan,, "Domhnull, Mac Alasdair Fear-gusdan, a Clachan a' Ghluip, agus chuir m-athair mi a nall gu' r n-iarraidh uile gu leir gu banais mo pheathar an nochd, agus chan' eil math do dhuine agaibh diultadh." "Dia 'n a thoiseach," arsa Mac Neill, "'s tu fhein mac t-athar gun teagamh, cha do dhi-chuimhnich e a chairdean riamh an uair a bhiodh am fleadhachais 'n a fhardaich. Tha mise gle thoilichte gabhail ri cuireadh mo charaid, bho 'n tha fhios agam gur h-ann bho a chridhe tha e 'g a thoirt, ge b' e de ni cach." "Uill, a Dhomhnuill, a bhalaich," arsa Scottie, "tapadh leat fhein gu dearbh; chuir thu onair mhor gun teagamh air sgioba 'Reult na Mara,' agus theid sinn comhla riut eadhon ged tha sinn uile as aonais trusgan bainnse, ach bean Bhill a mhain—tha a boinead agus a cleoca aice-sfc, agus nach fheumadh i sin, te sam bith a chuir seachad oidhche an Caisteal Abhainn-suidhe." "Feumaidh sibh bean Bhill a thoirt leibh co dhin," arsa Domhnull: "thuirt m' athair rium nach faodainn ruigheachd as a h-aonais, agus a leithid 'g a feitheamh airson ballan a chur orra airson a' ghreim-loinne." "Theid mise comhla riut gun teagamh, a Dhomhnuill, a charaid," arsa Litrichean a Bearnaraidh. 301 bean Bhill," agus gu dearbh chan ann a' brosgul riut a tha mi, ach 's ann ort a tha coltas a' bhalaich ghasda." " 'S ann dha fhein bu chòir," arsa Calum Sheorais, "'s iomadh bliadhna bha mi-fhein agus athair comhla an Glaschu an uair a bha sinn ogw agus bha sinn mar dha bhrathair, ach tha corr agus fichead bliadhna bho nach fhaca mi e, agus gu dearbh bheir e toil-inntinn mhor dhomh tachairt ris a nochd." "Agus co fear mor a tha so comhla riut, a Dhomhnuill?" arsa bean Bhill: "tha coltas na slainte air co dhiu." "Sin agaibh Donnchadh Mac Rath a Loch-aills," arsa Domhnull; "'s e 'fear mor a' Cho-operative' a tha aig cailleachan Uibhist air, agus tha e gle mhuirneach aca." "Seadh direach," arsa bean Bhill, "bha cailleach nan cearc timchioll againn fhein bha chionn ghoirid, agus bha i 'g radh rium gu robh duine no dithis de 'r leithid a' dol timchioll airson a' Cho-operative. Bha e againn fhein am Bearnaraidh bho chionn bhliadhnaichean, agus gu dearbh 's ann agam fhein agus aig Bill a bha moladh mor air a' mhin fluir a bha aca." "Creididh mi sin," arsa Mac Rath, "Chan fhaod droch bhathar sam bith a bhi air a reic am buthan a Cho-operative, aguB rud is fhearr na sin mar is motha cheannaicheas sibh is ann is motha tha de bhuannachd a' tighinn do' r n-ionnsuidh fhein aig ceann na bliadhna." "Tha sibh ceart, a Mhic Rath," arsa Scottie, "'s e 'n Co-operative a bh' ann a chuir muinntir Steornabhaigh an aghaidh Leverhulme, 's duil aca gu robh e dol a 302 Litrichean a Bearnaraidh. chur suas aon bhuth mhor air a'" Mhol a Tuath, 's gu'm biodh iad uile mach air an dorus ann am beagan uine." Dh' iarr sinn air ar cairdean tighinn air bord agus comaidh a ghabhail as an tea agus a' mhuic-fheoil ghriosaichte rinn bean Bhill, ach bha cabhag orra gu faighinn air tir agus thuirt Domhnull ruinn gu 'm biodh e aig an osd-thigh le carbad air ar son aig da uair feasgar airson an sgioba mar a bha sinn a thoirt a dh' ionnsuidh na bainnse. Thoisich sinn ri ullachadh cho luath agus a dh' fhalbh iad, agus abraibh gu robh upraid gu leor air bord "Reult na Mara." Theann Murchadh Knocs agus Domhnull Mhurchaidh Piobaire ri toirt dhiubh na fiasaig, agus thug Scottie sgoltadh air na brogan aige anns an t-sàl—cha robh for air stuth a chuireadh lainnear annta co dhiu, ach rinn sinn an gnothach ciatach, agus bha lan fhios againn gu'n gabhte ruinn a cheart cho math agus ged bhiodh riomhadh de shioda air gach duine againn. Mise, le muirn, Alasdair Mor. Litrichean a Bearnaraidh. 303 TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—XVII A Charaid Choir, Cha b' fhada gus an d' fhuair sinn seorsa sgeadachaidh a dheanamh oirnn fhein, agus sgollag cho math agus a leigeadh an t-aobhar leinn, a chur air ar n-aodainn, agus air dhuinn an t-ullachadh sin fhaighinn seachad agus an iubhrach chòir, "Reult na Mara" acrachadh gu goireasach ri ceadha Loch-nam-madadh, chaidh sinn suas an rathad gu bhi deiseil airson ar caraid, Domhnull Mac Fhearguis, an uair a thigeadh e leis a' charbad. Bha am feasgar fuar greannach mar a bha abhuisteach do'n am ud de'n bhliadhna, ach cha robh nial an usige air an speur co dhiu, agus le sin bha fiughar againn ri faighinn gu Clachan a' Ghluip ann an seasgaireachd. Cha robh ar caraid mionaid bheag no mhor air dheireadh, agus an uair a bha beagan conaltraidh againn mu'n t-slighe air an robh sinn gu dol, dh' fhalbh an carbad, agus gu dearbh cha b'ann mail a bha a choiseachd. Tha 'n t-slighe comhnard gun teagamh, ach, a dhuine, shaoileadh tu leis an t-sian a bha roimhe, nach robh na cuibhleachan a' gabhail gnothuich ris an rathad mhor idir. Bha Mac Neill agus bean Bhill 's an toiseach comhla ri Domhnull, agus a' chuid eile againn 'a an deireadh agus cha robh oion comhfhurtachd oirnn. Mar a bha sinn a' dol air 304 Litrichean a Bearnaraidh. adhart bha sinn a' gabhail beachd air an tir gu h-araidh an uair a bha an rathad ur dhuinn uile ach do Mhac Neill, a mhain, "Uill, a Mhic Neill," arsa bean Bhill, "chan'eil so ao-coltach ri mointeach Steornabhaigh fhein." "Tha mòine 's puill-mhònadh is lochan ann am measg a cheile co dhiu," arsa Mac Neill, "ach 's ciatach an toil-inntinn a dh' fheumas coigrich a thig timchioll an so 'a an t-samhradh fhaighinn an uair a tha neamh agus talamh 'n an gloir, mar a tha Niall Mac Leoid, am Bard Sgitheanach, ag radh." Thoisich Mac Neill an sin ri seinn "Mairi Bhoidheach," agus thog gach aon againn am fonn gu h-aighearach, agus b' fhurasda do na daoine a bha dol seachad oirnn air an rathad a thuigsinn gur h-e surd bainnse bha oirnn air an fheasgar ud, agus lean sinn bho oran gu oran gus an d' thainig sinn am fianuis a' Chlachain. Bha bratach suas an ein an ceann gach tighe, agus bha an rathad mor tiugh le daoine tighinn bho gach rathad a dh' ionnsuidh eaglais a' Chlachain far an robh am posadh gu bhi air a sheulachadh ann an uair a thide an deidh ein. " 'S ann a tha so coltach ri latha Sàbaid orduighean leis na tha de shluagh air an rathad," arsa mi-fhein, agus le so bha an carbad aig a ceann uidhe. Thainig am Feargus-danach fhein a mach gu h-aoigheil 'g ar coinneachadh agus thug e di-bheatha iongantach chairdeil dhuinn gu leir, air chor 's gu robh sinn uile a' faireachadh gu robh sinn aig an tigh am Litrichean a Bearnaraidh. 305 measg a' chomhlain ud. Rinn e surd mor ri a sheann charaid, Calum Sheorais, nach fhao e bho chionn corr agus fichead bliadhna agus airson bean Bhill dheth, bha a di-beatha ro-chairdeil da-rireamh. "Tha mi 'n dochas gu bheil am ballan agaibh," ars' esan, "agus Iain Mac Aulaidh cho dona leis an t-siataig." "Uill, tha, a charaid chòir," arsa bean Bhill, "agus mo lamh-sa gu leighis sinn Mac Aulaidh ma ghabhas e deanamh idir. 'S ann a Leodhas againn fhein a tha Clann Mhic Aulaidh, sliochd nan sonn, agus creididh mi gur h-ann dhiubh-san a tha mo charaid cuideachd." Thug e an sgioba mar a bha sinn a steach do'n tigh aige, agus chuir sinn eolas air a mhnaoi cheanalta a thug dhuinn aoigheachd chaid-reach a dh' aindeoin cho trang agus a bha i air an fheasgar shonraichte bha sud—agus an toileachadh a rinn ise ri bean Bhill gu h-araidh an uair a chunnaic i gu robh am ballan anns a' mhaileid 'n a cois. Chaidh sinn an sin a null do'n eaglais, agus bha gach neach mar a bha tachairt ruinn a cur na failte chridheil ud oirnn mar gu'm b' aithne dhoibh riamh sin. "Fhearaibh, 's e daoine gasda th' anns na h-Uibhistich," arsa Scottie. "Nach ann mar sin a tha na h-eileanaich gu leir," arsa Mac Neill: "c ait' air fonn 's am bith a gheibh thu daoine bheir bàrr orra ann an cairdeas agus an teo-chridheachd ri coigrich." "An teid sibh a 306 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 307 Alasdair Mor steach comhla ruinn do'n eaglais, a Mhic Neill?" arsa bean Bhill. "Theid gun teagamh," ars' esan: "an dean sin coire sam bith orm-sa, 's mi dol a chluinntinn agus a dh' fhaicinn nighean mo charaid, Mac Fhearguis, gu bhi air a gabhail an ceangal posaidh le smior an duine ghasda, Iain, Mao Ailein anns a' Charnan." An uair a chaidh sinn a steach bha an eaglais gu math lan, agus bha na daoine sior thighinn a stigh, agus a' lionadh nan suidheachanan sios a dh' ionnsuidh an doruis. Bha am bochd agus am beartach ann, an t-iosal agus an t-uasal, bho Chaolas na Hearadh gu Ceann Bharraidh, agus gu dearbh tha mise creidsinn gur h-ann ainneamh a bha a leithid sud de chomhlan grinn cruinn an eaglais a' Chlachain. Thainig an sin na triuir mhinistearan a bha'n urra ris a' phòsadh, an Dr Mao Domhnuill am Baile-loch, an t-Urr. Mgr Mac-an-t-Saoir, ministear a' Chlachain, agus an t-Urr. Mgr. Mac Dhomhnuill, ministear Bheinn-na-faoghlach, agus rinn gach aon dhiubh an dleasdanas fhein de 'n t-seirbhis gu solumaichte ann an taghadh na Gaidhlig. Gu dearbh saoilidh mi-fhein nach 'eil ni cho maiseach ri luchd na Gaidhlig a bhi air am posadh ann an canain a mathar. Tha Ghaidhlig ro chuimir dealasach mar mheadhon urnuigh agus aoraidh, agus shaoilinn nach b' urrainn do chàraid aig a bheil i Beurla Shasuinn a chur roimpe aig an am a bhiodh iad a' gabhail ceum cho solumaichte ri bòidean posaidh orra fhein, ach nach'eil an latha anns a bheil sinn beo lan de mhorachd gun chur leis mar so, agus is tric e tachairt gur h-iad muinntir na fior dhroch Bheurla gheibhear a' deanamh roghainn do'n t-searmon phosaidh anns a' chanain sin, direach airson a bhi anns an fhasan. Ach cha b' ann mar sin a bha cuisean air an fheasgar ud. Cha robh facal Beurla timchioll air an t-seirbhio, agus thug sin riarachadh nach bu bheag do'n chuideachd gu leir. Chuir sinn uile meal an naidheachd air a' chàraid oig an deidh an snaoim-posda chur orra, agus ghuidh sinn dhoibh sonas agus àgh re am beatha ocmhla ri cheile. "Tha aghaidh nan daoine oirbh co dhiu," arsa bean Bhill, an uair a thug ise an crathadh laimhe dhoibh, ' 'agus feumaidh gu robh sibh fhein 'n ar dithis gasda ris gach neach an uair a chruinnich a leithid gu ar faicinn posda an nochd." 'S e chord rium fhein an luchd co fhailteachd a bh' aca, Siusag, piuthar bean na bainnse, nighean ghrinn, chairdeil, shiobhalta, agus gàire aice airson gach neach, agus Calum Mac Ghille Eathain, a Carinis, balach snasail agus sgoilear ro dhealasach turail, a bha'n comhnuidh a' togail nan duaisean a b' airde. Mise, le meas, 308 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN 'REULT NA MARA'—XVIII A Charaid Ionmhuinn, Na 'm biodh fhios agaibh-se air an aireamh mhor de mhuinntir Uibhist agus Bhar-raidh air an d' fhuair sgioba "Reult na Mara" eolas air an fheasgar iongantach ud, an deidh a' phosaidh. Thainig Donnchadh Mac Rath, fear a" Cho-operative, a bhruidheann ruinn an uair a thainig sinn a mach as an eaglais, agus cha robh tiota gus an robh na ficheadan timchioll oirnn, agus gach neach cho deidheil air crathadh-laimhe fhaighinn air bean Bhill. Bha am Barrach gun teagamh gu math eolach air moran de 'n chomhlan, agus an fheadhainn dhiubh nach b' aithne dha-san, thug Mac Rath eolas dhuinn orra, agus gu dearbh 's e smior nan uaislean a bha annta air fad, agus a chionn's gur h-e sin a bha annta, cha do rinn iad tarchuis sam bith oirnne ged is e trusgan iasgairean a bha oirnn, agus iad fhein idle air an sgeadachadh gu riomhach mar is còir do gach neach a bhi a theid gu banais le subh-achas inntinn. Mar a thuirt Calum Sheorais am feasgar ud, is fhurasda luchd na h-uaisle cheart aithneachadh seach a' chuid a dh' eirich as a' pholl, agus nach urrainn an uaisle a' ghiulan gun a bhi 'n an cuis mhagaidh. Bha 'n Dotair Mac Choinnich agus a bhean, a Scolpaig ann; fear Bhaile Raghail, agus a phiuthar, agus fear Bhallaidh, 's esan cho grinn ged nach 'eil a' Litrichean a Bearnaraidh. 309 Ghaidhlig aige; Mgr. Mao Colla, agus a bhean a Loch Baoghasdail; Mr Domhnull Feargusdan agus a nighean, a Loch Baoghasdail, agus bh\ comhradh fada eadar e fhein agus bean Bhill mu na h-eaglaisean. Bha Ruairidh Mac Mhaoilean, a Geirinis ann, agus gu dearbh 's e chord rium fhein an uair a fhuair mi eolas air troimh 'n oidhche. Thachair Gaidheal còir eile rium ann, Aonghas Mao Aulaidh, a Grianaig, Ceann-suidhe Comunn Uibhist agus Bharraidh an Glaschu, agus gu dearbh ma thachras dhomh-sa feasda dhol sgriob gu Grianaig, tadhlaidh mi air an duine chòir, ged nach biodh orm ach am peitean mor a bha orm an oidhche ud. Ach 's ann a bha 'n gairdeachas ann an uair a thachair bean Bhill agus Iain Mac Aulaidh, a tigh-osda na h-Ath an Iar, am feasgar ud. "Gu'm beannaicheadh Dia bean Bhill," ars' esan, '' 's e fortan a chuir sibh an rathad agus mise cho dona leis a' ghreim-loinne 'n a mo ghlun bho bha mi buain na monadh toiseach an t-samhraidh." "Coma leibh-se, Mhic Aulaidh chòir, agus gu dearbh 's e fior choltas an duine chòir a tha oirbh," arsa bean Bhill, "cuiridh mise ballan oirbh a maireach agus chi sinn de mar chuireas an gnothuch ruibh." Cha robh maighstir-sgoile no ban-sgoilear eadar da cheann an eilein nach robh ann, agus, a dhuine, rud nach robh duil againn, nach robh Leodhasch gasda ceanalta 'n am measg, Ruairidh Mac Leoid, maighstir-sgoile Thigh a' Ghearraidh, agus 's e Sid Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 311 anns a' Chlachan, Mgr. Mac Dhomhnuil, ministear Bheinn-na-faoghlaoh, Aonghas Mac Aulaidh, Ghrianig, agus Ruairidh Mac Mhaoilean, a Geirinis, agus chan ann gun cheann labhairt a bha h-aon aca. Gu dearbh 's iomadh banais aig an robh mise, eadar bainnsean an iasgaich agus feadhainn eile, ach cha chuala mi riamh an uibhir de ur-labhradh taitneach agus a chuala mi an oidhche ud. Thug fear na bainnse buidheachas do na luchd-labhairt airson an durachd dha fhein agus d' a cheile air an oidhche ud, agus an deidh sin nach do dh' eirich Mac Neill fhein, a sheo'd, agus rinn e an deagh oraid a' thoirt tainge, an ainm sgioba "Reult na Mara" airson a' choibhneis a rinneadh ruinne, agus sinn 'n ar coigrich, ann a bhi toirt ouiridh dhuinn gu fleadhachas cho fior thaitneach —oidhche air am biodh cuimhne againn uile fad iomadh latha. Thoisich an sin an dannsa agus an ceol, agus gu dearbh's fhada bho nach cuala mi oranaichean cho taitneach. Dhanns' Mac Neill an seann dannsa Uibhisteach, "Miss Forbes," agus chord sin iongantach math ris a' chomhlan. Sheinn Scottie "An dubh-ghleannach," agus rinn mi-fhein oidhirp air "Mairi Bhoidheach," a thoirt dhoibh. Thug bean Bhill dhoibh sgiala nighean an t-sagairt oig a bha 'm Bearnaraidh Bheag, agus 's i fhein a chaidh ris gu pongail. Rinn sinn ruidhle no dha fhein a chum na h-oranan ruinn an oidhche ud. Thug e cuireadh cairdeil do 'n sgioba againn, mar a bha Binn, a dhol air cheilidh air an ath latha airson barrachd eolais a chur oirnn uile. Chaidh an comhlan ann an rian imeachd aig an eaglais, agus bha a' chàraid og agus an deagh phiobaire, Alasdair Beatunn, a Uibhist a Deas, air an ceann, agus choisich sinn uile an ordugh maiseach sios gu talla ghrinn anns a' Chlachan far an robh gach biadh agus deoch a b' fhearr na cheile air an sgaoileadh fo ar comhair. Gu dearbh bha e cur mor ionghnaidh orm fhein fhathast ciamar a fhuair iad corr agus tri chiad pearsa a riarachadh an oidhche ud, ach abradh sibh-se nach robh dith cuibhrinn air aon duine, agus ged a bha au talla lan, bha gach soitheach a' dol 'n a aite fhein, direach coltach ri ni samhach seimh a dheanadh na sìthichean a bha 'n Uibhist anns na linntean àrsaidh a dh' fhalbh. Bha 'n Dotair Domhnullach, ministear Bhaile-loch, anns a' chathair, agus bu mhath a ghnothuch ann. 