TEI SEAEMOMK le C. H. SPURGEON EADAR-THEANGAICHTE LE ALASTAIE MACDHUGHAILL gleann-tjrchudainn DUNEIDIN: . CLO-BHUAILTE LE TUKNBULL AGUS SPEARS ¦1882. BKUADAR MNA PHILAITV " Agus an uair a bha e 'n a shuidhe air caithir a' bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd d'a ionnsuidh, ag ràdh, Ha bitheadh agad-sa gnothuch sam bith ris an fhlrean sin : oir is mòr a dh' fhulaing mise an diugh ann am bruadar, air a shon-son."—Mata. xxvii. 19. BHA mi anabarrach iarratach air iomradh dheuchainnean ar Slànuidhir roimh dha fulang air a' chrann a leantuinn, ach air dhomh suidhe sios a rannsachadh na cùise, fhuair mi mi fèin gu h-iomlan neo-fhoghainteach air son na h-oibre. " 'Nuair a smuainich mi air so a thuigsinn, bu chruaidh an gnothuch e ann am shùilibh." Rinneadh m' inntinn a ghluasad cho ro mhòr, agus thàinig mo shealladh de dhoilgheas ar Tighearna gu bhi cho anabarrach beò, as gu'n do mhothaich mi gu feumainn an obair a thoirt thairis rè ùine. Cha b'urrainn mi faire a dheanamh maille ris rè aon uair eile, agus gidheadh cha robh cridhe agam a b'urrainn an taisbeanadh naomh 'fhagail. Bha e, uime sin, 'na shaorsa dhomh coinneachadh ri iomradh mnà Phìlait agus a bruadar, leis an d'thugadh tiota beag a thaobh mi : tha e 'toirt cothruim dhomh air a bhi 'leantuinn mo sgeòil gun bhriseadh, agus gidheadh a bhi 'lasachadh a' gheur-mhothachaidh leis an d'rinneadh na h-aigne a theannachadh fo shealladh dlùth de dhoilgheas agus de nàire a' Mhaighstir. Dh'fhàilnich mo spiorad ri aghaidh an t-seallaidh eagalaich. Air leam gu faca mi e air a thoirt air ais o Herod far an. d'rinneadh di-meas air leis na fir-chogaidh. Lean mi e troimh na 8ràidibh a ris mar a ghabh na sagartan an-iochdmhor air an aghaidh troimh 'n dòmhladas 'ga thoirt air ais le cabhag do thalla Phìlait. Air leam gu'n cuala mi iad anns na sràidibh ag iarraidh Barabas, an fhir-reubainn, a chur fa sgaoil, 'an àite Iosa, an Slànuighir, agus bheachdaich mi ceud èirigh a ghlaoidh eagalaich sin, " Ceus e, ceus e," a bha ri sgreadail troimh 'n sgòrnanaibh fuilteach: agus feuch 'nam measg e, an neach a 4 BRUADAR MNA PHILAIT. ghràdhaich mi agus a thug e fèin air mo shon, mar uan 'am measg mhadadh-alluidh, gun neach a dheanadh iochd no cuideachadh. Rinn an sealladh mo chlaoidheadh, agus sin air mhodh àraidh air dhomh fios a hhi agam gu'm b'e an ath cheum gu'n deanadh Pilat, an deigh dha a neo-chiontas a chuir an cèill le bhi 'g ràdh, " Cha-n'eil mi faotainn coire ann," a thoirt thairis do na ceusadairibh chum a sgiursadh, agus gu'n deanadh na saighdearan, air ghaol duais, a chrunadh le droigheann agus a mhaslachadh gun tròcair, agus gu'm bitheadh e air a thoirt 'am fianuis a' mhòr-shluaigh agus air a chomhdachadh dhoibh leis an fhocal chianail sin, " Feuch an duinB !" An robh bròn riamh cosmhnil r'a bhròn-san ? 'An àite dhomh a dhol a labhairt uime air an là'n diugh tha mi 'g iarraidh a dheanamh amhuil càirdean lob, mu'm bheil e sgrlobhta, air dhoibh sealladh fhaotainn dheth, " Thog iad an guth agus ghuil iad; agus shuidh iad sios maille ris air an talamh seachd làithean agus seachd oidhchean, agus cha do labhair neach focal ris, oir chunnaic iad gu'n robh a dhoilgheas ro mhòr." Fagaidh sinn am Maighstir tamull beag a dh'amharc air bruadar so mnà Phìlait, air nach 'eil na Sgriobtuirean a' toirt iomraidh ach aon uair, agus sin le beul Mhata. Cha-n 'eil fios agam c'arson is e an soisgeulach sin a mhain d'an d'thugadh ùghdarras chum a chur air chuimhne; theagamh gu'm b'esan a mhain a chual e; ach fòghnaidh an t-aon fhianuis d'ar creid-imh, agus chuireadh na's leòir air chuimhne gu bhi 'toirt cleachdaidh d'ar beachd-smuaintibh. Tha sinn a' gabhail ris an iomradh air teisteas an Spioraid Naoimh. Rinn Pilat e fèin a ghiùlain gu ro mhaslach rè aimsir 'uachdaranachd air fad. Bha e 'riaghladh nan Iudhach air dhòigh neo-chothromach, eucorach. Dh'fhairich an dà chuid na Galilèich agus na Samaritanich uamhas a chuid arm; oir cha do shòr e an casgradh 'nuair a thug iad an ionnsuidh a bu lugha air a chuing a thilgeadh bhàrr am muineal; agus 'am measg nan Iudhach fèin rinn e daoine a chur a mach le biodagaibh a bhitheadh ri siubhal 'am measg nan comh-chruinneachadh mòra, leis an robh an dream a bha 'na aghaidh air an gearradh as. B'e buannachd a bha mar chrìch aige, agus b'e uamhar a bha 'riaghladh a spioraid. Aig a' cheart àm anns an robh Iosa o Nasaret air a thoirt 'na làthair bha casaid 'na aghaidh air a giùlan chum Thiberiuis an t-Impire, agus bha eagal air gu'm bitheadh e air a thoirt gu cunntas air son gach eucoir, agus fòirneirt, agus mortaidh, a chuir e 'an gniomh. BRUADAR MNA PHILAIT. 5 Bha a pheacaidhean aig an àm so a' tòiseachadh ri peanas a dheanamh air: mar a labhradh an Salmadair, " Bha aingidheachd agus lochd a shal ag iadhadh uime." Is e aon earrann eagalach de pheanas a' pheacaidh gu bheil e cumhachdach ann an cur duine thuige chum tuillidh aingidheachd a chur 'an gniomh. Bha droch-bheartan Phìlait a nise ri ulfhartaich m'a thimchioll mar lodhainn-chon; cha b'urrainn e aghaidh a chur orra, agus cha robh gràs aige a bheireadh dha teicheadh chum an aoin dìdein mhòir; ach rinn a chuid eagalan a chuir air theicheadh rompa, agus cha d'f hàgadh slighe air bith fosgailte 'na amharc ach sin a rinn a threòrachadh a dh'ionnsuidh tuillidh ghràineileachdan ni's an-tromaichte fathast. Bha fios aige gu'n robh Iosa gun aon choire ann, agus gidheadh air do na h-Iudhaich an guth a thogail ag iarraidh a bhàis, bha e 'meas gu feumadh e an iarrtas a thoirt dhoibh, air neo gu'n deanadh iad cùis-chasaid eile a thogail 'na aghaidh fèin, eadhon, nach robh e dìleas do uachdaranachd Chesar, oir bhitheadh e 'cur duine fa sgaoil a bha 'g ràdh gu'm bu righ e fèin. Nan tugadh e breth a rèir ceartais cha bhitheadh eagal air roimh na h-àrd-shagartaibh agus na sgrìobhaichibh. Tha neo-chiontas misneachail, ach tha cionta gealtach Rinn seann pheacaidhean Phìlait 'fhaotainn a mach agus 'fhagail lag-chuiseach 'an làthair aghràisg shuaraich, a dheanadh e air sheol eile 'fhuadach <> chaithir a' bhreitheanais. Bha comas na's leòir aige an cur 'nan tosd, ach cha robh seasmhachd na's leòir ann air son an connsachadh a thoirt gu ceann; dh'fhalbh neart o inntinn chionn gu'n robh fios aige nach seasadh a chliù dearbhadh rannsachaidh, agus bha eagal air gu'n cailleadh e a dhreuchd, a bha e 'cleachdadh a mhain air son a chrìochan fèin. Faic an sin le truas an creutair suarach, neo-sheasmhach sin ag aomadh thuig agus uaith 'an lathair dhaoine a bu mhiosa na e fèin agus a bu ro shuidhichte 'nan rùn. Thug rùn suidhichte, borb nan sagart aingidh air seòltachd neo-sheasmhaich Phìlait fann-achadh 'nan làthair, ionnus gu'n robh e air a chur thuige gu bhi 'deanamh ni a bhitheadh e toileach a sheachnadh. Rinn dòigh agus briathran Iosa tomhas de dhrùghadh air Pilat. Tha mi'g ràdh dòigh Iosa, oir cha b'urrainn e bhi nach do chomharaich an t-uachdaran a shèimheachd a bha gun choimeas mar ni a bha neo-ghnàthaichte ann am priosanach. Ann an cuid a dh'Iudhaich a bhitheadh air an glacadh mar phriosanaich chunnaic e misneach garg saobh-chreidimh; ach cha robh saobh-chreidimh sam bith ann an Criosd. Chunnaic 6 bruadar mna philait. e mar an ceudna ann am mòran phriosanach cleachdadh na h-inntinne suaraich sin a bhitheadh toileach ni sam bith a ràdh no a dheanamh chum faotainn as o'n bhàs; ach cha-n fhac e ni sam bith dheth sin anns an Tigheam. Chunnaic e ann sèimh-eachd agus irioslachd neo-ghnàthaichte maille ri inbheachd fhlathail, àird. Chunnaic e spiorad striochdaidh maille ri neo-chiontas fhìor-ghlan a'faotainn cleachdaidh ann. Thug so do Philat a bhi 'mothachadh cia cho eagalach as a tha maitheas. ¦Ann a bhi 'g amharc air an Ti so a bha gun choimeas 'na fhulangais, bha an sealladh a' drughadh air—cha b'urrainn e a leasachadh. Os bàrr, rinn ar Tighearn fianuis air deadh aidmheil 'na làthair, agus ged a rinn Pilat an gnothuch a chur bhàrr a làimhe leis a' cheisd bheadaidh sin, " Ciod i an fhirinn ?" agus pilltinn a stigh do thalla a' bhreitheanals, gidheadh bha saighead air a sàthadh ann nach b'urrainn e a chrathadh as. Theagamh nach robh ann ach saobh-chreidimh ; gidheadh bha eagal air ghluasad ann roimh neach a bha e leth-smuaineachadh a bhi 'na phearsa neo-ghnàthaichte. Mhothaich e gu'n robh e fèin a' seasamh ann an suidheachadh neo-ghnàthach, anns gu'n d'iarradh air a bhi 'dìteadh neach agus fios aige gu'n robh e gu h-iomlan neo-chiontach. Bha a dhleasdanas soilleir na's leòir, cha b'urrainn sin a bhi gu bràth mar cheisd air; ach cha robh ann an dleasdanas ach neo-ni do Philat 'an coimeas r'a chriochaibh fèin. B'urrainn e an t-Aon Cothromach a chaomh-nadh nam foadadh sin a bhi deanta gun chunnart dha fèin; ach rinn a chuid eagalah gealtach a chuir thuige gu bhi 'dortadh na fola neo-chiontaich. Aig an dearbh àm anns an robh e null agus a nall mar so 'an imcheist, 'nuair a chuir e fa chomhair nan Iudhach roghainn a dheanamh eadar Barabas agus Iosa o Nasaret;—aig an dearbh àm sin, tha sinn ag ràdh, 'nuair a shuidhe e sios air caithir a' bhreitheanais, a' feitheamh gus an deanadh iad an roghainn, thàinig rabhadh thuige o làimh Dhè, agus sin rabhadh leis am bitheadh e gu bràth air a dheanamh soilleir, nam b'e's gu'n deanadh e Iosa a dhiteadh, gu'm bitheadh e deanta d'a shaor thoil le a làmhaibh ciontach fèin. Is eigin do Iosa bàs fhaotainn le comhairle chinntich agus roimh-eòlas Dhè, agus gidheadh is eigin gu'm bi e air a cheusadh agus air a mharbhadh le làmhaibh dhroch dhaoine; agus uaith so cha-n f heud Pilat peacachadh ann an aineolas. Thàinig rabhadh do Philat o bheul a mhnà fèin tre a bruadar maidne, taisbeanadh anns an robh diomhaireachd agus cuis-eagail, a' toirt rabhaidh dha gun bruadar mna philait. 7 bheantuinn ris an fhirean sin; " oir," deir i, " is mòr a dh'fhuiling mise an diugh ann am bruadar air a shon-san." Tha amannan ann am beath a' chuid mhòr de dhaoinibh, anns am feudtadh a ràdh, ged a bha iad mar nach bu chòir dhoibh, gidheadh nach do leag iad an cridhe gu buileach air an olc, ach gu'n d'thàinig iad gu stad a dheanamh a ghabhail comhairle a thaobh an slighe; agus 'an sin rinn Dia ann am mòr thròcair rabhadh a chur thuca, a' cur comharaidh air cunnart fan comhair, a bha 'g àithneadh dhoibh stad a dheanamh 'nan slighe cuthaich mu'n deachaidh iad 'an coinneamh an cinn do sgrios iomlan. Is e suidheachadh eigin mar so anns am bheil stèidh ar teagaisg aig an àm a' luidh. O gu'n deanadh Spiorad Dhè feumail do mhòran e. I. Agus, anns a' cheud ait, tha sinn a' gairm 'ur n-aire a dh'ionnsuidh comh-oibreachaidh an Fhreasdail maille ri obair Dhe. Tha sinn ag ràdh gur e obair Dhè rabhadh a thoirt do dhaoinibh an aghaidh a' pheacaidh, agus tha sinn a' gairm 'ur n-aire dh'ionnsuidh cheuman an Fhreasdail a' comh-oibreachadh maille ris ann an rathad a bhi' toirt bhacaidhean agus rabhaidhean tròcair Dhè le h-ùghdarras a dh'ionnsuidh inntinnean dhaoine. Oir, anns a' cheud ait, thugaibh fainear freasdal Dhè ann an cur a' bhruadair so. Ma tha ni sam bith fo'n ghealaich a dh'f heudar a smuaineachadh a bhi saor o lagh sam bith, agus a bhi 'na ghineal air a bhreith o thuiteamas, is cinnteach gur e bruadar e. Tha e fior, anns na laithibh o shean, gu'n robh bruadaran ann anns an do labhair Dia ri daoinibh ann an rathad faidheadaireachd ; ach mar is trice cha-n 'eil annta ach ròicealachd nan smuaintean, smùidrich luaineach na h-inntinn, agus dannsa tuainealach na mi-riaghailt. A thaobh nam bruadaran a thigeadh gu nàdurra dh'ionnsuidh mnà uachdarain Romhanaich, cha mheasamaid gle choltach gu'm bitheadh mòran anmhuinneachd no coguis annta, no gu'm bitheadh iad gle bhuailteach air ruith dhiubh fèin ann an slighe tròcair. Is iad bruadaran mar is trice anns am mò a gheibhear de mhi-riaghailt de na h-uile ni, agus gidheadh tha e coltach gu bheil iad air an riaghladh leis an Tighearn. Is urrainn mi gu maith a thuigsinn a thaobh gach aoin bhoinn uisge a leumas bhàrr an tuinn a chaidh 'na spairtibh ri sgeir na tràighe, gu bheil a chuairt fèin air a comharachadh dha cho cinnteach ri reultaibh neimh ; ach tha smuaintean dhaoine coltach ri bhi gu h-iomlan gun lagh, gu h-àraidh 'nuair a tha codal trom air luidh orra. 8 ¦BRUADAR MNA PHILAIT. Bhitheadh, e cho furasda slighe eoin anns an adhar a roimh-innseadh ri slighe bruadair. Is dealbhan luaineach, siùbhlach iad gun srian annta no srian ann dhoibh. Tha iomadh ni gu nàdurra a bheir cumadh do bhruadar. Tha iad gu tric an crochadh air sunnd na goile, air na dh'itheas agus na dh'òlas neach mu'n tèid e gu fois. Tha an cruth aca gu tric o'n choir ' anns am bheil an corp no o luasgadh na h-inntinn. Feudar, gun amharas, cleachdadh a thoirt do bhruadaran le nithibh a tha tachairt ann an seòmar an tighe; gluasad beag air an leabadh 'nuair a tha carbad a' gabhail seachad, no tartar buidheinn dhaoine, no cois-cheum air an urlar, no eadhon an luch air cùl a' chailbhe,—feudaidh iad so uile cumadh a thoirt do bhruadar. Feudaidh ni beag sam bith a ghluaiseas na ceudfàidh aig an àm so sgaoth de smuaintean neònach a thogail anns an inntinn fo dhùsal. Ach cia b'e air bith ni a bha mar mheadhon ann an cùis na ban-tighearna so, bha làmh an fhreasdail anns an iomlan, agus ged a bha a h-inntinn saor gu ruith, mar gu'm b'ann, aig toil nan smuain, gidheadh cha do thionndaidh i taobh sam bith ach direach a rèir toil Dè, chum a bhi 'coimhlionadh a rùin. Feumas i bruadar 'fhaicinn direach air a' mhodh so, agus cha-n ann air mhodh sam bith eile, agus feumaidh am bruadar sin a bhi direach de'n ghnè so agus cha-n ann de ghnè sam bith eile. Eadhon ann an tir nan aislingean cha-n 'eil dia sam bith eile ach Dia, agus tha eadhon sgàilean agus faileasan a' gabhail thuig agus uaith air 'aithne, cha mhò a dh'fheudas dealbhan aisling na h-oidhche dol as o ùghdarras a's àirde Dhè. Thugamaid fainear freasdal Dhè anns gu'm bitheadh bruadar mnà Phìlait, cia b'e air bith aobhar a bha aige o'n leth muigh, de'n dearbh chruth so agus gu'n tigeadh e aig a' cheart àm so. Tha cuid a sheann ùghdairean ag ràdh gu'n d'thàinig am bruadar so d'a h-ionnsuidh o'n diabhuil, 'an dòchas mar so gu'n deanadh e bàs ar Tighearn a bhacadh, agus le sin gu'm bacadh e ar saorsa. Cha-n'eil a' bheachd a' còrdadh rium; ach eadhon ged a robh a' chùis mar so, tha mi ni's ro mhò a' moladh an riaghlaidh fhreasdail leis am bheil eadhon innleachdan Shàtain air an tionndaidh chum chrìochan a' ghliocais dhiadhaidh. Feumar rabhadh a thoirt do Philat, ionnus gur e a ghniomh fèin a bhitheas anns a' bhinn a bheir e mach, agus tha e 'faotainn an rabhaidh sin tre bhruadar na mnà. Is amhuil oibreachadh Freasdail. Thugaibh fainear, a rìs, freasdal Dhè ann an riaghladh gu'm bitheadh am bruadar so air 'fhaicinn ann am fulangas mhbr BKUADAR MNA PHILAIT. 9 inntinn. " Is mòr a dh'fhuiling mise ann am bruadar air a shon-san ! " Cha-n urrainn mi innseadh ciod e an taisbeanadh a ghabh seachad air sùil a h-inntinn, ach bu taisbeanadh e a thug cruaidh-ghleachd eagalach dhi. Theagamh gu fac i 'na codal sealladh eagalach a' chrùn-sgithich agus an sgiùrsair, no eadhon gniomh a' cheusaidh agus piantan a' bhàis; agus gu cinnteach cha-n aithne dhomh ni sam bith a's dòcha toirt air a' chridhe mòran nithe fhulang air son an Tighearn Iosa na sealladh a ghabhail de a bhàs. Tha doilgheas na's leòir a' cruinneachadh timchioll a' chroinn-cheusaidh na dh'fhòghnas air son iomadh oidhche an-fhoisneach a chur seachad, ma' dh'fhàgadh anmhuinneachd sam bith fathast anns an anam. No theagamh gu'n robh a bruadar gu. h-iomlan de ghnè eile. Theagamh gu fac i mar ann an taisbean an t-Aon Cothromach a' teachd ann an neulaibh neimh. Theagamh gu robh a h-inntinn 'ga fhaicinn air a' chaithir mhòr gheal, eadhon an duine sin a bha a fear-posda gu bhi dìteadh gu bàs. Dh'fheud-adh gu robh i 'faicinn a fìr-posda air a thoirt chum breitheanais, e fèin a nis 'na phriosanach 'an làthair an Aoin Chothromaich, a sheas roimh so 'na làthairsan le coireannan air an cur as a leth Dh'fheudadh gu'n do dhùisg i fo eagal roimh sgread a fir mar a thuit e sios do'n t-slochd gun iochdar. Cia b'e air bith meadhon a bha ann, dh'fhuiling i mòran de nithibh anns a' bhruadar, agus dhùisg i fo eagal agus uamhunn. Bha -eagal na h-oidhche oire, agus bha e bagradh a bhi 'na chùis-eagail dhi rè a làithean uile, agus uime sin rinn i cabhag a chumail air ais làimh a fir. A nis, ann an so tha làmh Dhè, agus tha an t-iomradh so a' dearbhadh gu bheil eadhon faileasan siùbhlach nan aisling oidhche 'na làimh, agus is urrainn e an deanamh 'nam meadhonaibh trioblaid agus àmhghair, ma tha sin gu bhi 'coimhlionadh crìche mòire àraidh. Tha e coimh-ionann comharaichte gu'n deanadh i an teachdaireachd sin a chuir a dh'ionnsuidh a fir, "Na bitheadh agadsa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin." A thaobh na cuid a's mò de bhruadaran, tha sinn 'gan leigeadh gu h-iomlan as ar cuimhne; thig sinn thairis air cuid mar bhruadaran comharaichte, agus air uairibh feudaidh aon luidh air ar n-inntinnibh air am bi cuimhne againn air son bhliadhnaichean. Theagamh nach 'eil aon idir 'n 'ur measg aig an robh bruadar a thug oirbh teachdaireachd a chur a dh'ionnsuidh breitheimh air caithir a' bhreitheanais. Cha ghabhadh neach sin os làimh ach ann an cùis ro èigneach. Ged a b'e am breitheamh d'fhear-posda 10 BRUADAR MNA PHIL AIT. fèin bhitheadh tu air do chuir thuige gle chruaidh ma's cuireadh tu dragh air le do bhruadairibh 'nuair a bha e 'an ceann ghnothuichean cudthromach eile. Mar is trice feudar bruadar a chuir a thaobh gus am bheil gach gnothuch eile seachad. Ach rinneadh a shamhuil sin de dhrùghadh air inntinn na Lan-tigheama Eomhanaich so as nach d'fhan i gus an d'thàinig a tighearn dhachaidh, ach chuir i thuige air ball. Tha a comhairle dian—" Na bitheadh agad-sa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin." Feumas i rabhadh a thoirt dha gun dàil, ma's leag e buille air, gun idir tàmh gus am bheil a làmhan gu bhi 'na fhuil. Cha-n e "na bitheadh agad ach beagan gnothuich ris, agus leig air a chomas e," ach "na bitheadh agad gnothuch sam bith ris. Na labhair focal mi-chaoimhneil ris, agus na dean cron sam bith air. Dean a shaoradh o 'eascairdibh. Ma's eigin da bàsachadh,) na bitheadh sin idir aig do làmhaibh-san. M' fhir-posda, m' fhir-posda, m' fhir-posda, tha mi guidhe ort, na bitheadh agad-sa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin. Leig leis, tha mi guidhe ort! " Tha i' cur a teachdaireachd ann am briathraibh ro dhrùighteach. " Na bitheadh agad-sa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin : oir is mòr a dh'fbulaing mise ann am bruadar air a shonsan. Smuainich air do chèile! smuainich ort fèin! Bitheadh m'fhulangais air son an Ti Naoimh so 'nan rabhadh dhuit. Air mo sgàth-sa na bitheadh gnothuch agad ris !" Agus gidheadh, am bheil fhios agaibh, cha-n 'eil mi gun a bhi 'meas a teachdaireachd rud-èigin ùghdarachd a' teach o mhnaoi d'a fear-posda, agus esan 'na bhreitheamh. Tha i 'cleachdadh dòigh-labhairt nach 'eil gu gnàthach r'afhaotainn ann an còmhradh bhan r'am fearaibh. " Na bitheadh agad-sa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin; oir dh'fhulaing mise mòran an diugh ann am bruadar air a shon-san." Bha e 'na fhreasdal iongantach o Dhia gu'n robh a' bhan-tighearn so air a cur thuige gu bhi 'cur teachdaireachd cho dian chum a fir fhèin-thoileil, ionnus gu'n robh i a' tagradh, agus ag athchuinge, agus a' guidhe, seadh, ach robh bheag, ag àithneadh dha, an duine cothromach sin a chur fa sgaoil. 