Còrdaidh an cùrsa inntinneach seo ri luchd-ceumnachaidh, luchd na Gàidhlig agus
luchd-rannsachaidh aig a bheil ùidh ann am beatha na Gaidhealtachd is nan Eilean. Bheir an cùrsa cothrom dhut tuigse fhaighinn air eachdraidh shòisealta, dòighean-beatha agus cleachdaidhean na Gaidhealtachd is nan Eilean tron chultar dhùthchasach aca. Thèid sgrùdadh a dhèanamh air beachdan ùra a thaobh cleachdadh an fhearainn, ghlèidhteachais agus leasachadh seasmhach.
Tha an cùrsa pàirt-thìde seo ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig le oileanaich a' dèanamh dà mhodal gach seamastar thairis air trì bliadhna.
Chaidh an MSc ann an Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd a dhealbh ann an trì earrannan. Bidh e cuideachd comasach do dh' oileanaich Teisteanas For-cheum agus Dioplòma For-cheum fhaighinn. Airson a bhith airidh air an duais Masters, feumaidh na h-oileanaich crìoch shoirbheachail a chur air an tràchdais for-cheum a sheasas mar 4 modalan.
Tha am modal 'Cultar Dùthchasach: Dòighean Rannsachaidh' riatanach mar ullachadh airson an tràchdas.
Tha na modailean a leanas sa chiad bhliadhna:
- Cultar Dùthchasach is Tìr-mòr na Roinn Eòrpa
- Cultar Dùthchasach; Dòighean rannsachaidh
- Bailtean is Iomairean
Gheibh thu na modailean seo air an dàrna bliadhna:
- Thar nan linn
- Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
- Ceistean Mòra an Latha an-diugh
- Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
- Imrich is Buaidh Beatha
Air an treasamh bliadhna bidh agad ri tràchdas ceuma a dhèanamh.
Tha comas conaltraidh ann an Gàidhlig riatanach agus tha aig tagraichean agallamh a dhèanamh airson an ìre cànain a dhearbhadh. Tha cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig airson oileanaich gus an ruig iad ìre iomchaidh fileantachd m.e. An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais.
Bu chòir ceum le urram a bhith aig tagraichean aig ìre 2:2 no nas àirde ann an cuspair iomchaidh, mar Ghàidhlig 's cuspairean co-cheangailte, Ceiltis no Beul-aithris. Bheirear sùil air cuspairean iomchaidh eile mar eachdraidh, cruinn-eòlas mac an duine, agus na saidheansan sòisealta, cho fada ‘s a tha comasan Gàidhlig cuideachd aig tagraichean .
Bidh fàilte ro thagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh cuideachd.
Bu chòir do thagraichean fios a chur dìreach don Cholaiste agus gheibh thu tuilleadh fiosrachadh mu chur a-steach iarrtas don chùrsa bhon Oifis Inntrighidh air 01471 88404 no post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk
Gheibh thu fiosrachadh mu chìsean an seo.
'S ann fo stiùir am fìor eòlaiche Proifeasair Uisdean Cheape a tha am MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd, leis An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhairt agus Gabhan Parsons cuideachd a' teagasg air a' chùrsa.
Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na chuideachadh, an dà chuid san roinn phoblach agus san roinn phrìobhaideach.
Bidh na sgilean a thogas tu fhad ’s a tha thu còmhla rinn a’ toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh – anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.
Gheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th’ ann do dh’oileanaich Gàidhlig air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig