Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a' tairgsinn cùrsaichean trèanaidh anns na meadhanan Gàidhlig a tha air a bhith air leth soirbheachail thairis air ioma bliadhna. Tha cruth nan cùrsaichean seo agus an trèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig air cothrom a thoirt do dhaoine a dhol an sàs ann an iomadach dreuchd eadar-dhealaichte anns na meadhanan agus tha àireamh mhòr de dhaoine a rinn na cùrsaichean seo a nis a' dèanamh am beò-shlàint anns a' ghnìomhachas.
Chaidh an cùrsa seo a dhealbh airson luchd-trèanaidh ullachadh airson saoghal craolaidh an latha an-diugh. Tha oileanaich air an trèanadh ann an suidheachadh Gàidhlig agus ann an dòighean a' ghnìomhachais, a' toirt dhaibh an cothrom teisteanas aig àrd-ìre a chosnadh agus aig an aon àm eòlas fhaighinn air dreuchdan eadar-dhealaichte anns na meadhanan.
Am-bliadhna tha Sabhal Mòr a' tairgsinn cruth ùr den chùrsa Dioplòma anns na
Meadhanan Gàidhlig (an urra ri ath-dhearbhadh) far am faigh oileanaich bogadh
anns na sgilean bunaiteach a tha deatamach airson a bhith ag obair anns na
meadhanan fhad ‘s a tha iad cuideachd a’ leasachadh nan sgilean cànain aca.
As dèidh naoi mìosan aig a' Cholaiste cuiridh oileanaich seachad bliadhna slàn
a' trèanadh anns a' ghnìomhachas. Ma tha sibh ag iarraidh foirm-iarrtais airson an
Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig cuiribh fios gu:
01471 888336
Iarrtasan airson 2011 ri bhith staigh ron 20mh An t-Òg-mhios
Airson àite fhaighinn air a' chùrsa bidh feum air na leanas:
• Bithear a' sùileachadh teisteanas leithid Ceum Oilthigh, HNC no HND ach tha inntrigeadh air a' chùrsa an urra ris a' Cholaiste
• Feumar comas a thaobh Gàidhlig
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu iarrtas a chur a-steach don chùrsa an seo.
Stiùiriche a' Chùrsa: Catriona NicIain
Tha grunn math oileanaich a rinn an Dioplòma anns na Meadhanan an-diugh ag obair anns an gnìomhachas. Seo na th' aig feadhainn dhiubh ri ràdh mun chùrsa:
Iain MacDiarmid, Neach-aithris, BBC Alba
"Chaidh mi fhìn air greis gnìomhachais gu Radio nan Gaidheal, ag obair air na naidheachdan. Gu fortanach fhuair mi obair as dèidh làimh mar neach naidheachd agus tha mi air a bhith còmhla riutha bhon uairsin. Bidh mi ag aithris beò air an rèidio agus a' rannsachadh agus ag ullachadh sgeulachdan agus aithrisean."
Paul Duke, Neach-deasachaidh
"Gheibh thu tuigse agus teagaisg air measgachadh de dh'obair a th'anns na meadhanan agus ge bi dè slighe a tha thu airson a thaghadh gheibh thu am brosnachadh agus am misneachd airson sin a dhèanamh."
Gheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th’ ann do dh’oileanaich Gàidhlig air làrach-lìn
Chomunn na Gàidhlig.