0 a Fhreasdail, cia cho cumhachdach as a dh'oibricheas tu ! 0 Thighearna, tha na seraphim umhal dhuit, ach tha thu 'faotainn seirbhiseach a tha coimh-ionann umhal ann am bean a sheas a stigh, air d'àithne, eadar a fear-posda agus coire. Aon uair eile, thugaibh fainear a thaobh an fhreasdail so an t-àm àraidh anns an robh an rabhadh air teachd. Bha e gu BRUADAR MNA PHILAIT. 11 soilleir 'na bhruadar na maidne : " Is mòr a dh'fhulaing mise an diugh ann am bruadar." Cha robh fad o bhris an là—bha e fathast moch de'n mhaduinn. Bha na Eomhanaich de'n bheachd gu'n robh bruadaran na maidne fìrinneach. Tha mi saoilsinn gur ann an deigh d'a fear falbh a chunnaic i an aisling so. Ma dh'fheudas mi barail a thairgseadh, agus sin mar bharail a mhain, is e a's coltaiche gur e a bha innte cèile d'an robh mòr ghràdh, ach anmhunn ann am pearsa, agus uime sin gu feumadh i fois a ghabhail ni's fhaide de'n là na a fear; agus air dha-san a fagail gu'n do chaidil i a rìs, agus air dhi a bhi de nàdur geur-mhothachail, agus uime sin ni's buailtiche do bhruadaran, dhùisg i o a codal maidne mar gu'm bitheadh i air a claoidheadh le h-uamhunn nach b'urrainn i a chrathadh air falbh. Bha Pilat air falbh, agus dh'innseadh dhi gu'n robh e ann an talla a' bhreitheanais. Dh'fheòraich i d'a luchd-frithealaidh c'arson a bha e 'an sin cho tràth, agus fhreagair iad gu'n robh collaid neo-ghnàthach anns a' chlobhsa muigh, oir bha na h-àrd-shagartan agus gràisg sluaighe nan Iudhach ann an sin, agus chaidh an t-uachdaran a mach d'an ionnsuidh. Theagamh mar an ceudna gu'n d'innis iad dhi gu'n d'thugadh Iosa o Nasaret 'an sin 'na phriosanach, agus bha na sagartan a' guidhe air Pilat a chur gu bàs ged a chuala iad an t-uachdaran ag ràdh nach d'fhuair e coire sam bith ann. "Falbh," deir i ri a ban-oglach, "gairm air duine de'n fhreiceadan, agus abair ris a dhol air ball a dh'ionnsuidh m' fhir, agus a ràdh mar a their mi riut. Deanadh e a ghuth a thogail, chum gu'n cluinn cuid de na h-Iudhaich an-iochdmhor ciod a their e, agus gu'm bi iad air am pilleadh 'nan rùn; abradh e gu bheil mi' guidhe air m' fhear-posda gun ghnothuch sam bith a ghabhail ris an fhìrean so, oir is mòr a dh'fhulaing mise air an dearbh mhaduinn so ann am bruadar air a shon-san." Thàinig an rabhadh d'a ionnsuidh, tha sibh a' faicinn, anns a' cheart thiotadh anns an do shuidhe e sios air caithir a' bhreitheanais. 'Nuair a bha sàmhchair beag ann, agus a bha e iarratach air a phrìosanach a chur fa sgaoil, anns an dearbh àm sin anns am mò a bha de dhòchas bha an cothrom so air a thilgeadh ann an taobh ceart na meidhe, agus sin air dhòigh ro ghlic agus ro thròcaireach chum a bhi 'cumail làmhan PhUait o'n pheacadh mhòr. Thàinig an rabhadh, mar a their sinn, 'na thràth, ged a thàinig e, mo thruaigh, gu dìomhain! Deanamaid eagnuidheachd an Fhreasdail a mholadh. Cha-n 'eil Dia gu bràth roimh 'àm; cha-n 'eil e gu bràth tuilleadh 12 bruadar mna philait. as anmoch. Bithidh e air 'fhaicinn a thaobh nan uile nithe a tha e deanamh gu'n d'thàinig an coimhlionadh air an dearbh là a chomharaicheadh leis an fhàidheadaireachd. Tha m' anam mar gu'm b'ann a' seasamh agus a' criothnachadh am feadh a tha cliùthan glòire mo Dhè ann am bheul, neach aig am bheil a fhreasdal ro àrd, eadhon mar rothaibh Eseciel; ach tha na rothan làn de shùilibh, agus mar a tha iad a' tionndadh, tha na h-uile ni air am beachdachadh agus ulluchadh deanta fan coinneamh, ionnus nach 'eil tuisleadh, no dearmad, no tuiteamas, no moille idir ann. Eagnuidh agus èifeachdach tha uile oibre an Tighearna. An uiread so timchioll an Fhreasdail, agus tha mi 'saoilsinn gu'n cuir sibh uile bhur n-aonta ris gu bheil a' chùis air a dearbhadh—gu bheil am freasdal a ghnàth 'coimh-oibreachadli maille ri gràs Dhè. Tha sgrìobhaiche mòr àraidh, aig nach 'eil ach beag eòlas ann an nithibh na diadhachd, gidheadh ag innseadh dhuinn gu bheil e 'faicinn cumhachd anns an t-saoghal a tha 'g oibreachadh chum fìreantachd. Direach mar sin! Is maith a labhair e, oir is e so am priomh chumhachd de na h-uile. 'Nuair a thèid thusa agus mise a mach a thoirt rabhaidh do dhaoine an aghaidh peacaidh, cha-n 'eil sinn 'n 'arn-aonar, tha am Freasdal gu h-iomlan aig ar cùl. 'Nuair a tha sinn a' sear-monachadh Chriosd air a cheusadh, tha sinn 'nar coimh-oibrichibh maille ri Dia; tha Dia cha-n e mhain ag oibreachadh leinn ach mar an ceudna maille ruinn. 'Nuair a tha sinn ag iarraidh a bhi 'toirt dearbh-shoilleireachd do dhaoinibh mu pheacadh agus mu fhìreantachd, tha gach ni a tha tachairt air a threòrachadh chum na crìche air son am bheil sinn a' saothrachadh. Far am bheil Spiorad Dhè ag oibreachadh, 'an sin tha uile chumhachdan a' chruthachaidh agus an fhreasdail air an comh-chruinneachadh. 'Nuair a tha uachdaranachdan air an tilgeadh sios, agus aintighearnan air an glacadh le bàs, agus rìoghachdan as ùr ag èirigh, coimhcheangail air an deanamh no air am briseadh—cogaidhean eagalach ri fàsachadh agus gortan geura ri seargadh—tha iad so uile 'g oibreachadh chum na crìche mòire ceudna. Seadh, agus a thaobh ghnothuichean teaghlaich, mar a tha bàs cloinne, agus tinneas bhan, agus call oibre, agus bochduinn teaghlaich, agus mìle de nithibh eile, tha iad ag oibreachadh, ag oibreachadh, a' sìor-oibreachadh, air son leas dhaoine; agus 'an uair a tha thusalagus mise ag cur làimh ar n-anmhuinneachd bhochd ri obair Dhè, tha sinn a' siubhal ann an comh-chòrdadh ri uile chumhachdan an domhain. bruadar mna philait. 13 Gabhaibh comhfhurtachd, ma seadh, anns na nithibh so. 0 a luchd-oibre air son Iosa, deanaibh mòran nithe fhulang air a shon, bitheadh deadh mhisneach agaibh, oir tha na reultan o'n slighibh àrda ri cogadh air son sheirbhiseach an Dè bheò, agus tha clachan na macharach ann an coimhcheangal ribh. II. Anns an dara ait, tha mi' fòghlum o'n iomradh Gu bheil a' choguis so-ruigsinn do Dhia. Cionnus a tha sinn gu Pilat a ruigsinn ? Cionnus a bheir sinn rabhadh dha ? Chuir e cùl ri guth Iosa agus ri sealladh Iosa—nach fheudtadh Peadair fhaighinn a reusonachadh ris ? Mo thruaighe! rinn e fèin a Mhaighstir 'àicheadh. Nach fheudtadh Eoin a thoir a stigh 1 Dh'fhag eadhon esan an Tighearn. Càite, . ma seadh, am faighear teachdaire ? Bithidh e air fhaotainn ann am bruadar. Gheibh Dia dh'ionnsuidh chridheachan dhaoine, cia b'e air bith mar a chruadhaicheadh iad. Na toir thairis iad gu bràth, na caill do mhisneach a thaobh an dùsgaidh. Ged a bhitheadh mo mhinistreileachd-sa, agus do mhinistreileachd-sa, agus ministreil-eachd an Leabhair naoimh, coltach ri bhi gu h-uile gun tairbhe, is urrainn Dia a' choguis a ruigsinn le bruadar. Mur tig an claidheamh thuca mar gu'm b'ann r'am broilleach, gidheadh cha-n 'eil fhios nach fhaighear altan na lùirich le bogha air a tharraing air thuairimeas. Bu chòir dhuinn creidimh a chleachdadh ann an Dia a thaobh dhroch dhaoine, agus gun a ràdh gu bràth d'an taobh, " Tha e eu-comasach gu'n iompaichear iad." Is urrainn an Tighearn lebhiatan a lotadh, oir tha 'airm-chogaidh ro lionmhor, agus tha iad deasaichte mu choinneamh a' nàmhaid. Cha-n 'eil mi 'smuaineachadh gu'n oibricheadh bruadar air an inntinn agamsa chum mo dhùsgadh; ach tha cuid a dh'inntinnean fosgailte d'a leithid sin, agus dhoibh-san feudaidh bruadar a bhi cumhachdach Feudaidh Dia feum a dheanamh eadhon de shaobh-chreidimh dhaoine chum a bhi 'toirt coimhlionaidh d'a dheadh rùintean fèin. Tha mòran a thuilleadh air Pilat d'an d'thugadh rabhadh tre bhruadairibh. Ach ni's ro fhearr, bha Pilat so-ruigsinn tre bhruadar a mhnà -fèin. Tha teagasg gle iongantach aig Eanruig Melbhill air a' chùis so, anns am bheil e 'g oidhirpeachadh a bhi 'nochdadh mar ni gle coltach, nam b'e Pilat fèin aig an robh am bruadar so nach bitheadh e cho èifeachdach d'a thaobh as a bha e mar bhruadar a mhnà. Tha a 'smuaineachadh (agus cha-n urrainn neach sam bith 'àicheadh) gu'n robh bean ghràdhach, chaomh aig Pilat, d'an robh mòr thoil aige. Tha an t-aon eachdraidh ghoirrid a tha againn oirre gun amharus a' sealltuinn an taobh 14 BRUADAR MNA PHILAIT. sin; tha e soilleir gu'n robh mòr ghràdh aice d'a fear, agus uime sin bu mhiann leatha a bhacadh o ni sam bith mi-chothromach a thaobh Iosa. Uime sin, air do rabhadh a bhi air a chur le a làimh-san, bha coguis Phllait air a ruigsinn air slighe nan aigne. Ma bha a bhean ghràdhach fèin fo àmhghar, cha b'urrainn, sin a bhi gun doilgheas throm dha-san; oir cha bu mhaith leis a faicinn fo thrioblaid. Bu mhiann leis bean a rùin a ghleidheadh o gach anail anshocair agus làn chomhfhurtachd a thoirt dhi, agus an uair a thagras i is e a thlachd strìochdadh: tha e, uime sin, 'na thrioblaid mhòr dha gu bheil i fulang, seadh, a' fulang gus an eigin dhi teachdaireachd a chuir thuige, agus sin a thaobh neach a tha airidh air deadh bheachd uatha—neach a thaobh am bheil fios aige fèin gu bheil e gun choire. Ma's e's gu'm b'i a bhan-tighearna so da rireadh bean òige Phìlait, caomh agus air a gràdhachadh gu mòr, agus ma bha i ceum air cheum a' dol uaithe fa chomhair a shùilean fo bhuaidh a tinneis, thigeadh a gnùis bhàn gu h-ealamh ri aghaidh a chuimhne, agus bhitheadh cumhachd ro mhòr aig a briathran os a cheann 'nuair a thubhairt i, " Dh'fhulaing mi mòran nithe ann am bruadar." 0 Chlaudia Phrocula, ma's e sin a b'ainm dhuit, is maith a dh'earb Tighearn na tròcair a theachdaireachd ri do bhilibh impidheach, oir uait-sa thigeadh i le h-èifeachd dheich-fillte. Tha beul-aithris dhaoine a' cur an cèill gu'm bu bhan-Chriosdaidh a' bhan-tighearn so, agus tha an eaglais Ghreugach a' toirt urraim dhi mar aon d'an cuid naoimh. Ach a thaobh so cha-n 'eil dearbhadh againn; is e na's aithne dhuinn gu'm b'i bean Phìlait, agus gu'n* d'rinn i a h-ùghdarras bhanail a chleachdadh ann a bhi 'ga bhacadh o'n choire so. Nach tric a rinn bean chaomh, fhulangach, ghràdhach mòr chumhachd a chleachdadh os ceann duine neo-cheanalta, garbh! Is aithne do'n Ti a tha uile-ghlic so, agus uime sin tha e gu tric a' labhairt ri daoinibh peacach leis a' mheadhon èifeachdach so. Tha e 'g iompachadh aoin ann an teaghlach chum a bhi 'na teachdaire dha do'n chuid eile. Air a' mhodh so tha e 'labhairt le ni-èigin a's fearr na teangan dhaoine agus aingeal, oir tha e 'gnathachadh gràidh fèin mar a mhinisteir. Tha gràdh ni's cumhachdaiche na deas-chainnt. Is e sin an t-aobhar, a charaid, gu'n d'thug Dia dhuit an leanabh gràidh sin rè ùine bhig a bha 'labhairt riut timchioll an Phir-shaoraidh. Tha i a nis air dhol do nèamh, ach tha ceòl a laoidhean beaga ri seirm ann ad chluasaibh eadhon a nise, agus tha a còmhradh mu Iosa agus na h-ainglibh fathast BRUADAR MNA PHILAIT. 15 maille riut. Ghairmeadh ise dhachaidh; ach rinn Dia a cur hugad air son ùine bhig chum do thàlaidh d'a ionnsuidh fèin agus do thionndadh dh'ionnsuidh slighe na fìrinn. Air a' mhodh so dh'iarr e ort sguir de'n pheacadh agus tionndadh dh'ionnsuidh Chriosd. Agus am mathair gràidh sin agad, a tha nise timchioll na rìgh-chaithreach, an cuimhne leat ciod a thubhairt i riut air dhi a bhi 'faotainn a' bhàis 1 Chuala tu mise mòran uairean, ach cha chuala tu searmon riamh uam cosmhuil ris an earail ud o leabadh a bàis. Cha-n urrainn thu gu bràth a dhi-chuimheachadh gu h-iomlan, no thu fèin a shaoradh o'n bhuaidh a bha aig ort. Thoir an aire nach cuir thu 'am beag suim e. B'e teachdaireachd a mhnà rabhadh deireannach Dhè do Philat; bha eadhon Iosa 'na thosd 'na làthair an deigh so. 0 mo charaid, co aig am bheil fios nach e do leanabh, no do mhathair, no do bhean-phosda ghràdhach, teachdair deireannach Dhè dhuit, agus an ionnsuidh dheireannach air do thabhairt gu do chèill. Tha e tric a' tachairt gur e caraid gràdhach a' tagradh le deuraibh ionnsuidh dheireannach tròcair. Par am bheil a shamhuil so a dh'ionnsuidh a Bhuidhicheadh cho seòlta agus a chuireadh air aghaidh air dhòigh cho glic, feudar a meas mar oidhirp dheireannach gràidh air spiorad reasgach, agus 'na dheigh sin fagar e d'a innleach-daibh fèin. Gun teagamh sam bith rinneadh roghainn de'n bhean ann an gliocas agus ann an caomhalachd neo-chrìoch-naich, chum nam bu chomasach e gu'm bitheadh stad air a chur air Pilat 'na dhroch shlighe agus gu'm bitheadh e air a neartachadh gu bhi 'coimhlionadh gniomh ceartais leis an deanadh e a' choire a b'uamhasaich de na h-uile a sheachnadh. Uime sin, feudaidh sinn gun amharus a chomh-dhùnadh gu bheil a theachdairean aig an Tighearn far nach urrainn teachdair gnàthach a' bhaile faotainn a stighe; cuiridh e a' chlann bheag a dh'ùrnuigh agus a sheinn far nach cluinnear an searmonaich gu bràth ; cuiridh e bean dhiadhaidh thuige a chur an cèill an t-soisgeil le a bilibh agus a caithe-beatha far nach 'eil am Biobull air a leughadh idir. Cuiridh e nigheanag chaomh a dh'fhàs suas agus a chosnadh bràthar no athar far nach fheudtadh guth eile a chluinntinn a' toirt iomraidh air Iosa agus a ghràdh. Buidheachas do Dhia gu bheil a' chùis mar sin; tha e fagail dòchais a thaobh theaghlaichean a' bhaile aingidh so,—tha e fagail dochais againn d'an taobh-san air son am bheil clag na Sabaid ri sèirm gu dìomhain. Cluinnidh iad, 16 bruadar mna philait. seadh, feumaidh iad na teachdairean so a chluinntinn 'nan tighean, a tha ri sior-tharruing air an cridheachan. Seadh, agus a thuilleadh air so, ged nach deanadh Dia aon chuid bruadar no bean a ghnàthachadh, gidheadh ruigidh e coguisean dhaoine gun mheadhon faicsinneach sam bith ach le smuaintibh a thig gun iarraidh agus a ni comhnuidh air an anam. Far an robh fìrinnean air uairibh 'nan luidh fada as an t-sealladh, thig iad gu grad 'an uachdar, agus 'an uair a tha daoine ann an dearbh ghniomh a' pheacaidh cuirear stad orra anns an t-slighe, amhuil Balaam 'nuair a choinnich an t-aingeal e. Is tric a thachair e gu'n d'rinn a' choguis greim air duine ciontach eadhon anns an dearbh uair anns an robh e 'smuaineachadh a bhi 'mealtainn buannachd na h-eucoire, eadhon mar a choinnich Eliah ri Ahab aig geata fion-lios Naboit. Ghrad chlisg an righ air ais 'nuair a chunnaic e am faidh : b'e a roghainn an diabhuil fèin fhaicinn air thoiseach air Eliah. Ghlaodh e le fèirg, " An d'fhuair thu mi, 0 mo nàmhaid?" Ach, gun amharas, b'e Eliah a charaid a b'fhearr, nam b'aithne dha sin. Tha choguis gu tric ri grad-leum air duine, direach an uair a tha greim milis a' pheacaidh air a chur fo'n teangadh, agus a tha e suidh bìos chum a bhi 'ga mhealtuinn: tha ciont a' tionndadh na meala a chaidh a ghoid gu searbh adas, agus an toil-inntinn thoirmisgte gu àmhghar. Tha a' choguis gu tric a' luidh mar leòmhan am folach ann an doire, agus an uair a ghabhas am peacach seachad air an t-slighe fharsuing bheir i grad-leum air, agus air son ùine tha e gu goirt air a chur thuige. Tha an droch dhuine cosmhuil ri lebhiatan, mum bheil sinn a' leughadh gur iad a lannan 'uaill, dùinte suas le chèile mar le seula daingean; air chor as nach seas claidheamh an ti a bheanas ris ; an t-sleagh, an gath, no an lùireach; agus gidheadh tha dòigh aig an Tighearn air teachd air agus a lotadh gu goirt. Uime sin, bitheadh dòchas againn agus bitheamaid ag ùrnuigh eadhon air son nan daoine a's miosa. A bhràithrean agus a pheathraichean, deanaibh ni sam bith a thig 'n 'ur rathad a ghnàthachadh chum maith dhaoine. Gnàtliaichibh cha-n e mhain argumaidean ciallach agus teagasg fallain, ach eadhon mu bhean bruadar ri bhur cridheachaibh, na bitheadh eagal oirbh a chur an cèill far am feudadh buaidh a bhi aige. Feudar inneal sam bith a ghnàthachadh anns a' chogadh so. Ach thugaibh an aire, gach aon agaibh, gu bheil sibh ag iarraidh anama dhaoine. Bu chòir dhuibhse air mhodh àraidh a tha '11 'ur mnathaibh-posda a bhi air bhur cur thuige bruadar mna philait. 17 chum na h-oibre naoimh so. Cuimhnichibh bean Phìlait, agus smuainichibh oirre 'na gràdh a' toirt rabhaidh d'a fear, agus deanaibhse air mhodh cheudna. Na cumaibh gu bràth am focal air ais o f hear-posda neo-dhiadhaidh trid am feudadh e bhi air iompachadh o sheacharan a shlighe. Agus sibhse a chlann ghràdhach, sibhse a pheathraichean, na bitheadh eagal oirbh, 'n 'ur dòigh ciùin fèin, a bhi 'n 'ur teachdairibh air son Iosa cia b'e air bith ait anns an tuit bhur crannchur. Agus d'ar taobh uile, thugamaid an aire gu'n dean sinn gach cothrom a ghnàthachadh air son a' pheacaidh a chumail fodha agus naomhachd a mhisneachadh. Thugamaid rabhadh do'n aingidh air ball; oir d'a thaobh-san chum am bheil sinn air ar cur theagamh nach d'rinn e an ciont millteach fathast a chur an gniomh. Seasamaid anns a' bhearn am feadh a dh'fhàgadh àite fathast air son aithreachais. Tha Pilat eadhon 'na shuidhe air cathair a' bhreitheanais. Tha an ùine luachmhor. Dean cabhag! Dean cabhag, mun dean e fathast cionta fola a thoirt air fèin ! Cuir an teachdaire thuige. Cuir stad air mun teid an gniomh a choimhlionadh; eadhon ged a robh e diombach air son d'eadargain. Abair ris," Na bitheadh agadsa gnothuch sam bith ris an fhìrean sin : oir is. mòr a dh'fhuiling mise air a shon, agus tha mi 'guidhe ort ha dean ni sam bith 'na aghaidh." Is e so ar dara ceann-teagasg. Gu'n deanadh Dia a bheann-achadh; ged nach urrainn mise searmonachadh air mar a bu mhiann leam, is urrainn Spiorad Dhè cumhachd a chur ann. III. Anns an treas ait, dh'fhagadh a nis againn an obair chionail a bhi toirt fainear our tric a tha eadhon na mkadh- onan a's fearr air am faotainn gun tairbhe. Ghabh mi orm a ràdh, a' labhairt a rèir gnàth dhaoine, gu'n b'e am meadhon a b'fhearr air son a bhi 'ruigsinn coguis Phìlait gu'm bitheadh a bhean fèin air a treòrachadh gu bhi 'reusonachadh ris. Cha mhòr ris an èisdeadh e, ach dh'èisdeadh e rithe-san; agus gidheadh bha eadhon a rabhadh-san ann an dìomhain. Ciod e an reuson ? Anns a' cheud ait, bha fèin-lhuannachd anns a' ghnothuch, agus tha sin 'na ghniomhaiche cumhachdach. Bha eagal air Pilat gu'n cailleadh e a dhreuchd mar uachdaran. Bhitheadh corraich air na h-Iudhaich mur tugadh e ùmhlachd d'an iarratus ain-iochdmhor; dh'fheudadh iad casaid a thoirt 'na aghaidh do Thiberius, agus chailleadh e a shuidheachadh buannachdail. Mo thruaighe ! tha an samhuil so de nithibh a' b 18 BRUADAR MNA PHILAIT. gleidheadh chuid agaibh eadhon a nise 'n 'ur braighdibh do'n pheacadh. Cha-n 'eil rathad agaibh air a bhi fìrinneach agus ceart, oir bhitheadh e ro chostail dhuibh. Is aithne dhuibh toil an Tighearna; is aithne dhuibh ciod a tha ceart; ach tha sibh a' cur cùil ri Criosd le bhi 'ga chur a thaobh, agus le bhi fantuinn ann an slighibh a' pheacaidh chum gu'n coisinn sibh a thuarasdal. Tha eagal oirbh nam bitheadh sibh 'n 'ur fior Chriosdaidhean gu'n cailleadh sibh deadh-ghean caraid àraidh, no taic duine neo-dhiadhaidh, no fabhar duine shaoibhir shaogh-altaich, agus cha-n 'eil rathad agaibh air. Tha sibh a' meas a' chostuis, agus a' saoilsinn gu bheil e ro àrd. Tha sibh a' cur roimhe an saoghal a chosnadh, eadhon ged a chailleach sibh bhur n-anaman ! Ciod, ma seadh 1 Thèid sibh a dh'ifrinn 'n 'ur daoinibh saoibhir ! Nach bochd a' chrìoch sin ! Am bheil sibh a' faicinn ni sam bith ion-mhiannaichte anns a' bhuannachd sol Oh gu'n tugadh sibh fainear bhur slighibh agus gu'n èisdeadh sibh ri guth a' ghliocais ! Bha tagradh a mhnà gu'n èifeachd, anns an dara ait, do bhrìgh gu'n robh Pilat 'na ghealtair. Ged a bha iomadh lègion shaighdearan air a chid, gidheadh bha eagal air roimh ghràisg Iudhach,—eagal air aon phrìosanach bochd a leigeadh as agus fios aige gu'n robh e neo-chiontach; bha eagal air chionn gu'n robh fios aige nach giùlaineadh a chliù mòr rannsachadh. Bha e, gu modhannail, 'na ghealtair. Tha niòr-shluagh a' dol do ifrinn chionn nach 'eil misneach aca na ghleachdas air an aghaidh do nèamh. " Aig an dream a tha gealtach agus mi-chreideach bithidh an cuibhrionn anns an loch a tha 'dearg-lasadh le teine agus pronnusc; ni a's e an dara bàs." Is amhuil a tha focal Dhè ag ràdh. Tha eagal orra roimh ghàir an amadain, agus le sin gabhaidh iad rompa chum maslaidh bhith-bhuan. Cha robh de mhisnich aca na sgaradh iad fèin o sheann chompanaich, air eagal tuiteam fo bheum an teangan, agus uime sin cumaidh iad na companaich agus thèid iad a dhìth maille riu. Cha-n 'eil de dhuinealas annta na their " Ni h-eadh," agus a shnànihas an aghaidh an t-sruth; tha iad 'nan creutairibh cho bochda, gealtach as gur docha leo bhi caillte gu siorraidh na aghaidh a chur air beagan fochaid. Gidheadh am feadh a bha gealtachd ann am Pilat, bha aììrdànadas ann mar an ceudna. Ged a bha eagal duine air agus eagal an ni a bha ceart a choimhlionadh, gidheadh bha dànadas ann na thug ciont na fola neochiontaich air fèin. Oh, gealtachd Phìlait a' gabhail uisge agus ag ionnlad a làmhan, BRUADAR MNA PHILAIT. 19 mar gu'm b'urrainn e fuil a nigheadh air falbh le h-uisge; agus an sin a ràdh, " Tha mise neo-chiontach de fhuil an fhìrein so,"—a bha 'na bhreug,—"faicibh-sa sin." Leis na briathraibh deireannach so thug e an fhuil air fèin, oir thug e thairis am priosanach d'an toil, agus cha b'urrainn iadsan làmh a chur ann mur d'rinn esan cead a thoirt dhoibh. Oh, an-dànadas Phìlait, gu'n deanadh e air a' mhodh so mortadh a chur an gniomh agus gidheadh 'àicheadh. Is iongantach an coimh-mheasgadh de ghealtachd agus de mhisnich a gheibhear ann am mòran dhaoine ; tha eagal orra roimh dhuine, ach cha-n 'eil eagal an Dè shiorraidh orra a's urrainn araon corp agas anam a mhilleadh ann an ifrinn. Is e so an t-aobhar nach 'eil daoine air an tearnadh, eadhon far am bheil na meadhonan a's fearr air an gnàthachadh, do bhrìgh gu bheil iad an-dana, agus gu'n toir iad dùbhlan do'n Tighearn. A thuilleadh air so, bha innti?in-dhìibaiU ann am Pilat: bha cridhe agus cridhe aige. Bha cridhe aige an deigh sin a bha ceart, oir dh'iarr e Iosa a chur fa sgaoil; ach bha cridhe eile aige an deigh a bhuannachd, oh cha chuireadh e a dhreuchd 'an cunnart le diom nan Iudhach a mhosgladh 'na aghaidh fèin, Tha mòran m'ar timchioll anns am bheil an inntinn-dhùbailt. Tha iad ann an so air a' mhaduinn so ; ach c'àit an robh iad an raoir 1 Bithidh an t-searmon a' drùghadh oirbh an diugh ; ach cionnus a ghabhas sibh a màireach ri còmhradh mi-bheusach no ri h-oran mhacnusach 1 Tha mòran dhaoine a' raith dà rathad; tha coltach cùraim orra thaobh an anaman, ach tha iad mòran ni's dùrachdaich timchioll am buannachdan agus an toil-inntinnean. Is iongantach am fiaradh a th'ann an cridhe duine gu'n deanadh se e fèin a reubadh 'na dhà chuid. Chuala sinn mu luchd-riaghlaidh an-iochdmhor a bha ceangal dhaoine ri h-eachaibh fiadhaich agus 'gan tarraing as a chèile, ach tha an dream so a' deanamh sin orra fèin. Cha leig an coguisean dhoibh an t-Sàbaid a dhearmad, no tigh na h-ùrnuigh a leigeadh dhiubh gu buileach; cha-n urrainn iad a bhi gu h-iomlan mi-dhiadhaidh agus Dia 'àicheadh as an aodann; agus gidheadh leigidh an coguisean dhoibh a bhi 'nan cealgairean. Bu mhaith leo, gidheadh tha eagal orra. Dh'iarradh iad am maith a dheanadh, ach bhitheadh an costus tuilleadh as mòr. Tha eagal orra iad fèin a chur an cunnart, agus gidheadh thèid iad an coinneamh a' chunnairt eagalaich a bhi air am fogradh gu bràth o làthaireachd Dhè do'n ionad o'ni 20 bruadar mna philait. bheil dòchas air a dhùnadh a mach. Oh gu'n robh mo bhriathran mar urchair à cuilbheir! Oh gu'n deanadh iad agadh chridheachan a thilgeadh bun os ceann! Oh gu feudainn labhairt mar thairneanach Dhè fèin, a bheir air na h-èildibh an laoigh a thilgeadh, agus a bhriseas na creagan 'nam bloighdibh: is amhuil a bu mhiann leam rabhadh a thoirt do dhaoinibh an aghaidh nan olc millteach a tha 'cur bacaidh air oidhirpean tròcair, air chor as ged a tha bean duine fèin, ann an caomh-ghràdh, ag guidhe air teicheadh o'n fhèirg a tha ri teachd, gidheadh gu bheil e 'deanamh roghainne d'a sgrios fèin. IV. Anns an àite mu dheireadh, dh'fhagadh teagasg ni's ro eagalaich againn fathast, Diteadh uile-mhillteach na dream a PHEAOAiCHEAS air a mhodh so. Bha Pilat so ciontach os ceann gach uile leithsgeil. Binn e gu suidhichte agus d' a shaor thoil fèin Mac fireanta Dhè a dhìteadh chum bàis, air dha fios fhaotainn gur e Mac Dhè a bha ann, agus air dha a thuigsinn an dà chuid o a cheasnachadh fèin agus o a hhean gu'm b'fhìrean e. Thugaibh fainear gu'n robh an teachdaireachd a fhuair e ro shoilleir. Thugadh i gun amharas tre bhruadar; ach cha-n 'eil ni sam bith cosmhuil ri bruadar innte. Tha i cho soilleir as a dh'fheudas briathran a cur :—" Na bitheadh agadsa gnothuch sam bith ris an thirean sin: oir is mòr a dh'fhulaing mise an diugh ann am biuadar air a shon-san." Dhìt e an Tigheam agus a shùilean fosgailte, agus is dòigh ro eagalach peacaidh sin. Oh, mo chàirdean ionmhuinn, am bheil mi a' labhairt, ri neach sam bith ann an so a tha 'cur roimhe ni anabarrach peacach a chur an gniomh, ach d'an d'thugadh rabhadh o chionn ùine ghoirid o Dhia 1 Bheirinn dhuit aon rabhadh eile. Tha mi guidhe ort air sgàth an Dè bheannaichte, air sgàth an t-Slànuighir a dh'fhulaing gu bàs, ma tha gràdh agad dhuit fèin, ma tha gràdh agad dhlse o'n d'thàinig an rabhadh so theagamh dhuit, dean stad, agus cum air do làimh! Na dean an ni gràineil so! Is aithne dhuit ni's ro fhearr. Cha-n 'eil an rabhadh a' tighinn thugad air dhòigh eigin dìomhair, dorch; ach tha e' labhairt riut as an aodann ann an cainnt ro shoilleir. Binn Dia a' choguis a chuir thugad, agus rinn e solus a chuir innte, ionnus gu bheil i 'labhairt bhriathran so-thuigsinn riut. Tha searmon na maidne so a' cur stad ort air slighe a' pheacaidh, agus mar gu'm b'ann a' cur an daga ri do chluas, agus ag àithne dhuit seasamh agus do chuid a thoir bruadar mna philait. 21 air lom. Ma ghluaiseas tu astar na h-òirleich, 's ann air chunnart d'anama. Am bheil thu 'g am chluinntinn ì An toir thu aire do'n earail a chuireadh thugad o nèamh ? Oh, gu seasadh tu tiotadh beag a dh'èisdeachd ciod a labhras Dia am feadh a tha e 'g iarraidh ort thu fèin a thoirt suas do Chriosd an diugh. Theagamh gur e air no dheth a bhitheas ann dhuit, mar a bha e do Philat air an là ud. Bha an droch ghniomh a bha eadar a làmhan air a chur an cèill gu soilleir dha, agus uime sin ma 'ghabhas e air aghaidh, bithidh 'an-dànadas ro mhòr. Cha dubhairt a bhean ris, "Na bitheadh agadsa gnothuch ris an duine sin," ach " ris an> fhìrean sin," agus bha am focal sin ri seirm 'na chluasach,, ionnus gu'n robh e a rìs agus a rìs mar gu'n b'ann 'ga'chluinntinn, gus an d'rinn e fèin a ghnàthachadh mar an ceudna. Faic an ceathramh rann thar fhichead. 'Nuair a bha e 'g ionnlad a làmhan aingidh thubhairt e, " Tha mise neo-chiontach de fhuil an f hìrein so," —an dearbh ainm a thug a bhean fèin d'ar Tighearn. Bha na saighdean sàthta ann. Cha b'urrainn e an crathadh dheth. Mar fhiadh-bheathach aig an robh sleagh air a sàthadh 'na thaobh, ged a theich e mar a b'àbhaist do'n fhrìth bha 'n lot eargnach fathast 'ga chràdh:—bha am focal " am fìrean sin " ri seirm 'na choguis. Air uairibh bheir Dia do dhuine am peacadh fhaicinn mar pheacadh, ionnus gu bheil a dhuaich-neachd fa chomhair a shùl; agus ma ghabhas e fathast air aghaidh 'na cheann, tha so tarraing cionta dhùbailte air fèin, agus a' toirt dìtidh air a cheann fèin os ceann staid Shodoim o shean. Os barr, cha-n e mhain gu'n robh Pilat a' peacachadh an deigh rabhaidh shoilleir 'fhaotainn a bha 'nochdadh uamharrachd a pheacaidh, ach bha e 'peacachadh an deigh d'a choguis a bhi air a gluasad tre na h-aigne. Is eagalach an ni peacachadh an aghaidh ùrnuigh mathar. Tha i seasamh ann ad shlighe ; tha i 'sgaoileadh a mach a làmhan, agus le deuraibh a' cur an cèill gu'n dean i do shlighe chum sgrios a dhruideadh. An gabh thu romhad do lèir-sgrios seachad air a muineal ? Tha i a' crùbadh, agus 'ga d'ghlacadh air do ghlùinibh, agus a' guidhe ort gun a bhi caillte! Am bheil thu do bhrùid cho mòr as gu'n saltair thu air a gràdh? Tha do leanabh fèin theagamh a' cur impidh ort; an cur thu deur do leinibh 'an neo-shuim % Mo thruaighe, theagamh gu'n robh i aon uair agad, ach thug am bàs air falbh i, agus mu'n d'fhalbh i ghuidh i ort a leantuinn suas do nèamh. An tilg thu do naoidhean a thaobh mar gu'm 22 bruadar mna philait. bitheadh annad cridhe Herod a' casgradh nan neo-chiontach, agus sin uile chum a bhi 'ga d'mhallachadh fèin gu bràth agus a bhi 'na d'fhear-millidh ort fèin? Is cruaidh leam a bhi 'labhairt riut air a' mhodh so. Ma tha na briathran so a' buntainn ri neach agaibh gu pearsanta bithidh e cruaidh leibh a bhi 'gan èisdeachd ; gun amharas, tha dòchas agam gu'm bi e cho cruaidh as gu'n abair sibh, " Is eigin dhomh striochdadh do ghràdh a tha cur làmh annam le tagradh cho caomh." Cha-n 'eil e 'na neònachas inntinn dhomh a bhi 'smuaineachadh, aig an là mhòr dheireannach, 'nuair a shuidheas Iosa air caithir a' bhreitheanais, agus a bhitheas Pilat air a thoirt a làthair gu breith a thoirt air air son nan gniomharan a rinn e anns a' choluinn, gu'm bi a bhean fèin 'na fianuis luath 'na aghaidh chum a dhìteadh. Is urrainn mi a smuaineachadh gu'm bi iomadh cùis eile cosmhuil ris r'am faicinn air an là sin, 'nuair a bhitheas an dream a's mò aig an robh de ghràdh dhuinn air am faotainn a' toirt nan dearbhadh a's cudthromaiche 'nar n-aghaidh, ma tha sinn fathast ann ar peacaidhean. Tha cuimhne agam mar a dhrùgh e orm mar òganach, 'nuair a thubhairt ar mathair ruinn, an deigh dhi slighe na slàinte a chur fa chomhair a cloinne, " Ma dhiùltas sibh Criosd agus gu'n caillear sibh, cha-n urrainn mise tagradh ah bhur son agus a ràdh gu bheil sibh neo-chiontach M h-eadh, ach is eigin dhomh Amen a ràdh ri bhur dìteadh." Cha b'urrainn mi sin a ghiùlain. An deanadh mo mhàthair fèin Amen a chur ri mo dhìteadh ? Agus gidheadh, a bhean Phìlait, ciod eile a's urrainn thusa a dheanamh ì 'Nuair is eigin do na h-uile an fhìrinn a labhairt, ciod is urrainn thu a ràdh ach gu'n d'thug thu fèin rabhadh caomh agus dùrachdach do d'fhear agus gidheadh gu'n d'thug e an Slànuighear thairis d'a nàimhdibh ? Oh, a luchd-eisdeachd neo-dhiadhaidh, tha m'anam air ghluasad 'n 'ur deigh. " Pillibh, pillibh, c'ar son a bhàsaicheas sibh 1" Car son a pheacaicheas sibh an aghaidh an t-Slànuighir ì Gu'n deònaicheadh Dia nach cur sibh cùl ri bhur slàinte fèin, ach gu'm pill sibh a dh'ionnsuidh Chriosd chum saorsa shiorraidh fhaotainn ann. "An ti a chreideas ann tha a' bheatha shiorraidh aige." MEALLADH AIR A SGAOILEADH. " Ged bhitheadh Noah, Daniel, agus lob ann, mar is beò mise, tha an Tighearn Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fèin le'm fireantachd." -Esec. xiv. 20. THA air innseadh dhuinn aig toiseach a' chaibideil so gu'm d'thàinig cuid de sheanairibh Israeil a dh'ionnsuidh an fhàidh agus gu'n do shuidh iad m'a choinneamh. Cha-n 'eil aobhar a bhi feòraich co iad na seanairean a bha ann an so, no cia as a thàinig iad, chionn gu bheil e soilleir ni's leòir nach bu teachdairean iad a chuireadh o na h-Iudhaich a dh'fhagadh ann an Iudah agus ann an Ierusalem; ach gu'm bu mhuinntir inbheach iad o mheasg bbràighdean Chebair. Tha sinn a' fòghlum o'n fhreagradh a thàinig d'an ionnsuidh le focal an Tighearna gu'm b'ann a dh'fheòraich ni-èigin de fhàidh an Tighearna a thàinig iad; agus dh'f heudamaid mar an ceudna fhoghluim o ghnè nam bagradh eagalach a chuireadh an cèill ciod e an suidheachadh inntinn anns an d'thàinig iad a dh'fheòraich dheth. Is e bh'anns na daoine na dubh-cheal-gairean; luchd leanmhuinn nam fàidhean brèige a tha air an cur 'am follais anns a' chaibideil roimh so mar mhuinntir a bha 'faicinn dìomhanais agus fiosachd bhrèige, agus a bha a rìs ag ràdh, " Deir an Tighearn," 'nuair nach do chuir an Tighearn a mach iad. Agus a nis tha na seanairean so a' teachd a chòmhradh ri fior fhàidh an Tighearna, agus mun d'fhuair iad cothrom air an teachdaireachd a chur an cèill tha focal an Tighearna a' rùsgadh an cridheachan fa chomhair an sùl. " Chuir na daoine so suas an ìodholan 'n an cridhe, agus chuir iad ceap-tuislidh an aingidheachd fa'n comhair: an leig mise dhoibh air aon chor m'iarraidh?" D'an taobh-san a bha 'nan luchd ìodhol-aoraidh 'nan cridhe, agus gidheadh a thàinig a dh'iarraidh comhairle o'n Dia bheò, mar gu'm b'àill leo a bhi fòghluim a thoile, ged a bha iad a' toirt dùbhlain d'a lagh, ciod a bh'ann ach am fochaid a bu mhaslaiche t Is e an smuain a bha ro 24 MEALLADH AIR A SGAOILEADH. choltach a' luidh nan uchd agus a rinn an cur thuige gu teachd chum an fhàidh, so : a dh'aindeoin mar a rinn Eseciel aingidheachd na tìre agus a luchd-àiteachaidh a chuir am follais, nach f heud e fathast a bhi coimh-sheasmhach ri treòcair an Tighearna am baile a chaomhnadh, mar a dheanadh e Sodom a chaomh-nadh air eadar-ghuidhe Abrahaim, air sgàth nam beagan fìrean a dh'fhàgadh ann ì B'e am freagradh, mar a tha fios agaibh, gun agadh sam bith, "Ni h-eadh." Tha sùil aig freagradh an Tighearna ris an t-sèathadh caibideil thar fhichead de Lebhiti-cus, agus tha na ceithir breitheanasan goirte leis an robh am fàsachadh gu bhi air a choimhlionadh air an ainmeachadh ann an comh-chuideachd an fhreagraidh, a tha air a chur an cèill a rìs agus a rìs, gach aon uair, mar a tha sinne meas, leis an ro thuilleadh dhìan-chainnt,—" Ged a bhitheadh Noah, Daniel, agus lob ann, mar is beò mise, tha an Tighearn Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean : cha saoradh iad ach an anaman fèin le'm fìreantachd." A nis, is i a' chrìoch àraidh a tha 'n am amharc air an fheasgair so a bhi a' tagradh, agus a' fosgladh suas, agus a' sparradh an aoin fhìrinn eadar-dhealaichte so ann an riaghladh mhodhannail Dhè. Ann an uile cheumaibh a' bhreitheanais dhiadhaidh tha an riaghailte sin a' seasamh gun atharrachadh gu feum gach anam freagradh air a shon fèin. Uaith so tha feum neo-sheachanta air diadhachd phearsanta,—feumaidh daoine agus mnathan a bhi 'g ùrnuigh air an son fèin—feumaidh gach aon aithreachas a dheanamh air a shon fèin, agus creidsinn air a shon fèin, agus feumaidh gach aon 'na phearsa àraidh fèin a bhi air a bhreth a rìs le oibreachadh èifeachdach Spioraid Dhè. Cha-n fheud aon duine seasamh air son duine eile ann an so. Is eigin do gach aon duine aire ghabhail d'a anam fèin. " Dearbhadh gach neach 'obair fèin .... oir giùlainidh gach neach 'uallach fèin," agus feumaidh gach aon dhinn cunntas a thoirt uime fèin aig caithir-breitheanais Chriosd. Am measg nan iomadh seòl anns am bi daoine 'glacadh comhfhurtachd dhoibh fèin gun bharant no reuson a sheasas, cha-n e idir an seòl a's lugha croin gu'm bi cuid a' meas gu feud fìreantachd an càirdean a bhi feumail dhoibh. Is clann iad aig an robh parantan comharaichte anns an diadhachd. " Is cinnteach," deir iad, " nach urrainn sinne a bhi air ar call." Tha iad ann an dàimh ri muinntir aig am bheil an ainm aithnichte, agus air am bheil cuimhne chùbhraidh 'am measg Chriosdaidhean. Bugadh iad agus thogadh suas iad ann an mealladh air a sgaoileadh. 25 tigh air a choisrigeadh leis an aoradh theaghlaich; bha iad air an altrum agus air an togail suas 'am measg na diadhachd. Tha iad gun amharas a' creidsinn d'an taobh-san a tha beò ann an cùl-sràidibh salach a' pheacaidh, agus a dh'fhàs suas gu bhi macnusach agus fèin-thoileil, truaillidh agus bradach, gu'm bi iad gu cinnteach caillte; ach d'an taobh fèin, a bha riamh a' gluasad gu modhannail, riaghailteach, a' coimhead uile orduighean na diadhachd o'n leth muigh, an urrainn iadsan a bhi air an cur air chùl 1 Tha e cruaidh orra bhi 'smuaineachadh gu'm bitheadh e a rèir riaghailte ceartais an cur a thaobh gun eadar-dhealachadh air chor-eigin a bhi deanta as an leth. Ged nach abair iad sin ann am briathraihh, gidheadh tha iad gu h-uaigneach 'gam misneachadh fèin a' saoilsinn gu'n dean diadhachd an sinnsirean agus caithe-beatha riaghailteach am parantan freagairt air an son. Tha cuid eile aig am bheil tomhas eile de'n fhèin-mhealladh so, agus a tha 'smuaineachadh gu'm bi ùrnuighean an càirdean gràdhach air an èisdeachd air an son, ged nach fhaighear iad gu bràth ag ùrnuigh air an son fèin. 'Nuair a thig àm feuma r'an aghaidh gabhaidh iad misneach a' saoilsinn gu'n bi ùrnuighean am màthraichean air am freagairt as an leth, no gu'n dean tagradh am mnathan beannachd a thoirt a nuas orra. Cha-n 'eil iad a' cur nan smuaintean so ann an cainnt; b'fhearr leam gu'n deanadh iad sin; oh nam bitheadh muinntir a' cur an samhuil so de smuaintibh ann am dubh agus geal, cha bu maith leo gu bràth gabhail riu mar an cuid fèin; bhitheadh amaideas na cùis ro shoilleir. Ach tha an dòchas sin a' snàmh gu h-uaigneach 'nan inntinnean, chionn gu'n deachaidh cho liuthad ùrnuigh a chuir suas air an son, gu feum beannachadh tighinn orra luath no mail. Cha tèid iad fèin air ghluasad a dh'iarraidh tròcair an Tighearna, cha mhò a thrèigeas iad am peacaidhean a dheanamh greim air Criosd chum a bhi faotainn geallaidh a' mhaitheanais agus na sìthe, ach tha iad a' sior-bhruadar gu'n tachair ni-èigin iongantach dhoibh là air chor-èigin mar fhreagradh ùrnuigh sluaigh Dhè. Gun amharas, bithidh cuid dhiubh a bhitheas ro dhùrachdach ag iarraidh ùrnuighean nan creideach, ged nach lùb iad glùn gu bràth do Dhia air an son fèin. Tha mo bhonn-teagasg 'na gharg-chronachadh air neach sam bith a tha 'g iarraidh fasgaidh fo aon idir de na dìdeanaibh-breige so. Tha mi 'g iarraidh caismeachd a sheirm agus am fògradh a mach as an ionadan-folaich. Oh, gu'n deònaicheadh Dia a bhi 'deanamh fhocail fèin èifeachdach chum na crìche so ! " Ged bhitheadh 26 mealladh air a sgaoileadh. Noah, Daniel, agus lob ann, mar is beò mise, tha an Tighearn Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean : cha saoradh iad ach an anaman fèin le'm fìreantachd." A nis, cha-n fheudar 'àicheadh nach 'eil cumhachd mòr anns an diadhachd, agus èifeachd mhòr ann an eadar-ghuidhe nan daoine diadhaidh ann an 'toirt a nuas bheannachdan saoibhire air daoinibh. Tha sibh gle cheart ann a bhi 'g iarraidh ùrnuighean bhur càirdean diadhaidh. Tha sinn a' faotainn eadhon an abstoil Phòil ag ràdh, ann an ainm na ministreileachd naoimh uile, " A bhràithrean, deanaibh ùrnuigh air ar son-ne." Cha mhòr gur urrainn sibh sochair a's mò iarraidh o sheirbhisich Dhè na gu'n deanadh iad ùrnuigh air bhur son. Ach feudaidh iomadh suidheachadh a bhi ann a dh'fhagas ùrnuighean nan naomh gu h-iomlan gun èifeachd. Bha an samhuil so a làthair a thaobh rioghachdan Israeil agus Iudah ann an làithibh Iere-miah. Chaidh iad air an aghaidh cho fada anns an ìodhol-aoraidh agus anns gach uile ghnè aingidheachd as gu'n dubhairt Dia nach èisdeadh e ri Maois agus ri Samuel, ged a sheasadh iad 'na làthair a thagradh an cùis. Thubhairt e ri Ieremiah gu'n bu cho maith dha sguir a ghal agus a dh'ùrnuigh, chionn nach èisdeadh e gu bràth ris as leth an t-sluaigh sin; agus ann an so le beul Eseciel tha e 'cur an cèill ged a bhitheadh triuir cho iongantach ri Noah, agus Daniel, agus lob ann an comh-bhoinn ag eadar-ghuidhe gidheadh nach èisdeadh e. Agus is amhuil a chùis aig an àm a tha làthair: ma dh'fhanas daoine 'nam peacaidhean—ma's e's gu'n diùlt iad an soisgeul an deigh a chluinntinn, ma mhùchas iad an coguisean, ma tha iad a' cur rompa an ana-miannan a shàsachadh, gun aithreachas a dheanamh agus gun philleadh dh'ionnsuidh Dhè—'an sin is ann a bhitheas diadhachd an càirdean 'na an-tromachadh air an ciont an ait a bhi air sheòl eile, agus bithidh an ùrnuighean cho mòr air am bacadh agus air am fagail gun tairbhe, as nach dean ni sam bith a' bhinn eagalach a philleadh—is eigin dhoibh bàsachadh. Cha do chreid iad gu pearsanta ann an Criosd agus cha do ghabh iad ris mar an Eadar-mheadhonair, uime sin is eigin dhoibh bàsachadh. Binn iad gach uile choslas dòchais a sgapadh le bhi 'cur cùil ri aon slighe na slàinte, agus is eigin doibh bàsachadh. Ged a robh an aithrichean rompa diadhaidh, agus ged a robh fuil nan naomh a' ruith 'nam feithean, is eigin doibh bàsachadh. Ged a bhitheadh teagasg fallain aca o bheul-aithris dhaoine, air teachd thuca o ghinealach gu ginealach, agus ged a robh cliù na diadhachd air teachd a nuas dhoibh mealladh air a sgaoileadh. 27 o'n sinnsearan gun smal, gidheadh ma dhiùltas iad Criosd is eigin dhoibh bàsachadh; agus ged a bhitheadh iad air am breth agus air an togail suas far am b'iad laoidhean naomha an òran-codail; gidheadh mur toir iad an cridheachan fèin do Chriosd, ach an àite sin gu'n cur iad suas an ìodholan 'nan cridheachan, is eigin doibh bàsachadh—bàsachadh gu truagh le'n aingidheachd fèin air an cinn. Nach bu mhac do Abraham Ismael 1 gidheadh cha d'thàinig e an leth stigh do'n choimh-cheangaL Nach bu leanabh do Isaac Esau ? gidheadh cha d'fhuair e an oighreachd. Cha seas breith, no dàimh fola no teaghlaich, ni sam bith anns a' chùis so. Ann an so, ma seadh, tha dà phriomh-f hìrinn againn; agus bheir sinn an oidhirp, mar a ni Dia ar cuideachadh, air an cur gu soilleir fa chomhair bhur sùl. Anns a' cheud ait, cha-n urrainn fìreantachd nan daoine a's diadhaidh seasamh air son nan aingidh ; agus, anns an dara ait, cha bhi tairbhe ann an tagradh nan luchd-ùrnuigh a's àirde ma bhuanaicheas daoine ann am mi-chreidimh. I. Anns a cheud ait, Cha-n urrainn fìreantachd nan daoine a's diadhaidh seasamh air son nan aingidh. Tha so againn r'a dhearbhadh, agus tha sinn a' deanamh sin, anns a' cheud ait, le ar bonn-teagasg, a tha sinn ag iarraidh oirbh a leughadh air bhur son fèin. Thugaibh fainear mar a tha corraich an Tighearna a'lasadh, agus mar a tha na briathran a' mosgladh am bagraidh mar pheileiribh tàirneinich o bhilibh an Tì a's àirde. Tha an ràdh soilleir, agus an ni a th'air a smuaineachadh ann eagalach, ach is iad na mionnan leis am bheil briathran neimh air an seuladh a tha 'nan cùis-uamhais. Tha comh-chruinneachadh thriuir àraidh air an smuaineachadh nach robh idir coltach ri tachairt, chum a bhi 'cur a' chudthruim a's mò air a ghnothuich, agus gu bhi 'toirt neirt do'n chainnt nach urrainn a bhi air a mheudachadh. Tha da rireadh air innseadh dhuinn ged a robh Noah, Daniel, agus lob ann am meadhon Ierusaleim, gidheadh nach saoradh diadhachd an triuir neach sam bith ach iad fèin. B'fhearr leam gu'm b'urrainn mi bhur cuideachadh ann a bhi 'toirt seallaidh dhuibh de'n chùis so mar a ghabh e gun teagamh seachad air inntinn an fhàidh. Tha triuir de na naoimh, nach robh idir beò aig an aon àm, oir bha am beatha aca air an talamh fad o chèile a thaobh ùine agus an ionadan-comhnuidh, a' coinneachadh a cheile ri àm cruaidh - chàis eagalaich Cha b'aithne do na sgriobtuirean naomha anns na laithibh sin ainmean ni's 28 mealladh air a sgaoileadh. urramaiche, no reultan ni's soilleire, na Noah, Daniel, agus lob. Tha an aigne uile air am mosgladh, tha an cridheachan 'nan aon, agus an ùrnuighean ag èirigh, còmhla mar a tha iad a cromadh fa chomhair na h-altrach. Tha sinn mar gu'm b'ann ag amharc agus ag èisdeachd, a' criothnachadh eadar eagal agus dòchas, mar a ghabhas sinn sealladh de luchd-àiteachaidh truagha na cathrach a tha fo dhìteadh, agus a smuainicheas sinn air cor nam bràighdean a tha air an sàrachadh ann an tìr chèin. Cionnus a ghabhar ris an luchd-tagraidh dhùrachdach sin air son tròcair as an leth ? Cluinneamaid a bhinn a' teachd a mach o'n rìgh-chaithir. Saoraidh iad an anaman fèin le'm fìreantachd; agus tuilleadh cha saor iad. Cha dean neach dhiubh uiread as a mhac no a nighean fèin a shaoradh le 'eadar-ghuidhe. Cia mòr an caoineadh a tha 'g èirigh mar a tha hhinn do-atharrachaidh air a cur an cèill! Ach is iad na briathran a's fhaide a tha leantuinn 'nam chluasaibh na mionnan eagalach, —" Mar is beò mise, deir an Tighearn Dia." A rìs, tha mi 'dol a dh'iarraidh oirbh cliù nan daoine diadhaidh so a bheachdachadh ni's ro mhiona, a tha air an taisbeanadh a'tagradh cùis nan ciontach, agus a bha 'nan aobhar-iongantais cho mòr, do bhrìgh, a dh'aindeoin an eadar-ghuidhe, gu'n robh e uile gun tairbhe. Tha Noah 'na eisempleir comharaichte an eagail dhiadhaidh—" eagal sin an Tighearna a's e tùs a ghliocais ;" ceart mar a bha Abraham 'na eisempleir creidimh, agus 'na athair nan creideach. Air do Noah eagal a ghabhail, dh'ulluich e àirc chum tearnadh a theaghlaich A dh'aindeoin fochaid a mhòr-shluaigh m'a thimchioll, thog e long mhòr air tìr tioram. Bha e 'na shearmonaiche fìreantachd, agus ged nach robh iad ach tearc, ma bha neach idir ann, a dh'iom-paicheadh le a shearmonachadh, gidheadh bhuanaich e rè sè fichead bliadhna, a' deanamh mar a dh'aithne Dia dha, mar fhianuis an aghaidh nan aingidh. Cha bhi e furasda dhuinn duine ni's barraichte fhaotainn na dara athair so a' chinne-dhaoine o'm bheil sinn uile air teachd. A rìs tha iomradh againn air Daniel. Bha e beò an uair a sgrìobh Eseciel: duine òg, tha mi a' saoilsinn, timchioll deich bliadhna ficheachd a dh' aois. Tha e gle iongantach gu'm bitheadh e air a chur a stigh mar so eadar Noah agus lob—dithis dhaoine de'n t-seann saoghal. Bha gun teagamh mòr mheas air 'na ghinealach fèin. Rinn Eseciel fo dheachdadh an Spioraid Naoimh a chur còmhla riu-san a chuireadh air chuimhne anns an eachdraidh mar naoimh. Bu duine e air a ghràdhachadh gu ro mhòr le Dia, mealladh air a sgaoileadh. 29 agus gun teagamh bha e fo dheadh bheachd aig a luchd-muinntir fèin. Ma's b'urrainn e ait a ghabhail mar aon de'n triuir chomharaichte so, dh'fheumadh e bhi gu'n robh beusan agus cliù aige os ceann sin a bha coitchionn do dhuine maith Agus an uair a smuainicheas sinn air—'na dhìlseachd ann an làithibh òige, 'nuair nach deanadh se e fèin a thruailleadh le biadh an rìgh—'na sheasmhachd ann an ùrnuigh mar dhuine, 'nuair a rinn e ùrnuigh mar a bu ghnàth leis agus uinneagan a sheòmair fosgailte ri Ierusalem, ged a rinneadh e 'na choire bàis le reachd an rìgh athchuinge a chur suas ri Dia nan Eabh-raidheach—tha da rireadh eisempleir comharaichte duinealais againn. Tha mòralachd timchioll Dhaniel. Is esan Eoin an t-Sean-tiomnaidh. Is esan am faidh a chunnaic taisbeanan Dhè amhuil a chunnaic aon taghta Phatmos. Tha na beusan mòra a tha 'cruinneachadh 'na shamhuil so de dhuine da rireadh àraidh air bhur rannsachadh. Tha e cho gaisgeil a thaohh dleasdanais as gu bheil rìghrean a' toirt urraim dha. Tha e cho naomh 'na choguis agus'na chaithe-beatha as gu bheil Eigh nan righ a' fosgladh nithe diamhair a riaghlaidh dha. Cha-n 'eil neach cosmhuil ri Daniel; " Gidheadh," deir Dia, " ged a robh Daniel a thuilleadh air Noah a' seasamh ann am làthair, cha deanadh 'fhìreantachd neach sam bith a shaoradh ach e fèin." Chum an triuir a dheanamh suas tha lob air 'ainmeachadh, a thaobh am bheil fianuis neo-mhearachdach againn gu'n robh e coimhlionta agus dìreach. Cha b'urrainn Satan fèin coire fhaotainn 'na chliù; ged a bha e 'cur as a leth, 'na ghamhlas ifrinneil, gu'n robh crìochan claona aige ann a bhi cho dìreach. "An ann a nasgaidh a tha eagal Dhè air lob 1 Nach do chuir thu gàradh mu'n cuairt da fèin, agus mu'n cuairt do gach ni a tha aige ì Obair a làmh bheannaich thu, agus dh'fhàs a mhaoin mòr's an tìr. Ach cur a nis a mach do làmh, agus bean ris gach ni a th'aige, agus as an eudan mallaichidh e thu." Tha cuimhne agaibh nach d'rinn e Dia a mhallachadh, ach gu'n do bheannaich se e, agus fhuair a chreidimh buaidh air a f hrionas eadhon air òtrach a bhochdainn, 'nuair a chomhdaicheadh fheòil le neasgaidibh cràiteach, agus a lionadh a chridhe le h-àmhghar. Gun teagamh is eisempleir òirdheirceis lob. " Chuala sibh mu fhoighidin lob." " Mo sheirbhiseach lob," b'e so an t-ainm urramach a thugadh dha o'n Uile-chumhachdach. Os bàrr, rinn e cliù mòr a thoirt air, agus thug e beannachadh dùbailte dha aig crich a dheuchainn. A nis, nam bitheadh aon idir de'n triùir so againn a' tagradh 30 mealladh air a sgaoileadh. air ar son mheasamaid e 'na thaic ro mhòr air ar taohh. Nam bitheadh a h-aon diubh againn mar ar coimhearsnach, no ar bràthair, no ar n-athair, agus nan seasadh fìreantachd aoin duine air son duine eile, bhitheadh misneach againn fasgadli a ghabhail fo sgiathaibh Noah, no Dhaniel, no lob. Ach ann an so tha an Tighearn a' cur an cèill ged a robh an triùir air an cur còmhla cha deanadh iad mac no nighean a shaoradh. Ni h-eadh, a chàirdean ionndrainn, " Is eigin duibh a bhi air bhur breith a ris." Is eigin do gach neach a bhi air a dheanamh fireanta air a shon fèin, air neo, ged a robh na càirdean ud uile agaibh anns a' chùirt, mar nach 'eil, cha b'urrainn iad ceartas a thionndadh a thaobh, no an deadh-ghean a bu lugha fhaotainn air bhur son. Tha am bonn-teagasg'ga chur soilleir na's leòir—" Ged bhitheadh Noah, Daniel, agus lob ann, mar is beò mise, tha an Tighearn Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fèin le'm fireantachd." Feudar tuilleadh daingneachaidh a dheanamh air an fhirinn so le bhi toirt fainear slighe an Fhreasdail a thaobh nithe na beatha so. Nan deanadh toillteanas chàirdean agus pharantan slàinte fhaotainn d'an luchd-dàimh, bhitheadh sùil againn ri bhi 'faicinn " mic no nighinn" duine dhiadhaidh air an dion o làn pheanas an droch ghniomharan; ach tha dearbhadh againn nach 'eil a' chùis mar so. Bheir mi eisempleirean dhuibh o'n sgriobtuir. Bha Maois dileas 'na uile thigh mar sheirbhiseach. Bha bràthair aige Aaron, nach robh 'na dhuine cho mòr ris fèin, gidheadh bha e 'na dhuine inbheach ann an naomhachd. Eisdibh, sibhse tha 'n 'ur mic nan daoine gràsmhor. Aig Aaron bha dithis mhac, agus ghabh urram an athar còmhnuidh orra, agus rinneadh iad 'nan sagartaibh an Dè a's ro àirde. Ach am bheil fios agaibh ciod a thàinig dhiubh? Air dhoibh anabharr fiona òl—mo thruaighe, cia mòr an rib e !—chaidh iad a stigh do naomh-ionad Dhè le teine coimheach, agus loisg teine Dhè Nadab agus Abihu, ged a bu mhic iad do Aaron. Agus ciod a thubhairt Aaron man timchioll 1 Tha sinn a' leughadh air a mhodh so, " Agus dh'fhan Aaron 'na thosd." Cha b'urrainn e a bheag a ràdh. B'èigin da a cheann a chromadh an làthair Dhè. Bha fios aige nan deanadh eadhon leanabh àrd-shagairt Dhè an t-ionad naomh a thruailleadh, gu feumadh teine an Tighearna briseadh a mach 'na aghaidh. Uime sin tha sibh a' faicinn nach b'urrainn Aaron a mhic fèin a dhion, agus an saoradh ann an là feirge an Tighearna. Gabhaibh eisempleir eile coimh-ionann cionail. Bha mac mealladh air a sgaoileadh. 31 muileach aig Daibhidh, a thàinig gu bhi 'na nàmhaid an-iochdmhor d'a athair fèin, agus a bhi 'g oidhirpeachadh greim a dheanamh air an righ-chaithir leis a' cheannairc fhollaiseach. Gidheadh eadhon ann an iorghuill catha bu mhiann leis an righ sgiath na tèarainteachd a sgaoileadh thairis air a leanabh fèin. " Buinibh gu caoimhneil," deir e r'a cheannardaibh, " air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom." Tha cuimhne agaibh mar a theich e anns a' chath, ged a theich e gu dìomhain : rinn ceart-bhreitheanas greim air. Bha a chiabhan anns an robh e 'deanamh uaill air an glacadh ann an geugaibh craoibhe daraich, agus an sin chrochadh e. Agus, an sin mar a tha sibh a' cluinntinn Dhaibhidh a' glaodhaich, " A mhic Absaloim ! a mhic, a mhic Absaloim ! 0 nach mise fein a fhuair bàs air do shon ! " tha sibh a'faicinn nach deanadh eadhon fireantachd Dhaibhidh a mhac Absalom a shaoradh eadhon a thaobh na beatha so fèin. Nam bitheadh feum air tuilleadh dearbhaidh, dh'f heudamaid Iudas ainmeachadh dhuibh, a tha 'na eisempleir comharaichte, ged nach ann a thaobh dàimhe, gidheadh a thaobh comh-chuideachd. Bha Iudas ann an comh-chuideachd nan abstol a bha 'nam prionnsachan ann an eaglais Dhè, oir tha mi 'gairm sin dhiubh air dhoibh a nis a dhol suas chum an righ-chaith-richean. Seadh, tuilleadh fòs, bha e ann an comh-chuideachd a' Mhaighstir fèin agus a' tumadh anns an aon mhèis ris an Fhear-shaoraidh. Gidheadh, tha sibh a' faicinn, nach b'urrainn fireantachd nan aon abstol deug Iudas a chòmhdach, agus, a chionn nach do chreid e ann, cha mho a chòmhdaich fireantachd a Mhaighstir e. Agus mar sin fhuair an duine so bàs 'na aingidheachd. Binn mi iad so ainmeachadh dhuibh as a' Bhiobull. Nan deanainn mo chuimhne a rannsachadh, b'urrainn mi iomadh dearbhadh truagh a thoirt dhuibh air nach dean fireantachd an athar am mac a chòmhdach. Tha eagal orm gu'm bean mi ri mothachadh gle anmhunn a thaobh chuid de chàirdean a tha nis a làthair aig am bheil dearbhadh cianail 'nam mic fèin air gu bheil a' chùis mar sin. Chunnaic mi searmonaiche an t-soisgeil aig an robh a mhac air a dhruideadh ann am priosain. Bha eòlas agam air an athair mar mhinisteir Chriosd, agus a mhac 'na cheann-fheadhna luchd-àicheidh Dhè, no 'na phriomh fhear-gniomh ann an nithibh ro shalach agus mi-naomh air son an ainmeachadh ann an so. Is iomadh leanabh nam parantan diadhaidh a thug e fèin anns a' bheatha so gu bochduinn, agus masladh, agus euslaint, agus bàs. Is firinn mhuladach so, ach 32 mealladh air a sgaoileadh. is fìrinn a th' ann. Theagamh gu'n robh mòr choire aig a bhaile. Cha-n 'eil fios egam-sa—aig Dia tha fios—ach tha so air tachairt, gu'n robh daoine ann a bha, cho fad's a b'aithne dhuinne, 'nan daoine eadhon comharaichte anns an diadhachd, agus gidheadh aig an robh an crannchur truagh so—a bhi 'faicinn am mic agus an nigheanan ag oibreachadh aingidheachd le ciocras. Dia gu'n deanadh bhur saoradh o'n àmhghar so ; ach tha na cùisean so a' dearbhadh nach dean fìreantachd nan daoine a's diadhaidh mac no nighean a chòmhdach. Ach ciod am feum air son tuilleadh dearbhaidh ì Feumar meidhean a' cheartais a chrochadh le làimh gun leth-bhreth. Cha-n 'eil spèis aig Dia do phearsaibh. Nam bitheadh a' chùis air sheòl eile, dh'f heudtadh ùmhlachd phearsanta do thoil Dhè a chuir a thaobh. Bhitheadh àireamh anns an t-saoghal so a leanadh an ain-diadhachd mar dhlighe, a' tagradh mar leithsgeul am mi-naomhachd gu'n robh màthair dhiadhaidh aca, no gu'n robh cliù an athar mar Chriosdaidh air an cùl; mar gu'm bitheadh saorsa àraidh aca a bhi beò mar a chitheadh iad iomchuidh chionn gu'n robh pàrantan diadhaidh aca. Am bu mhiann leibh a' chùis a bhi mar so 1 Cha bu mhiann leam-sa e. Mheasainn e 'na shuidheachadh nithe a bha gle chunnartach. Buidheachas do Dhia, cha d'thug a cheartas diadhaidh saorsa riamh do pheacadh sam bith. Ma dh'itheas duine caorann searbh, air fhiaclaibh-san bithidh dèisinn. Thig fear an ana-caitheimh gu aithreachas a ghabhail à shlighe, agus thig e gu bochduinn, ged a robh athair 'na naomh de'n chliù a' s àirde. Ma ghabhas duine saorsa ann am mi-bheusan truaillidh, fulaingidh e air a shon 'na chorp fèin, ged a robh athair cho gràsmhor as a dh' f heudadh e. Ma chuireas duine a mheur anns an teine, loisgidh e esan; ma chuireas e an tuil air dheuchainn ri àm cunnairt, bàthaidh se e. Feudaidh e osnadh a thoirt uait a bhi 'smuaineachadh gu'n robh athair diadhaidh aige; ach cha-n fheudar laghan nàduir a chuir 'an neo-shuim. Ma thèid thu 'nan aghaidh, 'na d'aghaidh thèid iad. Cha-n fheudar dàimh nàdurra, anns nach 'eil ach ni tachart-ach, a chuir an àite na fior dhiadhachd. Cha-n 'eil ach amaideas ro mhòr ann a bhi 'meas gu'n deanadh fìreantachd aoin duine ath-dhìoladh air son neo-mheasarachd duine eile. Ciod ged a bhithinn 'nam mhac d'a bhan-oglach, mar a tha mi toirt buidheachas do Dhia a tha mi, cha-n f heud mi cudthrom a leagadh air sin. Ged a robh m' athair 'na mhinisteir an t-soisgeil, agus mealladh air a sgaoileadh. 33 mo shean-athair mar an ceudna (tha mi 'toirt buidheachais do Dhia gu'n d'thugadh an gràs sin dhoibh), gidheadh cha-n f heud mi taic a leagadh air sin. Tha mi 'saoilsinn gur i an uaill a's suaraiche anns an t-saoghal a bhi 'deanamh uaill a sinnsireachd; oir cionnus air an t-saoghal a dh'f heudadh duine cliù a ghabhail dha fèin a thaobh ni nach robh air dhòigh sam bith 'na bhuileachadh 1 Is ni e a bhuineas do fhrithealadh Dhè, agus ma fhuair duine e, c' arson a tha e ri uaill mar nach fhaigheadh se e. Ma shaoileas neach gu bheil gràs a ruith tre shinnsireachd, tha e'dol calg-dhireach an aghaidh fianuis Spiorad Dhè le beul Eoin, 'nuair a tha e 'g ràdh a thaobh nan creideach gu'n robh iad "air an gineamhuin, cha-n ann o fhuil, no o thoil na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia." Feumaidh breith a bhi ann o Spiorad Dhè, air neo cha bhi tairbhe sam bith anns a' cheud bhreith dhuinn. Cia b'e air bith inbhe chum am bheil sibh air bhur breith gu nàdurra, is eigin duibh a bhi air bhur breith a rìs. Nan gabhadh fìreantachd aoin duine leithsgeul neo-fhìreant-achd duine eile, an sin cha-n fheudtadh a ràdh tuilleadh gu feum gach anam seasamh air a shon fèin. Tha thusa agus mise, a bha air ar breith am measg chomunn Chriosdaidhean, cunntasach air son an t-soluis a tha sinn a' faotainn. Ma pheacaicheas sinn, tha an-tromachadh coimhcheangailte ris nach 'eil ann am peacadh mhuinntir eile. Ma dh'imicheas duine ann an seacharan an aghaidh eisempleir naoimh phàrantan, tha a pheacadh seachd-fìllte ni's an-tromaichte na sin a tha r'a fhaotainn a thaobh neach a thogadh suas fo bhuaidh an eisempleir aingidh. Gun amharas, cha-n e peacach ni's lugha, ach peacach ni's ro mhò, a tha anns an duine a rugadh am measg na diadhachd, agus gidheadh a thèid a thaobh o'n t-slighe chòir, agus a bhriseas na reachdan naomha, agus a dhiùltas an Slànuighear. Is e riaghailt an Sgriobtuir,—dhasan d'an d'thugadh mòran iarrar an tuilleadh air; agus feumaidh sinn a ràdh gach là ribhse a chlann nam pàrantan diadhaidh, ma thuiteas sibh, bithidh an t-àrdachadh a th'-agaibh tre bhur sochairibh na mheadhon tuiteim ni's eagalaiche na tuiteam mhuinntir eile. Tha sinn ag ràdh ri bhur leithidse, "Is an-aoibhinn duit, a Bhetsaida; is an-aoibhinn duit, a Chorasin; is an-aoibhinn duit, a Chapernaum. Chunnaic sibh oibre cumhachdach Chrisod, agus nan robh muinntir eile air am faicinn, dheanadh iad aithreachas ann an saic-eudach agus 'an luaithre, agus mur dean sibhse aithreachas, c 34 mealladh air a sgaoileadh. is an-aoibhirm duibh!" Is amhuil teagasg focail Dhè. Ach a thaobh an teagaisg sin, gu'n dean maitheas aoin duine ath-dhioladb air son aingidheachd duine eile, cha-n 'eil ann ach fior aniaideas, gun a ràdh gu bheil e buileach aingidh. Ged a tha e cruaidh, a chàirdean ionmhuinn, feumar an fhirinn so a ghiùlain ceum eile. Cha d'fhuaireadh fìreantachd dheadh dhaoine foghainteach gu bhi tearnadh an luchd-dàimhe o uamhasan an ^saoghail ri teachd. A thaobh so thig eisempleirean r'ar n-aghaidh air bheag rannsachaidh. Foisich-eamaid aig an toiseach. Thugaibh fainear Cain. Co a bu bhràthair dha? Abel. Bu duine Abel aig an robh a chreidimh gabhta le Dia. An d'rinn sin Cain a shaoradh ? Ni h-eadh, " bha e o'n droch aon, agus mharbh e a bhràthair. Agus c'ar son a mharbh se e ? A chionn gu'n robh oibre fèin olc, agus oibre a bhràthar fireanta." A Chain, c'àit am bheil thu a nochd ? Am bheil thu ann ad shuidhe ann an so ; agus am bheil thu 'saoilsinn gur urrainn do bhràthair a tha nise maille ri Dia air aon choir do bheannachadh ? Cha-n f heud sin a bhi. Dean am mealladh sin a sgaoileadh. Tha toiseach eachdraidh na fìrinn 'ga àicheadh. Tha an ceud dhithis mhac a rugadh do Adhamh a' fagail an t-saoghail air slighibh eadar-dhealaichte. Seallamaid a ris ri Ismael. Thubhairt Abraham, athair, eadhon athair nan creideach, " 0 gu maireadh Ismael beò a' d'f hianuis !" gidheadh tha Ismael 'na dhearbh shamhladh air cloinn nàduir nach 'eil a' sealbhachadh a' bheannachaidh a bhuineas do chloinn a' gheallaidh. Faic Esau, a rugadh aig an aon àm ri Iacob, clann an athar dhiadhaidh, gidheadh tha sinn a' leughadh a thaobh Esau, gu'm bu neach mi-naomh e. Cha-n 'eil diadhachd Isaac naoimh a' saoradh Esau. Faic Hophni agus Phinehas, sagartan Dhè a thaobh an dreuchd, ach a bha 'nam mic do Bhelial a thaobh an cliù. Bha an athair Eli, dh'aindeoin coire a fhuaireadh ann, 'na dhuine anns an robh eagal Dhè, gidheadh a thaobh a dhithis mhac, fhuair iad bàs 'nam peacaidhean, o nach b'urrainn ìobairt no tabhartas an glanadh. Faic mar an ceudna Iehoram; bha athair, Iehosaphat 'na dhuine a bha d'a rireadh gràsmhor, ged a phill e, mo thruaighe, a thaobh, a' dol 'an comh-bhoinn ri Ahab, agus a' posadh a mhic ri nighean na mnà sin Iesebel. Agus, ah mise, cia cho liuthad duine òg as a mhilleadh le an samhuil so de phòsaidhean cunnartach! Air sgàth airgid, no gnothaichean saoghalta, no inbhe anns an t-saoghal, thèid iad ann an aonadh posaidh ris na mi-chreidich. Bithidh cuid dhibh a' reiceadh mealladh air a sgaoileadh. 35 bhur nigheanan ris an diabhul chum gu'n dean iad pòsadh inbheach, 'nuair a tha fios agaibh gu bheil an cuing-cheangal neo-chothromach so air a thoirmeasg le àithne an t-soisgeil. Tha an luchd-aideachaidh sin a' cur nàire orm a bhitheas a' toir an gnùis do'n ni so a tha 'na bhriseadh air àithne an Tighearna. Tha crionadh air an samhuil so a phòsaidhean anns an t-saoghal so fèin, agus anns an t-saoghal ri teachd— ach, a thaobh sin, fagaidh sinn e fo chòmhdach. Bha caithe-beatha Iehoraim olc; bha a bhàs cràiteach, agus, a thaobh nàduir, roimh an àm; bha a chrìoch gun dòchas : gidheadh bu mhac e do Iehosaphat, a rinn an ni sin a bha ceart ann an sùilibh an Tighearna. Tha sinn a' fòghlum mar an ceudna o'n chosamhlachd a labhair an Tighearn timchioll an duine shaoibhir a dh'fhosgail a shùilean ann an ifrinn agus a ghlaodh, " Athair Abrahaim," cia cho teann as a ghleidheas daoine an greim de'n smuain gu'n dean1 sinnsirean diadhaidh an cuideachadh. Mar aon de shliochd nàdurra Abrahaim, bha e sealtuinn air son truais agus saorsa eadhon ann an ionad na dòruinn. Och, gidheadh cha d'fhuair e eadhon boinne de'n uisge a dh'fhuarachadh a theangadh mar thoradh a thagraidh. Gabhaibh an rabhadh do 'ur n-ionnsuidh fèin, a chàirdean, tha mi 'guidhe oirbh. Cia b'e air bith co dha is sliochd sibh, cha-n urrainn iad teine ifrinn a mhùchadh dhuibh. Mur bi creidimh pearsanta agaibh fèin, agus ath-nuadhachadh pearsanta cridhe, ged a robh Noah, Daniel, agus lob a' tagradh bhur cùis,—" Mar is beò mise, tha an Tighearn Dia ag ràdh, cha saoradh iad aon chuid mac no nighean: cha saoradh iad ach an anaman fèin le'm fìreantachd." II. Tha sinn a nis air teachd gus an dara ceann-teagasg. Cha-n fhoghainn urnuighean an luchd-tagraidh a's airde ma bhuanaicheas daoine ann am Mi-oHREiDiMH. Nar leigeadh Dia gu'n deanainn neach sam bith a mhi-mhisneachadh o bhi 'g ùrnuigh air son am pàrantan, no an clann, no an càirdean. Na sguireamaid a dh'ùrnuigh air an son. Ach ma tha neach sam bith ann an so a' suidhe gu comhfhurtail 'na shuidheachan, agus ag ràdh, " Tha mo bhean-phosda ag ùrnuigh air mo shon ; tha mo mhàthair ag ùrnuigh air mo shon; tha mo chlann ag ùrnuigh air mo shon; bithidh a' chùis gu maith maille rium rathad air chor-èigin, fòghnaidh an urnuighean air mo shon, gun aithreachas no creidimh air mo thaobh fèin," bu mhaith leam beantainn ris air a' ghualainn, agus na briathran so a chur mar chagar 'na chluasaibh, " Ged bhitheadh Noah, Daniel, agus 36 mealladh air a sgaoileadh. Iob a' tagradh, cha shaoradh iad ach an anaman fèin." Bha Noah gun teagamh 'na fhear-ùmuigh; gidheadh cha do shaoradh a h-aon le ùrnuighean Noah ach an dream a chaidh a stigh do'n àirc; agus ged a bheireadh Dia dhuinne mar a shluagh gach ni a dh'iarramaid air, gidheadh cha-n iarramaid air sibhse a shaoradh mur creid sibh ann an Criosd. Ma tha sibh a' cur suas bhur n-lodholan ann bhur cridheachaibh, agus a' gleidheadh ceap-tuislidh bhur n-ana-miann fa chomhair bhur sùl, cha-n fheud sinn ùrnuigh a dheanamh air bhur son gu'm bi sibh air bhur tearnadh an aghaidh an t-soisgeil. Bha Daniel cumhachdach ann an ùrnuigh; ach cha b'urrainn na h-uile ni a rinn 'ùrnuighean riamh Israel a shaoradh o chrìochaibh millteach nan slighean amaideach ris an robh iad a' dlùth-leantuinn. Chaidh Ierusalem a sgrios, dh'aindeoin ùrnuighean Dhaniel, agus tha na h-Iudhaich'air am fògradh 'am measg gach uile thir, dh'aindeoin mar a bha am faidh naomh a' tagradh air son soirbheachaidh Shioin. Cha-n fheud sinn ùrnuigh a dheanamh ach a rèir toil Dè; agus feumaidh sinn ùrnuigh a dheanamh gu'n tèarnar sibh ann an rathad suidhichte an Tighearna fèin : cha-n fheud sinn iarraidh air a shligh a chaochladh air bhur son-san. Rinn lob ùrnuigh air son a chàirdean, agus thugadh maitheanas dhoibh; ach, thugaibh fainear, cha d'rinneadh sin gun iobairt. B'eigin doibh seachd tairbh òga agus seachd reitheachan a ghabhail dhoibh fèin agus an lobradh air an son fèin, mun deachaidh gabhail ri ùrnuigh lob as an leth. Ma ghabhas sibh Iobairt air bhur son fèin—ma thairgeas ksibh Criosd mar bhur n-lobairt, an sin thèid ar n-ùrnuighean-ne maille ri bhur n-ùrnuighean fèin, agus beannaichear sibh. Mur deanadh iad Iobairt a thairgseadh, cha-n fhòghnadh ùrnuighean lob air an son. Feumaidh sibh creidsinn ann an Iosa le creidimh eadar-dhealaiehte, pearsanta. Ged a bhitheadh an eaglais uile air thalamh a' cur suas aon ùrnuigh a ghnàth, agus a' buanachadh innte o ghinealach gu ginealach, cha b'urrainn sin aon duine mi-chreideach a shaoradh. Am feadh a tha e ann am mi-chreidimh tha fearg Dhè a' gabhail còmhnuidh air. Ma bhitheas sibh 'g 'ur toileachadh fèin le dòchas meallta a' saoilsinn gu bheil a chùis air sheòl eile, tuitidh sibh fa dheòidh fo làimh an eu-dòchais. Cia cho comharaichte as a bha Maois ann an ùrnuigh am feadh a bha e cumail air a h-ais làimh Dhè, gus an do ghlaodh an Tighearn, " Leig dhomh, a chum gu'n sgrios mi iad." Ach bha Maois a' tagradh ris an Tighearn a Dhia le ùrnuigh dhùrachdaich, agus mealladh air a sgaoileadh. 37 bhuadhaich e. Gidheadh cha do phill eadhon Maois a bhinn air a h-ais a thàinig a mach air a ghinealach a thug e nios as an Eiphit. Thuit an coluinnean anns an fhasach, ach a mhain Iosua agus Caleb. Cha mhò a b'urrainn an dithis fhlrean sin aon anam a shaoradh ach iad fèin. Cha b'urrainn uile eadar-ghuidhe Mhaois ginealach mi-chreideach a shaoradh: do bhrìgh nach do chreid iad fhuair iad uile bàs. A thaobh Shamuel, tha cuimhne agaibh mar a rinn e caoidh air son Shauil ris an do chuir Dia cùl; gus an dubhairt Dia ris, "Cia fhad a ni thu bron air son Shauil, agus gu'n do chuir mise cùl ris %" B'èigin da sguir dheth agus falbh a dh'ùngadh Dhaibhidh. Cha-n urrainn ùrnuighean an fhàidh dhiadhaidh an rìgh eas-umhal a shaoradh. Gun amharus, bu chòir da so gach aon dhibh a philleadh o mhuinghin dhìomhain a chur ann an ùrnuighibh mhuinntir eile, agus bhur treòrachadh gu bhi 'g ùrnuigh air bhur son fèin, agus amharc ri Criosd air bhur son fèin. Is muladach an leithsgeul ùrnuighean phàrantan air son an-danadais cloinne. Far am bheil comh-ghleachdadh ùrnuighean, naomh ri naomh, tha mòr-chumhachd an sin. Ach] tha£» eas-àonachd ro mhòr ann an uair a tha'n t-anam a tha sinn ag iarraidh ri strì chum a bhi saor o gach cuing a mhain chum tuilleadh saorsa 'ghabhail anns gach uile pheacadh. Cuimhnichibh, a chàirdean ionmhuinn, nach urrainn uile ùrnuighean nan daoine diadhaidh gu lèir riaghailt na rioghachd a chaochladh. Agus ciod i riaghailt na rioghachd ? Is e so aon de na riaghailtean, " Mur iompaichear sibh, agus mur bi sibh mar leanabanaibh nach tèid sibh a steach do rioghachd neimh." Ged a theireamaid gu'n deanadh Noah, agus Daniel, agus lob, agus Maois, agus Samuel, agus Ieremiah,—an sèathnar sin— ùrnuigh ri Dia chum duine a leigeadh a steach do nèamh gun a bhi air a bhreith o shuas agus gun ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh, am bitheadh sin chum tairbhe sam bith ? An saoil sibh gu'm bitheadh comh-shuidheachadh rioghachd neimh air a chaochladh air son an iarraidh-san ? Cha bhitheadh idir. Cha-n 'eil toil Dè air a h-aomadh le faoineas dhaoine. Seadh, ma ta, faicibh aon eile de riaghailtean na rioghachd, " Ge b'e 'chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge b'e nach creid, ditear e." A nis, nan deanadh Noah, lob, agus Daniel uile ùrnuigh air son gu'm bitheadh an reachd so air a cur a thaobh, agus gu'm bitheadh ordugh air a chur 'na h-àite ni's coimh-fhreagarraich ri neònachas dhaoine bàsmhor, an saoil sibh gu'm bitheadh a chùis air a cheadachadh 1 Am bheil ar 38 MEALLADH AIR A SGAOILEADH. glaodh ri Dia gu bhi ann an rathad gearain air na h-orduigheaii a shuidhich ei Feumaidh ar n-ùrnuighean a bhi strlochdta r'a fhocal, cha-n ann a' cur bun os ceann a ghliocais. Cha dean esan orduighean a rioghachd a chaochladh chionn gu bheil daoine air fàs reasgach : amhuil laghannan nam Mèdach agus nam Pearsach, cha-n fheudar 'orduighean a chaochladh a chaoidh. Tha iad seasmhach gu bràth, agus gu bràth tha iad a' dùnadh a mach à rioghachd neimh an dream a bhuanaicheas ann am mi-chreidimh. Ni h-eadh, a dhaoine, mur 'eil sibh air bhur deanamh rèith ri Dia cha-n urrainn sibh comh-chomunn a bhi agaibh ris; mur 'eil sibh air bhur deanamh iomchuidh air a bhi 'n 'ur luchd-comhpairt de'n oighreachd cha-n urrainn sibh teachd gu bhi 'ga mealtainn; cha b'urrainn sibh tarraing anail fhaotainn air nèamh, oir as eugmhais naomhachd cha-n fhaic neach sam bith Dia. Mur creid sibh ann an Iosa Criosd, gheibh sibh bàs ann bhur peacaidhean. Thugaibh fainear nach urrainn uile urnuighean nan naomh nàdur a' pheacaidh a chaochladh, agus mur urrainn iad sin a chaochladh, is eigin do'n mhuinntir a bhuanaicheas ann bàsachadh. Nan deanadh sinne coinneamh-ùrnuigh a chumail air son nach bitheadh duine a dheanadh a làmh a chur anns an teine air a losgadh, am bitheadh feum sam bith 'an sin ì Ma tha duine nach urrainn snàmh a dheanamh cur roimhe gu'n leam e anns an amhuinn, ciod am feum a th'ann dhomhsa iarraidh oirbh uile ùrnuigh a dheanamh ri Dia gu'm bitheadh a bheatha air a caomhnadh ? Ma tha duine gabhail roimhe a dh'òl a' phuinnsean, ciod am feum a th'ann an teachd an ceann a chèile a dh'ùrnuigh air son a bheatha, agus an nimh marbh-tach 'ga sgrios ì Ma shàthas e biodag 'na chridhe's eigin da bàsachadh, mur toil le Dia ordugh nàduir a chaochladh. Tha slighe slàinte ann—" Creid ann an Iosa Criosd agus bi beò;" mur gabh thusa sin, a charaide, c'àit am bheil thu ì| Am bheil thu ann ad amadain cho mòr as gu'n abair thu " Bithidh mi air mo shaoradh le urnuighean mo mhnà1?" In ann a ni urnuighean do mhnà mar is docha do dhiteadh a sheulachadh. Eiridh iad ann am breitheanas ann ad aghaidh. Air do mhòran urnuighean a bhi air an cur suas air do shon, tha sin a' filleadh ann gu'n deachaidh do chomhairleachadh ie iomadh impidh chaomh. Cha-n urrainn thusa a ràdh, " Cha robh neach ann a dh'fheòraicheadh air son m'anama." Bithidh urnuighean do mhathar ri seirm ann ad chluasaibh, agus a' mosgladh agartais \ MEALLADH AIR A SGAOILEADH. 39 do choguis 'nuair nach d'fhàgadh tuillidh ait air son aith-reachais. Cha bhi eadhon glaodhaich nan anama caillte ni's ro eagalaiche dhuit na bhitheas e dhuit a bhi 'g ath-chuimhneach-adh a deur agus a saothair air do shon. Oh, dean so a thoirt fainear. Is teine am peacadh, agus is eigin da losgadh. Is ifrinn am peacadh, agus feumaidh an duine a bhuanaicheas ann a bhi air a phianadh leis. Cha-n 'eil leigheas air a' chuis. Ged a bhitheadh sinne ri h-ùrnuigh gun sguir, mur dealaich thusa ris a pheacadh, cha dealaich lèir-sgrios riutsa. Mur faigh thu maitheanas tre ar Tighearn Iosa is eigin peanas a dheanamh ort. Os barr, cha-n urrainn urnuighean dhaoine maithe suidheachadh an t-saoghail ri teachd a chaochladh, am feadh 's a dh'fhanas cùisean gun chaochladh anns an t-saoghal so fèin. Tha so soilleir do neach sam bith a tha 'na chèill. Cha-n 'eil ann an lùchairtean sòghail agus priosanan nan geimhlean ach samhladh eutrom air nèamh agus ifrinn. Ciod e nèamh ì Ionad-còmhnuidh nan spioradan coimhlionta a chaidh ionnlad ann an fuil an Uain. Cionnus a dh'fheudar còir fhaotainn ann ? Tha deasachadh ann nach fheudar a sheachnadh. Agus tha mi-iomchuidheachd ann nach fheudar 'àicheadh. Mar iochdaranaibh Breatuinneach tha còir againn air cùis-thagraidh a thoirt an làthair ar Ban-righ'nne, ach ciod am feum a bhitheadh ann a dhol a dh'iarraidh oirre comharadh urraim a chur air broilleach fir-reubainn? No cionnus a dh'fheudar smuaineachadh gu'n gabh Dia ri ceannairceach 'am measg a luchd-muinntir rìoghail ] Cha-n fheud e idir a bhi. Agus ciod e seadh no crìoch ifrinn ach so—gur eigin dha-san a leanas ris a' pheacadh àmhghar a bhi aige ì Feumaidh an neach sin a bhi truagh a bhitheas 'na fhear-fuath air Dia. Is lagh neo-chaochlaidheach e gu'm bi an neach a tha maith sona, agus gu'n criochnaich droch dhaoine luath no mail ann an truaigh. Feumaidh so a bhi. Na h-earb, ma seadh, à" urnuighean mhuinntir eile, ach thig a dh'ionnsuidh Chriosd air do shon fèin, chum gu'm bi thu air do ghlanadh o'n pheacadh agus air do dheanamh iomchuidh air son rioghachd neimh. Theagamh gu bheil thu 'g ràdh, " Cha do smuainich mi gu fòghnadh ùrnuigh chum mo chor atharrachadh gun atharrachadh coimh-fhreagarrach a bhi annam fèin, ach shaoil leam le h-ùrnuigh gu'm bithinn rathad air ehor-èigin air mo thoirt gu bhi creidsinn agus gu aithreachas a dheanamh dheoin no dh'aindeoin. Och, a dhuine, ciod an 'gne aith-reachais agus creidimh a b'urrainn a bhi ann air an dòigh sin ì Cha-n fheudar a smuaineachadh gu bheil cridhe treibhdhireach 40 mealladh air a sgaoileadh, anns an duine sin a tha 'g ràdh, " Tha sùil agam ri dhol do nèamh, ged a tha e 'an aghaidh mo thoile fèin." Bu mhiann leat a bhi air do thoirt gu fuath a bhi agad do'n pheacadh an aghaidh do thoile 1 Tha sin neonach: am bheil thu gu bhi air do dheanamh gràdhach air fìreantachd 'an aghaidh do thoil fèin J Chuala mi mu aithrichean a bhi 'g ràdh gu feumadh an nigheanan neach àraidh a phosadh, ach bheirinn dùbhlan dhoibh a thoirt orra gràdh a bhi aca dhoibh an aghaidh an toile. Tha na cùisean sin ro fhìnealta gu bhi air an riaghladh leis an làimh làidir. Cha-n urrainn e a bhi Cha mhò a tha an Spiorad Naomh fèin a' gnàthachadh na làimhe làidir gu bhi cosnadh mhuinntir an aghaidh an toile. Tha cumhachd aige nach cur làimh sam bith ann an saorsa na toile leis an aom e an inntinn agus an toil gu caomh le h-impidh agus soillseachadh bheannaicbte. Le bhi soillseachadh na tuigse tha e riaghladh na toile. Ach, creid mise, cha tig an là a bheirear do nèamh thu air do chluasaibh. Cha tèid do cheangal gu bràth le h-iallaibh chum a bhi air do ghiùlan do nèamh mar a chi sinn mnathan misgeach air an giùlan air bord do'n phriosain. An do smuainich thu riamh gu'n tarladh sin? An d'thàinig a samhuil sin de bhreisleach riamh ann ad cheann, gu'm bitheadh tu rathad air chor-èigin, gu'n uiread as iarraidh air a shon, air do ghiùlan suas mar ann am bruadar chum glòire ì Cha bhi e mar sin. Tionndaidh ris an Leabhar so agus faic. Cionnus a fhuair am mac struidheil do thigh 'athar 1 An d'thug e deoch codail dha chum a cheangal agus a ghiùlan air falbh ? Cha d'thug. Ach an toiseach bha e ocrach, agus dh'fheuch e ri bhrù a lionadh leis na plaosgaibh, ach cha b'urrainn e, agus mheudaicheadh 'ocras fathast, agus an sin thubhairt e, " Eiridh mi, agus thèid mi gu tigh m' athar," agus chaidh e dh'ionnsuidh athar. Seadh, bha an t-iomlan o ghràs, ach gidheadh dh'èirich e agus chaidh e dh'ionnsuidh 'athar. Bha an ^iomlan mar thoradh a ghràidh shiorraidh, gidheadh dh'fhag e na mucan agus dh'iarr e tigh 'athar. Bha an t-iomlan o thruas neo-chrìochnach; gidheadh smuainich e ann fèin, agus rinn e roghainn de falbh; agus, tuilleadh na sin, dh'fhalbh e, agus chaidh e dh'ionnsuidh tigh 'athar. Rinn e so uile, agus an sin air bhi dha fathast fad uaithe choinnich 'athair e. A nis, creidibh mi, ged a tha mi a ghnàth 'searmonachadh gràis shaoir, agus shaoibhir, agus àrd-uachdaranaich le m' uile chridhe, gidheadh cha do thuig mi riamh, agus cha tuig mi gu bràth, gu bheil Dia 'buntuinn ruinn mar ri maide no ri cloich, 'gar sgoltadh agus 'gar mealladh air a sgaoileadh. 41 snaidheadh mar nach bitheadh beatha, no toil, no tuigse againn. Cha-n 'eil a chùis mar sin, agus cha-n 'eil ach amadana a bhitheas a' smuaineachadh air a' mhodh sin. Is daoine sibh, cha-n e sprèidh bhalbha a tha ri iomain. Cha tèid bhur tearnadh mar asalaibh, ach mar dhaoinibh. Cha tèid bhur tearnadh mar eachaibh, agus mhuileidibh, agus chait, ach mar dhaoinibh agus mhnaibh aig am bheil tuigse. Is eigin duibh smuaineachadh, agus fuath a thoirt do'n pheacadh, agus glaodhaich air son tròcair, agus creidsinn ann an Criosd, agus mur dean sibh sin, bithidh sibh caillte. Cha-n 'eil ùrnuighean a chuireadh riamh suas a bhitheas chum tairbhe ann a bhi 'g* ur tearnadh mur tig sibh fèin gu bhi 'g earbsadh as an t-Slànuighear, agus gu bhi fuathachadh peacaidh, agus gu bhi umhal d'a thoil. A chàirdean ionmhuinn, am bheil sibh a' creidsinn so ì Theagamh am measg a' choimhthionail mhòir a tha ann an so nach 'eil iad ach tearc d'am bheil na h-earailean so air mhodh àraidh freagarrach; ach smuainich mi gu fagainn na naoi caoraich deug agus an ceithir fichead anns an fhàsach—tha pailteas feòir ro mhilis air bhur son ann an ionadaibh uaigneach an f hocail— agus gu'n rachainn an deigh aoin eigin a chaidh air seacharan air an t-slighe so, oir tha dèidh mhòr agam air d'-fhaotainn. Oh gu'n deanadh an Spiorad beannaichte do pheacadh a dhearbhadh ort, agus do threorachadh gu bhi 'g ràdh, gu robh thu da rireadh ann an slighe amaideach. Bha thu 'g earbsadh à sochair a bu chòir dhuit a ghnàthachadh chum crich eile. Ach a nis, gu'n cuireadh tu romhad Dia iarraidh, agus do chridhe a striochdadh do'n t-soisgeul bheannaichte agus do mhuinghin a chur ann an ainm losa. Cuimhnich gu bheil fireantachd ann a dh'fheudas tu fhaotainn—fireantachd losa Criosd a's urrainn do chòmhdach. Ged nach urrainn Noah, agus Daniel, agus lob do shaoradh, 's urrainn losa sin a dheanamh. Tha eadar-ghuidh ann ris an èisdear air do shon— eadar-ghuidh neach a tha beò agus a bha marbh, agus a tha nis a' deanamh eadar-ghuidh air son dhaoine, agus a tha comasach air tearnadh gus a chuid a's fhaide mach an dream a thig dh'ionnsuidh Dhè trid-san. Thig, ma seadh, a dh'ionnsuidh Dhè d'a thrid, agus bithidh 'eadar-ghuidh air do shon, agus bithidh e 'na shlainte dhuit—-bithidh 'fhileantachd air do shon, agus ni i do chòmhdach. Dia gu deònaicheadh e air sgàth an Fhir-shaoraidh ghaoil. Amen agus amen. FRITHEALAIDHEAN DIADHAIDH RIS NACH ROBH SUIL: " An uair a rinn thu nithe iongantach ris nach robh sùil againn, thàinig thu nuas ; ann ad làthair shruth na slèibhtean sios."—Isa. lxiv. 3. BHA sluagh Dhè ann an cor ro mhuladach 'nuair a bha an caibideil so 'gan cur an cèill. Tha Isaiah 'gan taisbeanadh mar mhuinntir a thugadh chum na h-inbhe eagail agus doilgheis a b' isle. Tha e tagradh ri Dia sir son a phobuill thaghta fèin a philleadh, agus an sith agus an soirbheachadh a bha aca roimh aiseag. Tha e gnàthachadh na chaidh seachad mar argumaid air son an àm ri teachd, agus a' cur an cèill ghniomharan iongantach Dhè anns na laithibh a dh'fhalbh gu bhi 'misneachadh an dòchais gu'n deanadh e an samhuil a ris. Mur bhitheadh gu bheil Dia neo-chaochlaidheach, cha b'urrainn sinn a bheag a chomh-dhùnadh o'n dòigh air an deachaidh buntainn ruinn roimh; ach a mheud's gu bheil e an ni ceudna an dè, an diugh, agus gu siorraidh, feudaidh sinn gun mhearachd a chomh-dhunadh gu'n dean e a ris an ni a rinn e cheana. Their iad gu bheil eachdaireachd 'ga h-aithris fèin; bhitheadh tuilleadh firinn ann a bhi 'g ràdh gu bheil Dia a ghnàth an ni ceudna, gu bheil a shlighean siorraidh, agus gu mair a throcair gu bràth. Uime sin tha e 'na dheadh thagradh agus fallain ¦a ràdh, " Rinn thu so agus sud, air an aobhar sin dean do ghàirdean a rùsgadh, agus aon uair eile thoir do do phobull gàirdeachas a dheanamh ann ad dhilseachd agus ann ad chumhachd." Am feadh a dh'fheudas sinn uile so a dheanamh as leth eaglais Dhè, agus iomadh cuis-thagraidh fhaotainn 'na h-eachdraidh anns an àm a dh'fhalbh, feudaidh sinn mar an ceudna a dheanamh d'ar taobh fein. Tha cuid 'nar measg air fàs ann frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. 43 * am bliadhnaichean, agus tha eolas againn air an t-Slànuighear o cheann deich bliadhna fichead no tuilleadh : bu chòir dhuinn iomadh aobhar a bhi air chuimhne againn air son a bhi 'cur ar muinghin ann, agus cha-n 'eil teagamh agam nach 'eil sin againn. Amhairceamaid air ar n-afs air an àm a dh'fhalbh,, agus thugamaid fainear mar a rinn e ar n-euceartan a mhaitheadh, mar a rinn e ar cùl-sleamhnachadh a leigheas, mar a rinn e ar feuman a dheanamh suas, mar a rinn e dubhachas ar gnùis a philleadh, agus ar laigsean a neartachadh : esan a's e ar Dia-ne is e Dia na slàinte e fathast, agus ni e ar beannachadh fathast, eadhon gu ruig na crìche. Do bhrigh gur e an Tighearn mo bhuachaille, agus gu bheil e nise toirt orm luidhe sios ann an cluainibh glasa, air an aobhar sin tha mi 'comh-dhùnadh " gu'n lean gu cinnteach maith agus trocair mi uile laithean mo bheatha, agus gu'n còmhnuich mi ann an tigh an Tighearna fad mo làithean." Bithidh na dh'fheudas mi a labhairt air a mhaduinn so coimhcheangailte ris a phriomh-fhlrinn so—gu feud sinn sùil a bhi againn gu'm buin Dia ruinn anns an àm ri teachd mar a bhuin e ruinn anns an àm a dh'fhalbh. Ach thigeamaid ni's dlùithe air ar rùn. O'n bhonn-teagasg agus o'n choimh-theagasg, tha mi a' fòghluim, anns a' cheud ait, gur e làthaireachd Dhè aon dòchas a phobuill. Anns a' bhonn-teagasg scf tha am faidh a' labhairt mu Dhia a bhi 'deanamh nithe iongantach 'nuair a thàinig e nuas 'am measg a phobuill. Bheir sinn fainear, anns an dara ait, gu bheil làthaireachd Dhè a' deanamh nithe ris nach robh suil: rinn e " nithe ris nach robh sùil againn:" bheir sinn fainear, anns an treas ait, gu bheil làthaireachd Dhè ag oibreachadh nithe iongantach,—" ann ad làthair shruth na slèibhtean sios : " agus 'an sin, anns an àite mu dheireadh, thig.sinn air ar n-ais a dh'ionnsuidh sin o'n d'fhalbh sinn, agus bheir sinn fainear gu feud sinn sùil a bhi againn ri an samhuil de nithe a rìs o'u làtharieachd dhiadhaidh ma tha sinn gu bhi 'ga mealtainn. I. Bheir sinn fainear, anns a' cheud ait, gur e lathaireachd Dhe aon dochas a phobuill. Tha am faidh a' nochdadh gu'n robh e 'creidsinn so, oir aig toiseach a' chaibideil tha e glaodhaich gu ro dhùrachdach ri Dia gu'n tigeadh e 'am measg a phobuill. " 0 gu'n reubadh tu o'chèile na nèamhan, gu'n tigeadh tu nuas." Beagan air thoiseach air an àite so —anns a' chuigeadh rann deug de'n chaibideil air thoiseach air so—bha e 'g ùrnuigh, " Seall a nuas o nèamh;" ach is 44 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. frithealaidhean diadhaidh bis nach robh suil. 45 'ùrachadh. Nan bitheadh an Tighearn 'nar measg, nam bitheadh caithream righ air a chluinntinn 'n ar camp, an sin rachadh ar n-armailtean a mach chum na buaidh, agus bhitheadh ar naimhdean air an sgapadh. Feudar a thuigsinn gu bheil miann an f haidh aig an àm so làn chothromach o eachdraidh sluaigh Dhè anns na h-uile linn : oir an uair a bha na treubhan anns an Eiphit ciod a b'urrainn saorsa a thoirt dhoibh o'n daorsa chruaidh anns an robh iad ach làthaireachd Dhè ? Thubhairt an Tighearn, " Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha's an Eiphit, agus chuala mi 'n glaodh air son am maighstirean-oibre: oir is aithne dhomh an doilgheas." 'An sin thàinig an Tighearn a nuas 'gan saoradh, agus is aithne dhuibh na comharaidhean agus na h-iongantasan leis an d'rinn e fear-sàrachaidh uaibhreach na h-Eiphit a chlaoidheadh. Thubhairt Pharaoh, " Co e Ieho-bhah ] " ach fhuair e gu h-obann a fhreagradh 'nuair a thionn-daidheadh na h-uisgeachan gu fuil, agus a dh'fhàs an duslach 'na mhialaibh ; 'nuair a thuit a phlaigh air an sprèidh, agus a bha gach ni anns a' mhachair aon chuid air a bhualadh leis an tein-athair no air itheadh leis na locustaibh. Dh'fhoghlaim Pharaoh agus a shluagh gu'n robh iad " mar theallach teine am measg connaidh, agus mar leus teine ann an sguaib," 'nuair a thàinig Dia a nuas am measg a shluaigh a bha air an sàrachadh. Air do làthaireachd Dhè a bhi maille ri Maois agus ri Aaron thugadh a mach iad " le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte mach." 'Nuair a dh'fhalbh iad air an oidhche iomraid-each sin, an deigh dhoibh a' chàisg 'itheadh, ciod e a rinn triall Israeil 'na chuis-eachdraidh cho mòr ? Nach b'e Iehobhah a threoraich iad anns an t-slighe? 'Nuair a thàinig iad gu crlochaibh no Mara Buaidhe le na creagan air gach taobh, agus feachd fheargach air an tòir, ciod a bha 'na dhìdein dhoibh ach gu'n d'amhairc Dia a nuas o'n mheall neòil; agus am feadh a rinn dealradh a ghnùis meadhon-oidhche a phobuill soillseach mar an là, dh'amhairc e o'n taobh neulach air na h-Eiphitich agus chuir e buaireas fodhpa, ionnus gu'n thuit na rothan o'n carbadaibh, air chor as gu'n do tharraingeadh iad gu trom 1 B'e làthaireachd Dhè a chur sunnd ann an cosaibh Mhiriam agus nigheanan Israeil air taobh eile na mara, 'nuair a ghlac iad an tiompanan anns an dannsa, agus a thog iad an guth, ag ràdh, " Canaibh do'n Tighearn, oir thug e buaidh gu glormhor; an t-each agus a mharcach thilg e anns an fhairge." B'e làthaireachd Dhè a rinn uile e. B'e an Ti a rinn a chòmh- comharadh e air an fhior ùrnuigh gu bheil i fàs mar a tha i 'dol air a h-aghaidh: tha e tòiseachadh le bhi 'g iarraidh air Dia sealltainn a nuas; ach mar a tha a chridhe a' blàthachadh agus a chreidimh a' fàs tha e ann an so a'glaodhaich, " Thig a nuas." Tha e cho dian a' miannachadh gu'n tigeadh Dia, agus gu'n tigeadh e air ball, as gu bheil e labhairt ris mar ri fear-cogaidh a bha 'deanamh moille 'na bhuth am feadh a bha an cath ri h-iorghuill anns a' bhlàr, a bhitheadh cho dian a' ruith chum cuideachaidh a chàirdean as nach fanadh e a thoirt nan cùirtein o chèile, ach gu'n reubadh e slighe dha fèin trompa, chum saorsa dhoibh-san a ghlaodh ris 'nan airc. " 0 gu'n reubadh ta o 'chèile na nèamhan:" na dean moille, a Dhè Mhòir, na fan ri dhol troimh 'n gheat nèamhnuid, ach reub o'chèile cùirtein gorm nan nèamh, agus thig a' tuirling o d'ionad àrd air sgiathaibh nan gaoithean cumhachdach, a dheanamh teasairgin air do phobull. 'Nuair a rinn ar Tighearn an t-slighe 'fhosgladh air am b'urrainn Dia teachd dh'ionnsuidh ciontaich bhochda de chloinn nan daoine, cha d'rinn e an cùirtein a thogail no 'fhilleadh suas; ach bha brat-roinn an teampuill air a reubadh 'na dhà chuid o mhullach gu 'lochdair, ionnus gu'n d'fhagadh an dorus fosgailte gu bràth; oir cha-n urrainn neach gu bràth am brat-roinn a chur suas na àite fèin a ris. Is ann troimh na nèamhan fosgailte a chaidh Criosd a steach do'n ionad anns am bheil e nis a' seasamh a' tagradh air ar son, agus troimh na nèamhan fosgailte sin thuirling an Spiorad Naomh a nuas a' dheanamh còmhnuidh air an eaglais. Tha nàdur dian an t-samhlaidh a tha am faidh a' gnàthachadh ann an so a' nochdadh gu'n robh e 'meas làthaireachd Dhè mar an t-aon ni feumail do Israel. 0 Thighearna, cha-n e ar n-athchuinge riut gu'n tugadh tu air an talamh a chinneas a thoirt uaithe gu pailt, no gu'n cuireadh ta am meud ar saoibhreas, no gu'n deanadh ta bàigh righrean na talmhainn a philleadh ri d'aobhar; ach thig fèin agus dean do shluagh a bheannachadh, agus tuilleadh cha bhi dhith orra. 0 gu'n tigeadh tu a nuas : seadh, thig gu grad. Nach e so ùrnuigh gach cridhe treibhdhireach ann an so d'an aithne feum na h-eaglais agus feum ar ginealaich ì Cha-n e tuilleadh mhinis-. teirean a's mo 'tha dh'fheum oirnn, no tuilleadh luchd-teagaisg deas-bhriathrach, ach tuilleadh de làthaireachd Dhè. Cha-n 'eil feum againn air saoibhreas anns an eaglais, no aitreabh greadhnach, no seirbhis sgeadaichte, ach is e ar n-ionndrain os ceann nan uile nithe gu'n deanadh an Dia a tha beò a phobull 46 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. 47 an dara uair sèididh trompaid an Ard-aingil, agus an sin gheibh sinn an uchd-mhacachd, eadhon, saorsa ar cuirp, air son am bheil sinn a nis a' feitheamh 'an dòchas. Do bhrìgh gu bheil esan beò bithidh sinne beò mar an ceudna, agus do bhrìgh gu'n tig e gu bhi air fhoillseachadh, bithidh sinne mar an ceudna air ar foillseachadh maille ris. Binn ceud theachd ar Tighearna anns an fheòil slàinte shiorraidh a thoirt dhuinn; rinn a theachd thugainn le a Spiorad creidimh beò oibreachadh annainn, agus is e a dhara teachd ann an ùine ghearr cuspair mòr ar dòchais. Cha-n aithne do neach sam bith an là no an uair sin, oir rinn an t-Athair a ghleidheadh 'na chomas fèin; ach tha foirfeachd ar n-uile dhòchais fillte suas ann, agus uime sin tha sinn a' glaodhaich, " Thig gu h-aithghearr, seadh, a Thigh-earna losa, thig gu h-aithghearr. Amen." Uime sin, a bhrà-ithre, tha sibh a' faicinn gur e làthaireachd Dhè maille ruinn ann an Criosd stèidh ar n-uile dhòchais. Gus an tig an Tighearn 'na ghlòir, is e làthaireachd an Spioraid, Naoimh anns an eaglais air am bheil sinn gu h-iom-lan an crochadh air son soirbheachaidh anns gach oidhirp a bhitheas 'nar làmhaibh. Ma thig sinn an ceann a chèile chum ùrnuigh, is eigin duinn ùrnuigh a dheanamh anns an Spiorad Naomh, oir cha-n aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn gus an dean esan ar teagasg. Is cruaidh a bhi 'g ùrnuigh ri Dia nach 'eil a làthair : is e làthaireachd an Tighearna beatha na coinneamh-ùrnuigh. Mur 'eil an Tighearn an sin gu bhi tabhairt na h-ùrnuigh, cha-n 'eil e an sin gu bhi 'g eisdeachd na h-ùrnuigh. 