'S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste ann an Alba far am faodar cùrsaichean ceuma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig air fad. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an OGE, oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean a tha ga chruthachadh an-dràsta, agus 's i a tha a' trèorachadh càich ann an Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.
Chan ann dìreach gum bi cothrom air leth agad piseach a thoirt air do chuid Ghàidhlig air na cùrsaichean, togaidh tu sgilean practaigeach is sòisealta a bhios nam buannachd dhut gu bràth.
Tha na cùrsaichean sa chiad agus san dàrna bliadhna a' toirt làn chothrom do dh'oileanaich a bhith a' fàs fileanta sa Ghàidhlig agus tha dùil, le brosnachadh, gum bi oileanaich a' bruidhinn agus a' cleachdadh na Gàidhlig bho latha gu latha. Faodaidh tu modalan a thogail sna bliadhnaichean às dèidh sin is a dhol air adhart gu ceumanan ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Leasachadh, Gàidhlig agus na Meadhanan, Gàidhlig agus Foghlam agus Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.
Bidh thu a' cur trì seachdainean seachad air Sgeama Greis Gnìomhachais na Colaiste air a' chiad bhliadhna ag obair le buidheann Gàidhlig agus a' togail sgilean is eòlas ann an suidheachadh far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn gach latha. Faodaidh tu seo a chur seachad ann am bun-sgoil Ghàidhlig, ag obair sna meadhanan Gàidhlig no le buidheann leasachaidh no buidheann ealain Ghàidhlig. Air neo is dòcha gum bu mhath leat ùine a chur seachad ag obair ann an coimhearsnachd Ghàidhlig a' cur eòlas air muinntir na sgìre.
Bidh cothrom agad semeastar a chur seachad ann an Alba Nuadh, Canada, no ann an Èirinn sa bhliadhna urram. Mar thoradh air a' phrògram eadar-nàiseanta le Oilthigh Cheap Bhreatainn, Oilthigh Naomh Francis Xavier agus Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, (Ma Nuad), tha cothroman anabarrach ann barrachd ionnsachadh mu dhaoine, dualchas agus eachdraidh nan sgìrean seo.
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu na cùrsaichean fo-cheum uile gu h-ìosal.