Oileanaich UK is EU

Tha na cùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, bho chùrsaichean fad seachdain gu cùrsaichean ceuma, dèanadach agus freagarrach do dh'oileanaich an latha an-diugh. Chan eil àite na b' fheàrr san t-saoghal airson do chuid Ghàidhlig a thoirt air adhart agus tha a' Cholaiste aithnichte airson teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig.

Fo-cheum


Gheibh thu fiosrachadh air na teisteanasan a tha a dhìth airson àite fhaighinn air gach cùrsa air duilleagan nan cùrsaichean . Tha na cùrsaichean làn-thìde gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig is mar sin feumaidh beagan Gàidhlig a bhith agad mus tòisich thu air cùrsa. Tha siostam soilleir aig a' Cholaiste far am faod oileanaich adhartas a dhèanamh tro na cùrsaichean, bho chùrsaichean goirid gu cùrsaichean air astar gu cùrsaichean fo-cheum is for-cheum, a tha a' toirt cothrom farsaing do dhaoine air foghlam Gàidhlig.

Ma thu a' fàgail na sgoile no a' cur a-steach gu barrachd na aon oilthigh, feumaidh an tagradh agad a dhol tro UCAS. 'S e UCAS am prìomh sheirbhis inntrigidh do gach oilthigh is colaiste ann am Breatainn.

Còdan UCAS
Ainm Institiùd: HIP
Còd Institiùd: H49
Còd na h-Àrainn: K

Tha cinn-ùine fa-leth aig UCAS a rèir cùrsa, na bliadhna a bhios neach a' tòiseachadh agus na dùthcha dham buin iad. Tha a' Cholaiste a' moladh tagraidhean a chur a-steach cho luath 's a ghabhas ach dh'fhaodadh gun gabh a' Cholaiste tagraidhean an dèidh nan ceann-latha seo. Dh'fhaoidte gum faigh oileanaich àite tron t-siostam chothromachaidh, a rèir am bi rùm air a' chùrsa do dhaoine eile. Mar is trice bidh cothromachadh a' ruith bho mheadhan an Iuchair gu meadhan na Sultaine.

Gheibh thu bileagan-tagraidh agus tuilleadh fiosrachaidh bhon Cholaiste agus bho oifigearan dreuchd, sgoiltean, oilthighean agus colaistean air feadh na dùthcha, no bho UCAS fhèin. Dhaibhsan a tha à dùthchannan cèine, gheibh thu bileagan-tagraidh bhon Chomhairle Breatannaich. Gabhaidh iarrtasan a chur a-staigh air-loidhne cuideachd.

Dh'fhaodadh gun iarr a' Cholaiste agallamh leis an tagraiche, aig a' Cholaiste no air a' fòn. 'S ann airson tuigse fhaighinn air dè an ìre aig a bheil an cuid Gàidhlig as motha a tha agallamhan, airson dèanamh cinnteach gu bheil tagraichean a' cur a-staigh airson a' chùrsa cheirt. Bidh aig tagraichean ri agallamh agus deuchainn ciùil a dhèanamh mus faigh iad àite air a' chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Cuiridh UCAS brath chun an tagraiche mu cho-dhùnadh na Colaiste. Gheibh tagraichean barrachd fiosrachaidh air àite-fuirich agus taic-airgid an dèidh aontachadh àite air cùrsa a ghabhail.

Faodaidh tagraichean eile nach eil a' fàgail na sgoile, fios a chur thugainn airson foirm iarrtais fhaighinn no foirm iarrtais air loidhne a lionadh no foirm a thoirt far an làrach aig UHI agus a thilleadh tron phost chun an Oifis Chlàraidh.

Chan fheum tagraichean airson an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig a dhol tro UCAS. Bu chòir don h-uile tagradh a chur dìreach gu Stiùiriche a' Chùrsa air 01471 888 336 no tro phost-d.

Iarrtasan 2011

Siostam Iarrtais - stiùireadh do thagraichean

For-cheum

Bu chòir do thagraichean MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air 01471 888304.

Foghlam air astar

Bu chòir do thagraichean airson cùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Sgioba Foghlam Fad Beatha air 01471 888449.

Cùrsaichean Goirid

Bu chòir do thagraichean airson nan cùrsaichean goirid a dhol tro siostam bhucaidh nan cùrsaichean. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 240 no tro phost-d

Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air 01471 888 304 no tro phost-d. Bhiodh iad ro dheònach do chuideachadh.

A Streap