Seachdain Alasdair Fraser & Natalie Haas 2012

Deit:

21/07/12 - 27/07/12 CHAN EIL ÀITE FUIRICH AIR FHÀGAIL AIG AN T-SABHAIL ACH THA ÀITEACHEAN FHATHAST AIR FHÀGAIL AIR A CHÙRSA

Cosgais:

£210

Oileanaich:

£160

 

Bidh 2012 an 26mh bliadhna sam bi am fìdhlear ainmeil Albannach, Alasdair Friseal, air ais san Eilean Sgitheanach a’ teagasg aig a’ champa fìdhlearachd sònraichte aige.  Se seo an aon champa dhe leithid aige san Roinn Eòrpa is tha e stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan ‘s Cultar na Gàidhlig.  Tha Alasdair air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail airson cluich is teagasg na fidhle.  Am bliadhna, bidh Natalie Haas còmhla ri Alasdair airson bliadhna eile aig a’ Cholaiste agus bidh an ceòladair ainmeil seo à Amerigea a’ ruith cùrsa airson daoine a tha a’ cluich an “cello”.

’S ann mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh a’ chiùil ann an dòigh tlachdmhor agus cuideachail a tha an cùrsa seo, le bhith a’ brosnachadh daoine a bhith cruthachail is misneachail cuideachd.  Bidh cothroman gu leòr airson pùirt ionnsachadh aig na
bùthan-obrach tron latha agus tron t-seachdain seo, cluichidh Alasdair, an luchd-oide agus na h-oileanaich aige aig a’ Cholaiste is  aig seiseanan ionadail ann an Slèite. 

Gabhaidh clàradh airson a’ chùrsa àite feasgar Disathairne, ach tha sinn a’ moladh gum bi sibh ann feasgar Dihaoine oir bidh cuirm-ciùil ann agus cothrom agaibh deisealachadh airson na seachdain a tha romhaibh.

Cuideachd, aig deireadh a’ chùrsa bidh cèilidh ann feasgar Dihaoine agus ‘s fhiach smaointinn air feasgar eile a chur seachad aig a’ Cholaiste, ged a bhios an teagasg deiseil an uair sin.

Tha an cùrsa seo an còmhnaidh làn, mar sin feumaidh sibh an t-àite agaibh a ghleidheadh cho luath ‘s as urrainn dhuibh.

A cuir a–steach Iarrtas

Dèanaibh briog air am putan gu h-ìseal. Air an ath dhuilleig thèid iarraidh oirbh ainm-cleachdaidh agus facal-faire a chruthachadh. Mas e gur e seo a' chiad uair a tha sibh a' cur cùrsa aig SMO an taobh, dèanaibh briog air a' bhogsa 'NEW USER', bheir e seo gu foirm-iarrtais sibh. Dèanaibh cinnteach, mas e ur toil, gun lìon sibh a-steach gach earrann den iarrtas.

Deit

Bruth airson Bucadh


   

Seachdain Alasdair Fraser
Disathairne 21 - Dihaoine 27 an t0Iuchar 2012


Cello le Natalie Haas
Disathairne 21 - Dihaoine 27 an t-Iuchar 2012

 

Dealbhan bho Seachdain Alasdair Fraser 2011