'S ann air fhein a tha coltas a' mhinisteir, agus tha bàigh agus carthannas an fhior Chriosduidh '11 a ghnuis—sin teiste Mhic Neill air, agus chan ann tric a their esan dad mu mhinistear. Ghuidh e ann am briathran lan de threibh-dhireas, sonas agus solas nam beannachd do 'n chàraid og, agus do na teaghlaichean gasda do 'm buin iad. Bhruidhinn an sin an t-Urr Mgr. Mac an t-Saoir, 312 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"—XIX. Fhie Ionmhuinn, 'S e banais gu latha a bha 's a' Chlachan an oidhche ud gun teagamh sam bith. Bha e mu ochd uairean 's a' mhaduinn an uair a rinn an comhlan gasda sgapadh, agus gu dearbh air mo shon fhein dheth, agus sgioba "Reult na Mara'' a bha comhla rium, bu choma leinn ged a leanadh am fleadhachas a bha ann fad seachduin mhoir air a ceann. Bha a' chuis a' cordadh ruinn cho math, bha sinn gach mionaid a' cur eolais air neach thall agus a bhos, agus bha iad uile toirt barr-urraim air a cheile ann an aoighealachd agus an ceanaltas. Gu dearbh chan ann air na h-uile banais a gheibhte corr agus tri chiad duine cruinn comhla ri cheile fad oidhche gun ghuth mor no droch fhacal a thighinn bho bhial aon duine. 'S iomadh uair a chuala sinn e air a thilgeadh air na Gaidheil nach bu nos leotha bhi coirdte gu tric Litrichean a Bearnaraidh. 313 aig banais agus fleadhachas de'n t-seorsa ud, ach bhriagnaich a' chuideachd ud an aithris sin gu tur, agus 's e mo bheachd fhein an uair a bhios na Gaidheil cheart cruinn a dh'aon inntinn ann an aon aite, gu gairdeachas a dheanamh comhla ri càraid oig air am bi meas aca. gu'm bi rian agus braithreachas orra mar a bha firinneach an oidhche ud. Cha robh cadal gu bhi ann, ma tha, a' mhaduinn ud aig sgioba "Reult na Mara" co dhiu, agus airson bean Bhill dheth, ged a bhiodh a suil a' dùnadh, rud gu dearbh nach robh, cha mhealladh i air a gealladh do Iain Mac Aulaidh anns an Ath an Iar. Le sin an uair a leig sinn soraidh leis na cairdean còire air an do chuir sinn eolas an oidhche roimhe sud, rinn sinn deiseil airson a dhol comhla ri bean Bhill, agus, a charaid, cha b' ann idir gun fhiathachadh a chaidh sinn ann—thug Mac Aulaidh cuireadh, 's cha b'e aon, dhuinn airson a dhol a dh'amharc air, agus chan e mhain sin, ach chuir e an carbad aige fhein 'g ar n-iarraidh. Chan fheum mi dhi-chuimhneachadh gur h-ann air a' mhaduinn ud a dhealaich Domhnull Mhurchaidh Piobaire ruinn. Mar a dh'innis mi dhuibh cheana, 's ann airson each a cheannach bho dhuine b' aithne dha an Uibhist a Deas a dh' fhag e an tigh, agus an uair a chuir esan cuideachd eolas air Mao Mhaoilean a Geirinis, aig a' bhanais, rinn iad ullachadh airson a dhol a null air an fhaoghail comhla air a' mhaduinn ud* agus cha do sguir Domhnull am measg nan oigridh, agus mar sin chaidh oidhche banais a' Chlachain seachad, agus's fhada bhios cuimhne oirre an Uibhist a Tuath. Mise, le meas, Alasdair Mob. 314 Litrichean a Bearnaraidh. fhathast de bhruidheann air coibhneas Mhie Mhaoilean ris, agus gu dearbh's mise chreideadh. Thog sinn oirnn, ma tha, ann an carbad Mhic Aulaidh sios gu tigh-osda na h-Ath an Iar, agua sinne nach tug fada air an rathad. Bha'n duine còir agus a bhean cheanalta 'g ar coinneachadh aig an dorus, agus sinne fhuair an lan fhuran anns an fhardaich aige. Co bha romhainn an so ach Mao Rath a' Cho-operative agus Iain Mac Cuaraig, smior a' Ghaidheil ghasda, a tha teagasg do na h-Uibhistich an doigh air an toir iad am barr is fhearr as an fhearann aca. Chaidh an tea air bonn gun dàil, ach cha bhlaiseadh bean Bhill air dad gus an cuireadh i am ballan air fear an tighe an toiseach. "A nise, Mhic Aulaidh, a dhuine chòir," ars' ise, "suidhidh sibh-se air stòl iosal airson gu faigh mise timchioll air a ghlun agaibh na's fhearr. 'S e duine mor ard a th-annaibh-se, agus chan 'eil bean Bhill ach beag ri 'ur taobh." "Chan e na daoine mora gu tric is fhearr, ma tha," arsa Mac Aulaidh, "seallaibh air an abstol Phol, co bha coltach ris, agus canaidh na minis-teirean againn nach robh e dad is coig troidhean air airde." " 'S e, Mhic Aulaidh," arsa bean Bhill, " 's e 'n fhirinn 's an onair agus an deagh dhurachd a tha deanamh an duine mor ann a' fianuis a' chruithfhear. A nise cuiridh sibh-se 'ur cas air an stòlan sin agus cuiridh sinn am ballan air taobh a' ghluin agaibh, agus bheir e mach na droch liunntan anns an fhuil agaibh a tha V Litrichean a Bearnaraidh. 315 aobharachadh na siataig." An uair a fhuair i an glun ann an suidheachadh freagarrach, ghleus i gu doigheil an ealtuinn a bha aice anns a' mhaileid ruaidh comhla ris a' bhallan, agus rinn i tri gearraidhean anns a' chraicionn air fhad agus air a liad, direach mar a thuirt e fhein mar gu'm biodh i deanamh tarstan Chloinn Domhnuill, agus chuir i am ballan air muin sin agus thoisich i ri dheoghal. Thug sinn uile greis air deoghal a' bhallain, ach 's ann a thoisich Mac Neill ri seinn "Mairi Bhoidheach" agus eagal air gu robh Mac Aulaidh a' faireachadh goirteis—fiachadh sibh-se nach e tha gasda 'n a dhoighean. "A nise, Mhic Aulaidh, a charaid," arsa bean Bhill, "tha mi 'n dochas nach 'eil mise 'g 'ur goirteachadh. Cha robh leigheas riamh de'n t-seorsa gun bheagan peine 'n a chois." "Chan 'eil, a bhana-charaid," arsa Mac Aulaidh, " 's beag an cràdh so an taca tì gonadh a' ghreim-loinne 'n uair a bhios e gu dona." "Cuiridh mise geall, gu ta," arsa bean Bhill, "gu'n dean so feum dhuibh—seall sibh fhein na thainig a mach de fhuil bhruite as a' ghlun agaibh, a' cheart rud a bha deanamh beathachaidh do'n t-siataig a bha sibh a' gearan." An uair a bha am ballan air a ghnothuch fhein a dheanamh, ghlan i na gearraidhean a rinn i le uisge blath agus shuath i uachdar ur timchioll orra, agus shuain i an glun gu sgiobalta le breid ague bha an gnothuch seachad. "Nise, Mhic Aulaidh, a dhuine chòir," arsa bean Bhill, 316 Litrichean a Bearnaraidh. "cuiridh, mise geall nach cuir an glun sin dragh oirbh airson iomadh latha, agus mo lamh-se gu'm bi sibh a' dannsa gu cuireadach aig an ath bhanais a bhios aig an duine chòir ud shuas anns a' Chlachan." "Mo mhile beannachd agaibh-se, bhean Bhill," ars' esan, " 's e turus an àigh a thug sibh gu banais a' Chlachain, agus ^u ma fada beo sibh agus comas agaibh air ballan a chur air luchd a' ghreim-loinne." Dh' 'ol sin an sin deoch-slainte Mhic Aulaidh agus ghuidh sinn sonas dha fhad's bu bheo e. Mise, le meas, Alasdair Mor. TURUS=CUAIN "REULT NA MARA"—XX. Fhiu mo Chridhe, )An uair a bha sinn anns an fhardaich fhialaidh aig lan Mac Aulaidh an tigh-osda na h-Ath an Iar, smaoinich sinn gu'm bu choir dhuinn tadhal an Tigh a' Ghearraidh, gu h-araidh an uair a thug am maighstir-sgoile cuireadh cho cridheil dhuinn uile an oidhche roimhe sud. Bha bean Bhill gu h-araidh airson aon sealladh fhaicinn air Tigh a' Ghearraidh, an t-aite far an do chuireadh ri cheile an t-oran grinn sin "Mairi Bhoidheach" air a bheil gach Uibhisteach cho Litrichean a Bearnaraidh. 317 measail, direach mar is e " 'N teid thu leam a ribhinn mhaiseach" laoidh na rioghachd ann an eilean Leodhas. A cheart cho luath agus a chuala Mac Aulaidh gu robh deidh againn air a dhol gu Tigh a' Ghearraidh, chuir e a charbad-oladh fhein sios leinn air ball, agus rinn sin an t-slighe comhfhurtail agus inntinneach dhuinn. 'S ann comhnard a tha Uibhist a Tuath gu leir agus tha Tigh a' Ghearraidh, mar a tha an t-ainm a foillseachadh, 'n a reidhlean boidheach comhnard, pairt de mhachair Uibhist, air an do sheinn iomadh bard. 'S iongantach air uairibh mar a dh' fhasas aitean beag iomallach cliuiteach agus iomraiteach an eachdraidh, do bhrigh agus gu robh neach araidh a' chomhnuidh annta a rinn an cliu maireannach gu brath. 'S iomadh aite de'n t-seorsa sin a tha sgapte thall agus a bhos feadh ar Gaidhealtachd, ach 's e 'n truaighe is motha nach 'eil fios aig oigridh an latha 'n diugh air na h-each-draidhean sin, direach a chionn 's nach do chuireadh fan comhair sgial nan laithean a dh' aom 'n an oige, agus tha bhuil, chan'eil an speis aca idir bu chòir dhoibh do na olachain sin 's an d' fhuair iad an àrach og. Tha Tigh a' Ghearraidh measail aig Gaidheil a chionn, mar a thuirt mi cheana, gur h-ann a rinneadh an t-oran grinn sin "Mairi Bhoidheach.' "S e Alasdair Stiubhart a siorramachd Pheairt, a bha'n a mhaighstir-sgoile ann bho chionn corr agus ciad bliadhna a rinn an t-oran, agus b'i "Mairi Bhoidheach" 318 Litrichean a Beamaraidh. Mairi Nic Cuinn, nighean an Urr. Alasdair Mac Cuinn, a bha 'n a mhinistear air Uibhist a Tuath aig an am. Chan'eil moran againn air sgiala mu eachdraidh a' mhinisteir so, ach chi sinn a chunntas air Uibhist anns na ""Statistical Accounts of Scotland," leabhraichean luachmhor a tha bho chionn fada mach a clò. B'e Tigh a' Ghearraidh am fearann-eaglais (glebe) aige, agus aig an am sin 's e smior an fhuinn a bha air a chur a mach airson ministeir na sgire. Chan'eil fhios agam an robh teaghlach aige thuilleadh air Mairi, ach tha e coltach gur h-e nighean bhreagha bha innte co dhiu, agus gu'n dleasadh i gu laghail an t-ainm aluinn a thug am bard dhith, "Mairi Bhoidheach." Ghabh an Stiubhartach gaol mor oirre agus ghleus an t-aigneadh sin spiorad na ceolraidh ann, agus co dhiu rinn e an tuilleadh bardachd no nach d' rinn, chuir an t-oran ud fhein coron gloire mu thimchioll a leanas fhad 's a bhios neach ann a sheinneas oran Gaidhlig. Tha mi creidsinn gu bheil iarmad beag beo fhathast de mhuinntir Uibhist aig a bheil cuimhne air "Mairi Bhoidheach." Fhuair mi-fhein beagan de chunntas oirre bho dhithis aig an robh cuimhne mhath oirre, 's e sin bantrach Fhionnlaigh Dhruideig, nach maireann, a bha fuireach air an Doirnidh an Cinn-taile, boirionnach aithnichte 'n a latha airson carthannachd agus fialaidheachd—fois Dhe do h-anam—agus bean Uilleam Lowe am Ploc Loch-aills. Thuirt bean Lowe rium gu robh Mairi gle dheas agus grinn am pearsa agus aoigheil Litrichean a Beamaraidh. S19 ri bruidheann rithe. Bha foghlum aice thairis air a' chumantas agus bha i deas leis an t-snàthaid, agus dealasach ann an cocaireachd annasach. Chuir Alasdair Stiubhart moran de bhardachd Ghaidhlig cruinn, agus tha cuid de'n bheachd gur h-ann 'n a lamhan-san a stad orain Ghilleasbuig na dotaig, aon de bhaird Uibhist a rugadh ann am Fabal mu mheadhon na h-ochdamh linne diag. 'S e beachd cuid gur h-ann air an aon laraich anns a bheil an tigh-sgoile an Tigh a' Ghearraidh an diugh bha an sgoil anns an robh an Stiubhartach a' teagasg, ach cha robh moran suime air a ghabhail de eachdraidh de'n t-seorsa sin aig an am, agus le sin 's ann duilich a tha e aig an latha 'n diugh, sgriobhadh le lan dearbhachd mu na h-amaibh ud. Chuir sinn seachad feasgar cridheil comhla ri Mao Leoid agus a bhean ghasda. Sheinn sinn "Mairi Bhoidheach" comhla, mar urram air na laithean a dh' aom, agus cha chreid mi gu faca mi am Barrach fhein riamh ann a' fonn cho math. Cha shuidheadh e, dhuine, ach a' stàrachd a null agus a nall troimh 'n t-seomar agus a' deanamh sgiala air banais a' Chlachain agus aoigheachd Iain Mhic Aulaidh agus ars' esan, "tha fhios agam gur h-i mo bheatha an so leis cho math agus a tha chuis a' cordadh rium." Mise, le speis, Alasdair Mor. 320 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA"-XXI. Fhir Ionmhuinn, tChuir ar caraid, Iain Mac Aulaidh, air ais sinn do 'n Chlachan am feasgar ud an deidh dhuinn oidhche chridheil a bhi againn eadar an Ath an Iar agus tigh-sgoile Thigh a' Ghearraidh. 'N uair a rainig sinn an Clachan, fhuair sinn an fhailte abhuisteach bho Mac Fhearguis agus a theaghlach aoigheil, agus gu dearbh 's ann a bha sinne duilich a bhi cur dragha orra, agus a leithid de luchd-aoigheachd eile aca, ach cha chreid mi gur gann gu bheil latha de 'n bhliadhna anns a bheil iad a' suidhe gu biadh leotha fhein, agus mar v thuirt bean Bhill an uair a bha sinn a' falbh, tha an dorsan fosgailte an comhnuidh, agus tha sin a' fagail miadh nan daoine orra. Bha 'm Barrach ann a' fonn iongantach. 'S fhada bho b' aithne dha-san Mgr. Mac Fhearguis—bhiodh e tighinn gu tric an rathad comhla ri Mgr. Iain, sagart Bheinn-na-faoghlach, a tha nis an Alberta, agus b'e fhein am fior Ghaidheal gu sàilean a bhrògan agus mo mhile beannachd 'n a chois gu brath, co dhiu bhuaileas a shuil air an litir so gus nach buail. Bu thoigh leam aon uair eile a chluinntinn a' deanamh seanachais an asail. Bha tea 's conaltradh agus orain againn anns a' Chlachan, agus dhanns am Barrach an seann dannsa Uibhisteach, "Miss Forbes," agus 'a e mo bheachd na 'm bitheadh e fada fuireach anns a' Chlachan, gur Litrichean a Bearnaraidh. 321 h-iomadh duine a thigeadh 'g a ionnsachadh uaithe. Thog sinn an sin oirnn gu Loch-nam-madadh agus chuir ar caraid, Mac Fhearguis, an carbad aige fhein 'n ar cois agus chuir sin crioch ghasda air ar turus gu Uibhist a Tuath, agus gu dearbh thig iomadh latha agus bliadhna mu 'n di-chuimhnich sinn gach bàigh agus cairdeas a thachair ruinn an sin. Chuir sinn seachad an oidhche sin air bord "Reult na Mara" a fhuair sinn direach mar a dh' fhag sinn i aig ceadha Loch-nam-madadh. Bha e gu math anamoch mu 'n deachaidh sinn air bord, agus an uair a fhuair sinn an teine air a bheothachadh agus tea mhath laidir air a deanamh, thoisich sinn ri dol thairis air fleadhachas an da latha roimhe sin, agus chaidh sinn gu mionaideach thairis air gach Gaidheal còir air an do chuir sinn eolas airson na ciad uair, agus lean sinn air an t-sraoin sin gus an do thuit duine 'n deidh duine againn 'n ar cadal. . Air la 'r na mhaireach thog sinn na siuil airson deanamh air Loch Baoghasdail. Bha an latha fabharrach, ach airson a' chiad uair 'n ar cuairt bha a' ghaoth car 'n ar h-aghaidhV ach' cha do chuir, so moran smùairean oirnn fhad's nach robh uair no mionaid againn ri chumail ri neach bho 'n ghrein, ach direach a' chuis a ghabhail air ar caoin, shocair. Thainig am posta 'g ar n-ionnsaidh 322 Litrichean a Beamaraidh. le litrichean a bha feitheamh oirnn an Oifig a' Phuist an Loch-nam-madadh, agus bha mi-fhein cho toilichte naidheachd fhaighinn bho Shine. Cha robh dad a' cur oirre, 's cha mhotha bha i faireachadh an tide fada 's i latha an Circebost, agus latha eile an Tobson, agus bha Peigi Chirstag deireadh aeachduineach comhla rithe, agus, mo lamh-sa, gu'm biodh an dithis gle choirdte. Bha i cho duilich nach robh i air an turus-cuain comhla ruinn gu h-araidh 'n uair a bha gach aite 's an robh sinn a' tachairt a' deanamh ruinn cho math. Thuirt i gu robh bean Chaluim Ruaidh gun tighinn dhachaidh as an Tairbeart, ach gu robh cuisean a' cordadh rithe gu math an sin. Bha i fhein agus Mairi Mhurchaidh a' tarruing feamann airson tobhar geamhraidh an latha ud, agus bha i 'g radh gu 'n chuir iad seachad a' chuid bu mhotha de 'n latha a' bruidheann air an ath-bhreith, agus nach robh iad a' tighinn a reir a cheile anns gach puing de 'n deasbud, agus gu 'n deachaidh i suas an oidhche sin a chur a comhairle ris an taillear agus dh' earailich esan dhith fiachainn an comhnuidh ri mineachadh na firinn fhaighinn bho 'n fhirinn fhein —nach robh leabhar-mineachaidh sam bith air an fhirinn cho math ris na Sgriobtuirean fhein. Dh' earb i rium a' cheist fhoighneachd do 'n Bharrach fiach de 'm beachd a bha aige-san air a' phuing. An uair a sheol sinn a mach a Loch-nam-madadh, thoisich am Banach air eachdraidh a Litrichean a Beamaraidh. 323 dheanamh dhuinn air cho uamhasach mi-ghoir-easach agus a tha Loch Baoghasdail bho 'n dhunadh an ceadha ann bho chionn bliadhna air ais. Tha corr agus sia mile duine an eiseamail a' cheadha so airson faighinn gu tir-mor. 'S e an aon acarsaid anns a' sgire far an urrainn bàta-smuide tadhal le litrichean agus bathar, agus bho u dhunadh an ceadha, 's e bàta-aisig beag a tha dol a mach an coinneamh gach bàta thig do 'n loch, agus tha daoine agus bathar air an cur an cunnart mor mu'm faighear gu tir iad. Chan e mhain sin ach tha 'n tide air uairibh cho fiadhaich 's nach urrainn bàta-aisig air an talamh a sron a thoirt a mach bho chladach, agus an uair a thachras sin, tha'm bàta-smuide a' tionndadh an taobh a thainig i gun duine no punnd bathair a chur air tir. Tha e eu-comasach do na h-Uibhisteach bhochda, crodh, no caoirich, no eich a chur air falbh as an eilean gu margadh as aonais a' cheadha, agus is trio a chithear spreidh a' coiseachd da fhichead mile gu Loch-nam-madadh agus cuid de 'n t-slighe sin thairis air faodhlaich-ean cunnartach, agus an uair a bhios an spreidh air an iomairt 's air an riasladh air an doigh ud, chan urrainn gu 'n dean iad a' phris bu choir dhoibh an uair a ruigeas iad margadh. Tha 'n t-iasgach fhein air a dhol gu cul. Cha tig luchd-giollachd eisg do 'n eilean 'n uair nach 'eil ceadha ann, agus le sin tha am beo-Bhlaint air a grabadh bho mhoran de na h-eileanaich a tha 324 Litrichean a Beamaraidh. bochd gu leor dheth ged gheibheadh iad beagan de theachd-an-tir bho shaoibhreas na doimhne. Tha na giomadairean a' fulang cuideachd, agus gu tric bithidh na giomaich grod mu 'n tig bàta-smuide 'g an toirt air falbh. Mise, le meas, Alasdair Mob. TURUS-CUAIN 'REULT NA MARA'-XXH. .A Charaid Shùaiece; '8 ann an uair a Tainig sinn Loch Baoghasdail a chunnaic sinn air ar son fhein cho firinneach agus a bha an cunntas a thug Mac Neill dhuinn air gach mi-ghoireas a bha na h-Uibhistich bhochda anns a' cheann a deas, a' cur suas leis bho'n dhunadh an ceadha orra bho chionn bliadhna. 'S ann trath 's an fheasgar a rainig sinn an cala ud, agus bha sinn uile car sgith an deidh an turus-cuain fhada a chur as ar deidh. Chan e nach robh biadh agus goireasan de gach seorsa againn air bord, agus cha robh an aimsir fada dol seachad eadar na h-argumaidean a bha Mac Neill agus Scottie agus bean Bhill agus a' chuideachd mar a bha sinn a' cumail suas, ach bha sinn toileach air beagan de Uibhist a Deas Litrichean a Beamaraidh. 325 fhaicinn an uair a thainig sinn cho fada air astar. Chan urrainn luingeas mhora sam bith suathadh ris a' cheadha. Tha chuid is motha de na puist a tha 'g a steidheadh air grodadh agus mar a ¦bheir tim crionadh air gach ni, chi thu cuid de na sailean ud air fas a cheart cho caol ris a' pheann leis a bheil mi fiachainn ris an litir so a sgriobhadh, agus chan 'eil a' falach an fhotuis sin ach sgrath de mhaorach a tha sior fhas na's tiuighe. Tha fàradh ard direach aig an dara ceann de'n cheatha, agus 's e streap suas ris an fharadh so an aon doigh air faighinn gu tir. Fhuair sinn gu fortanach "Reult na Mara" thoirt faisg air an fharadh so, agus b'e 'n aon ni a bha cur dragha oirnn ciamar a gheibheadh bean Bhill suas anns an fharadh. "Uill," arsa i-fhein, 's i cur a comhairle mu'n chuis ri Mac Neill, "gun teagamh 's e so is miosa na am fàràdh iarumn a tha air ceadha granda Bhreascleit> ach a Mhic Neill, creideadh sibh-se mise, nach bi bean Bhill idir air a beatadh anns a' chuis so agus theid i suas anns an fharadh ceart gu leor, agus sin air a caomh shocair fhein." "Gu ro-math," arsa Mac Neill, "gu dearbh bu sibh fhein am boirionnach tapaidh nach gabh miapadh roimh chàs fo'n ghrein, agus sin direach an doigh air iomairt ar beatha anns an t-saoghal mhi-chinnteach a tha so." Suas gu'n do ghabh Scottie an toiseach agus rainig e gu sabhailte, agus a' leantuinn a cheuman bha Calum Sheorais ris an do chord rangan an fhàraidh gu ciatach, agus gu bog balbh as a 526 Litrichean a Beamaraidh. dheidh, suas a bha bean Bhill gun sgiorradh gun spairn, agus an uair a chuir i a cas air a' cheadha, thug prasgan de bhalaich bheaga thainig a nuas a dh' fhaicinn de bha dol, iollach chaithreamach an uair a chunnaic iad cho math agus a rinn i. Bha Mac a Phi fhein ann, fear a' cheadha, duine gasda suiibhire, agus thug e fhein an t-urram dhith airson cho beag agus a chuir direadh an fhàraidh oirre. "Bho'n dh' fhag mise port Scottie," ars' ise, "bha mi fiachainn ri cliu Bhearnaraidh ann an euchdan mara chumail suas, ach nach mise dh' fheumas agus da sheoladair Bhearnaraidh an so comhla rium, Scottie agus Calum Sheorais." "Gu dearbh, ma tha, rinn sibh-se an cliu sin a chumail suas gun teagamh," arsa Mac a Phi. " 'S e obair uamhasach a bhios againn cuid de oidhche-anan an so a' fiachainn ris na boirionnaich a' shlaodadh a nuas anns an fharadh. Bidh cuid aca sgriachail mar gu'm biodh a' chroich a' feitheamh orra, cuid eile nach dean uibhir de fhuaim ach bithidh iad a' cumail an suilean duinte airson nach fhaic iad iad fhein a' dol a dhith. 'S e Regi shuas's an tigh-osda, fior bhalach ceanalta, bhios ag aiseag bho'n bhàta-smuide, agus bidh esan a' comhairleachadh do na boirionnaich uile bhi cuimhneachadh air bean Lot gus an ruig iad mullach an fhàraidh gun .sealltuinn as an deidh— sin far a bheil an cunnart." 'S ann an uair a bheir neach cuairt timchioll air a' cheadha ud a chi e mar a tha gach bathar a tha muinntir an aite faighinn air fhagail ann an Litrichean a Beamaraidh. sud fo na siantanan. Chan e mhain gu bheil an ceadha fhein duinte ach tha gach tigh-stoir a tha air fo ghlais agus iuchair. Tha biadh de gach seorsa air a shadadh an sud ri taobh an rathaid, agus mur h-eil an duine do'm buin e, 's dòcha tha fuireach fichead mile air falbh, air an laraich airson curaim a ghabhail de a chuid, ni aon oidhche de uisge 's de ghaoith 's de reothadh an gnothuch ris gu siorraidh 's cha bhi feum ann do dhuine no do ainmhidh. Tha pocanan fluir is coirce, siucar agus paraffin, im agus stuth-tumaidh nan caorach, tocsaidean paraffin agus bocsaichean lan de bhiadh de gach seorsa truimeach air thear-rach an sud, direach mar gu'm biodh rud a chuireadh an làn a stigh gu cladach, agus chan 'eil aig gach neach ach sgairbh a thoirt a creagan dha fhein mar is fhearr a dh' fhaodas e. Chan 'eil fada bho thainig, ciste-laighe air bàta-smuide nan litrichean gu Loch Baoghasdail agus chuireadh air tir i le inneal-togail (crane) a' bhàta, direach mar a chuireadh gach bocsa agus bathar eile gu laimhrig. 'S e fior ghnothuch maslach a tha so agus gu dearbh cha b'e sud an deiligeadh a thoill na h-eileanaich ud no aite sam bith an Gaidhealtachd na h-Albann. Bha fiughar againn uile ri neamh nuadh agus talamh nuadh air an comh-nuicheadh gach goireas, an deidh a' chogaidh mhoir, ach sud mar a tha cuisean, 'n a mhaaladh do luchd-ughdarrais a tha gabhail orra bhi toirt aon smuain air a' ghoireas bu choir a bhi aig sia mile de shluagh a tha 'g aiteachadh an eilein ud. 323 Litrichean a Beamaraidh. Litrichean a Beamaraidh. 329 TURUS=CUAIN 'REULT NA MARA'-XXIII A Charaid Shuairce, An uair a bha sinn 'n ar seasamh air laimhrig Loch Baoghasdail air an fheasgar ud a' comhradh ri Mac a Phi, co thainig a nuas a chur failte agus furan oirnn ach Fionnlagh Mac Choinnich, a tigh-osda Loch Baoghasdail. Bha e fhein agus Mac Neill gle eolach air a cheile bho chionn bhliadhnaichean, agus thainig e nuas a chur meal an naidheachd air agus a ghuidhe gach sonais dha fhad's a bhiodh e air stiuir "Beult na Mara." Chord am bàta ri Fionnlagh gu ro-mhath agus b' e a bheachd nach robh moran de a leithid a' seoladh cuan Uibhist bho chionn iomadh bliadhna. Thug Mac Neiil eolas dha oirnn uile, agus coltach ris gach duine bha tachairt ruinn 'n ar cuairt, chuir sealladh fhaicinn 's an fheoil air bean Bhill surd mor air, agus thug e 'n t-urram dhith airson mar a leighis i a charaid còir, Iain Mac Aulaidh's an Ath an Iar. Thug bean Bhill taing dha agus mhol agus dheagh mhol i gach duine thachair rithe 'n a cuairt air "Reult na Mara." Dh' innis Mac Neill dha gu 'm b' e Scottie fear-togail "Reult na Mara," agus abradh sibh-se gu 'n d' rinn Fionnlagh còir gairdeachas ri tachairt ri saor cho ealanta, agus gun a bhi air no dheth, thug Fionnlagh ordugh dha mac-samhuil "Reult na Mara" thogail dha-san airson a bhi Alasdair Mor. Dhiult a' bhan-uachdaran sgillinn a chur a mach airson an laimhrig ud a dheanamh sabhailte. Gun teagamh 's iomadh bliadhna bha i gabhail a churaim, agus a nise tha moran de Uibhist a Deas fo uachdranachd Bord an Fhearainn, agus shaoileadh duine nach bu choir dhoibh-san a bhi suidheachadh dhaoine air croitean an aite anns nach urrainn iad biadh no deoch fhaighinn ach le cosguis agus ana-cothrom a tha mor. 'S ann teagmhalach caithriseach gu leor a tha beatha a' chroitear ann an eileanan na h-Innse-Gall, ged a gheibheadh e am bathar air an do phaigh e gu daor gun eigin gun sgiorradh, ach chan ann mar sin idir a tha cuisean. Bithidh sinn ri bron ann a bhi faicinn a leithid de ar n-oigridh a' dol a null air cuan, ach co chuireas umhail air an talamh air sluagh onarach a tha deidheil air am beatha chur gus a' bhuil is fhearr, ged a theicheadh iad gu siorruidh bho chlachain mar sud nach toir dhoibh cothrom air an teachd-an-tir bochd a tha aca chur gu feum cubhaidh. Tha'm ball Parlamaid aig na h-Innse-Gall a' cumail agartasan ceadha Loch Bhaoghasdail an comhnuidh ri cluasan na Parlamaid againn, ach 's e gaire fanoid a tha e air uairibh a' faighinn mar fhreagairt. Ach cumadh esan air adhart, broinean, 's le sior iarraidh thig furtachd latha-eigin. Mise, le meas, 330 Litrichean a Beamaraidh. seoladh timchioll nan cladaichean's an t-samhradh leis na h-uaislean a bhios a' tighinn air aoigheachd do 'n tigh-osda aige. Gheall Scottie gu 'n togadh esan an t-eathair sin a cheart cho luath agus a gheibheadh e dhachaidh, agus na'm bu duine beo slan e car uine nach b' fhada gus am biodh i air acaire am bagh Loch Baoghasdail. Fhuair sinn cuireadh cridheil bho Fhionnlagh airson a dhol suas do 'n tigh-osda, agus dh' fhalbh an comhlan mar a bha sinn gu aoigheachd fhaighinn anns an fhàrdaich chairdeil ud air a bheil deagh chliu feadh Uibhist air fad. Fhuair sinn eolas an sin air athair agus a mhathair agus piuthar a mhathar agus a bhrathair, Regi, a bhiog a' cuideachadh nam boirionnach gu faighinn suas air an fharadh ghranda tha 'n a chunnart mor do gach neach a thig air tir as an loch ud. Dh' fheumamaid fuireach comhla riu an oidhche sin—cha leigeadh iad a larach nam bonn sinn—agus gu dearbh sinne chuir seachad an oidhche charthannach comhla riu. Bha Mac Neill, mar b' abhaist ann a' fonn math, agus ge b' e aite anns am bi e, cha bhi a' chuideachd gun cheol-gaire. Tha Fionnlagh 'n a phiobaire dealasach, agus tha ait iongantach boidheach aige air na dannsachan Gaidhealach, agus tha e deanamh mor-shaothair gach bliadhna airson Moid Dhannsachan agus Phiobaireachd a chumail air adhart ann an Uibhist a Deas, agus's math leam fhein gu bheil a' chuis sin a' dol leis cho math. Litrichean a Beamaraidh. 331 Tha sgoil-phiobaireachd aig na gillean oga, seadh agus aig na seann bhodaich, gach geamhradh, agus eadar an cuideachadh a tha Comunn na Piobaireachd agus sluagh an aite toirt seachad, tha uibhir airgid air a thogail gach bliadhna's a tha deanamh suas gach cosgais, agus's ann air gualainn Fhionnlaigh tha moran de 'n ullachadh sin an crochadh. Nach bochd naoh robh sgoilean piobaireachd mar so againn fhein thall agus a bhos air feadh Leodhais. Tha phiob-mhor air a filleadh suas ann an eachdraidh na Gaidhealtachd. Tha na Gaidheil 'g a meas mar an t-inneal-cluich sin air a bheil coir-bhreith aca agus nach tric a bha i 'n a meadhon air saighdearan an fheilidh a bhrosnu-chadh gu buaidh air iomadh blar catha anns an do choisinn iad a' chomhrag. Tha ni-eigin diomhair ann am pongan a' chiuil aice a tha dusgadh aig-nidhean cridhe a' Ghaidheil mar nach duisg inneal-ciuil eile air an talamh. Bheir i seachad ceol a' bhroin agus na h-aighir, agus mar a thuirt am bodach eile mu 'n uisge-bheatha, chan 'eil breith no bà3 ceart as a h-aonais. Nach bochd mar sin nach fhaighear barrachd de oigridh na Gaidhealtachd 'g a h-ionnsachach. Nach bu ghasda dhoibh a bhi cur seachad an oidhche fhada gheamhraidh a' cluich an fheadain timchioll air bradhadair breagha de theine monadh. Cha b' eagal nach ionnsaicheadh iad i ann an uine gle 332 Litrichean a Bearnuraidh. ghoirid, oir tha ceol gu nadurra anna a' Ghaidheal. Tha tuinn uaibhreach na mara, torman nan allt, fead aognaidh gaoithe an Fhaoiltich, agus ceil-earadh nan ian air liana agus monadh, ri ceol daonnan mu 'n cuairt dha, agus chan 'eil pong eu-cordail ann an obair naduir gu leir. Ciamar nach biodh ceol ann-san mar sin, agus e an co-chomunn ri cumhachdan Dhe mar sud, agus eadhon a' Ghaidhlig a tha e a' labhairt 'n a seisean reidh bho lideadh gu lideadh. 'S iomadh uair a bhios e cur smuairean orm fhein cho beag agus a tha dheidh air ceol am measg oigridh ar Gaidhealtachd 's an latha 'n diugh. Cluichidh fear thall agus a bhos am bocsa aig banais no fleadhachas de 'n t-seorsa sin. Chan e nach 'eil rànaich gu leor ann an ceol meatailteach a' bhocsa, ach nach saoil sibh fhein nach ann gun chom gun anam a tha 'n ceol a th' ann an taca ri pongan moralach na pioba, a chuireas sunnd agus aigne an dannsair eadhon an cnamhan raga na seann chaillich. Tachraidh cuid de luchd na h-inntinn chumhann riut thall's a bhos a bhios a' cur drungaireachd as leth nam piobairean, agus air an aobhar ud a' toirmeasg na pioba do bhalaich bheusach, ach ged is fheairrde màl na pioba drama corr uair, chan 'eil sin idir ag radh gu 'n dean piobaire drungair—'s fhada uaithe ghabh e. Chuireadh soithichean an teampuill gu mi-fheum roimhe, ach cha d' thuirt sin nach robh iad coisrigte airson aoraidh, agus air an aon doigh chan fhaodar a' phiob-mhor a dhi- Litrichean a Bearnaraidh. 333 TURUS-CUAIN 'REULT NA MARA'-XXIV A Charaid Shuairce, Abradh sibh-se gur sinne chuir seachad an oidhche chridheil an tigh-osda Looh Baoghasdail, agus gu dearbh cha bu chòir do neaoh againn di-chuimhn' a dheanamh air gach coibhneas a nochd iad dhuinn. 'N uair a fhuair sinn air doigh anns a' mhaduinn bha sinn airson togail oirnn gun dàil airson Bagh a' Chaisteil a ruigheachd, agus crioch onarach mar sin a chur air a' chuid ud de'n turus, ach's ann a fhuair Fionnlagh carbad-oladh breagha socrach an ordugh, agus rinn e ullachadh airson ar toirt cuairt timchioll an eilein. Chan ann na h-uile latha gheibheamaid a leithid de chothrom air Uibhist a Deas fhaicinn ann an tiota, agus le sin, ged a bha sinn uile toileach air crioch a chur air an turus-cuain fada air an robh sinn, cha bu chridheach le aon againn coibhneas Fhionnlaigh a chur ann an suarachas, mholadh ged bhiodh piobaire thall 's a bhos a' deanamh aig arnaibh mor-chuirteis ri mac-na-braiche. Mise, le muirn, Alasdair Mob. 334 Litrichean a Beamaraidh. agus mar sin chaidh aon an deidh aoin againn a steach do'n charbad. Bha bean Bhill ri taobh Fhionnlaigh anns an t-suidheachan bhroillich agus bha mi-fhein agus Scottie agus Calum Sheorais 'n ar Buidhe 's an deireadh. A dhuine, cha chreid mi gu robh mi riamh 'n a mo bheatha ann an car-bad-oladh cho fior chomhfhurtail. A cheart cho luath agus a shuidheadh tu innte bha thu deanamh nid dhuit fhein mar gu'm bitheadh tu ann an leabaidh itean, agus cha robh crathadh no luasgadh air an talamh air do chorp ge b'e cho luath 's a bhiodh an carbad a' siubhal. 'S ann lom faoillidh fuar gu leor a bha an t-eilean ag amharc air a' mhaduinn gheamhraidh ud, ach nach 'eil an teiste sin ann an cuid, fior mu dhuthaich sam bith aig marbh na bliadhna. Bha 'm Barrach cho eolach ri radan anns gach cuil agus cial troimh 'n deachaidh sinn, agus mar sin bha sinn gach mionaid a' faighinn eolais air gach cearnaidh de 'n eilean troimh 'n robh sinn a' dol. 'S e aite beag goireasach a tha'n Loch Baoghasdail fhein na'm biodh laimhrig aca air an tigeadh iad gu tir an sabhailteachd agus an comhfhurtachd. Tha'n tigh-osda lan de shealgairean agus iasgairean 's an t-samhradh, agus ma tha neach a' sireadh slainte agus neart an deidh aireamh mhiosan a chur seachad am meadhon upraid ague gleadhraich a' bhaile mhoir, chan 'eil teagamh nach cuireadh aileadh laidir fallain na mara timchioll Loch Baoghasdail suspainn nuadh 'n a chrè. Chaidh Litrichean a Beamaraidh. 335 sinn troimh Dhaile-broo far a bheil dorlach math sluaigh. Tha sgoil mhor ann, agus Eaglais Chaitliceach agus Eaglais Shaor Aonaichte 'g amharc air a cheile mar gu'm b' eadh, ach chan'eil sgiala air eu-cordadh no aimhreit mu chrabhadh am measg an t-sluaigh. So gun teagamh mar bu chòir do chuisean a bhi anns gach clachan 's a' Ghaidhealtachd, braithrean a bhi 'n an comhnuidh ghnath, an sìth agus an ceangal caoin. Chaidh sinn air adhart seachad air Ascar-nis agus Frobost agus bailtean beaga eile gus an d' rainig sinn Airigh-Mhuilinn far an d' rugadh an ainnir uasal thapaidh, Fionnghal Nic Dhomhnuill no Fionn-ghal Nic Raghail Nic Aonghais Oig an Airigh-Mhuilinn, mar a chanadh na h-eolaich rithe 'n a latha fhein. Tha larach an tighe 's an d' rugadh i astar beag bho 'n rathad mhor, agus an uair a bha an comas againn chaidh sinn a null gu larach an tighe, agus sheas sinn car tiota an sin a' deanamh umhlachd do'n bhoirionnach threun a chuir gathain gloire gu brath timchioll air an aite bhoidheach anns an do thogadh i gu h-og. Bha barrachd tlachd agam fhein anns an aite, a chionn gu'n do thachair dhomh bho chionn greise bhi leughadh mu eachdraidh Fionngal Nic Dhomhnuill, agus mar sin bha sealladh air an dearbh thobhta 'n a ni ro-thlachd-mhor leam-sa. Chunnaic mi gu robh Mac an Leigh, am. ball Parlamaid aig eileanan nan Innse Gall, a' fiachainn ris an tobhta so chur air aireamh 336 Litrichean a Bearnaraidh. nan seann aitean iomraideach nach fhaodar a ghluasad le lamhan dhaoine, agus gu dearbh's e ni ionmholta gu leor a tha sin. Tha muinntir an latha 'n diugh cho beag diu de sheann laraichean mar sud a tha cur soluis air na laithean àrsaidh a dh' aom, agus nach saoileadh iad dad de thigh chearc a thogail de na clachan a tha annta, ach 's math gu bheil riaghladh ar tire cur grabaidh air a leithid sin de ni. Tha mi creidsinn gur h-iomadh clach a thugadh a tobhta tigh Fionnghal, gun aon smuain a thoirt air cuimhne na h-ainnire chaoimh a thogadh fo fhasgadh nam ballachan ud> ach sin mar a tha an comhnuidh—'s ann ciadan bliadhna an deidh bais nam fìuran treuna a chi sluagh an t-saoghail an luach, agus 's ann mar sin direach a thachair a thaobh Fionnghal. Fois Dhe do h-anam—'s fhada gus a faic sinn a leithid a ris. Chum sinn air aghaidh seachad air Cill-donain agus Bornis agus thainig sinn gu Ormicleit far a bheil seann chaisteal Ormicleit far an robh ceann-cinnidh Chlann Raghail a' gabhail comhnuidh. Bha bain-tighearna Chlann Raghail gle dheidheil air Fionnghal Nic Dhomhnuill a bhi fuireach comhla rithe agus 's ann comhla ri teaghlach Chlann Raghail a fhuair Fionnghal a' chiad chuid de a sgoil, ach tha e coltach gu robh eud aig teaghlach Ormicleit rithe a chionn gur h-i b' fhearr air sgoil no iad fhein agus a cheart cho luath agus ¦\ dh' aithnich Fionnghal sin chaidh i dhachaidh gu tigh fhein. Litrichean a Bearnaraidh. 337 TURUS-CUAIN 'REULT NA MARA'-XXV. Fhir Ionmhuinn, An uair a thainig sinn air ais am feasgar ud bho 'n chuairt eireachdail troimh Uibhist a Deas a fhuair sinn an carbad-oladh Fhionnlaigh, chaidh sinn air bord "Reult na Mara" gu math anamoch, agus rinn sinn beagan ullachaidh airson na siuil a thogail trath la 'r na mhaireach. Bha chuid bu mhotha againn airson w Thill sinn air ais direach an uair a rainig sinn dealachadh an da rathaid a tha dol gu Carnan agus Staoinibric agus cha mhor nach d' fhuair sinn sealladh air an eilean gu leir. Cha b' urrainn sinn innse an toil-inntinn a thug an sgriob ud dhuinn uile agus's ann an uair a bhios mi-fhein ag àiteach an drasda bhios m' inntinn a' siubhal gach mile rinn sinn an latha ud. Nach math do dhaoine dh' fhaodas a bhi siubhal an t-saoghail gach latha mar eud agus a' faighinn eolais air aitean nach fhao' iad riamh roimhe. Gu dearbh bha ar cuid fhein againne de'n iomairt sin an latha ud agus taing do Fhionnlagh airson sin. Mise, le meas, Alasdair Mor. 338 Litrichean a Beamaraidh. deanamh direach air Bagh a' Chaisteil gun dàil, agus crioch a chur air ar turus, ach cha robh cabhag sam bith air Mac Neill fhein, airson faighinn dhachaidh, agus's ann a bha e comhairleachadh dhuinn tadhal an Eirisgeidh air an rathad, agus gheall e dhuinn gu 'n innseadh e gach sgiala agus eachdraidh a tha timchioll air an eilean iongantach ud. Bha mi-fhein gun teagamh deidheil air sealladh fhaicinn air eilean Mhgr. Ailein, agus an uair a chuir sinn an gnothuch an cead bean Bhill, cha robh aon anns a' chuideachd air an robh uibhir de shurd airson a dhol air tir an "eilean na h-oige," mar a shloinn Mgr. Ailean Eirisgeidh 'n a bhardachd dhealasach. Mar sin chuir sinn romhainn gu seolamaid gu Eirisgeidh gu math trath anns a' mhaduinn agus rinn sinn sin. Mar a bha freasdal fabharrach dhuinn le deagh aimsir riamh bho 'n dh' fhag sinn Beamaraidh, bha ciuine agus seimhealachd air aghaidh na mara air a' mhaduinn ud. Chum sinn gu math faisg air a' chladach airson beachd na b' fhearr fhaighinn air ceann a deas an eilein, agus sheol sinn gu deas, agus chuir sinn an sin ar cursa gu 'n iar a' dol troimh Chaolas Eirisgeidh. Bha beagan tea agus siucair agus goireasan eile a dhith oirnn, agus chaidh sinn air tir ann am bagh faisg air an eaglais far a bheil buth mhor a bhuineas do Dhomhnull Feargusdan còir a chunnaic sinn aig banais a' Chlachain. Bha duil againn gu 'n tachradh an duine gasda fhein ruinn, ach cha do Litrichean a Beamaraidh. 339 thachair dha bhi air an eilean aig an am, ach fhuair sinn gach ni a bha dhith oirnn, agus thog sinn na siuil a rìs, airson a dhol air tir an Coilleag a' Phrionnsa air taobh an iar an eilein, a' chiad aite an Albainn air an do chuir Prionnsa Tearlach a chas an uair a thainig e a nall as an Fhraing an 1745 airson crun a shinnsir a thagairt bho 'n Ghearmailtich a spion uaithe e. Fhuair sinn air tir gu doigheil anns a' cheart bhad, thuirt Mac Neill, anns an deachaidh Tearlach og air tir. Air mo shon fhein dheth, bha mi gu dearbh toilichte gu bheil mi comasach air a radh gu robh mi, eadhon an uiread ud fhein, a' leantuinn an oos-cheuman a' Phrionnsa mhi-fhortanaich, agus cha b' urrainn mi gun taom de spiorad àrsaidh nan seann Ghaidheal fhaireachadh a' deanamh greime air m' anam aig an am, agus taing a thoirt do 'n fhortan airson cho treibh-dhireach durachdach dilseach agus a bha na daoine bho 'n d' thainig mi, ann an seasamh air taobh aobhair a bha iad-san a' meas cho dligheach, agus nach do shòr iad eadhon am bas fhein iobradh as leth oighre dligheach crun Bhreatuinn. Mo bheannachd buan an cois an cuimhne chubhraidh, agus gu 'n tugadh Dia mor neart dhuinne, an sliochd, gu bhi ruith le foighidin na reise chuireadh romhainn. 'S e eilean Bhearnaraidh an t-eilean is fhaide deas de na h-Innse-Gall, a' chiad fhearann anns na h-eileanan againn air an do dhearc am Prionnsa agus an sgioba bha comhla ris anns an "La Doutelle" air a shlighe as 340 Litrichean a Bearnaraidh. an Fhraing. Sheol iad a sin gu tuath agus rinn iad air Barraidh, agus an uair a fhuair iad faisg air a' chladach, chuir iad Donnchadh Camshron air tir le bàta airson fear-iuil (pilot) fhaighinn a chionn gu robh an cladach creagach fiadhaich. 'N uair a chaidh Donnchadh air tir, co chiad fhear a thachair ris ach piobaire Mhic Neill Bharraidh, air an robh e eolach, agus dh' fhalbh esan comhla ris air ball airson an "La Doutelle" a stiuireadh gu cala shabhailte, agus mar sin aig aird an fheasgair air an 23 latha de 'n Iuchar, 1745, chaidh am Prionnsa air tir an Coilleag a' Phrionnsa. Ma tha Eirisgeidh aonaranach an diugh 's ann fada fada bho thuaiream naimhdean a bha e an latha ud, agus le sin bha am Prionnsa agus a chuideachd 'g am meas fhein gle shabhailte anns an daing-neach iomallach ud. Tha bial-aithris ag radh gu 'n do chuir an Prionnsa am flur ris an can iad "convolvulus" ann an gainmheach na traghad anns an aite 's an deachaidh e air tir, agus tha flur sin a' fas an sud fhathast, agus 's e "flur a' Phrionnsa" chanas iad ris, agus tha iad ag radh nach fhas e an aite air an talamh ach an Eirisgeidh fhein. Tha Eirisgeidh ainmeil am bardachd ged nach deante luaidh air aon duine ach Mgr. Ailean Mac Dhomhnuill, an sagart còir sin a chuir seachad a' chuid bu mhotha de a bheatha air an eilean lom ud, agus a bha 'n a charaid, 'n a ghliocas, agus 'n Litrichean a Bearnaraidh. 341 a fhear-iuil, do gach pearsa anns an eilean. Chan e mhain gu robh a speis dhiubh ann an nithean spioradail mor, ach bha e gabhail an uallaichean air fhein 'n an gnothuichean aimsireil cuideachd, agus chan ionghnadh leinn idii ged bhiodh a chuimhne cubhraidh am measg nan eileanach ud. 'S ann le a chuideachadh a fhuair a' bhean-uasal, Nic Cuaraig Friseal, eolas air moran de na seann luinneagan Gaidhlig a tha nise air an cur an clo ann a' "Songs of the Hebrides," a tha toirt toil-inntinn do gach luchd-ciuil anns gach cearnaidh de 'n Roinn-Eorpa. Saoilidh sinn gu'n do chuir i deise ur air cuid aca, ach feumaidh sinn a thuigsinn gu robh na seann daoine seinn an cuid oran direach a reir agus mar a bha an aigne 'g an gluasad aig an am, agus le sin saoilidh mi-fhein nach gabh na h-orain lurach ud cur sios an steidh-chiuil air an talamh gun ana-cothrom a dheanamh orra. Tha nadur de chuing air a chur orra 'n uair a chluichear air a' phiano iad, a chionn 's nach robh iad cleachdte ris 'n an oige, direach mar a bhithinn fhein air mo theannachadh gun saorsa na 'm biodh leine-gheal lan stuthaigidh orm a cur a mach an todhair mar a bha mi 'n diugh fhein. Mise, le speis, Alasdair Mor. 342 Litrichean a Bearnaraidh. TURUS-CUAIN "REULT NA MARA'-XXVI Fhiu Ionmhuinn, 'S e Diar-daoin latha Chaluim Chille, an latha sealbhach airson beairt sam bith a chur an uidheam, agus an latha sona airson crioch a chur air gach turus agus oidhirp agus sin direach mar a thachair do'n turus iongantach a thug sinne air bord "Reult na Mara,'' oir 's ann mu mheadhon latha air Diar-daoin a sheol sinn gu buadhach a steach gu acarsaid Bagh a' Chaisteil. Chan fhaca mi riamh latha na bu bhoidhche mu'n am ud de'n bhliadhna, agus chuir ailleachd na h-aimsir loinn bhreagha air gach ni mu'n cuairt. Chaidh sinn seachad air Caisteal Chiosa-muil, agus ged nach 'eil 'g a aiteachadh a nise ach eoin a' chladaich, tha na ballachan aige cho proiseil agus a bha iad an uair a bha Mac Neill Bharraidh fhein a' gabhail comhnuidh ann, agus a' riaghladh agus a' dion a dhaoine a reir agartasan an ama 's an robh e beo. Bha Mac Neill a' deanamh morain eachdraidh dhuinn air Caisteal Chiosamuil, agus Bhuidhinn fhein fad latha samhraidh ag eisdeachd ris. Bha e 'g radh gu robh oifigear aig Mac Neill ris an canadh iad an goca-man, agus gu'm b' e obair-san a dhol suas gu tur a' chaisteil aig am araidh gach feasgar agus eigheach tri uairean aird a chlaiginn, "Gabh Mac Neill Bharraidh a dhinnear, agus faodaidh an Litrichean a Bearnaraidh. 343 saoghal uile an dinnear a ghabhail a nise." Tha e coltach a reir a' ghnaths sin nach fhaodadh na h-iochdarain aig Mac Neill an dinnear a ghabhail gus am biodh esan sasuichte an toiseach, ach ged a shaoilear gu robh sin 'n a lagh cruaidh ag ls mi-chneasda bha Mac Neill a' gabhail air fhein uallaichean iochdarain gu leir. Na' m basaich-eadh mart air aon de a dhaoine, bha e cur te'n a h-aite, agus na fagadh fear de chloinn Neill ban-trach agus dilleaohdain an deidh a bhais bha Mac Neill 'g an toirt do'n chaisteal aige fhein agus ag amharc an deidh na bantraich fhad 's bu bheo i, agus a' togail na cloinne mar gu'm b' ann leis fhein a bhiodh iad. Bha na laghan sin maith agus fabharraoh, gu h-araidh aig an am ud, an uair nach robh Bord nam Bochd ann airson cobhair a dheanamh air bantraich agus dilleachdain. Bha'n ceadha dubh le daoine an uair a thainig sinn gu laimhrig am Bagh a' Chaisteil. '8 ann a bha'n sluagh a bh'ann a' cur 'n am chuimhne a' choimhthionail is abhaist a bhi feitheamh air an "Seila" fhein an uair a ruigeas i ceadha mor Steornabhaigh. B' fhurasda dhuinne aithneachadh gu robh meas ro-mhor air Ioseph Mac Neill am Barraidh mu'n tainig a' leithid sud de shluagh a chur failt air fhein agus air "Reult na Mara," agus gu de 's tlachdmhoire na meas a luchd-duthcha bhi air neach sam bith. Fhuair sinn gu laimhrig gu sabhailte, agus's e bean Bhill a chuir sinn a mach an toiseach, agus, a dhuine, mu'n 344 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 345 ghasda leam am barrachd eolais a chur oirre. Tha i iongantach deas ann a' sgriobhadh agus an eachdraidh na Gaidhlig, agus chan 'eil seann oran Barrach a rinneadh bho linn Oisein agus roimhe nach'eil aice air a teangaidh, agus chuala mi gur h-ann uaithe fhuair Nic Cuaraig Friseal moran de na duanagan aluinn a tha ri'm faotainn ann a' "Songs of the Hebrides." A dhuine, cha robh duil agam-sa gu robh daoine air an t-saoghal a bhruidhneadh Gaidhlig cho math ri muinntir Leodhais againn fhein, ach gu dearbh cha chumadh eadhon Sine fhein, ged is math an cur-a-mach a th' aice, a' choinneal ris na Barraich a thachair orm an oidhche ud. Airson Anna dheth, tha a' Ghaidhlig fuaighte 'n a gne agus 'n a h-iomairt ann an doigh a bha leam-sa ro-speiseil. Tha brathair aice air a bheil Calum, agus 'e e aon de phriomh phiobairean nan Innse-Gall, agus tha e cho deidheil rithe fhein air gach cuis a bhuineas do leas agus sonas nan Gaidheal. Saoghal fada agus gach muirn dhoibh le cheile, agus tha mise 'n dochas gu'n coinnich sinn fhathast. Thig crioch air gach ni, co dhiu 'e math no dona e» agus sin agaibh crioch an turuis iongantaich a thug sinne gu Bagh a' Chaisteil. Chuir e slaint ur 'n ar cnamhan, agus thug e dhuinn iomadh cothrom air bann cairdeis agus dàimh na's motha bhi againn ris gach clachan anns a bheil smior nan Gaidheal a' tuineachadh. Bithidh sinn tuilleadh ri bron agus ri gairdeachas maille riu a reir's mar tàrradh tu thu fhein a bheannachadh, bha comhlan mor mu'n cuairt oirre, airson crathadh laimhe fhaighinn oirre agus gach neach 'g a moladh airson an leighis a rinn i air lan Mac Aulaidh, an tigh-osda na h-Ath an Iar—cha robh duine dhiubh sud nach robh eolach air. Cha b'e Scottie agus Calum Sheorais agus mi-fhein, mar a thuirt a' measan, bu lugha fhuair de fhailte air dhuinn ar cas a chur air tir, agus airson Mhic Neill fhein dheth, cha mhor nach robh iad 'g a thoirt as a cheile, leis an toileachas a bha iad uile deanamh ris. Cha robh dith molaidh aca air "Reult na Mara" agus mo lamh-sa gur h-iad-san a dh' fhaodadh sin a dheanamh—'s i bha 'g amharc boidheach an latha ud fhein, agus thug sin toil-inntinn nach bu bheag dhuinne, gu robh obair saoir as an eilean againn fhein cho dealasach's gu robh deagh mharaichean coltach ri muinntir Bharraidh a' deanamh mor-ghairdeachas ris. Fhuair Scottie a mholadh gu bhrogan airson obrach agus gu dearbh 's e dh' fhaodadh a bhi moiteil a obair a laimhe an latha ud aig laimhrig Bagh a' Chaisteil. Bha dinnear mhor againn air an fheasgar ud an tigh-osda Bagh a' Chaisteil, agus choinnich sinn ri grunnd de Bharraich ghasda. Bha a' maighstir-sgoile ann, agus gu dearbh b'e fhein an duine suilbhire gasda, comhraideaoh, agus ged nach Bar-rach e, tha mor-uidh aige air a' Ghaidhlig, agus bha aon de na ban-sgoileirean aige, Anna Nic Iain, ann cuideachd. 