Slàinte

Ged a tha thu aig colaiste, gheibh thu comhairle agus fiosrachadh mu do shlàinte seach rabhaidhean. ’S ann agadsa is a tha an taghadh a thaobh slàinte, dòigh-beatha is ciamar a bhios tu a’ cumail fallain.

Gheibh thu a-mach mar a bhios deoch-làidir no biadh mì-fhallain a’ dèanamh cron air do shlàinte, is thèid fiosrachadh a thabhann dhut mu dheidhinn drugaichean is an lagh. Tha e an urra riut fhèin dè nì thu ach tha a h-uile cothrom ann comhairle a lorg is na co-dhùnaidhean ceart dhut fhèin a ruighinn.

Mar oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, bhiodh e iomchaidh a bhith a’ clàradh aig Ionad Slàinte Shlèite, dìreach 10 mionaid a’ coiseachd bhon Cholaiste, far am faigh thu taic mheidigeach sam bith a dh’fhaodadh a tha a dhìth.

Tha iomadh cothrom beatha fallain a thòiseachadh no a chumail suas tro eacarsaich oir tha buidhnean mar club karate aig a’ Cholaiste – faodaidh oileanaich buidhnean cur-seachad eile a stèidheachadh – agus tha amar-snàmh agus spòrs sgioba mar badminton, iomain agus ball-coise – air raon Bun-sgoil Shlèite le cead a-mhàin – gan cluich faisg air làimh.

Tha cabhsairean is slighean sàbhailte faisg air Sabhal Mòr Ostaig airson coiseachd agus baidhseagalan.

Ma dh’fhaoidte gum bi na dàimhean pearsanta agad ag atharrachadh fhad ’s a tha thu aig a’ Cholaiste, is tha fiosrachadh dìomhair air slàinte feise is càirdeasan ri fhaotainn cuideachd.

Tha slàinte inntinn gu math cudromach – tha deagh shuidheachadh inntinn a’ ciallachadh gun tèid agad air do làn chomas a thoirt gu buil ann am beatha is obair, is tha comhairle mu dhuilgheadasan slàinte inntinn ri fhaighinn bhon t-Seirbheis Taic Oileanaich.

Cuideachd, tha sinn a’ cur taic ri oileanaich de chreideamh sam bith no nach eil a’ leantainn creideamh idir, oir tha sinn tuigseach air mar a dh’fhaodadh creideamh a bhith na thaic ann am beatha.

Tha do shlàinte an urra riut fhèin ach bheir sinn taic is stiùireadh iomchaidh dhut.

Student Support