Tha an Cùrsa Adhartais stèidhichte aig ìre an luchd-ionnsachaidh a tha ag amas air fileantachd a ruigsinn. Tha e na chùrsa aig astar fad dà bhliadhna mar as trice a tha gu ìre mhòr co-ionann ris a’ Chùrsa Chomais aig an t-Sabhal Mhòr. ’S e leasachadh sgilean cànain, an dà chuid labhairt is sgrìobhadh, prìomh amas a’ chùrsa, ach gheibhear cuspairean eile anns an dàrna bliadhna. Faodaidh oileanaich a thighinn do na Sgoiltean Deireadh-Seachdain roghainneil airson cothrom fhaighinn coinneachadh ris na h-oileanaich eile air a’ chùrsa agus Gàidhlig a bhruidhinn.
Tha an cùrsa aig Ìre 1 den phrògram ceuma Gàidhlig is Cuspairean Co-Cheangailte aig OGE, agus an dèidh an cùrsa a dhèanamh gu soirbheachail, gheibh na h-oileanaich Teisteanas Foghlaim Àrd Ìre bho OGE.
Nì an t-oileanach fèin-ionnsachadh mar as àbhaist a’ cleachdadh leabhraichean-obrach is faidhleachan-èisteachd mar ullachadh airson a’ chlas-fòn uair no dà uair gach seachdain. Tha na clasaichean seo riatanach don chùrsa agus iad a’ solar cothrom bruidhinn ri oileanaich eile is an neach-oide. Bidh oileanaich a’ cur seachad 15-20 uair a thìde san t-seachdain air gnothaichean a’ chùrsa. Ach thoir an aire nach eil an sin ach moladh – tha a h-uile duine eadar-dhealaichte.
Na Modailean
Tha ochd modailean anns a’ Chùrsa Adhartais: sia modailean cànain agus dà mhodail cuspaireil. Tha na modailean uile gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. ‘S e ‘Bun-fhiosrachadh mu Ghàidhealtachd na h-Alba’ a’ chiad mhodail cuspaireil. Tha am modail seo na thoiseach-tòiseachaidh air eachdraidh, cruinn-eòlas is eòlas-comainn na Gàidhealtachd is nan Eilean. ’S e ‘Nua-litreachas: Sgilean Sgrùdaidh is Cruthachail’ an dàrna modail cuspaireil. Tha am modail seo stèidhichte air leasachadh sgilean sgrìobhaidh cruthachail agus air eòlas fhaighinn air rosg, bàrdachd is dealbhan-cluiche Gàidhlig. Chithear susbaint nam modailean anns na tuairisgeulan gu h-àrd.
Measaidhean
Gheibhear na measaidhean aig deireadh gach modail cànain agus tro na modailean cuspaireil agus bidh measaidhean sgrìobhte is labhairt anns na modailean cànain, agus ceistean goirid, taisbeanaidhean agus aistean anns na modailean cuspaireil. Faic na tuairisgeulan gu h-àrd airson fios mu na measaidhean.
Riatanais a’ Chùrsa
Mar as trice bidh oileanaich air crìoch a chur air a’ Chùrsa Inntrigidh gu soirbheachail. Air neo, gheibh oileanaich àite air a’ chùrsa ma bhios Teisteanas Àrd-Ìre no teisteanas co-ionann aca agus an dèidh measadh sgrìobhte agus agallamh a dhèanamh airson faighinn a-mach a bheil comas an oileanaich aig an ìre a tha dhìth airson a’ chùrsa.
Feumaidh cothrom coimpiutair is clò-bhualadair, fòn, cluais-fhòn/micro-fòn a chleachdadh agus ceangal eadar-lìon a bhith aig oileanaich. Airson a chuid as fhèarr fhaighinn às a’ Chùrsa Adhartais tha sinn a’ moladh gu bheil an dreach as ùire de na prògraman aca agus gu bheil an coimpiutair fhèin a’ ruigsinn nan ìrean iomchaidh.
Faic riatanais choimpiutair san PDF gu h-ìosal.
Riatanasan Coimpiutaireachd
Bidh an cùrsa, a mhaireas dà bhliadhna, a’ tòiseachadh san Lùnastal a h-uile bliadhna. Tha còig modalan cànain sa chiad bliadhna agus nì oileanaich na dàrna bliadhna am modal cànain mu dheireadh agus dà mhodal cuspaireil. Nithear na modalan ann an òrdugh agus thèid an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Gheibhear clàran-ama gu h-ìosal air a bheil cinn-latha mheasaidhean is saor-làithean. ’S e 27 An Cèitean 2011 ann ceann-là mu dheireadh airson iarrtasan 2011 ach ma ’s ann às dèidh ann ceann-là sin a tha sibh a’ coimhead air seo, cuir fios thugainn co-dhiù.
Clàran-ama 2010 - 2011 Modalan 1 - 5
Clàran-ama 2010 - 2011 Modalan 6 - 8
Clàran-ama 2011 - 2012 Modalan 1 - 5
Clàran-ama 2011 - 2012 Modalan 6 - 8
Uairean nan clasaichean
Gheibhear roghainn uairean nan clasaichean ron t-Seachdain Inntrigidh (gu h-ìosal) agus thèid gach uair clas a dhearbhadh san t-Seachdain Inntrigidh. Bidh caochladh uairean eadar Diluain is Dihaoine ri fhaotainn agus cumaidh oileanaich an aon uair teagaisg airson gach pàirt den chùrsa.
Ullachadh agus Inntrigeadh don Chùrsa
Bidh seachdain inntrigidh is ullachaidh ann seachdain ro thoiseach a’ chùrsa ach an dèan na h-oileanaich cinnteach gu bheil fios aca air a’ chùrsa gu pragtaigeach is gu teicnigeach agus gus am faigh na h-oileanaich an cothrom bruidhinn ris na h-oileanaich eile agus airson an obair-chùrsa a chur air chois.
