Cùrsa Deireadh Sheachdain - Sgilean Dràma leis an Àrd Ollamh Maggie Kinloch

Deit:

04/02/12 - 05/02/12  

Cosgais:

£60

Oileanaich:

£40

Cùrsa ùr airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith teagasg dràma Ghàidhlig agus a bhith a’ stiùireadh dràma le luchd-cleasachd is òigridh.  Thèid an cùrsa thairis air sgilean is geamaichean dràma, structairean dràma airson pìos obrach a leudachadh agus a’ cur pìos dràma air an àrd-urlar.

Neach Teagaisg : Àrd-Ollamh Maggie Kinloch agus Artair Donald

Artair Donald

Bidh an cùrsa goirid seo fo stiùir Àrd-Ollamh Maggie Kinloch bho “Conservatoire Rìoghail na h-Alba” (RSAMD mar a bha e) agus Artair Donald, Neach-ealain Dràma ùr air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig (agus Conservatoire Rìoghail na h-Alba cuideachd).  Tha Maggie na h-iar-phrionnsabal aig CRA agus tha eòlas farsaing aice air dràma is a bhith a’ teagasg dràma aig gach ìre.

Tha Artair air a bhith na chleasaiche proifeiseanta airson còrr is fichead bliadhna agus b’ àbhaist dha a bhith an sàs ann an leasachadh dràma agus a bhith ag obair na stiùiriche dhan chompanaidh dràma Gàidhlig TOSG.  Bidh e a’ ruith phròiseactan dràma gu math tric airson òìgridh air feadh Alba cuideachd.

Tha sinn an dùil gum bi obair chruaidh, dibhearsain agus fealla-dhà an lùib a’ chùrsa seo!

Bidh clàr-ama a’ chùrsa ri fhaotainn a dh’ aithghearr.

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fòn no post-d gu sgioba nan Cùrsaichean Goirid air:
01471 888 240, goirid@smo.uhi.ac.uk

 

A' cur a–steach Iarrtas

Dèanaibh briog air am putan gu h-ìseal. Air an ath dhuilleig thèid iarraidh oirbh ainm-cleachdaidh agus facal-faire a chruthachadh. Mas e gur e seo a' chiad uair a tha sibh a' cur cùrsa aig SMO an taobh, dèanaibh briog air a' bhogsa 'NEW USER', bheir e seo gu foirm-iarrtais sibh. Dèanaibh cinnteach, mas e ur toil, gun lìon sibh a-steach gach earrann den iarrtas.

Deit

Bruth airson bucadh


   

04 - 05 an Gearran 2012

 

Cùrsa Dràma