'S i chord rium fhein, agus bu 346 Litrichean a Bearnaraidh. a bhios cuibhle an fhortain a' dol mu'n cuairt do'n taobh. Cha phaigh briathran an coibhneas dhuinn, ach cumaidh sinn dluth riutha 's an spiorad, agus neartaichidh deagh dhurachd cach a cheile ar ceuman ann an slighe an fhasaich ghairbh so. Le muirn agus speis, Alasdair Moe. AONADH NAN EAGLAISEAN. A Charaid Choir, Fhuair sinn litir fhada Ghaidhlig bho Mhac Neill còir an diugh, agus e cur nam mile beannachd a dh' ionnsuidh gach duine air an d> chuir e eolas am Bearnaraidh. Chuir e punnd tombaca 'g am ionnsuidh fhein agus bonnach-milis mor anns a bheil coig puinnd co dhiu gu Sine. Tha fios aige gu bheil i cho deidheil air aran-mili3, agus gu dearbh rinn sinne toileachadh ris gu seachd araidh aig an am so de'n bhliadhna an uair a tha daoine cho trang ag obair, agus cho beag tide aca airson a bhi fuireach ri deanamh arain. Bha e'g radh 's an litir gu robh e dol do'n Roimh aig an Lunasdal comhla ri moran eile a Uibhist agus Barraidh, a tha falbh ann am fochar Easbuig Litrichean a Bearnaraidh. 347 Obair-dheathain. Tha Anna Nic Iain, mo dheagh bhana-charaid, a' dol ann cuideachd, agus tha duil aca tadhal am Paris, baile-mor na Frainge Turin, Milan, Pisa agus Florence. 'S e so a' Bhliadhna Naomha's an Eaglais Chaitlicich, agus bithidh na ciadan de mhiltean as gach cearnaidh de'n t-saoghal a' toirt sgriob do'n Vatican's an Roimh. Tha am Papa dol a chur suas Aifrinn air an son, agus gheibh an luchd-eisdeachd air fad a bheann-achadh mar cheann na h-eaglais, agus sin chan e mhain air an son fhein, ach airson an cairdean uile anns gach aite. Tha mi-fhein ro thoilichte gu bheil am Barraoh a' dol do'n Roimh. 'S e duine e aig a bheil mor-speis do a eaglais agus creideamh bunaiteach aige innte agus ni e feum do chorp agus gu h-araidh do anam an turus ud a dheanamh. 'S iomadh uair a bhithinn fhein 's e fhein agus Scottie a' cur ar comhairle ri cheile thaobh nithean spioradail an uair a bha sinn air an turus-cuain iongantach ud, agus bha farmad mor agam fhein ris airson cho beag luaisgean agus a bha esan a' gabhail a thaobh morain de na puingean Sgriob-tuireil airson am bi sinne dol a mach air a cheile. Bha mi-fhein agus Scottie aon fheasgar a' fiachainn ri eachdraidh Ionah am broinn na muice-mara chur ceart, ach an deidh iomadh tionndadh ague ath-thionndadh a thoirt air a' chuis, cha d' rinn sinn adhartas sam bith. Cha ghabhadh Mac Neill gnothuch ri deasbud sam bith de'n t-seorsa ud a bhiodh againn, ach chuir sinn staid Ionah shios anns an aigeal air a bhialamh an oidhche ud, agus 348 Litrichean a Bearnaraidh. cha d' thuirt e dad ach gu robh esan a lan-chreidsinn cunntas a' Bhiobuill mu Ionah, gun ag sam bith—agus an deidh 's gu leir de ghabhas deanamh de'n chuis ach fhagail mar a tha e, agus creidsinn gur h-iomadh doigh iongantach anns a bheil an Tighearna toirt a ruintean fhein mu'n cuairt, agus cha ruig sinne air diomhaireachd a ruintean a chionn agus nach 'eil sinn a' faicinn ach gu dorcha mar troimh ghloine anns an t-saoghal so. Tha mi faicinn am paipear Chaluim Sheorais gu bheil na h-Ard-Shionaidhean 'n an suidhe an Dun-eideann an drasda, agus bithidh sraidean a' bhaile ghrinn ud dubh le ministearan as gach eaglais. 'S math gu bheil fiughar gu'm bi an t-aonadh mor eadar Eaglais na Staite agus an Eaglais Aonaichte air a dheanamh ann an uine nach'eil fada, agus chan'eil neach leis an caomh spiorad a' bhraith-reachais agus a' ghraidh a bhi craobh-sgaoileadh nach bi 'g urnuigh airson an latha anns nach bi Pol agus Barnabas a' sarachadh a cheile. Chan'eil teagamh sam bith nach tug dealachadh agus roinnean nan eaglaisean Prostanach 'n ar measg caoile spioradail a bha mor air anam ar duthcha agus air spiorad nan Gaidheal gu n-araidh, oir 's ann 'n ar glinn agus 'n ar strathan fhein a bha teine na h-aimhreite sin a' losgadh le leir-sgrios a bha mor. 'S e gradh an ceann-teagaisg bu trice bha aig ar Slanuighear beannaichte an uair a bha e air chuairt air an talamh, agus b'e a mhiann Litrichean a Bearnaraidh. 349 gu'm biodh gach neach a bhiodh ag aoradh dha a' toirt graidh agus muirn do cheile, seadh gu'm biodh a luchd aideachaidh uile 'n an aon, ag imeachd gualainn ri gualainn gach latha agus bratach a' ghraidh aca air toiseach. Ach nach sinne threig gu buileach an spiorad sin. C ait' a bheil spiorad a' ghraidh an uair a tha an dara h-eaglais a' caineadh agus a' màbadh na t-eile, gach aon 'g a cur fhein suas mar an eaglais cheart agus a' cur sios air mearachdan gach eaglais eile. Co nach cuala iomadh ni taireil air a radh mu na "Moderates dhubha" an uair a bha sinne og, agus aig Aonadh 1900, nach bu neo thimchioll-ghearrte cuid de'n chainnt a chanadh an dara buidheann mu'n bhuidheann eile, gus mu dheireadh gu'n rachadh iad seachad air an rathad mhor gun fiu latha math a chur air a cheile. C ait' an robh an gradh braithreil, agus c' ait' an robh a' bhàigh agus am blaths a bu chòir do luchd-muinntir Chriosda bhi sealltuinn d' a cheile. Cha robh e idir ann agus chan'eil aon againn gun ar cuid fhein de'n fhuachd eaglaiseil so, mar a dh' fhaodar a radh, agus 's mor m' eagal gur h-e aoradh do chlach is aol, agus suidheachan-eaglais ar seanar a bu nos dhuinn re moran de 'r beatha, agus tha bhuil ann an diugh. Ciamar is urrainn sinn "thigeadh do rioghachd" a radh ri Dia le firinn an uair a tha leithid de fhuath agus de mhi-run againn 'n ar cridhe do eaglaisean eile tha 'g an ainmeachadh fhein air Criosd, 's gu'm b' fhearr leinn am bas fhulang na dhol a steach air an star- 350 Litrichean a Bearnaraidh. saich, a chionn 's nach'eil iad de'n aon bheachd ruinn fhein a thaobh riaghlaidh eaglais agus aidmheilean araidh eile. Tha e cho soirbh car a chur anns an fhirinn agus briag dhubh a dheanamh dhith, agus tha an droch-bheairt sin a' coinneachadh ruinn gach latha tha sinn a' leughadh cuisean eaglaiseil, ague an uair a theid na dubhan a chur air na dathan mar sin, tha an duine baoghalta air a chur air seachran agus a chreideamh a bha dòcha lag gu leor mar a bha e, air a sguabadh bho chasan gu buileach. Tha na h-aonaidhean a tha na h-eaglaisean a' deanamh ciatach agus ceart, ach cha tig spiorad an aonaidh 'n ar measg gu brath ann a' firinn gus an sguir a' mi-run agus an droch amharus a tha sgaradh eaglaisean Chriosda bho cheile, agus feumaidh sinn tagradh ri cheile agus spiorad a' ghraidh agus a' mhuirn a shealltuinn do bhuill nan eaglaisean eile tha 'g an ainmeachadh fhein air Criosda. Thig oirnn a thuigsinn nach-eil an eaglais do'm buin sinn fhein a' giulan trom-eallach na diadhachd gu leir, agus gun dad ach mearachdan agus fuarchrabhadh anns gach aon eile—agus na biodh droch amharus againn air diadhachd muinntir eile a dh' fhaodas a bhi deanamh aoraidh do Dhia agus a' leantuinn Chriosda ann an doigh eadar-dhealaichte ruinne. Ma ni sinn sin faodaidh sinn a radh gu coguiseach, "thigeadh do rioghachd." Mise, le meas, Litrichean a Bearnaraidh. 351 AM MORAIR LEVERHULME. A Charaid Runaich, Tha sinn a' creidsinn nach 'eil duine an Leodhas no anns na Hearadh nach robh ro dhuilich an uair a fhuair iad sgiala bais a' Mhorair Leverhulme. Ged a bha na paipeirean ag aithris gu robh e gu tinn, cha robh duil aig a" mhor chuid gu robh a' chrioch aige cho faisg air laimh, ach " 'n uair thig an t-am dhuinn an saoghal fhagail, ma's tinn no slan sinn cha tamh sinn uair," mar a thuirt Padraig Grannd. Chaochail am Morair's an t-srathair air a dhruim, agus nach robh sin fhein 'n a shamhla breagha air iomairt a bheatha gu h-iomlan, oir bu duine e nach robh a' cur seachad aon uair de bheatha gun a bhi dioghlum ann an achadh air chor-eigin, agus b' iomadh gniomh ris an do chuir e a lamh re a chuairt anns an t-saoghal so, agus bha gach gniomhachas a chuir e air chois anns a' mhor-chuid iongantach soirbheachail agus 'n am meadhon air teachd an tir a thoirt do na ciadan. Bha inntinn agus a chridhe gu h-iomlan air an suaineadh suas gu h-iongantach anns gach gnothuch mor a bha e a' cumail a' dol, agus cha b' ann gun dealas agus tùr a bha neach sam bith aig an robh lion-sgaradh cho mor agus a bha aige-san, agus cha robh comunn-gnothuich sam bith anns an robh a chuid Alasdair Mor. 352 Litrichean a Bearnaraidh. airgid an sas, ge b'e aite de 'n t-saoghal's an robh sin ag iomairt, air nach robh e mion-eolach bho thus gu eis. "Nithear carn mor de chlachan beaga," thuirt an sean-fhacal, agus cha do bhriagnaicheadh idir sin ann an eachdraidh beatha a' Mhorair Lever-hulme. Thoisich e air obair anns a' bhuth bhathair aig athair an uair nach robh e ach coig bliadhna diag a dh' aois, agus 's e tasdan 's an t-seachduin an duais a bha aige. '8 e athair gniomhach deanadach a bha aige, agus 's iomadh uair a dh' aidich e fhein gur h-e an deagh eisempleir a thug athair dha 'n a oige a bha 'n a mheadhon air moran de 'n t-soirbheachadh a lean e ann an cursa a bheatha. Ach bha gne an adhartais ann fhein, agus cha robh e fada ann am buth athar gus an d' fhuair e a mach nach robh an doigh sheann fhasanta air an robh a' bhuth air a cumail, a' dol a dheanamh moran airgid am feasda, ach cha b' fhada gus an do chuir esan spiorad nr agus beatha nuadh anns a' bhuthainn agus theann an t-airgiod ri tighinn a steach mar na sligean. Theann e sin ri siubhal na duthcha mu'n cuairt airson ceannachd na butha chur am farsuinneachd, agus's ann an uair a bha e air aon de na tursan sin a thainig a' mhionaid iongantach a rinn duine beartach dheth riamh an deidh sin. Bha obair latha deas agus bha uair gu leth aige dha fhein, ach cha robh e airson an fhad sin fhein a chur seachad ann an diomhanas. Ghabh e an Litrichean a Bearnaraidh. 353 carbad-iaruinn gu Wigan, agus cheannaich e's a' bhaile sin air a' cheart latha ud, buth bhathair, agus phaigh sin dha cho math 's gu robh ceithir mile aige ann am beagan bhliadhnaichean, agus sin an uair a chuir e a lamh ri deanamh an t-siabuinn. Cha robh fhios aige fhein ro mhath carson a smaoinich e air deanamh shiabuinn seach ni sam bith eile, ach bha fortan math air chor-eigin 'g a stiuireadh. Tha e coltach gu robh e fada an im-cheist mu 'n ainm a bu chòir dha thoirt air an t-siabunn a bha e deanamh, ach mu dheireadh thall fhuair e ainm a chord ris fhein agus a thug sasuchadh do'n luchd-malairt—"Sunlight Soap." Chuir e an sin aghaidh air Port Sunlight, boglach ghranda anns nach robh feum no tlachd, ach chunnaic esan gu robh an t-aite goireasach do mhuir agus tir, agus mar gu'm beanadh e dha le slat dhraoidheachd, thainig an di-threabh gu bhi air a h-aiteachadh, 's chaidh obraichean is tighean, is sgoilean agus eaglaisean agus paircean lurach suas mar an iomlaid na h-oidhche, air chor 's gu bheil Port Sunlight an diugh 'n a aon bhaile cho iongantach 's a tha an Sasuinn gu leir, agus 's e eanchuinn mhor thabhachdach a' Mhorair a dhealbh gach oisean a tha ann, agus nach ciatach an cuimhneachan a dh' fhag e do na linntean a thig, air na dh' fhaodas duine na h-inntinn acfhuinnich a chur as a dheidh 'n a bheatha. Chuala sinn iomadh neach ag radh nach d' 354 Litrichean a Beamaraidh. thainig ni riamh an aghaidh a' Mhorair Lever-huhne gus an d' thainig e do Leodhas. Faodaidh gu bheil sin ceart, ach co dhiu chaidh a thurus do Leodhais 'n a aghaidh agus fagaidh sinn a' chuis mar sin aig an am so—tha eachdraidh Leverhulme an Leodhas ur do gach duine againn agus cha ruig sinn a leas ath-ruith a thoirt air an so. Ach ge b'e de'n seorsa barail a dh' fhaodas a bhi againn air a' chuis, tha mi smaoineachadh gu robh gradh a bha iongantach mor aig a' Mhorair Leverhulme air muinntir Leodhais mu'n deachaidh e gu leithid de spairn chruaidh airson cor an eilein a chur air bonn na bu thaitniche. Bha e toileach air na miltean agus na miltean a chosg ri Leodhas, agus bha fhios agus cinnt aige nach cuireadh aon obair a chuir e air chois, sgillinn 'n a phoca-san re a latha, agus ciamar mar sin nach ann troimh bhàigh agus muirn a rinn e na rinn e. Thainig cnapstarra no dha as an rathad a chuir grabadh air na moran nithean a bha e an duil a chur gu buil as leth Leodhais, agus cha do chuir muinntir an eilein an aonta ris gach doigh anns an robh esan ag oibreachadh, agus le sin sguir na h-oibrichean a bha esan an duil a bheireadh sonas agus saoib-hreas gu eilean Leodhais. Chan'eil an neach is turaile againn ach a' faicinn gu dorcha mar troimh ghloine anns an t-saoghal so, agus tha an cion leirsinn sin air uairibh 'n a mhealladh do iomadh neach, ach tha aon ni cinnteach, gu'm bi luaidh agus moladh ard air a dheanamh air oidhirpean Litrichean a Bearnaraidh. 355 NA FASANAN URA. Fhir mo Chridhe, Tha bean Bhill agus Mairi Mhurchaidh a stigh an drasda agus iad fhein agus Sine goileam gu surdail am feadh 's a tha mise fiachainn ris na briathran so a chur ri cheile, agus gu dearbh chan e soirbh e. Cha robh mi riamh ro mhath air sgriobhadh litreach agus cuideachd mu'n cuairt orm mar so, agus ma bhios eu-cordadh ann an rian nan smuaintean agam do bhrigh sin feumaidh sibh mo leth-sgial a ghabhail. Tha mì cuideachd cho sgith leis an àiteach 's gu bheil uilt mo lamhan air ragadh cho mor 's nach 'eil mo pheann idir siubhlach, ach de'n deifir fhad 's a bhios sibh comasach air m' oidhirp sgriobhaidh a chur an clo. Leverhulme an Leodhas an uair a sgriobhar sios eachdraidh Eilean an Fhraoich re nam bliadhnaichean a chaidh seachad. Fois Dhe do anam, agus solus siorruidh gu'n dealraich air—'s iomadh bliadhna mu'm faic sinn a leithid. Mise, le meas, Alasdair Mor. 356 Litrichean a Bearnaraidh. Chan'eil fhios agam an robh mi 'g innse dhuibh riamh gu'm bi mi-fhein agus Sine connsachadh an comhnuidh a thaobh nighe ar n-aodainn. 'S math leam-sa boiseag a chur air m' aodann an uair a dh' eireas mi, ge b'e cho salach's a dh' fhaodas an obair a bhi ris a bheil duil agam mo lamh a chur troimh 'n latha, agus saoilidh mi gu'n toir a' bhoiseag sin urachadh agus neart airson obrach dhomh, ach 's e chanas ise rium gu de feum dhomh mi-fhein a' nighe gus an cuir mi uallach agus teas an latha seachad. Mar sin 's ann gu math anamoch feasgar, mar is trice an deidh dhith a' lite dheanamh, a bhios Sine toirt sgoltaidh air an aodann aice, agus faodaidh sibh a chreidsinn le sin gur h-ann gu math brògach a bhios i 'g amharc troimh 'n latha,—ach tha i coma. Coma co dhiu bha sinn a' cur suthaich air a' bhuntata 'n diugh, agus le sin bha aodann Sine bhochd dubh dubh 'g a rireamh, agus an uair a chunnaic Mairi cruth agus dealbh a h-aodainn's ann a theann i ri trod rithe airson nach biodh i cur an uisge bheann-aichte na bu trice air a h-aodann, agus e cho pailt 'ri ar measg. "O seadh, a Mhairi," ars' ise, "tha e furasda gu leor dhuit-se bruidheann, 's gun dad agad ri dheanamh ach suidhe 'g amharc ort fhein ann an sgàthan, ach na' m biodh tu tarruing suthaich comhla rium-sa fad finn foinneach an latha 'n diugh chan'eil fhios agam am biodh t-aodann dad na bu ghloine na m' fhear-sa, ach mar a thuirt Eilidh nach maireann ri Mac Artair nan Loch, "dubh a ta mi ach sgiamhach." Binn Litrichean a Bearnaraidh. 357 Mairi lachan mor gaire ri so, agus shin na boirion-naich a mach bho sin ri tighinn air na caileagan a bhios a' cur fluir air an aodann airson iad fhein a dheanamh sgiamhach, agus tha e coltach gur h-i bean Bhill a chuala mu'n fhasan ur ud am Bar-raidh. Chan'eil mi idir cho cinnteach gu bheil a' fasan ud cho ur agus a tha daoine am beachd. Chuala mi bho chionn fhada gu'm biodh nigheanan oga anns an t-seann aimsir a' nighe an aodainn an am dhoibh dol a' laighe le uisge anns am biodh dorlach de mhin choirce air a cur, agus an uair a chuireadh iad an ath bhoiseag orra fhein anns a' mhaduinn gu'm biodh loinn ghrinn fhallain air a' chraicionn aca, leis an arach a bha ann a' suthadh na mine. Chan'eil teagamh sam bith nach 'eil moran de ghloireis aimidich air aire nan clann-nighean an diugh gu h-araidh a thaobh fhasanan ura. 'S ann bho amaideas agus bho dhiomhanas a tha sin uile a' sruthadh, agus tha e dearbhadh dhuinn nach 'eil moran de oigridh an latha 'n diugh cho suspainneach turail 'n an inntinnean agus a bha an linn anns an robh sinne og. Tha caochlaidhean obann an fhasain 'g an taladh gu buileach air chor 's gu bheil a' mhor-chuid aca a' lubadh do na nosan sin ge b'e cho mi-bheusach an-tlachdmhor agus a dh' fhaodas na fasain sin a bhi. 'S e gloir caileig a bhi breagha cuimir tlachdmhor, agus saoilidh mi nach'eil ni de chruthachadh coimh-lionta Dhe cho fìor mhaiseach ri nighinn oig 358 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 359 aig a' bhord le boineid anns am biodh fluraichean. Faodaidh gu robh iad a' dol car fada leis na beachdan sin, ach, mo chreach, de chanadh iad na faiceadh iad riomhaidhean nam boirionnach an diugh—'s ann an sin a bhiodh an sàr chothrom aca air an dubh chaineadh gu'm brògan. Tha fhios gu bheil mise seann fhasanta agus f uaighte ri cleachdaidhean na h-aimsir chein's an robh mi-fhein ag iomairt, 'n am oige, ach air m' fhacal, nach fhaca mi riamh comhlan bhoirionnach cho dreachmhor cuimir dealbhach agus a chithinn am measg nan nigheanan Gaidhealach a bhiodh aig an iasgach 'n a mo latha fhein, ach 's beag a bha ghuth aca air flur a chur air an aodann, no am falt dualach a bhearradh—agus bu mheasarra am fasan 's an robh iad air an eideadh. Agus eadhon a nochd fhein tha mi taingeil ann a bhi cieidsinn gu bheil a' mhor-chuid de chlann-nighean na Gaidhlig a' fagail an cruthachd mar a chruthaich Dia i. Air 'ur slainte, Alasdair Mor. aluinn, air an saoil thu nach'eil meang bho mullach gu bonn—'s ann annta tha oirdhearcas cruthachaidh Dhe a' dealradh le maise iongantach—ach an diugh feumaidh nach'eil moran de na nigheanan air an do bhuilicheadh tomhas de mhaise, riaraichte leis mar a dh' fhag lamh dhiomhair ughdar na cruinne iad. Feumaidh an t-aodann a bhi geal le flur deagh-fhàile a buth nan cungaidhean, bithidh am falt cuachadh a thug Dia mar mhaise do'n bhoirionnach, air a ghearradh 's air a chutadh gus a bheil e 'n a stirean mosach mu'n cluasan mar gu faiceadh tu aois naodh bliadhna, agus mur h-eil sàilean arda air am brògan eutrom mar a thuirt an t-òran, tha mise air mo mhor-mhealladh. Tha an t-aodach a tha iad a' cleachdadh air a dhol a rian mar a tha cuisean eile, agus gu dearbh feumaidh moran dhiubh a bhi gu math laidir 'n uair nach'eil iad a' toirt galair am bais as an lomnochd aca. Chunnaic mi an latha roimhe ann am paipear Chaluim Sheorais gu robh easbuig Caitliceach anns an Eiphit a' bacadh do bhoirionnaich a dhol am fianuis na h-altarach le aodach mi-mheasarra, agus ;tha mi creidsinn nach ann gun aobhar a thug e an fc-ordugh sin a mach. Bha measarrachd mhor am measg nan seann Ghaidheal ann a bhi suidhe aig bord na Sacramaid. Bhiodh beannag dhubh air na boirionnaich air uachdar na boineid, agus bhiodh seann mhinisteirean mora na Gaidhealtachd a' toirmeasg do bhoirionnaich a bhi suidhe 360 Litrichean a Bearnaraidh. COR AN T-SAOGHAIL. Fhiu mo Chridhe, Tha mi-fhein ague Sine air ar leireadh gu buileach leis an teas uamhasach a tha ann 's na laithibh so. Thug Sine cliabh mor monadh as na Sitheanan an diugh, agus tha mi cinnteach gu'n do leig i fichead anail air an rathad agus cha mhor gu'n d' rinn i car beag no mor bho'n uair sin, agus an truaghan, 's mise nach 'eil a' faotainn coire dhith airson sin. Chan'eil mi-fhein dad na's fhearr dheth an diugh fhein. Bha mi priogadh a' bhuntata fad an latha, agus bha lòn fallais a' ruith sios air mo dhruim fad na tide. Agus airson a' phadhaidh, a dhuine, cha ghabhadh casg a chur air. Bha mi direach a cheart cho tioram ri seann stamh, mar a bha Aonghas Thormoid Ruaidh còir nach maireann, ag radh an uair a dh 'iarr Mac Aoidh, Thiriodh, air a dhol a dh'1 urn uigh an eaglais Neill Aonghais. Bha mi direach ag radh ri Sine na'm bithinn an Steornabhagh an diugh, gu'm bithinn gu mor air mo bhuaireadh gu roinn a ghabhail de'n t-soitheach liunna ris an can iad am Beurla Steornabhaigh "four and a half," ged a bhiodh m' ainm anns a' Ghazette air a shon air an ath sheachduin. Nach h-e sluagh an t-saoghail so a tha doirbh ri 'n toileachadh. Bithidh sinn a' gearan air fuachd agus crannadh a' gheamhraidh, agus a' talach air teas agus bruthainn an t-samhraidh, agus ma bhios Litrichean a Bearnaraidh. 361 uisge agus gaoth ann cha mhotha bhios sinn riaraichte—agus am freasdal caomh a' cur mu'n cuairt rothan na h-aimsir ann a dhoigh iongantach fhein; agus a' cur oirnn am cura agus buana agus fuachd agus teas 'n an tràth ordail. Chan'eil teagamh nach'eil atharraichean mora anns na h-aimsirean seach mar a bha iad an uair a bha sinne og, ach nach'eil an saoghal gu leir air iomadh car a chur dheth anns gach doigh air an smaoinich neach. Tha Sine 'n comhnuidh de 'n bheachd gu bheil cor an t-saoghail so uile air a dhol a phutadh na cloiche buileach anns na bliadhnaibh 's am bheil sinne beo an drasda. 'S e an duan a tha aice gach latha gu bheil olc air buaidh fhaighinn air a' mhaith, gu'n do threig an spioradalachd inntinn sinn a bha aig ar seanairean agus mar is motha tha spiorad an fhoghluim am measg dhaoine gur h-ann is laidire tha neart na h-eucorachd agus na triuthaireachd a' fas—seadh gu bheil Dia air cul a chur ruinn agus gu bheil sinn 's an staid bhronach 's an robh Ephraim roimhe an uair a thuirt Dia mu dheidhinn, "Tha Ephraim ceangailte ri iodhalan; leig leis." Chan 'eil mise idir air an aon ramh ri Sine, ma tha, anns na beachdan ud. Co sinne gu'n toirea-maid breith air deiligeadhDhe ris a' chinne-daonna. Tha mort is olc is triuthaireachd is ana-caitheadh gu leor anns an t-saoghal an diugh, agus tha fhios gu bheil sin uile a' cur broin air luchd a' chridhe cheirt, ach nach robh olc's an t-saoghal 362 Litrichean a Bearnaraidh. bho thus, agus mar is treise tha solus dearrsanta an t-soisgeil a' lasadh suas nan cuilean salach 'n ar tir, 's ann is graineile tha foirneart agus eucoir a' coimhead 'n ar sealladh. Tha an spiorad teagaisg a thug Criosda leis do'n t-saoghal so cho glan buadhmhor soillseach, agus gu'n cuir gathan an spioraid sin dreach ro shalach duaichnidh loireach air ni sam bith nach'eil de a ghne, direach mar a chi thu stiall de'n anart-lin is gile, buidhe buidhe 'n uair a sgaoileas tu e air sneachda na h-aon oidhche. Tha teagasgan an t-soisgeil a' buadhachadh 'n ar tir agus a' cur ruaige lion beag is beag air gach beud agus do-bheairt nach'eil d'a reir, agus mar is motha bhios spiorad Chriosda deanamh soluis 'n ar tir's ann is graineile bhios e dhuinn a bhi 'g aithris mu ni sam bith a tha cur smal agus mi-dhreach air an spiorad uasal sin. 'S docha nach'eil uibhir de dheidh air eaglaisean 's air coinneamhan crabhach an diugh agus a bha 'n ar tir's an linn a chaidh dhachaidh, ach nach 'eil an saoghal a sior chur chuir dheth agus chan 'eil an aon suidheachadh inntinn aig sluagh an t-saoghail an comhnuidh. Ach nach robh na deisciobuil foluichte ann riamh mar a bha Nico-demus còir, agus na miltean thar mhiltean eile, daoine nach bu nos dhoibh am bial a bhi air an gualainn an comhnuidh a' bruidheann mu chrabhadh—ach an grunnd iochdarach an cridhe bha iad beo beatha chreidimh air Slanuighear an t-saoghail. Litrichean a Bearnaraidh. 363 SINE 'S AN FHASAN—I Fhir Ionmhuinn, Cha chreid mi nach d' innis mi dhuibh uair no dha .cheana gu bheil Sine uamhasach deidheil air a bhi leughadh phaipearan dealbhach—cha shaoileadh i dad de chruach mhor mhonadh a losgadh ag amharc air gach dealbh annasach a bhios i faicinn annta, agus chan e mhain sin ach an uair a ghabhas i annas de aon sam bith de na deilbh, feumaidh i a gearradh as a' phaipear, agus a' cur gu curamach eadar duilleagan a' Bhiobuill mhoir Ghaidhlig agam as am bi mi gabhail na leabhraichean. Is abhaist do bhean Chaluim Ruaidh a bhi faighinn mhorain de na paipearan dealbhach ud bho a cairdean an Dun-eideann, agus a cheart cho luath 's a gheibh i trompa, tha i 'g an cur gu Sine, agus cha bhi Tha an saoghal tre bhuaidh an t-soisgeil gu samhach socrach a' dol na's fhearr gach latha, tha daoine lion beag is beag, a' tighinn gu cheile gu bhi le'n uile neart a' cathachadh an aghaidh gach uilc a thig an rathad. Mise, le meas, Alasdair Mor. 364 Litrichean a Beamaraidh. sòradh air leughadh 's air gearradh dhealbhan's an tigh agam-sa an uair sin, agus ged a tha mise car coma air doigh, bithidh e iomadh uair 'n a bhuaireadh dhomh bhi tighinn air deilbh de gach seorsa an uair a bhios mi tionndadh duilleagan an leabhair. Fhuair Sine, ma tha, pasgan de leabhraichean fhasanan an latha roimhe as an Tobha, agus a cheart cho luath 's a chunnaic i a' chiad sealladh orra, cha robh guth tuilleadh air cur uire ris a' bhuntata an latha ud. Ghabh i uidh mhor ann an dealbhan bhoirionnach a chunnaic i, agus a' falt aca air a ghearradh mu'n cluais, no air a chutadh, mar a chanainn fhein ris, agus nach ann a smaoinich i gu'm b' fheairrd i fhein a' falt aice chur anns a' chumadh cheudna airson a bhi anns an fhasan. 'S e mo bheachd gu robh iomairt 'n a h-inntinn mu'n ghnothuch roimhe 'n latha ud, seadh ged nach cuala mise moran mu dheidhinn na cuise. Bha "Leezie" timchioll le peilichean staoin air an t-seachduin so chaidh, agus thainig i dh' amharc air Sine mar b' abhaist mu aird-fheasgar an latha bha mi càradh an lin-sgadanach a dh' ith na radain troimh 'n gheamhradh. Bha Sine cìr eadh a cinn an tac an teine 'n uair a thainig "Leezie" a steach 's a' ghleadhraich ud de ghad pheileachan air a gair-dean. Thoisich an goileam, 's b'e sin an goileam. Tha "Leezie'' cho eolach ri radan anns gach cearnaidh de Leodhas, agus bha Sine gabhail naidheachd duine sud 's an so eadar Nis is Barabhas Litrichean a Beamaraidh. 365 agus na Lochan, agus ge b'e neach air an toireadh i tarruing, bha "Leezie" comasach air naidheachd a thoirt seachad uime. Theann sin Sine ri gearan mar a bha a' falt a' falbh aisde, "'s gu dearbh," ars' ise, "b'e sin mor am beud. 'N uair a bha mise, 'n a mo thri thar fhichead cha robh nighean Ghaidhealach no Ghallda dol gu iasgach na Bruaich air an robh cuailean cho fior aluinn rium, agus 's iomadh uair a bhiodh Cormac aig an robh an sgioba-chutaidh againn, ag radh rium nach b' urrainn nach robh mi cur "Harlene,' ge b'e de seorsa stuth a bha sin, air mo dhosan an uair a bha loinn cho breagha air—ach, oich, oich, dh' fhalbh sin." "Sin cor an t-saoghail uile," arsa "Leezie," 's i bruidheann a cheart cho pongail ri bodach a bhiodh a' labhairt air a' cheist. "Chan'eil duine gun da latha ach duine gun latha idir, ach bheir mise comhairle oirbh, a Shine, agus 's e sin gur còir dhuibh 'ur falt a ghearradh mu'r cluais, agus ruith dhàthaidh a thoirt air uair's an t-seachduin agus cumaidh sin a' falt gun fhalbh asaibh. Tha chuid is motha de na boirionnaich a' deanamh an ni ceudna 'n diugh, agus cha chuir cireadh no biorain-fuilt sion de dhragh orra." "Tha mi 'g ar lan-chreidsinn anns a' rud a tha sibh ag radh," arsa Sine, "ach nach bitheadh sealladh garbh dhiom-sa 's mi cho sean nam biodh m' fhalt 'n a stirean mu mo chluais coltach ri nighean Dhomh-nuill an tailleir." "Coma leibh de chanas daoine mu'r deidhinn," arsa "Leezie," "ma ni a' ni 366 Litrichean a Beamaraidh. feum dhuibh fhein—sguiridh iad de bhruidheann mu'r deidhinn an uair a bhios iad sgith de 'ur cagnadh." Cha robh air sin ach sin fhein, ach an uair a chunnaic Sine na paipearan dealbhach aig bean Chaluim Ruaidh, agus iomhaighean bhoirionnach annta le am falt air a chutadh 's cuaicheanan mu na cluasan coltach ri adhaircean rùite, fhuair seanachas "Leezie" buaidh gu buileach oirre, agus ghabh i 'n a ceann am bearradh a dheanamh air ball. Chuir i a comhairle rium fhein, ach cha do leig mi moran orm aig an am—bha fhios agam gle mhath an rud a chuireadh i 'n a ceann gu'n cuireadh i 'n a casan e mu'm biodh a' chuis criochnaichte. Ach an uair a dh' iarr i orm am bearradh a dheanamh air a falt, ghabh mi gach leth-sgial a b' urrainn mi, agus mar a bha'n sealbh air mo thaobh's e aon suil a bha 's an speuclar agam riamh bho'n bhris mi e air bord "Reult na Mara," agus chan'eil doigh air an t-suil sin a chàradh gus a faigh mi do Steornabhagh ge b'e c' uin a thachras sin. Ach an e gu robh Sine gu bhi air a beatadh—'s ise idir nach robh sin. Maduinn latha 'r na mhaireach thug i Calum Sheorais oirre, airson gu'n deanadh esan a' bhorbaireaohd annasach a bha dhith oirre—ach gleidhidh mi chuid sin de'n t-seanachas gu'n ath sheachduin. Mise, le speis, Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. 367 SINE 'S AN FHASAN—II. A Charaid Choir, 'S e maduinn Di-haoine bh'ann, agus mar a b' abhaist 's e dol a dh' iarraidh a' phension againn a' chiad ni air an do chuir Sine a h-aghaidh air a' mhaduinn bhreagha ud, ach 'a math a bha mi-fhein a' tuigsinn gu robh gnothuch cuidthromach air chor-eigin eile bho 'n ear dhith cho trath 's a' mhaduinn. Thug i leatha pasgan de na leabhraichean fhasanan aig bean Chaluim Ruaidh, agus bha deagh fhios agam nach b' ann ceum airson an sealltuinn do 'n taillear ann an Oifig a' Phuist, a thug i leatha iad fo a h-achlais , —is caol a shealladh e orra. Ach dh' fhalbh i co dhiu, agus 's ann oirre fhein a bha an surd a' cromadh sios a' bhruthach. Thachair Mairi Mhurchaidh rithe 's i tighinn as na Sitheanan le cliabh-mònadh, agus sheas iad greis a' cur latha math air a cheile, agus Mairi a sior-mholadh an fhreasdail airson a' phension, trocair cho mor 's a thainig riamh a mach bho Pharlamaid Bhreatuinn. Ghabh Sine suas gu Oifig a' Phuist, agus fhuair i ar pension gun mhoran dàlach, agus cheannaich i an deagh phaidhir de bhrogan tacaideach air mo shon fhein bho Dhomhnull an taillear—agus gu dearbh's fhada bho nach do chuir mi stiall cha3-bheart orm a tha cho fior chomhfhurtail riutha. 368 Litrichean a Beamaraidh. Thug i sin tigh Chaluim Sheorais oirre, 'a am pasgan de na leabhraichean fhasanan fo h-achlais fad an t-siubhail. Co bha stigh an sin ach bean Bhill, 's i ceilidh air Calum, 's thòisich a' ghoileam aig na boirionnaich, agus mar a ghabhas creidsinn gu ro mhath's e turus-cuain "Reult na Mara" an ceann'teagaisg a bha aig bean Bhill, agus cha chreid mi gu 'n di-chuimhnich i banais a' Chlachain fhad's is beo i. Ged a bha Sine chòir riaraichte gu leor leis a' chomunn 's an robh i, bha i airson gu 'n rachadh bean Bhill dhachaidh, oir cha bu dana leatha am feasda a turus fhoillseachadh do Chalum gus a faigheadh i fàth air leis fhein. "A Chalum,' 'arsa Sine " 's ann a thainig mi airson gu sgriobhadh sibh litir a dh' ionnsuidh an t-seumarlain air mo shon. 'S e aon suil a tha 'n speuclar Alasdair bho thainig e air ais bho 'n turus-cuain, agus ged a ni e an gnothuch math gu leor air na leabhraichean, cha dean e dad air sgriobhadh litreach a dh' ionnsuidh an t-seumarlain." "Ceart gu leor, a Shine," arsa Calum, "ni mise sin," agus an uair a chuala bean Bhill a turus cha robh i fada gu 'n falbh, agus an uair a fhuair Sine an tigh eadar i fhein agua Calum, dh' innis i dha facal air an fhacal mu 'n chomhairle thug "Leezie" oirre a thaobh na bor-baireachd a bha i airson a dheanamh air a falt. "Thug mi leam an so, a Chalum," ars' ise, "leabhar fhasanan a chuir bean Chaluim Ruaidh thugam, agus chuir mi direach romham gu 'n Litrichean a Beamaraidh. 369 rachainn gu uchd mo dhichill airson am beagan fuilt a tha air fhagail annam a chumail a dheoin no dh' aindeoin, agus tha fhios agam gu 'h dean ¦ sibh-se gnothuch snasail de 'n chuis mar 's abhaist." 'Uill, a Shine," arsa Calum, "cha tug mise a' falt a mach do bhoirionnach riamh, ged is .iomadh firionnach de 'n tug mi bearradh 'n am latha," "Ni sibh a' chuis ciatach, a Chalum," arsa Sine. "Dhiult Alasdair a thoirt dhiom agus chan fhaiceadh e ceart e co dhiu agus suil as an' speuclar aige." "Tha mi faicinn gu bheil cuaicheanan mu bhun ha cluaise aig a' bhoirionnach a tha's an dealbh an so, agus cha b' fhuilear dhuit clobha, Shine, airson na camagan sin a dheanamh ceart." "De 'n deifir, a Chalum," arsa Sine," tha mi ceart a coma de 'n chuid sin de 'n bhorbaireachd. Seall am bola mor ud anns a bheil biadh nan iseanan agad a muigh air a' chreagan. Thoir a steach e 's càirich direach air fìor mhullach mo chinn e, agus gearr am falt' ceithir thimchioll na bile aige, agus bithidh a' chuis deanta. 'S iomadh uair a thug mi-fhein a' falt bharr Alasdair air an doigh ud, 's ni e 'n gnothuch dhomh-sa ciatach math, agus bheir sibh ruith dhàthaidh air le bideag de ] haipear an deidh sin." "Ceart gu leor," arsa Calum; "ma bhios sibh fhein, a Shine, riaraichte leis a' bhuil a chuireas mise air a' bhorbaireachd, theid mise an tarruing gun dàil." Sin mar a thachair ma tha, agus cha robh Calum fada toirt sgriob 370 Litrichean a Beamaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. 371 NA PUIRT AIG SINE. A Charaid Choir. Tha mi direach air sgur de bhuain an eorna agus tha mi cheart cho sgith ri seann chu chaorach, agus le sin's mor m' eagal nach urrainn dhomh litir thomadach a chur thugaibh a nochd, ach direach 's math leam a' leigeadh fhaicinn do mo chairdean gu bheil mi-fhein agus Sine beo slan fhathast. Tha Sine ann a' foirm iongantach math fad an t-samhraidh, agus's ann do 'n t-side aluinn a tha againn a tha i toirt cliu airson an fheabhais sin a rainig oirre agus a tha fhathast 'g a leantuinn. Tha corr agus mios bho'n thainig Peigi, an nighean againn, dhachaidh air laithean-feille a Glaschu leis an teaghlach, agus chan 'eil sinn gun othail gu leor mu'r timohioll leotha uile, agus 's ann a bhios iad a' toirt a chreidsinn orm fhein gu bheeil mi og a ris. Gu dearbh bidh mi-fhein air uairibh a' smaoineachadh naoh bu chòir do neach a bhios daonnan am measg oigridh de'm bi tlachd aige, fas aosda idir, a chionn gur h-iad gathain an toileachais agus an t-sugraidh a bhios iad an comhnuidh a' sgaoileadh timchioll orra. Tha ceathrar de theaghlach aig Peigi, da bhalach agus dithis nighean. Tha'm balach is sine ochd bliadhna, agus chan 'eil an nighean is oige ach deich miosan a dh' aois. Tha mi proiseil ghlanaidh air bola mor nan cearc, agus 'g a chàradh gu socrach seimh air ceann Sine, agus thoisich a' bhorbaireachd. 'N uair a fhuair e a' falt air a bhearradh gu grinn, dhath e chuid a bha air fhagail le bideag de choinnil chaoil a dh' fhag Mairi Anna anns an dreasair bho 'n bha i aig an tigh an uiridh, agus chuir sin crioch air a' bhorbaireachd a rinneadh air Sine. Chaidh i null a dh' ionnsuidh an sgàthain a bha 's an uinneig, agus dhearc i oirre fhein ceithir thimchioll 's an aoigh sin air a h-aghaidh. '"Ciamar a tha chuis a' cordadh ruibh a nise, Shine," arsa Calum. "O Chaluim, nach sibh a thug an aois dhiom am priobadh nan sul. "Bidh t-oige air a nuadhachadh, mar iolair luath nan speur." "Chan e ceum de 'n t-seann iolaire riapaich a tha annad a nise, Shine," ars' ise rithe fhein, "ach tha na preasaidhean anns a' ghruaidh an deidh 's gu leir agus bithidh—ach tapadh leibh-se, Chaluim. Tha mise creidsinn gu faigh mi mo mhi-shealbh bho bhean Bhill agus bho Mhairi Mhurchaidh, ach de 'n deifir 'n uair a tha ni a' còrdadh rium fhein." Mise, le meas, 372 Litrichean a Beamaraidh. aithris gu bheil a' Ghaidhlig aig gach aon aca ia urrainn comhradh a dheanamh agus nach cliuiteach sin ri radh mu na parantan, agus iad air gach aon diubh a thogail ann a' meadhon baile mor Ghlaschu, far a bheil a' Bheurla Shasunnach à dion riaghladh anns na cuirtean is airde. Ach bha Peigi . daonnan ro eudmhor air taobh na Gaidhlig, agus cha do chum i riamh an cleith gu robh i aice, ged a bhruidhneas i a' Bheurla gu math fileanta cuideachd, agus airson a' Ghreu-maich, an duine aice, 's e th' ann Sgitheanach da rireamh anns nach'eil ceilg, agus cha bhiodh e 's an driachd a tha aige mur biodh gur duine e tha lan de threibh-dhireas agus suspainn inntinn agus cridhe a' Ghaidheil 'g a leantuinn anns gach ceum. Tha Sine bhochd air a buaireadh mu'n chloinn, agus cha mhor gu faigh mi toirt oirre aon char a dheanamh ach 'g am buachailleachd fad finn shuaineach an latha. Chan 'eil guth aice gu bheil a mathair fhein comhla riutha airson an aire thoirt orra—tha i fhein a' gabhail an uallaich gu h-iomlan. 'S e Sine, a h-ainm fhein, a tha air an te is °ige, agus 's ise mar sin ulaidh an teaghlaich gu leir. Chan iarradh i de sholas an domhain ach a' bhi 'g a h-altrumas agus chan 'eil seann rhort no taladh a rinneadh bho linn Oisein air nach'eil Sine air ruith agus ath-ruith a thoirt. Cha chreidinn Litrichean a Beamaraidh. 373 bho dhuine air an talamh gu robh a leithid de sheann phuirt 'n a ceann, ach's cinnteach leam sa gur h-e a h-uaill a Sine bheag a chuir moran dhiubh air uachdar a cuimhne as ur. Thachair ma tha gu robh Sine anns a' choinneamh fheasgair latha na Sabaid so chaidh, agus co thainig suas an creagan comhla rithe ach Tormod Hyder: An uair a nochd Sine steach's an dorus dh' aithnich Sine bheag i air ball, agus thog i a lamhan beaga suas cho doigheil mar iarr tus airson a h-altrumas. Shad Sine dhith an còt-itean agus a' bhoineid air ball, agus an uair a fhuair i an leanabh 'n a h-uchd shaoileadh tu gu robh i cho sona ris an righ air a righ-chathair. Theann Peigi ri deanamh tea's bha Tormod a' toirt ceo as a' phiob 's a' gabhail alladh ris gach ni a bha dol. 'S ann a thoisich Sine air na puirt mar a b' abhaist, 's ann an tiota bha'n deagh ghailleag aice air: — "Chuala mi, O chuala, chuala, Chuala mi aig triuir e,' . Chuala mi aig ceathrar e, Gu'n chuir mo leannan cul rium." Agus 'huch' aice air ceann gach cuairt de'n phort, agus mo lamh-sa, gur h-e rud a bh' ann a bha cordadh ri Sine bheag. Ach, a charaid ort, an uair a thainig i 'g a h-ionnsuidh fhein, agus a chuimhnich i gur h-i an t-Sabaid a bha ann, ghrad shin i an leanabh gu a mathair, ag radh, "A Thighearna mhoir, gabh truas rium a' gabhail 374 Litrichean a Beamaraidh. Alasdair Mor. Litrichean a Beamaraidh. CARBAD-OLADH NEILL ALASDAIR. Fhir Iokmhuinn, Bha mi sgriobhadh thugaibh air an t-seachduin so chaidh mu linn nan goireasan an Leodhas, agus gu dearbh's mise dh' fhaodadh sin a dheanamh, agus ged bha mi gearan do Bhearnar-aidh bhi as aonais moran de na deisealachdan a tha an aitibh eile de Leodhas, cuiridh mi mo cheann air a' gheall dhuibh gu'n dean iomadh neach thall agus a bhos air feadh ceithir rannan ruadha an domhain gairdeachas ris an t-seanachas a tha mi dol a dheanamh dhuibh a nochd, agus nach math leam gur h-e aithris air adhartas a tha agam ri innse. *S ann Di-luain so chaidh bha mi-fhein agus Sine toirt lamh chuideachaidh do Bhill leis a' bhuain. Bha sinn fhein ullamh agus bho'n a tha chruach mhonadh aig an dorus againn an ire mhath ri bhi duinte, smaoinich sinn nach b' urrainn sinn beairt a b' fhearr a dheanamh na cuideachadh a thoirt do nabuidh còir a tha coltach ruinn fhein, a' fas sean. MaT sin thoisich mi-fhein agus Sine, agus Bill, agus a bhean, air buain leis na corrain gu math trath de 'n latha, agus's ann shuas aig Eaglais Neill Aonghais, mar a chanas sinn ri Eaglais Shaor Bhearnaraidh, a bha sinn ag obair. Bha Tormod Og agus a bhean thall faisg oirnn, agus corrain aca fhein, a chionn phort air oidhche na Sabaid, agus mise direach air tighinn as an eaglais. 'N e gu'n chuimhnich mi aon uair gur h-e 'n t-abaid bheannaichte bha ann." 'S ann ri Tormod fhein a chord a' chuis. Cha bhi e fhein agus Sine gu tric air an aon ramh idir, ged is ann gle ainneamh a bheir e a inntinn dhith, "Bu chòir dhuit gu mor, a Shine." ars' esan, "bhi guidhe ri Dia airson maitheanais 'n a do pheacannan mora na bhi smaoineachadh gu bheil an cruithfhear a' toirmeasg dhuit t-ogha og a dheanamh aoibhinn oidhche na Sabaid le port a bial a sheinn dhith. Tha thu sioladh na meanbh-chuileig, a Shine, mar tha gu leor dheth do sheorsa." "Ta, Thormoid," arsa Sine, "nach fhaodainn a bhi air 'Coleshill,' a sheinn Calum Aonghais Iain cho math a nochd, a ghabhail dhith." " 'S e tha dhith air an leanabh puirt aigeannach, a Shine, 's a chionn gu bheil fior nadur a' chiuil innte's math leatha ceol a thogas a cridhe maoth fhad 's a tha i og, agus nach fhursada dhith "Coleshill" ionnsachadh bho Chalum Aonghais Iain a rithist." Mise, le meas, 376 Litrichean a Bearnaraidh. gu robh Aonghas, fear na epeala, a' tarruing mhonadh do bhantrach Fhionnlaigh an latha ud. Chan 'eil ni 's fhearr leam fhein na bhi buain leis a' chorran—gu dearbh 's e beagan is urrainn dhomh dheanamh leis an speal co dhin, bho'n a thoisich an t-siataig 'n a mo dhruim. Thainig Tormod Taillear timchioll '9 bean Bhill a' racadh nan diasan, 's thuirt e gu robh i cur 'n a chuimhne mar a bha Rut a' bhan-Mhoabach a' dioghlum an achadh Bhoais, 's lean e mach air a' phuing sin 's air an doigh's an tug Dia mu'n cuairt dàimh nan cinneach ri Slanuighear an t-saoghail. Cha robh an taillear buileach deiseil de a sheanachas 'n uair a chuala sinn fuaim neo-abbuisteaeh air rathad Chircebost agus am prioba na sula, bha an carbad-olaidh ud a' dol seachad air Tigh nan Aoidhe mora, 's dithis dhaoine 'n an suidhe ann. Thuit na corrain bho laimh gach neach le meud an ionghnaidh, agus bha'n taillear cho balbh ri oloieh, agus suil gach duine air a' charbad gun each gun srathair gun diollaid, a' fagail an astair as a dheidh le luaths na gaoithe, *'Carbad-oladh Neill Alasdair," arsa Tormod Og, 's rinn Sine 'n osna sin's thuirt i, "Is lionmhor t-oibre iongantach, a Thighearna 's a Dhe'"—ach an e gu robh duine freagairt. Bha'm Paddy agam fhein air a teadhradh air fiar Bhill agus '11 uair a chual' i a' chiad ghleadhar de fhuaim a' charbaid thug i nuallan cianail ud aisde, 's rinn i ri gorm's an ceangal 'n a deidh, agus an ath shuil a thug mi, Litrichean a Bearnaraidh. 377 bha i dol as m'fhianuis a null gu Bhalasaidh. Bha cearcan le Mac Dhomhnuill, a misionaraidh. 'g an cothachadh fhein ri taobh an rathaid an uair a bha'n carbad-oladh dol seachad le sion, agus dh' eirich iad air iteig na h-iolaire, agus cha do stad an coileach a bh' air an ceann gus an do shocraich e e fhein air a' ghlag a th' air stiopall na h-eaglais, agus thug e gliong air, rud nach do thachair riamh bho'n a bha Mac a Phi air ceann a' choimh-thionail. Thug Bill suil air a' bhoin aige fhein fiach an do chuir a' rud a bh' ann sgiotadh foidhpe-se, ach 's fhada bho 'n a bha i air leum thairis air garadh na h-Eaglaise Saoire, '3 i'g a crothadh fhein ann an oisean mu choinneamh an doruis. "A Thormid Oi^," arsa bean Bhill, "nach'eil didean 's an Eaglais Shaoir a nise n' uair is ann gu a dorus a theich a' bhò ruadh agam-sa 'n uair a thainig an eigin oirre." "Ceart, ceart, Iseabail," arsa Tormod, "chan 'eil a' bho agad gun eanchuinn idir," Bha Aonghas Thormoid Oig a' tighinn a stigh an rathad le cairt mhonadh agus 'n uair a chuala 'n t-each fuaim a' charbaid, thug e dui-leum as agus a' chairt 'n a dheidh 'a e deanamh air Circebost 'n a dheann, chor's nach biodh e 's an aon bhaile ris a' charbad, ach gu fortanach thachair do Thormod Hyder a bhi tighinn a mach a Circebost agus rug e fhein agus Aonghas air an each air smuig 'a cha robh 'n corr dragha aca dheth. Chuala mi bho'n uair sin nach e sud buileach a chuir stad air an each, 378 Litrichean a Beamaraidh. ach "facal na clachaireachd" a bhi aig a mhaighstir, agus gu dearbh ma's e sud an fhirinn's cumhachdach an rud a' chlachaireachd fhein, oir bha fior choltas millidh air a' bhruid. Ghabh Niall Alasdair còir fior mhiapadh an uair a chunnaic e gu robh coltas leir-sgrios air a' bhaile uile air sailleamh a" charbad-oladh aige, agus thug e air balach Steornabhaigh a bha 'g a stiuireadh stad aig an tigh-sgoile. Ruith sinn uile chur meal an naidheachd air, agus gu dearbh 's e fhein is d" fhiach sin, a' chiad dhuine thug carbad-oladh do Eilean Bhearnaraidh. Ghuidh sinn sonas agus muira dha gach latha chuireadh e a lamh air a cuibhle agus rinn sinn co-ghairdeachas a chionn gu robh linn nan goireasan a nise air dealradh eadhon air Beamaraidh fhein. Saoil sibh nach bu ghasda maighstir-sgoile fhein 'n uair a leig e mach a' chlann uile airson gu faiceadh iad sealladh air carbad-oladh Neill Alasdair. Thug balach Steornabhaigh dhoibh beagan eolais air iomairt a' charbaid, agus b' fhiach dhoibh tighinn do'h sgoil an latha ud ged nach ionnsaicheadh iad dad ach sud fhein. Chuir an stiuireadair an sin mu'n cuairt lamh a bha 'n a toiseach le dealas, agus thòisich a' fuaim caithreamach sin aig an àsuinn-tharruing agus ghluais an carbad gu siubhlach air a shlighe gu Tobson. Dol sios aig Loch Ruige-Sandabhig co thachair riutha ach Peigi Chirstag's bascaid mhor uibhean Litrichean a Beamaraidh. 379 aice le bean Chaluim Ruaidh. Cha d' thainig a leithid de mhionaid riamh air Peigi roimhe, 's dearbha, bronag, tha mi-fhein an dochas nach tig, ach thug i oruinn-leum thar an rathaid direach 'n a am, ach ma thug, thuit a' bhascaid, 's chaidh gach ubh a bh' innte 'n am brochan ruadh, 's tha iad a'' cumail feisde fhathast ri coin acrach gach baile. Chuir an sgiorradh ud dragh orm fhein, ach's math leam nach ann leatha fhein a bha iad, 's gu bheil bean Chaluim Ruaidh beartach gu leor airson lan bascaid eile fhaighinn ged a b' ann as an Olaind fhein a thigeadh iad. Cha robh latha cho iongantach sud am Beamaraidh bho na chrochadh na coin, agus cumaidh e seanachas ruinn aig iomadh ceilidh. Cha sguir Sine ach a' toirt tarruing air agus chan e mi-fhein is lugha tha deanamh de aoibhneas. Tha sean-fhacal ag radh gur h-e obair latha toiseachadh, agus ma tha na chuala mi 'n diugh ceart, chan fhada gus am bi carbad no dha eile 's an eilean. Gun teagamh 's e seanachas bhoirion-naoh a th' agam, agus cha deachaidh mi riamh na's fhaide na clach an teinntean le sin, ach chan 'eil teagamh sam bith agam nach fhaigh Tormod Og t-eile airson a bhi dol gu na h-orduighean, apus tha mi cinnteach gur h-e dith rathaid a chum Calum Ruadh gun charbad a bhi aige bho dhiom fhada. Mo mhile beannachd aig Niall Alasdair air- 380 Litrichean a Bearnaraidh. son an spioraid adhartais a nochd e, 's na'm biodh osd-thigh faisg orm a nochd 's mi dh' òladh le suigeart deoch slainte a' charbaid aige. Air a shlainte. Mise le muirn, Alasdair Mob. CLANN-NIGHEAN AN SGADAIN. A Charaid Choir, Cha do sguir sinn fhathast de bhrùid-heann mu charbad-oladh Neill Alasdair agus 's mise fhein a tha lan chinnteach gu'n cum an rud a th' ann comhradh timchioll an teallaich ruinn iomadh latha 'n deidh so. Bha Mairi Mhurchaidh shuas a' ceilidh oirnn an oidhche roimhe, agus ged is fior chaomh leatha-se Niall—gille firinneach, onarach, doigheil—mar a thuirt i fhein, chan'eil i idir cho deidheil air a' charbad a fhuair e. "Cha chreid mi-fhein," ars' ise ri Sine, "gu'n do chiallaich freasdal riamh gu'm biodh a leithid de ni mi-nadurrach agus carbad gun each ann an eilean iomallach mar so far a bheil daoine beo air falbh bho 'n ghleadhraich a tha anns a' bhaile mhor." "Ta, Mhairi," arsa Sine, "seall an goireas a th' ann do dhuine bhios airson astar Litrichean a Bearnaraidh. 381 ealamh a dheanamh bho aite gu aite, agus tha mi-fhein a' creidsinn nach fhada gus a faigh mi am bolla mor mine agus an tea 's an siucar aig an dorus le aon aca 's cha chan duine rium nach e goireas ro mhor a bhios an sin an uair a thachras e." "Tha thu ceart ceart's an smaoin sin," arsa mi-fhein, "agus tha gach deisealachd a tha tighinn 'nar rathad a' deanamh an t-saoghail so 'n a aite na's taitniche airson a bhi fuireach ann, agus a' toirt dhuinn sealladh beag air a' ghloir sin a bhios ann anns na laithean deireannach." "Ma tha,. Alasdair, a charaid," arsa Mairi, "chan e carbadan-oladh, ma's e sin an fhior Ghaidhlig air an uidheam a fhuair Niall Alasdair, a bhios a' cur snas agus loinn air gloir nan laithean deireannach idir. An uair a chunnaic a' faidh beannaichte sealladh air an nuadh Ierusaleim, 's e clann bheag thoilichte mireag agus a' cluich air na sraidean a chunnaic e, agus ciamar a bhiodh sin ann na'm biodh na carbadan-oladh 'n am miltean a' ruith aig da fhichead mile 's an uair am measg na cloinne ghradhaich sin." Thug. Mairi puing dhomh an sud air a bheil mi cnuasach fhathast, agus feumaidh mi beachd Thormoid Oig agus an tailleir fhaighinn air a' chuis. Ged a tha e gun teagamh sam bith na's soirbhe na bha e riamh faighinn bho Thigh Mhic Dhughaill an Nis gu Tigh nan Cailleachan Dubha an Uige, chan'eil e idir taitneach agus cha bhi, a dhol air aiseag mor a' Chuain-Sgith gu Caol Loch-aills. 382 Litrichean a Bearnaraidh. 'S iomadh duine thug greis air caineadh na "Sheila" bhochd, ach chan ann aice tha choire. 'S iomadh oidhche uamhasach a chath i an cuan beucach ud, agus ged a bheir i mar is trice iomadh tulgadh air an luchd aiseig a bhios innte, ni i cala dheth luath no mail, agus gach onair agus buaidh gu robh air ceann a' chaiptein fhuranaich agus a sgioba chrodha airson sin. Tha e fior mhaslach nach toireadh an t-ard-riaghladh againn cuideachadh seachad airson bàta na bu luaithe agus na bu ghoireasaiche chur air cuan granda Leodhais. Gheibhear an comhnuidh an aon leth-sgial bho'n ard-ughdarrus—nach' eil an gnothuch a' paigheadh, agus a dh' aindeoin an leth-sgial sin, theid na muillionan a chosg gach bliadhna airson ghoireasan a thoirt do dhuthchanan cein, agus cha bhi aon ghuth air co dhiu tha sin a' paigheadh no nach'eil. Ma tha neach sam bith airson diol bhruidean fhaicinn air a dheanamh air daoine, chan'eil aige ach an t-aiseag a ghabhail do Steornabhagh comhla ri clann-nighean an sgadain. Bha mi-fhein uair no dha air an turus gu Caol Loch-aills agus corr agus ciad de chlann-nighean còire beu-sach a' falbh a taobh-siar Leodhais a dh' ionnsuidh an sgadain, agus gun ghuth breige a' radh chuir an càradh a bha orra masladh nach bu bheag orm. Feumaidh iad a bhi air clar-uachdar a' bhàta far nach'eil fasgadh no blaths aca bho ghaoith no bho uisge no bho fhairge. Ma thachras an oidhche Litrichean a Bearnaraidh. 383 bhi fabharrach cha bhi chuis cho dona, ach mar ìb trice 'b gruamach ogluidh buaireasach a bhios an Cuan-Sgith, agus cha bhi a' leithid sin de aimsir fada toirt an tinneis-mhara ann an caraibh na clann-nighean, agus chan' eil aca air ach direach laighe far a bheil iad, cho tinn ris na coin, agus an fhairge gabhail dhoibh gus am bi iad a cheart cho fliuch ris na lachan. Tha iad a' dol air tir an Caol Loch-aills anns an t-suidheachadh sin, agus astar latha rompa mu'n ruig iad na puirt-iasgaich. A bheil ionghnadh ged bheireadh moran aca galair am bais as an droch dhiol ud, agus ged thigeadh aireamh mhor dhiubh air ais do Leodhas le aiceid na caitheimh 'n an com, agus sin direach mar a tha tachairt, agus cha chluinnear guth no gabadh mu'n chuis. Bidh lighichean a' fiachainn ri aobharan a thoirt air lom airson cho lionmhor 's a tha luchd na caitheimh an Leodhas, ach cha chualas guth riamh aca air diol clann-nighean an sgadain anns a' chàs ud. Cha dhotair mise, ach thuirt lighiche og an Steornabhagh ri mo bhial fhein bho chionn ghoirid gu robh aireamh mhor de chlann-nighean an sgadain a' tighinn dhachaidh gach bliadhna lan de'n tinneas-caitheimh, agus iad sin a' liadachadh an tinneis am measg a muinntir. An gabh ni sam bith deanamh airson grabadh a chur air a' bhruidealachd sin? 'S d' fhiach a' chuis a leigeadh ris do'n t-saoghal co dhiu. Nam biodh tri chiad tarbh de thaghadh sinnsireachd 384 Litrichean a Bearnaraidh. MAC AN SGRIOS. A Chàraid Runaich. Naoh bi sibh-se cho math agus gu'n cuir eibh cairt-phostail thugam a cheart cho luath agus a gheibh sibh so ag innse dhomh co cheannaich Bearnaraidh againn fhein. Nach fhaca mi anns a' "Ghazette" gu'n deachaidh a reic an latha roimhe air da chiad gu leth. Fhearaibh 's a ghraidh, nach a dh' fhalbh saor, agus nach beag an luach a tha luchd an eaTrais a' cur air an eilean chòir againn a dh' altrum iomadh laoch anns na laithean a dh' fhalbh, seadh, agus a Litrichean a Bearnaraidh. 385 chuireas an corr de dhaoine treuna null thar a' chaolais ann na laithean tha ri teachd. Gun teagamh's ann troimh speuclaran an airgid a tha an saoghal an diugh ag amharc air gach ni. De'n luach beag a tha na puinnd Shasunnach a' cur air na tromsmaointean aig a' mhor-shluagh aig a' cheart latha's a bheil sinn beo, agus gun mhoran suime no luach sam bith 'g a chur air na nithean sin nach truaill an leomann no a" mheirg, agus naoh . cladhaich agus nach goid na meirlich. Gu dearbh bithidh mi-fhein gu math tri ca' toirt molaidh do'n Fhreasdal airson nach' eil earras mor 'n am fhochar, air eagal gu'n claonadh m' inntinn gu amharc air an t-saoghal mar thòrr mor de airgid Sasunnach, ni a bheireadh orm sealladh a chall gu tur air morachd agus maise agus fior luach gach sonais agus muirn a sgaoil Dia fo'r comhair ann ar turus "s an fhasach. Guidheam co dhiu "Dia 'n a thoiseach" do'n neach a cheannaich ar n-eilean. 'S cinnteach gu'n cuir sinn eolas air uair no uair-eigin, agus creididh mi 'n uair a thig e 'n ar measg, gu'n gabh e tlachd do ar daoine, agus ma tha cridhe mor farsuinn aige, agus lamh fhialaidh, gu dearbh's ann aige bhios an cothrom airson a airgiod a chur gu buil mhath ann a bhi deanamh ar crannchur's an eilean iomallach so na's comhfhurtaile air iomadh doigh. Chan 'eil fhios de dheanamh Leverhulme nach maireann air ar son na' m biodh e beo. Thainig e dh' amharc oirnn agus mhol e am buntata ur z (pedigreed) a b' fhiach ceithir mile am fear, ri 'n aiseag a Steornabhagh do'n Chaol, saoil thu nach cuirte bàta mor comhfhurtail leotha agus gillean-frithealaidh 'n an cois airson an anacladh na 'm biodh iad tinn. 'S e mo bheachd co dhiu gu faigheadh iad deiligeadh na b' fhearr na tha clann-nighean an sgadain a' faotainn, agus le sin mar a thuirt Rainy nach maireann 'n uair a chaill muinntir an Aonaidh na h-eaglaisean, "tha ni nach'eil ceart an aite air chor-eigin." Mise, le muirn, Alasdair Mor. 386 Litrichean a Bearnaraidh. a chunnaic e aig Mairi Mhurchaidh, agus chan fhaca sinn an corr dheth. Tha mi-fhein an dochas gur h-e Leodhasach a cheannaich ar n-eilean. Tha pairt mhath de Eilein Leodhais a nise ann an lamhan dhaoine dh' araicheadh 's a thogadh 'n ar measg fhein, agus bu chòir gu'm biodh am barrachd ceangail aca-san ri na daoine th'air na h-oighreachdan aca, agus gu'm biodh iad toileach air am barrachd a dheanamh air an son, ach cha ghabh gach cuis a bhi 'g iomairt mar bu mhiann leinn an comhnuidh. Thainig mo charaid gasda, Tormod Hyder, a nuas air cheilidh orm an oidhche roimhe, agus bha greis de sheanachas againn timchioll air toit de'n phiob-thombaca. Thug sinn tarruing air carbad-oladh Neill Alasdair, agus bha mi-fhein ro thoileach air beachd Thormoid fhaighinn air a' phuing a thug Mairi Mhurchaidh dhomh 'n uair a bha i fiachainn ri dhearbhadh orm bho bhriathran an fhaidh nach biodh carbadan de'n t-seorsa ud anns an nuadh Ieruealeim idir—gur h-e bhiodh ann clann bheag a' mireag 's a' ruagail air a shraidean. "Uill," arsa Tormod, "tha mi creidsinn gu bheil Mairi Mhurchaidh na's eolaiche air an nuadh Ierusaleim na tha mise, ach, Alasdair, 's e mo bheachd fhein nach urrainn gu'm bi ni cho sgriosail ris na carbadan-oladh anns a' bhaile iongantach ud a chunnaic a' faidh. Tha iad ag radh rium-sa nach' eil ni an diugh is motha tha taladh dhaoine air falbh Litrichean a Bearnaraidh. 387 bho na h-eaglaisean na na h-ionnalan ud, agus ciamar a rithist a chanas tu gu'm bi iad anns an Ierusalem aig Mairi Mhurchaidh." " 'S e sin mo bheachd fhein cuideachd, a Thormoid," arsa mi-fhein, "ach mo lamh-sa dhuit nach bris Niall Alasdair no neach eile am Bearnaraidh an t-Sabaid le bhi 'g itealaich troimh 'n duthaich le carbad-oladh. Agus, a Thormoid, nach fhaca mi duine còir a' sgriobhadh an latha roimhe mu'n charbad-oladh agus's e "mac an sgrios" a rinn e dheth. 'Chan 'eil sin a" cur ionghnaidh idir orm," arsa Tormod, " 'S e sin a th' annta anns na bailtean mora. Bhiodh cuid de na seann daoine air tuath againne an so a' deanamh a mach gur h-ann as a' Ghearmailt a bha mac an sgrios gu tighinn, ach cha ruig duine leas a bha cur nithean cho fada uatha fhein ri sin. "Ceart,' arsa mi-fhein, "ach 'n uair a labhair Pol mu mhac an sgrios cha robh guth air carbad-oladh no aon de na h-innleachdan ura tha ann an diugh." "Cha robh," arsa Tormod, 'ach nach robh inntinn cho farsuinn aig Pol 'n a latha fhein agus gur docha gu'n d' fhuair e sealladh air na h-innealan sgrios a bhiodh daoine deilbh anns na laithean deireannach." "Coltach gu leor," arsa mise, "Thormoid, 's e cheart phuing sin a chordas ri Tormod Og an uair a dh' innseas mi dha i. Na faiceadh Pol còir stad an latha 'a diugh 's e ghabhadh a' ghrain de'n t-saoghal, eadhon ged nach fhaiceadh e dad na b' annasaiche na'n dosan liath aig Sine air a chutadh le 388 Litrichean a Beamaraidh. SITH AGUS DEAGH-GHEAN. A Charaid Choir, Bithidh Nollaig eile air a dhol seachad oirnn mu'm faic mo leughadairean, co dhiu a chuid is motha dhiubh, an litir so, agus air an aobhar sin bu mhaith leam Nollaig chridheil aoibhneach charthannach a chur air gach neach leis an abhaist a bhi leughadh na litreach so bho sheachduin gu seachduin. Tha fhios nach' eil latha dh' eireas na Gaidheil nach 'eil iad a' cuimhneachadh gu minic air an cairdean agus an luchd-eolais, agus a' giulan an uallaichean faisg air an cridhe, ach tha an Nollaig gu h-araidh 'n a h-am anns am bi sluagh na Criosdalachd gu leir an iomall criche gach tir a' fiachainn ri cuimhne dheanamh air an luchd-eolais a tha air an sgapadh feadh gach cearnaidh, agus tha an Nollaig mar gu'm b'eadh, 'g ar toirt aon uair 's a' bhliadhna Litrichean a Beamaraidh. 389 co dhiu na's dluithe ri cheile, agus a' toirt thugainn air a sgiathan teachdaireachd na sithe agus na deagh ghean, agus sin uile a chionn gu bheil sinn a' creidsinn gu'n tug an Slanuighear bean-naichte an teachdaireachd mhoralach so leis an uair a chaidh fhoillseachadh 'n a naoidhean maoth ann an uamha Bhetleheim air an oidhche iongantach ud, oidhche na ciad Nollaig, a thug do'n t-saoghal sgiala a' mhor-aoibhneis. Tha eaglais mhor mhaiseach ann an Cologne anns a' Ghearmailt. Tha i air a sgeadachadh le h-òr agus ionmhasan luachmhor, agus chan e mhain sin, ach tha cunntas aig muinntir an aite tha 'g radh gu bheil cnamhan nan "tri righrean" air an tiodhlacadh innte, agus gur h-iad sud na daoine glice bho'n aird an ear a thainig le an tiodhlacan luachmhor gu prasach an Fhir-Sliaoraidh. Chan e mhain sin ach tha an ainmean aca cuideachd, Melchior, Gaspar agus Balthasar. Tha Bede, am fear-eachdraidh, a' dol na 's mionaidiche steach 'n an eachdraidh na eadhon na Gearmailtich fhein, agus tha e 'g innse an seorsa fuilt a bh' air gach aon aca, agus an trusgan leis an d" thainig iad air an astar fhada ud ag iarraidh Righ nan Iudhach. Tha eachdraidh a' Bhiobuill samhach a thaobh nan nithean sin gu leir, ach tha na soisgeil a' toirt dhuinn friamh a' ghnothuich airson sin, agus chan' eil cuibhrionn de'n Bhiobull is iongantaiche na'm beagan eachdraidh a tha Mata toirt dhuinn mu na daoine deamhais Chaluim Sheorais—nach ann ruinn a thachair latha nan annasan." Bithidh duil agam ri sgriobag uaibh le tionndadh a' phosta. Mise le durachd, Alasdair Mob. 390 Litrichean a Bearnaraidh. Litrichean a Bearnaraidh. 391 grinn am measg a' mhor-shluaigh. Their iad gu robh seann bhoirionnach do'm b' ainm Baboushka dol mu'n cuairt a' deanamh obair an latha 'n a tigh fhein an uair a bha na daoine glice dol seachad air an slighe aonaranach gu Betleheim. "Thig maille ruinn," ars' iad-san rithe, "oir chunnaic sinn a reult 's an aird an ear, agus tha sinn a' dol a dheanamh aoraidh dha." "Thig mi ach chan ann an drasda," ars' ise, "Feumaidh mi mo thigh a chur ceart an toiseach, agus an uair a ni mi sin, leanaidh mi sibh agus gheibh mi E." Ach an uair a bha obair an tighe aice seachad, bha na tri righrean air a dhol asdar fada fada air an slighe troimh 'n fhasach, agus cha do shoillsich an rionnag na b' fhaide anns na speuran dorcha. Chan fhaca Baboushka sealladh de'n leanabh Criosda, ach tha oigridh Ruisia a' creidsinn gu bheil i'g a lorg fhathast, agus gur h-ise a tha lionadh an stocainean le nithean blasda agus briagha, agus a' sgeadachadh Craobh nan Tiodhlacan maduinn latha Nollaig, 's i an dochas, 'n uair a tha i toirt aoibhneis agus muirn gu iomadh paisde beag, gu faigh i Esan air an d'rinn i dearmad an aimsir chein. Chan' eil an sin ach seanachas, ach nach mor an teagasg a tha ann dhuinne ann a bhi cur gu buil latha chothroim, le bhi dichiollach deanadach 's an fhion Iìob 's an d' fhuair sinn ar cuibhrionn a chum agus 'n uair a dh' iarrar oirnn ar cunntas a thoirt as ar stiubhardachd gu'm bi sinn comasach air na talanntan glice so, a thainig aona chuid a Persia no a Arabia, le iuil na rionnaig a Jean iad agus a threoraich iad mu dheireadh do stabull Bhetleheim. Cho diamhair agus a tha an aithris ud uile 'n uair a smaoinicheas sinn air na daoine glice beartach agus aosda a bha sud a' fulang iomadh cruaidh-chas agus cunnart air slighe fhada, a chum's gu'n lubadh iad an glun ann a bhi deanamh aoraidh do'n naoidhean mheata a rugadh am bochdainn agus fada bho dhuthaich a mhathar—agus chan fhaca neach a bhuineadh do'n "chlachan bheag ud eifeachd sam bith 'n a bhreith. Ach siabair uainn an t-ionghnadh sin air ball an uair a sheallas sinn air a' mhiorbhuill bu mhotha air an talamh mu'n iath a' ghrian, 's e sin nach b' aon sam bith eile ach Mac Siorruidh Dhe a bha 's an naoidhean mhaoth so, air teachd a nuas bho neimh gu talamh peacach airson a bhi beo's an fheoil maille ruinn agus bas fhulang airson slainte shiorruidh sholar dhuinne. Bha duil aig na daoine glice ri righ mor fhaicinn ach 's e fhuair iad leanabh air a bhreith ann an staid iorasal, agus gloir do Dhia airson sin. Ged bhiodh sinn bochd diblidh 's an fhasach so, tha ar còir tre chreidimh ann an oighreachd Dhe cho bunaiteach's cho dearbhta ri seilbh muinntir an earrais mhoir. Rinn eachdraidh nan daoine glice a leithid de larach air inntinn na Criosdalachd 's gu bheil iomadh seanachas air a Bhuaineadh umpa troimh na linntean. Ann an Ruisia tha bial-aithris 392 Litrichean a Beamaraidh. a fhuair sinn maille ri an riabh a liubhairt do'n Dia a thug dhuinn gach maitheas an cuairt ar beatha. Mo mhile beannachd agaibh uile aig am an aoibhneis agus a' chridhealais a tha so. Gu robh freasdal caomh 'g ar stiuireadh anns gach ceum, agus gu robh sonas Dhe ann ar bascaid agus ar stor gach latha dh'eireas sibh, agus ge b'e ni ris an cur sibh 'ur lamh 's na laithibh ri teachd gu robh Dia 'n a thoiseach agus 'n a dheireadh. Mise le durachd, Alasdair Mor.