Cùrsa air-loidhne le taic a bhios freagarrach dhaibhsan a tha ag iarraidh an sgilean gràmair a leasachadh.
Air a sgrìobhadh le Ruairidh MacIlleathain na neach-naidheachd is craoladair ainmeil, agus air a chruthachadh le taic airgid bho Aonad Nàiseanta an Luchd-naidheachd (NUJ)
Freagarrach do bhuidhnean a tha ag amas air an cuid sgilean cànain a thoirt am feabhas airson na thèid iarraidh orra fo Phlana Nàiseanta na Gàidhlig a riarachadh, no do dhaoine fa leth a tha ag iarraidh an cuid tuigse air gràmar is cleachdadh cànain a leasachadh. Bheir an cùrsa cothrom nas fheàrr obair fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig, far a bheil fèill air deagh sgilean sgrìobhaidh sa chànan.
Gheibh Sibh:
- cothrom ionnsachaidh aig uair a tha freagarrach oirbh fhèin, nur dachaigh fhèin, nur n-àite-obrach, no ann an Ionad Ionnsachaidh faisg oirbh
- taic air-loidhne tro phuist-d aig amannan sònraichte, bho neach-oide aig a bheil eòlas air Gàidhlig a theagasg air astar
- cothrom litreachadh ùr na Gàidhlig a dhaingneachadh
- cothrom riaghailtean gràmair ionnsachadh agus a dhaingneachadh
Tha an cùrsa ann an Gàidhlig gu lèir, le naoi modalan na bhroinn agus iad uile a’ buntainn ri earrann eadar-dhealaichte de ghràmar. Aig gach ìre tha eacarsaichean ann a bheir deuchainn air tuigse an oileanaich air a’ chuspair. Mairidh an cùrsa sia mìosan bhon àm a chlàraicheas sibh.
Aig deireadh a’ chùrsa, bidh cothrom agaibh deuchainn dheireannach a dhèanamh. Ma thèid leibh le seo, (75% no nas àirde), gheibh sibh teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig.
Briathrachas Bunaiteach
Tha seo a’ toirt bun-stèidh dhuibh. Feumaidh sibh smachd a ghabhail air a’ bhriathrachas mus tuig sibh an còrr.
Ainmearan
A bheil dragh oirbh mu na tuisealan tabhartach is ginideach? Bheir am modal seo stiùireadh dhuibh.
Buadhairean
Mar a dh’atharraicheas ainmearan, ’s ann a dh’atharraicheas buadhairean. Seo na riaghailtean.
Riochdairean roimhearach
Earrann bheag air rud nach fhaicear ann am Beurla.
Gnìomhairean
Taic le mar a chruthaichear is mar a chleachdar gnìomhairean.
Puingeachadh is Litreachadh
A bheil fios agaibh dè nì sibh le asgairean is tàthanan? Tha taic làimh ribh!
Àireamhan is Meudachd
Mar a dhèiligear ri àireamhan is meudachd air an duilleig.
Snas is Gnàthasan-cainnt
An tèid agaibh air Gàidhlig a sgrìobhadh, agus dreach Gàidhealach air?
Ceartaich na Mearachdan
Lìomhaibh na sgilean ceartachaidh agaibh.
Dè tha an cùrsa a’ cosg?
Tha an cùrsa a’ cosg £175.
Bidh cothrom air cuid de dhaoine taic airgid fhaighinn bho Learndirect Scotland tron sgeama ILA (Individual Learning Account) aca. Fònaibh gu 0808 100 1090 no theid gu
http://www.learndirectscotland.com/Help/Funding/ILA+Scotland. Mura h-eil sibh airidh air taic bho ILA tha bursaraidhean rim faighinn bho Bhòrd na Gàidhlig"
Feumalachdan
Air a dhealbhachadh dhaibhsan air a bheil comas labhairt no leughaidh sa chànan mu thràth, tha an cùrsa ann an Gàidhlig uile gu lèir.
Feumaidh sibh a bhith fileanta sa Ghàidhlig, eòlach air cleachdadh choimpiutairean agus le ceangal dhan eadar-lìn.
Tuilleadh Fiosrachadh
Cuiribh fòn gu: 01471 888 450
Cuiribh post-d gu:
ssg@smo.uhi.ac.uk
Foghlam Fad Beatha
Sabhal Mòr Ostaig
Sleat
Isle of Skye
IV44 8RQ