Cùrsaichean For-cheum

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann a' chiad chùrsa for-cheum ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd, a' toirt cothrom do dh' oileanaich tuigse fhaighinn air beatha agus suidheachadh sòisealta agus eaconomach na Gaidhealtachd agus nan Eilean tro sgrùdadh air cultar dùthchasach agus àrainneachd na sgìre.

Tha Proifeasair Uisdean Cheape na Stiùiriche air a' chùrsa, is e ainmeil mar eòlaiche eachdraidh na Gàidhlig agus mar shàr chluicheadair na pìoba, cuide ri luchd-teagaisg eile Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Gabhan Parsons. 'S e cùrsa pàirt-thìde a th' ann, is na goireasan-ionnsachaidh air-loidhne.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa is mar a chuireas tu iarrtas a-staigh an seo.

Walking in Woods