Cùrsaichean Air Astar

Ge b'e càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad Ghàidhlig ionnsachadh còmhla rinn. Tha na cùrsaichean air astar aig Sabhal Mòr Ostaig air an dealbh gus làn-chothrom a thoirt do dh'oileanaich fàs fileanta sa chànan agus a dhol air adhart gu cùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig.
 
Mura bheil ach glè bheag de Ghàidhlig agad bhiodh e math dhut tòiseachadh air an sàr chùrsa, An Cùrsa Inntrigidh. Ma tha beagan Gàidhlig agad no ma tha thu air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre roimhe, bu chòir dhut smaoineachadh air Bann-luath a' Chùrsa Inntrigidh no clàradh air a' Chùrsa Adhartais, an ath cheum a dh'ionnsaigh fileantas sa chànan. Bidh an dà chùrsa a' cur cuideam air sgilean èisteachd is labhairt agus a' toirt misneachd dhut Gàidhlig a bhruidhinn bho latha gu latha.

Faodaidh tu a dhol air adhart don dàrna bliadhna de chùrsaichean ceuma na Colaiste às dèidh dhut crìoch a chur air a' Chùrsa Adhartais, le cothrom agad modalan a thogail air bàrdachd Ghàidhlig, beul-aithris agus an sgeulachd ghoirid.

Tha a' Cholaiste cuideachd a' tairgsinn chùrsaichean leasachadh pròifeasanta do thidsearan tron phrògram Streap, agus cothroman do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig na sgilean sgrìobhaidh aca a thoirt air adhart tron chùrsa air-loidhne, Sgilean Sgrìobhaidh.

A dh'aindeoin dè chùrsa air a bheil thu gheibh thu nas urrainn de thaic bho luchd-teagaisg agus luchd-obrach na Colaiste agus cothrom sònraichte càirdeas a thogail le oileanaich is luchd-ionnsachaidh eile air feadh an t-saoghail.

Distance Learning