Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh, aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà, a thoirt gu fileantachd. Tha cuideam ga chur air sgilean conaltraidh is cànain, sgrìobhadh agus bruidhinn gu sònraichte, ach gheibh thu blas de chuspairean eile cuideachd tron chùrsa. Bidh cothrom aig oileanaich trì seachdainean a chur seachad air greis gnìomhachais ann an suidheachadh Gàidhlig.
Tha an cùrsa air a dhealbh le sia modalan. Bidh gach oileanach a' dèanamh coig modalan riatanach, nam measg sgilean conaltraidh, cànan foirmeil is dreuchdail agus Saoghal na Gàidhlig. Bidh oileanaich a' taghadh aon modal eile leithid coimpiutaireachd, annas-làimhe, Gàidhlig sna meadhanan agus Gàidhlig sa choimhearsnachd.
Airson faighinn a-steach gu Cert HE An Cùrsa Comais:
• Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le dhà dhiubh aig àrd-ìre
• Dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a’ phrògraim
• Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan
Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Ghàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre aon de na prògraman ceuma.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachadh mu chur a-steach iarrtas don chùrsa
an seo
Stiùiriche a' Chùrsa: Murchadh MacLeòid
Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na chuideachadh, an dà chuid san roinn phoblach agus san roinn phrìobhaideach.
Bidh na sgilean a thogas tu fhad ’s a tha thu còmhla rinn a’ toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh – anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.
Mar oileanach an t-Sabhail bidh cothrom agad greis gnìomhachais a chur seachad sa chiad bhliadhna den chùrsa a bhios a’ cur gu mòr ri na sgilean cànain agus obrach agad.
Bidh sinn a’ feuchainn ri oileanaich a chur air greisean gnìomhachais a bhios freagarrach, ann an coimhearsnachdan far a bheil an cànan cudromach, eadar sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar, agus suidheachaidhean bailteil mar Ghlaschu far a bheil buidhnean leithid am BBC stèidhichte, agus Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba.
GGheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th’ ann do dh’oileanaich Gàidhlig air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.