Oileanaich Eadar Nàiseanta

Tha àrainn oideachaidh air leth aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha na cùrsaichean agus a' Cholaiste gu lèir gan ruith tro mheadhan na Gàidhlig - an aon cholaiste den t-seòrsa seo san t-saoghal. Tha a' Cholaiste na com-pàirtiche ann an OGE, oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean a tha ga cruthachadh an-dràsta, agus tha ceanglaichean làidir againn an seo agus air feadh an t-saoghail. Tha a' Cholaiste a' tairgsinn caochladh chothrom do dh'oileanaich cùrsaichean a dhèanamh làn-thìde no pairt-thìde, an seo fhèin no air astar. Ge b' e càite a bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad Gàidhlig ionnsachadh leinn.

Fo-cheum


Feumaidh tu iarrtas a chur a-steach dhan Cholaiste fhèin.  Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304.

For-cheum

Bu chòir do thagraichean MA Cultar Dùthchasach is an Àrainneachd fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304.

Foghlam air astar

Bu chòir do thagraichean airson cùrsaichean air astar is pàirt-thìde fios a chur dìreach don Cholaiste. Gheibh thu foirm iarrtais bhon Sgioba Foghlam Fad Beatha air +44(0)1471 888449.

Cùrsaichean Goirid

Bu chòir do thagraichean airson nan cùrsaichean goirid a dhol tro siostam bhucaidh nan cùrsaichean. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air +44(0)1471 888 240 no tro phost-d

Ma tha ceistean agad feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888 304 no tro phost-d. Bhiodh iad ro dheònach do chuideachadh.

Ceanglaichean feumail do dh'oileanaich eadar nàiseanta


UHI International Student Pages

Official UK Government website for visa services

UKCISA

British Council

Education UK

UK Borders Agency

The International Student Calculator

Scotland is the Place

A Streap