'Nuair a tha sinne searmonachadh, cha-n 'eil ann ach fianuis bhochd mur 'eil ungadh an Tighearna 'luidh oirnn, agus a làthaireachd 'gar cuairteachadh uile. Mur 'eil Spiorad an Tighearna maille ris an f hear-labhairt, theagamh gu'm bitheadh teanga bhalbh cho èifeachdach ris an t-searmon a bu dheas-bhriathraiche. Is amhuil a chùis a thaobh nan teachdairean a tha sinn a' cur uainn : bithidh an saothair ann an diomhain mur 'eil an Tighearn maille riu o thoiseach gu deireadh. Faodaidh gach aon diubh a ràdh, " Mur tèid do Spiorad maille rium, na toir suas mi à so." Is diomhain a bhi 'cur dhaoine air leth, agus a bhi faotainn cuideachaidh o dhaoinibh, is diomhain an saothair, an airgiod, agus an eud, mur 'eil an Tighearn an sin. "As m' eugmhais-sa cha-n urrainn sibh aon ni a dheanamh," deir ar Tighearn o shean, agus tha an ni ceudna fior gus an là'n diugh. Tha làthaireachd Dhè neo-sheachanta do gach aon dhinn ma nuidh rìoghail am measg an armailtean glòir an neirt agus bratach an aoibhneis. Is amhuil a bha 'nuair a ghabh iad an triall tre'n fhàsach aonaranach. Ciod a thug do Israel cinneachadh air a' ghain-eimh luim ? Ciod a thug do'n chinneach mhòr an ìotadh a chasgadh o'n charaig 1 B'e làthaireachd Dhe a rinn an talamh 'na ailean uisgichte, agus an ailbhinn 'na chaochan gucagach. Ann am meadhon sheas am pailliun, agus an sin shamhlaich-eadh làthaireachd Dhe dhoibh le dearsadh glòire o eadar na ceruban, agus b'e so a rinn Israel comharaichte am measg nan cinneach. Tha eachdraidh Israeil uile a' dearbhadh na fìrinne ceudna. B'e làthaireachd Dhè an glòir. 'Nuair a rinn iad doilgheas a chur air agus a bhrosnaich iad e, an sin rinn a chuid a bu laige de na cinnich tighearnas a ghabhail orra. Bha iad annta fèin 'nan cinneach shuarach, lag-chuiseach ; ach an uair a dheataich Dia orra bha iad mòr am measg nan rìoghachdan, agus sgaoileadh slat-shuaicbeantais Israeil o fhairge gu fairge. 'Nuair a sgriobhadh air brataich Israeil, " Tha Dia maille ruinn," fhuair iad urram agus buaidh; ach as eugmhais Dhè cha b'urrainn iad ni sam bith a dheanamh. A chàirdean ionmhuinn, a thaobh na fìrinne so a tha mar so air a dearbhadh le h-eachdraidh sluaigh Dhè o shean, tha i da rireadh fìrinneach d'ar taobh-ne. Is e deadh-ghean Dhè dòchas a phobuill uile. Air tus, tha sinn a' faicinn so. ann am pearsa an Tighearna losa Criosd. 0 c'uine a fhuair thusa no mise riamh comhfhurtachd no dòchas a bhi gabhta le Dia, gus am faca sinn e maille ruinn anns an fheòil ? Dh'fheumadh an saoghal a dhol am mugha mur tigeadh Dia a nuas d'a ionnsuidh ann an pearsa a Mhic gaoil fèin. Ann am Betlehem chunnacas an diomhaireachd iongantach : an Diadhachd air a còmhdach fo sgàil naoidhein. B'e so aite-breith dòchais. Air a' mhodh cheudna, 'nuair a thig an Tighearn losa dh'ionnsuidh neach againn le a Spiorad tha ar dòchas a' tòiseachadh. Tha sinn 'ga fhaicinn mar ar Imanuel, agus tha comhfhurtachd againn. Tha Dia 'gar tearnadh le bhi teachd thugainn ann an Criosd le rèite 'na làmhaibh, chum ar peacaidhean a chur air falbh. Seadh, agus tha ar dòchas a thaobh foirfeachd ar slàinte a' luidh ann an teachd Chriosd d'ar n-ionnsuidh. Tha sùil againn 'nuair a thig e aig an là dheireannach, ged a chitheadh ar cuir]) truaillidheachd, agus ged a dheanadh a' chnuimh an cnàmh, gidheadh ann ar feòil gu faic sinn Dia. 'Nuair a thig, Criosd 48 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. 49 feith thusa air Dia a mhain, oir ann-san tha mo dhòchas." Is ì ùrnuigh Dhaibhidh a bhitheas agamsa:" Thig dlùth do m' anam, agus dean a shaoradh." " Is maith dhomh-sa tarraing dlùth do Dhia." 0 Thighearna, cuimhnich d'fhocal do d'òglach,' —" Thèid mo làthaireachd maille riut, agus bheir mi fois dhuit." ¦ II. Is e an dara ni a bha mi air son a chur fa 'ur comhair, 'nuair a thig an Tighearn gu'n dean a lathaireachd nithb mora oibreachadh ris nach robh suil : " 'Nuair a rinn thu nithe iongantach ris nach robh sùil, thàinig thu nuas." Bha a' chùis riamh mar sin. Cia b'e air bith uair a tha Dia a' fiosrachadh dhaoine tha e ghnàth a' deanamh nithe ris nach robh sùil. Eadhon d'an taobhsan aig an robh sùil ri nithibh mòra, fhuair iad cùisean gu h-anabarrach os ceann an uile dhòchais; am feadh a bha luchd an dubhachais, agus a bha sealltuinn air son nithe dorcha, air an glacadh ann an iongantas ri bhi faicinn maitheis an Tighearna. Thàinig" Dia dh'ionnsuidh tigh Iacoib, agus reiceadh am mac a b'ionmhuinn leis mar thràill,—thugadh sios e do'n Eiphit le làimh nan Ismaelach. K Och," deir Iaeob, 'nuair a smuainich e air so agus air a dheu-chainnibh eile, " tha na nithe so uile 'n am aghaidh." Cha b'urrainn e thuigsinn gu'n robh maith ann an rùn an Tighearna 'nuair a ghlaodh e, " Ioseph cha mhaireann, agus Simeon cha mhaireann, agus Beniamin bheir sibh air falbh." Agus gidheadh bha Dia a' deanamh nithe mòra air a shon ris nach robh sùil aige; oir chuireadh Ioseph air righ-chaithir na h-Eiphit chum ionad fasgaidh a dheasachadh d'a athair aosda agus d'a bhraithribh anns na làithibh anns am bitheadh gorta thar an tir uile. 'An sin b'urrainn e a ràdh riu, " Thig a nuas 'am ionnsuidh, na dean moille ; gabhaidh tu còmhnuidh ann am fearann Ghosein, agus beathaichidh mise thu ann an sin." Bha Dia deanamh " nithe ris nach robh sùil" air son Iacoib iomguineich. Cha bhi mi fantuinn a thoirt tuillidh eisempleir o eachdraidh sluaigh Dhè do bhrìgh gu'n tig iad ri'ur n-aghaidh fèin. Bu tric a thubhairt iad, " Is tusa an Dia a tha 'deanamh nan iongantasan ! Cò a tha cosmhuil riut 1" Am bheil sibh a' meas gu'n do shaoil le cloinn Israeil riamh 'nuair a sheas iad ri taobh na Mara Buaidhe gu'n gabhadh iad gu bràth troimpe air talamh tioram f Nuair a sheas iad air gaineamh loisgeach an fhàsaich an robh sùil aca ri gabhail air an aghaidh fo dhubhar sgàile rè an là uile ì gidheadh rinn iad sin, oir bha am meall neòil 'gan dian o theas na grèine. An do smuainich iad gu'm bitheadh an d tha sinn gu bhi air ar tearnadh. Is maith do'n mhac-struidheil èirigh agus a dhol chum 'athar, ach tha a thearnadh an crochadh air gu bheil 'athair 'ga choinneachadh. " Air dha bhi fathast fada uaith, choinnich 'athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phog se e:" b'e so a dhearbh shlàinte. Cha-n 'eil a chaoire chaillte air a faotainn gus am bheil am Buachaill a' teachd d'a h-ionnsuidh. Tha teachd Dhè dh'ionnsuidh duine a'toirt dearbh - shoilleireachd dha mu pheacadh: leanaidh e ri fhèin-fhìreantachd gus an dean an Spiorad Naomh a choimh-èigneachadh gu bhi gabhail ri fianuis na fìrinn. Cha d'rinn cridhe cloiche riamh e fein a thionndadh gu feòil, cha mhò a thug sùil dhall riamh air falbh a doille fein. Is eigin do Dhia teachd ann an saorsa neo-chrlochnaich gràis, agus oibreachadh le cumhachd neo-chrioehnach gràidh, no fanaidh am peacach marbh marbh fathast, agus an inntinn dhall dall. Seadh, agus an deigh do'n obair tòiseachadh, tha làthaireachd Dhe anns an anam feumail chum a cumail suas agus a' toirt air a h-aghaidh. Cha ghabh sinn ceum gu bràth a dh'ionnsuidh Dhe ach maille ri Dia. Tha eadhon an togradh a's anmhuinne d' a ionnsuidh air analachadh annainn le a Spiorad fein; agus a thaobh oibre comharaichte gràis anns an anam, tha iad gu soilleir uile o Dhia, oir a thaobh neach sam bith a fhuair dearbhadh a' chreidimh, agus muinghin an dòchais, agus fein-choisrigeadh a ghraidh, cha d'rinn iad riamh an cur as leth ceann-aobhair sam bith eile ach Dia. Thugadh duine ionnsuidh air seirbhis a dheanamh do Dhia as eugmhais Dhè agus fàilnichidh e. Is e ar n-àit iomchuidh fèin suidhe aig cosaibh Iosa : 'nuair a tha esan a'teagasg tha eòlas againn ; cha-n 'eil anns gach ni eile ach faoineas. 'Na chuid-eachd-san tha sinn sona agus feumail; ach as eugmhais-san cha-n 'eil- annainn ach fàilinnean truagha. Eadhon air nèamh fein is e làthaireachd Dhè tobar an aoibhneis agus nafoirfeachd. Shuas an sud cha-n' eil feum aca air coinneal, no air solus na greine, do bhrigh gu bheil an Tighearn Dia 'toirt soluis dhoibh : mur bitheadh esan 'nam measg bhitheadh e 'na ionad dorch mar sgàil a' bhàis. Tha an sluagh beannaichte sin ag òl à amhuinn a shòlasan; cha-n 'eil sruthan eile ann leis an deanar cathair Dhè ait. Is e am heath a bheatha-san: is e an sonas a thoil-inntinn dhiadhaidh fèin : tha iad 'dol a steach chum glòire Chriosd, agus tha iad air an lionadh le h-aoibhneas Chriosd. Nach 'eil e soilleir na's leòir gur e ar feum a's neo-sheachanta gu'm bitheadh Dia dlùth d'ar n-anamaibh ? "Om' anam, 50 FRITHEALAIDHEAN DIADHAIDH BIS NACH ROBH SUIL. FRITHEALAIDHEAN DIADHAIDH RIS NACH ROBH SUIL. 51 , camp air a shoillseachadh rè na h-oidhche mar nach do shoill-sicheadh baile riamh roimhe, agus le solus ni's dealraiche nas urrainn sinne bhi againn ?. Gidheadh bha am meall teine 'na shoillseachadh mòr dhoibh 'Nuair a bha ocras orra an robh sùil aca ri aran nan aingeal a thional ùr o naspeuraibh ? 'Nuair a bha tart orra an do mheas iad gu'm b'urrainn a' charraig a bhitheadh air a bualadh uisge 'am pailteas a fhrithealadh dhoibh) 'Nuair a lotadh iad le nathraichibh an do shaoil leo gu'n deanadh nathair umha leigheas dhoibh ? 'Nuair a thàinig iad gu ruig na h-aimhne an robh sùil aca ri bhi faicinn seann Iordan a' teicheadh roimh chosan nan sagart ? 'Nuair a chuairtich iad baile Iericho an do smuainich iad gu faiceadh iad na ballachan a' tuiteam sios mu chluasaibh an luchd-àiteachaidh do bhrigh gu'n do shèid na treubhan adhaircean reitheachan agus gu'n d'thug iad iolach ? Ni h-eadh, ann an eachdraidh Israeil o thoiseach gu deireadh tha nithe mòra ris nach robh sùil agus tròcairean ris nach robh dòchas. Tha an Tighearn a' deanamh mhiorbhuilean mòra, agus tha a shluagh air an lionadh le h-iongantas agus aoibhneas. Ach tha cùisean a' toirt barrachd orra so ann an oibribh gràis. Faiceamaid ciod a rinn Dia air ar son 'na thròcair gun choimeas. 'Nuair a sheas e aig geatachaibh Eden a' còmhradh ri Adhamh, agus a mhallaich e an talamh air sgàth an duine, am b'urrainn eadhon aingeal a smuaineachadh gu'n robh Dia a' cur roimhe a bhi taisbeanadh mòrachd a thròcair troimh so uile, ionnus far an do mheudaich am peacadh gur ann bu ro mhò a mheudaicheadh gràs? An d'thàinig e riamh ann an cridhe duine, no ann an cridhe aingil, a smuaineachadh gu'n tigeadh Mac Dhè a nuas chum a bhi air a bhreith anns an t-sliochd cheannairceich so ? An do smuainich iad riamh gu faigheadh e bàs, am fIrean an ait nan neo-fhlrean, chum daoine a thoirt gu Dia ? An d'thàinig e riamh ann an smuaintibh chreutair sam bith gu'm bitheadh an duine peacach air 'uchd-mhacachadh fathast do'n teaghlach dhiadhaidh? Nach 'eil sibh 'ga mheas 'na ni anabarrach iongantach gu'm bitheadh daoine peacach air am breith a ris, agus air an uchd-mhacachadh do theaghlach Dhè ? "Feuch ! saoibhreas iongantach a' ghràidh Thug Dia ar slàinte dhuinn, Peacach is' truaillidh fòs ged bha Clann dha san rinneadh dhinn." B'urram so ris nach robh sùil againn. Os bàrr, air do Dhia a chlann a dheanamh dhinn, an do smuainich sinn riamh gu'n deanadh e oighreachan dhinn ? Gidheadh tha e'g ràdh, " Ma's clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus comh-oigh-reachan maille ri Criosd." An d'thàinig e riamh ann an cridhe duine a smuaineachadh gu'm bitheadh an eaglais pòsda ri Criosd, agus sin ann an ceangal a' ghràidh shiorraidh ? An d'thàinig e riamh ann an inntinn creutair tuigseach sam bith gu'n deanadh Dia nàdur bochd, leagta an duine a thogail suas hcum suidh ann am pearsa Chriosd aig a dheas làimh fèin ? Is maith a dh'fheudadh Daibhidh a ràdh, " Ciod e an duine gu'm bitheadh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gu'm fìosraicheadh tu e ? " Thug thu uachdaranachd dha so ceann oibre do làmh. Tha so iongantach A bhraithre, ged a tha sinn a' smuaineachadh gu bheil fios againn ciod a tha Dia 'na ghràs a' deanamh, tha mi cinnteach nach 'eil. Cha-n aithnich sinn sinn fèin 'nuair a thig sinn do nèamh, agus an uair a dh'èireas sinn o'n uaigh their sinn," Bha mi'creidsinn ann an aiseirigh nam marbh, ach tha so os ceann nan uile mhiorbhuilean." 'Nuair a bheir ar Tighearn suas sinn do ghlòir, cia cho iongantach as a bhitheas e dhuinn! Eadhon ann an so ni e ar cridheachan èigneachadh a bhi 'labhairt mu'n ghlòir sin, ach a bhi air snàmh innte, air ar lionadh agus air ar crùnadh leatha—bithidh so da rireadh do-labhairt. Gun amharas feumaidh sinn cuirp ni's neartinhoire, agus cridheachan ni's comasaiche na tha againn a nis chum an cudthrom beannachaidh a ghiùlan. Cionnus a tha e gu bheil ar n-iongantas a' buanachadh a thaobh oibre Dhè ? Ereagram, anns a 'cheud ait, do bhrigh gu bheil ar breithneachadh a's àirde mu Dhia teachd gearr air an fhirinn. Eadhon d'a thaobh-san a ghluais iomadh bliadhna maille ris, mar a rinn Enoch, is beag is aithne dha dheth fathast. Och, a bhrathair, cha-n aithne dhuit àird agus doimhne, fad agus leud fialaidheachd iongantaich Dhè fathast Tha Dia neo-chriochnach. Tha sinne mar shlige ro bheag air an tràigh, cha-n urrainn sinn an cuan a chumail, agus uime sin tha an fhairge mhòr nach gabh tomhas a ghnàth 'na cùis-iongantais dhuinn. Bithidh sinn a ghnàth ann an tomhas aineolach, agus mar a tha na nithe neo-aithnichte a' fosgladh ceum air cheum r'ar n-aghaidh ni iad ar lionadh gu h-iomlan le h-iongantas. Os bàrr, tha ar fèin-f hiosrachadh de Dhia gle ghearr. Cha-n 'eil ar beatha fathast ach mar leud boise. Eadhon do'ur taobhsa a 52 FRITHEALAIDHEAN DIADHAIDH bi8 NACH BOBH SUIL. FRITHEALAIDHEAN DIADHAIDH RIS NACH BOBH SUIL. 53 bheil e 'gar n-àrdachadh ceum eile mar dheisciobluibh Tha àmhgharan naomhaichte 'nan leasachadh inbhe spioradail dhuinn. 'Nuair a leagas e tuilleadh cràidh orm tha mo Thighearn 'gain mheas iomchuidh air mo thoirt a stigh chum aoin d'a sheòmaiiibh uaigneach. Tha fèin-fhiosrachadh a' Chriosdaidh cosmhuil ri duine air a threòrachadh o'n chuirt a muigh dh'ionnsuidh nan seòmaran a stigh gus an ruig e an t-seomar a's uaigniche. Ma dh'fhosglas Dia ceud doras an eòlais ghràsmhoir, agus gu'n leig e stigh thu, tha thu ann ad dhuine tèarainte co luadh's a thèid thu stigh tre chreidimh; ach tha doras eile ann, agus an uair a thèid thu stigh air cha-n e mhain gu bheil thu air do thearnadh, ach air do dheanamh feumail chum tèarnaidh do mhuinntir eile. Tha dorus eile fathast ann, agus ma nochdas Dia deadh-ghean duit agus gu'n toir e stigh thu do'n t-seòmar uaigneach bithidh tu ann ad dhuine sona, cumhachdach ann an ùrnuigh, agus muinghineach aim an dòchas. Tha doras eile an leth stigh de'n t-seòmar so, agus ma's urrainn thu toll na h-iuchrach fhaotainn agus an iuchair a chleachdadh, gheibh thu stigh do thalla uaigneach a' chomh-chomuinn bhlàth ri Criosd. Ch,a-n'eil fios agam ciod e cho liuthad seòmair as a tha ann an ait a ghliocais pèamhaidh, aon an leth stigh a dh'aon; ach air so tha fios agam, 'nuair a tha'n Tighearn a' cur roimhe a sheirbhisich a threòrachadh a stigh do sheòmar ni's uaigniche fathast far am bi iad ni's faisge dha fèin, tha e gu gnàthach a' cur deuchainn nuaidh d'an ionnsuidh, chum an dearbhadh agus a dheanamh aithnichte am bheil iad comasach air frithealadh as ùr de thaisbeanadh a ghràidh a ghiùlan. Deanaibh an Tighearn a bheannachadh air son dheuchainnean, oir tha iad 'nan dearbhadh air a dhìlseachd, agus 'ga cheangal ni's ro mhò r'ar cridheachaibh. Cha treòraich e sinn gu bràth dh'ionnsuidh nan imcheistean gun mheadhon an fhuasglaidh a chur 'nar làimh. 'Nuair a tha deuchainnean a' fàs ann an làimh Dhè, tha sin a' ciallachadh gu bheil gràs a' fàs : bha thu uair-èigin anns a' bhàta bheag a' tumadh nan ràmh anns an t-sruthan thana; ach air do bhliadhnaichean dol seachad chaidh do chur anns a' bhàta mhòr, a chleachdadh nan ràmh ri neart na h-aimhne, ged nach f heudadh tu sealladh a chall de'n chladach ; ach a nis rinn an Tighearn do chur ann an long àrd nan crann a ghabhail do thriall ri tràigh na mara j gidheadh fathast is eigin duit an tràigh 'fhagail agus tonnan na fairge mòire a ghabhail fodhad, gus au cur thu cuairt air a' chruinne. Mar a tha thu ceum air cheum a' fàs eòlach air na h-uisgeach- tha 'n 'ur seann daoine a chunnaic tri fichead no tri fichead bliadhna's a deich, ciod a th'annaibh? Chaidh bhur beatha seachad mar phriobadh na sùla : cha ni sam bith e an coimeas ri beatha Dhè. Uime sin feumaidh e bhi fior gu bheil mòran fathast ri teachd ann an dòigh oibreachaidh Dhè air nach urrainn cnuimhean bochda, bàsmhor mar a tha sinne smuaintean idir a chleachdadh. A thuilleadh air so, tha mi duilich gur eigin a ràdh gu bheil ar creidimh cho lag as nach 'eil sinn a' seaUtuirai air son nithe mòra. Cha robh riamh uiread de chreidimh againn ann an Dia as a tha e toilltinn aig ar làmhaibh. Cha do chreid sinn riamh ann air son tuillidh na dà sgillinn, 'nuair a bu chòir dhuinn creidsinn ann air son uile òir na h-Ophir. Tha e airidh air earbsa gun tomhas mar an cuan, agus cha mhòr gu'n d'earb sinn tuilleadh ris na air son sileadh na cuinneig. 'Nuair a tha'n Tighearn a' deanamh "gu h-anabarrach os ceann na tha sinn ag iarraidh, no eadhon a smuaineachadh," tha e 'gar lionadh le h-iongantas. Bithidh e ghnàth mar sin. Eadhon air nèamh bithidh sinn fathast a' liondha le h-iongantas. Agus is ro bheannaichte an ni gu bheil a chùis mar sin. Tha gàirdeachas orm gu bheil Dia a' deanamh " nithe ris nach robh sùil" ; oir, do bhrigh sin, tha ar beatha air a gleidheadh ùrair, milis, ionnus nach 'eil sinn a' goirteach-adh air ar deasgainibh. Do'ur taobhsa a shluagh aig nach 'eil Dia, feumaidh bhur beatha bhi dhuibh mar aon-sgeul lom a ghnath; bithidh aon seachdain mar sheachdain eile, agus aon bhliadhna mar bhliadhna eile dhuibh. Bithidh cuid a' sgriobhadh sgeulachdan brèige gu bhi 'mosgladh neònachais agus iongantais dhaoine, ach is cinnteach mise nach 'eil a h-aon diubh a dh'f heudar a choimeas a thaobh iongantais ri fèin-f hiosrach-adh lathail a' Chriosdaidh, gu h-àraidh d'an taobh-san a tha gu mòr air an dearbhadh. Bheir fìrinnean barrachd air na breugan ann a bhi 'cur iongantais air daoine. Peudaidh an dream a bhitheas 'gan sgriobhadh a bhi 'fasgadh an eanchainn fhad's as àill leo, ach cha-n urrainn iad sgeulachdan a dhealbhadh a dh'fheudar idir a choimeas riu sin a tha tachairt dhuinn gu gnàthach gach là. Cha-n 'eil sinn a' fàs sgith de bhi beò, do bhrigh gu bheil ni-èigin nuadh gach aon mhaduinn ann am maitheas an Tighearn; tha taisbeanan as ùr air an toirt r'ar n-aghaidh leis na deuchainnean a bhitheas againn r'an giùlan. Air a' mhodh so tha e 'meudachadh ar n-eòlais. 