Saor-làithean
Bidh Sabhal Mòr Ostaig dùinte aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùire. Agus bidh saor-làithean an t-Samhraidh ann do dh’oileanaich aig astar agus seachdain san Dàmhair is aig àm na Càisge. Cha bhi saor-làithean eile air a’ chlàr-ama.
Cinn-latha mu dheireadh airson clàradh
Tha cinn-latha mu dheireadh ann ach am faigh luchd-obrach an t-Sabhail cothrom crìoch a chur air clàradh, àireamhan oileanaich, agus airson uairean teagaisg a rèiteachadh airson nan Seachdain Ullachaidh is Inntrigidh.
Thèid sgoil deireadh-seachdain fad dà latha a chumail, mar as trice aig an t-Sabhal Mhòr, mu choinneimh gach dà mhodail airson oileanaich a tha clàraichte air a’ Chùrsa Adhartais agus a-rèir an ùidh.
Tha iad roghainneil is iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh, agus cothrom coinneachadh ri oileanaich eile is oidean. Bu chòir do dh’oileanaich iarrtas a chur a-steach cho luath ’s a ghabhas.
Clàr-amaDisathairne 9.45m gu 4.30f agus Didòmhnaich 10m gu 2.30f (gabhaidh seo atharrachadh)
CosgaiseanTha àite-fuirich aig a’ Cholaiste, ma tha sin a dhìth, agus biadh an lùib cosgais na sgoil deireadh-seachdain. Chan eil cosgaisean-teagaisg ann idir.
Àite-fuirich
Airson àite-fuirich ionadail cliog an seo no thoir sùil air www.visitscotland.com Airson àite-fuirich aig a’ Cholaiste thoir sùil air a’ foirm gu h-ìosal.
A’ siubhail gu SMO
Bruth an seo airson fios air siubhal gu Sabhal Mòr agus Mapa na Colaiste
An Leabharlann
Mar as trice, bidh Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, cruinneachadh de ghoireasan air cànan, cultar is dualchas na Gàidhlig, fosgailte nuair a bhios sgoiltean deireadh-seachdain a’ ruith.
Faigh àite air Sgoil Deireadh-sheachdain
Airson àite a ghleidheadh aig sgoil deireadh-seachdain, thoir sùil air na leanas:
’S ann aig Sabhal Mòr Ostaig is a tha còir sgoiltean deireadh-seachdain atharrachadh no a chur dheth.
Feumaidh tu àite aig gach sgoil deireadh-seachdain fa leth a ghleidheadh is a phàigheadh.
Thèid iarraidh ort pàigheadh nuair a thèid d’ àite a dhearbhadh.
Feumaidh tu pàigheadh cho luath ’s a thèid d’ àite a dhearbhadh.
Chan eil ach an roghainn airson cuid-oidhche taobh a-muigh na Colaiste ri fhaighinn air-loidhne on a tha a' Cholaiste gann de dh'àiteachan-fuirich. Nach cuir thu post-d do sgioba air-loidhne na Colaiste ro làimh ma tha thu airson do chuid-oidhche fhaighinn aig a' Cholaiste.
A bucadh air-loidhne: Bruth an seo.
A bucadh tron phost: Cleachd am foirm gu h-ìosal.
Foirm
Ma tha ceistean sam bith agad, cuir post-dealain gu luchd-obrach Foghlam Air Astar.
Cosgaisean
Tha 8 modail anns a’ Chùrsa Adhartais, agus ’s e £161 cosgais gach modail ann an 2011-2012. Faodar faidhleachan èisteachd a lùghdachadh a-nuas mar phàirt den chùrsa no ’s urrainnear CDan a cheannach aig £10 gach mhodal. ’S e an t-oileanach a phàigheas na cosgaisean airson fòn a chur don t-Sabhal Mhòr a h-uile seachdain airson a’ chlas-fòn.
Taic mhaoineachaidh
Gheibh cuid a dh’oileanaich an Alba taic airgid tro sgeama part-time fee grant (PFG) aig SAAS (Students Award Agency for Scotland) le luach £500 do dh’oileanaich a tha clàraichte air modalan aig a bheil 40 puing creideis no barrachd sa bhliadhna. Tha barrachd fios aig
www.student-support-saas.gov.uk.
Airson oileanaich nach eil an dùil 40 puingean creideis a’ dhèanamh ann am bliadhna, tha taic ri fhaighinn an lùib sgeama Cunntas Ionnsachaidh Pearsanta (ILA) aig Riaghaltas na h-Alba agus an sgeama £200 aca. Bu chòir do dh’oileanaich fios a chur gu ILA Alba aig 0800 100 1090 no
www.ilascotland.org.uk airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson faighinn a-mach am faighear taic. Dh’fheumadh iarrtas airgid dol gu SAAS no do ILA cho tràth s urrainn.
Ma tha oileanach den bheachd gum bi duilgheadas ag èirigh ri linn pàigheadh cìsean a’ chùrsa bu chòir fios a leigeil do sgioba rianachd na Colaiste. Tha Sabhal Mòr Ostaig daonnan deònach feuchainn ri fuasgladh a lorg.
Mar a chuirear iarrtas thugainn
Nach cuir sibh am
foirm iarrtais seo thugainn ro 27 An Cèitean 2011 airson iarrtas a chur thugainn airson an cùrsa a thòiseachas san Lùnastal 2011
Thèid foirm iarrtais a’ chùrsa an uairsin a thoirt dhuibh.
Ma tha ceist sam bith agad nach cuir thu fios do sgioba rianachd Foghlam aig Astar air 01471 888 449 no cuir am foirm gu h-àrd thugainn.