An Cùrsa Inntrigidh

Tha an Cùrsa Inntrigidh na chùrsa Gàidhlig aig astar airson luchd-ionnsachaidh a th’ aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà. Tha e stèidhichte air leasachadh sgilean labhairt is èisteachd ach nithear leasachadh air sgilean leughaidh is sgrìobhaidh cuideachd.

Gheibhear sgrìobhainnean a’ chùrsa air loidhne, ’s e sin leabhraichean-obrach, faidhleachan èisteachd (no CDan) agus leabhraichean teagaisg. Nithear fèin-ionnsachadh anns a’ mhòr chuid dhen chùrsa làmh ri clasaichean-fòn gach seachdain ach am faigh na h-oileanaich is tidsearan eòlas fhaighinn air a chèile agus cothrom an cuid Gàidhlig a chleachdadh. Gheibhear cothroman cleachdaidh a bharrachd anns na sgoiltean deireadh-seachdain roghainneil a tha mar bu trice air an cumail aig an t-Sabhal Mhòr.

Bu chòir tomhas math den Ghàidhlig a bhith aig an oileanach an dèidh crìoch a chur air a’ chùrsa agus an làn com-pàirteachais a ghabhail ann agus an sin faodar iarrtas a chur a-steach airson na ciad bliadhna de na cùrsaichean oilthigh aig an t-Sabhal Mhòr. Faic an Cùrsa Comais agus an Cùrsa Adhartais airson am barrachd fiosrachaidh.

Choisinn an Cùrsa Inntrigidh Duais Cànain Eòrpach CILT ann an 2004 agus Duais Routledge airson Luchd Ionnsachaidh a tha nan Inbhich mar thoradh air obair ionmholta airson dàrna cànan a theagasg aig astar.

’S e cùrsa fèin-ionnsachadh air astar do luchd-tòiseachadh na Gàidhlig a th’ anns a’ Chùrsa Inntrigidh, le taic bho luchd-teagaisg. Tha trì earrainnean ann. Tha taghadh de chinn-là tòiseachaidh ann gach bliadhna eadar an Lùnastal agus an t-Ògmhios.

Ag ionnsachadh agus clasaichean taic

Gheibhear goireasan a’ chùrsa air-loidhne agus nam measg tha leabhraichean-obrach, faidhleachan-fuaim (no CDan) agus leabhraichean-obrach a tha nam pàirtean de chùrsa a chaidh a dhealbhadh gu faiceallach. Bidh na h-oileanaich a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den ionnsachadh san ùine aca fhèin ro cho-labhairt fòn a thèid a chumail gach seachdain le oileanaich eile a’ chùrsa agus neach-oide. Tha na co-labhairtean fòn nam pàirtean cudromach den chùrsa agus iad air an stiùireadh le oidean a tha eòlach agus barrantaichte. Mairidh gach co-labhairt mu 45 mionaid.

Leugh agus Èist ri Eacarsaich bhon chùrsa an seo

Teisteanais crìochnachaidh

Airson teisteanas fhaighinn, feumaidh oileanaich, airson gach pàirt den chùrsa, a bhith soirbheachail leis na measaidhean aca agus feumaidh iad 60% den cho-labhairtean fòn a fhrithealadh.



Measaidhean

Tha measaidhean mar phàirt chudromach den ionnsachadh agus gheibhear iad aig deireadh gach earrainn den chùrsa. Thoir sùil air leabhar-làimhe a’ chùrsa gu h-àrd airson barrachd fios.

Nuair a tha iad air crìoch shoirbheachail a chur air a’ chùrsa faodaidh oileanaich, an dèidh agallamh-fòn, àite fhaighinn air a’ Chùrsa Chomais no leantainn orra don Chùrsa Adhartais.

Ionnsachadh a bharrachd

Ma tha iarrtas ann air a son, thèid sgoil deireadh-seachdain fad dà latha a chumail airson gach pàirt dhen chùrsa. Tha iad roghainneil agus tha iad a’ toirt cothrom do dh’oileanaich na dh’ionnsaich iad a neartachadh agus a chur an gnìomh. Airson barrachd fios air sgoiltean deireadh-seachdain cliog air an putan Sgoiltean D.S gu h-àrd.

Tha stuthan ionnsachaidh a bharrachd a chaidh a dhealbh airson a’ chùrsa ri fhaotainn. 'S urrainn do dh’oileanaich cuideachd conaltradh a chumail ri oileanaich eile le bhith a' cleachdadh a' bhùird-chòmhraidh.

Oileanaich Chlàraichte
a-mhain

Àrainneachd Ionnsachaidh 
Air-loidhne