Air an duilleig seo, gheibhear fiosrachadh a bhios a’ leudachadh nan sgilean fiosrachaidh is nan sgilean rannsachaidh agad. Thoir sùil air na ceanglaichean gu h-ìosal:
Stiùireadh san Leabharlann
Lorg Ghoireasan ann an Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig
Ag Ainmeachadh Thùsan
Mar a dh’ainmicheas tu tùsan ann an Stoidhle Harvard, duilleag stiùiridh le Leabharlann Oilthigh Raibeirt Ghòrdain.
Stiùireadh air Refworks: goireas a ghabhas cleachdadh nad chuid aistidhean is m.s.a.a., a chuidicheas tu a thaobh ainmeachadh thùsan. Faigh a-staigh le MyAthens.
Goireasan Dealanach OGE
Stiùireadh air mar a chleachdas tu Goireasan Dealanach OGE.
Sgilean Fiosrachaidh
SGILEAN RANNSACHAIDH Stiùireadh leis an Oilthigh Fhosgailte air rannsachadh le bhith a’ cleachdadh facal-siridh, Rianasan Boolean, saoragan (wildcards), is m.s.a.a.
SAFARI. Stiùireadh air-loidhne leis an Oilthigh Fhosgailte a chuidicheas leat le leasachadh do sgilean fiosrachaidh.
Sgilean fiosrachaidh don luchd-rannsachaidh for-cheum. Làrach-lìn leis an Oilthigh Fhosgailte, le earrann fheumail air mapaichean-inntinn.
The Internet Detective. Làrach stiùiridh air cleachdadh fiosrachaidh às an lìon.
Deuchainnean
Seann phàipearan deuchainn (SMO)
Ath-sgrùdadh agus measaidhean Aonad leis an Oilthigh Fhosgailte (Open Learn) air sgilean sgrùdaidh is sgilean deuchainn