'Nuair a tha thusa agus mise a' coinneachadh ri àmhghar as ùr, bu chòir dhuinn tuiteam air ar glùinibh a thoirt buidheachais do Dhia gu 4 54 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. FRITHEALAIDHKAN DIADHAIDH RIS NACH ROBH SUIL. 55 teir de'n. Eaglais Shasunnaich,—agus bha e cho rèidh ris a' bheachd a chur mi 'n cèill as gu'n d'rinn e fèin a coimhlionadh le leabhar a chur thugam anns an d'rinn e eachdraidh a' cheud fhichead bliadhna d'a mhinistreileachd a sgriobhadh. Bha toil-inntinn mhòr agam ann an leughadh na h-eachdraidh sin, agus chum a bhi 'toirt cleachdaidh do'n bheachd cheudna, bheir mi nise iomradh dhuibh gu h-aithghearr air iompachadh Mhr. Haslam, mar eisempleir air " nithe ris nach robh sùil." Chuala sibh mu Chilli Bràth am mèinneadair a mhuinntir Chornuall, a bha cho cumhachdach ann an ùrnuigh. Bha cnoc àraidh air an robh Billi gu gnàthach a' gabhail seachad, air son an d'rinn e ùrnuigh le uile chridhe, gus an do chreid e gu'n d'thug Athair nèamhaidh an cnoc dha, ionnus gu'm bitheadh gach anam a bha chòmhnuidh air air an tearnadh. Chaidh e chum nan tighean uile, agus fhuair e beannachadh air son an luchd-àiteacbaidh, ach do bhrigh nach robh ach tri tighean air a chnoc rinn e ùrnuigh na dhòigh aon-fhìllte fèin gu'm bitheadh tuilleadh air an cur suas. Bha coltach neònach air an ùrnuigh, agus cha do mheas na coimhearsnaich na h-ùrnuigh ghlic i, ach gidheadh fhuair i coimhlionadh. Beagan ùine 'na dheigh sin, 'nuair a thàinig e ris dh'ionnsuidh an àite, chunnaic e gu'n d'rinn Mr. Haslam eaglais agus tighean-sgoile a thogail air a chnoc, agus bhaaoibhneas Bhilli ro mhòr gus an deachaidh e stigh do'n eaglais. 'Nuair a chaidh e stigh, agus a chunnaic e an luchd-seinn ann an culaidhibh fada, geala, agus an t-seirbhis dheas-ghnathach a bha air a coimhlionadh, thuit gnùis Bhilli fo sprochd, ag ràdh nach robh a bheag ann ach an " seann Phap-anachd." Chaidh Billi dhachaidh agus chaidh e dh'ùrnuigh as ùr air son a' chnuic, gednach robh fios aca-san idir air son an robh e 'g ùrnuigh air a chùis. Cha b'fhada gus an d'èisd an Tighearn ri ùrnuighean a sheirbhisich, agus tharladh gu'n d'fhiosraich an Tighearn Mr. Haslam. Dh'fhàs an gàradair aige tinn, agus ri àm a thinneis mhothaich e nach tugadh an creidimh de'n robh e à bheag de chomhfhurtachd dha; thàinig bràthair de na Metliodists far an robh e agus bha e 'na mheadhon air 'iompachadh. 'Nuair a dh'innis an duine do Mhr. Haslam gu'n d'iompaicheadh e chuir an naigheachd mòran doilgheis air; mhothaich e nach b'urrainn e luchd-eaglais a dheanamh de dhaoine Chornuall gu bràth; cha robh annta ach na dearg chealgairean. Bha am fear-eaglais a bu ghealltanaich a bha aige an deigh an eaglais fhagail, agus tuilleadh na sin bha e 'g ùrnuigh gu'n tigeadh a mhaighstir gu aibh buain, dùisgidh e na stoirmean garbha 'na d'aodann, ionnus gu faic thu tuilleadh a dh'oibre an Tighearna agus a' mhiorbhuilean anns an doimhne. Tha tròcairean ris nach robh sùil ullamh air ar buidheachas a mhosgladh. Nach d'fhuaireadh sinn gu tric a' gabhail iongantais ri maitheas an Tighearna ì " Beannaicht® gu robh an Tighearn," bha sinn ag ràdh, " cha do smuainich mi air a shamh-uil so de ghràdh. Tha an dòigh so òirdheirc air an d'rinneadh m'imcheistean fhuasgladh, ach is dòigh e nach b'urrainn mi gu bràth 'fhaicinn roimh-làimh. Tha mi aoibhneach gu'n d'thugadh gu teanndachdan mi chum gu faicinn cionnus a dheanadh an Tighearn bealach m' fhuasglaidh 'fhosgladh." Tha mi.ionann as a miannachadh gu'n robh mi maille ri Sadrach. Mesach, agus Abednego, anns an àmhuinn theinntich dhian-loisgich. Bu mhòr an ni comas imeachd 'fhaotainn gun dochann am measg nan èibhlean lasrach ud, agus a theachd a mach, agus a bhi comasach air a ràdh a thaobh ar n-eudaich uile, d'ar cloinn agus do chloinn ar cloinne, " Chaidh iad so troimh an teine. Faic an còta agus an ceann-eudach a bha umam anns na lasraichibh, cha-n 'eil fàile an teine dhiubh." B'fhiù iad so 'fhagail aig cloinn bhur cloinne, chum a bhi 'nochdadh ciod a rinn an Tighearn. Is urrainn cuid dhinn so a dheanamh air mhodh spioradail, oir tha iomadh cuimhneachan buidheachais taisgte suas ann ar cridheachaibh. Tha Dia gu mòr air a ghlòrachadh 'na shluagh 'nuair a tha e coimhlionadh nithe ris nach robh sùil aca. Tha iongantas air an coimhearsnaich. 'Nuair a ni iad a' chùis a chur an cèill tha eadhon mi-chreidich làn iongantais, agus tha coigrich air an toirt gu bhi 'g ràdh, " Tha an Tighearn maith d'a phobull, agus mairidh a thròcar gu bràth." A chàirdean ionmhuinn, tha fios agam gu bheil cuid 'n 'ur measg a's urrainn innseadh gu'n d'rinn làthaireachd Dhè nithe oibreachadh air bhur son ris nach robh sùil agaibh, agus is urrainn mi fèin fianuis a dheanamh maille ribh. Ma fhuair sibh nithe comharaichte a dheanamh dhuibh bithibh cinnteach an cur an cèill do mhuinntir eile. Theagamh gu bheil cuimhne agaibh gu'n do shearmonaich mi ceithir-là-deug roimh so, air maduinn na Sàbaid, air fèin-ihiosrachadh mòr Phòil, agus thubhairt mi gu'n robh fèin-fhiosrachadh nan naomh 'na ionmhas a dh'earbadh riu chum buannachd mhuinntir eile. Bha bràthair gràdhach agus air am bheil deadh aithne a làthair air a mhaduinn sin,—tha mi ciallachadh Mhr. Haslam, niinis- ? 56 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. 57 bhi 'ga fagail mar an ceudna. Ciod a nis a bha r'a dheanamh ? Bha gnothuch aig Mr. Haslam a dh'fhaicinn Mhr. Aitcin, agus dh'innis e dha mu'n chlaonadh mhuladach a rinn an gàradair aige. " Och, a dhuine," deir Mr. Aitcin, " cha deachaidh tu ièin riamh iompachadh; tha mi cinnteach ann, air neo cha tigeadh tu an so a ghearain air do ghàradair." Chaidh saigh-* ead ann an cridhe Mhr. Haslam, dh'fhalbh a dhòchasan, agus 'na dhubhachas dh'iarr e an Tighearn. Deir Mr. Aitcin ris, " Is e a chuid a's fhearr a dh'fheudas tu a dheanamh d'eaglais a dhùnadh suas, agus innis do d'shluagh nach searmonaich thu gu bràth tuilleadh gus am bi thu air d'iompachadh." Cha b'urrainn e sin a dheanamh, ach air maduinn na Sàbaid dh'fhalbh e, tinn agus dubhach, a leughadh nan ùmuighean, agus a' cur roimhe an sluagh a chur dhachaidh 'nuair a bhitheadh sin deanta. An àite sin thuit a shùil air an fhocal, "Ciod i bhur barail-sa timchioll Chriosd?'' agus smuainich e gu'n deanadh e beagan fhocalan a labhairt air a cheisd sin ma's sgaoileadh e an coimhthional. A thaobh na cuid eile a thachair bheir mi seachad e 'na chainnt fèin, air eagal gu feudt-adh a mheas gv'' i robh mo chainnt-sa a leasachadh na cùis. " Mar a chaidh mi air m'aghaidh," deir e, " a mhineachadh na ceisde so, thug mi fainear nach d'aithnich na Phairisich no na sgriobhaichean gu'm b'e Criosd Mac Dhè, no gu'n d'thàinig e chum an tearnadh. Bha iad a' sealltainn air son righ, mac Dhaibhidh, a rioghaicheadh os an ceann mar a bha iad. Bha rud-èigin ag innseadh dhomh, mar a bha mi 'dol air m'aghaidh, ' Cha-n fhearr thu fèin na na Phairisich—cha-n 'eil thu 'creidsinn gur e Criosd Mac Dhè, no gu'n d'thàinig e chum do thearnadh, ni's mò na bha iadsan' Cha-n 'eil cuimhne agam air na h-uile ni a thubhairt mi, ach mhothaich mi solus agus aoibhneas iongantach a' teachd a stigh do m'anam, agus thòisich mi ri bhi faicinn an ni nach fhaca na Phairisich. Cha-n 'eil fios agam an e ni-èigin 'nam bhriathraibh, no 'nam dhòigh, no 'nam choltach, a b'aobhar dha; ach gu h-obann dh'èirich duine anns a' choimhthional, a bha 'na shearmonaiche e fèin, agus air togail suas a làmhan da, ghlaodh e, ' Tha am ministeir air iompachadh ! tha am ministeir air iompachadh ! Halleluiah !' agus ann an tiotadh cha chluinnteadh tuilleadh a ghuth le glaodhaich agus moladh thri no cheithir a cheudan de'n choimhthional. An àite dhomh a' ghleadhraich neo-ghnàthach so a chronachadh mar a dheanainn roimh, 's ann a thog mi mo ghuth maille riu anns an àrd-mholadh; agus chum a' chùis a dheanamh ni's ro mhò a rèir orduigh, thug mi mach laoidh, agus sheinn an sluagh le'n uile chridhe thairis agus thairis a ris. 'Nuair a thàinig traoghadh air a' chùis, thug mi fainear gu'n robh co dhiubh fichead pearsa a' glaodhaich air son tròcair, aig nach robh an guthan air an cluinntinn anns a ghluasad agus ann am fuaim a' bhuidheachais. Dh'aidich iad uile gu'n d'fhuair iad sith agus aoibhneas ann an creidsinn. Am measg na muinntir so bha triuir as mo thigh fèin; agus phill sinn dhachaidh a' toirt molaidh do Dhia." Ann an so tha eisempleir comharaichte na firinne sin gu bheil Dia a' coimhlionadh nithe ris nach robh sùil 'nuair a thig e nuas am measg a phobuill. Feudaidh sinne dòchas a bhi againn gu'n dean an Spiorad Naomh fathast a chumhachd 'fhoillseachadh, eadhon air an dream ris an lugha a bha sùil, chum glòire a ghràis. Is urrainn e an dream a's reasgaiche a thearnadh, agus naimhdean Maiseach a thoirt dh'ionnsuidh chosan losa. Tagramaid ris gu'n deanadh e sin. III. Anns an treas ait, Tha lathaireachd Dhè a' sgaoileadh nan imcheist. Thugaibh fainear ar bonn-teagasg a ris; theagamh gu bheil sibh a' tòiseachadh r'a dhi-chuimhneachadh. " 'Nuair a rinn thu nithe iongantach ris nach robh sùil, thàinig thu nuas, ann ad làthair shruth na slèibhtean sios." Is beann-aichte am focal so, " Ann ad làthair shruth na slèibhtean sios." Bha naimhdean aig Israel a bha ro chumhachdach, bha cinnich agus rìghrean ag èirigh os an ceann mar shlèibhtibh mòra, ach air do Dhia teachd chum an cuideachadh sgaoileadh na rioghachdan as a chèile, bha an sluagh air an claoidheadh, agus leagadh na slèibhtean sios. Aig an àm a tha làthair tha mearachdan mòra ag èirigh an aghaidh soisgeil losa Criosd : cha-n 'eil aobhar dhomh a bhi 'gan ainmeachadh, oir tha iad far comhair, ag èirigh mar gu'm b'ann mar shlèibhtibh mòra thairis air ar creidimh. Beannaichte gu robh Dia, cha-n 'eil feum aig an eaglais ach a mhain air làthaireachd Dhè 'na measg, agus sruthaidh na mearachdan uile sios aig a chosaibh mar shlèibhtibh deighe ann an gathaibh na grèine. Theagamh gu faca cuid dhibh beinn theine le sruthaibh leaghta sios r'a taobh, agus ma chunnaic bha samhladh ar bonn-teagaisg agaibh fa chomhair bhur sùl. Cha-n 'eil aig Dia ach beantuinn riu agus sruthaidh na slèibhtean sios as an t-sealladh. Is amhuil a bhitheas a thaobh an Dia-àicheadh agus an saobh-chreidimh, agus gach cruth mearachdach eile. Ma ni an Spiorad Naomh an eaglais a sgeadachadh le cumhachd le a làthaireachd, cha Wm m - F 58 frithealaidhean diadhaidh rib nach robh suil. seas cumhachdan na h-aingidheachd r'a h-aghaidh rè aon uair, ni teine na firinne diadhaidh agus na beatha nèamhaidh an sgaoileadh gu h-iomlan as a chèile. Tha mòran chridheachan ann a tha cruaidh mar a''chreig ailbhinn: feudar ùrnuigh a dheanamh air an son, feudar labhairt riu agus searmonachadh dhoibh, ach tha an t-iomlan gu diomhain. Is e a tha dhith oirnn lathaireachd Dhè, agus an sin tionndaidhear na cridheachan cloiche gu feòil, mothaichidh anama marbha gluasad na beatha spioradail, agus tha truaillidheachd air a claoidheadh le cumhachd na h-aiseirigh. Na bitheadh eagal ort, a bhràthair. Cha-n urrainn cridhe sam bith seasamh roimh ghràs Dè 'nuair a thig e 'na uile chumhachd. Na caill do dhòchas a thaobh do mhic neo-mheasarra: buanaich ann an ùrnuigh, agus thig e fathast maille riut do thigh Dhè, agus seinnidh sibh le chèile cliùthan a' ghràidh shiorruidh. Na caill do dhòchas a thaobh neach sam bith fhad as a tha cridhe annad gu tagradh. Annainn fèin mar an ceudna feudaidh sinn slèibhtean imch-eisteach fhaicinn, ach ma thèid sinn dh'ionnsuidh Chriosd, agus le sin cuideachadh Dhè fhaotainn, teichidh gach sliabh agus beinn as an t-sealladh. Cha-n 'eil ni sam bith annaibh, cha-n 'eil ni sam bith ma 'ur timchioll, cha-n 'eil ni sam bith air thalamh, no an ifrinn, a's urrainn seasamh 'n 'ur n-aghaidh ma tha Dia leibh, agus tha Dia leibh 'nuair a tha bhur n-earbsa ann an Iosa Criosd. Eadar so agus glòir shiorruidh neimh cha-n 'eil ni sam bith a's urrainn gu bràth seasamh 'n 'ur n-aghaidh ma chuireas sibh bhur dòchas ann an Iosa. Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar 'n 'ur n-aghaidh, agus gach teangadh a dh'èireas ribh 'am breitheanas ditidh sibh. IV. Anns an àite mu dheireadh, Feudaidh sinn suil a bhi againn ris na toraidhean ceudna o'N lathaireachd dhiadhaidh AN diugh, agus am màireach, agus am feadh a tha sinn beò. Tha Dia an ni ceudna. " Nach tusa a ghearr Rahab, agus a lot an dragon ?" Is e'n Tighearn buadhach ceudna e. Eeudaidh na ginealaichean claonadh, ach cha do chlaon Dia. Na bi ag ràdh gu'n do chaill an fhìrinn a cumhachd. Bha a cumhachd a' luidh riamh ann an Dia, agus tha Dia uile-chumh-achdach fathast Is urrainn e miorbhuilean oibreachadh an diugh ma's e sin a thoil: agus b'urrainn e cuan America fhosgladh o chèile mar a rinn e air uisgeachaibh na Mara Ruaidhe. "Do Dhia tha na h-uile nithe comasach," cha-n e "bha," ach "tha" fathast. A thaobh iongantasan spioradail, bithidh muinntir a' smuain- frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. 59 eachadh gu'n robh là Cuingis maille ruinn aon uair, ach nach urrainn e pilleadh tuilleadh; ach cha robh ann an là na Cuingis ach fèill nan ceud thoradh, agus tha an ceud thoradh ag innseadh gu bheil am fogharadh am fagus. Ni Dia nithe ni's ro mhò anns na laithibh deireannach na rinn e ann an Ierusalem air là na cuingis. Tha e 'g ràdh ruinne, " Fosgail do bheul gu farsuinn, agus lionaidh mise e." Cha-n 'eil sinn a' creidsinn ann. " Ma thig Mac an duine, am faigh e creid-imh air an talamh ?" Tha tomhas cho beag ann dheth as nach faiceadh sùil e ach sùilean an Ti sin aig am bheil iad mar lasair theine. Gidheadh, tha mi 'g ràdh, tha Dia an ni ceudna, agus cho airidh air ar muinghin. Agus, a bhraithre, tha sinne an ni ceudna. " Cha-n 'eil," tha thu 'g ràdh, " cha-n 'eil sinn cho maith riusan a bha ann anns an aimsir o shean." Freagram gu'n robh iad 'nan daoine aig an robh anmhuinneachdan agus coimh-aigne ruinne. Cha robh an tomhas a bu lugha de mhaith anns na h-abstoil, no anns na martaraich ach sin a chur Dia annta. Tha aon shoitheach creadha de'n aon chriadh ri soitheach eile, agus feudaidh an t-aon Dia an t-aon ionmhas a chur ann an aon as a chuireas e ann an aon eile. Is urrainn e thusa agus mise a bheannachadh mar a bheannaich e Peadar, agus Seumas, agus Eoin. Tha nàdur na daonnachd 'na nàdur na daonnachd fathast, an dà chuid 'na ìsleachadh agus anns na tha e comasach dha a bhi. Is urrainn Dia uiread a dheanamh dhiot-sa, a pheathar ionmhuinn, as a rinn e riamh de Dhorcas, no Mhuire, no Lidia; agus is urrainn e uiread a dheanamh dhiot-sa, a bhràthair, as a rinn e riamh de'n mhuinntir urramaich a bha ann o chèin, ma ni thusa do dhòchas a chur ann. B'urrainn an gàirdean lag so mìle duine a mharbhadh, no geatachan Ghasa a thogail a nios, no leòmhan a chasgradh, no teampull a leagadh air na Philistich, nam bu toil le Dia a gnàthachadh mar a ghnàthaich e gàirdean Shamsoin. Buinidh do Dhia roghainn a dheanamh d'a innealaibh fèin, agus is urrainn e inneal sam bith a dheanamh freagarach air son f beuma ma's e sin a thoil. A bhraithre, tha na geallaidhean an ni ceudna. " 0," deir neach, " cionnus a tha sin ì Nach 'eil cuid dhuibh air dol seachadh ? " Cha-n 'eil; tha an coimhcheangal air a dheanamh suas de gheallaidhean maireannach, freagarrach air son gach uile linn, agus tha iad uile 'nan seadh agus 'nan amen ann an Iosa Criosd. Tha tròcairean cinnteach Dhaibhidh againn: tha iad seasmhach, buan gu saoghal nan saoghal. 60 frithealaidhean diadhaidh ris nach robh suil. TUKNBUU. AGUS SHEARS. Thugaibh an aire, tha nithe fathast r'a dheanamh le Dia a chuireas iongantas oirnn thar tomhas. Bithidh sinn air ar binn fèin air son ar smuaintean dubhach, trom; oir theagamh mu'rn faic cuid againn bàs gu faic sinn nithe a's mò na chunnaic ar n-aithrichean, ionnus gu'm bi sinn a' bualadh nam bas le h-aoibhneas. Bitheadh an caibideil an deigh ar bonn-teagaisg air a leughadh, agus faic ciod a tha Dia 'dol a dheanamh. " Dh'fhoillsicheadh mi dhoibh-san nach robh 'g am fharraid; fhuaradh mi leosan nach robh 'g am iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm." Tha cinnich gu bhi air an tearnadh, bithidh tìrean cèin gu h-aithghearr air an gairm. Feithibh air a shon, oibrichibh air a shon, deanaibh ùrnuigh air a shon. Tha Israel mar an ceudna r'a chruinneachadh,—"Bheir mi mach sliochd o Iacob, agus o Iudah sealbhadair mo shlèibhtean; agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghta am fearann, agus gabhaidh m'òglaich tàmh ann." 0 an uair bheannaichte, 'nuair a ni an t-Iudhach aoradh do'n Chriosd a rinn e cheusadh! Cha-n e sin uile. Tha cruthachadh nuadh ri teachd fathast; cò aig am bheil fios ciod e cho luadh ] " Oir feuch, cruthaicheam nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bh'ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire an duine. Ach deanaibhse gàirdeachas, agus bithibh aoibhneach gu cian nan cian, air son an ni a chruthaicheam; oir, feuch, cruthaicheam Ierusalem 'na cùis-aoibhneis, agus a sluagh 'nan cùis-ghàirdeachais." Thig àm anns am bi beatha dhaoine, a rinneadh gearr an deigh an tuil, air a sìneadh a rìs. " Cha bhi as a sin suas naoidhean geaiT-shaoghalach, no seann duine nach do choimhlion a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean an uair a ruigeas e ceud bliadhna dh'aois. . . . Mar làithean craoibhe bithidh làithean mo shluagh-sa; agus meallaidh mo mhuinntir thaghta rè urn' fhada obair an làmhan fèin." Seadh, agus tha àm sìthe coitchionn r'a theachd. " Ni am madadh-alluidh agus an t-uan ionaltradh le 'chèile ; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach's e an duslach a's biadh do'n nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad ann mo shliabh naomhsa uile, deir an Tighearn." Gu deimhin, deimhin, deiream ribh, tha am bonn-teagasg so fior. 'Nuair a ni Dia nithe iongantach ris nach robh sùil, thig e nuas 'nar measg, agus sruthaidh na slèibhtean sios 'na làthair. Amen agus amen.