Leirsinn

Tha Lèirsinn air a bhith a’ dèanamh obair rannsachaidh don Cholaiste fad ceithir bliadhna deug, a’ gabhail os làimh iomadh seòrsa pròiseact rannsachaidh is sgrùdaidh. Tha Lèirsinn an-diugh stèidhichte san togalach Fàs agus tha iad a’ tairgsinn sheirbheisean rannsachaidh gu daoine anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan agus na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba.