BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

Seo an aon chùrsa ceum tro mheadhan na Gàidhlig far am faigh luchd-ciùil traidiseanta cothrom ceòl, eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh ann an doimhneachd, taobh a-staigh sgeama Gàidhlig agus Cuspairean co-cheangailte.

Gheibh thu teagasg aon gu aon ann an spèisealachadh an oileanaich, a thuilleadh air obair-buidhne, seinn, teòiridh ciùil, cruthachadh is cothromachadh, Eachdraidh Cèol na Gàidhlig agus sgilean eile a bhios a dhìth airson dreuchdan ciùil mar eòlas gnìomhachais, clàradh is riochdachadh.

Gheibh thu teagasg air sgilean traidiseanta taisbeanaidh/cluiche anns na h-ionnstramaidean a leanas ach thèid beachdachadh air cothroman ionnstramaidean eile a dhèanamh cuideachd ma chuireas tu fios anns an iarrtas agad: Bocsa, Fidheall, Feadan, Òrain Ghàidhlig, A’ Phìob Mhòr, Clàr-iuchrach agus Clarsach.

 

Bithear a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir nan comasan agad bidh thu a' leanntainn An Cùrsa Comais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.

Sa chiad bhliadhna, gheibh thu na modailean ciùil annas-làimhe (obair buidhne, teagasg aon-gu-aon agus seinn buidhne) agus teòiridh, cruthachadh is cothromachadh.

Bidh annas-làimhe, òrain Ghàidhlig, agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig san dàrna bliadhna.

Bidh thu a’ dèanamh pròiseact, agus a’ tòiseachadh rianachd ghnìomhachais agus clàradh is riochdachadh air an treasamh bliadhna. Thèid tuilleadh ionnsachadh mu annas-làimhe agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig le cothrom ionnsachadh foghlam ciùil.

Bidh agad ri tràchdas a dhèanamh air a’ cheathramh bliadhna agus tuilleadh air annas-làimhe, clàradh is riochdachadh agus rianachd ghnìomhachais.




Roya