Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tàladh oileanach bho air feadh an t-saoghail agus tha na cùrsaichean againn air an ullachadh airson làn chothrom a thoirt do dh'oileanaich fàs fileanta sa chànan agus misneachd a bhith aca ann an leughadh, sgrìobhadh agus bruidhinn a’ chànain.
Ma tha thu dìreach an dèidh tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh is dòcha gum biodh ùidh agad ann an Cùrsa Goirid a' dhèanamh aig a’ Cholaiste air neo an cùrsa air astar, An Cùrsa Inntrigidh.
Mas ann fileanta a tha thu is dòcha gum biodh ùidh agad ann an cùrsa fo-cheum a' dhèanamh no an cùrsa for-cheum MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd.
Is dòcha gu bheil Gàidhlig gu leòr agad ach gu bheil ùine on a bha thu ga bruidhinn is gum bu mhath leat piseach a thoirt air do chuid sgilean cànain. Dh’fhaodadh tu an Cùrsa Adhartais a' dhèanamh air astar no tighinn don Cholaiste airson An Cùrsa Comais a' dhèanamh.
Tha sinn toilichte iarrtas fhaighinn bho dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus faodaidh earbsa a bhith agad gum bi sinn a’ dèiligeadh ris an iarrtas agad ann an dòigh chothromach. Bidh gach iarrtas air an sgrùdadh ann an dòigh cheart agus a rèir poileasaidh Co-ionnanachd Chothrom na Colaiste. Cha bhi a’ Cholaiste a’ dèanamh dì-meas air air sgàth aois, dath an craicinn, an dulachas cinnidh, creideamh no an gnè.
Gheibh thu tuilleadh fios agus comhairle bho Oifis Chlàraidh na Colaiste mu bhith a’ cur a-steach iarrtas don Cholaiste agus tha fiosrachadh feumail eile rin lorg sa phìos seo den làrach-lìn.
Oifis Chlàraidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fon: 01471 888304
Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk