Cùrsaichean Goirid

Tha Sabhal Mòr Ostaig an dèidh a bhith a'ruith chùrsaichean goirid ann an Gàidhlig is cultar agus ceòl na Gàidhlig o chionn còig bliadhna deug air fhichead agus tha a' Cholaiste air cliù eadar-naiseanta a choisinn dhi fhèin. Tha i suidhichte ann an Slèite, sgìre bhrèagha ann am fìor cheann a deas an Eilein Sgitheanaich agus tha i a' tarraing oileanaich bho air feadh an t-saoghail gach bliadhna a tha airson seachdain shona, inntinneach a chur seachad le fios gum bi cèilidh ann.

Tha a' Cholaiste a' cur fàilte mhòr air Fergie Dòmhnallach, Cairistiona Primrose agus Alasdair Friseil a bhios a' teagasg a-rithist am-bliadhna cuide ri iomadh neach sònraichte eile. Tha sinn cuideachd gu math toilichte innse gu bheil cùrsaichean ùra air a' chlàr, leithid Ainm-Eòlais, Eadar-theangachadh agus sgrìobhadh cruthachail is dràma leis an àrd-eòlaiche Alasdair a' Bhocsair. Agus cùm sùil a-mach airson cùrsa sònraichte sa cheann a tuath an eilein, ann am Floideagarraidh.

Bidh cùrsaichean fad còig latha a' ruith aig a' Chàisg agus tron t-samhradh, le cothrom fuireach aig a' Cholaiste is seallaidhean àlainn thar Linne Shlèite fhaicinn. Tha cuideachd ionad cùram-cloinne aig a' Cholaiste do phàrantan a tha ag iarraidh tighinn air cùrsa.

Nach tig sibh còmhla rinn...


Burns, Tannahill and Hamish Henderson; The Songwriters

Balach a cluich a Bhocsa